Archival Reference

SSSA/TA/RM028

School of Scottish Studies SA1963.067.B1

Transcript

AI
Donald John MacDonald
Peninerine South Uist
22nd January 1955.
Mary Ann Mac Innes
Stilligarry
Housewife
Stilligarry , South Uist
Her Father
45
Stilligarry, South Uist.
65
Bha sud ann mat, Tighearna
Mór Sasunnach, agus bha
seachdnar mhac agus aon nighean
aige, agus bha e ann
an crìch ri tuathanach ris
an canadh iad Montròs.
Agus bha gràin mhór aig an
Tighearna air Montròs, cha robh
aige ach aon ghille, agus
bha e daonnan a g'
ràdha gum bu lag
guallann gun bhràthair.
A nis, bha Cailean, Mac
Mhontròis, agus nighean an
Tighearna, uamhasach fhein
àraid. Bha iad a dol
còmhla d'on sgoil agus
bha iad a dol comhla
do cholaiste, 's bha iad
uamhasach àraid ri cheile,
ach bha gràinn mhór
aig an Tighearna air Cailein.
Bha an seo nuair a
bha iad a mach as
a cholaiste, bhiodh Cailein
a sealgaireachd, 's a
faighinn gadan do dh'
eoin bheaga laghacha, agus
ga'n toirt do nighean
an Tighearna, agus bha
iad a cumail suas
ri cheile mar sin.
Ach gun fhios dh'an
bhodach. Ach an seo,
thàinig Sasunnaich a rathad
an Tighearna, agus 's ann
a ghabh fear aca
geall mor air nighean
an Tighearna, agus se
bun a bh' ann, gun do
dh'iarr e an nighean air
an Tighearna gus a pòsadh.
O 's esan a gheibheadh
sin, bha an Tighearna
coma o'n t-saoghal ach a
seachnadh air Cailein Mhontròis
agus 's ann a rinn iad
suas gum pòsadh iad ann
an ceann na bliadhna.
Ach cha do ghràinich sin
Cailein idir air nighean an
Tighearna. Bhiodh e a
dol ga coimhead daonnan
mar bha e roimhe
agus nuair a thàinig ceann
na bliadhna, agus a chaidh
a bhainis a chur air
dòigh, chuir an Tighearna
fiadhachadh gu gach duine
a bha fada as agus
goirid dha ach Cailein
mac Mhontròis, agus cha
do dh'fhiadhaich e idir
e.
A nis, ghabh Montròs, athar
Chailein, tàmailt mhór mar
a rinn an Tighearna air
Cailein, agus dh'fhalbh e
agus se an rud a
rinn e, cruinneachadh do
chuirm mhòir, agus thug e
biadh dha'n h-uile duine
bha mun cuairt dhe
na nàbuidhean, agus bha
e g' ràdh, "Nuair a
bhios banais Chailein againn,"
ars' esan, "bheir i seachd
latha agus seachd oidhche
a dol."
Bha a chuirm a dol gus
an robh e pìos math
dheth 'n oidhche, agus
sgaoil iad an uair sin
agus chaidh a h-uile
duine gu an dachaidhean
fhein.
Thuirt athair an sin ri
Cailein.
"Falbh a nis", ars' esan, "
chadal".
Dh'fhalbh e fhein agus
ghlas e an dorus nuair
a chaidh Cailein a stigh
dha'n rùm.
Ach nuair a dh'fhairich Cailein
gu robh athair air a dhol
sìos as a rathad, thuirt
e ris a phage.
"Thugainn", ars' esan, agus
èireadhmaid, agus cuireamaid umainn
agus théid sinn a dh'
ionnsaigh na bainnseadh
"O", ars' am page, "gu de
mar a theid mise chun
na bainnseadh, agus t-athair
an deigh an dorus a
ghlasadh."
"O ma ghlas m' athair an
dorus", arsa Cailean, "cha do
ghlas e an uinneag. Eirich
thusa", ars' esan, "agus bheir
a mach na h-eich."
Dh'eirich am page, agus
chaidh e mach dha 'n
stàbla, agus fhuair e
air dòigh na h-eich.
Thug e mach as an
stàbla iad, agus thug e
nall chun na h-uinneig
iad, agus a mach a
bha Cailein air an uinneig,
agus air muin nan each
nan dithis a ghabh iad
agus tharruing iad chun na
bainnseadh.
Nuair a ràinig iad tigh
na bainnseadh, bha nighean
an Tighearna agus i a
dol ga pòsadh, agus an
Sasunnach agus h-athair
agus a bràithrean uile
còmhla ann an ceann
an t-seòmair.
Nuair a nochd Cailein a
stigh do thigh na bainnseadh
thuirt an Tighearna.
"Mìle fàilte ort fhein," ars'
esan, a Chailein mhic
Mhontròis, 's e t-aghaidh," ars'
esan, "aghaidh is fheàrr
leum fhaicinn ann a seo
a nochd.
"Cha do chuir mi", ars' esan,
a cheud fhiadhachadh ugad."
Ach", ars' esan, "bha fios
agam gu robh urad
dha'n tàmailt annad 's nach
gabhadh tu am fear mu dheireadh."
Cha do rinn Cailein agus gabhail
suas, agus nuair a ràinig
e far an robh an Tighearna
"Seo", ars' an Tighearna, "òl
an deoch seo air mo
shlàinte sa."
Rug Cailein air a ghlaine, agus
thug e a ghlaine agus
na bha na broinn dha'n
Tighearna eadar an da shùil.
Chuir e an uair-sin a
làmh air gualainn na h-
ighinn, agus ars' esan;
"Am bheil thusa" ars' esan
deònach falbh còmhla riùmsa,"
"O mo roghainn, mo roghainn
thusa Chailein", ars' ise "do
dh'fhir an domhainn".
"Gabh a mach romham matà",
ars' esan.
Chuir e a nighean a mach
roimhe agus chàirich e air
muin an eich i, air cùl
a phage, agus leum e
fhein air muin an eich
eile agus dh'fhalbh e.
Ach a nis, a rathad a
bh' aig na h-eich ri dhol,
bha aca ri dhol mun
cuairt air rathad fada,
ach nan gabhadh duine
rathad aithghiorra bhiodh e
aig an drochaid a bh'
air an abhainn greis mun
ruigeadh na h-eich an
drochaid idir.
Agus nuair a ghlan am
bodach a shùilean agus a
fhuair e bruidhinn, an deigh
a ghloine 's na bha
ma broinn fhaighinn o
Chailein.
"O", ars' esan, "nach ceacharra
fhéin dha'm sheachdnar mac
agus do dh'fhear na
bainne", ars' esan, "nuair a
leig iad bean-na-bainnseadh
air falbh le babhsgaire do
dh'aona mhac".
"An dà 's fhìor sin", ars
am fear bu shine.
"'S fhìor sin", ars' an dàrna
fear, agus labhair iad na
briathran ceudna o fhear gu fear,
gus an robh an t-seachdnar
mac agus fear na bainnseadh
le n' cuid claidhnean rùisgte
na seasamh còmhla air
meadhoin an ùrlair.
Tharruinn iad air falbh an uair
sin, agus ghabh iad an
rathad tarsuinn. agus rinn iad
an gnothach a Cailein, bha
iad aig an drochaid mus
do ràinig e.
Nuair a chunnaic Cailein gu
robh iad roimhe, se an
rud a rinn e, tharruinn
e suas do bhad coille a
bha faisg air an drochaid
agus chaidh e am falach
ann a sin.
"Fanaidh sinn ann a seo," ars
esan ris nighean, "air
eagal aimhreit sam bith a
bhi ann; feuch an tog
iadsan air falbh a mach
o'n drochaid."
Bha Cailein agus a nighean
ann a sin, agus cha robh
tuar air an fheadhainn a
bh' air an drochaid falbh.
Fear a chanadh gun deach
Cailein a nùll mar thà
agus fear eile a chanadh
nach deach e a null
fhathast. Chanadh fear eile',
"Tha lorgan an eich a
dol a nùll ach chan
eil gin a tighinn a
nall."
Bha iad ann a sin co-dhiubh,
agus bha a mhaduinn a
sìor tharruinn suas.
A nis, aig an tigh, nuair
a dh'eirich Montròs, athair
Chailein, agus a bha e
gabhail a bhreacaist, bha
e a gabhail fadachd do
Chailein, nach robh e
g' eiridh. Dh'fhalbh e
agus chaidh e sìos dha'n
rùm aige, agus nuair a
dh'fhosgail e an dorus
(agus nuair a dh'fhosgail
e an dorus, cha robh
sgeul air Cailein.
"Och ach", ars' esan, "tha mise an
diugh gun mhac, airneò", ars'
esan, "tha iomadach fear gun
cheann. Thoiribh a mach a
seo dhòmhsa an t-each dubh",
ars' esan, "agus gum bithinn
a falbh feuch am faigh mi
sgeul air Cailein."
Chaidh an t-each dubh a
thoirt a mach do Mhontròs,
agus leum e anns an dìollaid
agus dh'fhalbh e feuch am
faigheadh e ròs air a
mhac, Cailein. Nuair a ràinig
e an drochaid, bha
seachdnar mac na bainnseadh ann
agus fear na bainnseadh ann
a sin aig an drochaid
roimhe, le an cuid
chlaidhnean rùisgte.
Dh'fhoighneachd e dhiubh gu
modhail".
"Am faca sibh", ars' esan, "Cailein
mo mhac."
"O hó", ars' am fear bu shine,
"Chan fhaca sinne Cailein do
mhac. Càit," ars' esan, "an
robh Cailein do mhac ach anns
a robaireachd agus anns a
mhèirle mar a bha thu
fhein. Ach", ars' esan, "bh'on
nach eil Cailein do mhac
againn, bi do cheann-sa
an ceartuair againn."
Cha do rinn am bodach
bochd ach tighinn a nuas
bharr muin an eich, agus
cheangail an t-srian
ri meangan craoibhe, agus
thug e mach a chlaidheamh
agus thoisich e fhein
agus Mac an Tighearna air
a cheile.
Cha robh Mac an Tighearna
a deanamh an gnothach air
a bhodach idir, agus
nuair a chunnaic càch seo
's ann a rachadh an
dàrna fear ann.
Bha am bodach a air na
h-iomain chùil air an
dithis, agus chaidh an
uair sin an treas fear
ris a bhodach. Bha
am bodach gam cumail roimhe,
agus 's ann a thuirt an
ceathramh fear",
"Matà", ars' esan, "ma se spòrs
a th' ann, 's ann a theid
mi fhìn ann."
Ach nuair a chaidh an
ceathreamh fear a sàs anns
a bhodach, thòisich am bodach
bochd air gabhail na h-
iomain chùil.
Bha Cailein a coimhead orra 's
e ann a bhad choille
astar beag bh'on drochaid agus
bha faicinn mar a bha
cùisean a dol.
"O", ars' esan, "nach neo-chiontach
am bodach bochd bha
na chadal anns a leabaidh
a bhi a dol a chall
a chìnn air mo shàilleamh
sa".
Sgnog e a bhoineid ghorm
mu cheann, agus tharruinn
e a bhreacan mu mheadhoin
agus leum e an abhainn
nach deach creutair riamh
roimpe ach eun air iteig
Rug e air dhà ghualainn
air athair agus chàirich e
air muin an eich air
a chùlaibh e.
"Siuthadaibh a nis", ars' esan,
"traoghaibh ar fearg air an
fhear a choisinn e." Agus
air a cheud sgrìob, thug
e an ceann far na
ceathrair aca. Agus mar
sin air aghart o fhear
gu fear gus nach robh
air fhàgail beò aige
ach am fear a b'
òige.
Rug e an uair sin air
a chlaidheamh agus bhuail
e air an fhear a b'
òige mun uilinn e, agus
chaith e a chlaidheamh
fhein as a dhòrn.
Rug e an uair sin air
chùl cìnn agus air thòn
briogais air agus thilg
e a stigh do sheann
chuarraidh a bha aig taobh
na h-aibhne e.
"Falbh thusa a nis", ars' esan
ris, "dhachaidh gu t-athair, agus
ma bha mise lag roimhe,
gualla gun bhràthair, chan
eil do ghualainn sa ach gu
math lag a nis.
Thill e an uair sin suas
dh'an bhad choille far an
robh a nighean.
"Tha mi cinnteach", ars' esan
rithe, "a nighean, nach do
chòrd sud riut ach gle
mheadhonach."
"O cha do chòrd", ars' i fhein,
"ach mo roghainn thusa a
Chailein."
"Matà, a nis", ars' esan, "feumaidh
tu a dhol dhachaidh gu
t-athair. Bi bliadhna agam-sa",
ars' e fhein, "ri a thoirt
fo choill, agus tha seachd
mìle do dh'airgead ceann
orm. Thoiribh sibhse", ars'
esan ri athair, "dhachaidh na
h-eich, agus faodaidh tusa",
ars' esan ris a phage, "a
dhol dhachaidh còmhla ris."
"Cha teid, cha teid", ars' am
page, "far am bi thu
fhein, bi mise."
Cha robh aig Montròs ach
tilleadh dhachaidh leis na
h-eich, agus dh'fhalbh
Cailein agus am page, agus
far an gabhadh e a
bhreacaist cha ghabhadh e
a dhìnneir agus far an
gabhadh e a dhìnneir cha
ghabhadh e a shuipear.
Far a nigheadh e an
leine, cha tiormaicheadh e
i, agus bha e a
siubhal mar sin o àite
gu àite.
Ach an seo, oidhche romh
cheann na bliadhna, bha
sneachda uamhasach mór ann
agus cur agus càthadh, agus
cha robh fasgadh aig
Cailein ri fhaotinn ann
an àite sam bith.
Cha robh fios aige gu de
a dheanadh e, ach thuirt
e ris a phage.
"Matà", ars' esan, "chan eil sinn
ach aon oidhche o cheann na
bliadhna, agus tha mi a
smaoinntinn gum faod sinn
feuchainn air tigh air choireiginn.
Cha bhi sinn beò a muigh
leis an t-sìde tha seo
co-dhiubh.
Dh'fhalbh iad, e fhein agus
am page agus leis cho
domhain 's a bha an
sheachda, bhiodh iad uaireanan
fodha chun nan glùinean
agus air uairibh eile a dh'
ionnsaigh nan cruachan, agus
am page a falbh as a
dheaghaidh.
Ach nuair a bha iad greis
mhath a coiseachd, agus an
oidhche doirbh 's a sneachda
trom, 's i a cur 's a
cathadh, thuirt am page ri
Cailein.
"O a Chailein, a Chailein", ars'
esan, "mo mhile beannachd
leat. Tha mise air toirt
fairis. Tha mi ro sgìth, agus
chan urrainn mi a dhol
ceum nas fhaide na seo.
"O", arsa Cailein, "cùm romhad
greis bheag eile, tha mi
smaointinn gum bheil mi
a faicinn solus."
"O matà," ars' esan, "nì mi
mionaid bheag eile".
Dh'fhalbh iad, agus bha
iad a coiseachd, agus a
seo an ceann greis bheag.
"O", ars' am page, "cha
dean mi an gnothach air
a dhol nas fhaide.
Tha mi air toirt fairis
buileach. Cha dean breugadh
an gnothach. Ach mo
mhìle beannachd leat agus
fanaidh mise far am
bheil mi".
Dh'fhalbh Cailein, agus thàinig
e mun cuairt agus thilg
e dheth am breacan
agus phaisg e am page
anns a bhreacain, agus
chàirich e air a dhruim
eadar a dhì shlinnein e.
Dh'fhalbh e agus bha e
a siubhal feadh an t-sneachda
mar a b' fheàrr a b' urrainn
dha, agus air a cheann mu
dheireadh thuirt e ris a
phage.
"Matà", ars' esan, "tha mi a nis
a faicinn solus".
"O matà", ars' am page, "faodaidh
tu mo leigeil as, o chionn
leis na crathaidhean a bha
thu toirt orm tha mi a
nis air fàs cho blàth,
agus tha mi a smaointinn
gun teid agam air coiseachd
leam fhìn".
Leig e am page sìos a dh'
ionnsaigh an làir, agus thòisich
iad air coiseachd còmhla, agus
a thaobh 's gu robh an
sneachd cho trom 's cho
dùmhail, nuair a sheall iad
's ann a bha iad aig
an tigh, mar tha.
Ghabh Cailein suas a dh'ionnsaigh
an tighe, agus bhuail e
anns an dorus, agus càit
an robh e ach aig tigh
an Tighearna. Nuair a bhuail
e an dorus, có a
thàinig a nuas ach a
nighean, a dh'fhosgladh
an doruis.
"O, an tu th' ann, a Chailein",
ars' ise.
"O, 's mi", arsa Cailein.
"O", ars' ise, "am bheil fios
agad gu de an oidhche
a th' ann a nochd".
"An dà 's ann agam a
tha brath orra", arsa Cailein,
"agus chan ann agad-sa".
"O", ars' ise, "tha fios agam
gle mhath air a sin,
ach am bheil fhios agad
gu de de an oidhche a
th' ann dheth'n bhliadhna".
"Chan eil sian a dh'fhios
am", ars esan, "gu de an
oidhche a th' ann dheth'n
bhliadhna".
"Matà", ars' ise, "tha oidhche na
bliadhna ùine, agus chan eil
carraideach neo gaoltach" ars' ise,
"aig m' athair nach eil cruinn
còmhla aig anns an t-seòmar."
"Ma thà ma thogair", arsa
Cailein, "ach gabh thusa", ars'
esan ris a nighinn, "cùram
dha'n phage agam-sa, agus
na leig le duine sam
bith meur a chur air,
air neo ma theid", ars' esan,
"cha bhi ceann air amhaich
agaibh a màireach"
"Theid", ars' ise, "mise an aire
dha gun teagamh, agus
bheirinn an aire dhut fhein
cuideachd nan gealladh tu
dhomh mo chomhairle a ghabhail,
agus fuireach modhail".
"An dà", arsa Cailein, "'s mi
fhuair còir air gealltainn a
bhi modhail".
"O matà", ars' ise, thig a
stigh.
Chaidh iad a stigh. Agus
rinn i biadh agus bha deoch
gu leòr aca còmhla ris,
agus teine mór briagha air
am beulaibh.
Bha Cailein a fàs blàth leis
leis an teine agus leis an deoch
a bha e air fhaotinn,
ach cha chluinneadh e guth
a tighinn a nuas as an
t-seòmar anns an robh
na daoine cruinn ach:
"Cailein Mac Mhontròis! Càit
am bheil e: Mac an fhir
ud, nam biodh e agam
chan eil fhios gu de a
dheanainn air."
Bha an aon duan seo aig
a h-uile fear riamh na
bheul.
"Matà", arsa Cailein, "tha mi
smaointinn nach eisd mi
riutha nas fhaide. Theid
mi", ars' esan, "sìos do'm
chuideachd".
"O a Chailein, a Chailein," ars'
a nighean, "an e seo
an gealltanas".
"Gealltanas ann neo as", arsa
Cailein, "tha mise dol do'm
chuideachd."
"Ma thà", ars' ise, "fuirich ann
a sin gus an teid mise
a stigh romhad."
"Nì mi sin, arsa Cailein, "rud
sam bith a dh'iarras tu
orm."
Dh'fhalbh a nighean agus chaidh
i gu dorus an t-seòmair
agus dh'fhosgail an dorus.
"O", ars' a h-athair, nuair
a nochd i anns an dorus
"nach daobhaidh an oidhche a
th' ann a nochd a nighean".
"Chan fhaod a bhith", ars' ise,
"gu bheil i daobhaidh aig
feadhainn a tha g' itheadh 's
a g' òl ann a seòmar.
"B' shuarach", ars' ise, "air an
fhear a chunnaic mi a
dol seachad le bhoineid
chocte ghuirm, 's le feileadh
beag 's le a bhreacan
guailleadh, bu shuarach air an
oidhche nochd a chothachadh"
ars' i fhein, "agus cidheachean
dha'n t-sneachd ann an
glaic gach sleisneadh aige."
"Có bha sin a nighean", arsa
esan.
"Có", ars' ise a b' iongataiche
leibh a bhi ann".
"O", ars' esan, "Cailein Mac
Mhontròis".
"O", arsa fear mór do Shasunnach
dhe na bha a stigh anns
a chuideachd, "càit' am bheil
e, mas an fhir ud,
agus gun deanainn a leithid
seo air".
Chuir Cailein a stigh gob a
chlaidheamh air an dorus.
"Chan eil a bhalaich", ars'
esan, "mi fad sam bith
bhuat. Bi mi agad an
ceartuair".
Phut e a stigh an dorus
roimhe, agus tharruinn e
a chlaidheamh, agus am
fear a bha a bheul
fosgailte cha do dhùin e
e agus am fear a bha shuilean
dùinte cha do dh'fhosgail
e iad leis an eagal
a ghabh iad romh Chailein
"O do shìth, do shìth a Chailein",
ars' a h-athair, "seo dhut
air laimh i."
"O fhior choin", arsa Cailein,
"nam b' urrainn dhut a cumail
bhuam cha bhiodh i agam
Ach falbh thusa", ars' esan
rithe se, "agus cuir ort an
t-aodach is blaithe a th'
agad, agus gum biodh tu
a falbh as a seo".
Dh'fhalbh a nighean agus
chuir i uimpe an t-aodach
a b' fheàrr a bh' aice,
agus dh'fhalbh i comhla
ri Cailein agus ris a
phage. Ach cha deach i
astar mór sam bith nuair
a thug i fairis.
B' fheudar do Chailein breith
oirre agus a roladh anns
a bhreacan, agus a tarruinn
air a mhuin gus an
tàinig e ann am fianuis
an tighe.
Nuair a nochd e ris an
tigh, dh'eubh na searbhantan
agus a luchd-muinntir a bh'
aig a bhodach gu robh
Cailein a tighinn.
Dh'eirich Montròs, agus e air
a leabaidh o'n a dh'fhalbh
Cailein, agus chuir e uime
aodach, agus dh'fhalbh e
ann an coinneamh Chailein.
Nuair a thachair iad;
"An e seo i", arsa Montròs.
"'S i a th' ann a seo",
arsa Cailein.
"O matà," ars' athair ris,
"ged bu bhana-cheard i,
's e a beatha a stigh
dhachaidh an seo"
Thàinig iad uile a stigh
agus beagan uine na dheigh
sin, chaidh Cailein agus
nighean an Tighearna a
phòsadh, agus bha iad
gu dòigheil còmhla ann
a sin tuilleadh.
Agus dhealaich mise riutha.
Transcribed using automated handwriting recognition technology as part of the Decoding Hidden Heritages project.