Ursgeul (The Chest)
Scotland
- Archival Reference
- SSSA/TA/AT890/001
- Date
- 1859
- Item category
- Book
- Aarne-Thompson index
- AT0890: A Pound of Flesh
- Languages
- Scottish Gaelic
- English
- Town
- Kilmeny
- Parish
- Killarow And Kilmeny
- Collector
- Hector MacLean
- Narrator
- Catherine Milloy
- Narrator source
- MacColl, Robert
Archival Reference
SSSA/TA/AT890/001
School of Scottish Studies WHT II (PTWH II)
Transcript
AI16 WEST HIGHLAND TALES.URSGEUL.BHA rìgh ann roimhe so, 's bha toil aige bean fhaicinn aig a mhacma'n siùbhladh e. Thuirt e r'a mhac gum b' fheàrra dha folbhairson mnatha, 's thug e dha leith chiad punnd airson a faotainn.Choisich e air aghaidh fad latha; 's nur a thàinig an oidhchechaidh e stigh do thigh òsd' airson fantainn ann. Chaidh e siosdo sheombar, 's gealbhan math air a bheulthaobh; 's nur a fhuaire 'bhiadh chaidh fear an tighe sios a chomhnadal ris. Dh'innise do' dh'fhear an tighe an turas air an robh e. Thuirt fear anURSGEUL.17tighe ris nach ruigeadh e leas dol na b' fhaide; gu' robh tighbeag ma choinneamh an t-seombair chadail aige; gu robh trinigheanan gasd' aig fear an tighe; agus na'n seasadh e 'n uinneaga sheombair anns a' mhadainn, gu' faiceadh e te an déigh te'tighinn a 'h-éideadh féin. Gu' robh iad air fad cosmhuil r'a'chéile, 's nach aithneachadh e eadar te seach te; ach an te 'bushine, gu' robh ball dòrain urra. Gu robh móran a' dol g'an iarraidh, ach nach robh gin 'gam faotainn; a thaobh gu' feumadhneach a bhiodh airson h-aon diu innseadh co dhiu a b' i an te d'anrobh taitneachd aige b' òige na' bu shine; 's na'n déanadh e machi gun cosdadh i dha ciad punnd. "Cha'n 'eil agams' ach leithchiad," ursa mac an rìgh. "Bheir mise dhuit leith chiad eile,"ursa fear an tighe, "ma phàigheas thu mi 'n ceann la is bliadhna;'s mar am pàigh thig iall o mhullach do chinn gu bonn do choise."Nur a dh'éiridh e 'n la 'r na mhàireach chaidh e gus an uinneig.Chunnaic e na nigheanan a' tighinn a'n éideadh fein, 's an déigha bhidh 'sa mhadainn chaidh e nunn gu tigh an athar. Nur achaidh e stigh chaidh a thoirt sios do sheombar, 's chaidh fear antighe sìos a chomhnadal ris. Dh'innis e 'n turus air an robh e,'s thuirt e ris, "Tha iad ag ràdh rium gu' bheil tri nigheananbréagh agad." "Tha sin féin agam; ach tha eagal orm nachtusa 'cheannaicheas iad." "Bheir mi feuchainn dhaibh," urs'esan. Chaidh an tri chuir sìos ma 'choinneamh, 's a ràdh ris,cò'ca a b' i 'n te d'an gabhadh e taitneachd an te bu shine na 'nte b' òige. Smaoinich e gu'n gabhadh e té a' bhall dòrain; o'na bha fhios aige gur h-i 'bu shine. Ghabh ise an sin toil-inntinnmhòr gur h-i féin a bha e air a shon. Dh'fheòraich e d'a h-athairco mhìod a bhitheadh i, 's thuirt a h athair gum biodh i ciadpunnd. Cheannaich e i, 's thug e leis i gu tigh athar, 's phòsiad. Goirid an déigh dhaibh pòsadh shiubhail athair.Latha na dha an déigh bàs àn t-sean rìgh, bha 'n rìgh òg a macha' sealgaireachd. Chunnaic e long mhòr a' tighinn a stigh thuna' chladaich. Chaidh e sìos a dh'fheòraich de'n chaibhtinn de'bha aige air bòrd. Thuirt an caibhtinn gu' robh luchd sìoda."Feumaidh tu," urs' esan, "guthann de'n t-sìoda 's fheàrr a th'agad a thoirt dhòmhsa airson mo mhnatha." "Seadh," urs' ancaibhtinn, "feumaidh gu' bheil bean fhuathasach mhath agadsa,nur a dh'fheumas i guthann de'n t-sìoda is fheàrr a th' agamsaair bòrd." "Tha sin agam," urs' an rìgh, "bean nach 'eil mòrand'a leithidean r'a fhaotainn." "An cuir thu geall," urs' ancaibhtinn, "a' h-uile mathas a th' urra, nach fhaigh mise dol a18WEST HIGHLAND TALES.laidhe leatha nochd?" "Cuiridh mi geall, ni 'sam bith a shanntaicheas thu, nach fhaigh." "Dé 'n geall a chuireas tu?" urs' ancaibhtinn. "Cuiridh mi 'n oighreachd an geall," urs' an rìgh.Urs' an caibhtinn, "Cuiridh mise na bheil de shìoda 'san long angeall riutsa gu'm faigh." Thàinig an caibhtinn air tír, 's chaidhan rìgh air bòrd. Chaidh an caibhtinn far an robh cailleach nancearc feuch an dèanadh i dòigh 'sam bith air 'fhaotainn a stigh lebean an rìgh an oidhche sin. Smaointich cailleach nan cearctacan, 's thuirt i nach robh dùil aice gu' robh dòigh 'sam bith adhéanadh feum. Dh'éirich an caibhtinn an sin, 's bha e 'falbh."Stad ort," urs' ise, "smaointich mi air dòigh." Tha 'nsearbhannt aice 's mi féin gu math mòr. Their mi rithe gu'n d'fhuair mi fios o phiuthar dhomh nach beirinn beò urra. Theirmi ri bean an rìgh gu' feum mi folbh a dh'fhaicinn mo pheathar;gu 'bheil cisde mhòr agam gu math luachar, a bu mhath leam,na'n lughasachadh i dhomh, a leigeil d'a seombar-cadail féin gusan till mi." Chaidh i far an robh 'bhanrighinn; dh'fheòraich iso dhi, 's fhuair i cead. Chaidh an so an caibhtinn a chur a stigh.do'n chisde, 's gillean an righ a chruinneachadh, 's a' chisde' churdo'n t-seombar. Bha bean an rìgh a stigh leatha féin, 's fadalurra nach robh an righ a' tighinn dachaidh. Ma dheireadh chaidhi 'laidhe. Nur a bha i 'dol a laidhe chuir i fainne òir a bha air ameur, agus slabhraidh òir a bha ma 'muineal, air bòrd a bha machoinneamh na leapa. Nur a smaointich am fear a bha 's a' chisdegu' robh ùine aice 'bhi 'na cadal, dh'éirich e, s thug e leis ant-slabhraidh 's am fainne, 's chaidh e stigh do'n chisde a rithisd.Am beul an latha thàinig cailleach nan cearc a dh'iarraidh acisde. Chaidh na gillean a chruinneachadh 's a' chisde 'thoirt anuas. Nur dh'fholbh a' h-uile duine o'n tigh, cho luath sa' buleur dha, dh'éirich an caibhtinn, 's dh'fholbh e sìos thun naluinge. Chrath e 'n t-slabhraidh 's am fainne ris an rìgh. Smaointich an rìgh an sin gun d' fhuair an caibhtinn a stigh le a bhean,no nach biodh an t-slabhraidh 's am fainne aige. Thuirt e ris a'chaibhtinn an cuireadh e nunn e gus an taobh eile de'n loch.Thuirt an caibhtinn gun cuireadh. Nur a fhuair an caibhtinnthairis e, thill e féin 's chaidh e 'chòmhnuidh do thigh an rìgh.Bha bean an rìgh an sin 's gun fhios aice dé a dhèanadh i ritheféin, o'n nach d'thàinig an rìgh dhachaidh. Dh'fholbh i 'n lathasin, 's dh'éid i i féin ann an aodach fir, 's chaidh i sìos thun a'chladaich. Thachair bàta urra, 's thuirt i riu an cuireadh iad isea nunn air an taobh eile. Chuir iad a nunn i, 's ghabh i air aURSGEUL.19h-aghaidh gus an d'ràinig i tigh duine uasail. Bhuail i 'sandorus, 's thàinig an searbhannt' a nuas. Thuirt i rithe an robhfhios aice an robh gille stàbuill a dhìth air a maighstir. Thuirtan searbhannta nach robh fhios aice, ach gu 'foighneachdadh i.Chaidh an searbhanta 's dh'fheòraich i d'a maighstir, an robhgille stàbuill a dhìth air. Thuirt e gun robh, agus dh'iarr e e'thighinn a stigh. Dh'fhasdaidh e i, 's dh'fhan i 'g obair ma'nstàbull. Bha 'n sin treud de bheathaichean fiadhaich a' tighinna' h-uile h-oidhche, 's a' dol a stigh do shabhal fàs a bhaaig an duine uasal, 's duine fiadhaich as an déigh, 's aodann còmhdaichte le feusaig. Bha ise ag iarraidh air a maighstirna'n cuireadh iad duine leatha, gum beireadh iad air. Thuirt amaighstir nach cuireadh, nach robh gnothach aca ris, 's nach d'rinn e coire 'sam bith orra. Dh'fholbh ise mach oidhche leathaféin, 's ghoid i leatha iuchair doruis an t-sabhail. Laidh i 'mfalach ann an toll gus an deachaidh an duine fiadhaich agus nabeathaichean a stigh. Thug i leatha na gillean, 's rug iad air anduine fhiadhaich. Thug iad a stigh e, 's thug iad dheth anfheusag. Nur a thàinig an fheusag dheth dh'aithnich ise e, achcha do leig i rud sam bith urra, 's cha d' aithnich esan ise. Anla 'r na mhàireach bha e 'dol a dh'fholbh, ach bhruidhinn ise r'amaighstir airson a ghleidheadh, gu'n robh an obair tuillidh is tromurra, 's gu 'feumadh i cuideachadh. Dh'òrduich a maighstir dhi'ghleidheadh. Ghléidh i leath' e, 's bha e fein agus ise a' glanadhan stàbuill.Beagan ùine 'na dhéigh so bhruidhinn i r'a maighstir, airsoncead a dhol dhachaidh air sgrìob a dh'fhaicinn a càirdean. Thuga maighstir cead dhi. Thuirt i gu'm bu mhath leatha a gille, 'san da each a b' fheàrr a bh' ann 's an stàbull a bhi leatha. Nura dh'fholbh iad bha i 'ga cheasnachadh air an rathad; dé thugdha bhi folbh leis na beathaichean ud, na de bha e ris an toiseacha latha. Cha'n innseadh e ni sam bith dhi. Ghabh iad air anaghaidh gus an d'thàinig iad gus an tigh òsda far an d' fhuairesan an leith chiad punnd. Nur a thug ise a h-aghaidh sìos gusan tigh, dhiult esan a dhol ann. Thuirt i ris an d' rinn e ni sambith ceàrr, nur a bha e diùltainn dol ann. Thuirt e gun d' fhuaire leith chiad punnd o fhear an tighe. Thuirt i ris an do phaighe iad, 's thuirt e nach do phàigh, 's gu'n robh iall ri tighinn omhullach a chinn gu bonn a choise, mar am biodh e pàighte anceann la is bliadhna. Thuirt i gum bu mhath an airidh; ach gu'robh ise a' dol a dh'fhantainn 's an tigh òsda 'san oidhche, 's gu'20WEST HIGHLAND TALES,feumadh e dol sìos. Dh'iarr i air na h-eich a chur a stigh 'sanstàbull, 's chaidh eud a stigh do'n tigh òsda. Bha esanna sheasamh ann an dorus an stàbuill, 's a cheann crom.Thàinig fear an tighe mach 's chunnaic e e. "Mo ghille mòrtha thu an so agam," ursa fear an tighe. "Am bheil thu 'dolam 'phàigheadh an diugh?" "Cha'n 'eil," urs' esan. Chaidhe 'sin a stigh, 's bha iad a' dol a thòiseachd air an iall a ghearradh.Chual ise an fhuaim, 's dh'fheòraich i gu dé 'bha iad a' dol adhèanadh air a gille. Thuirt iad gun robh iad a' dol a ghearradhiall deth o mhullach gu bonn. "Ma bha sin r'a dhèanadh,"urs' ise, "cha robh e ri deur fola a chall." "Cuir an nuas anso lìon aodach, a's seasadh e air, 's ma thig deur fola as thig ialleile dhìotsa." Cha robh an so ach a leigeil ma sgaoil. Cha b'urrainn iad stugh a dhèanadh dheth. Mochthradh an la'r namhàireach thug i leatha nunn e gu tigh a h-athar. Ma bha e 'naghaidh dol a'n tigh òsda an oidhche roimhid, bha e seachduairean na bu mhotha 'n aghaidh dol do thigh a h-athar. "Ando rinn thu cron an so cuideachd nur a tha thu 'n aghaidh dolann?" "Fhuair mi bean an so o cheann a leithid do dh'ùine.""De 'thàinig urra?" "Cha'n 'eil fhios 'am," "Cha'n iongantachdé dh'éireas duit! cha'n 'eil agad ach gabhail ris na thig a'd'rathad!" Nur a chunnaic a h-athair e thuirt e, "Tha thu 'soagam; càit a' bheil do bhean?" "Cha'n 'eil fhiosam càit' a'bheil i." "Dé a rinn thu rithe?" urs' a h-athair. Cha b' urrainne innseadh dé a rinn a rithe. Cha robh 'nis ach a chrochadh ricraoibh. Bha latha mòr ri 'bhi timchioll a chrochaidh, 's bhamòran de dhaoine uaisle ri tighinn a 'fhaicinn. Dh'fheòraichise d'a h-athair dé 'bha iad a dol a dhèanadh r'a gille. Thuirt ah-athair gu'n robh iad a' dol da chrochadh. "Carson," urs' ise,"a tha e r'a chrochadh." "Cheannaich 'e bean uamsa, 's cha'n'eil fhios aige dé 'thainig rithe. Dh'fholbh i 'mach a dh'fhaicinnnan uaislean a' tighinn a stigh do'n bhaile. Dh'fheòraich i de'n fhear a bu chiataich' each de 'b' fhiach dha." "Coig fichead,"urs' esan. "Ged a bhiodh e coig ciad 's leamsa e," urs' ise.Thuirt i r'a gille urchair a chur 'san each. Dh'fheòraich i d'ah-athair an do phàigh e 'bhean. Thuirt e gun do phàigh. "Maphàigh," urs' ise, "cha'n 'eil gnothach agadsa ris; dh'fhaodadhe 'roighinn a dhèanadh rithe. Cheannaich mise an t-each a buchiataiche a thàinig a stigh do'n bhaile an diugh. Thug mi airmo ghille urchair a chur ann, 's co aig a' bheil a chridhe a ràdh21gur olc. Cha u robh 'so ach a leigeil ma sgaoil. Cha b' urrainniad stugh a dhèanadh air o'n a cheannaich e i.Chaidh i an sin a stigh do thigh a h-athar, 's thuirt i ri h-aond'a peathraichean guthann a thoirt dhi. "De 'tha thusa 'dol adhéanadh do ghuthann?" urs' ise. "Nach coma leatsa. Mani mi milleadh air pàighidh mi e." Nur a chuir i urra an guthanndh'aithnich a h-athair 's a peathraichean i. Dh'innis a h-athair's a peathraichean dha gur h-i 'bha leis, 's cha robh e gan creidsinn. Chuir i dhi an t-aodach mnatha, 's chuir i urra an t-aodachfir a rithisd. Dh'fholbh i féin is esan, 's ghabh iad air an aghaidhgus an robh iad dlùth air a shean tigh féin. "Nis," urs' ise,"feumaidh sin fuireachd an so an nochd. Suidhidh tusa airbràigh na staighreach, agus cuirridh tu sìos gach comhnadal abhios agams' agus aig fear an tighe. Nur a chaidh iad a stigh 'sa shuidh iad, thòisich i fein agus fear an tighe air comhradh."Shaoil mi," urs' i ris a' chaibhtinn, "gum b' e rìgh a bha'chòmhnuidh an so. Démur 'fhuair thusa e?" "'S e sin a bharoimhid an so; ach tha mi smaointeachadh, o'n a tha thusa a'd'choigreach, gum faod mi innseadh dhuit démur a fhuair mi e.""Faodaidh," urs' ise, "cha dèan mise sgeul ort; cha bhoin angnothach dhomh." Dh'innis e dhi 'h-uile car mar a chuircailleach nan cearc a stigh 'sa chisd' e, 's a' chuid eile de'n chùis;'s gun d' fholbh an rìgh an la 'r na mhàireach.Mochthrath an la 'r na mhàireach bha fear an tighe 'dol gucùirt. Thuirt e rithese, mar an robh deifir urra a dh'fholbh,gum faodadh i dol leisean a dh'éisdeachd na cùirt. Thuirt igum biodh i toileach, 's gum bu mhath leatha a gille 'bhi leatha.Chaidh ise anns a' charbad leis a chaibhtinn, 's mharcaich a gille'na déigh. Nur a bha 'chùirt seachad, thuirt i gun robh facalna dha aicese r'a ràdh, n'am b' e 'n toil leigeil leatha bruidhinn.Thuirt iad rithe leigeil a chluinntinu daibh gu dé 'bha aice r'aràdh. Thuirt i r'a gille. "Eiridh suas 's thoir dhaibh ampaipeir sin a sgriobh thu 'rair." Nur a leubh iad am paipeir,thuirt i dé 'bu chòir a dhèanadh air an fhear sin. "A chrochadhna'm biodh e 'n so," urs' iadsan. "Sin agaibh e," urs' ise, 'sdeanaibh bhur roighinn ris." Fhuair i féin 'san rìgh tilleadh airan ais d'an tigh féin, 's bha iad mar a bha iad roimhid.