Archival Reference

SSSA/TA/TR035

School of Scottish Studies SA1956.056.3

Tobar an Dualchais/Kist O Riches

Transcript

AI
School of Scottish Studies
Edinburgh University
Rev. Norman MacDonald,
Glenelg.
64. 1756/56. 3.
R.L.70782 (3)
Disc No.
Other Refs.
Chuala gu leôr ma dheighinn a' phuirt Poca Sil an
t-Sealgair, agus seo mar a chaidh am port a dhéanu.
Rinneadh am port le bean Fhearchair Sealgair. se
Domhnallach a bha ann a Fearchar, agus bh'e fuireach aig
taobh Loch Ainneart, anns an Eilean Sgitheanach. 'S e seo
an t-adhbhar airson an d' rinneadh an t-oran. Thachair gu
robh a' bhan-righinn Victoria ann a siorrachd pheairt -
Tha mi smaoineach gur ann an Athal a bha i aig an am, ach
bha i co dhiubh air a cuairt tro'n a' Ghaidhealtachd, agus,
bha i glé eolach air a bhi faicinn nan Cinn-feadhna, ach cha
robh i idir cho eolach air a bhi faicinn nan iochdaran,
agus, ghabh i uigh mhor ann gu faiceadh i pairt dhe na
h-iochdarain, agus chuir i fios a dh'ionnsaigh an Eilein
Sgitheanaich airson gu'm bu ghlé thoigh leatha nan d' rachadh
dithis na triuir a chuir sios go ruige Siorrachd Pheairt,
dhe'n an tuath, dhe na h-iochdarain airson gu faiceadh i 'ad.
Co dhiubh na co dheth, nar a fhuaradh a' fios, chaidh dithis
na triuir, mar a dh'iarr a' bhan-righ, chaidh a roghaineachadh
thar chaich do bhrigh agus gu robh 'ad 'nan daoine
foghainteach sgoinneil, agus gu sealladh 'ad anabarrach
math anns an deise Ghaidhealaich. Agus bha Fearchar air
feodhainn de 'na - air fear de na chuireadh air falbh go
ruige Peairt. 'S ann an am an Fhoghair a bh'ann, agus gu
sonruichte 'n t-am - am gearraidh an eorna, ach 'n uair a
bha bhan-righinn air aithne thoirt 's air cuireadh a thoirt,
cha ghabhadh an aithne 's an cuireadh a bha ann a sin diultadh.
Agus, b' fheudar do dh' Fhearchar falbh, cuide ri dithis
eile, na triuir eile. Agus a nise, am feadh agus a bh'e
2 -
R.L. 1018 1 (3)
contd
air falbh ann am Peairt, bha an t-éorna 'g abachadh, 's
bha bhean a' faicinn gu feumte an t-eorna ghearradh, agus
cothrom an t-side ghabhail, agus - bha 'ad a' reic an
eorna bha ann a seo, bha 'ad 'g a reic ri fear tigh-osda
Shligeachan agus anns a' la bha ann a sin, bha 'm buiseal
eorna cosg ceithir tasdain agus sia sgilinn, agus bha 'm
buiseal coirce cosg leth-chrun da thasdan agus sia sgilinn.
'S e rinn bean Fhearchair co dhiübh ach, ghearr i geadhail
dhe'n an eorna, agus 'n uair a fhuair i air a ghearradh e,
thug i stigh e go ruig' a' sabhal, agus fhrois i e. Bh
e 'n uair sin air a sgaoileadh air urlar an t-sabhail, airson
gu salt - gu'm biodh e air a shaltradh le casan na cloinneadh,
airson na ruisgeinean agus na rudan eile dhealachadh ris
an t-siol. 'N uair a bha seo air a dhéanu co dhiubh,
dh'fhalbh i le eallach a drama - poca mór cho lan agus a
chumadh e, air a stadhadh 's air a dhinneadh, - agus rinn i
air tigh-osda Shligeachain. Bh'e caran anmoch 'n uair a
rainig i, agus 'n uair a thug fear an tigh-osda dhith an
t-airgiod air a bois, bha i 'n uairson ag cuir ma dheighinn
falbh. Ann a sin, thuirt fear an tigh-osda rithe, "O" as
esan, "tha e ro anmoch, tha 'n oidhche go tuiteam agus tha
thu air astar fada dheanu mar tha, agus air a bhi giulan
eallach aig a sin, agus chan fhalbh cas shiot a nochd.
Feumaidh tu fuireach go maduinn, agus cha tig ni ris an
dachaidh na ri cail dhe na dh'fhâg thu as do dhéidh, agus
s fhearr dhut an oidhche chuir seachad ann a seo fhein.
Co dhiubh, 's e sin a rinn i. Ghabh i comhairle fear an
tigh-osda, agus 'n uair a ghabh i greim bidh 's a bha chuile
cail do dh'obair a' là seachad, thainig na seirbhisich a
stigh, agus, chuireadh a mach a chuile cathair agus seise
agus suidheachan, agus thugadh fainear gu'm biodh danns
aca - bha sin tha collach 'na chleachdadh aca anns an àm.
- 3 -
R.101(3)
contd/
'N uair a bhiodh obair a' là criochnaichte, bha'n oidhche
air a chuir seachad ann an ceol, agus ann an dannsa. Co
dhiubh na co dheth 'n uair a bha 'n dannsa dol a
thoiseachadh, thug 'ad fainear nach robh aon fhear-ciuil
aca, agus cha robh fios gu de dhéante. Ach thuirt bean
Fhearchair nach leigeadh 'ad a leas dragh a ghabhail dhe
sin, gu d' rachadh an dannsa air adhart, agus na 'n deanadh
canntaireachd feum, gu seinneadh ise dhaibh. 'Se seo a
rinn 'ad. Fhuair 'ad baraille, agus chuir 'ad ann an
oisean e, 's chaidh bean Fhearchair 'na suidhe air ceann a'
bharaille 's thoisich i air canntaireachd, agus 's e am
port a thug i, "Poca Sil an t-Sealgair' Bha i fhéin 'g a
dhéanu mar a bha i 'g a sheinn, agus bha à-san a' dannsa ris
a' cheôl a bha ann a sin. Agus chan eagalt nach d' fhuair
ad canntaireachd. Seo mar a chuala mis e -
Refrain : Heudaran 's na hó ill i (3 times)
Poca sil an t-sealgair
Poca sil, sil, sil
Poca sil an t-sealgair
Heudaran 's na ho ill i
Poca sil an t-sealgair
Chunnaic 'ad a' tighinn e
'S chan fhac iad a falbh e
Heudaran 's na hó ill i
Poca sil an t-sealgair
Nach aigeannach, nach togarrach
Nach sgiobalta mo sheanmhair
Heudaran 's na hó ill i
Poca sil an t-sealgair
Vach sunndach, nach surdail
Nach supailte an t-seana - bhean
Heudaran 's na ho ill i
Poca sil an t-sealgair.
(Refrain initially and after each quatrain).
School of Scottish Studies
Edinburgh University
Rev. Norman MacDonald,
Glenelg.
R()
Disc No.
Other Refs.
Nise, tha oran agam ann a seo,, "'N uair theid gillean og ro'n
cuid armachd." An cuala siu e riamh ?
JAES ROSS : O, chan'eil mi smaoineach gu'n cuala. A
seinn siu dhuinn e ? Bheil seanchas agaibh air ?
N.M. : Tha seanchas agam air.
J.R. : Well, 'eiribh dhuinn a' seanchas sin ma tha.
N.M. : Agus, seo 'm beagan seanchais a th'agam. Rinneadh
an t-oran seo le Niall Mac Dhonnchaidh, no Niall Piobaire
mar a theireadh na h-eolaich ris. Bhuineadh Niall do
hreacais anns an Eilean Sgitheanach. Bh'e aig a' bhuain
ann a' Lowdy timchioll nam bliadhnachan 1860 go 1870.
Chaochail e ann am Breacais mo am Cogadh Africa. 'S e
piobaire barraichte bha ann, agus bh'e ri bardachd cuideachd.
inn e an t-oran a leanas air ceann obrach aig a' bhuain.
Chaidh reiseamaid de ghillean ôga seachad agus piobairean air
an ceann, air an rathad do Bhalmoral. Is e am port a bha
ad ag cluich, am port a bhiodh aig na righrean Stiübhardach
an Alba, a' falbh a chogadh - "Siuibhlidh mis' an rathad mór."
'S an fheasgar sin féin, 'n uair a chaidh Niall dhachaidh
bho obair, bha an t-oran aige air a dhéanu, mar a leanas
Refrain - 'N uair theid gillean og fo'n cuid armachd
'S ann dhaibh fein as boidhche thig an
côta dearg od
'N uair theid gillean ôg fo'n cuid armachd
Ad a' falbh leis a' phort-phiob
Bh'aig an sinnsear 's righrean Alba
Ta mise seo an Lowdy 's mi a' buain aig Howden
Righ, b'e 'n obair throm i 's gur mor m'fhonn
go falbh as
Ta mise seo an comhnuidh, 's mi ri buain a
phonar
- 2 -
R.L. 1018 A (6)
contd/
'S greim an cul mo dhorna, 's e 'n comhnuidh
gun fhalbh as
Ta 'n lionn is am bap s an lite cho tana
N deidh mo thoirt an asgaidh 's mi cho lag ri
leanaban.
Chi mi Leezie Nic-Neacail a' buain a h-uile
seachduinn
'S a chaoidh cha teid i Bhreacais go'n cuir
sneachd air falbh i.
Ta botannan Prunellas anns a' faic mi m'
fhaileas
Air a da' chois gheala as maisiche calpa.
(Refrain initially and after each couplet.)
Seo nise beagan do mhionachadh air facal na dha a th'air a
chleachdadh anns an oran, nach 'eil anabarrach coitchionn.
Bap, no bapa - 's e sin nadur de bhonnach mór. Cha robh
moran sgoinn ann do dhaoine a bha aig obair throm.
Leezie Nic Neacail : B' i Leezie a thug leatha e a
dh'ionnsaigh na buain agus bh' e gabhail fadachd nach robh
i dol dhachaidh. Agus 's e sin a b' adhbhar gu'n d'thuirt
e anns a' cheatru.
Achaoidh cha teid i Bhreacais
Go'n cuir sneachd air falbh i
'S e seo a' cheud uair a bh'e riamh air falbh as aonais na
düthchadh agus, bh'e gabhail fadachd nach robh Leezie a'
dol dhachaidh.
School of Scottish Studies
Edinburgh University
Rev. Norman MacDonald,
Glenelg.
RL101.
Disc No.
Other Refs.
Tha mi creidsinn gu'n cuala sibh ma dheighinn an Ogha Mhoir,
na Domhhall Mac Mhaoilein.
JAMES ROSS: O chuala gu dearbha. Chuala.
'S e 'n t-Ogha Mor a theirte ris anns an t-Srath. Bhuineadh
Domhall do Bhreacais. Bha e uair 'ga chosnadh shios ann an
Druim-fris, aig obair a' chruin, ag cosnadh crun do
dh'airgiod 's an latha. 'S e duais tuarasdal mor a bha sin
an uair sin, agus chuir e'n duanag bheag a th'ann a seo
dhachaidh an ceann litreach a dh'ionnsaigh a mhnathadh.
Gach litir a gheibh mi
Ag iarraidh a' chor
'S a' gearan air döigh na düthchadh
Ta mise gu duilich
S chan ann de m' dheoin
Vach'eil mi dol dhachaidh chur tigh dhut
air döigh
Ta 'n righ ga mo mhealladh
Le briathran a bheoil
'S a' gealltain an ôir 'na chruin dhomh.
Rinn e oran do nabuidh dha, Niall Grannd, air dha seann bhata
cheannach air a' robh an t-ainm "Mairi Mhärtuinn." Cheannaich
e 'm bata seo airson a bhi 'g aiseag laogh a null, bho
Bhreacais do'n an Eilean. Agus do bhrigh agus gur e seann
bhata bh' innte, cha robh i go moran feuma airson cuan no
airson fairge. Agus seo oran a' bhata -
Ho mo Mhairi Mhartuinn,'s tu mo bhata grinn
Bha uair a bha thu laidir, stracadh tro
na tuinn
Ach chan'eil ni 's an t-saoghal, fo chaochladh
na neoil
Air nach laigh an aois, ach creag 'us gaoth,
us ceo.
- 2 -
R.L. 10180()
contd
Ta 'm bata 'na seann aois 's i ao-dionach
gu leor
Ma chreideas tu Mac Mhaoilein, ni na saoir
i og
Ni iad i dionach laidir. s cum an sal fo
sröin
'S foghnaidh i Niall Ban a h-uile la ri
bheö.
Seo a nis am bâta, a' freagairt a' bhaird :
'S iad a rinn arm an ainneart, 's mi 'na mo
sheann aois
'N uair thug iad mi do Bhreacais, a dh'aiseag
na' laogh
Cha b' ionnan 's mar a b' abhaist aig tigh
ban a' chaoil
Dh' olainn do dheoch slainte ged a phäighinn
daor.
'N uair bha mi ri aiseag 's mo chuid asnan slan
S minig a choisinn mi galan do ghillean nan
ramh
Ta mi nis ri osnaich 's mi ri port 'nam thamh
'S chan fhaigh mi ri chosnadh na gheibh deoch
de'n tearr
Nach anabarrach taltheach an ceathru a rinn e ? -
Ach chan'eil ni 's a t-saoghal fo chaochladh
nan neoil
Air nach laigh an aois, ach creag, us gaoth,
'us ceò.
Tha n ceathru a th'ann a sin anabarrach cothromach air a
chur sios, gad a b'e Shakespeare a chuireadh sios e, cha
b'urrainn da chuir sios cail na b' fhear
Rinn an t-Ogha Mor ceathruan do aon de na mic aige, air dha
dol 'na fhear comhaideachd, na 'na 'ghille-suirdhich' mar a
theirte ris, go banais nabuidh. Is ann aig a' ghille
suirdhiche a bha ris a' churrac a chuir air bean na
bainnseadh 'n uair a bhiodh 'ad a' dol a chadal. Bha a
bhean-chomhaideachd 'us te no dha eile, ag cuir oirre
84.1018 /2(7)
contd/
3-
ghun-oidhche. Bha an gille-suirdhiche car naireach 'us
'n uair a thainig an t-am, is ann a ruith e mach do'n an
iolainn leis a' churrac a dh'ionnsaigh te de na nigheanan
air an robh an t-ainm Anna, airson gu'n cuireadh i air
bean na bainnseadh e.
B'e Martuinn a mhac, bard a b' fhearr na an t-Ogha
Mór. S e Märtuinn a rinn Oran Aiseag. Seo mar a rinn
e'n t-oran, do dh'Aiseag, ann am Breacais :
Aiseag mhath 's ceann-feadhna chaich
Ta moran ri chuir sios ort
'S ann asad moch a dh'olainn deoch
De t-uisge tobar fior-ghlan
Bheir thu deoch do dhuine bochd
Nach ol à stoc na banrigh
Ged bhiodh airgiod, or us maoin
An t-saoghal seo gle ghann air.
'Nuair thiginn nuas gu moch bho'n t-sliabh
As chaisginn m'iot gu taingeil
B' fhearr leam deoch de siod na fion
A b' fheàrr bha riamh 'san Fhraingeachd
Bidh e teth 'nuair bhios cach fuar
An dübhlachd fuachd 'us Geamhraidh
Bidh e fuar 'n uair a bhios câch blath
'S a' ghrian 'na h-äird 's an t-Sämhradh.
Uisge Aiseag us bainne Aird-Nis
'S e annlan siod do 'n t-seann duine
'S leigheas e ni gach eugmhail slan
Mar biodh am bas ro theann air
Creag a' Leabhair is Buail Aitibh
B'ait leam a bhi teann orra
Is aite suidhe an urra mhoir
Mar ughdar sloigh 's mar cheannard
Far am biodh na maighdeannan og
'Us rosaichean 'nan laimh ac
S a' mhil a bhiodh air barr an fheoir
Bha an cotaichean cur snaidhm orr
Aiseag Mhaol-Ruidhe, sgiath a' chuain
Far am biodh sluagh ri iomain Geamhraidh
Fir a ruitheadh gu cruaidh dol teann 's an ruaig
Bha uaislean nach bu ghann ac'
- 4 -
R()
contd
Mac Fhionghuin fo'n chleir bha cuallach spreidh
'S e Gleann a Béist bu cheann orr
'S tric a bha Téarrlach donn 'g an arach
Air airighean as t-Samhradh
Bhuain 'ad leotha an Glag 's a' Chraobh
Go aonach Chille-Chriosdaidh
Gad an duil gu'm buaileadh e as gach trath
Mar dheanadh 'ad-san iarraidh.
Ach 's ann a chaidh e 'na ghrad-thamh
Oir cha robh 'àd 'g a riaghladh
S cha chluinnear tuilleadh fuaim an Aigh
Ag éirigh 'n-aird 'nad chriochan.
'S doch' gu feum mi beagan mionachaidh a thoirt air ceathramh no
dha ann a seo:
Creag a' Leabhar 'us Buail Aitibh - Nise, mar tha fios agaibh,
's e a' naomh Mo Ruidhe a thug a' Soisgeul a nall go ruige
sgìreachd an t-Srath. Agus bh'e tighinn a nall fad a'
rathaid, fad an turus cuain as a' Chomraich agus siod far a'
robh e tighinn air tir, agus 's e sin a dh'fhag Aiseag air an
àite, a dh'ionnsaigh a' la 'n diugh
Nise, tha collach gu robh creag anabarrach math ann a siod
airson leabhar na rud sam bith a chuir oirre, agus dheonaich
an naomh 'n uair a thainig e - 'n uair bhiodh e tighinn air
tir, gu'n cruinnicheadh an sluagh anns an dearbh bhad, agus
bha chreag mar gu'm biodh bord ann, a' deanu bord dha na
deanu cubaid dha, agus 's ann oirre bh'e cuir a' leabhair,
nar a bhiodh e searmonachadh.
8()
Nise seo a' mionachadh a th'agam air a' cheathru anns a bheil
iomradh air a dhéanu air a' ghlag.
Bhuain 'ad leotha 'n glag 's a' chraobh
Go aonach Chille Chriosdaidh.
Chan e mhain gu robh creag ann an Aiseag, a bha anabarrach
feumail do'n an Naomh airson a' leabhar a chuir oirre, ach
bha craobh beagan shlatan bho'n a' chreig a bha ann a seo.
IOI8O()
cont
Agus bha glag aig Mo Ruidhe a bh'air a dhéanu do dh'umha.
cha
Agus/lhac e beairt a b' fhearr na 'n glag a chur an aird
anns a' chraoibh. Cha robh stropal ann, na iomadach
bliadhn' as a dhéidh, agus 's ann mar seo a rinn e. Chuir
e - bha chraobh gu math ard, agus chuir e'n glag an airde
ann am meanglanan na craoibheadh, agus, a h-uile h-uair a
bha an naomh a' tighinn air tir, bh'e toirt fainear an glag
a bhualadh airson a' sluagh a chruinneachadh - sluagh an
t-Srath. Agus nar a bha sluagh an t-Srath ag cluinntinn
fuam a' ghluigm bha 'ad a' deanu direach air Aiseag agus bha
ann a sin an coimhthional aige cruinn. Co dhiubh, cho fad
s a bha Naomh beo agus e tighinn a nall a shearmonachadh
go ruige Strath, bha'n glag aige anns a' chraoibh. Cha
robh e toirt a' ghluig air falbh idir - bha'n glag air
fhàgail anns a' chraoibh aig an naomh, agus h-uile la bh'e
tighinn air tir, a h-uile Domhnach, bh'e bualadh a' ghluig,
's bha sluagh ag cruinneachadh. Co dhiubh no co dheth,
'n uair a chaochail an naomh, cha d' thugadh air falbh an
glag riamh, agus dh'fhagadh e, agus rud anabarrach,
anabarrach iongantach, nach ann a bha 'n glag a' bualadh a
h-uile latha aig uair na seirbhis, aig uair an adhraidh, gad
ach robh lamh duine 'na rathad. Agus gad 'ach robh duine
deanu ni sam bith timchioll air, ann an döigh sam bith,
bha 'n glag a' bualadh leis fhein, agus a' sluagh ag
cruinneachadh. Agus, lean sin air aghaidh, Domhnach an
déidh Dömhnach. Co dhiübh 'n uair a chaidh iomadach
bliadhna agus linn seachad, bh'e air innse gu'n do dh'fhas
a' chraobh cho mor agus gu'n a dh'fhas a' fiodh timchioll air
a' ghlag, 's cha robh e ri fhaicinn idir. Dh'fhàs a
chraobh timchioll air a' ghlag gos 'na dh'fhalaich i e, a
stigh 'na cridhe. Ach cha robh sin go atharrachadh sam bith
nautha sam bith. Bha 'n glag ag cumail air adhart a
bualadh, Domhnach an deidh Domhnach, a' cheart cho laidir agus
- 6 -
contd
cho ceolmhor agus gad 'ach biodh ni air fas timchioll air,
's bha sluagh ag cruinneachadh 'n uair a bha 'ad ag cluinn¬
tinn fuaim a' ghluig. Co dhiubh na co dheth, thog 'ad
eaglais ur ann an aite ris an can 'ad Cille-Chriosda, agus -
bha sin ma caran, o, theirinn gu'm biodh e ma thri na
ceithir a mhiltean bho Aiseag, co dhiubh, Cille Chriosda.
'S doch gu bheil e beagan na 's fhaide na sin, 's doch' gu
bheil e ceithir mile gu leth - Ach, thog 'ad eaglais ur
ann an Cille Chriosda, agus sguir 'ad a dh'adhradh ann an
Aiseag. Agus 'n uair bha'n eaglais air a criochnachadh,
's a' sluagh ag adhradh innte, nach ann a thug am minisdeir
Maighstir MacFhionghuin fainear, gu'm biodh e uamhasach
freagarrach a' chraobh a bhuain as a fhreumhaichean, agus a
toirt suas go taobh na h-eaglais ann an Cille Chriosdaidh mar
a bha i ri taobh na seann eaglais ann an Aiseag. Rinneadh
seo. Thog 'ad a' chraobh. Bhuain 'ad i gu curamach
faiceallach le cuid fhreumhaichean, agus chuir 'ad i aig
eaglais Chille Chriosda. Ach mo chreach, cha do bhuail an
glag aon uair riamh, na aon Domhnach riamh, an deidh dhaibh
a' chraobh a chur, agus shearg a' chraobh 's dh'fhalbh i, 's
cha chualas tuilleadh fuaim a' ghluig. Agus 's e seo a bha
'm bard ag caoidh, anns a' cheathru
Bhuain 'ad leotha 'n glag 's a' chraobh go
aonach Chille Chriosdaidh etc. to ........
ag éirigh 'n-aird 'nad chriochan.
Rinn bård Sheasda anns an t-Srath, öran molaidh do Bheinn nan
Carn, beinn a ta os cionn a' bhaile, beinn lom, far nach
biodh feidh no sealg no dad de chinneas. Rinn Martuinn an
ceathru seo dha, ga fhreagairt :
N uair a mhol e Beinn nan Cårn, 's ann chaidh
am bard air aimhreit
'N uair a mhol e cnocan fraoich'us roid araon
'us maolan maola coinnich
Far nach do dh'fhan fiadh no earba riamh bho'n
chaidh a' ghrian 'na lochran
-
contd/
Mar a tha seanfhacal a' raitinn, "Molaidh gach bard a
thir fhéin," tha colach gu robh bard Sheasda, gu robh e
moladh na beinneadh a bha ann a seo, Beinn nan Carn, 's
cha robh buaidh nach robh air a' bheinn, ach cha do chord
e ris a - ri Martuinn idir, agus rinn e 'n ceathru a bha
nn a sin g' a fhreagairt.
Is an ri muir a bha Martuinn, fad a bheatha. Bh'e
tacain air droch bhata a bha gann de'n a' bhiadh. Rinn
e rannan do'n a' sgiobair mar a leanas :
Dh'iarrainn an sgiobair bhi baithte
'S an lathaich an Cluaidh
Airson a chuid mosaiche
Agus brocaireachd chruaidh
Ta an t-im oirnn 'na annas
Is ro-ainniu an fheoil
N uair a rachainn do'n a' chrann
Gur ann a fann a bhiodh mo dheo
'S e Märtuinn a rinn Oran na Corra-ghritheach, agus tha
ceithir cheathrannan agam dhe'n an oran a bha ann a seo.
'S e balach ôg a bh'anns an aite a chaidh a shealg-tha
mi smaoineach gur ann airson a' cheud uair riamh a bh'e
mach riamh a' sealg, agus cha d' fhuair e ach corra¬
ghritheach, agus, ma bha cach ag gearain air agus 's docha
fanaid, nach d' fhuair e ach corra-ghritheach, bha Märtuinn
a' smaoineachadh gur ann a rinn am balach glé mhath -
gur h-ioma fear a chaidh riamh a shealg agus nach d'fhuair
cail idir a' cheud uair. S ma bha cachrud-eigineach,
a' deanu taire air na thug am balach bochd dhachaidh, bha
nadur uasal anns a' bhard, Martuinn, mar a bh'ann riamh,
agus nach ann a rinn e oran molaidh dha'n a' bhalach, 's cha
robh buaidh nach robh air a' chorra-ghritheach a bha ann a
seo, agus seo mar a chuir Martuinn e -
- 8 -
RLIo8 ()
contd/
A' chorra-ghritheach a mharbh Calum,
Thall od am Beallach nan Carn
B'fhearr leam i na molt à Béillig
Gad chanainn, gun bhreig, a dha
Rinn i iomasgladh measg dhaoine
Fhuair i do dhaoine feum no dha
Nì thu de'n t-seic aice pill chriathraidh
'Us bheir thu iasad dheth do châch
Ni an gob aice clodha linn dhut
Snìomhaidh na h-inean an snath
S ni na chamhan aic' beairt fhidhe
'S ni an cidheall aice spal
Ni na h-itean aice cluasag
Theid fo chluasan banntrach Phail
A' chorra-ghritheach a fhuair Calum
Thall od am Beallach nan Carn
Seo beagan mionaichidh air na faclan:
Pill chriathraidh - sin brat a bha 'ad ag cuir air an
urlar 'n uair a bhiodh 'ad ni criathradh. Bha an siol a
dol air a' phill agus am boll a' falbh leis a' ghraoith.
Is ann 's an tigh-eiridinn mhór, taobh a deas Ghobhan
ann an Glascho, a chaochail Martuinn, agus feumaidh mi innse
r h-e chuir a' chlach-uaigh, gur h-e chosg ris a' chlach¬
uaigh th'air uaigh Iain Dhomhuill nan Oran, ann am Montreal.
S e Martuinn a chosg ris a' chloich a bha ann a seo, agus,
tha sin a' sealltuinn cho uasal 's a bh'e 'na dhoigh. S e
Martuinn a chosg ris a' chloich-uaigh, agus chi duine sam
th a theid go'n a' chladh ann am Mount Royal ann am Montreal
Chi e 'n uaigh aig Iain an diugh, do bhrigh agus gu bheil a'
chlach ann a siod agus, mar a robh Martuinn air a dhéanu 'na
thrath, na àm, cha bhiodh fios an diugh c'aite robh Iain air
a thiodhlacadh.
Transcribed using automated handwriting recognition technology as part of the Decoding Hidden Heritages project.