Tagairt chartlainne

SSSA/TA/HR127

School of Scottish Studies SA1953.034.A2

Tobar an Dualchais/Kist O Riches

Tras-scríbhinn

IS
Hero Tale
S.A. 1953/34/A2 Informant: Duncan MacDonald.
seo agu agaibh Laoidh Fhraoich."
Agus bha Fraoch na dhuine fuathasach
breagha agus bha e ann 'n gaol air nighinn
a bha fuathasach tlachdar i fhéin agus
bha teachd mhór aice dhe ann a measg
iomadach fear a bha deann suas rithe. Agus
bha màthair beò agus bha tlachd aig a
màthair do chraoch cuideachd. Agus o nach
robh nisd traoch a' deanu suas rithe fhéin
agus gu'm b' fhearr leis an nighean 's ann
a bha i 'fiachainn ri cur as do thraoch.
Agus bha nisde eilean ann a seo air
a robh caora' dearga faisg orra air locha
agus bha ainm gu robh biast air an
eilean eilein agus 's ann a lig i orra gu
robh i bochd - seadh mathair na h-ighinn
e agus nach robh rud 's am bith a' dol 'ga
leigheas ach na caora' dearga a bh' air an
eilein a bh' ann a seo. Agus cha robh duine
's a bith .... a dhol 'gam buan ach traoch.
Agus chaidh braoch chon an eilein a dh'
iarraidh nan caora' dearga a mhàthair
a leannain agus ri linn na caora' dearga
a bhuan agus a' chraobh air a robh iad
a ghluasad dhùisg a' bhiast a bha 'na
cadal aig am bonn agus dh'fhalbh i as
deoghaidh traoich agus rug i air m' an
S.A. 1953/34/A2 Continued
d'thàinig e air tìr agus thòisich an còmhrag
aca air a' chladach agus thuit iad marbh
bonn ri bonn. Agus bha traoch an uair
sin a dhith air an nighinn agus bha e
a dhìth air a màthair.
Agus seo agu a nisde a' laoidh mar
a chaidh a deanu ag cumha Fraoich
's osna caraid an Cluan chraoich
Mar osna Laoich o'n chaisteal Chro [chaisil
"Chra
An osnaich sin bho'n tursach bean
's bho throm ghalanach beag òg
siod e siar an càrn a bheil
fraoch Mac Fiadhaich an fhuilt mhaoth
Fear a rinn buidheachadas dha bhàs
's ann air a staoighreadh seo an caon-Eraoch
's guth nam bàn bho chruachan tuir
's olc a' fàth m' ann guil a' bhean
's e dh'fhàg m' aige-sa trom trom
traoch Mac Fiadhaich nan colg sean
's gur e 'n ainnir a nì 'n guth
tighinn le fios go cruachan Dùir
"À Nighean choirill an fhuilt chais bhàin
Aon nighean mnath m' am bi na laoich."
Aon nighean choirill as buidhe falt
taobh ri taobh a nochd is traoch
Gad 's iomadh aon a ghràdhaich i
Cha d' ghràdhaich ise aon riamh ach traoch
's thuirt a màthair nach bitheadh i slan
go faigheadh i làn a' basan maoth
S.A. 1953/34/A2 Continued
Do chaorann Eilean Locha uam
's gun duine 'gam buan ach traoch
's caoran do ghléidh i air Loch Maidh
Air an traigh a siar fo dheas
Gach aon reithe is gach aon mheas
Bi tòradh buaidh anns a' mhios
Bi toradh buaidh anns a' mhios dhearg
's gura mise e na mìl bhlath
's chumadh na caoran is 'ad dearg
Neach beò gun bhiadh far naoi tràth
's gu'n ghluais craoch air ceum neo-bhaigh
's gu'n deach e shnàmh air an loch
Is fhuair e a bhiast 'na siorram suain
is a craos-se suas ris an dos.
's ghlac e an caoran th' a's a' bharr
's gu'n spìon e an crann as a fhreimh
Toirt a chasan leis air tìr
Rug i air a rithist - a bheist.
rug a' bhiast air air an t-snàmh
's gu'n ghlac ise a làmh na craos
Rug esan orra-se air dha chiall
's och o nach robh sgian aig traoch
Rug esan orra-se air dhà chiall
's och ó nach robh sgian aig Eraoch
's thàinig nighean nan gealaghlac bàn
's thug i dha-san sgian dhe'n òr
's cha chòmhrag sin ach còmhrag bhrein
Bhoinn e an ceann dhil le làimh dheis
' raoch Mac Fiadhaich is a' bheist
's leir ma thug iad greis
Mo chreach
S.A. 1953/34/A2 Continued
Fraoch Mac Fiadhaich is a' bheist
Mo chreach leis ma thug iad greis
gos na thuit iad bonn ri bonn
air tràigh nan clachan donn 's an tar
gos na thuit iad bonn ri bonn
Air tràigh nan clachan donn 's an tar
's nar chunnaig an t-sar nighean donn
Ma thuit i air an traigh an neal
's air dùsgadh dhi as a phrèimh
Ghlac i lasan na laimh ud
's gad tha thu nochd 'na d' chota sheud
's mór an t-euchd a rinn thu bhos
's ionmhainn tighearn 's iomhainn tuath
's ionmhainn gruaidh o'n deirge a' ros
's iomhainn beul o'n deirg' dan [? teirig
's bho 'm bidh mhath ri tilleadh 'ad choir
bu duibhe na fitheach t' fhalt
's bu ghuirme do shùil na learc [? fear-seal
Is deirg' e na crodh ban do bheul
's gur gile do dheud na a' chaile
's àirde do shleagh na crann siùil
's binne e na teud ciùil do gheith
's o chaidh d' aigheadh thar gach cridh
Bho churaidh riamh cha do dh'iarr fois."
struagh nach ann an còmhrag laoich
"À thuit traoch leis am pronnte an t-òr
's tùrsach liom thu thuiteam le beist
Dh'innsinn dhut gun cheilg an dos.
P.T.O.
's gum b' e sin an t-uamhas mnà
As mo chunnaig i riamh bho mi dhà rasg
fraoch a chuir a bhuain a' chruinn
"An déis na caorann a bhith bhos.
Úsáideadh aithint lámhscríbhneoireachta uathoibríoch chun an mhír seo a thras-scríobh mar chuid den tionscadal Díchódú Oidhreachtaí Folaithe.