Iomradh Tasglainn

SSSA/TA/FL063/003

School of Scottish Studies DJM MSS 48

Tar-sgrìobhadh

AI
4494
Name of writer
Donald John MacDonald
Address
Peninerine South Uist.
The information below refers to the district of
County
Parish
It was recorded by me on (date)
20th Nov. 1955
from
Mary Ann MacInnes
Age
61
occupation
Housewife
who lives in the township of
Stilligarry
and who is a native of
Stilligarry South Uist
He (she) heard this
years ago from
aged then
who lived then at
cf. MacDougall and Calder's "Folk-tales and Fairy Lore" p. 142
Also Ms. 13
p. 1218.
Chuala mise sud a bh' ann
uaireiginn, tàillear, agus bha
e fuireach a muigh
air feadh na gaidhealtachd
an àite air choireiginn.
Tha e na chleachdadh a
nis anns an àm a
bha sud aig na
tàillearan a bhi a
dol o thigh gu tigh
airson obair fhaighinn
4495
far am biodh duine
bhiodh feumach air briogais
neo air bad do dh'
aodach air choireiginn.
Bhiodh an tàillear a
bha seo a falbh o
thigh gu tigh agus
o àite gu àite mar
a bhiodh càch, feuch
càit am faigheadh e
òbair ri deanamh.
Agus latha dhe na
lathaichean agus e air
a thuras gu tigh
cuideiginn a bha e
dol a dheanamh briogais.
dha, thàinig am
feasgar anamoch air, agus
e fhathast pìos math
air falbh bho'n tigh
dha robh e dol.
Agus thug e an aire
an seo gu robh
duineachan beag a falbh
roimhe, agus e a
sìor chumail am falach
ann an taobh a
4496
rathaid cho math 's a b'
urrainn dha.
Dh'fhalbh an tàillear na bu
luaithe, feuch am beireadh
e air an duine bheag
a bha roimhe, ach cho
math 's ga falbhadh an
tàillear, bha am fear beag
a bha roimhe a cumail
an aon astair air falbh
bhuaidhe, 's ann a bha
e a gleidheadh air.
Dh'fhalbh an tàillear an
uair sin na ruith feuch
am beireadh e air, ach
cho math 's ga ruitheadh
e cha bheireadh e
air an duine bheag
neònach a bha a falbh
roimhe.
Ma dheireadh thall, ghabh
an tàillear a leithid do
mhiothlachd agus rug e
air an t-siosar mhór
a bh' aige agus sheòl
e cho math 's a
b' urrainn dha air an
N 768*.
4497
duine bheag e. Bhuail an
siosar ann an cùl na
coise air agus thuit e
agus mun d'fhuair e
eiridh a rithist, bha an
Tàillear aige.
"Seadh a nis," ars' an
tàillear ris, "innis dhòmhsa
càit' am bheil thu
dol."
"Innsidh mi sin dhut," ars'
an duine beag, "tha
mi air mo thuras as
an t-sìthein ud shuas
gun an tighe sin
shìos mud choinneamh
feuch am faigh mi
greis do bhainne-cìch
bean an tighe."
Agus a nis, be seo
a cheart thigh dha
an robh an tàillear
fhein a dol, a
dheanamh briogais do
dh'fhear an tighe
agus do dhuine sam
bith eile dhan teaghlach
4498
a chuireadh feum air.
"Agus," ars' an tàillear, "gu
de a tha thu am
beachd a dheanamh ri
leanabh bean an tighe fhein."
"O", ars' an sìthiche beag.
Tha mo dhaoine fhìn
gus a bhi a feitheamh
aig an tigh, agus
nuair a ruigeas mise
cuiridh mi an leanabh aig
bean-an-tighe a mach
air an uinneig uca
agus bheir iadsan leotha
e gun an t-sìthein
agus bi e nam àite
ann a sin, agus bi
mise na àite san,
cho fad 's a thogras
mi fuireach ann, neo
gus am bi mo
dhìol do bhainne-chìoch
bean an tighe agam."
"Agus", ars' an tàillear,
"nuair a thogras tusa
falbh neo nuair a
bhios do dhìol bainne
F 321.1.
4499
agad air fhaotinn, an
cuir na daoine agad
fhein an uair sin
dhachaidh an leanabh gu
mhàthair".
"O cha chuir", ars' am
fear beag, "cha chuir
iad dhachaidh tuilleadh e
aon uair 's gun teid
a thoirt air falbh."
"O seadh," ars' an tàillear,
"Falbh matà".
Leig e as an duine
beag, agus cho luath
's a fhuair e
mu sgaoil, a mach
a ghabh e a dh'
ionnsaigh an tighe.
Bha an tàillear a
gabheal eala ris, agus
nuair a ràinig am
fear beag an tigh,
bha an tàillear air
cùl an tighe.
Chaidh an duine beag
a stigh, agus cha
robh a stigh ach
4500
am pàisde beag agus e
anns a chreathail. Bha
athair 's a mhàthair a
muigh a deanamh rudeigin
timchioll an tighe.
Rug an sìdhiche beag
air a phàisde agus
thog e as a chreathail
e agus shin e a
mach air an uinneig
e agus e am beachd
gu robh na sìthichean
eile ga fheitheamh a
muigh. Ach có bha
muigh ach an tàillear
agus na sìthichean gun
tighinn fhathast.
Ghabh an tàillear greim
air a phàisde na
dhà laimh nuair a
shìn a sìthiche beag
a mach e, agus
dh'fhalbh e leis
gu tigh nàbuidh a bha
faisge agus dh'fhàg
e air an cùram
sin e.
F 321.1.
F 321.5.*
F1 .1.
F 321.1.2.2.*
4501
Thill an tàillear an uairsin
a dh'ionnsaigh an tighe,
agus bha bean an
tighe ann a sin a
stigh roimhe, 's i air
tighinn a stigh, ge be
gu de bha i deanamh
a muigh agus bha
an sìthiche beag na
shìneadh gu dòigheil anns
a chreathail. Nuair a
chaidh an tàillear a
stigh, thòisich am
fear a bha anns a
chreathail air caoineadh 's
air rànaich, agus cha
robh ciall sgur aige.
Thog an uair sin
bean-an tighe e agus
thug i dha deoch
agus nuair a dh'òl
e sin, chuir i air
ais dha'n chreathail
e. Chùm sin socair
sàmhach e airson
greiseag bheag, ach
cha b' fhada gus
4502
na thòisich an eubhach 's
a rànaich a rithist.
Thog bean an tighe an
uair sin a rithist e
agus thug i dha deoch
eile, ach cha robh e
mionaid as a dheaghaidh sin
gus an robh e cho
feumach air deoch eile 's
a bha e riamh.
Cha robh an tàillear a
leigeil dad air, ged a
bha e faicinn a h-uile
dad a bha dol,
agus bha gnothaichean a
dol air aghart mar seo
fad grùnn lathaichean,
ach mu dheireadh bha an
tàillear a faicinn gu
robh gnothaichean a dol
tuilleadh 's a chòir
fada.
Dh'fhalbh e an latha
bha sud agus fhuair
e deagh theine a
chur air, agus nuair
a .. bha braitseal math"
F 321.1.2.2.
F 321.1.2.2.
1.1.4.3.
4503
aige air anns an t-
similair, ghabh e nùll
a dh'ionnsaigh an
fhir a bh' anns a
chreathail agus thog e
e fhein 's a chreathail
's a h-uile sian a
bh' ann agus chàirich
e ann a mullach
an teine e.
Leig bean an tighe aon
ràn aisde, agus dùil
aice gur ann air a
dhol as a chiall
a bha an tàillear.
Leum i chun an teine
feuch am faigheadh i
am fear beag a thoirt
as, ach bha am
fear beag air a
dhol a mach romh
an t-similair.
Thàinig e mun cuairt
chun na h-uinneig
agus dh'eubh e do
bhean an tighe:
"Fhuair mise mo roinn
4504
fhìn do bhainne do chuim
co-dhiubh". agus a mach
a ghabh e.
Sin nuair a dh'ìnns an
tàillear dhaibh mur a
chunnaic esan an sìthiche
an oidhche bha e tighinn
a dh'ionnsaigh an tighe
agus mur a bha e
aig an tigh roimhe,
agus mur a ghlac e
am pàisde beag nuair a
chuir a sìthiche a mach
air an uinneig e.
Chan eil fhios gu de
cho toilichte 's a bha
iad nuair a chual iad
gu robh am pàisde beag
aca fhein sàbhailte,
agus cha b' urrainn
dhaibh gu leòr a dheanamh
airson an tàillear as
a dheaghaidh sin.
N 768*
F 321.5
Tar-sgrìobhte le aithneachadh làmh-sgrìobhainn fèin-ghluasach mar phàirt dhen phròiseact Fuasgladh Dualchas Ceilte.