Loch Iall agus Diùc Adhall
Scotland
- Archival Reference
- SSSA/TA/HS014/005
- Date
- 1953
- Item category
- Transcription
- Language
- Scottish Gaelic
- Town
- Bruernish
- Parish
- Barra
- Collector
- C.I. Maclean
- Narrator
- Lachlan MacLeod
- Narrator source
- Unknown
- Link
- View entry on tobarandualchais.co.uk
Archival Reference
SSSA/TA/HS014/005
School of Scottish Studies SA1953.9.B6
Transcript
AIInformant: Lachlan MacLeodColl:C.I. MacLeanSA 1953/9/86Loch Iall agus Didc AdhallC.M. Seo, ma tha. Bha mi dol a dh'fhoighneachd .. bha mi dol adh'fhoighneachd dhibh a bheil gin a' naigheachdan agaibh ma tha?L.McL. A tha dha na tri agam-sa ach tha mi air a' chuid as motha aca athoirt seachad, ach nam biodh gas fraoich agam a lasadh a' phiob m'antöisichinn bhithinn ... dh'innsinn na b'fhearr 'ad. 'N cuala sibhguth riamh air Cailleach Bheag na Beinne Brice?C.M. Seadh. Cha chuala mi móran a dh'iomradh ma deaghainn.L.McL. Mar a chuala mise ma deaghainn chaidh Loch Iall agus Diùc Adhallgo lagh ma dheaghainn na Beinne Brice agus bha e uamhasach doirbh dha laghsgath a dheanamh riutha. Bha'n abhainn a' tighinn agus bha e dol machuairt dha 'n bheinn. Bha fear ag rådh gur e sud an döigh ... an taobhbu chôr dha'n uisge ruith agus gur ann le-san bu chör a' bheinn a bhith.Bha fear eile ag ràdh a' leithid eile a chionn 's gu robh 'n t-uisge a' dolan taobh eile dhi. Ach co dhiubh ge brith dé cho fad 's bha 'ad aig laghdh'fhairlich air a' lagh sgath a dheanamh riutha 's thuirt 'ad riutha nachrobh sgath ann ach gun fheumadh 'ad sabaid ma deaghainn agus an duine butreasa gur ann aige bhiodh a' Bheinn Bhreac. Co dhiubh dh'fhalbh 'ad aguschuir 'ad latha mach airson na sabaid agus dh'éirich Loch Iall - bha t-astarfad aige - dh'éirich e glé mhoch 's a mhadainn agus chàirich e air agusdh'fhalbh e gu Loch a' Claidheamh 's a chuile sgath aig' airson sabaid.Bha e ' dol seachad air drochaid bheag ann an àite fàs 's nach ribh siana dhaoine idir ma chuairt agus a's an dol seachad a bh'aige 's a latha airsoilleireachadh mhothaich e do chaillich agus a côta air a chruinneachadhsuas agus air a cheanghal air a culaibh agus côta bàn eile go gluineanfo'n fhear sin agus chuir i lamhan an ceannaibh na leasaibh. Ach gad abha mac ... an Camshronach na ghaisgeach, 'n 'air a chunnaig e chailleacha's an aite iomallach a bha seo-ach ghabh e 'n t-eagal agus 's ann asheas e,"O" ors ise "cha ruig thu leas an t-eagal a ghabhail; tha barrachd aira seo-ach agad ri sheasamh m'an till thu dhachaidh. 'S math tha fios agam-sa,ors ise, "càite 'eil thu dol."Is cà' eil mi dol?" ors esan."O tha thu dol a choinneachadh Diùc Adhall, ach 's beag tha fiosagad-sa," ors ise, "gu dé na bheil romhad. Tha 'n Diùc a' tighinn agusarmachd cômhla ris is tha thusa a falbh leat fhéin, is dé tha thu dol adheanamh leat fhéin? Ach ma ghabhas tu mo chomhairle-sa" ors ise.cruinnichidh tu leat a chuile duine as treasa na chéile agus far a bheil dà ...far a bheil dithis ghillean bheireadh tu leat aon fhear agus far 'eil tridirbheireadh tu leat a dhà agus toga' tu grunnd math do dhaoine agus coinnichidhtu ris an Diùc Adhall agus tu cho laidir ris a ... ris fhéin. Co dhiubhcha robh fhios aig an Diùc ... aig Loch Iall gu dé a dheanadh e, Bha e mórleis gun feairt a thoirt orra agus bha e faoin leis feairt ' thoirt orra ischa robh fhios aige gu dé a dheanadh e ach thuirt e ris fhéin a seo gumb'fhearr dha 'comhairle 'ghabhail." 'S fhearr comhairle ghabhail na cam lorg," agus ghabh e a dh'ionnsaigha' chiad taighe a's a robh fhios aige a robh teaghlach agus thug e leis feardha na gillean. Chum e reimhe mar sin gos 'n do chruinnich e grunn math.Ach co dhiubh ràinig 'ad bruaich Lochan a' Chlaidheamh a latha seo agus bha'ad ag casad air an aite o robh duil aca Diùc Adhall tachairt riu, agusthubhairt Loch Iall riutha: "A nisd" ors esan chan eil mi fad ... chan eilsinn fada on àite far an do thachair an Diùc rinn ... rium-sa. Tha eglé nàr dhomh-sa dhol air aghaidh an Diùc ma tha e leis fhéin agus nabheil a seo air mo chulaibh-sa, agus tha, tha ... air an doigh eile,ors esan, "tha e glé ghörach dhömh-sa dhol air n-aghaidh gun duine bhithcômhla rium 's gun fhios nach fhaodadh a' chailleach a bhi fior. Ach co¬dhiubh," ors esan, " 's e rud a ni sinn: tha 'n côta orm-sa ors esan agustha lingide dhearg air agus theid mi air n-aghaidh agus chi mise gu bheil corra ... aige-san ach e fhéin - duine bharrachd aige-san air fhéin bheiridh midhiom an côta agus tionndaidhidh mi cùl ... taobh dhearg a chôta ribh-saagus thig sibh-se air n-aghaidh.""Glé mhath," ors åsan agus dh'fhalbh åsan ... Dh'fhalbh loch Iall aguscha deachaidh e fad air falbh 'n 'air a chunnaig e 'n Diùc Adhall aguschoinnich 'ad ri chéile is chuir 'ad failt air a chéile agus bha 'ad abruidheann agus thog ... Loch Iall thog e cheann is choimhead e is chunnaige na saighdeirean a' tighinn."Gu dé nisd," ors ... "gu dé" ors esan "an fheadhainn tha seo atighinn?"O seo agad," ors esan, "othaisgean na Beinne Brice a tigh'n áAdhall a dh'ithe fiar na Beinne Brice."O ma tha," ors esan, "tha ceart cho math dhômh-sa a' latha thoirtsuas, ach," ors esan, "bheir mi dhiom an côta. Lig thu liom an côta athoirt dhiom?"Ligidh," ors esan.Is thug e dheth an côta is thionndaidh e e."Nisd," ors esan, "cuir an claidheamh reimhe an àite na dhà air anlingideachadh airson 's gu lig mise dh'fhaicinn dha na daoine gun do chuirmi suas ... gun do shabaidich mi m'an d'thug mi suas a' Bheinn Bhreac."Ni mi sin," ors esan agus thöisich e air sgiabadh a' lingide, 's bhaàsan 'ga fheitheamh 's leum 'ad air an casan agus rinn 'ad air a' rathadgo ... go Loch Iall. Ach co dhiubh thog Loch Iall .. an Diùc Adhall acheann agus choimhead e agus chunnaig e muinntir Loch Abar a' tighinn."Có tha seo a' tighinn?""Seo agad," ors esan, "coin dhubha Loch Abar a' tighinn a dh'itheothaisgean na Beinne Brice - othaisgean Adhall.""O ma tha, ma tha," ors esan, "'s co math dhomhsa tilleadh dhachaidh.""Tha, tha mi creidsinn gu bheil," orsa Loch Iall, "ach man till thudhachaidh," ors esan, "bheir thu dhomh-sa an claidheamh."Bheir," ors esan."Agus"Agus 's e 'n aonda bhios agam-sa air a Bheinn Bhric, gos a faigh thuse'n claidheamh," agus thilg e fad a låimheadh a mach dha loch e agus thugadhLochan a' Chlaidheamh air.An ceann tri fichead bliadhn' as a dheaghaidh sin thainig turadh nachd'thàinig riamh a leithid agus thioramaich a' loch agus fhuaireadh greimair a' chlaidheamh agus thugadh an claidheamh gu ruige Dun Eideann.Ach bha bodach ann an Dun Eideann agus chual e ma dheaghainn agus bha bodaichann a' Loch Abar agus ... nach ligeadh ... nach fhågadh 'n claidheamh ann anDun Eideann agus chäirich 'ad orra agus dh'fheumadh 'ad an claidheamh fhaighinn,agus thill 'ad leis gu ruige Loch Abar agus thilg 'ad a mach ann a' Lochan aChlaidheamh e is tha e ann a sin fhathast; agus sin mar a fhuair a' lochan t-ainm.