Am Madadh Ruadh's am Bonnach Beag
Alba
- Iomradh Tasglainn
- SSSA/TA/AT068/001
- Deit
- 1860
- Seòrsa an rud
- Leabhar
- Clàr Aarne-Thompson
- AT0068: The Jackal Trapped in the Animal Hide
- Cànan
- Gàidhlig
- Siorrachd
- Am Barra Calltainn
- Neach-cruinneachaidh
- John Francis Campbell
- Neach-aithris
- Hector Boyd
- Tùs an neachd-aithris
- Gun fhios
Iomradh Tasglainn
SSSA/TA/AT068/001
School of Scottish Studies WHT III (PTWH III)
Tar-sgrìobhadh
AILXVI.AM MADADH RUADH 'S AM BONNACH BEAG.BHA 'm madadh ruadh uair a dol thar loch, ’s choinnich bonnachbeag e, ’s dh’ fhoighnichd am madadh ruadh dheth cait an robhe a' dol. Dh'innis am bonnach beag gu'n robh e 'dol a leithidseo de dh'àite."'S co as thainig thu?" ars' am madadh ruadh."Thainig mi a Giogan 's thainig mi a Cuaigean, 's thanaig mia leac nam bonnach, ’s thainig mi a suil na brathan, 's thig miuaitse ma bh' fhaodas mi." Ars' am bonnach beag."Mata bheir mi fhein a null air mo mhuin thu," ars' ammadadh ruadh."Ithidh tu mi, ithidh tu mi," ars' am bonnach beag."Thalla air barr m' urbaill mata," ars' am madadh ruadh."O cha d'theid, ithidh tu mi," ars' am bonnach beag."Thalla nam chluais," ars' am madadh ruadh."Cha d'theid: ithidh tu mi," ars' am bonnach beag."Thalla nam' bheul," ars' am madadh ruadh."Ithidh tu mi n' uair sin co-dhiu," ars' am bonnach beag."Od cha’n ith," ars' am madadh ruadh; "nuair a bhios mi asnamh cha n’ urrainn mi rud sam bith itheadh." Dh'fhalbh e'na bheul."O ho!" ars' am madadh ruadh, "faodaidh mi mo thoil fheina dheanadh riut a nis. 'S fhada o'n a chualas e. 'S math greimcruaidh am beul a ghoile."Dh'ith am madadh ruadh am bonnach. Rainig e, 'n seo, taighduine uasail, 's chaidh e gu loch, 's rug e air tunnag a bh' ann, s'dh'ith e.Chaidh e suas air taobh cnoic, ’s thoisich e air a bhlianadh fheinair a chnoc."A righ! 's gasda a sgailceadh am peilear air mo bhroinn anceart' uir," ars' esan.Co a bha 'ga eisdeachd ach sealgair."Bidh e air fheuchainn riut an ceart' air," ars' an sealgair."An droch comhdhail air an àit a th' ann, ars' am madadhruadh, "nach eil a chridhe aig neach facal a radh am beadradhnach bi air a ghabhail an d'ar righribh."Chuir an sealgair peilear 's a' ghunna, 's loisg e air, 's mharbh e e.