Iomradh Tasglainn

SSSA/TA/FL045/002

School of Scottish Studies LM MSS 182

Tar-sgrìobhadh

AI
182.
Bha fear ann an Lochabar, agus
dh'fhalbh e air toir each mhonaidh,
agus fhuair e iad. 'S bha e faicinn te
air a mhonadh, 'se sithich bh' ann,
agus bha iad 'ga faicinn tric; 's thàinig
i far an robh e, agus thuirt i ris, 's e
Dughallach annad, 's bha naimheas aice
ris na Dughallaich, mharbh i fear dhiu
roimh sin. 'S e Dughallach bh' ann, ach
bha e 'gabhail eagail, 's thuirt e, cha'n a
Dughallach annam; 's e, thuirt ise, 's
shìn i air, agus ghreas e 'n t-each nach
b' urrainn di beirsinn air; 's cha d'rug
i air.
Tar-sgrìobhte le aithneachadh làmh-sgrìobhainn fèin-ghluasach mar phàirt dhen phròiseact Fuasgladh Dualchas Ceilte.