Tagairt chartlainne

SSSA/TA/HS014/005

School of Scottish Studies SA1953.9.B6

Tobar an Dualchais/Kist O Riches

Tras-scríbhinn

IS
Informant: Lachlan MacLeod
Coll:
C.I. MacLean
SA 1953/9/86
Loch Iall agus Didc Adhall
C.M. Seo, ma tha. Bha mi dol a dh'fhoighneachd .. bha mi dol a
dh'fhoighneachd dhibh a bheil gin a' naigheachdan agaibh ma tha?
L.McL. A tha dha na tri agam-sa ach tha mi air a' chuid as motha aca a
thoirt seachad, ach nam biodh gas fraoich agam a lasadh a' phiob m'an
töisichinn bhithinn ... dh'innsinn na b'fhearr 'ad. 'N cuala sibh
guth riamh air Cailleach Bheag na Beinne Brice?
C.M. Seadh. Cha chuala mi móran a dh'iomradh ma deaghainn.
L.McL. Mar a chuala mise ma deaghainn chaidh Loch Iall agus Diùc Adhall
go lagh ma dheaghainn na Beinne Brice agus bha e uamhasach doirbh dha lagh
sgath a dheanamh riutha. Bha'n abhainn a' tighinn agus bha e dol ma
chuairt dha 'n bheinn. Bha fear ag rådh gur e sud an döigh ... an taobh
bu chôr dha'n uisge ruith agus gur ann le-san bu chör a' bheinn a bhith.
Bha fear eile ag ràdh a' leithid eile a chionn 's gu robh 'n t-uisge a' dol
an taobh eile dhi. Ach co dhiubh ge brith dé cho fad 's bha 'ad aig lagh
dh'fhairlich air a' lagh sgath a dheanamh riutha 's thuirt 'ad riutha nach
robh sgath ann ach gun fheumadh 'ad sabaid ma deaghainn agus an duine bu
treasa gur ann aige bhiodh a' Bheinn Bhreac. Co dhiubh dh'fhalbh 'ad agus
chuir 'ad latha mach airson na sabaid agus dh'éirich Loch Iall - bha t-astar
fad aige - dh'éirich e glé mhoch 's a mhadainn agus chàirich e air agus
dh'fhalbh e gu Loch a' Claidheamh 's a chuile sgath aig' airson sabaid.
Bha e ' dol seachad air drochaid bheag ann an àite fàs 's nach ribh sian
a dhaoine idir ma chuairt agus a's an dol seachad a bh'aige 's a latha air
soilleireachadh mhothaich e do chaillich agus a côta air a chruinneachadh
suas agus air a cheanghal air a culaibh agus côta bàn eile go gluinean
fo'n fhear sin agus chuir i lamhan an ceannaibh na leasaibh. Ach gad a
bha mac ... an Camshronach na ghaisgeach, 'n 'air a chunnaig e chailleach
a's an aite iomallach a bha seo-ach ghabh e 'n t-eagal agus 's ann a
sheas e,
"O" ors ise "cha ruig thu leas an t-eagal a ghabhail; tha barrachd air
a seo-ach agad ri sheasamh m'an till thu dhachaidh. 'S math tha fios agam-sa,
ors ise, "càite 'eil thu dol.
"Is cà' eil mi dol?" ors esan.
"O tha thu dol a choinneachadh Diùc Adhall, ach 's beag tha fios
agad-sa," ors ise, "gu dé na bheil romhad. Tha 'n Diùc a' tighinn agus
armachd cômhla ris is tha thusa a falbh leat fhéin, is dé tha thu dol a
dheanamh leat fhéin? Ach ma ghabhas tu mo chomhairle-sa" ors ise.
cruinnichidh tu leat a chuile duine as treasa na chéile agus far a bheil dà ...
far a bheil dithis ghillean bheireadh tu leat aon fhear agus far 'eil tridir
bheireadh tu leat a dhà agus toga' tu grunnd math do dhaoine agus coinnichidh
tu ris an Diùc Adhall agus tu cho laidir ris a ... ris fhéin. Co dhiubh
cha robh fhios aig an Diùc ... aig Loch Iall gu dé a dheanadh e, Bha e mór
leis gun feairt a thoirt orra agus bha e faoin leis feairt ' thoirt orra is
cha robh fhios aige gu dé a dheanadh e ach thuirt e ris fhéin a seo gum
b'fhearr dha 'comhairle 'ghabhail.
" 'S fhearr comhairle ghabhail na cam lorg," agus ghabh e a dh'ionnsaigh
a' chiad taighe a's a robh fhios aige a robh teaghlach agus thug e leis fear
dha na gillean. Chum e reimhe mar sin gos 'n do chruinnich e grunn math.
Ach co dhiubh ràinig 'ad bruaich Lochan a' Chlaidheamh a latha seo agus bha
'ad ag casad air an aite o robh duil aca Diùc Adhall tachairt riu, agus
thubhairt Loch Iall riutha: "A nisd" ors esan chan eil mi fad ... chan eil
sinn fada on àite far an do thachair an Diùc rinn ... rium-sa. Tha e
glé nàr dhomh-sa dhol air aghaidh an Diùc ma tha e leis fhéin agus na
bheil a seo air mo chulaibh-sa, agus tha, tha ... air an doigh eile,
ors esan, "tha e glé ghörach dhömh-sa dhol air n-aghaidh gun duine bhith
cômhla rium 's gun fhios nach fhaodadh a' chailleach a bhi fior. Ach co¬
dhiubh," ors esan, " 's e rud a ni sinn: tha 'n côta orm-sa ors esan agus
tha lingide dhearg air agus theid mi air n-aghaidh agus chi mise gu bheil corr
a ... aige-san ach e fhéin - duine bharrachd aige-san air fhéin bheiridh mi
dhiom an côta agus tionndaidhidh mi cùl ... taobh dhearg a chôta ribh-sa
agus thig sibh-se air n-aghaidh."
"Glé mhath," ors åsan agus dh'fhalbh åsan ... Dh'fhalbh loch Iall agus
cha deachaidh e fad air falbh 'n 'air a chunnaig e 'n Diùc Adhall agus
choinnich 'ad ri chéile is chuir 'ad failt air a chéile agus bha 'ad a
bruidheann agus thog ... Loch Iall thog e cheann is choimhead e is chunnaig
e na saighdeirean a' tighinn.
"Gu dé nisd," ors ... "gu dé" ors esan "an fheadhainn tha seo a
tighinn?
"O seo agad," ors esan, "othaisgean na Beinne Brice a tigh'n á
Adhall a dh'ithe fiar na Beinne Brice.
"O ma tha," ors esan, "tha ceart cho math dhômh-sa a' latha thoirt
suas, ach," ors esan, "bheir mi dhiom an côta. Lig thu liom an côta a
thoirt dhiom?
"Ligidh," ors esan.
Is thug e dheth an côta is thionndaidh e e.
"Nisd," ors esan, "cuir an claidheamh reimhe an àite na dhà air an
lingideachadh airson 's gu lig mise dh'fhaicinn dha na daoine gun do chuir
mi suas ... gun do shabaidich mi m'an d'thug mi suas a' Bheinn Bhreac.
"Ni mi sin," ors esan agus thöisich e air sgiabadh a' lingide, 's bha
àsan 'ga fheitheamh 's leum 'ad air an casan agus rinn 'ad air a' rathad
go ... go Loch Iall. Ach co dhiubh thog Loch Iall .. an Diùc Adhall a
cheann agus choimhead e agus chunnaig e muinntir Loch Abar a' tighinn.
"Có tha seo a' tighinn?"
"Seo agad," ors esan, "coin dhubha Loch Abar a' tighinn a dh'ithe
othaisgean na Beinne Brice - othaisgean Adhall."
"O ma tha, ma tha," ors esan, "'s co math dhomhsa tilleadh dhachaidh."
"Tha, tha mi creidsinn gu bheil," orsa Loch Iall, "ach man till thu
dhachaidh," ors esan, "bheir thu dhomh-sa an claidheamh.
"Bheir," ors esan.
"Agus
"Agus 's e 'n aonda bhios agam-sa air a Bheinn Bhric, gos a faigh thuse
'n claidheamh," agus thilg e fad a låimheadh a mach dha loch e agus thugadh
Lochan a' Chlaidheamh air.
An ceann tri fichead bliadhn' as a dheaghaidh sin thainig turadh nach
d'thàinig riamh a leithid agus thioramaich a' loch agus fhuaireadh greim
air a' chlaidheamh agus thugadh an claidheamh gu ruige Dun Eideann.
Ach bha bodach ann an Dun Eideann agus chual e ma dheaghainn agus bha bodaich
ann a' Loch Abar agus ... nach ligeadh ... nach fhågadh 'n claidheamh ann an
Dun Eideann agus chäirich 'ad orra agus dh'fheumadh 'ad an claidheamh fhaighinn,
agus thill 'ad leis gu ruige Loch Abar agus thilg 'ad a mach ann a' Lochan a
Chlaidheamh e is tha e ann a sin fhathast; agus sin mar a fhuair a' loch
an t-ainm.
Úsáideadh aithint lámhscríbhneoireachta uathoibríoch chun an mhír seo a thras-scríobh mar chuid den tionscadal Díchódú Oidhreachtaí Folaithe.