Iomradh Tasglainn

SSSA/TA/AT890/001

School of Scottish Studies WHT II (PTWH II)

Tar-sgrìobhadh

AI
16 WEST HIGHLAND TALES.
URSGEUL.
BHA rìgh ann roimhe so, 's bha toil aige bean fhaicinn aig a mhac
ma'n siùbhladh e. Thuirt e r'a mhac gum b' fheàrra dha folbh
airson mnatha, 's thug e dha leith chiad punnd airson a faotainn.
Choisich e air aghaidh fad latha; 's nur a thàinig an oidhche
chaidh e stigh do thigh òsd' airson fantainn ann. Chaidh e sios
do sheombar, 's gealbhan math air a bheulthaobh; 's nur a fhuair
e 'bhiadh chaidh fear an tighe sios a chomhnadal ris. Dh'innis
e do' dh'fhear an tighe an turas air an robh e. Thuirt fear an
URSGEUL.
17
tighe ris nach ruigeadh e leas dol na b' fhaide; gu' robh tigh
beag ma choinneamh an t-seombair chadail aige; gu robh tri
nigheanan gasd' aig fear an tighe; agus na'n seasadh e 'n uinneag
a sheombair anns a' mhadainn, gu' faiceadh e te an déigh te
'tighinn a 'h-éideadh féin. Gu' robh iad air fad cosmhuil r'a'
chéile, 's nach aithneachadh e eadar te seach te; ach an te 'bu
shine, gu' robh ball dòrain urra. Gu robh móran a' dol g'an iarr­
aidh, ach nach robh gin 'gam faotainn; a thaobh gu' feumadh
neach a bhiodh airson h-aon diu innseadh co dhiu a b' i an te d'an
robh taitneachd aige b' òige na' bu shine; 's na'n déanadh e mach
i gun cosdadh i dha ciad punnd. "Cha'n 'eil agams' ach leith
chiad," ursa mac an rìgh. "Bheir mise dhuit leith chiad eile,"
ursa fear an tighe, "ma phàigheas thu mi 'n ceann la is bliadhna;
's mar am pàigh thig iall o mhullach do chinn gu bonn do choise."
Nur a dh'éiridh e 'n la 'r na mhàireach chaidh e gus an uinneig.
Chunnaic e na nigheanan a' tighinn a'n éideadh fein, 's an déigh
a bhidh 'sa mhadainn chaidh e nunn gu tigh an athar. Nur a
chaidh e stigh chaidh a thoirt sios do sheombar, 's chaidh fear an
tighe sìos a chomhnadal ris. Dh'innis e 'n turus air an robh e,
's thuirt e ris, "Tha iad ag ràdh rium gu' bheil tri nigheanan
bréagh agad." "Tha sin féin agam; ach tha eagal orm nach
tusa 'cheannaicheas iad." "Bheir mi feuchainn dhaibh," urs'
esan. Chaidh an tri chuir sìos ma 'choinneamh, 's a ràdh ris,
cò'ca a b' i 'n te d'an gabhadh e taitneachd an te bu shine na 'n
te b' òige. Smaoinich e gu'n gabhadh e té a' bhall dòrain; o'n
a bha fhios aige gur h-i 'bu shine. Ghabh ise an sin toil-inntinn
mhòr gur h-i féin a bha e air a shon. Dh'fheòraich e d'a h-athair
co mhìod a bhitheadh i, 's thuirt a h athair gum biodh i ciad
punnd. Cheannaich e i, 's thug e leis i gu tigh athar, 's phòs
iad. Goirid an déigh dhaibh pòsadh shiubhail athair.
Latha na dha an déigh bàs àn t-sean rìgh, bha 'n rìgh òg a mach
a' sealgaireachd. Chunnaic e long mhòr a' tighinn a stigh thun
a' chladaich. Chaidh e sìos a dh'fheòraich de'n chaibhtinn de
'bha aige air bòrd. Thuirt an caibhtinn gu' robh luchd sìoda.
"Feumaidh tu," urs' esan, "guthann de'n t-sìoda 's fheàrr a th'
agad a thoirt dhòmhsa airson mo mhnatha." "Seadh," urs' an
caibhtinn, "feumaidh gu' bheil bean fhuathasach mhath agadsa,
nur a dh'fheumas i guthann de'n t-sìoda is fheàrr a th' agamsa
air bòrd." "Tha sin agam," urs' an rìgh, "bean nach 'eil mòran
d'a leithidean r'a fhaotainn." "An cuir thu geall," urs' an
caibhtinn, "a' h-uile mathas a th' urra, nach fhaigh mise dol a
18
WEST HIGHLAND TALES.
laidhe leatha nochd?" "Cuiridh mi geall, ni 'sam bith a shannt­
aicheas thu, nach fhaigh." "Dé 'n geall a chuireas tu?" urs' an
caibhtinn. "Cuiridh mi 'n oighreachd an geall," urs' an rìgh.
Urs' an caibhtinn, "Cuiridh mise na bheil de shìoda 'san long an
geall riutsa gu'm faigh." Thàinig an caibhtinn air tír, 's chaidh
an rìgh air bòrd. Chaidh an caibhtinn far an robh cailleach nan
cearc feuch an dèanadh i dòigh 'sam bith air 'fhaotainn a stigh le
bean an rìgh an oidhche sin. Smaointich cailleach nan cearc
tacan, 's thuirt i nach robh dùil aice gu' robh dòigh 'sam bith a
dhéanadh feum. Dh'éirich an caibhtinn an sin, 's bha e 'falbh.
"Stad ort," urs' ise, "smaointich mi air dòigh." Tha 'n
searbhannt aice 's mi féin gu math mòr. Their mi rithe gu'n d'
fhuair mi fios o phiuthar dhomh nach beirinn beò urra. Their
mi ri bean an rìgh gu' feum mi folbh a dh'fhaicinn mo pheathar;
gu 'bheil cisde mhòr agam gu math luachar, a bu mhath leam,
na'n lughasachadh i dhomh, a leigeil d'a seombar-cadail féin gus
an till mi." Chaidh i far an robh 'bhanrighinn; dh'fheòraich i
so dhi, 's fhuair i cead. Chaidh an so an caibhtinn a chur a stigh.
do'n chisde, 's gillean an righ a chruinneachadh, 's a' chisde' chur
do'n t-seombar. Bha bean an rìgh a stigh leatha féin, 's fadal
urra nach robh an righ a' tighinn dachaidh. Ma dheireadh chaidh
i 'laidhe. Nur a bha i 'dol a laidhe chuir i fainne òir a bha air a
meur, agus slabhraidh òir a bha ma 'muineal, air bòrd a bha ma
choinneamh na leapa. Nur a smaointich am fear a bha 's a' chisde
gu' robh ùine aice 'bhi 'na cadal, dh'éirich e, s thug e leis an
t-slabhraidh 's am fainne, 's chaidh e stigh do'n chisde a rithisd.
Am beul an latha thàinig cailleach nan cearc a dh'iarraidh a
cisde. Chaidh na gillean a chruinneachadh 's a' chisde 'thoirt a
nuas. Nur dh'fholbh a' h-uile duine o'n tigh, cho luath sa' bu
leur dha, dh'éirich an caibhtinn, 's dh'fholbh e sìos thun na
luinge. Chrath e 'n t-slabhraidh 's am fainne ris an rìgh. Smaoin­
tich an rìgh an sin gun d' fhuair an caibhtinn a stigh le a bhean,
no nach biodh an t-slabhraidh 's am fainne aige. Thuirt e ris a'
chaibhtinn an cuireadh e nunn e gus an taobh eile de'n loch.
Thuirt an caibhtinn gun cuireadh. Nur a fhuair an caibhtinn
thairis e, thill e féin 's chaidh e 'chòmhnuidh do thigh an rìgh.
Bha bean an rìgh an sin 's gun fhios aice dé a dhèanadh i rithe
féin, o'n nach d'thàinig an rìgh dhachaidh. Dh'fholbh i 'n latha
sin, 's dh'éid i i féin ann an aodach fir, 's chaidh i sìos thun a'
chladaich. Thachair bàta urra, 's thuirt i riu an cuireadh iad ise
a nunn air an taobh eile. Chuir iad a nunn i, 's ghabh i air a
URSGEUL.
19
h-aghaidh gus an d'ràinig i tigh duine uasail. Bhuail i 'san
dorus, 's thàinig an searbhannt' a nuas. Thuirt i rithe an robh
fhios aice an robh gille stàbuill a dhìth air a maighstir. Thuirt
an searbhannta nach robh fhios aice, ach gu 'foighneachdadh i.
Chaidh an searbhanta 's dh'fheòraich i d'a maighstir, an robh
gille stàbuill a dhìth air. Thuirt e gun robh, agus dh'iarr e e
'thighinn a stigh. Dh'fhasdaidh e i, 's dh'fhan i 'g obair ma'n
stàbull. Bha 'n sin treud de bheathaichean fiadhaich a' tighinn
a' h-uile h-oidhche, 's a' dol a stigh do shabhal fàs a bha
aig an duine uasal, 's duine fiadhaich as an déigh, 's aod­
ann còmhdaichte le feusaig. Bha ise ag iarraidh air a maighstir
na'n cuireadh iad duine leatha, gum beireadh iad air. Thuirt a
maighstir nach cuireadh, nach robh gnothach aca ris, 's nach d'
rinn e coire 'sam bith orra. Dh'fholbh ise mach oidhche leatha
féin, 's ghoid i leatha iuchair doruis an t-sabhail. Laidh i 'm
falach ann an toll gus an deachaidh an duine fiadhaich agus na
beathaichean a stigh. Thug i leatha na gillean, 's rug iad air an
duine fhiadhaich. Thug iad a stigh e, 's thug iad dheth an
fheusag. Nur a thàinig an fheusag dheth dh'aithnich ise e, ach
cha do leig i rud sam bith urra, 's cha d' aithnich esan ise. An
la 'r na mhàireach bha e 'dol a dh'fholbh, ach bhruidhinn ise r'a
maighstir airson a ghleidheadh, gu'n robh an obair tuillidh is trom
urra, 's gu 'feumadh i cuideachadh. Dh'òrduich a maighstir dhi
'ghleidheadh. Ghléidh i leath' e, 's bha e fein agus ise a' glanadh
an stàbuill.
Beagan ùine 'na dhéigh so bhruidhinn i r'a maighstir, airson
cead a dhol dhachaidh air sgrìob a dh'fhaicinn a càirdean. Thug
a maighstir cead dhi. Thuirt i gu'm bu mhath leatha a gille, 's
an da each a b' fheàrr a bh' ann 's an stàbull a bhi leatha. Nur
a dh'fholbh iad bha i 'ga cheasnachadh air an rathad; dé thug
dha bhi folbh leis na beathaichean ud, na de bha e ris an toiseach
a latha. Cha'n innseadh e ni sam bith dhi. Ghabh iad air an
aghaidh gus an d'thàinig iad gus an tigh òsda far an d' fhuair
esan an leith chiad punnd. Nur a thug ise a h-aghaidh sìos gus
an tigh, dhiult esan a dhol ann. Thuirt i ris an d' rinn e ni sam
bith ceàrr, nur a bha e diùltainn dol ann. Thuirt e gun d' fhuair
e leith chiad punnd o fhear an tighe. Thuirt i ris an do phaigh
e iad, 's thuirt e nach do phàigh, 's gu'n robh iall ri tighinn o
mhullach a chinn gu bonn a choise, mar am biodh e pàighte an
ceann la is bliadhna. Thuirt i gum bu mhath an airidh; ach gu'
robh ise a' dol a dh'fhantainn 's an tigh òsda 'san oidhche, 's gu'
20
WEST HIGHLAND TALES,
feumadh e dol sìos. Dh'iarr i air na h-eich a chur a stigh 'san
stàbull, 's chaidh eud a stigh do'n tigh òsda. Bha esan
na sheasamh ann an dorus an stàbuill, 's a cheann crom.
Thàinig fear an tighe mach 's chunnaic e e. "Mo ghille mòr
tha thu an so agam," ursa fear an tighe. "Am bheil thu 'dol
am 'phàigheadh an diugh?" "Cha'n 'eil," urs' esan. Chaidh
e 'sin a stigh, 's bha iad a' dol a thòiseachd air an iall a ghearradh.
Chual ise an fhuaim, 's dh'fheòraich i gu dé 'bha iad a' dol a
dhèanadh air a gille. Thuirt iad gun robh iad a' dol a ghearradh
iall deth o mhullach gu bonn. "Ma bha sin r'a dhèanadh,"
urs' ise, "cha robh e ri deur fola a chall." "Cuir an nuas an
so lìon aodach, a's seasadh e air, 's ma thig deur fola as thig iall
eile dhìotsa." Cha robh an so ach a leigeil ma sgaoil. Cha b'
urrainn iad stugh a dhèanadh dheth. Mochthradh an la'r na
mhàireach thug i leatha nunn e gu tigh a h-athar. Ma bha e 'n
aghaidh dol a'n tigh òsda an oidhche roimhid, bha e seachd
uairean na bu mhotha 'n aghaidh dol do thigh a h-athar. "An
do rinn thu cron an so cuideachd nur a tha thu 'n aghaidh dol
ann?" "Fhuair mi bean an so o cheann a leithid do dh'ùine."
"De 'thàinig urra?" "Cha'n 'eil fhios 'am," "Cha'n iongantach
dé dh'éireas duit! cha'n 'eil agad ach gabhail ris na thig a'd'
rathad!" Nur a chunnaic a h-athair e thuirt e, "Tha thu 'so
agam; càit a' bheil do bhean?" "Cha'n 'eil fhiosam càit' a'
bheil i." "Dé a rinn thu rithe?" urs' a h-athair. Cha b' urrainn
e innseadh dé a rinn a rithe. Cha robh 'nis ach a chrochadh ri
craoibh. Bha latha mòr ri 'bhi timchioll a chrochaidh, 's bha
mòran de dhaoine uaisle ri tighinn a 'fhaicinn. Dh'fheòraich
ise d'a h-athair dé 'bha iad a dol a dhèanadh r'a gille. Thuirt a
h-athair gu'n robh iad a' dol da chrochadh. "Carson," urs' ise,
"a tha e r'a chrochadh." "Cheannaich 'e bean uamsa, 's cha'n
'eil fhios aige dé 'thainig rithe. Dh'fholbh i 'mach a dh'fhaicinn
nan uaislean a' tighinn a stigh do'n bhaile. Dh'fheòraich i de
'n fhear a bu chiataich' each de 'b' fhiach dha." "Coig fichead,"
urs' esan. "Ged a bhiodh e coig ciad 's leamsa e," urs' ise.
Thuirt i r'a gille urchair a chur 'san each. Dh'fheòraich i d'a
h-athair an do phàigh e 'bhean. Thuirt e gun do phàigh. "Ma
phàigh," urs' ise, "cha'n 'eil gnothach agadsa ris; dh'fhaodadh
e 'roighinn a dhèanadh rithe. Cheannaich mise an t-each a bu
chiataiche a thàinig a stigh do'n bhaile an diugh. Thug mi air
mo ghille urchair a chur ann, 's co aig a' bheil a chridhe a ràdh
21
gur olc. Cha u robh 'so ach a leigeil ma sgaoil. Cha b' urrainn
iad stugh a dhèanadh air o'n a cheannaich e i.
Chaidh i an sin a stigh do thigh a h-athar, 's thuirt i ri h-aon
d'a peathraichean guthann a thoirt dhi. "De 'tha thusa 'dol a
dhéanadh do ghuthann?" urs' ise. "Nach coma leatsa. Ma
ni mi milleadh air pàighidh mi e." Nur a chuir i urra an guthann
dh'aithnich a h-athair 's a peathraichean i. Dh'innis a h-athair
's a peathraichean dha gur h-i 'bha leis, 's cha robh e gan creid­
sinn. Chuir i dhi an t-aodach mnatha, 's chuir i urra an t-aodach
fir a rithisd. Dh'fholbh i féin is esan, 's ghabh iad air an aghaidh
gus an robh iad dlùth air a shean tigh féin. "Nis," urs' ise,
"feumaidh sin fuireachd an so an nochd. Suidhidh tusa air
bràigh na staighreach, agus cuirridh tu sìos gach comhnadal a
bhios agams' agus aig fear an tighe. Nur a chaidh iad a stigh 's
a shuidh iad, thòisich i fein agus fear an tighe air comhradh.
"Shaoil mi," urs' i ris a' chaibhtinn, "gum b' e rìgh a bha
'chòmhnuidh an so. Démur 'fhuair thusa e?" "'S e sin a bha
roimhid an so; ach tha mi smaointeachadh, o'n a tha thusa a'd'
choigreach, gum faod mi innseadh dhuit démur a fhuair mi e."
"Faodaidh," urs' ise, "cha dèan mise sgeul ort; cha bhoin an
gnothach dhomh." Dh'innis e dhi 'h-uile car mar a chuir
cailleach nan cearc a stigh 'sa chisd' e, 's a' chuid eile de'n chùis;
's gun d' fholbh an rìgh an la 'r na mhàireach.
Mochthrath an la 'r na mhàireach bha fear an tighe 'dol gu
cùirt. Thuirt e rithese, mar an robh deifir urra a dh'fholbh,
gum faodadh i dol leisean a dh'éisdeachd na cùirt. Thuirt i
gum biodh i toileach, 's gum bu mhath leatha a gille 'bhi leatha.
Chaidh ise anns a' charbad leis a chaibhtinn, 's mharcaich a gille
'na déigh. Nur a bha 'chùirt seachad, thuirt i gun robh facal
na dha aicese r'a ràdh, n'am b' e 'n toil leigeil leatha bruidhinn.
Thuirt iad rithe leigeil a chluinntinu daibh gu dé 'bha aice r'a
ràdh. Thuirt i r'a gille. "Eiridh suas 's thoir dhaibh am
paipeir sin a sgriobh thu 'rair." Nur a leubh iad am paipeir,
thuirt i dé 'bu chòir a dhèanadh air an fhear sin. "A chrochadh
na'm biodh e 'n so," urs' iadsan. "Sin agaibh e," urs' ise, 's
deanaibh bhur roighinn ris." Fhuair i féin 'san rìgh tilleadh air
an ais d'an tigh féin, 's bha iad mar a bha iad roimhid.
Tar-sgrìobhte le aithneachadh làmh-sgrìobhainn fèin-ghluasach mar phàirt dhen phròiseact Fuasgladh Dualchas Ceilte.