How Colin, only son of Farmer Montrose won English nobleman's daughter
Albain
- Tagairt chartlainne
- SSSA/TA/RM028
- Dátaí
- 1955
- 1963
- Cineál míre
- Lámhscríbhinn
- Teanga
- Gaeilge na hAlban
- Baile
- Stilligarry
- Paróiste
- South Uist
- Insteoir
- Mary Ann MacInnes
- Foinse an insteora
- Narrator's father
Tagairt chartlainne
SSSA/TA/RM028
School of Scottish Studies SA1963.067.B1
Tras-scríbhinn
ISDonald John MacDonaldPeninerine South Uist22nd January 1955.Mary Ann Mac InnesStilligarryHousewifeStilligarry , South UistHer Father45Stilligarry, South Uist.65Bha sud ann mat, TighearnaMór Sasunnach, agus bhaseachdnar mhac agus aon nigheanaige, agus bha e annan crìch ri tuathanach risan canadh iad Montròs.Agus bha gràin mhór aig anTighearna air Montròs, cha robhaige ach aon ghille, agusbha e daonnan a g'ràdha gum bu lagguallann gun bhràthair.A nis, bha Cailean, MacMhontròis, agus nighean anTighearna, uamhasach fheinàraid. Bha iad a dolcòmhla d'on sgoil agusbha iad a dol comhlado cholaiste, 's bha iaduamhasach àraid ri cheile,ach bha gràinn mhóraig an Tighearna air Cailein.Bha an seo nuair abha iad a mach asa cholaiste, bhiodh Caileina sealgaireachd, 's afaighinn gadan do dh'eoin bheaga laghacha, agusga'n toirt do nigheanan Tighearna, agus bhaiad a cumail suasri cheile mar sin.Ach gun fhios dh'anbhodach. Ach an seo,thàinig Sasunnaich a rathadan Tighearna, agus 's anna ghabh fear acageall mor air nigheanan Tighearna, agus sebun a bh' ann, gun dodh'iarr e an nighean airan Tighearna gus a pòsadh.O 's esan a gheibheadhsin, bha an Tighearnacoma o'n t-saoghal ach aseachnadh air Cailein Mhontròisagus 's ann a rinn iadsuas gum pòsadh iad annan ceann na bliadhna.Ach cha do ghràinich sinCailein idir air nighean anTighearna. Bhiodh e adol ga coimhead daonnanmar bha e roimheagus nuair a thàinig ceannna bliadhna, agus a chaidha bhainis a chur airdòigh, chuir an Tighearnafiadhachadh gu gach duinea bha fada as agusgoirid dha ach Caileinmac Mhontròis, agus chado dh'fhiadhaich e idire.A nis, ghabh Montròs, atharChailein, tàmailt mhór mara rinn an Tighearna airCailein, agus dh'fhalbh eagus se an rud arinn e, cruinneachadh dochuirm mhòir, agus thug ebiadh dha'n h-uile duinebha mun cuairt dhena nàbuidhean, agus bhae g' ràdh, "Nuair abhios banais Chailein againn,"ars' esan, "bheir i seachdlatha agus seachd oidhchea dol."Bha a chuirm a dol gusan robh e pìos mathdheth 'n oidhche, agussgaoil iad an uair sinagus chaidh a h-uileduine gu an dachaidheanfhein.Thuirt athair an sin riCailein."Falbh a nis", ars' esan, "chadal".Dh'fhalbh e fhein agusghlas e an dorus nuaira chaidh Cailein a stighdha'n rùm.Ach nuair a dh'fhairich Caileingu robh athair air a dholsìos as a rathad, thuirte ris a phage."Thugainn", ars' esan, agusèireadhmaid, agus cuireamaid umainnagus théid sinn a dh'ionnsaigh na bainnseadh"O", ars' am page, "gu demar a theid mise chunna bainnseadh, agus t-athairan deigh an dorus aghlasadh.""O ma ghlas m' athair andorus", arsa Cailean, "cha doghlas e an uinneag. Eirichthusa", ars' esan, "agus bheira mach na h-eich."Dh'eirich am page, aguschaidh e mach dha 'nstàbla, agus fhuair eair dòigh na h-eich.Thug e mach as anstàbla iad, agus thug enall chun na h-uinneigiad, agus a mach abha Cailein air an uinneig,agus air muin nan eachnan dithis a ghabh iadagus tharruing iad chun nabainnseadh.Nuair a ràinig iad tighna bainnseadh, bha nigheanan Tighearna agus i adol ga pòsadh, agus anSasunnach agus h-athairagus a bràithrean uilecòmhla ann an ceannan t-seòmair.Nuair a nochd Cailein astigh do thigh na bainnseadhthuirt an Tighearna."Mìle fàilte ort fhein," ars'esan, a Chailein mhicMhontròis, 's e t-aghaidh," ars'esan, "aghaidh is fheàrrleum fhaicinn ann a seoa nochd."Cha do chuir mi", ars' esan,a cheud fhiadhachadh ugad."Ach", ars' esan, "bha fiosagam gu robh uraddha'n tàmailt annad 's nachgabhadh tu am fear mu dheireadh."Cha do rinn Cailein agus gabhailsuas, agus nuair a ràinige far an robh an Tighearna"Seo", ars' an Tighearna, "òlan deoch seo air moshlàinte sa."Rug Cailein air a ghlaine, agusthug e a ghlaine agusna bha na broinn dha'nTighearna eadar an da shùil.Chuir e an uair-sin alàmh air gualainn na h-ighinn, agus ars' esan;"Am bheil thusa" ars' esandeònach falbh còmhla riùmsa,""O mo roghainn, mo roghainnthusa Chailein", ars' ise "dodh'fhir an domhainn"."Gabh a mach romham matà",ars' esan.Chuir e a nighean a machroimhe agus chàirich e airmuin an eich i, air cùla phage, agus leum efhein air muin an eicheile agus dh'fhalbh e.Ach a nis, a rathad abh' aig na h-eich ri dhol,bha aca ri dhol muncuairt air rathad fada,ach nan gabhadh duinerathad aithghiorra bhiodh eaig an drochaid a bh'air an abhainn greis munruigeadh na h-eich androchaid idir.Agus nuair a ghlan ambodach a shùilean agus afhuair e bruidhinn, an deigha ghloine 's na bhama broinn fhaighinn oChailein."O", ars' esan, "nach ceacharrafhéin dha'm sheachdnar macagus do dh'fhear nabainne", ars' esan, "nuair aleig iad bean-na-bainnseadhair falbh le babhsgaire dodh'aona mhac"."An dà 's fhìor sin", arsam fear bu shine."'S fhìor sin", ars' an dàrnafear, agus labhair iad nabriathran ceudna o fhear gu fear,gus an robh an t-seachdnarmac agus fear na bainnseadhle n' cuid claidhnean rùisgtena seasamh còmhla airmeadhoin an ùrlair.Tharruinn iad air falbh an uairsin, agus ghabh iad anrathad tarsuinn. agus rinn iadan gnothach a Cailein, bhaiad aig an drochaid musdo ràinig e.Nuair a chunnaic Cailein gurobh iad roimhe, se anrud a rinn e, tharruinne suas do bhad coille abha faisg air an drochaidagus chaidh e am falachann a sin."Fanaidh sinn ann a seo," arsesan ris nighean, "aireagal aimhreit sam bith abhi ann; feuch an togiadsan air falbh a macho'n drochaid."Bha Cailein agus a nigheanann a sin, agus cha robhtuar air an fheadhainn abh' air an drochaid falbh.Fear a chanadh gun deachCailein a nùll mar thàagus fear eile a chanadhnach deach e a nullfhathast. Chanadh fear eile',"Tha lorgan an eich adol a nùll ach chaneil gin a tighinn anall."Bha iad ann a sin co-dhiubh,agus bha a mhaduinn asìor tharruinn suas.A nis, aig an tigh, nuaira dh'eirich Montròs, athairChailein, agus a bha egabhail a bhreacaist, bhae a gabhail fadachd doChailein, nach robh eg' eiridh. Dh'fhalbh eagus chaidh e sìos dha'nrùm aige, agus nuair adh'fhosgail e an dorus(agus nuair a dh'fhosgaile an dorus, cha robhsgeul air Cailein."Och ach", ars' esan, "tha mise andiugh gun mhac, airneò", ars'esan, "tha iomadach fear guncheann. Thoiribh a mach aseo dhòmhsa an t-each dubh",ars' esan, "agus gum bithinna falbh feuch am faigh misgeul air Cailein."Chaidh an t-each dubh athoirt a mach do Mhontròs,agus leum e anns an dìollaidagus dh'fhalbh e feuch amfaigheadh e ròs air amhac, Cailein. Nuair a ràinige an drochaid, bhaseachdnar mac na bainnseadh annagus fear na bainnseadh anna sin aig an drochaidroimhe, le an cuidchlaidhnean rùisgte.Dh'fhoighneachd e dhiubh gumodhail"."Am faca sibh", ars' esan, "Caileinmo mhac.""O hó", ars' am fear bu shine,"Chan fhaca sinne Cailein domhac. Càit," ars' esan, "anrobh Cailein do mhac ach annsa robaireachd agus anns amhèirle mar a bha thufhein. Ach", ars' esan, "bh'onnach eil Cailein do mhacagainn, bi do cheann-saan ceartuair againn."Cha do rinn am bodachbochd ach tighinn a nuasbharr muin an eich, aguscheangail an t-srianri meangan craoibhe, agusthug e mach a chlaidheamhagus thoisich e fheinagus Mac an Tighearna aira cheile.Cha robh Mac an Tighearnaa deanamh an gnothach aira bhodach idir, agusnuair a chunnaic càch seo's ann a rachadh andàrna fear ann.Bha am bodach a air nah-iomain chùil air andithis, agus chaidh anuair sin an treas fearris a bhodach. Bhaam bodach gam cumail roimhe,agus 's ann a thuirt anceathramh fear","Matà", ars' esan, "ma se spòrsa th' ann, 's ann a theidmi fhìn ann."Ach nuair a chaidh anceathreamh fear a sàs annsa bhodach, thòisich am bodachbochd air gabhail na h-iomain chùil.Bha Cailein a coimhead orra 'se ann a bhad choilleastar beag bh'on drochaid agusbha faicinn mar a bhacùisean a dol."O", ars' esan, "nach neo-chiontacham bodach bochd bhana chadal anns a leabaidha bhi a dol a challa chìnn air mo shàilleamhsa".Sgnog e a bhoineid ghormmu cheann, agus tharruinne a bhreacan mu mheadhoinagus leum e an abhainnnach deach creutair riamhroimpe ach eun air iteigRug e air dhà ghualainnair athair agus chàirich eair muin an eich aira chùlaibh e."Siuthadaibh a nis", ars' esan,"traoghaibh ar fearg air anfhear a choisinn e." Agusair a cheud sgrìob, thuge an ceann far naceathrair aca. Agus marsin air aghart o fheargu fear gus nach robhair fhàgail beò aigeach am fear a b'òige.Rug e an uair sin aira chlaidheamh agus bhuaile air an fhear a b'òige mun uilinn e, aguschaith e a chlaidheamhfhein as a dhòrn.Rug e an uair sin airchùl cìnn agus air thònbriogais air agus thilge a stigh do sheannchuarraidh a bha aig taobhna h-aibhne e."Falbh thusa a nis", ars' esanris, "dhachaidh gu t-athair, agusma bha mise lag roimhe,gualla gun bhràthair, chaneil do ghualainn sa ach gumath lag a nis.Thill e an uair sin suasdh'an bhad choille far anrobh a nighean."Tha mi cinnteach", ars' esanrithe, "a nighean, nach dochòrd sud riut ach glemheadhonach.""O cha do chòrd", ars' i fhein,"ach mo roghainn thusa aChailein.""Matà, a nis", ars' esan, "feumaidhtu a dhol dhachaidh gut-athair. Bi bliadhna agam-sa",ars' e fhein, "ri a thoirtfo choill, agus tha seachdmìle do dh'airgead ceannorm. Thoiribh sibhse", ars'esan ri athair, "dhachaidh nah-eich, agus faodaidh tusa",ars' esan ris a phage, "adhol dhachaidh còmhla ris.""Cha teid, cha teid", ars' ampage, "far am bi thufhein, bi mise."Cha robh aig Montròs achtilleadh dhachaidh leis nah-eich, agus dh'fhalbhCailein agus am page, agusfar an gabhadh e abhreacaist cha ghabhadh ea dhìnneir agus far angabhadh e a dhìnneir chaghabhadh e a shuipear.Far a nigheadh e anleine, cha tiormaicheadh ei, agus bha e asiubhal mar sin o àitegu àite.Ach an seo, oidhche romhcheann na bliadhna, bhasneachda uamhasach mór annagus cur agus càthadh, aguscha robh fasgadh aigCailein ri fhaotinn annan àite sam bith.Cha robh fios aige gu dea dheanadh e, ach thuirte ris a phage."Matà", ars' esan, "chan eil sinnach aon oidhche o cheann nabliadhna, agus tha mi asmaoinntinn gum faod sinnfeuchainn air tigh air choireiginn.Cha bhi sinn beò a muighleis an t-sìde tha seoco-dhiubh.Dh'fhalbh iad, e fhein agusam page agus leis chodomhain 's a bha ansheachda, bhiodh iad uaireananfodha chun nan glùineanagus air uairibh eile a dh'ionnsaigh nan cruachan, agusam page a falbh as adheaghaidh.Ach nuair a bha iad greismhath a coiseachd, agus anoidhche doirbh 's a sneachdatrom, 's i a cur 's acathadh, thuirt am page riCailein."O a Chailein, a Chailein", ars'esan, "mo mhile beannachdleat. Tha mise air toirtfairis. Tha mi ro sgìth, aguschan urrainn mi a dholceum nas fhaide na seo."O", arsa Cailein, "cùm romhadgreis bheag eile, tha mismaointinn gum bheil mia faicinn solus.""O matà," ars' esan, "nì mimionaid bheag eile".Dh'fhalbh iad, agus bhaiad a coiseachd, agus aseo an ceann greis bheag."O", ars' am page, "chadean mi an gnothach aira dhol nas fhaide.Tha mi air toirt fairisbuileach. Cha dean breugadhan gnothach. Ach momhìle beannachd leat agusfanaidh mise far ambheil mi".Dh'fhalbh Cailein, agus thàinige mun cuairt agus thilge dheth am breacanagus phaisg e am pageanns a bhreacain, aguschàirich e air a dhruimeadar a dhì shlinnein e.Dh'fhalbh e agus bha ea siubhal feadh an t-sneachdamar a b' fheàrr a b' urrainndha, agus air a cheann mudheireadh thuirt e ris aphage."Matà", ars' esan, "tha mi a nisa faicinn solus"."O matà", ars' am page, "faodaidhtu mo leigeil as, o chionnleis na crathaidhean a bhathu toirt orm tha mi anis air fàs cho blàth,agus tha mi a smaointinngun teid agam air coiseachdleam fhìn".Leig e am page sìos a dh'ionnsaigh an làir, agus thòisichiad air coiseachd còmhla, agusa thaobh 's gu robh ansneachd cho trom 's chodùmhail, nuair a sheall iad's ann a bha iad aigan tigh, mar tha.Ghabh Cailein suas a dh'ionnsaighan tighe, agus bhuail eanns an dorus, agus càitan robh e ach aig tighan Tighearna. Nuair a bhuaile an dorus, có athàinig a nuas ach anighean, a dh'fhosgladhan doruis."O, an tu th' ann, a Chailein",ars' ise."O, 's mi", arsa Cailein."O", ars' ise, "am bheil fiosagad gu de an oidhchea th' ann a nochd"."An dà 's ann agam atha brath orra", arsa Cailein,"agus chan ann agad-sa"."O", ars' ise, "tha fios agamgle mhath air a sin,ach am bheil fhios agadgu de de an oidhche ath' ann dheth'n bhliadhna"."Chan eil sian a dh'fhiosam", ars esan, "gu de anoidhche a th' ann dheth'nbhliadhna"."Matà", ars' ise, "tha oidhche nabliadhna ùine, agus chan eilcarraideach neo gaoltach" ars' ise,"aig m' athair nach eil cruinncòmhla aig anns an t-seòmar.""Ma thà ma thogair", arsaCailein, "ach gabh thusa", ars'esan ris a nighinn, "cùramdha'n phage agam-sa, agusna leig le duine sambith meur a chur air,air neo ma theid", ars' esan,"cha bhi ceann air amhaichagaibh a màireach""Theid", ars' ise, "mise an airedha gun teagamh, agusbheirinn an aire dhut fheincuideachd nan gealladh tudhomh mo chomhairle a ghabhail,agus fuireach modhail"."An dà", arsa Cailein, "'s mifhuair còir air gealltainn abhi modhail"."O matà", ars' ise, thig astigh.Chaidh iad a stigh. Agusrinn i biadh agus bha deochgu leòr aca còmhla ris,agus teine mór briagha airam beulaibh.Bha Cailein a fàs blàth leisleis an teine agus leis an deocha bha e air fhaotinn,ach cha chluinneadh e gutha tighinn a nuas as ant-seòmar anns an robhna daoine cruinn ach:"Cailein Mac Mhontròis! Càitam bheil e: Mac an fhirud, nam biodh e agamchan eil fhios gu de adheanainn air."Bha an aon duan seo aiga h-uile fear riamh nabheul."Matà", arsa Cailein, "tha mismaointinn nach eisd miriutha nas fhaide. Theidmi", ars' esan, "sìos do'mchuideachd"."O a Chailein, a Chailein," ars'a nighean, "an e seoan gealltanas"."Gealltanas ann neo as", arsaCailein, "tha mise dol do'mchuideachd.""Ma thà", ars' ise, "fuirich anna sin gus an teid misea stigh romhad.""Nì mi sin, arsa Cailein, "rudsam bith a dh'iarras tuorm."Dh'fhalbh a nighean agus chaidhi gu dorus an t-seòmairagus dh'fhosgail an dorus."O", ars' a h-athair, nuaira nochd i anns an dorus"nach daobhaidh an oidhche ath' ann a nochd a nighean"."Chan fhaod a bhith", ars' ise,"gu bheil i daobhaidh aigfeadhainn a tha g' itheadh 'sa g' òl ann a seòmar."B' shuarach", ars' ise, "air anfhear a chunnaic mi adol seachad le bhoineidchocte ghuirm, 's le feileadhbeag 's le a bhreacanguailleadh, bu shuarach air anoidhche nochd a chothachadh"ars' i fhein, "agus cidheacheandha'n t-sneachd ann anglaic gach sleisneadh aige.""Có bha sin a nighean", arsaesan."Có", ars' ise a b' iongataicheleibh a bhi ann"."O", ars' esan, "Cailein MacMhontròis"."O", arsa fear mór do Shasunnachdhe na bha a stigh annsa chuideachd, "càit' am bheile, mas an fhir ud,agus gun deanainn a leithidseo air".Chuir Cailein a stigh gob achlaidheamh air an dorus."Chan eil a bhalaich", ars'esan, "mi fad sam bithbhuat. Bi mi agad anceartuair".Phut e a stigh an dorusroimhe, agus tharruinn ea chlaidheamh, agus amfear a bha a bheulfosgailte cha do dhùin ee agus am fear a bha shuileandùinte cha do dh'fhosgaile iad leis an eagala ghabh iad romh Chailein"O do shìth, do shìth a Chailein",ars' a h-athair, "seo dhutair laimh i.""O fhior choin", arsa Cailein,"nam b' urrainn dhut a cumailbhuam cha bhiodh i agamAch falbh thusa", ars' esanrithe se, "agus cuir ort ant-aodach is blaithe a th'agad, agus gum biodh tua falbh as a seo".Dh'fhalbh a nighean aguschuir i uimpe an t-aodacha b' fheàrr a bh' aice,agus dh'fhalbh i comhlari Cailein agus ris aphage. Ach cha deach iastar mór sam bith nuaira thug i fairis.B' fheudar do Chailein breithoirre agus a roladh annsa bhreacan, agus a tarruinnair a mhuin gus antàinig e ann am fianuisan tighe.Nuair a nochd e ris antigh, dh'eubh na searbhantanagus a luchd-muinntir a bh'aig a bhodach gu robhCailein a tighinn.Dh'eirich Montròs, agus e aira leabaidh o'n a dh'fhalbhCailein, agus chuir e uimeaodach, agus dh'fhalbh eann an coinneamh Chailein.Nuair a thachair iad;"An e seo i", arsa Montròs."'S i a th' ann a seo",arsa Cailein."O matà," ars' athair ris,"ged bu bhana-cheard i,'s e a beatha a stighdhachaidh an seo"Thàinig iad uile a stighagus beagan uine na dheighsin, chaidh Cailein agusnighean an Tighearna aphòsadh, agus bha iadgu dòigheil còmhla anna sin tuilleadh.Agus dhealaich mise riutha.