Craobh-Oir and Craobh-Airgid
Alba
- Iomradh Tasglainn
- SSSA/TA/AT709/005
- Deit
- 1888
- Seòrsa an rud
- Iris
- Clàr Aarne-Thompson
- AT0709: Snow‑White
- Cànain
- Gàidhlig
- Beurla
- Baile
- Eige
- Siorrachd
- Na h‑Eileanan Tarsainn
- Neach-aithris
- Kenneth MacLeod
- Tùs an neachd-aithris
- Gun fhios
Iomradh Tasglainn
SSSA/TA/AT709/005
School of Scottish Studies CMAG XIII
Tar-sgrìobhadh
AI212The Celtic Magazine.CRAOBH-OIR AGUS CRAOBH-AIRGID.*BHA ann roimhe so rig aigh an robh bean d' am b' ainmCraobh-airgid, agus nighean d' am b' ainm Craobh-oir. Lathade na laithean, chaidh Craobh-oir agus Craobh-airgid do ghleann,far an robh tobar anns an robh breac. Arsa Craobh-airgid,"A bhricein, a bhalaich bhig, bhoidheich, nach mise an aonbhan-righ is briagha anns an t-saoghal?""O! gu dearbh, cha tu.""Co eile?""Tha Craobh-oir, do nighean."Chaidh Craobh-airgid dachaidh agus an cuthach ga dalladh.Laigh i air an leaba, agus cha bhiodh i slan gu brath gus amfaigheadh i cridhe agus gruan Chraoibh-oir, a h-inghean, ri'nitheadh.Aig beul na h-oidhche thainig an righ dhachaidh, agus dh'innseadh dha gun robh Craobh-airgid, a bhean, gle thinn.Chaidh e far an robh i, agus dh'fhaighnich e d'e bha cearr oirre."O! chan 'eil ach rud a dh'fhaodas tusa a leigheas ma thograstu.""Gu dearbh, chan 'eil rud sam bith a b' urrainn domhsadheanamh riut nach deanainn.""Ma gheobh mi cridhe agus gruan Chraoibh-oir, mo nighean,ri'n itheadh, bidh mi slan."Dh'fhalbh an righ agus chuir e a chuid ghillean d'an bheinn-sheilg a dh'iarraidh boc-goibhre, agus thug e a chridhe agus aghruan d'a mhnaoi ri'n itheadh; agus dh'eirich i gu slan fallain.D'e thachair mu'n am so ach gun d'thainig mac righ mhoir athairis, a dh'iarraidh Chraoibh-oir ri posadh. Dheonaich an righris a so, agus dh'fhalbh iad thairis.214The Celtic Magazine.Bliadhna an deigh so chaidh Craobh-airgid d'an ghleann, faran robh an tobar anns an robh am breac."A bhricein, a bhalaich bhig, bhoidheich," ars' ise, "nach misean aon bhan-righ is briagha anns an t-saoghal?""O, gu dearbh, cha tu.""Co eile?""Tha Craobh-oir, do nighean.""O, ma ta, is fhada sin bho nach 'eil ise beo. Tha bliadhnaann bho'n dh'ith mi a cridhe agus a gruan.""O! gu dearbh, is ise nach 'eil sin marbh. Tha i posda aigprionnsa mor thairis."Chaidh Craobh-airgid dhachaidh, agus dh'fheumadh an righan long-fhada a chur air doigh, gun robh ise a' dol a choimheada h-eudail, Craobh-oir, agus gur fhada bho nach fhac i i. Chaidhan long-fhada a chur air doigh, agus dh'fhalbh iad.Is i Craobh-airgid fhein a bha air an stiuir, agus stiuir i anlong cho math agus nach robh iad fada sam bith gun thairis aruigheachd.Bha am prionnsa mach anns a' bheinn-sheilg. Dh'fhaithnichCraobh-oir long-fhada a h-athair a' tighinn. "O," ars ise ris naseirbhisich, "tha mo mhathair a' tighinn, agus marbhaidh i mise.""Cha mharbh idir; glaisidh sinne stigh ann an seomar thufar nach fhaigh i na d' choir."Is ann mar so a bha; agus an uair a thainig Craobh-airgidair tir, agus a thoisich i air eigheachd – "Thig an coinne domhathar fhein, agus i air tighinn ga d' choimhead," thuirt Craobh-oir nach b' urrain di, gun robh i air a glasadh anns an t-seomar,agus nach fhaigheadh i as."Nach cuir thu," arsa Craobh-airgid, "do mhiar bheag amach air toll na h-iuchrach, agus gun toireadh do mhathair fheinpog dhi?"Chuir ise mach a miar, agus dh'fhalbh Craobh-airgid agusstob i bior nimhe innte, agus thuit Craobh-oir marbh.An uair a thainig am prionnsa dhachaidh agus a fhuair eCraobh-oir marbh, ehaidh e gu mor mhulad uamhasach, agusleis cho briagh agus a bha i cha do thiodhlaic e idir i, ach ghlaise stigh ann an seomar i, far nach faigheadh gin sam bith nacoir.216The Celtic Magazine.An ceann uine phos e a rìs, agus bha an tigh uile fo laimh namna so ach aon seomar, agus bha e fhein a' gleidheil iuchair ant-seomair sin. Latha de na laithean dhi-chuimhnich e an iuchaira bheir leis, agus fhuair an darna bean a stigh do'n t-seomar.Dé chunnaic i an sin ach an t-aon bhoirionnach bu bhriagha achunnaic i riamh.Thoisich i air a tionndan agus a feuchainn, agus thugadar anaire do'n bhior nimhe na miar. Thug i am bior aisde, agus dh'eirich Craobh-oir beo, cho briagh agus a bha i riamh.Am beul na h-oidhche thainig am prionnsa dhachaidh as a'bheinn sheilg, a' coimhead gu math tuirseach."Dé an geall," ars' a bhean, "a chuireadh tu rium nachtoirinn gaire ort?""O, gu dearbh, cha tugadh ni sam bith gaire ormsa achCraobh-oir a thighinn beo.""O, ma ta, tha i beo agad shios an sin anns an t-seomar."An uair a chunnaic am prionnsa Craobh-oir beo, rinn e toileachas mor agus thoisich e air a pogadh, 's a pogadh, 's a pogadh.Ars an darna bean, "Bho'n is ise a' chiad te a bha agad, is fearrdhuit leantail rithe, agus falbhaidh mise.""O, gu dearbh, chan fhalbh, ach bidh an dithis agaibh agam."An ceann na bhadhna chaidh Craobh-airgid d'an ghleann,far an robh an tobar, anns an robh am breac. "A bhricein, abhalaich bhig bhoidheich," ars' ise "nach mise an t-aon bhan-righis briagha anns an t-saoghal?""O, gu dearbh, cha tu.""Co eile?""Tha Craobh-oir, do nighean.""O, mata, chan 'eil ise beo. Tha bliadhna ann bho'n a chuirmi am bior nimhe na miar.""O, gu dearbh, is ise nach 'eil sin marbh; is i nach 'eil."Chaidh Craobh-airgid dhachaidh, agus dh'fheumaidh an righan long-fhada a chur air doigh, gun robh ise a' dol a' choimheada h-eudail, Craobh-oir, agus gur fhada bho nach fhac i i. Chaidhan long-fhada a chur air doigh, agus dh'fhalbh iad.Is i Craobh-airgid fhein a bha air an stiuir, agus stiuir ian long cho math agus nach robh iad fad sam bith gunruigheachd.218The Celtic Magazine.Bha am prionnsa a mach anns a' bheinn-sheilg. Dh' fhaithnich Craobh-oir long a h-athair a tighinn."O," ars ise, "tha mo mhathair a' tighinn agus marbhaidh imise.""Cha mharbh idir," ars' an darna bean; "Is ann a theid sinnsios na coinne."Thanig Craobh-airgid air tir. "Thig sios, a Chraoibh-oir, aghaoil," ars' ise, "agus do mhathair fhein air tighinn ga d' ionnsaidh le deoch phriseil.""Tha e na chleachdamh anns an duthaich so," ars' an darnabean, "gun toir an neach a bheir seachad deoch balgam e fheinas an toiseach."Chuir Craobh-airgid a beul ris, agus dh'fhalbh an darna beanagus thug i dorn da sios a craos, agus thuit i marbh. Cha robhaca ach a giulan na closaich mhairbh dachaidh, agus a tiodhlacadh.Bha am prionnsa agus a dha mhnaoi beo fada an deigh so, gutoilichte agus gu rianail.Dh'fhag mise an sin iad.