...ma dheighinn a' phuirt Poca Sil an t-Sealgair
Alba
- Iomradh Tasglainn
- SSSA/TA/TR035
- Deit
- 1956
- Seòrsa an rud
- Tar-sgrìobhadh
- Cànan
- Gàidhlig
- Baile
- Bhaltos
- Siorrachd
- Cille Mhoire
- Neach-cruinneachaidh
- James Ross
- Neach-aithris
- Rev. Norman MacDonald
- Tùs an neachd-aithris
- Gun fhios
- Ceangail
- Faic seo air tobarandualchais.co.uk
Iomradh Tasglainn
SSSA/TA/TR035
School of Scottish Studies SA1956.056.3
Tar-sgrìobhadh
AISchool of Scottish StudiesEdinburgh UniversityRev. Norman MacDonald,Glenelg.64. 1756/56. 3.R.L.70782 (3)Disc No.Other Refs.Chuala gu leôr ma dheighinn a' phuirt Poca Sil ant-Sealgair, agus seo mar a chaidh am port a dhéanu.Rinneadh am port le bean Fhearchair Sealgair. seDomhnallach a bha ann a Fearchar, agus bh'e fuireach aigtaobh Loch Ainneart, anns an Eilean Sgitheanach. 'S e seoan t-adhbhar airson an d' rinneadh an t-oran. Thachair gurobh a' bhan-righinn Victoria ann a siorrachd pheairt -Tha mi smaoineach gur ann an Athal a bha i aig an am, achbha i co dhiubh air a cuairt tro'n a' Ghaidhealtachd, agus,bha i glé eolach air a bhi faicinn nan Cinn-feadhna, ach charobh i idir cho eolach air a bhi faicinn nan iochdaran,agus, ghabh i uigh mhor ann gu faiceadh i pairt dhe nah-iochdarain, agus chuir i fios a dh'ionnsaigh an EileinSgitheanaich airson gu'm bu ghlé thoigh leatha nan d' rachadhdithis na triuir a chuir sios go ruige Siorrachd Pheairt,dhe'n an tuath, dhe na h-iochdarain airson gu faiceadh i 'ad.Co dhiubh na co dheth, nar a fhuaradh a' fios, chaidh dithisna triuir, mar a dh'iarr a' bhan-righ, chaidh a roghaineachadhthar chaich do bhrigh agus gu robh 'ad 'nan daoinefoghainteach sgoinneil, agus gu sealladh 'ad anabarrachmath anns an deise Ghaidhealaich. Agus bha Fearchar airfeodhainn de 'na - air fear de na chuireadh air falbh goruige Peairt. 'S ann an am an Fhoghair a bh'ann, agus gusonruichte 'n t-am - am gearraidh an eorna, ach 'n uair abha bhan-righinn air aithne thoirt 's air cuireadh a thoirt,cha ghabhadh an aithne 's an cuireadh a bha ann a sin diultadh.Agus, b' fheudar do dh' Fhearchar falbh, cuide ri dithiseile, na triuir eile. Agus a nise, am feadh agus a bh'e2 -R.L. 1018 1 (3)contdair falbh ann am Peairt, bha an t-éorna 'g abachadh, 'sbha bhean a' faicinn gu feumte an t-eorna ghearradh, aguscothrom an t-side ghabhail, agus - bha 'ad a' reic aneorna bha ann a seo, bha 'ad 'g a reic ri fear tigh-osdaShligeachan agus anns a' la bha ann a sin, bha 'm buisealeorna cosg ceithir tasdain agus sia sgilinn, agus bha 'mbuiseal coirce cosg leth-chrun da thasdan agus sia sgilinn.'S e rinn bean Fhearchair co dhiübh ach, ghearr i geadhaildhe'n an eorna, agus 'n uair a fhuair i air a ghearradh e,thug i stigh e go ruig' a' sabhal, agus fhrois i e. Bhe 'n uair sin air a sgaoileadh air urlar an t-sabhail, airsongu salt - gu'm biodh e air a shaltradh le casan na cloinneadh,airson na ruisgeinean agus na rudan eile dhealachadh risan t-siol. 'N uair a bha seo air a dhéanu co dhiubh,dh'fhalbh i le eallach a drama - poca mór cho lan agus achumadh e, air a stadhadh 's air a dhinneadh, - agus rinn iair tigh-osda Shligeachain. Bh'e caran anmoch 'n uair arainig i, agus 'n uair a thug fear an tigh-osda dhith ant-airgiod air a bois, bha i 'n uairson ag cuir ma dheighinnfalbh. Ann a sin, thuirt fear an tigh-osda rithe, "O" asesan, "tha e ro anmoch, tha 'n oidhche go tuiteam agus thathu air astar fada dheanu mar tha, agus air a bhi giulaneallach aig a sin, agus chan fhalbh cas shiot a nochd.Feumaidh tu fuireach go maduinn, agus cha tig ni ris andachaidh na ri cail dhe na dh'fhâg thu as do dhéidh, aguss fhearr dhut an oidhche chuir seachad ann a seo fhein.Co dhiubh, 's e sin a rinn i. Ghabh i comhairle fear antigh-osda, agus 'n uair a ghabh i greim bidh 's a bha chuilecail do dh'obair a' là seachad, thainig na seirbhisich astigh, agus, chuireadh a mach a chuile cathair agus seiseagus suidheachan, agus thugadh fainear gu'm biodh dannsaca - bha sin tha collach 'na chleachdadh aca anns an àm.- 3 -R.101(3)contd/'N uair a bhiodh obair a' là criochnaichte, bha'n oidhcheair a chuir seachad ann an ceol, agus ann an dannsa. Codhiubh na co dheth 'n uair a bha 'n dannsa dol athoiseachadh, thug 'ad fainear nach robh aon fhear-ciuilaca, agus cha robh fios gu de dhéante. Ach thuirt beanFhearchair nach leigeadh 'ad a leas dragh a ghabhail dhesin, gu d' rachadh an dannsa air adhart, agus na 'n deanadhcanntaireachd feum, gu seinneadh ise dhaibh. 'Se seo arinn 'ad. Fhuair 'ad baraille, agus chuir 'ad ann anoisean e, 's chaidh bean Fhearchair 'na suidhe air ceann a'bharaille 's thoisich i air canntaireachd, agus 's e amport a thug i, "Poca Sil an t-Sealgair' Bha i fhéin 'g adhéanu mar a bha i 'g a sheinn, agus bha à-san a' dannsa risa' cheôl a bha ann a sin. Agus chan eagalt nach d' fhuairad canntaireachd. Seo mar a chuala mis e -Refrain : Heudaran 's na hó ill i (3 times)Poca sil an t-sealgairPoca sil, sil, silPoca sil an t-sealgairHeudaran 's na ho ill iPoca sil an t-sealgairChunnaic 'ad a' tighinn e'S chan fhac iad a falbh eHeudaran 's na hó ill iPoca sil an t-sealgairNach aigeannach, nach togarrachNach sgiobalta mo sheanmhairHeudaran 's na hó ill iPoca sil an t-sealgairVach sunndach, nach surdailNach supailte an t-seana - bheanHeudaran 's na ho ill iPoca sil an t-sealgair.(Refrain initially and after each quatrain).School of Scottish StudiesEdinburgh UniversityRev. Norman MacDonald,Glenelg.R()Disc No.Other Refs.Nise, tha oran agam ann a seo,, "'N uair theid gillean og ro'ncuid armachd." An cuala siu e riamh ?JAES ROSS : O, chan'eil mi smaoineach gu'n cuala. Aseinn siu dhuinn e ? Bheil seanchas agaibh air ?N.M. : Tha seanchas agam air.J.R. : Well, 'eiribh dhuinn a' seanchas sin ma tha.N.M. : Agus, seo 'm beagan seanchais a th'agam. Rinneadhan t-oran seo le Niall Mac Dhonnchaidh, no Niall Piobairemar a theireadh na h-eolaich ris. Bhuineadh Niall dohreacais anns an Eilean Sgitheanach. Bh'e aig a' bhuainann a' Lowdy timchioll nam bliadhnachan 1860 go 1870.Chaochail e ann am Breacais mo am Cogadh Africa. 'S epiobaire barraichte bha ann, agus bh'e ri bardachd cuideachd.inn e an t-oran a leanas air ceann obrach aig a' bhuain.Chaidh reiseamaid de ghillean ôga seachad agus piobairean airan ceann, air an rathad do Bhalmoral. Is e am port a bhaad ag cluich, am port a bhiodh aig na righrean Stiübhardachan Alba, a' falbh a chogadh - "Siuibhlidh mis' an rathad mór."'S an fheasgar sin féin, 'n uair a chaidh Niall dhachaidhbho obair, bha an t-oran aige air a dhéanu, mar a leanasRefrain - 'N uair theid gillean og fo'n cuid armachd'S ann dhaibh fein as boidhche thig ancôta dearg od'N uair theid gillean ôg fo'n cuid armachdAd a' falbh leis a' phort-phiobBh'aig an sinnsear 's righrean AlbaTa mise seo an Lowdy 's mi a' buain aig HowdenRigh, b'e 'n obair throm i 's gur mor m'fhonngo falbh asTa mise seo an comhnuidh, 's mi ri buain aphonar- 2 -R.L. 1018 A (6)contd/'S greim an cul mo dhorna, 's e 'n comhnuidhgun fhalbh asTa 'n lionn is am bap s an lite cho tanaN deidh mo thoirt an asgaidh 's mi cho lag rileanaban.Chi mi Leezie Nic-Neacail a' buain a h-uileseachduinn'S a chaoidh cha teid i Bhreacais go'n cuirsneachd air falbh i.Ta botannan Prunellas anns a' faic mi m'fhaileasAir a da' chois gheala as maisiche calpa.(Refrain initially and after each couplet.)Seo nise beagan do mhionachadh air facal na dha a th'air achleachdadh anns an oran, nach 'eil anabarrach coitchionn.Bap, no bapa - 's e sin nadur de bhonnach mór. Cha robhmoran sgoinn ann do dhaoine a bha aig obair throm.Leezie Nic Neacail : B' i Leezie a thug leatha e adh'ionnsaigh na buain agus bh' e gabhail fadachd nach robhi dol dhachaidh. Agus 's e sin a b' adhbhar gu'n d'thuirte anns a' cheatru.Achaoidh cha teid i BhreacaisGo'n cuir sneachd air falbh i'S e seo a' cheud uair a bh'e riamh air falbh as aonais nadüthchadh agus, bh'e gabhail fadachd nach robh Leezie a'dol dhachaidh.School of Scottish StudiesEdinburgh UniversityRev. Norman MacDonald,Glenelg.RL101.Disc No.Other Refs.Tha mi creidsinn gu'n cuala sibh ma dheighinn an Ogha Mhoir,na Domhhall Mac Mhaoilein.JAMES ROSS: O chuala gu dearbha. Chuala.'S e 'n t-Ogha Mor a theirte ris anns an t-Srath. BhuineadhDomhall do Bhreacais. Bha e uair 'ga chosnadh shios ann anDruim-fris, aig obair a' chruin, ag cosnadh crun dodh'airgiod 's an latha. 'S e duais tuarasdal mor a bha sinan uair sin, agus chuir e'n duanag bheag a th'ann a seodhachaidh an ceann litreach a dh'ionnsaigh a mhnathadh.Gach litir a gheibh miAg iarraidh a' chor'S a' gearan air döigh na düthchadhTa mise gu duilichS chan ann de m' dheoinVach'eil mi dol dhachaidh chur tigh dhutair döighTa 'n righ ga mo mhealladhLe briathran a bheoil'S a' gealltain an ôir 'na chruin dhomh.Rinn e oran do nabuidh dha, Niall Grannd, air dha seann bhatacheannach air a' robh an t-ainm "Mairi Mhärtuinn." Cheannaiche 'm bata seo airson a bhi 'g aiseag laogh a null, bhoBhreacais do'n an Eilean. Agus do bhrigh agus gur e seannbhata bh' innte, cha robh i go moran feuma airson cuan noairson fairge. Agus seo oran a' bhata -Ho mo Mhairi Mhartuinn,'s tu mo bhata grinnBha uair a bha thu laidir, stracadh trona tuinnAch chan'eil ni 's an t-saoghal, fo chaochladhna neoilAir nach laigh an aois, ach creag 'us gaoth,us ceo.- 2 -R.L. 10180()contdTa 'm bata 'na seann aois 's i ao-dionachgu leorMa chreideas tu Mac Mhaoilein, ni na saoiri ogNi iad i dionach laidir. s cum an sal fosröin'S foghnaidh i Niall Ban a h-uile la ribheö.Seo a nis am bâta, a' freagairt a' bhaird :'S iad a rinn arm an ainneart, 's mi 'na mosheann aois'N uair thug iad mi do Bhreacais, a dh'aiseagna' laoghCha b' ionnan 's mar a b' abhaist aig tighban a' chaoilDh' olainn do dheoch slainte ged a phäighinndaor.'N uair bha mi ri aiseag 's mo chuid asnan slanS minig a choisinn mi galan do ghillean nanramhTa mi nis ri osnaich 's mi ri port 'nam thamh'S chan fhaigh mi ri chosnadh na gheibh deochde'n tearrNach anabarrach taltheach an ceathru a rinn e ? -Ach chan'eil ni 's a t-saoghal fo chaochladhnan neoilAir nach laigh an aois, ach creag, us gaoth,'us ceò.Tha n ceathru a th'ann a sin anabarrach cothromach air achur sios, gad a b'e Shakespeare a chuireadh sios e, chab'urrainn da chuir sios cail na b' fhearRinn an t-Ogha Mor ceathruan do aon de na mic aige, air dhadol 'na fhear comhaideachd, na 'na 'ghille-suirdhich' mar atheirte ris, go banais nabuidh. Is ann aig a' ghillesuirdhiche a bha ris a' churrac a chuir air bean nabainnseadh 'n uair a bhiodh 'ad a' dol a chadal. Bha abhean-chomhaideachd 'us te no dha eile, ag cuir oirre84.1018 /2(7)contd/3-ghun-oidhche. Bha an gille-suirdhiche car naireach 'us'n uair a thainig an t-am, is ann a ruith e mach do'n aniolainn leis a' churrac a dh'ionnsaigh te de na nigheananair an robh an t-ainm Anna, airson gu'n cuireadh i airbean na bainnseadh e.B'e Martuinn a mhac, bard a b' fhearr na an t-OghaMór. S e Märtuinn a rinn Oran Aiseag. Seo mar a rinne'n t-oran, do dh'Aiseag, ann am Breacais :Aiseag mhath 's ceann-feadhna chaichTa moran ri chuir sios ort'S ann asad moch a dh'olainn deochDe t-uisge tobar fior-ghlanBheir thu deoch do dhuine bochdNach ol à stoc na banrighGed bhiodh airgiod, or us maoinAn t-saoghal seo gle ghann air.'Nuair thiginn nuas gu moch bho'n t-sliabhAs chaisginn m'iot gu taingeilB' fhearr leam deoch de siod na fionA b' fheàrr bha riamh 'san FhraingeachdBidh e teth 'nuair bhios cach fuarAn dübhlachd fuachd 'us GeamhraidhBidh e fuar 'n uair a bhios câch blath'S a' ghrian 'na h-äird 's an t-Sämhradh.Uisge Aiseag us bainne Aird-Nis'S e annlan siod do 'n t-seann duine'S leigheas e ni gach eugmhail slanMar biodh am bas ro theann airCreag a' Leabhair is Buail AitibhB'ait leam a bhi teann orraIs aite suidhe an urra mhoirMar ughdar sloigh 's mar cheannardFar am biodh na maighdeannan og'Us rosaichean 'nan laimh acS a' mhil a bhiodh air barr an fheoirBha an cotaichean cur snaidhm orrAiseag Mhaol-Ruidhe, sgiath a' chuainFar am biodh sluagh ri iomain GeamhraidhFir a ruitheadh gu cruaidh dol teann 's an ruaigBha uaislean nach bu ghann ac'- 4 -R()contdMac Fhionghuin fo'n chleir bha cuallach spreidh'S e Gleann a Béist bu cheann orr'S tric a bha Téarrlach donn 'g an arachAir airighean as t-SamhradhBhuain 'ad leotha an Glag 's a' ChraobhGo aonach Chille-ChriosdaidhGad an duil gu'm buaileadh e as gach trathMar dheanadh 'ad-san iarraidh.Ach 's ann a chaidh e 'na ghrad-thamhOir cha robh 'àd 'g a riaghladhS cha chluinnear tuilleadh fuaim an AighAg éirigh 'n-aird 'nad chriochan.'S doch' gu feum mi beagan mionachaidh a thoirt air ceathramh nodha ann a seo:Creag a' Leabhar 'us Buail Aitibh - Nise, mar tha fios agaibh,'s e a' naomh Mo Ruidhe a thug a' Soisgeul a nall go ruigesgìreachd an t-Srath. Agus bh'e tighinn a nall fad a'rathaid, fad an turus cuain as a' Chomraich agus siod far a'robh e tighinn air tir, agus 's e sin a dh'fhag Aiseag air anàite, a dh'ionnsaigh a' la 'n diughNise, tha collach gu robh creag anabarrach math ann a siodairson leabhar na rud sam bith a chuir oirre, agus dheonaichan naomh 'n uair a thainig e - 'n uair bhiodh e tighinn airtir, gu'n cruinnicheadh an sluagh anns an dearbh bhad, agusbha chreag mar gu'm biodh bord ann, a' deanu bord dha nadeanu cubaid dha, agus 's ann oirre bh'e cuir a' leabhair,nar a bhiodh e searmonachadh.8()Nise seo a' mionachadh a th'agam air a' cheathru anns a bheiliomradh air a dhéanu air a' ghlag.Bhuain 'ad leotha 'n glag 's a' chraobhGo aonach Chille Chriosdaidh.Chan e mhain gu robh creag ann an Aiseag, a bha anabarrachfeumail do'n an Naomh airson a' leabhar a chuir oirre, achbha craobh beagan shlatan bho'n a' chreig a bha ann a seo.IOI8O()contAgus bha glag aig Mo Ruidhe a bh'air a dhéanu do dh'umha.chaAgus/lhac e beairt a b' fhearr na 'n glag a chur an airdanns a' chraoibh. Cha robh stropal ann, na iomadachbliadhn' as a dhéidh, agus 's ann mar seo a rinn e. Chuire - bha chraobh gu math ard, agus chuir e'n glag an airdeann am meanglanan na craoibheadh, agus, a h-uile h-uair abha an naomh a' tighinn air tir, bh'e toirt fainear an glaga bhualadh airson a' sluagh a chruinneachadh - sluagh ant-Srath. Agus nar a bha sluagh an t-Srath ag cluinntinnfuam a' ghluigm bha 'ad a' deanu direach air Aiseag agus bhaann a sin an coimhthional aige cruinn. Co dhiubh, cho fads a bha Naomh beo agus e tighinn a nall a shearmonachadhgo ruige Strath, bha'n glag aige anns a' chraoibh. Charobh e toirt a' ghluig air falbh idir - bha'n glag airfhàgail anns a' chraoibh aig an naomh, agus h-uile la bh'etighinn air tir, a h-uile Domhnach, bh'e bualadh a' ghluig,'s bha sluagh ag cruinneachadh. Co dhiubh no co dheth,'n uair a chaochail an naomh, cha d' thugadh air falbh anglag riamh, agus dh'fhagadh e, agus rud anabarrach,anabarrach iongantach, nach ann a bha 'n glag a' bualadh ah-uile latha aig uair na seirbhis, aig uair an adhraidh, gadach robh lamh duine 'na rathad. Agus gad 'ach robh duinedeanu ni sam bith timchioll air, ann an döigh sam bith,bha 'n glag a' bualadh leis fhein, agus a' sluagh agcruinneachadh. Agus, lean sin air aghaidh, Domhnach andéidh Dömhnach. Co dhiübh 'n uair a chaidh iomadachbliadhna agus linn seachad, bh'e air innse gu'n do dh'fhasa' chraobh cho mor agus gu'n a dh'fhas a' fiodh timchioll aira' ghlag, 's cha robh e ri fhaicinn idir. Dh'fhàs achraobh timchioll air a' ghlag gos 'na dh'fhalaich i e, astigh 'na cridhe. Ach cha robh sin go atharrachadh sam bithnautha sam bith. Bha 'n glag ag cumail air adhart abualadh, Domhnach an deidh Domhnach, a' cheart cho laidir agus- 6 -contdcho ceolmhor agus gad 'ach biodh ni air fas timchioll air,'s bha sluagh ag cruinneachadh 'n uair a bha 'ad ag cluinn¬tinn fuaim a' ghluig. Co dhiubh na co dheth, thog 'adeaglais ur ann an aite ris an can 'ad Cille-Chriosda, agus -bha sin ma caran, o, theirinn gu'm biodh e ma thri naceithir a mhiltean bho Aiseag, co dhiubh, Cille Chriosda.'S doch gu bheil e beagan na 's fhaide na sin, 's doch' gubheil e ceithir mile gu leth - Ach, thog 'ad eaglais urann an Cille Chriosda, agus sguir 'ad a dh'adhradh ann anAiseag. Agus 'n uair bha'n eaglais air a criochnachadh,'s a' sluagh ag adhradh innte, nach ann a thug am minisdeirMaighstir MacFhionghuin fainear, gu'm biodh e uamhasachfreagarrach a' chraobh a bhuain as a fhreumhaichean, agus atoirt suas go taobh na h-eaglais ann an Cille Chriosdaidh mara bha i ri taobh na seann eaglais ann an Aiseag. Rinneadhseo. Thog 'ad a' chraobh. Bhuain 'ad i gu curamachfaiceallach le cuid fhreumhaichean, agus chuir 'ad i aigeaglais Chille Chriosda. Ach mo chreach, cha do bhuail anglag aon uair riamh, na aon Domhnach riamh, an deidh dhaibha' chraobh a chur, agus shearg a' chraobh 's dh'fhalbh i, 'scha chualas tuilleadh fuaim a' ghluig. Agus 's e seo a bha'm bard ag caoidh, anns a' cheathruBhuain 'ad leotha 'n glag 's a' chraobh goaonach Chille Chriosdaidh etc. to ........ag éirigh 'n-aird 'nad chriochan.Rinn bård Sheasda anns an t-Srath, öran molaidh do Bheinn nanCarn, beinn a ta os cionn a' bhaile, beinn lom, far nachbiodh feidh no sealg no dad de chinneas. Rinn Martuinn anceathru seo dha, ga fhreagairt :N uair a mhol e Beinn nan Cårn, 's ann chaidham bard air aimhreit'N uair a mhol e cnocan fraoich'us roid araon'us maolan maola coinnichFar nach do dh'fhan fiadh no earba riamh bho'nchaidh a' ghrian 'na lochran-contd/Mar a tha seanfhacal a' raitinn, "Molaidh gach bard athir fhéin," tha colach gu robh bard Sheasda, gu robh emoladh na beinneadh a bha ann a seo, Beinn nan Carn, 'scha robh buaidh nach robh air a' bheinn, ach cha do chorde ris a - ri Martuinn idir, agus rinn e 'n ceathru a bhann a sin g' a fhreagairt.Is an ri muir a bha Martuinn, fad a bheatha. Bh'etacain air droch bhata a bha gann de'n a' bhiadh. Rinne rannan do'n a' sgiobair mar a leanas :Dh'iarrainn an sgiobair bhi baithte'S an lathaich an CluaidhAirson a chuid mosaicheAgus brocaireachd chruaidhTa an t-im oirnn 'na annasIs ro-ainniu an fheoilN uair a rachainn do'n a' chrannGur ann a fann a bhiodh mo dheo'S e Märtuinn a rinn Oran na Corra-ghritheach, agus thaceithir cheathrannan agam dhe'n an oran a bha ann a seo.'S e balach ôg a bh'anns an aite a chaidh a shealg-thami smaoineach gur ann airson a' cheud uair riamh a bh'emach riamh a' sealg, agus cha d' fhuair e ach corra¬ghritheach, agus, ma bha cach ag gearain air agus 's dochafanaid, nach d' fhuair e ach corra-ghritheach, bha Märtuinna' smaoineachadh gur ann a rinn am balach glé mhath -gur h-ioma fear a chaidh riamh a shealg agus nach d'fhuaircail idir a' cheud uair. S ma bha cachrud-eigineach,a' deanu taire air na thug am balach bochd dhachaidh, bhanadur uasal anns a' bhard, Martuinn, mar a bh'ann riamh,agus nach ann a rinn e oran molaidh dha'n a' bhalach, 's charobh buaidh nach robh air a' chorra-ghritheach a bha ann aseo, agus seo mar a chuir Martuinn e -- 8 -RLIo8 ()contd/A' chorra-ghritheach a mharbh Calum,Thall od am Beallach nan CarnB'fhearr leam i na molt à BéilligGad chanainn, gun bhreig, a dhaRinn i iomasgladh measg dhaoineFhuair i do dhaoine feum no dhaNì thu de'n t-seic aice pill chriathraidh'Us bheir thu iasad dheth do châchNi an gob aice clodha linn dhutSnìomhaidh na h-inean an snathS ni na chamhan aic' beairt fhidhe'S ni an cidheall aice spalNi na h-itean aice cluasagTheid fo chluasan banntrach PhailA' chorra-ghritheach a fhuair CalumThall od am Beallach nan CarnSeo beagan mionaichidh air na faclan:Pill chriathraidh - sin brat a bha 'ad ag cuir air anurlar 'n uair a bhiodh 'ad ni criathradh. Bha an siol adol air a' phill agus am boll a' falbh leis a' ghraoith.Is ann 's an tigh-eiridinn mhór, taobh a deas Ghobhanann an Glascho, a chaochail Martuinn, agus feumaidh mi innser h-e chuir a' chlach-uaigh, gur h-e chosg ris a' chlach¬uaigh th'air uaigh Iain Dhomhuill nan Oran, ann am Montreal.S e Martuinn a chosg ris a' chloich a bha ann a seo, agus,tha sin a' sealltuinn cho uasal 's a bh'e 'na dhoigh. S eMartuinn a chosg ris a' chloich-uaigh, agus chi duine samth a theid go'n a' chladh ann am Mount Royal ann am MontrealChi e 'n uaigh aig Iain an diugh, do bhrigh agus gu bheil a'chlach ann a siod agus, mar a robh Martuinn air a dhéanu 'nathrath, na àm, cha bhiodh fios an diugh c'aite robh Iain aira thiodhlacadh.