Archival Reference

SSSA/TA/AT068/001

School of Scottish Studies WHT III (PTWH III)

Transcript

AI
LXVI.
AM MADADH RUADH 'S AM BONNACH BEAG.
BHA 'm madadh ruadh uair a dol thar loch, ’s choinnich bonnach
beag e, ’s dh’ fhoighnichd am madadh ruadh dheth cait an robh
e a' dol. Dh'innis am bonnach beag gu'n robh e 'dol a leithid
seo de dh'àite.
"'S co as thainig thu?" ars' am madadh ruadh.
"Thainig mi a Giogan 's thainig mi a Cuaigean, 's thanaig mi
a leac nam bonnach, ’s thainig mi a suil na brathan, 's thig mi
uaitse ma bh' fhaodas mi." Ars' am bonnach beag.
"Mata bheir mi fhein a null air mo mhuin thu," ars' am
madadh ruadh.
"Ithidh tu mi, ithidh tu mi," ars' am bonnach beag.
"Thalla air barr m' urbaill mata," ars' am madadh ruadh.
"O cha d'theid, ithidh tu mi," ars' am bonnach beag.
"Thalla nam chluais," ars' am madadh ruadh.
"Cha d'theid: ithidh tu mi," ars' am bonnach beag.
"Thalla nam' bheul," ars' am madadh ruadh.
"Ithidh tu mi n' uair sin co-dhiu," ars' am bonnach beag.
"Od cha’n ith," ars' am madadh ruadh; "nuair a bhios mi a
snamh cha n’ urrainn mi rud sam bith itheadh." Dh'fhalbh e
'na bheul.
"O ho!" ars' am madadh ruadh, "faodaidh mi mo thoil fhein
a dheanadh riut a nis. 'S fhada o'n a chualas e. 'S math greim
cruaidh am beul a ghoile."
Dh'ith am madadh ruadh am bonnach. Rainig e, 'n seo, taigh
duine uasail, 's chaidh e gu loch, 's rug e air tunnag a bh' ann, s'
dh'ith e.
Chaidh e suas air taobh cnoic, ’s thoisich e air a bhlianadh fhein
air a chnoc.
"A righ! 's gasda a sgailceadh am peilear air mo bhroinn an
ceart' uir," ars' esan.
Co a bha 'ga eisdeachd ach sealgair.
"Bidh e air fheuchainn riut an ceart' air," ars' an sealgair.
"An droch comhdhail air an àit a th' ann, ars' am madadh
ruadh, "nach eil a chridhe aig neach facal a radh am beadradh
nach bi air a ghabhail an d'ar righribh."
Chuir an sealgair peilear 's a' ghunna, 's loisg e air, 's mharbh e e.
Transcribed using automated handwriting recognition technology as part of the Decoding Hidden Heritages project.