Archival Reference

SSSA/TA/AT709/005

School of Scottish Studies CMAG XIII

Transcript

AI
212
The Celtic Magazine.
CRAOBH-OIR AGUS CRAOBH-AIRGID.*
BHA ann roimhe so rig aigh an robh bean d' am b' ainm
Craobh-airgid, agus nighean d' am b' ainm Craobh-oir. Latha
de na laithean, chaidh Craobh-oir agus Craobh-airgid do ghleann,
far an robh tobar anns an robh breac. Arsa Craobh-airgid,
"A bhricein, a bhalaich bhig, bhoidheich, nach mise an aon
bhan-righ is briagha anns an t-saoghal?"
"O! gu dearbh, cha tu."
"Co eile?"
"Tha Craobh-oir, do nighean."
Chaidh Craobh-airgid dachaidh agus an cuthach ga dalladh.
Laigh i air an leaba, agus cha bhiodh i slan gu brath gus am
faigheadh i cridhe agus gruan Chraoibh-oir, a h-inghean, ri'n
itheadh.
Aig beul na h-oidhche thainig an righ dhachaidh, agus dh'
innseadh dha gun robh Craobh-airgid, a bhean, gle thinn.
Chaidh e far an robh i, agus dh'fhaighnich e d'e bha cearr oirre.
"O! chan 'eil ach rud a dh'fhaodas tusa a leigheas ma thogras
tu."
"Gu dearbh, chan 'eil rud sam bith a b' urrainn domhsa
dheanamh riut nach deanainn."
"Ma gheobh mi cridhe agus gruan Chraoibh-oir, mo nighean,
ri'n itheadh, bidh mi slan."
Dh'fhalbh an righ agus chuir e a chuid ghillean d'an bheinn-
sheilg a dh'iarraidh boc-goibhre, agus thug e a chridhe agus a
ghruan d'a mhnaoi ri'n itheadh; agus dh'eirich i gu slan fallain.
D'e thachair mu'n am so ach gun d'thainig mac righ mhoir a
thairis, a dh'iarraidh Chraoibh-oir ri posadh. Dheonaich an righ
ris a so, agus dh'fhalbh iad thairis.
214
The Celtic Magazine.
Bliadhna an deigh so chaidh Craobh-airgid d'an ghleann, far
an robh an tobar anns an robh am breac.
"A bhricein, a bhalaich bhig, bhoidheich," ars' ise, "nach mise
an aon bhan-righ is briagha anns an t-saoghal?"
"O, gu dearbh, cha tu."
"Co eile?"
"Tha Craobh-oir, do nighean."
"O, ma ta, is fhada sin bho nach 'eil ise beo. Tha bliadhna
ann bho'n dh'ith mi a cridhe agus a gruan."
"O! gu dearbh, is ise nach 'eil sin marbh. Tha i posda aig
prionnsa mor thairis."
Chaidh Craobh-airgid dhachaidh, agus dh'fheumadh an righ
an long-fhada a chur air doigh, gun robh ise a' dol a choimhead
a h-eudail, Craobh-oir, agus gur fhada bho nach fhac i i. Chaidh
an long-fhada a chur air doigh, agus dh'fhalbh iad.
Is i Craobh-airgid fhein a bha air an stiuir, agus stiuir i an
long cho math agus nach robh iad fada sam bith gun thairis a
ruigheachd.
Bha am prionnsa mach anns a' bheinn-sheilg. Dh'fhaithnich
Craobh-oir long-fhada a h-athair a' tighinn. "O," ars ise ris na
seirbhisich, "tha mo mhathair a' tighinn, agus marbhaidh i mise."
"Cha mharbh idir; glaisidh sinne stigh ann an seomar thu
far nach fhaigh i na d' choir."
Is ann mar so a bha; agus an uair a thainig Craobh-airgid
air tir, agus a thoisich i air eigheachd – "Thig an coinne do
mhathar fhein, agus i air tighinn ga d' choimhead," thuirt Craobh-
oir nach b' urrain di, gun robh i air a glasadh anns an t-seomar,
agus nach fhaigheadh i as.
"Nach cuir thu," arsa Craobh-airgid, "do mhiar bheag a
mach air toll na h-iuchrach, agus gun toireadh do mhathair fhein
pog dhi?"
Chuir ise mach a miar, agus dh'fhalbh Craobh-airgid agus
stob i bior nimhe innte, agus thuit Craobh-oir marbh.
An uair a thainig am prionnsa dhachaidh agus a fhuair e
Craobh-oir marbh, ehaidh e gu mor mhulad uamhasach, agus
leis cho briagh agus a bha i cha do thiodhlaic e idir i, ach ghlais
e stigh ann an seomar i, far nach faigheadh gin sam bith na
coir.
216
The Celtic Magazine.
An ceann uine phos e a rìs, agus bha an tigh uile fo laimh na
mna so ach aon seomar, agus bha e fhein a' gleidheil iuchair an
t-seomair sin. Latha de na laithean dhi-chuimhnich e an iuchair
a bheir leis, agus fhuair an darna bean a stigh do'n t-seomar.
Dé chunnaic i an sin ach an t-aon bhoirionnach bu bhriagha a
chunnaic i riamh.
Thoisich i air a tionndan agus a feuchainn, agus thugadar an
aire do'n bhior nimhe na miar. Thug i am bior aisde, agus dh'
eirich Craobh-oir beo, cho briagh agus a bha i riamh.
Am beul na h-oidhche thainig am prionnsa dhachaidh as a'
bheinn sheilg, a' coimhead gu math tuirseach.
"Dé an geall," ars' a bhean, "a chuireadh tu rium nach
toirinn gaire ort?"
"O, gu dearbh, cha tugadh ni sam bith gaire ormsa ach
Craobh-oir a thighinn beo."
"O, ma ta, tha i beo agad shios an sin anns an t-seomar."
An uair a chunnaic am prionnsa Craobh-oir beo, rinn e toil­
eachas mor agus thoisich e air a pogadh, 's a pogadh, 's a pogadh.
Ars an darna bean, "Bho'n is ise a' chiad te a bha agad, is fearr
dhuit leantail rithe, agus falbhaidh mise."
"O, gu dearbh, chan fhalbh, ach bidh an dithis agaibh agam."
An ceann na bhadhna chaidh Craobh-airgid d'an ghleann,
far an robh an tobar, anns an robh am breac. "A bhricein, a
bhalaich bhig bhoidheich," ars' ise "nach mise an t-aon bhan-righ
is briagha anns an t-saoghal?"
"O, gu dearbh, cha tu."
"Co eile?"
"Tha Craobh-oir, do nighean."
"O, mata, chan 'eil ise beo. Tha bliadhna ann bho'n a chuir
mi am bior nimhe na miar."
"O, gu dearbh, is ise nach 'eil sin marbh; is i nach 'eil."
Chaidh Craobh-airgid dhachaidh, agus dh'fheumaidh an righ
an long-fhada a chur air doigh, gun robh ise a' dol a' choimhead
a h-eudail, Craobh-oir, agus gur fhada bho nach fhac i i. Chaidh
an long-fhada a chur air doigh, agus dh'fhalbh iad.
Is i Craobh-airgid fhein a bha air an stiuir, agus stiuir i
an long cho math agus nach robh iad fad sam bith gun
ruigheachd.
218
The Celtic Magazine.
Bha am prionnsa a mach anns a' bheinn-sheilg. Dh' fhaith­
nich Craobh-oir long a h-athair a tighinn.
"O," ars ise, "tha mo mhathair a' tighinn agus marbhaidh i
mise."
"Cha mharbh idir," ars' an darna bean; "Is ann a theid sinn
sios na coinne."
Thanig Craobh-airgid air tir. "Thig sios, a Chraoibh-oir, a
ghaoil," ars' ise, "agus do mhathair fhein air tighinn ga d' ionn­
saidh le deoch phriseil."
"Tha e na chleachdamh anns an duthaich so," ars' an darna
bean, "gun toir an neach a bheir seachad deoch balgam e fhein
as an toiseach."
Chuir Craobh-airgid a beul ris, agus dh'fhalbh an darna bean
agus thug i dorn da sios a craos, agus thuit i marbh. Cha robh
aca ach a giulan na closaich mhairbh dachaidh, agus a tiodhlacadh.
Bha am prionnsa agus a dha mhnaoi beo fada an deigh so, gu
toilichte agus gu rianail.
Dh'fhag mise an sin iad.
Transcribed using automated handwriting recognition technology as part of the Decoding Hidden Heritages project.