Tras-scríbhinn

IS
67
Calum I. Mac Ghille Eathain
Griminis, Beinne bhFadhla
Bheinne bhFadhla
Bheinne bhFadhla
Ionbhar-nis
4/5 : XI : '43
Aonghuis Mhic Ghille Mhaoil
75
talmhaidhe
Ghrìminis, Beinne bhFadhla
sin
sgéal
athair, Calum
30
95
Griminis,
Aonghus Barrach a d' innis:
A.T. 566
4/5 : XI : '48.
A' Saighdear a theich as an arm.
Bha siod ann saighdear agas
cha robh e anabarrach fhéin toilite a's
an arm idir. Ach bha e a' studaigeadh
cearst gu leòr gu fiachadh e ri teicheadh
uair na uair eigin. Bha a shùil a
mach daonnan, daonnan fiach gu dé an
dòigh a b' fhearr a dhèarradh e
air son falabh gun fhiosda. Cha do
dh'innis e do dhuine. Ach studaig
e a seo, o'n a bhitheadh e air
68
419.
geàrsd gum b' e seo an t-am. Seo mar a
bha. 'N uair a chuireadh gon a gheàrsd
e, dh'fhalabh mo laochan agas bhitheadh
ùine gu leòr aige m' an ligeadh a' fear
eile air son a reilìobhadh. Dh'fhalabh
e agas chum e roimhe air feadh na
h-oidhcheadh. 'N uair a bha a' latha
air tighinn, bha e pìos math air
falabh ach air na h-òrsdain a' là
'r-na-mhàireach cha robh sgial air an
fhear a bh' air geàrsd. Cha robh fhios
gu dé dh'éirich dhà. Bha iad ag
"enquireadh" m'an cuairst a fac(hc)adh
e. Cha robhthar 'ga fhaic(hc)inn. Ach
shnõtadh a mach co dhiubh nach robh
e uile toilite a's an aram agas
gu robh e air son "slipeadh" bhuaithe.
Rinn iad a mach gur h-e teicheadh
a rinn e agas dh'fhalabh corpolair
agas fear singilte as a dheadhaidh.
Bha esan a nisd air pìos math a
dhèanamh agas bha e a' faighinn biadh
thall is a bhos. 'N uair a bha e
pìos math air falabh smaointich e an
uair san gun cumadh e (h)rõimhe
ẽ.
a latha is a dh'oidhche agas
gun dèanadh e an t-astar na b' fhearr.
149.
69
Seo mar a rinn e. Bha e cunntais
lathaichean a' coiseachd agas cunntais oidhchean.
Ach a' latha a bh' ann a seo
co dhiubh agas e gu math sgìth,
chuala e brag pònaidh as a dheadhaidh
air a' rathad agas sheall e agas gu
dé an truaighe a bha seo ach
corpolair agas saighdear singile comhla
ris:
"A! well, ors esan, "tha t-seansa", ors esan,
gu bheil mise", ors esan, "air mo ghlac(hc)adh"
"Chlose" iad suas ri thaobh agas thuirst
iad:
"C' àite", ors an corpolair, ors esan, "a bheil thu
a' dol?"
"An dà, ors esan, "chan 'eil sìon a
dh'fhios 'm."
"Gu dé thug orst", ors esan, "teicheadh".
"An dà thug", ors esan, "nach b' urrainn
domh a bhith beò. Chan 'eil biadh againn
'ga fhaighinn," ors esan. "Chan 'eil tuarasdal
againn 'ga fhaighinn", ors esan. "Tha sinn.
'nar sléibheachan "(slaves)" ann a shin againn",
ors esan, "'gar drilleadh", ors esan, "mar gum
bitheadh na coin. Chan 'eil mios a' choin
oirnn."
"O! ma tha", ors esan, "ma bha drill (h)roimhe
ĩ.
144.
70
orst" ors esan", 's ann a bhios an drilleadh
an dràsda."
"An dà," ors esan, "tha siu péin glé shuarach
cuideachd", ors esan, "dol a thilleadh dha'n
àite", ors esan, "nach fanadh coin fhéin
beò ann gun tighinn air na daoine nan
gabha siu mo chomhairle-sa dh'fhalaadh
siu comhla rium fhìn. Cha till mise
idir", ors esan, "agas tha e a
chearst cho math dhaoi'-se," ors esan,
"fala comhl' rium. Doch gum bidh",
ors esan," rud eigin de "life" againn
co dhiubh," ors esan, "'n uair a bhios
ar toil fhìn againn. Chan 'eil math
dhut bruidhinn ri duine", ors esan, "na
coimhead air", ors esan, "a's an dà
shùil ach thu a bhith a chearst
cho similidh", ors esan, "ri rodan a
bhitheadh aig cat eadar a spogan
agas gabha sì-se mo chomhairle-sa", ors
esan. "Bho'n a tha sinn cho fada air
falabh o na barracks", ors esan, "leanu
sinn a chéile", ors esan.
"O! an dà", ors an corpolar, ors esan, "cha
dean sin an grõthach", ors esan. "Feuma
mise," ors esan, "tilleadh," ors esan, "agas thusa
a thoir' liom."
71
145
"An dà," ors esan, "cha till mise leat", ors esan,
"agas gabh mo chomhairle," ors esan "agas
bidh sinn glé dhòigheil," ors esan: "'n uair a
gheibh sinn obair", ors esan, "bidh sinn
comhla aic(hc)e", ors esan, "agas nì sinn dà
leith", ors esan, "roinn air a chuile
sgillinn a bhios againn", ors esan, "gus
a faigh a' fear ma dheireadh a
chuid agas gabh thusa mo chomhairle-s': ors
esan, "agas bidh ann glé mhath dheth."
Agas dh'obraich e an corpolair co
dhiubh gus na dh'aontach e falabh
comhla ris:
"Very well, ma tha", ors esan, "chan 'eil dùil
'm", ors esan, "nach falabh mi comhla
riut agas", ors esan, "chan fhaigh iad greim
oirnn idir", ors esan. "Tha na ponaidhean
againn", ors esan, "agas falaa sinn gu
sgoinneil leotha", ors esan. "Chan fhalabh
feadhainn eile as ar deadhaidh", ars esan,
"gus an toir iad dùil fairis", ors esan,
"gun till sinne agas bidh à-sin an
uair sin fadalach."
'S e Iain an t-ainim a bh' air a'
ghille, a' chiad fhear a dh'fhalabh, agas
bha e glé thoilite:
"Thig", ors esan, "air mo chulu-sa," ors an
146
72
corpolair:
"O!", ors esan, "bheir sinn an t-urram
dhut fhéin", ors esan, "gum bidh an
t-each agat dhut fhéin," ors esan, "agas
théid mi air culu a' ghille eile a
th' ann a seo."
Bha eagal air Iain cearst gu
leòr na rachadh e air cùl a'
chorpolair gun tionndadh e m'an cuairst,
agas gun toireadh e aghaidh air na
barracks. Ach gad a thionndadh a' fear
eile m'an cuairst: dhèanadh e an
grõthach air an fhear eile air son gum
bitheadh e "cleur" is e. Chaidh e air
cùlu a' ghille eile, air cùl an eich
a bh' aige agas dh'fhalabh iad. Bha
iad a' cumail ro(m)pa agas dh'fhoghain
iad sin, gu sgoinneil air na h-eich. Ach
chunnaic iad a sin taighean bòidheach,
bòidheach air a' rathad:
"Well," ors Iain, ors esan, "tha an t-acras
oram fhìn", ors esan, "agas 's fhada nach
do dh'ith mi biadh", ors esan, "agas
chan 'eil dùil 'm," ors esan, "nach téid
sinn gon an taighe a th' ann a
seo," ors esan, "agas iarra sinn biadh ann."
"An dà," ors an corpplair, ors esan, "chan 'eil
73
mi fhìn falamh dheth cuideachd", ors esan. "Cha
do dh'ith mi biadh", ors esan, "o dh'fhàg
mi na barracks."
Rànaig iad an taigh a bh' ann bha
sheo agas chan fhac(hc)a iad taigh riamh
a bha cho boidheach ris, ri taobh a'
rathaid. Chaidh iad gon an taighe is
thànaig iad far mun nam pònaidhean
agas chẽail iad na pònaidhean agas
bha an dorus fosgailte. Chaidh iad a
staigh dha'n taigh. Bha teine briagha
a staigh ann a shin a' gabhail agas
trustachan m'an cuairst air. Cha robh aon
duine ann:
"Well", ors Iain, os esan, "tha seo neònach",
ors esan. "Nach ann a seo a tha an
aon taigh is bòidhche a chunna mi
riamh," ors esan, "a muigh 's a staigh",
ors esan, "agas", ors esan, "chan 'eil
col(t)as air duine."
Ach chunnaic iad dorus shuas:
"Tha col(t)as doruis a siod", ors esan, "agas
's dòcha gu bheil cuid eigin shuas a's
a' rum a tha sin. 'S ann a théid
mi suas", ors esan, "gon an doruis
agas fosglaidh mi e agas", ors esan,
"ma tha duine ann", ors esan, "iarra
113
114
74
mi biadh air."
Dh'fhalabh e gon an doruis agas
bha càch 'ga chasg. Cha chaisgeadh iad
Iain idir. Dh'fhosgail e an dorus agas
bha bòrsd ann a shin a b' àille a
chunnaic e riamh agas a chuile seòrsa
a smaoin(t)eacheadh e de bhiadh air
agas trì sẽithrichean timicheall air a'
bhòrsd.
"Well, fhearu", ors esan, "tha bòrsd a seo",
ors esan, "agas tha a chuile seòrsa bidhidh
air", ors esan, "agas thigiu a nuas", ors
esan, "agas gun gabhamaid am biadh, co
dhiubh," ors esan. "Biodh ar brù làn", ors
esan, "brith dé thig oirnn", ors esan, "gum
bidh sinn na's làidire", ors esan, "air
guaillean a' chéile air son am batal
a sheasamh."
"O! thig a nuas as a sin", ors an corpolair,
"gus a faigh thu òrdan."
"An dà, tha òrsdan gu leòr agam", ors
esan, "mo bhrù a lìonadh", ors esan, "agas i
gu math feumach air. Mar a tig sì-se",
ors esan, "tha mise a' dol a shuidhe
sìos."
Seo mar a bha co dhiubh. Shuidh Iain
agas theann e air a bhiadh. 'N uair a
115
75
chunnaic càch nach robh Iain a' dol a ghabhail
comhairle chaidh iad fhéin suas agas shuidh
iad aig a' bhorsd agas ghabh iad am
biadh agas ghabh iad gu math a 'n uair
a ghabh iad am biadh thànaig iad a
nuas. Bha iad treis a staigh:
"Chan 'eil dùil 'm", ors Iain, "gu fala
sinn a nochd as an àite sa", ors esan,
"agas théid sinn a mach a shealltainn",
ors esan," m'an cuairst", ors esan, "fiach
gu dé chì sinn."
Dh'fhalabh iad a mach co dhiubh
as an taigh bhòidheach a bha seo, agas
bha iad a' coimhead m'an cuairst agas
bha locha an taobh shìos dha'n taigh
agas trì ealachan air a' loch:
"O! nach ann a shin", ors esan, "a tha
na h-ealachan is briagha a chunna mi
riamh", ors esan.
"O! gu dearatha," ors an corpolair, "agas an
aghaidh a staigh," ors esan, "gu tìr."
Bha iad a' coimhead m'an cuairst is
a' coimhead iongnaidhean m'an cuairst an
taighe agas:
"'S ann is fhearr dhomh," orsa duine, ors esan,
"na h-eich a chuir air dòigh agas cha
téid sinn seach a seo fhéin a nochd
116
76
Chuireadh air dòigh na h-eich co dhiubh
agas thill iad a staigh agas bha an
teine bu bhriagha a chumaic iad riamh
m'an coinneamh gan a dhol às riamh.
"Well", ors Iain, ors esan, "a' rud a nì
sinn", ors esan, "gabha sinn an còrr dha
na bheil air a' bhòrsd," ars esan, "agas,"
ors esan, "chan 'eil dùil 'm", ors esan,
"nach téid sinn dha'n leabaidh."
Bha trì leapthannan a's a' rum a
bha seo:
"Feumaidh," ors esan, "gu bheil cuid eigin a'
dol a thighinn" ors esan "air son tighinn
dha na leapthannan seo 'n uair a tha na
trì leapthannan a's a' rum."
Dh'fhalabh iad agas chaidh iad
suas agas bha am bòrsd cho làn is a
bha e riamh. Cha do dh'aithnich iad
riamh gun dug iad greim dheth:
"Well, a Shioradhachd", ars Iain, "'s e grõthach
neònach a tha seo", ors esan. "Cha mhór
nach do dh'ich sinn", ors esan, "na bh' air
a' bhòrsd agas", ors esan, "an dràsda," ors
esan," tha am bòrsd", ors esan, "mar a
bha e riamh," ors esan, "cho làn dha
na chuile seòrsa."
Ach ghabh iad am biadh, co dhiubh,
77
agas chuir iad dhiubh am brògan agas an
aodaichean agas chaidh a chuile fear riamh
a leabaidh leaba air leith aig a chuile
fear, agas chaidh iad innte agas chaidil
iad agas chaidil iad glé mhath a'
latha sa. Ach cha robh an corpolair a'
faighinn mòran cadail idir ach uair eigin
air feadh na h-oidhcheadh dhùisg e agas
bha am boireannach bu bhriagha a chunnaic
e riamh 'na chadal ri thaobh agas
thug e sùil agas bha boiseannach
comhla ris gach fear. Cha do lig e
aon dad air ach cha deach priobadh
air a shùil tuilleadh gus a robh
a' latha ann. 'N uair a bha a' latha
ann, dh'éirich a chuile té riamh agas
ghabh i a breaceart agas chaidh iad
sìos dha'n chidsin agas an an tiotan
bha iad 'nan ealachan:
"Well", ors esan ris fhéin, "sin na h-ealachan
a chunna sinn an dé agas feumaidh", ors
esan," gu bheil rud air choir eigin ann,"
ors esan, "brith gu dé obair e."
Ach uair eigin suas ann an
treis de latha agus dh'éirich iad. Bha
am bòrsd cho làn riamh is a bha
e riamh. Ghlan iad iad fhéin is chuir
117
118
78
iad iad fhéin an òrsdan is shuidh iad
aig am biadh. Ghabh iad am breaiceast.
Dh'fhaidhneachd an corpolair dhe na gillean
eile an d'fhuair iad cadal math a
raoir:
"An dà, fhuair," ors Iain," ors esan, "agas bha
mi ag aisling", ors esan. "Fhuair mi damaiste
mhór", ors esan, "ag aisling," ors esan.
"Dé 'n aisli(n)g a bha thu a' faic(hc)inn", ors
esan.
"Leòra, bha", ors esan, "a' leidi bu bhriagha
a chunna mi riamh", ors esan, "'na cadal
ri m' thaobh agas bha mi air mo
chlisgeadh", ors esan, "gu suathainn rithe leis
cho briagha 's a bha i."
"An dà", ors esan, "chunna mise a leithid
eile," ors an corpolair.
"An dà, ma chunnaic", ors a' fear eile, "chunna
mise a leithid eile," ors an gille eile.
"O! ma tha chunna sinn 'nar triùir iad
agas a' rud a b' iongantaiche liom-sa,
dh'fhalabh iad 's a' mhaduinn", ors esan,
agus " ors esan, "chaidh iad nan ealachan.
"ach siod thusa," os esan, "an iad na
h-ealachan a tha 's a' locha an taobh
shìos dha'n taigh", ors esan.
'N uair a dh'éirich na fear is
79
a ghabh iad am breaiceast sheall iad a
mach agus bha na trì ealachan air a'
loch. Bha iad a' coimhead m'an cuairst
orm a shin agas bha col(t)as gu màth
sgìth air Iain. B' e sin a' chiad fhear
a theich as an arm:
"Dé", ors esan, "a tha siu air thuar a
dhèanamh an diugh!" ors Iain.
"Well", ors an corpolair, ors esan, "tha col(t)as
math sgìth orst fhéin", ors esan, "agas," ors
esan," nach fhaod sinn fuireach a seo
fhéin an diugh."
"An dà, bha mi a' smaointinn sin. Chan 'eil,
tha mi a' smaointinn àite air an t-saoghal
is fhearr na seo a' chearst àite a's a bheil
sinn. Tha sinn a' faighinn", ors esan, "biadh is
deoch", ors esan, "mar a dh'icheas sinn
agas glaine", ors esan, "agus comhfhurstachd
ẽ.
nach d'fhuair sinn riamh (h)roimhe", ors
esan," a dh'fhala sinn", ors esan," a
taigh ar n-athar agas tha mi fhìn a'
smaointinn", ors esan, "gu fan mi deagh-threis
ann."
"Glé mhath," ors an corpolair, "mar a tig an
tòir oirnn."
"O! cha tig", ors esan. Ma thig," ors esan, "is
fhurasda dhuinn", ors esan," a dhol a falach
114
120
80
ors esan. "Chan eil rathad ac(hc)a air
faighinn ann a seo. Cuiridh sinn na h-eich",
ors esan, "a dh'àite nach fhaic(hc)ear iad
agas bidh iad glé dhòigheil ann", ors
esan, "gus am bidh sinn a' falabh."
Seo mar a bha co dhiubh. Bha iad
a' bruidhinn a nunn is a nall ann a
shin, 'ga stadhadh fhéin air a' chroc(hc),
agas 'n uair a bha iad feumach air
biadh, bha iad a' dol a staigh. Bha
am bòrsd briagha a bha sin cho làn
's a bha e riamh dhe'n a chuile seòrsa
a ghabhadh e:
"An dà", ors Iain, ors esan, "cha robh sinn
riamh air an t-saoghal luchd", ors esan,
"ach seo", ors esan, "ma leanas e, a'
rud a leanas, tha mi a' smaointinn."
Chuir iad seachad a' latha sin
gu toilite agas am bial na h-oidhcheadh
ghabh iad a' suipear agas chaidh a
chuile fear riamh dha leabaidh fhéin.
Bha iad ann a shin cunntais mhór
mhìosan agas bha na h-ealachan, na
trì ealachan air a' loch. Ach co
dhiubh a's a' mhìos ma dheireadh dha'n
bhliana – cha robh ach beagan lathaichean
is iad
ri dhol seachad dha'n bhliana ann:
81
"Well", ors Iain, ors esan, "tha e a' cuir iongnadh
mór, mór oram", ors esan, "am boireannach a
tha ri m' thaobh", ors esan, "agas i 'na
cadal", ors esan, "'n uair a dhùisgeas mi
agas," ors esan, "'n uair a dhùisgeas mi a
rithist", ors esan, "cha bhidh sgial ora. Ach
chan 'eil dùil 'm", ors esan, "nach fhaigh
mi greim ora latha eigin", ors esan.
"An dà, ors an corpalair, ors esan, "tha gach
té a' cuir iongnadh oram fhìn", ors esan,
agas," ors esan, "tha mi a' fiachainn", ors
esan, "a bhith 'nam dhùsgadh", ors esan,
fiach an glac(hc) mi i", ors esan, "m'an
éirich i agas tha an cadal a'
tighinn oram a rithist", ors esan, "agas
'n uair a dhùisgeas mi", ors esan,
"chan 'eil sgial agam air a' bhoireannach."
"Well ", ors esan, "nì mise aona cheann,"
ors esan, "air son a' glac(hc)adh, an
té tha comhla rium fhìn."
Ach an oidhche a bh' ann a seo
chaidh iad a chadal gu math tràth
agas chaidil iad agas dhùisg Iain ann
an tighinn a' latha. Dh'fhan e gu
math soc(hc)air ri taobh a' bhoireannaich
agas 'n uair a bha an t-àm aic-s'
dh'éirich i
éirigh, agas rug Iain ora
121
122
82
"Well", ors esan, "tha mi air son bruidhinn
riut. Tha thu gus a bhith bliana a'
cadal comhla rium," ors esan, "agas
cha duirst mi fac(hc)al riamh riut," ors esan,
"agas 's e bu choireach ris a sin", ors
esan, "cha robh mi", ors esan, "'gad
fhaighinn", ors esan, "'n uair a dhùisginn.
C' àite," ors esan, "a bheil thu a' dol," ors
esan, "'n uair a tha thu a' falabh as
a seo agas cà 'm bidh thu", ors esan,
"fad a' latha."
"O! well", ors ise, "nach 'eil sin bochd. Nam
bithea tu air fuireach," ors ise, "gu cheann
trì latha eile," ors ise, "bha sinne "lucky"
a chuile h-aon againn. Sinne clann Raoi",
ors ise, "agas chaidh ar cuir (bh)o gheasu
ann a seo", ors ise, "gus an caidleam.
Bhitheamaid ann gu sìorraidh", ors ise, "gus
an caidleamaid comhla ri triùir shaighdeirean
fad bliana. Tha sinn a nisd (bh)o na
geasu", ors ise, "cho dona is a bha
sinn riamh."
"O! well, well", ors Iain, "nach mi tha
duilich," ors esan. "Tha mi cho duilich," ors
esan," agas nach gabh e innseadh do
neach 's a' bith", ors esan, "agas", ors
esan, "a bheil dòigh 's a' bith eile
83
ann", ors esan," air a faigh sin o na
geasu", ors esan.
"O! tha aon dòigh eile ann", ors ise, "ach
tha eagal oram", ors ise, "nach dèan sì-se
an grõthach."
"Dé 'n dòigh a tha sin?" ors esan.
"Tha", ors ise, "a' chraobh mhór a th' air
(ia)
bialu an taighe", ors ise, "a spionadh", ors
ise, "as na riomhaich", ors ise, "le trì
spìonaidhean agas tha fior-eagal oram", ors
ise, "nach dèan sì-se an grõthach air a
sin."
"O! well," ors esan, "tha e glé bhochd dhuinne,"
ors esan, "a bhith anna a sheo", ors esan, "o
chionn bliana", ors esan, "air an deagh-bheathachadh,
ors esan, "agas air a deagh-chàradh", ors
esan, "mar a dèan sinn," ors esan, "an
t-euchd a tha sin", ors esan, "ma ghabhas
e dèanamh", ors esan. "O'n a bha mise
cho rosadach", ors esan, "agas gun a
bhruidhinn mi rìbh-se", ors esan.
Ach ligeadh air falabh na h-ealachan
agas dh'fhalabh a chuile té riamh glé
mhì-shunndach. Cha duirst càch guth ach Iain:
"Well bha Iain gu math dunrathach, duilich
air son a' rud a rinn e:
"Illean," ors esan, "eiriu "agas deanamaid uile
12
24
84
dhìcheall", ors esan, "air a' chraobh," ors esan,
"a thoir' as a' riamhaich."
"An dà," ors an corpolair, "tha eagal
oram", ors esan, "nach dèan sinn an
grõthach idir ora."
"Well," ors esan, "tha e glé bhochd dhuinn,"
ors esan, "a bhith air an deagh-bheothachadh
is air ar deagh-chàradh ann a sheo", ors
esan. "O chionn bliana", ors esan, "mar
a dèanamaid dìcheall", ors esan, "air coibhneas
na mrathan uaisle a chuir an céill."
Thuirst ise gu robh tobar fo'n
chraoibh agas nan nigheadh à-san iad fhéin
a's an tobar gu robh iad air an
cuir o gheasu.
"Ach", ors ise, "tha eagal oram nach tachair
sin dha'n taobh-sa."
Ach dh'éirich à-san co dhiubh,
agas ghlan iad iad fhéin agas ghabh iad
am breaiceast:
"Well, a nisd", ors Iain, "dèanamaid uile-dhìcheall",
ors esan, "air a' chraobh a spìonadh a's
a' riamhaich. Ach chan 'eil mi a'
ciallachadh", ors esan, "gun dèan sinn ann
an aon latha idir e", ors esan. "Bheir
sinn", ors esan, "trì latha ora", ors
esan. "Bheir sinn", ors esan, "a' chiad
85
spìonadh an diugh ora. Gheibh an ropannan",
ors esan, "agas cẽangaili sinn na ropannan
rithe", ors esan, "agas cumaidh sion aig a'
spìonadh sin i leis na ropannan. Agus
a màireach", ors esan, "bheir sin spìonadh
eile ora agas", ors esan, "gabha sinn leis
a' spìonadh sin a' latha sin a rithist
agas an treas latha", ors esan, "bidh."
"Thig, cha tig ora
Seo a' rud a bh' ann. Chaidh
iad a dh'ionnsaigh na craoi·eadh agas
'n uair a chaidh iad gon na craoi·eadh
bha na h-ealachan dìreach a' togail an
craimh bidhidh. Chaidh iad an greim agas
thug Iain an t-òrsdan dhaibh agas
bha iad mar gum beadh aon duine
a' dèanamh a' "phull." Dh'fhiach iad ora
agas lig i "brac".
"Well", ors esan, "is toil liom siod", ors
Iain," ors esan, "cumaidh sinn aig a siod
i."
Chẽa(ng)aileadh na buill. Bha na buill
cẽa(ng)ailte agas chuireadh cipeinean air
ceann nam ball a's an talamh agas
cheangaileadh gu bàs ann a shin i:
"Rinn sinn", ors esan, "glé mhath an diugh," ors
esan, "agas ma nì sinn cho math a
125
26
86
màireach", ors esan, "bidh sinn glé thoilite."
Chaidh iad a staigh agas:
"Théid sinn a nisd suas dha'n rum", ors
esan, "agas gabhaidh sinn deagh-refreshment'."
Dh'fhalabh iad suas dha'n rum agas
Bha am bòrsd mar a bha e riamh ann a
shin. Ghabh iad deagh-refreshmen' ann a shin
agas chaidh iad a mach agas bha na
h-ealachan a' gairim agas a' seinn agas an
aghaidh air tìr:
u
"Tha sin a ghaladan", ors Iain, "gu math toilite",
ors esan, "agas tha mi an dòchas m'an sguir
sin dha'n chraobh", ors esan, "gum bidh sin
na's toilite. O'n a bha mise cho rosadach",
ors esan, "agas gun do bhruidhinn mi ris
a' leidi a bha comh' rium fhìn."
Ach co dhiubh chaidh a' latha sin
seachad agas chaidh iad a chadal an oidhche
sin agas a' là 'r-na-mhàireach, dh'eirich iad
agas bha na h-ealachan air a' loch 'n uair
a nochd iad a mach, thean iad air gairim
's air corrachail agas an aghaidh air a'
chladach. Chaidh iad an greim a's a'
chraoibh agas an dà thug iad deagh-"phull"
oru a' latha sa agas lig a' chraobh dà
bhrac aiste.
Dhia, illean, ors esan, tha an grõthach a'
101
87
tighinn ruinn glé mhath", ors esan. "Ceangaile sinn aig
a seo i i."
O! lig na h-ealachan glaodh asta is theann
iad air corrachail. Bha "list" math a nisde air
tighinn a's a' chraoibh, agas:
"Tha mi cinnteach", orsa Iain, ors esan, "gur h-ann a
màireach a bhios am "pull", ors esan, "agas
feumaidh sin", ors esan, "rest" math a ghabhail an
diugh", ors esan, "agas", ors esan, "gum bidh
sinn "fresh" aondach", ors esan, "air son
a' latha a màireach."
Chaidh iad a staigh agas ghabh iad
deagh-refreshmen', agas 'n uair a bha àm
bidhidh ann, chaidh iad suas agas ghabh iad
am biadh. Ghabh iad a mach cuairst
agas 'n uair a bha iad treis a
muigh thill iad a staigh:
"Is fhearr dhuinn", ors Iain, ors esan, "a
dhol dha na leapthannan agas gum bidheamaid
"fresh", ors esan, "gu math "fresh", ors esan, "
air son a' latha a màireach."
Ghabh iad a suipear agas ghabh iad
deagh-refreshmen'. 'N uair a rinn iad sineach
is a ghabh iad an deagh-bhiadh, chaidh
iad a laighe agas chaidil iad gu "sound".
Cha do dh'airich iad riamh sìon tuilleadh
gus an do dhùisg iad 's a' mhaduinn. 'N uair
218
88
a dhùisg iad 's a' mhaduinn dhùisg iad uile
gu lèir comhladh. Dh'éibh Iain:
"A bheil siu," ors esan, "'nar dùsgadh?"
"Tha", orsa na gillean eile
"Well", ors esan, "tha latha mór againn an
diugh", ors esan," ri dheanamh", ors esan, "agas
's fheàrr dhuinn éirigh. Tha mi fhìn cho
"fresh" an diugh", ors esan, "nach robh mi
riamh a's an t-saoghal", ors esan, cho "fresh".
Dh'éirich iad is ghlan iad iad
fhéin. 'N uair a ghlan iad iad fhéin is
a chuir iad iad fhéin suas, ghabh iad
an deagh-bhraiceast agas an deagh-refreshmen:
"Well, a nisd, fhearu", ors esan, "seo a'
latha mór", ors esan, "againne agas dèanamaid
uile-dhicheall", ors esan, "ris a' chraobh mhór,"
(ia)
ors esan, "a spìonadh. Tha mi làn-chinnteach",
ors esan, "gu bheil na riamhaichean a tha
(ia)
gun spìonadh, gu bheil iad gu math "tough."
Ghabh iad a mach 'nan triùir agas gun
orra ach na briogaisean agas ghabhadh a
dh'ionnsaigh na craoi·eadh agas thug Iain
an t-òrdan dhaibh agas thug iad a'
spìonadh air a' chraoibh agus thug iad
pìos mór, mór air falabh o'n toll i.
Bha tobar ann a shin a b' àille a
chunnaic iad riamh fo bhun na craoi·eadh.
89
Lig na h-ealachan an éibh asta
agas a nuas a bha iad. Chuir iad
dhiubh an trusgan a bh' orra ann
a shin agas dha'n tobar a ghabh
iad. Dh'fhala na gillean as an
t-sealladh orra agas chaidh iad
a staigh dha'n taigh air eagal
gun gabhadh na leidies (ladies)
a' nàire ro(m)pa. Shuidh iad a
staigh ann a shin agas ann an
ceann treiseadh, thànaig an triùir
leidies bu bhriagha a chunnaic iad
riamh.
"Well", ors ise", ors am boireannach aig
Iain," is math a rinn sin," ors ise,
"agas tha a' bhliana suas a nisde",
ors ise, "a bha sì-se comhla ruinne,
bliana agas", ors ise, "chan fhaigheamaid
o na geasu gu bràch", ors ise, "gus
am bitheamaid comhla ri trì
saighdeirean bliana 'n ar cadal agas",
ors ise, "gabha sinn a nisd", ors ise,
"am biadh", ors ise, "comhladh agas,"
ors ise, "is mise", ors ise, "a' nighean
is òige", ors ise, "aig m' athair," ors
ise," agas sin", ors ise, "a' nighean
mhiadhoineach", ors ise, "a tha comhla ris
119
30
90
an fhear sin agas seo an té 'ile", ors
ise, "'s i is sine", ors ise, "a bha
comhla ris a' chorpolair agas," ors ise,
"bheir mise dhu'-sa fìdeag", ors ise,
agas", ors ise, "'n uair a sheinneas
tu an fhìdeag," ors ise, "bidh do
shaighdeirean air do bhialu," ors ise, "
rud a bhios uamhasach agas bidh na
saighdeirean sin – ordan 's a' bith" ors
ise, "a bheir thu dhaibh" ors ise "nì
e e."
"An dà", ors a' nighean mhiadhoineach,"
bheir mise", ors ise, "bratach dha'n fhear
a bha comhla rium fhìn fad bliana,"
ors ise, "agas", ors ise, "àite 's a'
bith 'n uair a sheasas e air a'
bhrataich, àite 's a' bith an òrdaich e
a bhith bidh e ann."
"An dà", ors an té bu shine, "is
mise", ors ise, "an té is sine aig
m' athair", ors ise, "agas", ors ise, "tha
mi", ors ise, "a' toir' sporran dha'n
fhear a bha comhla rium fhìn. Chan 'eil
uair a dh'fhosglas e a' sporran", ors
ise, "nach fhaigh e bonn a's a' sporran
de bhonn airigid agas", ors ise, "a nisde",
ors ise, "bidh sinne a' falabh," ors ise,
131
91
agas fana sì-se ann a seo", ors ise,
bliana eile gus an tig sinne air a gu 'r
n-ionnsaigh agas a chuile fear a bha
comhla ruinne", ors ise, "fad na bliana
a' cadal pòsaidh sinne", ors ise, "pòsaidh
mise", ors ise, "a' fear a bha
comhla ruinn fhìn. Pòsaidh an té mhiadhoineach
ors ise, "a' fear a bha comhla rithe
fhéin agas pòsaidh an té òg a'
fear a bha comhla rithe-se agas
cuimhnichiu", ors ise, "na gluaisiu as
a seo", ors ise, "gus an till sinne
air n-ais g'ar n-ionnsaigh."
Gheall iad seo agas bha iad
a nisd – dh'fhalabh na leidies, bha
iad ann a shin a nisd agas
bha ac(hc)a ri bliana eile fuireach
ann a sheo. Ach 's ann a smaointich
Iain gun gabhadh e cuairst rathad
a' bhaile agas nach robh am baile
fada bhuaithe agas gun cuireadh e
seachad an ùine is dh'fhalabh e
agas ghabh e cuairst rathad a' bhaile
a' latha a bh' ann a sheo agas
thànaig e gu seop mór ann a
shin, agas chunnaic e an aon
nighean bu bhriagha a chunnaic e riamh
132
92.
a's an t-seop agas chaidh e a staigh
dha'n t-seop:
"Well", ors esan, "a' nighean òg," ors esan,
"na faighinn comhla riut'", ors esan, "a
nochd", ors esan, "bheirinn dhut", ors esan,
sineadas", ors esan, "a bhitheadh glé
shnoc", ors esan. "Tha fìdeag agam ann
a sheo", ors esan, "agas", ors esan,
"na faighinn comhla riut, gheibhea tu an
fhìdeag."
"Seall an fhìdeag sin", ors ise.
"Siod i", ors esan, "ach", ors esan, "cha
toir mi dhut i", ors esan, "gus an
téid sinn a laighe."
"O! bu toil liom a faicinn an toiseach,"
ors ise, "agus gu faic mi gu dé ..."
"Well, nì mi fhìn e", ors esan.
Sheinn e an fhìdeag agus O!
m' eudail nochd na saighdeirean a mach. Cha
toilleadh iad air bialu an àite na bh' ann.
Dh'fhaidhneachd iad gu dé bh' ac(hc)a ri
dhèanamh:
"A! well," ors esan, "chan eil sìon an dràsda",
ors esan. "Chan 'eil mi ach 'ga
sealltainn dha'n nighinn a tha seo."
Agus sheinn e a rithist i agas bha
na saighdeirean as an t-sealladh:
93
"O! well, well", ors ise, "chan fhac(hc)a mi
riamh a leithid seo, Cia dhomh i", ors ise.
"Gheibh thu comhla rium gun teagamh", ors ise,
"air son na fìdeig."
Sheinn i an fhìdeag co dhiubh
agas thànaig na saighdeirean a mach agas
dh'fhaidhneachd na saighdeirean gu dé bha
còir ac(hc)a air a dhèanamh:
"Tha", ors ise, "am beadagan sin," ors ise,
a chuir as an t-sealladh agas a
chuipeadh air falabh as a seo."
Cha robh a m' eudail ach rugadh
air Iain agas chuireadh as an t-sealladh
e agas chuipeadh air falabh o'n t-seop
e buileach, agas bha an fhìdeag a dhìth
air:
"Coma leat", ors esan, "fiacha mi "tip" fhathast
orst agas nì mi sin agas chan fhaigh
thu as an t-sealladh cho luath sin
is a thug thu bhuam an fhìdeag."
Thill e dhachaidh is cha do
lig e dad air. Bha càch 'ga cheasnachadh
dia mar a chaidh dha an diugh:
"O! glé mhath", ors esan. "A Dhia", ors esan,
"is mi chunnaic a' nighean bhriagha", ars esan,
"a's a' bhaile", ors esan, "agas", ors esan,
"cho briagha is gu robh nighean a' raoi
133
34
94
bha i siod na bu bhriagha na i agas
gheall mi", ors esan, "a dhol a màireach,"
ors esan, "far a robh i. Chan 'eil
dùil 'm", ors esan, "nach fhàg mi bhuam
nighean a' raoi", ors esan, "agas gabha
ma i."
"A! is tu tha gòrach", orsa na gillean
eile. "Is fhearr dhut", ors esan, "cumail
ris an té a bha thu comhla rithe
fad bliana, a' cadal comhla rithe."
"Dhia", ors esan, "fiacha mi "trial" dhith
siod", ors esan, "fiach gu dia mar a
théid dhomh."
Agas fhuair e a' bhratach a
ghoid fo'n fhear mhiadhoineach agas
dh'fhalabh e:
"Tha thu air tighinn an diugh a
rithist", ors ise.
"Tha."
"Dé th' agat an diugh?"
"Hao", ors esan, "grõthach briagha agam
an diugh", ors esan, "agas trobhad thusa
a mach ann a sheo", ors esan, "agas
chì thu cho "snoc" is a tha e. Is
tu aon té is briagha a bhios air
an t-saoghal", ors esan, "ma sheasas
tu", ors esan, "air a' bhrataich a tha
135
95
seo."
"A mi, gu dearatha", ors ise.
"Is tu gu dearatha", ors esan.
Dh'fhalabh esan agas sgaoil e a'
bhratach a muigh air biau an t-seop
agas sheas e fhéin air a' bhrataich:
"Trobhad a nisd," ors esan, "agas seas air
a' bhrataich agas seall orst fhéin a's a'
sgàthan a tha sin agas cana tu riut
fhéin", ors esan, "gura tu aon té is
briagha a th' air an t-saoghal."
Dh'fhalabh ise gu cleafar agas
sheas i air a' bhrataich agas 'n uair
a bha i 'na seasamh air a' bhrataich
dh'òrsdaich esan e fhéin a's an eilean
a b' fhaide air falabh ann a
miadhoin a' chuain. Dh'fhalabh a' bhratach
n dh'fhalabh ise is dh'fhalabh Iain
air a' bhrataich is "land" iad a's an
eilean. Chuala nighean a' mharsanta
na briathran a thuirst Iain cearst gu
leòr agas:
"Tha thu a nisd agam gun taing", ors
esan, "agas faoda tu cadal comhla
rium agas faoda na cadal comhla riut.
Chan 'eil duine a seo ach mi fhìn
is tu fhéin."
36
96
"O! b' e mo mhiann sin," orsa nighean a'
mharsanta," agas tha mi glé thoilite."
Ach co dhiubh bha iad a' dol
m'an cuairst a's an eilean; agas:
"Suidhiu sinn sìos ann a sheo", ors ise,
"agas gabha sinn rest."
"Faoda sinn sin", ors Iain.
Shuidh iad sìos agas shìn iad
iad fhéin air a' chroc(hc) agas gu dé
an truaighe mhór ach thuit Iain 'na
chadal. A's a' mhineid, bha nighean a'
mharsanta air a cois agas thug i
a' bhratach o Iain agas sheas i
s
ora agas dh'òrdaich i i fhéin
a's an t-seop, an taigh a h-athar.
Ann an tiotan bha i a's an t-seop.
'N uair a dhùisg Iain cha robh bratach,
cha robh nighean marsanta na rud eile
aige ach e fhéin lom, falamh a's
an eilean:
"A! well", ors esan, "tha an tubaist ann",
ors esan, "Bha e furasda gu leòr
teicheadh as an aram," ors esan, "ach chan
'eil e cho furasda faighinn as an
eilean."
Cha robh e ach a' siubhal fiach a
faigheadh e àite a's an cuireadh e seachad
97
an oidhche. Bha e a' siubhal 's a' siubhal
gus an d' fhuair e ma dheireadh sgor
math creigeadh a's na chuir e seachad
an oidhche. Bha miosan gu leòr a' fàs
air an eilean a bh' ann a seo
agas 's orm sias air na miosan a
bha seo a bha e. Thànaig e a
seo gu craobh a bha anabarrach fhéin
briagha le ubhlan agas:
"A Shiorrdachd naomh, tha mi glé lucky.
Cumaidh i seo deagh-threis rium."
Agas bha craobh eile ri taobh
agas bha i fhéin briagha ach cha robh
i a faisg cho briagha ris a' chraoibh-sa.
Bha na h-ubhlan a bh' ora seo
anabarrach fhéin mór agas briagha, dearag
seach an té eile. Theann e air na
h-ubhlan agas a' chiad té a dh'ich
e O! a ghràidh chridhe, thànaig
slabhaigean de dh'adhaircean air agas
bha iad a' sìor-fhàs, a' sìor-fhàs.
Bha an ceann aige làn de dh'adhaircean
móra:
"A Dhia beannaich m' anam," ors esan. "Nach
ann a seo", ors esan, "a tha an grõthach –
mi 'nam dhuine", ors esan, "agas 'nam
fhiadh. Cha dànaig fiadh riamh", ors esan,
138
98
"a tha uibhir a mheanglan (mhianlain) air", ors
esan," is a tha air a' cheann agam-sa."
Cha robh fhios aige o'n t-saoghal
mhór gu dé dhèanadh e ach bha
an ubhal air a h-iche. Ach bha an
t-acras glé mhór air:
"Dearatha", ors esan, "chan ich mi aonan", ors
esan, "dha na bheil air a' chraoibh sin
tuilleadh", ors esan, "ach feumaidh mi rud
iche."
Bha an t-ac(hc)ras eagalach mór air agas
's ann a smaointich e gun icheadh e
na h-ubhlan a bh' air a' chraoibh eile
a bha ri taobh. Theann e air a
h-iche agas mar a bha e ag iche
na h-ubhal bha meanglan (miaulan) a'
tuiteam. Ach ma robh e ullamh dha'n
ubhal cha robh aon adhairc air:
"A! well", ors esan, "tha mi "lucky" a
nisd. Tha mi anabarrach fhéin "lucky".
Gad a gheibhinn am bàs fhéin", ors esan,
"tha mi mar is còir dhomh", ors esan, "
seach a bhith", ors esan, "mar a bha
mi e chionn tac(hc)ain."
Ach dh'fhàg e bhuaithe an dà
chraoibh a bh' ann a sheo agas bha e
a' gabhail miosan eile. Bha a shùil air
99
n
a' chuan daonnan daon˰ann, ach latha dhe
na lathaichean 's a' mhadainn tràth, thug
e an aire do bhàta a' tighinn glé
dhlùth dha'n eilean. Chuir e suas flag
gus gu faic(hc)eadh iad air bòrsd e
nam bitheadh iad a' coimhead air an
eilean, a' rud a chunnaic iad. Chunnaic
an caiptin a' flag air tìr a's an
eilean:
"Tha duine air choir eigin an éigin" ors
esan "a's an eilean agas 's ann is
fhearr dhuinn", ors esan, "a thoir' air
bòrsd. Tha mi cìnnteach gur h-e seòladair
bochd, truagh a th' ann a chaidh an
còrr dha'n chriua", ors esan, "a dhìth.
Chan 'eil na h-eileannan a tha seo", ors
esan, "crẽasda idir", ors esan, "ri droch-thìde,"
ors esan.
Cha robh ach chuireadh an ceann
am bàta a's a' mhineid agus "loaradh"
bàta. 'N uair a chunnaic Iain gun do
loaradh am bàta a's a' mhineid bha
e aig a' chraoibh ubhlan agas thug e
leis deagh-dhròbh dhe na h-ubhlan móra
dearag agas thug e leis dròbh eile
tha na h-ubhlan eile a bheireadh na
cabair dhiubh. Chuir e ann an nẽiprig na
134
3140
100
ann an àite eigin na h-ubhlan air leith.
Thànaig am bàta agas "land" e a staigh
ris a' chladach, agas chaidh Iain air
bòrsd agas thug e leis an dà
bhundle a bha seo. 'N uair a rànaig iad
am bàta is a chaidh Iain suas dha'n
luing cha d' rinn e ach na h-ubhlan
a chaitheamh air bòrsd. Fhuair a' sgiobair
greim air Iain agus dh'fhaidhneachd e
dhà dé 'n ùine o chaidh e dha'n eilean:
"Is cinnteach", ors esan, "gur h-e seòladair a
th' annat."
"Ó! 's e", ors esan. "Chaidh", ars esan, "chaidh
an còrr dhe'n chriua", ors esan, "a bhàthadh
uileag", ors esan, "ach mi fhìn", ors esan,
chan fhaca mi sealladh riamh ora", ors
esan. "Chaidh a bualadh ris na
creagan", ors esan, "agas cha do shàbhail
duine riamh dhiubh ach mi fhìn."
Fhuair Iain gabhail aige glé mhath
le biadh agas le deoch. Chaidh a'
sgiobair suas gu deaic agas Dhia
beannaich mi! bha na seòladairean aige, a
chuile duine riamh dhiubh agas cabair
mhóra orra agas iad air a dhol a laoib
nam baill a tha a' cumail nan seòl suas.
A nuas a bha a' sgiobair ⁊rl.
(Leanfar dhó ar leath a den Iml so
142
Calum I. Mac Ghille Eathain
Grìminis, Beinne bhFadhla
Bheinne bhFadhla
Ionbhar-nis
Bheinne bhFadhla
4/5 : XI : '48
Aonghuis Mhic Ghille Mhaoil
75
croitear
Ghrìminis
sin
sgéal
30
athair, Calum
95
Grìminis,
Aonghus Barrach a d' innis:
A.T. 566
4/5 : XI : '48
A' fear a theich as an arm.
(ar lean.) on leath. deiridh den
chéad chuid den Iml. so i.e leatha.
A nuas a bha a' sgiobair:
"Dhia beannaich mi", ors esan, "b' fhearr
liom", ors esan, "nach robh mi air
t' fhaic(hc)inn riamh", ors esan. "Gu dé",
ors esan, "a' rud a bh' agat", ors
esan. "Tha na seòladairean gun fheum",
ors esan, "agam", ors esan. "Cha dèan
iad sìon dhomh fhìn na dhaibh
péin", ors esan. "Tha iad air cẽal
ris na riggins (riggins)", ors esan. "Chan
143
'eil rathad ac(hc)a air gluasad."
"Well", ors esan, "nam bitheadh na seoladairean
onarach", ors esan, "mar bu chòir dhaibh",
ors esan, "chan fhiachadh iad," ors esan, "gu
dé bhitheadh agam", ors esan.
"Bheirinn", ors esan, "rud 's a' bith seachad",
ors esan, "nam bitheadh na seòladairean",
ors esan, "mar a bha iad roimhe", ors
esan.
"An dà", ors esan, "chan 'eil sin furasda",
ors esan, "ach fiacha mise", ors esan, "ri 'n
cuir mar a bha iad (h)roimhe", ors
esan, "ach chan ann gun saothar."
"Ma dh'fhiachas", ors esan, "bheir mi
dhut cóig notaichean."
Dh'fhalabh e gon a' chiad
fhear agas thug e 'uige am parcel
a's a robh na h-ubhlan beaga
agas thug e dha earrann dheth agas
thuit cabar, o chabar gu cabar gun
do thuit iad uile agas:
"Ma théid siu 'nan còir tuilleadh", ors
esan, "cha bhith rathad na innleachd agam-sa",
ors esan, "air a thoir' dhìbh tuilleadh."
Ach "chlear" e co dhiubh na cabair
uile far na seòladairean agas bha
ĩ
iad lom mar a bha iad (h)roimhe
144
Cha deach iad riamh tuilleadh an còir
nan ubhlan. Cha ligeadh an t-eagal
leotha ma fàsadh cabair a rithist orra,
is nach robh rathad air a thoir'
dhiubh:
"C' àite", ors esan, "is math leat", ors esan,
"do chuir air tìr", ors a' sgiobair.
"Well," ors esan, "nan cuirte air tìr mi",
ors esan, "aig a leithid seo a dh'àite",
ors esan, "b' fhìor-thoil liom mo
chuir air tìr ann", ors esan. "'S ann,"
ors esan, "a tha mo chuideachd a'
fuireach."
"O! glé mhath", ors esan. "Tha sinne a'
dol ann dha'n àite sin "straight."
Chuireadh air tìr Iain co dhiubh
agas cho robh aige ach na ceithir
spadagan agas an dà "pharcal" ubhlan
a bha seo. Thug e leis na
h-ubhlan agas chaidh e timicheall a'
bhaile a' latha-sa agas chaidh e
rathad taigh a' mharsanta agas e
ag éigheach, a' sealltainn nan
ubhlan briagha a bh' aige, agas
chunnaic e nighean a' mharsanta agas
mhianndaich i na h-ubhlan, agas
chuir i nighean bheag a dh'iarraidh
145
ubhlan, punnd ubhlan dhi, air an fhear a
bha a' creic(hc) nan ubhal. Well, dh'fhalabh
a' nighean as deadhaidh Iain agas dh'iarr
a' nighean punnd ubhlan:
"Có dhà", ors esan, "a tha thu 'ga
iarraidh", ors esan.
"Tha", ors ise, "do nighean a' mharsanta."
"Well", ors esan, "chan urrainn domh", ors
esan. "Tha iad anabarrach gann agam", ors
esan. "Chan urrainn domh a thoir seachad
dhi", ors esan, "ach aon té an diugh."
Thug e seachad an ubhal dhi
agas ghabh e a leithid seo a
phaigheadh air a son:
"'N uair a thilleas mi a rithist, ma chòrdas
i sin rithe gheibh i barrachd."
Dh'fhalabh esan co dhiubh agas
ẽ.
chum e (h)roimhe. Cha do reic(hc) e aonan
tuilleadh dhe na h-ubhlan agas thill
e dhachaidh dha'n taigh a's a robh
càch a' fuireach. O! rinn iad toileachadh
mór ris e a thilleadh. Cà robh e.
"O: well", ors esan, "brith cà robh mi",
ors esan, "fhuair mi as", ors esan.
"Tha tha e nisd", ors à-san, "lom,
falamh gun sìon agat, tha mi cinnteach."
"A! well", ors esan, "ma tha mi falamh",
146
ors esan, "an dràsda", ors esan, "cha bhidh
mi fada falamh."
"Có dha thaobh siod", ors à-san.
"O! well, innsidh mi sin dhaoibh", ors
esan, "ann an ùine glé aichearr."
Ach co dhiubh cha robh sgial aig
a chompanach air a' bhrataich agas
bha e uile-chìnnteach gur h-e Iain a
thug air falabh e. Dh'fhaidhneachd e
m'an bhrataich, an gille:
"Well", ors esan, "tha a' bhratach air faighinn
gun teagamh", ors esan, "agas tha an fhìdeag
air faighinn cuideachd", ors esan, "agas", ors
esan, "chan fhada gus a faigh sinn",
ors esan, "a chuile sìon de."
"Tha mi a' tuigsinn", ors an corpolair, ors
esan, "gun dug nighean a' mharsanta do
chur asat", ors esan.
"O! ma thug i mo char asam-sa", ors esan,
thug mise", ors esan, "a car aiste-sa
agas", ors esan, "tha fhios aic(hc)e air a
sin", ors esan, "a's a chearst-àm a tha seo."
Cha robh ach a' là 'r-na-mhàireach:
"Tha mi a' dol a ghabhail", ors esan,
"sràid suas am baile", ors esan, "fiach
gu dé chì na chluinn mi", ors esan.
"Tha e neònach liom", ors esan, "nach 'eil rud
147
eigin", ors esan, "ma thaigh a' mharsanta
an (a) cearst-'air", ors esan,
Ghabh e suas am baile is bha
e a' ceasnachadh is A! bha hullo eagalach
aig taigh a' mharsanta – nighean a' mharsanta
an ceann aic(hc)' air tionndadh suas
'na adhaircean móra sgràthail:
"Is a' rum a's a bheil i na h-adhaircean
a' dol (h)ro'n bhalla, ag iarraidh (h)ro'n
bhalla, leis mar a tha de dh'adhaircean
a' tighinn ora."
"Agas" ors esan "nach fhaigh iad dotairean
a shàbhas dhith na h-adhaircean a tha
sin", ors esan
"O! thàthar 'ga sàbhadh dhith is tha iad
a' fàs na's braise is na's braise", ors
esan.
"A! shaoilinn-s'," ors esan, "gun dèanadh
dotairean", ors esan, "feum."
"O! tha na dotairean aic(hc)e", ors esan, "agas
chan 'eil rathad air stad a chuir orra."
"Well thu sin neònach", ors esan.
ẽ.
Dh'fhalabh esan. Chum e (h)roimhe
agas fhuair e deise mhath de dheise
duine uasail a cheannaich e ann a seop
agas fhuair e "suit" mar a b' fhearr a
shealladh dà. Dhressaig e e fhéin agas
148
ĩ
fhuair e baga agas chum e (h)roimhe gu
taigh a' mharsanta agas dh'fhoidhneachd e
dhe na daoine a bh' ann a shineach gu
dia mar a bha daoine ac(hc)a:
"O!" ors à-san, "chan eil ach truagh. Tha
nighean a' mharsanta tha i anabarrach
fhéin tinn, agas tha eagal oirnn," ors esan,
"nach dèan i dheth idir."
"Dé," ors esan, "a tha suas?"
"Tha", ors à-san, adhaircean móra", ors à-san,
"an dèidh tighinn (h)ro'n cheann aic(hc)e."
"An dà", ors esan, "'s e sin a chuala mi".
nn
ors esan. "Chuala mi sin", ors esan, "agas chunna
mi trip na dhà", ors esan, "an anac(hc)air
a bha sin", ors esan, "agas 's e sin a
chuir a' rathad mi an diugh", ors esan.
"Ma ghabhas e dèanamh, leighisidh mise sin
agas b' fhìor-thoil liom a faic(hc)inn."
"An dà, gu dearatha", ors a' marsanta, "
gabhaidh e dèanamh gun teagamh, ma leighiseas
tu e", ors esan, "agas duine 's a' bith
a léighiseas mo nighean agas a dh'fhàgas
i", ors esan, "mar tha còir aic(hc)e air
a bhith", ors esan, "gheibh e", ors esan,
peic(hc)e òir", ors esan, "agus peic(hc) airgid
agas 's esan a gheibh e."
"Glé mhath," ors esan, "ma tha", ors esan,
149
"fiachaidh mise", ors esan, "ri sin a dhèanamh.
Ach tha mi air son a dhol suas 'ga
fai(hc)inn."
Dh'fhalabh e suas comh ris a' mharsanta
agas bha a' nighean a sin agas ceann ora
mar gum beadh air fiadh:
"Ach", ors esan, "ma ghabhas e dèanamh
dhomh-sa", ors esan, "fiacha mi ri d' léigheas":
ors esan, "ach", ors esan, "tha thu cho
dona ri aonan a chunna mi riamh.
Bidh mi air son", ors esan, "a' rum fhaighinn
dhomh fhìn agas gun duine a bhith
ann ach mi fhìn is i fhéin", ors
esan. "Chan 'eil rathad agam", ors esan, "an
grõthach a dhèanamh cearst," ors esan, "mar
a bidh a staigh", ors esan, "a's a' rum
ach mi fhìn is i fhéin", ors esan, "agas
a' rum a bhith glaiste."
"O! tachraidh sin", ors a' marsanta. "Ma
leighiseas tu a' nighean", ors esan, "rud 's a'
bith", ors esan, "a dh'iarras tu, gheibh
thu e."
"Glé mhath, ma tha", ors esan, "bi thu a'
togail a mach as a' rum. Ma ghabhas
e dèanamh", ors esan, "léighisidh mise i,
ach tha e doiribh."
Bha an ubhal aige-san a bheireadh na
150
h-adhaircean dhi. Dh'fhalabh e agas rinn e
trì earrannan air an ubhal agas theann e
ĩ.
air a fiachainn. Theann e air coimhead ora:
"Well, a nighean", ors esan, "chan 'eil rathad
agam," ors esan, "air do leigheas mar a
h-innis (i:s') thu", ors esan, "an fhìrinn dhomh,"
ors esan, "a chuile ceist", ors esan, "a
chuireas mi orst."
"Innsidh", ors ise, "ma ghabhas e dèanamh
dhomh."
"O! gabhaidh e dèanamh dhut gun teagamh",
ors esan.
Dh'fhalabh esan agas chuir e an
grõthach dubh m' a cheann.
"Well, well", ors esan, "'s e grõthach mór a
tha seo", ors esan, "agas e a' togail a
chinn agas a' sealltainn ora:
"Feumaidh", ors esan, "gun dug thu a char
a saighdear bochd", ors esan, "brith có e",
ors esan. "Thug thu bhuaithe", ors esan,"
fìdeag", ors esan, "a fhuair e fhéin 'na
"ghift' agas mar a toir thu dhomh-sa
an fhìdeag sin", ors esan, "théid na
cabair", ors esan, "a mach 'ro mhullach an
taighe. Cha ghabh thu leigheas gu bràch.
An d' rinn thu siod," ors esan.
"O! rinn", ors ise.
151
"Seadh", ors esan. "Bheir dhomh-sa an fhìdeag, ma
tha", ors esan, "m'an gabh e dèanamh."
"O!" chan 'eil rathad agam-sa air gluasad as
a seo", ors ise, "ach fosgla tu dràair (drawer)
a tha thall a siod agas gheibh thu an
fhìdeag."
"Glé mhath", ors esan. "Dh'éirich e a
nunn agas dh'fhosgail e an dràair agas
bha an fhìdeag a sin:
"An e seo i", ors esan.
"O! 's i tha' ann a shin", ors ise.
"Glé mhath", ors esan. "Well", ors esan, "seo an
earrann a tha seo·ach", ors esan, "agus gabha
tu i dha'n phuragaid agas iche tu uile
gu léir i", ors esan, "agas chan fhàg
thu criomag dhith."
Rinn i sin agas thuit fear dhe na
cabair. Chuir e an uair sin an grothach
a bha air m'a cheann a rithist:
"Ai, ai", ors esan, "feumaidh", ors esan, "gur
h-e fìor-dhroch-bhoireannach a th' annat.
Chan 'eil rathad agam air do leigheas."
ors esan. "Thug thu", ors esan, "bratach,"
ors esan, "o shaighdear bochd ann a
sheo", ors esan, "agas dh'fhàg thu e,"
ors esan, "ann an eilean gun duine
beò comhla ris ach e fhéin agas
152
dh'fhala thu fhéin."
Bha ise a' sìor-choimhead air:
"Chan 'eil rathad na innleachd agam," ors esan,
"air do leigheas", ors esan, "mar a faigh
thu dhomh a' bhratach agas gu feum
mise a' bhratach a lìrigeadh seachad dha'n
t-saighdear bhochd aig a robh i a
bheil i agat air faighinn?" ors esan.
"O! tha", ors ise. "Tha i a's an drà·air
a tha fo'n drà·air a's a robh an fhìdeag
agas chan 'eil rathad agam-s'", ors ise,
"air a dhol 'ga h-iarraidh. Ach gheibh
siu péin i agas tha i ann a shin."
Dh'fhosgail e an drà·air co
dhiubh agas fhuair e a' bhratach:
"Cha dug mi liom de stuff na
leighiseadh uile thu. Ach thig mi a
màireach agas léighisidh mi suas thu
cho math 's a bha thu riamh."
"O! thig an diugh fhéin", ors ise, "ma
ghabhas e dèanamh."
"O! ors esan, "chan urrainn domh tighinn",
ors esan, "na's luaithe na a màireach.
Tha an t-astar fada agam", ors esan,
"agas", ors esan, "eadar falabh is tighinn",
ors esan, "bidh an t-anamoch ann m'an
tillinn-s'", ors esan. "Ach thig mi tràth
153
a màireach."
Dh'fhosgail e an dorus agas dh'éibh
e air a' mharsanta:
"Well", ors esan, "tha mi air thuar an
grõthach a dhèanamh air a' righinn agat," ors
esan. "Tha i gu bhith léighiste uile agam",
ors esan. "Tha mi anabarsach fhéin duilich",
ors esan, "nach dug mi liom de
stuff", ors esan, "na dhèanadh an
grõthach. Ach chan fhac(hc)a mi aon
té riamh", ors esan, "bu mhiosa na i.
Bha i cho dona ri aonan a chunna
mi riamh", ors esan. "Leighis mise gu
leòr dha'n t-seòrsa-sa", ors esan. "Ach
cha do leighis ri aonan riamh", ors
esan, "cho dona rithe-se. Faoda siu
péin a dhol a staigh agas a faic(hc)inn."
O! chaidh esan a staigh dha'n rùm.
"O! well", ors esan, "nach mi tha toilite.
Bheirinn mo chuid dha'n t-saoghal seachad",
ors esan, "air son a' nighean a bhith,"
ors esan, "léighiste."
"A! well", ors esan, "léighisidh mise i,"
ors esan, "gu math saor. Ach nam bitheadh
fhios 'm", ors esan, "gu robh i chomh
doiribh", ors esan, "cha b' fhuilear liom:
ors esan, "a dhà urad is a thairigeadh
154
dhomh", ors esan, "fhaighinn air a son", ors
esan. "Cha dànaig aonan riamh", ors esan,
"air mo bhialu", ors esan, "bu doiribhe
na i. Ach", ors esan, "chan 'eil rathad
agam air sìon a dhèanamh an diugh",
ors esan, "ach seo", ors esan.
Agas bha cabar mór eile ora-se
agas b' e seo an cabar bu mhiosa a
bh' ora uile gu léir. Bha a' fear sin
a' treabhadh (h)roimhe (h)ro'n bhalla.
ẽ.
Ach co dhiubh dh'fhalabh esan:
"Fiach", ors esan, "an tig thu tràth
a màireach", ors esan, "air neo tha eagal
oram", ors esan, "nach dèan thu an
grõthach air a' chabar-s' eile."
"O! fiacha mi tighinn", ors esan," cho
tràth 's is urrainn domh."
Agas dh'fhalabh e. Bha an fhìdeag
agas a' bhratach aige agas bha e
a chearst cho coma gad a dh'fhàgadh
e an cabar eile ora leis mar a rinn
i. Ach co dhiubh chaidh e dhachaidh
dha'n taigh a's a robh an corpolair
agas a chompanach:
"Cà robh thu", ors an corpolair.
"A!", ors esan, "bha mi", ors esan, "shuas
am buile", ors esan.
155
Dh'fhosgail e am baga agas:
"Seo dhu'-sa", ors esan, "do bhratach – agas",
ors esan, "tha mo chuid fhios agam-sa", ors
ẽ.
esan, "agas paighidh i glé mhath mi", ors
esan, "a chuile h-aon dhith a màireach,"
ors esan.
"A Shiorrdhachd", ors an corpolair, ors esan, "nach
cuala mi", ors esan, "gu robh adhaircean
sgràthail air nighean a' mharsanta agas gu
bheil iad air thuar", ors esan, "an taigh
a leagadh."
"An diu, tha", ors esan, "agas tha aon
té mhór fhathast ora agas gheibh i
"fright", ors esan, "m'an toirear i sin
dhith."
"Nach 'eilear 'ga sìor-shàbhadh", ors esan, "
agas tha iad a' fàs cho teann is a
bha iad riamh ora."
"O! tha", ors esan. "Ach gad a dhèanadh
iad sin", ors esan, "cha léighis duine gu
siorraidh i ach mise. Ma thug ise mo
chur asam-sa", ors esan, "thug mise a
car aiste", ors esan.
"Dia mar sin", ors esan.
"Tha gu math", ors esan.
Ach co dhiubh chuir iad an còrr
dha'n latha seachad a's an taigh-shamhraidh
156
a bha seo, biadh is deoch mar a
smodadh iad. Cha robh ac(hc)a ach an
dorus a dhùnadh gad a bhitheadh am
bòrsd falamh, fhosgladh an ceann tiotan
is bha am bòrsd cho làn is a bha
e riamh. Bha iad a nisde ann a
shineach an oidhche sin glé thoilite. Cha
robh ceann na bliana fhathast ann. A'
là 'r-na-mhàireach, 'n uair a dh'éirich
iad is a ghlan iad iad fhéin, ghabh
iad am breaiceast:
"'S fhearr dhomh-sa falabh", ors esan.
"Ca' 'il thu a' dol?" ors an corpolair.
"Tha mi", ors esan, "a' dol a leigheas
nighean a' mharsanta agas", ors esan, "tha
airigead mór, mór agam a' dol 'ga
fhaighinn an diugh", ors esan.
"Dé", ors esan, "an t-airigead a tha sin",
ors esan.
"Tha peic(hc) òir", ors esan, "agas peic(hc)
airigid."
"Dhia", ors esan, "tha airigead a sin gun
teagamh", ors esan, "ach fiach", ors esan,
"nach toir iad do char asat", ors esan.
"Dia mar sin?" orsa Iain.
"Faigh do phaigheadh an toiseach", ors esan,
ĩ
"ma leighis thu nighean a' mharsanta agas
157
biodh do phaigheadh agat", ors esan, "agas
leighis an uair sin i agas falabh bog,
falabh a mach", ors esan, "mar gum beadh
tu a' dol a dh'iarraidh "stuff" eile
agas bheir leat am peic(hc)e òir agas
am peic(hc)e airigid", ors esan. "Fiachaidh
iad", ors esan, "ri d' mharadh a
thaobh", ors esan, "bha mise m'an cuairst
an dé", ors esan, "agas 's e am
paigheadh a bha thu a' dol a
è
dh'fhaighinn", ors esan, "peic(hc)e òir agas
peic(hc)e airigid ach cha rachadh a
h-aon dhiubh a mach air an dorus.
Bha thusa gus a bhith marabh."
"A bheil sin ann cuideachd?" ors esan.
"Tha."
"A! well", ors esan, "chì sinn cearst m'a
dhéidhinn sin."
Ach co dhiubh, dh'fhalabh e gu
taigh a' mharsanta agas bha iad uile
toilite gun dànaig e:
"Tha thu air tighinn", ors esan, ors am
marsanta.
"Tha", ors esan, "mi air tighinn", ors esan.
"Bha toil agam", ors esan, "tighinn", ors
esan, "cho tràth is a b' urrainn domh",
ors esan, "air son saoirsne a thoir' dha'n
158
nighinn agat", ors esan.
"O! thig a nuas mar seo", ors esan. "Tha i
ann am pian mór", ors esan.
Ghabh e suas agas dhùin e
an dorus.
"A! well", ors esan, "chan eil rathad agam", ors
esan, "air do léigheas", ors esan, "rathad
na innleachd agam air do léigheas", ors esan,
"gus a faigh mi", ors esan, "mo thuarastal
an toiseach. Ma gheibh mi mo thuarastal",
ors esan, "fiacha mi", ors esan, "ris an
cabar a tha seo a thoir' dhìot, a
thaobh", ors esan, "tha e sgràthail fhéin
doiribh."
O! rinn i éibh mhór an uair san
agas dh'fhosgail esan an dorus agas thànaig
a' marsanta a staigh:
"Gu dé", ors esan, "a tha cearr?"
"O!" ors esan "tha an cabar a tha seo
sgràthail fhéin doiribh. Feuma mi", ors esan,
"mo thuarastal fhaighinn an toiseach", ors
esan. "Tha an grõthach a tha seo sgràthail.
doiribh agas mar a faigh mi e", ors
esan, "fàgaidh mi i mar a tha i."
"O! gheibh", ors a' marsanta, "gheibh thu
e a's a' mhineid uarach."
Thomhaiseadh peic(hc)e òir agas peic(hc)e
159
airigid agas thugadh siod dha:
"An dèan siod an grõthach dhut?"
"Well," ors esan, "tha e beag gu leòr", ors esan,
"ach o'n a rinn mi baragan ribh", ors esan,
"m'a dhéidhinn", ors esan, "an tuarastal
fiacha mi ris a' nighean agat a leigheas.
Ach tha i anabarrach fhéin doiribh
"O! gheibh tha tuilleadh", ors a' marsanta.
"Well", ors esan, "chì mi", ors esan, "an dràsda",
ors esan, "agas ma théid agam air a
dhèanamh mar tha mi a' smaointinn", ors
esan, "nì e an grõthach."
Ach co dhiubh, dh'fhalabh a'
marsanta a mach agas chuir esan dha'n
bhaga a chuile sìon agas thug e a'
leith eile dha'n ubhall dhi agas sheall
e agas:
"O! well", ors esan, "nach mi tha duilich",
ors esan. "Cha dug mi liom an ola idir",
ors esan, "a bha còir agam a shuathadh
ris a' cheann agat agas 's ann is
fhearr dhomh", ors esan, "falabh 'ga
h-iarraidh gu cleafar", ors esan, "ma
fàs i a rithist", ors esan, "air son
an ola a shuathadh ris a' cheann
agat."
Thànaig e a mach as a' rum agas
160
thug e leis am baga. Bha am baga gu
math trom. Bha dà pheic(hc)e òir agas peic(hc)e
airigid ann. Ach gad a bha fhéin, thug e
leis e agas a mach air an dorus mhór
a ghabh e. Dh'fhàg e dorus a' "bhedroom"
fosgailte agas bha a' nighean "all right"
agas na cabair air an ùrlar. Thànaig a'
nighean a nuas a' staighre agas:
"O! tha thu air léigheas."
"Tha", ors ise. "Tha mi air léigheas", ors
ise, "ach dh'fhàg an dotair," ors ise, "ola
a bh' agam", ors ise, "a shuathad ri m'
cheann, dh'fhàg e an diochain a staigh
e agas chaidh e 'ga iarraidh."
"A fac(hc) thu", ors esan, "an dug e leis
an t-òr 's an t-airigead?"
"O! chan 'eil fhios 'm", ors ise. "Bha mi
coma", ors ise, "ach 'n uair a fhuair mi
"clear" is na cabair," ors ise, "tighinn a
nuas."
Chaidh à-san suas. Cha robh òr na
airigead ann. Cha robh sgial air an
fhear a leighis i. Dh'fhalabh Iain agas
tharrainn e air an taigh-shamhraidh gu
luath agas rànaig e an corpolair agas
a' saighdear eile.
"Tha thu air tighinn", ors esan. "Dia mar a
61
chaidh dhut."
"A! glé mhath", ors esan, "airigead gu leòr againn
ann a seo", ors esan, "peic(hc)e òir agas
peic(hc)e airigid", ors esan, "agas a chuile sìon
a bhuineas dhuinn", ors esan. "Chan eil sinn
a' dol a ghluasad as a seo", ors esan,
"gus an tig", ors esan, "na leidis uasal",
ors esan, "a tha 'gar cumail ann a
sheo. Tha ceann na bliana gun a bhith
ann ach cha bhidh e fada gun a
bhith ann."
Ach bha iad ann a shin a nisd
an còrr dha'n ùine agas cha do ghluais
iad riamh as an taigh ach a' dol
m'an cuairst, m' an cuairst a' coimhead air
iongnaidhean fad a' latha. 'N uair a
thigeadh feum ac(hc)a air biadh, bha
iad a' dol a staigh agas a' gabhail
am bidhidh agas 'ga "resteadh" fhéin a
muigh. Bha a' saoghal a' dol seachad
gun fhiosta dhuibh. Thànaig a seo ceann
na bliana agas thug iad an aire do
thrì coidseachan a' tighinn suas m'an àm
a's na dh'fhalabh na leidies bhuatha.
Thànaig a' chiad choidse agas b' e sin a'
leidi a bha aig Iain a' cadal comh
ris fad bliana:
162
"Tha thu a seo fhathast", ors ise.
"Tha", ors esan. "Tha mi ann a sheo fhathast",
ors esan.
"A! well", ors ise, "bi thu a' falabh comhla
rium-sa", ors ise, "agas bidh mi fhìn is tu
fhéin", ors ise, "a' pòsadh a nisd", ors esan ise.
Thànaig a sin an ath-choidse agas thuirst
i sin an ao' rud ris an fhear a bha
a' cadal còmh rithe fhéin agas
"Bi thu a' fala comhla rium-sa agas bith
sinn a' pòsadh."
Thànaig a sin an treas fear agas thuirst i
an ao' seanachas agas a thuirst càch:
"Ma fala sinn" ors ise, "gabha sinn ar biadh
comhla," ors ise "mar a rinn sinn", ors ise,
an trip ma dheireadh," ors ise.
Seo mur a rinn iad. Ghabh iad am
biadh comhla agas iad anabarrach fhéin
toilite agas chaidh a chuile fear riamh
dha'n choidse a bha aige fhéin agas
thug esan leis am parcel a bha seo,
an dà "pharcel".
"Dé", ors ise, "na parcelan a tha sin?"
"Well", ors esan, "innsidh mi sin dhaoibh", ors
esan. "Bha mise", ors esan, "beagan an a
déidh dhaoibh falabh", ors esan, "bha mi a'
faireachdainn na h-ùine cho fada", ors esan,
163
agas dh'fhalabh mi", ors esan, "dha'n bhaile suas
agas", ors esan, "bha mi a' dol seachad air
seop ann a shin", ors esan, "agas", ors esan
"theann mi air tarrainn a nighinn a bh' ann
a shin agas Dhia", ors esan, "ghabh mi
seorsa de nòisean dhith cuideachd", ors esan,
"agas thuirst mi rithe", ors esan, "na
faighinn comhla rithe fad na h-oidhche,
gun toirinn dhi an fhìdeag."
"Seadh", ors ise.
"Sheall mi an fhìdeag dhi", ors esan, "agas
sheinn mi i", ors esan, "agas chunnaic i na
saighdeirean agas ghabh i miand dha'n fhìdeag
agas thuirst i gu faighinn comhla rithe
fad na h-oidhcheadh ach i dh'fhaighinn
an fhìdeag.
"Gheibh thu", ors esan, "treis dhith", ors esan, "ach
chan fhaigh thu gu bràch idir i" ors esan.
"Cia dhomh i", ors esan, "fiach an dèan i
dhomh-sa mar a rinn i dhut fhéin."
Thug mi dhi i" ors esan, "gu
mì-fhortanach", ors esan, "agas sheinn i i,"
ors esan, "agas thànaig na saighdeirean a
amach, réisimeid. Dh'fhaidhneach an commanndair
gu dé bu mhath lẽithe a dhèanamh:
"Tha am blaigearsd duine a tha siod: tha
e 'gam "insultadh", a chuir a mach as an
164
t-sealladh
Rugadh oram-sa", ors esan, "agas fhuair mi
mo shlàtaradh (slaughter) agas mo dhochann", ors
esan, "agas chuireadh air falabh mi. Bha an
fhìdeag aig nighean a' mharsanta agas cha
robh rathad agam-sa air a toir' bhuaithe.
Dh'fhalabh mi an uair san", ors esan, "agas
thug mi fo'n chompanach", ors esan, "a' bhratach
agas mi a' dol a thoir "trick" air
nighean a' mharsanta agas:
"Tha thu air tighinn an diugh a rithist", ors
ise, nighean a' mharsanta.
"Tha", ors esan, "mi air tighinn. Well", ors
esan, "tha rud agam an diugh", ors esan,
agas", ors esan, "ma sheasas tu air, cana
tu riut fhéin", ors esan, "gur a tu aon
té is briagha air uachdar an t-saoghail."
"Dé rud a tha sin?" ors ise
"Tha bratach a th' agam ann a sheo", ors
esan.
Sgaoil mi a' bhratach", ors esan, agas", ors
esan, "'n uair a sgaoil mi a' bhratach", ors
esan, "sheas mi fhìn ora cuideachd", ors esan,
"agas leum ise a nuas agas sheas i ora
agas dh'òrsdaich mise mi fhìn", ors esan,
"dha'n aon eilean a b' fhaide air falabh
a's a' chuan. Bha ann ann ann an
tiotadh", ors esan
"Well tha thu nisd", ors esan. Phaisg mi", ors
esan, "a' bhratach agas", ors esan, "chur mi
ors esan, "ghléidh mi i. Dh'fhala sinn an
uair sin", ors esan, ""walk" a mach air
feadh an eilein:
"Tha thu a nisd agam gun taing", ors esan
"agas bidh sinn ann a sheo", ors esan; fhad
's a thogras mise,"
"O bidhidh", ors ise. "Nach e sin a bha a
dhìth oram", orsa nighean a' mharsanta.
Ghabh sinn "walk"", ors esan, "air feadh
an eilein agas 's e eilean anabarrach fhéin
briagha a bh' ann. Ach co dhiubh bha
sinn a' fàs sgìth", ors esan. "Bha mi fhìn
a' fàs sgìth cearst gu leòr", ors esan, "
leis cho fad 's a bha mi", ors esan, "gun
a bheag a choiseachd a dhèanamh", ors esan,
"agas thàine sinn gu croc(hc) beag ann a
shin", ors esan.
"Nach b' fhearr dhuinn suidhe ann a seo,"
ors ise," agas restadh."
"Tha mi glé dheònach", ors esan, "glé dheònach
suidhe ann a sheo cuideachd", ors esan, "agas
restadh."
Shuidh sinn sìos", ors esan, "is bha
sinn treis a' bruidhinn", ors esan, "agas gu
166
dé an truaighe mhór", ors esan, "ach thuit
mise 'nam chadal agas fhad 's a bha mise
'nam chadal", ors esan, "thug ise a' bhratach",
ors esan, "bhuam agas sgaoil i i – tha
mi cinnteach, agas dh'òrdaich i i fhéin
ann an taigh a h-athar. Bha i a sin
ann an tiotadh agas 'n uair a dhùisg
mise", ors esan, "cha robh nighean a'
mharsanta na duine eile ann ach mi
fhìn. O! bha mi a' smaointinn", ors esan,
"nach fhaighinn as gu bràch," ors esan,
"agas chunntais mi mi fhìn glé dhona
a' rud a rinn mi ach cha ghabhadh
e leasachadh. Cha robh biadh ann", ors
esan, "ach a bhith suas air na miosan
a bha 's an eilean. Bha mi ag ithe
na miosan, agas sgor math a fhuair mi", ors
esan, "far am bithinn a' gabhail m'a
thàmh. Bha mi ann a shin treis mhath,"
ors esan. "Theirig a seo na miosan a's
an àite a bh' ann a sheo dhomh agas
dh'fheumainn seaifteadh (shift) a dh'àite
eile", ors esan. "Ach thàine", ors
esan, "gu craobh", ors esan, "a bh' ann
a shin. Bha ubhlan a sin", ors esan,
"nach fhac(hc)a mi riamh na bu bhriagha,"
ors esan, "agas", ors esan.
167
"An dà", ors esan, "tha mi glé lucky mairidh
seo deagh-threis dhomh."
Bha craobh eile an taobh thall dhith",
ors esan, "agas", ors esan, "bha ubhlan ora
fhéin", ors esan, "ach cha robh iad cho fìor-
bhriagha ris na h-ubhlan air an té·a-sa.
Ghabh mi a dh'ionnsaigh na craoi·eadh, a'
chiad chraobh", ors esan, "agas rug mi air té
dhe na h-ubhlan agas bhean mi air a
h-iche agas 'n uair a dh'ith mi an
ubhal", ors esan, "a Dhia beannaich mi!
theann adhaircean air fas oram orm an tiotadh
agas iad a' fàs suas", ors esan, "air
gach rathad", ors esan. "Cha robh iongnadh
ann riamh 'uige sin. Bha iad cho mór", ors
esan, "is nach fhaic(hc)inn am barr ac(hc)a."
"O!" ors esan, "fanaidh mise mar seo gu
bràch", ors esan, "cha tig duine 's a' bith
'nam chòir: agas cinnteach gu leòr", ors
esan, "an ubhal a dh'ich mi", ors esan, "gur
h-i chuir ceal oram."
Ach chunntais mi", ors esan, "a chuile
grõthach riamh cho dona is a rinn mi
orai'-se", ors esan, "agas seo a' chrois a chuir
siu oram. Bha mi", ors esan, "gus tiaradh,"
ors esan, "leis an ac(hc)ras ach idir cha
rachainn an còir na craoi·eadh air a
168
robh an ubhal."
"Well", ors esan, "feumaidh mi," ors esan, "biadh
iche", ors esan, "air neo mi fhìn a ligeil
gu bàs. Chan 'eil fhios", ors esan, "gu dé,"
ors esan, "a nì na h-ubhlan a tha seo
oram", ors esan. "An e tuilleadh fàs a
nì iad air neo a mhathas eile."
Fhuair mi té dhe na h-ubhlan", ors
esan, "a bh' air a' chraobh eile agas
a chuile greim a bha mi a' toir aiste",
ors esan, "bha cabar a' tuiteam. 'N uair
a dh'ich mi a' chuid ma dheireadh
dhith", ors esan, "thuit a chuile cabar
riamh fear is fear agas abra sì-se", ors
esan, "gu robh mise toilite 'n uair a
thachair sin. Bha mi a nisd a's an
eilean sin", ors esan, "is cha do bhean
mi do dh'aon seach a h-aon dhe na
craobhan sin ach chaidh mi gu àite
eile. Bha ri a nisd a's an eilean
sin", ors esan, "agas fhuair mi
miosan eile air son iche. Bha mi
ag iche na miosan sin riamh fhad
's a bha mi ann. Ach thu robh
mi fad 's a' bith ag ithe na miosan
a bh' ann a shin, 'n uair a thug mi
an aire do bhàta a' tighinn glé
169
chlose dha'n eilean. Dh'fhalabh mi agas
chuir mi suas flag ag iarraidh as nan
gabhadh e dèanamh, air a' bhàta. Thug a'
sgiobair an aire dhomh, dha'n fhlag, agas
thuirst e gu robh duine air choir eigin
a's an eilean ag iarraidh a shaoirsne.
"Is cinnteach", ors esan, "gur h-e seòladair
bochd a bh' ann a chaidh a reaiceadh
m'an droch-eilean a tha seo."
Ach co dhiubh "loaradh" bàta sìos ri
taobh a' bhàta mhóir agas 'n uair a
chunnaic mise iad a' "loaradh" a' bhata, a
nuas gon a' chladaich a bha mi agas
bha a' chraobh mhór a bha seo a's
a' rathad oram", ors esan, "agas chuimhnich
mi air nighean a' mharsanta", ors esan, "ma
thug ise mo char asam-sa gun toir mise
a car aiste-se. Thug mi liom", ors esan,
"parcel" dhe na h-ubhlan a bh' ora agas
thug mi liom "parcel" urad eile dhe na
h-ubhlan a bh' air a' chraoibh eile," ors
esan, "agas", ors esan, "rinn mi dà "pharcel"
orra agas", ors esan, "chaidh mi sìos gon
a' bhàta", ors esan, "agas fhuair mi,"
ors esan, "air bòrsd dha'n bhàta", ors esan.
Ràine sinn thall", ors esan, "am bàta mór
agas chuireadh suas", ors esan, "air àdhradh
170
sinn", ors esan, "a chuireadh a nuas ri cliathach
a' bhàta, agas suas a bha mi fhìn agas
thug mi liom an dà "pharcel". Chaith mi
an dà pharcel a bha siod", ors esan,"
chaith mi e", ors esan, "air deaic agas
thug a' sgiobair", ors esan, "a staigh mi",
ors esan, "dha'n chèibin agas cheannaich
e mi. Bha mi ag innseadh dhà a
chuile sìon."
"Ma dh'innis thu dhà," ors ise, "mar a chaidh
thu dha'n eilean."
"O! cha do dh'innis", ors esan. "Bha e
a' smaointinn riamh", ors esan, "gur h-e
seòladair a bh' annam agas gun deach mo
reaiceadh", ors esan,,
Dh'fhaidhneachd e dhiom", ors esan, "dé
'n t-àite a bu mhath liom mo chuir air
tìr agas dh'innis mi dha. 'N uair a
fhuair mi gabhail agam a's a' chèibin,
chaidh esan suas", ors esan, "agas bha na
seòladairean uile gu lèir," ors esan, "air
na h-ubhlan iche", ors esan, "gu beagnaich,"
ors esan, "ubhal an urra", ors esan, "agas
a leithid a chabair chan fhac(hc)a mise
a riamh. Bha iad air cẽal ris na
ròpannan a's na "riggins". Thànaig a' sgiobair
a nuas.
171
"O! well," ors esan, "nam bitheadh fhios 'm", ors
esan, "gun ann mar a tha thu air na
seoladairean agam", ors esan, "a mhilleadh", ors esan.
"Tha", ors esan, "cabair orra is chan fhac(hc)a
mise riamh a leithid. Chan 'eil rathad agam-sa
air a' bhàta obrachadh", ors esan, "leis mar
a tha na seòladairean is na cabair a
laoib na riggins."
Chaidh mi fhìn suas agas chunna mi
iad:
"Well", ors esan, "nan bitheadh na seòladairean
aga'-sa", ors esan, "onarach cearst", ors esan,
"cha robh ao' sìon orra. Nam bitheadh iad
air gabhail amhlaidh ris na "parcelan" a
thug mise air bòrsd", ors esan, "cha robh
ao' sgriod orra. Ach tha siu péin a'
faic(hc)inn" ors esan, "nach 'eil iad idir
onarach."
Ach", ors esan, "chan fhac(hc)a a' sgiobair
a leithid seo riamh:
"Well", ors esan, "leis cho fìor-choibhneil is
a rinn siu rium", ors esan, "leighisidh mise
iad cearst gu leòr", ors esan. "Ach ma
nì iad a rithist e", ors esan, "cha
ghabh iad léigheas."
Dh'fhalabh e agas thug e ubhal
dha na chuile fear. Bha fhios aige taghta
172
math gur h-e ubhal a dh'ich iad agas
thug e ubhal bheag dha na chuile fear
agas 'n uair a bha iad:
"Cuimhnichiu," ors esan, "na fàgu sgrobag dhith", ors
esan, "gun iche", ors esan.
Cha robh iad deònach idir a gabhail:
"O! mar a gabh", ors esan, "bidh e n'as
miosa dhaoibh", ors esan.
Dh'ich iad an ubhal agas thuit na
cabair agas bha iad mar a bha iad fhéin:
"Well", ors esan, "chan 'eil fhios agam-sa dé
am paigheadh a bheir mi dhut", ors esan,
"leis cho fìor-mhath is a rinn thu. Ach gheibh
thu", ors esan, "co dhiubh", ors esan, "còig
notaichean", ors esan.
Fhuair Iain na còig notaichean agas bha
e gu math feumach air agas chuireadh air
tìr e a's a' bhaile-puirst a bha seo
agas b' e sin am baile-puirst a's a robh taigh
a' mharsanta. Cha d' rinn e ach gabhail
suas an t-sràid agas na h-ubhlan aige
agas e ag éigheach:
"Có a cheannaicheas ubhlan" agas ubhal mhór aige
'ga coimhead. Cha do dh'fhosgail e riamh
am "parcel" gus a robh e m'a choinneamh
taigh a' mharsanta. Bha a' nighean shuas
gu h-àrd a's a' "bhedroom" agas
173
chunnaic i a' fear a bha seo agas ubhal
aige ag éigheach có cheannaicheadh ubhlan. Dh'fhalabh
i agas chur i a's a' mhineid air falabh
seara(bh)anta air son punnd dha na h-ubhlan a
bha seo a cheannach agas rànaig i mise",
ors esan, "an t-searanta" agas dh'fhaidheachd
i dhiom", ors esan, "a robh mi a' creic(hc)
nan ubhlan:
"Tha", ors esan, "mi a' creic(hc) beagan dhiubh", ors
esan, "Tha iad a' fàs goirid tuilleadh agam",
ors esan.
"Tha nighean a' mharsanta", ors ise, "air son
punnd dhe na h-ubhlan sin fhaighinn."
"O! well," ors esan, "tha mi glé dhuilich", ors esan.
"Tha "run" eagalach air na h-ubhlan a tha seo", ors
esan. "Chan urrainn domh a thoir' seachad
na's mó na aon té tuilleadh gus an
tig", ors esan, "là eile", ors esan, "agas
ors esan, "bidh barrachd agam an uair san."
"Dé", ors ise, "a bhios am punnd oram?"
"Bidh", ors esan, "a leithid seo. Tha iad gu
math daor."
"Very well", ors ise, "sin do phaigheadh"
Dh'fhalabh an t-searaanta gu cleufar
leis an ubhal suas gu nighean a' mharsanta
a' gabhail ealla riutha air an uinneig agas
chunnaic i cearst gu leòr nach d' fhuair i
174
ach an aon ubhal. Cha robh i idir toilite
nach d' fhuair i tuilleadh ach leis cho mór
is cho briagha is a bha i, theann i
air a h-iche a's a' mhineid agas dh'ich
i a chuile greim dhith. Cha robh e fad 's
a' bith air an ubhal iche 'n uair a
theann crapan air tighinn air a ceann.
Bha i a' sìor-fhiachainn nan crapan agas
bha na crapan a' sìor-fhàs mór agas
ma dheireadh nochd na cabair a mach.
Bha na cabair air thuar a' rum a
dhùnadh uile gu léir ag iarraidh àite
air son gu faigheadh iad a mach.
Chaidh "report" air feadh an àite gu
robh nighean a' mharsanta tinn. Chuala
ann uileag e, agas tha mise glé thoilite
air son mar a thachair a thaobh
agas gu faighinn-sa mo latha fhìn
ora as a dheaghaidh seo. Ghabh mi
a staigh a sheop agas fhuair mi
deise mhath orm a shineach agas baga
agas chaidh mi gu taigh a' mharsanta.
Bha mòran de dhaoine timicheall a
sin. Dh'fhaidhneachd mi gun cuala mi gu
robh nighean a' mharsanta anabarrach
fhéin bochd:
"Tha i sin agas tha fìor-eagal oirnn
175
nach fhaigh i dheth idir."
"Gu dé", ors esan, "a tha cearc orm?"
"O! chan 'eil sìon a dh'fhios againne gu dé
tha cearr, ach tha móran de dhotairean timicheall
fiach an cuir iad cearst i agas tha e
a' fairtleachdainn ora. Tha na dotairean air toirt
suas air son nach dèan iad sìon a
dh'fheum."
"Well", ors esan, "na faic(hc)inn a' nighean", ors
esan, "dòcha", ors esan, "gun dèanainn feum
dhi," ors esan. "A réir is mar a chuala mi,"
ors esan, "leighis mi", ors esan, "beagan mar tha
dheth agas", ors esan, "tha mi a' smaointinn,
ma's ann mar a bha càch a tha i, gun
dèan mi an gnothach ora. Bidh mi air son
a h-athair fhaic(hc)inn."
Chaidh fios suas gon a h-athair agas
dh'innis iad a' fear a bha air son
fhaic(hc)inn is gun dèanadh e feum dha'n
nighinn, nan gabhadh e dèanamh. Thànaig a
h-athair a nuas agas chaidh e a bhruidhinn
ri Iain.
"Tha mi a' tuigsinn", ors Iain, ors esan, "gu
bheil a' nighean agat anabarrach bochd."
"O! tha", ors esan, "agas b' e sin a' bhochdainne
thruagh", ors esan.
"Dé", ors esan, "a' bhochdainne a th' ora?
176
"An dà, tha", ors esan, "cabair mhóra, mhóra", ors
esan, "a' fiachainn ri dhol ro'n taigh," ors
esan. "Feumaidh iad a dhol ro'n taigh, a' rum
a's a bheil i. Cha mhór gu faigh sin", ors
esan, "a staigh air an dorus", ors esan.
"Thathar 'ga sàbhadh", ors esan, "is gu dé is
fheàirrde dhaibh sin", ors esan, "Tha na cabair
a' fàs mar a bha iad riamh."
"A bheil", ors esan, "dotairean a' coimhead ora?"
"O! bha", ors esan, "ach ma bha", ors esan, "is
beag a rinn iad."
"Well", ors esan, "'s e dotair a th' annam-sa, mi
fhìn", ors esan, "agas", ors esan, "chunna mi
"case" na dha dhe'n t-seòrsa sin", ors esan, "agas
léighis mi iad cuideachd", ors esan, "agas",
ors esan, "bhithinn air son a' nighean
fhaic(hc)inn," ors esan. "Gu dé", ors esan, "a
bheirea siu seachad air son a' nighean
fhàgail mar a bha i m'an dànaig na
cabair ora."
"Bheir mi seachad", ors esan, "peic(hc)e òir agas
peic(hc)e airigid."
"A! well", ors esan, "'s ann ro-dhona buileach a
bhios i", ors esan, "mar a dèan mise an grõthach
agas nì sinn baragan", ors esan, "air a shon
sin."
"Gheibh thu sin", ors esan, "ma bheir thu", ors esan,
na cabair", ors esan, "far ceann na h-ighinn."
"Glé mhath, ma tha", ors esan, "tha mi air son
a faic(hc)inn ma ghabhas e dèanamh", ors esan,
"nì mise an grõthach", ors esan.
Ach co dhiubh, thug a' marsanta suas
dha'n rum e far a robh a' nighean agas
b' e sin a' sealladh. Cha robh an ceann aic(hc)e
ach 'na ao' chraoslach le cabair:
"A! well", ors esan, "tha i cho dona ri aonan
a chunna mi riamh. An fheadhainn a léighis
mise dhiubh seo", ors esan, "cha robh iad
faisg cho dona seo", ors esan, "ach co
dhiubh", ors esan, "fiachaidh sinn ora", ors esan.
"Ma dh'fhair(t)ligheas e oirnn", ors esan, "tha
e neònach. Ach", ors esan, "chan fheum aon
duine beò", ors esan, "a bhith e staigh a's
a' rum ach mi fhìn is i fhéin a
thaobh", ors esan, "tha i dona, dona", ors esan.
O! "chleuradh" a mach a' rum a's a' mhineid
agas dh'fhaidhneachd esan gu dia mar a
thànaig na cabair ora agas cha robh fhios
aic(hc)e. Dh'fhalabh e an uair san agas
fhuair e an cleòc(hc)a a bha seo agas
chuir e air e agas chuir e m'a
cheann e m'a coinneamh. Bha e treis
ann a shineach agas sheall e ora.
"Well, well", ors esan, "bha dùil 'm", ors esan,
178
nach robh thu mar seo idir", ors esan, "an
dug thusa", ors esan, "fìdeag o shaighdear agas
nach robh còir 'sa bith agat ora."
"Thug", ors ise.
"Feuma tu", ors esan, "an fhìrinn innseadh dhomh",
ors esan, "air neo théid na cabair sin", ors
esan, "ro' mhullach a' rum ort. Théid iad a
mach", ors esan, "agas ag Dia a tha brath",
ors esan, "cà stad iad. Bidh thusa", ors esan,
"ann a shin fhad 's is beò thu."
"O! thug", ors ise, "agas", ors ise, "tha aireachas
gu leòr oram", ors ise, "air aon a thoir bhuaithe."
"Well", ors esan, "feuma tu an fhìdeag sin a
thoir' dhomh-sa", ors esan, "agas gun toir mi
seachad e", ors esan, "dha'n t-saighdear bhochd",
ors esan, "a choisinn i", ors esan, "gu h-onarach",
ors esan. "Tha fhios 'n taghta math cà 'il e
a' fuireach", ors esan, "agas tha e 'g'a
h-ionndrainn glé mhór."
"O!", ors ise, "chan urrainn domh-sa gluasad
as a seo", ors ise, "ach tarrainn an drà·air
a tha siod", ors ise, "a mach agas gheibh
thu an fhìdeag", ors esan ise.
Seo mar a bha. Tharrainn esan an drà·air
agas thug e an aire dha'n fhìdeag agas
thog e i:
"'S e seo i", ors esan.
179
"O! 's i", ors ise.
"Gu dé", ors esan, "bu choireach", ors esan, "gun
dug thu bhuaithe i", ors esan.
Dh'innis i fac(hc)al air an fhac(hc)al mar
a thug i bhuaithe i. Dh'fhalabh esan agas rug
e an uair san air an ubhal bhig agas
rinn e trì leithean ora agas thug e dhi
leith dha'n ubhal:
"Ich siod", ors esan, "agas na fàg greim dhith",
ors esan.
Rinn i seo agas thuit fear dhe na cabair air
an ùrlar.
"Tha mi cinnteach", ors esan, "gur a h-fhearr dhomh",
ors esan, "tuilleadh a thoir' dhut."
Agus dh'fhalabh e agas chuir e an cleoc(hc)
air a cheann agas thug e dheth e:
"Ai, ai", ors esan, "bha dùil 'm", ors esan,
"nach robh thu cho dona seo idir", ors esan.
"Tha", ors esan, "grothach mór eile a seo", ors
esan. "An tug thu", ors esan, "bratach",
ors esan, "a shaighdear bochd," ors esan, "a
thu a' bruidhinn riut ann a sheo", ors
esan.
"O! thug", ors ise.
"Agus dh'fhàg thu e ann an eilean", ors
esan, "co dhiubh bhios e beò na marabh", ors
esan.
180
"Dh'fhàg", ors ise. "Chan 'eil fhios 'm", ors ise,
"a bheil e beò an diugh."
"Tha e beò", ors ise, "agas", ors esan, "tha
e a' tighinn air a' rathad", ors esan, "ann
am bàta", ors esan. "Feuma tu", ors esan,
"a bhratach a thoir dhomh-sa", ors esan, "agas
gun toir mise", ors esan, "seachad i", ors esan,
"dha'n t-saighdear bhochd", ors esan, "air neo
mar a tòir", ors esan, "chan 'eil rathad
agam-sa", ors esan, "air do léigheas", ors
esan.
"O! bheir gu dearatha", ors ise. "Fiach an
drà·air sin thall", ors ise, "an drà·air a
thu fo'n drà·air a's a robh an fhìdeag
agas gheibh thu a' bhratach glé thoilite",
ors ise.
well", ors esan, "dh'fhalabh e a null gon
na drà·arach agas bha a' bhratach ann a
shin. Thog e i.
"Well, a nighean", ors esan, "bha dùil 'm
nach robh thu cho dona seo idir."
Dh'fhalabh e an uair sin agas chuir
e an cleòc(hc)a a rithist air, m'a cheann,
agas thog e e agas ghabh e a nunn
gon a' bhùirsd agas thug e earrann eile
dha'n ubhal as a sin. Ach idir cha
robh ise 'ga fhaic(hc)inn dé bha e a'
181
dèanamh. Thànaig e a nall:
"Seo", ors esan, "gabha bu siod", ors esan, "agas
tha mi a' smaointinn gum bidh thu beagan
na's fhearr."
Fhuair e sinn. Thug e dhi e agas
thuit cabar eile. Cha robh ora a nisde ach
an ao' chabar agas bha a' fear sin gu
math mór agas studaig e gu fàgadh e
ann am pian i fad na h-oidhcheadh a
bha seo:
"Well", ors esan, "cha dug mi liom de "stuff"
as an taigh", ors esan, "na léighiseadh siu
buileach", ors esan. "Ach thig mi", ors esan,
"tràth a màireach", ors esan, "air son do
léigheas. "Tha", ors esan, "na bheil ri tighinn
dhiot", ors esan, "tha e anabarrach doiribh
agas chan 'eil de "stuff" agam", ors esan,
"na bheir dhiot uileag e, gad a bheirinn
dhut e."
"A! bheir dhomh e", ors ise, "fiach a faigh
mi "clear", ors ise, "na cabair."
"O!", ors esan, "cha toir ri dhut e", ors
esan, "gus an glan mi cearst an ceann agat."
Dh'fhàg e ann a shin i agas bha
ao' chabar ora agas bha na cabair
eile a's a' rum:
"Chan 'eil a chridhe agu", ors esan, aonan
182
dhiubh a ghluasad", ors esan, "as a sin,"
ors esan, "gus an tig an cabar ma
dheireadh far a' chinn agat air neo ma
ghluaiseas", ors esan, "tha na cabair suas
air a' cheann agat mar a bha iad
riamh."
"Cha ghluais", ors ise. "Chan 'eil a chridhe
ac(hc)a. Saoil", ors ise, "an urrainn dut tighinn
a nochd", ors ise, "agas an cabar a
thoir' dhiom."
"O! ors esan, "tha an t-astar glé fhada
air son a dhèanamh. Chan 'eil rathad
agam air tighinn a nochd", ors esan, "Tha
an t-astar ro-fhada. Ach thig mi tràth
a màireach."
Dh'fhàg e nighean a' mharsanta
ann a shin agas chaidh e dhachaidh
fiach a robh an corpolair agas a saighdear
eile a's an taigh. Bha iad ann, ann
a seo 'na suidhe agas iad a' smaointinn
gu trom air Iain, ceann na bliana gus
bhith ann agas gun sgial air Iain,
'n uair a nochd Iain a staigh agas rinn
iad toileachadh mór ris:
"Tha thu air tighinn agas cà robh thu?
"O! 's ann tha sin naidheachd mhór", ors
esan. "Tha naidheachd mhór, mhór a sin", ors
183
esan, "nach urrainn domh a h-innseadh dhaoibh
ann an aichearrachd ach fhuair mi dhachaidh
sàbhailte."
Ach co dhiubh ghabh e bhiadh comhla
riutha agas dh'ìnns (i:s') e dhuibh an uair
san dìreach "neat" mar a thachair dhà agas
mar a rinn nighean a' mharsanta air agas
mar a rinn esan air nighean a' mharsanta,
'n uair a fhuair e as an eilean.
"An dà chuala sinn m'a dhéidhinn nighean
a' mharsanta a bha sin gun teagamh agas
thu móran de ghrõthaichean aic(hc)e o
dh'fhala thu", ors esan, "gu sealltainn dha'n
chuile duine, a' rud a dhèanas iad.
"Well", ors esan, "cha seall móran dheth
an diugh", ors esan. "Fhuair mise", ors esan, "na
bha a dhìth oram", ors esan. "Ach tha
i ann an éigin fhathast", ors esan. "Tha
ao' chabar ora agas", ors esan, "bidh an
cabar sin ora gus an togair mise a
thoir' dhith a màireach", ors esan, "mise,"
ors esan a chuir na cabair sin ora,"
ors esan, "agas tha mi glé thoilite", ors
esan, "gun a rinn mi e", ors esan, "
leis cho suarach", ors esan, "agas a
rinn i fhéin oram-sa. Ach seo dhu'-sa
a' bhratach, ors esan, "agas 's mise a fear
184
nach toir bhuat tuilleadh i agas tha an
fhìdeag agam fhìn", ors esan, "agas cha
dealaich i bhuam", ors esan, "gus a faigh", ors
esan, "an té a thug dhomh i", ors esan.
Thuirst an corpolair rium an uair sin", ors
esan. "Bheir an aire dhut fhéin", ors esan,
"m'an chabar m'a dheireadh a bheir thu
dha nighean a' mharsanta. Chan fhaigh
thu beò gu bràch", ors esan, "a mach
a taigh a' mharsanta."
"Dia mar sin", ors esan.
"Ghealladh dhut", ors esan, "peic(hc)e òir agas
peic(hc)e airigid 'n uair a léighiseas tu",
ors esan, "nighean a' mharsanta", ors esan,
"théid thusa a chuir gu bàs agas
bidh am peic(hc)e òir agas am peic(hc)e
airigid aig a' mharsanta."
"O!" ors esan, "cha tachair sin idir", ors esan.
"Tha fhios agam taghta math", ors esan, "gu
dé nì mi", ors esan. "Gheibh mi mo
thuarastal an toiseach", ors esan, "m'an toir
mi an cabar ma dheireadh dhith."
"Well, gad a gheibhea tu sin fhéin", ors
'n corpolair, "nì iad an grõthach orst.
"O! ma tà, cha dèan", ors esan.
Ach co dhiubh chaidil iad an oidhche
sin is a' là 'r-na-mhàireach dh'éirich iad
185
agas 'n uair a ghabh iad am braiceast,
dh'fhalabh Iain.
"Bheir a nisd an aire dhut fhéin", ors an
corpolair.
"O! is mi a bheir", ors Iain.
'N uair a rànaig e taigh a' mharsanta,
bha a lamhan sgaoilte ac(hc)a ann a shin
agas: "Gabh a nuas mar seo". Ghabh e
suas.
"Tha thu ann a seo fhathast", ors esan "Cha do
dh'fhalabh cabar na cabar."
"O! cha do dh'fhalabh", ors ise. "Cha do
dh'fhalabh cabar na cabar."
Sheall e m'an cuairst ora agas chuir
e an cleòca m'a cheann.
"A! well", ors esan, "cho math is g'a bheil
stuff agam", ors esan, "tha eagal oram", ors esan,
"nach dèan mi an grõthach ach fiacha mi
ri m' uile-dhicheall a dhèanamh. Ach", ors
esan, "feuma mi", ors esan, "mo thurastal
fhaighinn an toiseach", ors esan, "m'an toir
mi dhìot an cabar ma dheireadh."
"O! gheibh thu sin", ors ise agas ring i am
"bell" agas a nuas a bha a h-athair.
"Bheiru a thuarastal dha'n dotair", ors ise, "a's
a' mhineid an tuarastal a gheall siu", ors
esan.
186
"O!" ors esan, "dèanadh e an gniamh an
toiseach", ors esan.
"An dà chan urrainn dà an griamh a dhèanamh",
ors ise, "gus a faigh e a thurastal an
toiseach."
"O! ma tha", ors esan, "gheibh e a thuarastal."
Agas fhuair e peic(hc)e òir agas peic(hc)e
airigid:
"Well a nisd", ors esan, "bidhiu a' tarrainn sìos,"
ors esan, "agas theirigiu dha'n rum", ors
esan, "is fhaide air falabh", ors esan, "fo'n
rum-sa uile gu léir", ors esan, "a thaobh," ors
esan, "tha seo anabarrach doiribh", ors esan,
"agas cha toil liom", ors esan, "gum bidh
"noise" 's a' bith ann", ors esan, "gun cluinn
mi diog idir."
Dh'fhalabh e agas chuir e an
cleoc(hc)a m'a cheann agas sheall e ora.
"Well", ors esan, "tha mi a' smaointinn", ors
esan, "gun dèan mi an grõthach", ors esan.
Agas thug e an earrann eile dhi agas
dh'fhiach e am beaga:
"O! well", ors esan, "nach mi tha duilich", ors
esan. "Dh'fhàg mi a nisd", ors esan, "air a'
bhòrsd", ors esan, "an ola a bha dùil 'm
a thoir' liom air son a shuathadh
ri d' cheann", ors esan. "Ach fana tu
187
soc(hc)air sàmhach ann a shon", ors esan. "Cha
chan thu aon diog", ors esan, "gus an till
mise air ais", ors esan, "air neo gu chionn an
fhad s' a dh'ùine agas tha mise a' falabh",
ors esan, "fiach a faigh mi", ors esan, "an
ola a tha seo. Cuimhnich a nisd", ors
esan," na can diog air neo tillidh na
cabair air a' cheann agat mar a bha
thu riamh."
Dh'fhalabh mise an uair sin", ors esan,
"agas tharrainn mi agas chan fhac(hc)a
nighean a' mharsanta tuilleadh mi fhathast
agas thu mi an dochas nach fhaic(hc).
Thaine mise ann a sheo", ors esan, "agas
thu am peic(hc)e òir agas am peic(hc)e
airigid agam agas tha mi glé thoilite",
ors esan, "gun dàine sì-se", ors esan, "aig
ceann na bliana."
Dh'fhalabh iad an uair san.
"Well", ors ise, "bha sinne ann am murnan
gu o chionn beagan lathaichean, mi fhìn",
ors ise, "agas a' phiuthar mhiadhoineach
againn, ach cha robh an t-éile ann
am larna murnan (?) idir", ors esan. "Cha
d' rinneadh dad orra."
Dh'fhalbh iad gu taigh an
athar an uair san is phòs a chuile h-aon
188
ac(hc)a a' leidi a bha comhla riutha fhéin.
Bha caisteal briagha aig a chuile nach ac(hc)a
agus:
"Dé a nisd", ors sin", ors esan, "is math libh a
dhèanamh, mise a dhèanamh."
"Well", ors ise, "a' rud is math liom-sa thu
a dhèanamh", ors ise, "a' fear a chuir (f)o
gheasu sinn", ors ise, "na cabair a chuir
air agas a fàgail air gu bràch."
"C' àite a bheil a' fear sin", ors esan.
"Tha", ors ise. "Bidh e a' tighinn uair
's a' latha m'an cuairst", ors ise, "agas,"
ors ise, "tha e anabarrach fhéin titheach
air ubhlan."
"Glé mhath", ors esan, "nì mise sin."
Sheall nighean a' raoi dhà an duine
agas ghabh e suas 'n-a choinneamh agas
chuir e fàilte air:
"Seadh", ors esan, "tha thu air fàilte a chuir
oram-sa", ors esan, "agas tha mi a' faighinn,"
ors esan, "gun do phòs thu nighean òg a'
raoi", ors esan.
"Phòs mi", ors esan. "A bheil nòisean 's a'
bith agu", ors esan, "dhe na h-ubhlan a
tha seo", ors esan.
"A! m' anam fhìn gu bheil", ors esan, "fìor-
nòisean agam de dh'ubhlan
189
"Leòra, seo dhaoibh", ors esan, "ichu i siod, ma
thaa," ors esan, "agas bheir mise de
dh'ubhlan dhaoibh", ors esan, "na thogras siu."
O! dh'ich e i siod suas ann a
mineid agas fhuair e a sin té 'ile agas
dh'ich e i agas fhuair e a sin té 'ile
agas dh'ich e i.
"Well", ors esan, "nì siod an grõthach an
diugh liom", ors esan, "Thig mi a màireach",
ors esan, "a dh'iarraidh tuilleadh agas
tha mi a' toir' móran taing dhut."
Dh'fhalabh a' fear sin agas m'an do
rànaig e an t-àite a's a robh e a'
comhnaidhe bha de dh'adhaircean air nach
fhac(th)as riamh a leithid, a' sìor-fhàs
suas agas 'n uair a rànaig e an taigh-
comhnuidhe, a's a robh e a' fuireach,
chan fhaigheadh e a staigh air an doras.
Bha a ann a shin gun fhios aige o
Dhia gu de dhèanadh e. A là 'r-na-mhàireach
cha mhór gum b' urrainn dà gluasad
leis na bha a dh'adhaircean air a
cheann, agas ma tha e beo 'uige
seo chan 'eil sìon a dh'fhios agam-sa
ach ma tha, tha mi cinnteach gur h-e
a' latha air teannadh a th' ann,
agas dhealaich mise rithe.
Úsáideadh aithint lámhscríbhneoireachta uathoibríoch chun an mhír seo a thras-scríobh mar chuid den tionscadal Díchódú Oidhreachtaí Folaithe.