Iomradh Tasglainn

SSSA/TA/AT006/001

School of Scottish Studies WHT III (PTWH III)

Tar-sgrìobhadh

AI
LXIII.
MAR a thug an Coileach an car as a mhadadh ruadh ; 's cha d'
thug beathach riamh an car as ach an coileach a bha 'n siud.
Thainig am Madadh ruadh thun taighe, 's rug e air coileach.
Dh'fhalbh e leis a choileach 's dh'fhalbh muinntir a' bhaile as a
dheigh.
"Nach iad a tha gorrach, ars' an coileach, "a falbh as do
dheigh, 's nach urrainn iad breith ort co-dhiu." Bha 'n coileach,
nuair a dh' fhosgladh e' bheul, gus leum as. Nuair a chunnaic e
gu'n robh an coileach cho deonach air falbh comhla ris fhein bha
e cho toilichte.
"O," a cheolaire! nach abair thu, "'Se mo choileach fhein a
th' ann', 's tillidh iad," ars' an Coileach.
Thuirt am Madadh ruadh.
"'Se mo choileach fhein a th' ann."
'S nuair a dh'fhosgail am Madadh Ruadh a bheul leum an Coi­
leach air falbh.
Tar-sgrìobhte le aithneachadh làmh-sgrìobhainn fèin-ghluasach mar phàirt dhen phròiseact Fuasgladh Dualchas Ceilte.