Iomradh Tasglainn

SSSA/TA/FL123/001

School of Scottish Studies SA1956.13.A5

Tobar an Dualchais/Kist O Riches

Tar-sgrìobhadh

AI
Informant: Rev. Norman MacDonald
SA 1956/13.A5
Collector: C.I. Maclean
Saor Shanndaig agus a' Mhaighdeann Mhara
Bha saor ann a Sanndaig uair-eigineach - àite tha caran mu leitheach
slighe eadar Gleann Eilg agus baile Arnasdail - duine bha anabarrach
math air deanamh eathraichean. Latha bha ann a seo, co-dhiùbh, bha e
air eathar a chriochnachadh agus air dha a fagail ann a sin gu h-àrd os
cionn bråigh a' chladaich, chaidh e dhachaigh. Làrna-mhàireach, an
déidh dha éirigh agus a bhiadh a ghabhail, thug e ceum sios a dh'ionnsaigh
a' chladaich far a robh an eathar agus 'nuair a rànaig e 'n t-eathar, bu
mhór ionghnadh 'nuair a chunnaig e gu robh bord air a thoirt aiste agus
dh'aithnich e glé mhath gur e cuid-eigineach snasail a thug am bôrd as
an eathar, thoradh cha robh càil 'sam bith dhen an fhiodh a bha ceithir
thimchioll air a' bhord air a mhilleadh ann an doigh 'sam bith 's bha 'm
bord air a ghearradh aiste cho glan agus ged a b'e sgian a dheanadh e
agus chuir sin gnè de dh'annas air. Ach gun an corr smaoin a thoirt,
chaidh e suas gun an taighe agus fhuair e bord ur agus tàirrnean agus
ord agus theàrnaich e sios agus cha robh e fada a' cur ... a' tàirrneadh
bord ur an àite an fhir a chaidh a thoirt air falbh.
Co-dhiùbh, cha robh air sin ach sin fhéin. Chaidh e dhachaigh agus
cha tug e suil tuilleadh a' latha sin na 'n oidhche sin ... air an eathar
gu'n ath mhadainn. An deaghaidh dhå éirigh 's a bhiadh a ghabhail thug
e ceum a rithist sios a choimhead air an eathar agus, rud a b'ionghantaiche
buileach, nach ann a fhuair e am bord seo mar an cianda air a thoirt
as an eathar - am bord a chuir e ann a' latha roimhe sin 's a rinn e
thàirrneadh cho math agus a rinn e air a' chorr. Bha e air a thoirt air
falbh agus, mar a thachair dhan a' cheud fhear, cha robh làrach 'sam
bith ceithir thimchioll. Bha 'm bord air a thoirt aiste cho cothrom is
cho glan 's cha snasail 's ged a b'e saor fhéin a dheanadh e 's docha
nach b'e chuile saor a dheanadh obair cho math.
Agus, co-dhiùbh, chaidh e dhachaigh agus fhuair e 'n ath bhord
agus dorlach thàirrnean agus ord agus thill e air ais a dh'ionnsaigh
na h-eathar agus chuir e 'm bord seo ann an àite an fhir a chaidh a
thoirt air falbh. Agus 6, bha e cur ionghnadh mór air fad a' latha bha
ann a sin gu dé air an talamh a dh'adhbhraich an obair a bha ann a seo.
Bha e smaoineachadh docha gur e toirmeasg air choir-eigineach de
bhalach a bha a' toirt a char as no direach a' tarrainn as. Cha b'urrainn
da thuigsinn idir no dheanamh a-mach gu dé a b'adhbhar dha gu rboh
am bord air a thoirt as àite, mar a bha e air a dhèanamh cho snasail
's cho ordail. Co-dhiùbh, cha robh air a sin ach sin fhéin.
Chaidh e dhachaigh an oidhche sin 's cha do ... deach e rathad na
h-eathar gu 'n ath mhadainn an déidh a bhidhe, mar a chleachd.
Theàrnaich e rithist sios agus fhuair e, 'nuair a rànaig e 'n eathar,
gu robh am bord sin air a thoirt as àite rithist. Cha b'urrainn da idir
idir a dhéanamh a mach gu dé ... a bha ris a' chall 's ris a' mhilleadh
a bha ann a seo. Ach cha robh ni ann a b'urrainn da dhèanamh ach
direach tilleadh air ais air a shåil agus bord fhaighinn agus a thåirrneadh
ann an àite an fhir a dh'fhalbh. Ach 'nuair a rinn e seo 's a chuir e crioch
air cho math 's a ghabhadh dèanamh, chuir e roimhe, co-dhiùbh, gun
caithriseadh e 'n eathar an oidhche sin. Agus seo mar a bha. Dh'fhàg e
'n dachaigh anns a' chomhar-thrâth. Bha e ann an am an t-samhraidh
'nuair a bha latha direach aig fhad agus faodaidh sinn a ràdha nach robh
oidhche dhorch ann. Cha robh e dorchnachadh co-dhiùbh. Agus bha e ann
a sin. Ach thug e leis Bioball 'na laimh airson a bhith aige. Agus bha e
smaoineachadh gum biodh e na bu chinntiche dheth fhéin am Bioball a
bhith aige mar a h-e rud talamhaidh a bha a deanamh a' challa agus na
h-aimlisg ... mur a h-e rud talamhaidh a bh'ann ... 's gune rud a bh'ann
a bhoineadh dhan an t-saoghal eile gum biodh e móran na b'fhearr air
uidheamachadh leis a' Bhioball a bhith aige 'na laimh, ri faire. Chaidh
e null air cùl cnoic a bha glé dhlûth dhan an eathar agus bha e ann a sin
a' faire agus e fâireachas far bàrr a' chnoic air an eathar fad an t-siubhail.
Chaidh greiseag seachad ach mu dheireadh thall bha aire air a tharrainn
a dh'ionnsaigh a' chuain mar gun cluinneadh e rud-eigineach a' gluasad
gu h-iseal plaom ... as a' mhuir agus sheall e 's chunnaig e ann a sin a
mhaighdeann a b’àille air 'n do laigh a shuilean a' tighinn a-mach as an
fhairge, maighdeann-mhara. Chum i roimhpe ceum air cheum gun stad
gus an d'rànaig i an t-eathar 's 'nuair a rànaig theann i air toirt a' bhuird
a bha ann a seo as àite.
Ach dh'ealaidh esan a-null cho socair agus a b'urrainn da agus thànaig
e oirre bho cùlaibh agus rinn e greim teann oirre mu teis-meadhoin 's 'nuair
a rinn, lig i leum a b'uamhasaich aiste agus ghabh i eagal agus ghuidh i
air e 'ga ligeil as agus e thoirt dhi a saorsa. Agus as ise: "Ma bheir thu
dhomhsa mo shaorsa, 's gu lig thu as mi, bheir mi dhut, "as ise, "buaidh.
Agus 'se bhuaidh a bheir mi dhut seo, nach teid duine gu bràch a chall
aig fairge ann an eathar anns an cuir thu tarag, 's bidh bhuaidh a tha ann
a sin,"as ise, "a' leantainn a chuile h-eathar a ni thu anns an cuir thu
tarag. Ach,"as ise, "man dealaich sinn, tha mi dol a thoirt na comhairle
seo ort. Bho seo a-mach,"as ise, "a chuile h-uair a chriochnaicheas tu
d'obair, a chuireas tu crioch air eathar, beannaichidh tu obair do laimheadh.
Agus 'nuair a chuala an duine ... chuile càil a bha ann a sin, mun a'
bhuaidh agus mun a' chomhairle, lig e as i. 'S cho luath 's a fhuair ise
as a làmhan rinn i air a mhuir, agus le aon phlaom a thoirt bha i a fianais
agus chan fhac e tuilleadh i, 's ni motha a chuir i dragh air eathar a rinn
e no air ni a bhoineadh dha. Agus bha soirbheachadh leis ga rireabh anns
a chuile h-eathar is bâta bha e dèanamh 's a bha dol gu fairge. Bha buaidh
ionghantach leotha agus 's ioma h-oidhche fhiadhaich stoirmeil a bha na
h-eathraichean aige ann a sin fo ainneart fairge ach cha deach a h-aon
diubh fhathast a chall anns 'n do chuir e tarag, ni motha chaidh duine
a bh'air bord aon diubh a bhàthadh.
Agus a nise bha 'n duine a sior fhaotainn ordanan airson eathraichean,
na chumadh a' dol e agus barrachd na b'urrainn da dhèanamh 's 'nuair a
chualas mu dheaghainn na buaidh a bha 'ga leantainn agus mu sgeulachd na
maighdeann-mharadh, na h-ordanan nach b'urrainn da a ghabhail - na
h-eathraichean nach b'urrainn da fhéin a dhèanamh - bha saoir eile cur
fios air as gach àite agus 'se 'n aon ni a bha iad ag iarraidh air a dhèanamh
'nuair a bha iad fhéin a dèanamh nan eathraichean gun cuireadh e aon tarag
anns an eathar aca. Agus 'nuair a bha e dèanamh seo bha bhuaidh a bha ann
a sin a' leantainn na h-eathar ged nach robh e air cur innte ach an aon
tharag: mar a thubhairt a' mhaighdeann-mhara, bha bhuaidh sin a' leantainn
na h-eathar a cheart cho math agus ged a bha e air a chuile bord dhen an
eathar a chur ri chéile.
Ach co-dhiùbh, bha aon iasgair ann aig a robh bàta anns an nàbachd agus
cha robh e cur sion de shuim idir ann a sgeulachd na maighdeann-mhara no
ann am buaidh an t-saoir - Saor Shanndaig. Agus, co-dhiùbh, an ceann
bhliadhnaichean, 'sann a rinn e fhéin cur mu dheaghainn eathar fhaotainn.
Agus 'nuair a bha an t-eathar air bheul a bhith deiseil cha tug e fo-near idir
gum biodh fios air a chur air Saor Shanndaig airson gun cuireadh e tarag
innte. Cha robh e creidsinn 'na leithid de ghnothach. Agus bha an t-eathar
air a dèanamh dha agus air a criochnachadh dha agus cha do fhiadhaicheadh
Saor Shanndaig airson buille den ord no tarag a chur 'na rathad.
Co-dhiùbh no co-dheth, chaidh an eathar gu fairge. Ach bha iad a-mach
leatha air latha geamhraidh agus iad a' tilleadh a Eilein Iarmain. Agus tha
Eilean Iarmain rud-eigineach mu choinneamh Ghlinn Eilge air taobh an
Eilein Sgitheanaich. 'S a' tilleadh dhachaigh, dh'éirich a' ghaoth agus
chaidh sgairt gaoithe gu an-uair agus bha 'n an-uair cho uamhasach mu
dheireadh agus gun do chaill na bha air bord ... an cothrom 's an comas
air a' bhàta a bha ann a sin a laimhseachadh agus a stiùireadh. Agus, mu
dheireadh, bha i air a h-iomairt leis a' stoirm air sgeir chunnartach a
bha anns an àite far an deach i 'na clàran agus chaidh a' sgioba - seachd
braithrean, is bha iad a' ràitinn nach robh teaghlach bhràithrean ann bu
sgoinneile na iad - chaidh am bàthadh cearta cruinne comhladh: ged a bha
iad ainmeil mar sheoladairean agus mar mharaichean chaidh am bàthadh
anns an an-uair a bha ann a sin. Chailleadh iad ... anns a' stoirm, anns
an fhairge, anns a' bhâta anns nach do chuir a' saor eile an tarag.
Tar-sgrìobhte le aithneachadh làmh-sgrìobhainn fèin-ghluasach mar phàirt dhen phròiseact Fuasgladh Dualchas Ceilte.