Saor Shanndaig and Maighdeann Mhara
Scotland
- Archival Reference
- SSSA/TA/FL123/001
- Date
- 1956
- Item category
- Transcription
- Fairy class
- F123B
- Language
- Scottish Gaelic
- Town
- Valtos
- Parish
- Kilmuir
- Collector
- C.I. Maclean
- Narrator
- Rev. Norman MacDonald
- Narrator source
- Unknown
- Link
- View entry on tobarandualchais.co.uk
Archival Reference
SSSA/TA/FL123/001
School of Scottish Studies SA1956.13.A5
Transcript
AIInformant: Rev. Norman MacDonaldSA 1956/13.A5Collector: C.I. MacleanSaor Shanndaig agus a' Mhaighdeann MharaBha saor ann a Sanndaig uair-eigineach - àite tha caran mu leitheachslighe eadar Gleann Eilg agus baile Arnasdail - duine bha anabarrachmath air deanamh eathraichean. Latha bha ann a seo, co-dhiùbh, bha eair eathar a chriochnachadh agus air dha a fagail ann a sin gu h-àrd oscionn bråigh a' chladaich, chaidh e dhachaigh. Làrna-mhàireach, andéidh dha éirigh agus a bhiadh a ghabhail, thug e ceum sios a dh'ionnsaigha' chladaich far a robh an eathar agus 'nuair a rànaig e 'n t-eathar, bumhór ionghnadh 'nuair a chunnaig e gu robh bord air a thoirt aiste agusdh'aithnich e glé mhath gur e cuid-eigineach snasail a thug am bôrd asan eathar, thoradh cha robh càil 'sam bith dhen an fhiodh a bha ceithirthimchioll air a' bhord air a mhilleadh ann an doigh 'sam bith 's bha 'mbord air a ghearradh aiste cho glan agus ged a b'e sgian a dheanadh eagus chuir sin gnè de dh'annas air. Ach gun an corr smaoin a thoirt,chaidh e suas gun an taighe agus fhuair e bord ur agus tàirrnean agusord agus theàrnaich e sios agus cha robh e fada a' cur ... a' tàirrneadhbord ur an àite an fhir a chaidh a thoirt air falbh.Co-dhiùbh, cha robh air sin ach sin fhéin. Chaidh e dhachaigh aguscha tug e suil tuilleadh a' latha sin na 'n oidhche sin ... air an eathargu'n ath mhadainn. An deaghaidh dhå éirigh 's a bhiadh a ghabhail thuge ceum a rithist sios a choimhead air an eathar agus, rud a b'ionghantaichebuileach, nach ann a fhuair e am bord seo mar an cianda air a thoirtas an eathar - am bord a chuir e ann a' latha roimhe sin 's a rinn ethàirrneadh cho math agus a rinn e air a' chorr. Bha e air a thoirt airfalbh agus, mar a thachair dhan a' cheud fhear, cha robh làrach 'sambith ceithir thimchioll. Bha 'm bord air a thoirt aiste cho cothrom ischo glan 's cha snasail 's ged a b'e saor fhéin a dheanadh e 's dochanach b'e chuile saor a dheanadh obair cho math.Agus, co-dhiùbh, chaidh e dhachaigh agus fhuair e 'n ath bhordagus dorlach thàirrnean agus ord agus thill e air ais a dh'ionnsaighna h-eathar agus chuir e 'm bord seo ann an àite an fhir a chaidh athoirt air falbh. Agus 6, bha e cur ionghnadh mór air fad a' latha bhaann a sin gu dé air an talamh a dh'adhbhraich an obair a bha ann a seo.Bha e smaoineachadh docha gur e toirmeasg air choir-eigineach debhalach a bha a' toirt a char as no direach a' tarrainn as. Cha b'urrainnda thuigsinn idir no dheanamh a-mach gu dé a b'adhbhar dha gu rboham bord air a thoirt as àite, mar a bha e air a dhèanamh cho snasail's cho ordail. Co-dhiùbh, cha robh air a sin ach sin fhéin.Chaidh e dhachaigh an oidhche sin 's cha do ... deach e rathad nah-eathar gu 'n ath mhadainn an déidh a bhidhe, mar a chleachd.Theàrnaich e rithist sios agus fhuair e, 'nuair a rànaig e 'n eathar,gu robh am bord sin air a thoirt as àite rithist. Cha b'urrainn da idiridir a dhéanamh a mach gu dé ... a bha ris a' chall 's ris a' mhilleadha bha ann a seo. Ach cha robh ni ann a b'urrainn da dhèanamh achdireach tilleadh air ais air a shåil agus bord fhaighinn agus a thåirrneadhann an àite an fhir a dh'fhalbh. Ach 'nuair a rinn e seo 's a chuir e criochair cho math 's a ghabhadh dèanamh, chuir e roimhe, co-dhiùbh, guncaithriseadh e 'n eathar an oidhche sin. Agus seo mar a bha. Dh'fhàg e'n dachaigh anns a' chomhar-thrâth. Bha e ann an am an t-samhraidh'nuair a bha latha direach aig fhad agus faodaidh sinn a ràdha nach robhoidhche dhorch ann. Cha robh e dorchnachadh co-dhiùbh. Agus bha e anna sin. Ach thug e leis Bioball 'na laimh airson a bhith aige. Agus bha esmaoineachadh gum biodh e na bu chinntiche dheth fhéin am Bioball abhith aige mar a h-e rud talamhaidh a bha a deanamh a' challa agus nah-aimlisg ... mur a h-e rud talamhaidh a bh'ann ... 's gune rud a bh'anna bhoineadh dhan an t-saoghal eile gum biodh e móran na b'fhearr airuidheamachadh leis a' Bhioball a bhith aige 'na laimh, ri faire. Chaidhe null air cùl cnoic a bha glé dhlûth dhan an eathar agus bha e ann a sina' faire agus e fâireachas far bàrr a' chnoic air an eathar fad an t-siubhail.Chaidh greiseag seachad ach mu dheireadh thall bha aire air a tharrainna dh'ionnsaigh a' chuain mar gun cluinneadh e rud-eigineach a' gluasadgu h-iseal plaom ... as a' mhuir agus sheall e 's chunnaig e ann a sin amhaighdeann a b’àille air 'n do laigh a shuilean a' tighinn a-mach as anfhairge, maighdeann-mhara. Chum i roimhpe ceum air cheum gun stadgus an d'rànaig i an t-eathar 's 'nuair a rànaig theann i air toirt a' bhuirda bha ann a seo as àite.Ach dh'ealaidh esan a-null cho socair agus a b'urrainn da agus thànaige oirre bho cùlaibh agus rinn e greim teann oirre mu teis-meadhoin 's 'nuaira rinn, lig i leum a b'uamhasaich aiste agus ghabh i eagal agus ghuidh iair e 'ga ligeil as agus e thoirt dhi a saorsa. Agus as ise: "Ma bheir thudhomhsa mo shaorsa, 's gu lig thu as mi, bheir mi dhut, "as ise, "buaidh.Agus 'se bhuaidh a bheir mi dhut seo, nach teid duine gu bràch a challaig fairge ann an eathar anns an cuir thu tarag, 's bidh bhuaidh a tha anna sin,"as ise, "a' leantainn a chuile h-eathar a ni thu anns an cuir thutarag. Ach,"as ise, "man dealaich sinn, tha mi dol a thoirt na comhairleseo ort. Bho seo a-mach,"as ise, "a chuile h-uair a chriochnaicheas tud'obair, a chuireas tu crioch air eathar, beannaichidh tu obair do laimheadh.Agus 'nuair a chuala an duine ... chuile càil a bha ann a sin, mun a'bhuaidh agus mun a' chomhairle, lig e as i. 'S cho luath 's a fhuair iseas a làmhan rinn i air a mhuir, agus le aon phlaom a thoirt bha i a fianaisagus chan fhac e tuilleadh i, 's ni motha a chuir i dragh air eathar a rinne no air ni a bhoineadh dha. Agus bha soirbheachadh leis ga rireabh annsa chuile h-eathar is bâta bha e dèanamh 's a bha dol gu fairge. Bha buaidhionghantach leotha agus 's ioma h-oidhche fhiadhaich stoirmeil a bha nah-eathraichean aige ann a sin fo ainneart fairge ach cha deach a h-aondiubh fhathast a chall anns 'n do chuir e tarag, ni motha chaidh duinea bh'air bord aon diubh a bhàthadh.Agus a nise bha 'n duine a sior fhaotainn ordanan airson eathraichean,na chumadh a' dol e agus barrachd na b'urrainn da dhèanamh 's 'nuair achualas mu dheaghainn na buaidh a bha 'ga leantainn agus mu sgeulachd namaighdeann-mharadh, na h-ordanan nach b'urrainn da a ghabhail - nah-eathraichean nach b'urrainn da fhéin a dhèanamh - bha saoir eile curfios air as gach àite agus 'se 'n aon ni a bha iad ag iarraidh air a dhèanamh'nuair a bha iad fhéin a dèanamh nan eathraichean gun cuireadh e aon taraganns an eathar aca. Agus 'nuair a bha e dèanamh seo bha bhuaidh a bha anna sin a' leantainn na h-eathar ged nach robh e air cur innte ach an aontharag: mar a thubhairt a' mhaighdeann-mhara, bha bhuaidh sin a' leantainnna h-eathar a cheart cho math agus ged a bha e air a chuile bord dhen aneathar a chur ri chéile.Ach co-dhiùbh, bha aon iasgair ann aig a robh bàta anns an nàbachd aguscha robh e cur sion de shuim idir ann a sgeulachd na maighdeann-mhara noann am buaidh an t-saoir - Saor Shanndaig. Agus, co-dhiùbh, an ceannbhliadhnaichean, 'sann a rinn e fhéin cur mu dheaghainn eathar fhaotainn.Agus 'nuair a bha an t-eathar air bheul a bhith deiseil cha tug e fo-near idirgum biodh fios air a chur air Saor Shanndaig airson gun cuireadh e taraginnte. Cha robh e creidsinn 'na leithid de ghnothach. Agus bha an t-eatharair a dèanamh dha agus air a criochnachadh dha agus cha do fhiadhaicheadhSaor Shanndaig airson buille den ord no tarag a chur 'na rathad.Co-dhiùbh no co-dheth, chaidh an eathar gu fairge. Ach bha iad a-machleatha air latha geamhraidh agus iad a' tilleadh a Eilein Iarmain. Agus thaEilean Iarmain rud-eigineach mu choinneamh Ghlinn Eilge air taobh anEilein Sgitheanaich. 'S a' tilleadh dhachaigh, dh'éirich a' ghaoth aguschaidh sgairt gaoithe gu an-uair agus bha 'n an-uair cho uamhasach mudheireadh agus gun do chaill na bha air bord ... an cothrom 's an comasair a' bhàta a bha ann a sin a laimhseachadh agus a stiùireadh. Agus, mudheireadh, bha i air a h-iomairt leis a' stoirm air sgeir chunnartach abha anns an àite far an deach i 'na clàran agus chaidh a' sgioba - seachdbraithrean, is bha iad a' ràitinn nach robh teaghlach bhràithrean ann busgoinneile na iad - chaidh am bàthadh cearta cruinne comhladh: ged a bhaiad ainmeil mar sheoladairean agus mar mharaichean chaidh am bàthadhanns an an-uair a bha ann a sin. Chailleadh iad ... anns a' stoirm, annsan fhairge, anns a' bhâta anns nach do chuir a' saor eile an tarag.