Tagairt chartlainne

SSSA/TA/AT566/008

School of Scottish Studies W & S III

Tras-scríbhinn

IS
Mac Fear an Earraidh Uaine.
241
SGÉUL AIR MAC FEAR AN EARRAIDH
UAINE RI GAISGE,
A BHA AINMEIL AIR THALAMH SEACHD BLIADHNA
MU'N D' RUGADH E.
BHA ann roimhe so Uachdaran fearainn aig an robh àite
briadha, agus pailteas spréidh agus èunlaith. 'Na àm bha
meas cho mòr aig uachdarain cosmhail ris air an èunlaith 'us
gu'n robh iad a' gleidheadh mu'n timchioll boirionnach
tùrail ris an abradh daoine Cailleach-chearc. Bha aig an
Uachdaran so mar an ceudna Cailleach-chearc a bha ro thùrail
agus aig an robh balachan òg bòidheach ris an abradh i a
mac agus a theireadh rithe 'mhàthair.
Bha 'm balachan a' fàs a suas 'na ghille briadha 'us coltas
air gu'm bitheadh e 'na dhuine foghainteach. Ach cha-n
fhaigheadh e guth 'am fad agus 'am fagus ach Mac Cailleach-
nan-cearc. Gidheadh cha robh sin a' cur smuairein 's am
bith air.
Bha 'Chailleach gu math dheth fo'n Uachdaran le tigh agus
trì mairt, agus gach ni eile a dh'fhéumadh i. An uair a dh'
fhàs am balachan suas 'na ghille bhitheadh e falbh leis na
mairt agus 'gam buachaileachd fad an là. Air là àraidh
shaodaich e iad ni 'b fhaid' air falbh na b' àbhaist da gu àite
fàr an robh ionaltradh anabarrach math. Cho luath 's a thug
an crodh a dh'ionnsaidh an fheòir ràinig e tolman bòidheach
far am bitheadh e 'nam fradharc, agus shuidh e sìos air.
Thug e roinn mhòr de'n là 'n sin, a' gabhail toileachadh as a'
h-uile ni a bha e 'faicinn. Mu dheireadh chunnaic e 'dìreadh
na glaice 'bha fodha 'dh'ionnsaidh an àite 's an robh e 'na
shuidhe gruagach òg agus deirgead an ròis 'na gruaidh, 's a
falt òr-bhuidhe 'na chamagan bòidheach a sìos thar a dà
ghualainn.
Rainig i 'n t-àite fàr an robh e 'na shuidhe, agus air dhi
fàilt an là a chur air thubhairt i ris gu'n robh e aonarach a'
R
242
Mac Fear an Earraidh Uaine.
buachaileachd nan trì mairt. Fhreagair e gu h-ealamh i, 'us
thubhairt e nach robh e aonarach a nis 'us i féin air tighinn
còmhla ris. An sin dh'fheòraich i dhe an reiceadh e té de'n
chrodh? Thubhairt e rithe nach faodadh e, a chionn gu'm
bitheadh a mhàthair a' trod ris. "Ù, cha bhi, ma gheibh thu
a fiach air son a mhairt." "Agus gu dé 'bheir thu dhomh
oirre?" "Bheir clach bhuadhach." "Gu dé na buadhan a
th' air a' chloich?" "Cha-n 'eil buadh a dh'fhéumas tu airson
do chuirp no airson do choluinn nach faigh thu cho fad 's a
ghleidheas tu i, agus cha-n 'eil àit' anns an òrduich thu thu féin
agus na 's math leat a bhi, anns nach bi sibh air ball." "Leig
faicinn domh de'n chloich." Shìn a' ghruagach dha a'
chlach, agus bha i bòidheach ri amharc oirre. Rug e oirre,
agus smaointich e gu'n cuireadh e déuchainn oirre mu'n
tugadh e 'm mart air a son. Bha 'm pathadh air aig an àm, agus
smaointich e gu'm bu mhath deoch a Fuaran-na-cloiche-deirge
aig cùl tigh' a mhàthar. Cha bu luaith' a thàinig an smaoint
'na inntinn na bha e 'na shuidhe taobh an tobair. Dh'òl e
deoch, agus thill e air ais air a' cheart dòigh air an d'thàinig
e. Thug e 'n sin am mart airson na cloiche, agus bha e làn
thoilichte leis a' mhalairt a rinn e.
An sin dh'fhalbh Gruagach nan gruaidhean ròs-dhearg leis
a' mhart a cheannaich i, agus thill esan dachaidh leis an dà
mhart eile 'm béul na h-oidhche. An uair a chunnaic a
mhàthair nach robh aige ach an dithis dh'fheòraich i dhe, C'
àit' an robh an treas té? Dh'innis e dhi gu'n do reic e i.
Thubhairt i ris gu dé 'fhuair e air a son? Thubhairt e gu'n
d' fhuair e clach oirre. Dar chunnaic a mhàthair a' chlach,
'us nach b' urrainn i 'm féum a bh' innt' a thuigsinn chaidh i
air boile, agus throd i ris gu fuathasach. Dh'éisd e ris gach
acal a thubhairt i gu ciùin, 'us cha d'thug e guth na h-aghaidh.
An uair a thraoigh a feirg dh'iarr i air an dà mhart a chur a
's tigh, 'us gu'n rachadh am bleoghainn. Rinn e sin, agus
bha uibhir bainne aig an dithis an oidhche sin 'us a bh' aig an
triuir roimhe sin.
Anns a' mhadainn an déigh dha 'bhraiceas fhaotainn agus an
crodh a bhi air am bleoghainn, dh'iarr a mhàthair air an
saodachadh do'n àite 's an robh iad an là roimhe. Dh'fhalbh
Mac Fear an Earraidh Uaine.
243
e leò, agus dh'fhàg e iad anns a cheart ionad. Cho luath 's a
ràinig iad thug an crodh a dh'ionnsaidh an ionaltraidh, agus
shuidh esan air a' cheart tolman air an robh e 'n là a chaidh
seachad.
Mu'n àm a chunnaic e 'Ghruagach an toiseach chunnaic
è i an là so 'ris a' dìreadh na glaice 'bha fodha. Ràinig i 'n
t-àite fàr an robh e 'na shuidhe, agus dh'fheòraich i dh'e an
reiceadh e té eile de'n chrodh? Thubhairt e nach reiceadh,
a chionn gu'n d' fhuair e trod uamhasach o 'mhàthair air an
oidhche 'chaidh seachad airson na té a reic e cheana. "Ù,
ma gheibh thu a fiach air a son cha bhi i trod riut." "Gu dé,
mata, 'bheir thu dhomh oirre?" "Bheir mi dhuit léug slàn­
uchaidh oirre." "Gu dé na créuchdan a ni i slàn?" "Créuchd
air bith air d' fheòil no air do chraicionn, tinneas colainn no
inntinn, leighisidh i 'n uair a shuathas tu riut i." Bha créuchd
air òrdaig cois' a' ghille, agus dh'iarr e air a' Ghruagach an
léug a leigeil fhaicinn da. Fhuair e 'n léug, agus cho luath 's
a shuaith e i r' a òrdaig bha i leighiste. An sin thug e dhi am
mart, agus bha e làn thoilichte leis a' mhalairt a rinn e.
An uair a thàinig am feasgar chaidh e dhachaidh leis an aon
mhart. Choinnich a mhàthair e 'tighinn, agus dh'fheòraich
i dh' e gu dé 'fhuair e air a' mhart a reic e? Thubhairt e gu
'n d' fhuair e léug oirre. An uair a chual i so, ma ghabh i
'n cuthach air an là roimhe ghabh i seachd cuthaich an là so.
Shìobhaltaich i mu dheireadh, agus dh'iarr i air an t-aon mhart
a bh' ann a chur a 's tigh, 'us gu'n rachadh a bleoghainn. Rinn
e sin, agus bha uibhir aice de bhainne 's a bh' aig an trì
roimhe.
Anns a' mhaduinn, an déigh do'n bhò 'bhi air a bleoghainn,
dh'iarr a mhàthair air a' ghille a saodachadh do'n àite 's an
robh i 'n dé. Dh'fhalbh e leatha, agus an uair a ràinig e 'n
t-àite shuidh e sìos mar b' àbhaist da air an tolman. Thàinig
a' Ghruagach fàr an robh e, agus dh'fheòraich i dh' e an
reiceadh e an t-aon mhart a bh' aige? "Oh, cha-n fhaod mi,
oir fhuair mi trod uamhasach airson na té mu dheireadh a
reic mi." "Ù! cha-n fhaigh thu trod, ma gheibh thu 'fiach
air a' mhart." "'Ùs dé, mata, a bheir thu dhomh oirre?"
"Bheir mi dhuit lìonan èunaich oirre." "Gu dé na h-eòin
R 2
244
Mac Fear an Earraidh Uaine.
air am beir an lìonan, no ciamar 'tha è ri 'chur?" "Cha-n
eil agad ach a sgaoileadh air bharraibh nam preas 'us fhàgail
an sin fad na h-oidhche, agus dar thig a' mhaduinn bithidh
e làn de gach seòrs' èun a chunnaic no 'chual thu riamh,
agus bithidh dà èun déug ann nach fac agus nach cual thu
riamh an leithid." Thug e 'm mart airson an lìn. Dh'fhalbh
ise leis a' mhart, agus thill esan dachaidh leis an lìon.
An uair a chunnaic a mhàthair gu'n d'thàinig e dhachaidh
gun mhart idir aige, cha b' urrainn i facal a ràdh, ach bha
gruaim na dunaidh oirre ris. Bha esan ro dhuilich gu'n do
chuir e a leithid de mhì-thlachd oirre, ach bha misneach aige
gu'm bitheadh i toilichte 'n uair a chitheadh i na bhitheadh
aige de eòin anns an lìon air an ath mhaduinn.
Cho luath 's a dh'éirich e 'n ath-latha chaidh e a dh'fhaicinn
an lìn a chuir e air an oidhche roimhe, agus a leithid de
shealladh air eòin cha-n fhac e gu sin. Dh'fhalbh e dhachaidh
leò, agus an uair a chunnaic a mhàthair na bh' aige dhiù dh'
fheòraich i dh' e, C' àit' an d' fhuair e iad? Thubhairt e gu'n
do ghlac e iad anns an lìon. "'Us am faigh thu tuillidh leis?"
"Gheibh mi an uibhir so a' h-uil' uair a chuireas mi e." Bha
i 'n so ni 'bu toilichte, 'us cha robh iad riamh cho mhath dheth
air bainne nam mart 's a bha iad air sithinn nan èun.
Dh'fhàs an Gille suas 'na dhuine dreachail 'na choltas agus
glic 'na ghiùlan. Ghabh an t-Uachdaran spéis de, agus rinn
e gille-bùird dh' e 'na thigh féin. Rinn e gu math 'na àite,
agus bha meas aig a' h-uile duine mu thimchioll an tighe air.
'Nis bha nighean aig an Uachdaran ris an abradh iad Dearc-
shùil. Bha i anabarrach bòidheach, agus ghabh an Gille gaol
mòr oirre. Ghabh ise mar an ceudna gaol airsan, ach cha-n
aidicheadh i gu bràth gu'n do ghabh a chionn nach robh ann
ach mac Cailleach-nan-cearc. Dh'fhalbhadh i as an rathad
air, agus rachadh i 'm falach anns gach preas air eagal gu'm
faiceadh e i. Ach bha 'chlach-bhuadhach aige-san, agus le
cuideachadh na cloiche bhitheadh e na sheasamh r'a taobh
c' àit' air bith 's am bitheadh i. Ach ghlaodhadh ise 'n sin air
a h-athair, agus dh'fhéumadh esan falbh air eagal gu'n
rachadh 'fhaicinn. Thachair so gu minic, ach air là àraidh
dh'òrduich e gu'm bitheadh e leatha anns an tigh, agus air
Mac Fear an Earraidh Uaine.
245
ball bha e ann. Cho luath 's a chunnaic i è thug i ionnsaidh
air glaodhaich r' a h-athair, ach mu'n d' fhuair i facal a ràdh
léum e, agus rug e oirre eadar a dhà laimh, agus thubhairt e
rithe, "O, nach robh mi féin agus thu féin anns an Eilean
Uaine an Iomail an Domhain-Toir fàr nach cluinneadh d'
athair do ghuth, agus nach abradh mo mhàthair gu'm bu
mhise a mac!" Gun fhios cia mar, bha iad 'am priobadh na
sùla 'nan seasadh 'an glacaibh a chéile 's an Eilean Uaine.
Bha iad ùine mhath an sin a' tighinn beò air meas nan
craobh. Ach air là àraidh 'us iad 'nan suidhe còmhla air
taobh cnuic, agus ag amharc air a' chuan m' an coinneamh
leig esan a cheann sìos 'na h-uchd agus chaidil e. Am feadh
a bha e 'na chadal thòisich i air smaointeachadh cia mar a b'
urrainn iad teachd do'n àit' ud, agus bhreithnich i mu
dheireadh gu'm féumadh gu'n robh aige drùidheachd no ni-
eiginn air an robh buaidhean iongantach leis an do tharrainn
e iad fàr an robh iad. Cho luath 's a thàinig so fainear dhi,
rannsaich i 'aodach, feuch am faigheadh i ni 's am bith annt' a
fhreagradh d' a h-amharus; agus air dhi a bhroilleach fhos­
gladh fhuair i a chlach agus an léug air am falach ann gu
cùramach. Choimhead i orra, agus bha iad ro bhòidheach r'
am faicinn, agus thubhairt i rithe féin gu'm féumadh gu'm b'
ann leis na nithe sin a tharrainn e 'n sud iad. Ghabh i 'n sin
a siosar, agus ghearr i béul a h-aodaich air falbh leis, agus dh'
fhàg i fo 'cheann e. Cho luath 's a fhuair i 'na seasamh
thubhairt i, "O, nach robh mis' aig tigh m' athar aon uair
eile;" agus mu'n deachaidh na briathran as a béul bha i 'n
tigh a h-athar.
An uair a dhùisg esan choimhead e mu'n cuairt feuch am
faiceadh e i, ach cha-n fhac. Sheall e 'n sin air an làr, agus
chunnaic e béul a h-aodaich fàr an d' fhag i fo 'cheann e.
Ghrad chuir è a làmh air a bhroilleach, agus fhuair e fosgailt
e agus na clachan air an toirt air falbh. Dh'aithnich e 'n so
mar bha 'chùis, agus dh'fhàs e gu dubhach, trom-inntinneach,
agus b' fhearr leis nach d'thàinig e riamh do'n àite, oir cha
robh dòigh no seòl aig air faotainn as.
Air là àraidh bha e siubhal ri taobh a' chladaich an uair a
thug e 'n aire do dhoire 'm fagus do choille a bh' air thoiseach
246 Mac Fear an Earraidh Uaine.
air. Ràinig e 'n doire, agus chunnaic e ann craobhan air an robh
measan nach fac e 'n leithid o'n thàinig e do'n Eilean. Air
cuid de na craobhan bha ùbhlan cho briadha 's a chunnaic e
riamh, agus air cuid eile dhiù na h-ùbhlan 'bu ghràind' a
chunnaic e riamh. Bha e féin gu tròm-inntinneach, tinn, le
mulad 'us le sgìos, agus smaointich e gu'n itheadh e aon de
na h-ùbhlan briadha feuch am b' fheàird se e. Ach cho
luath 's a dh'ith e 'n t-ubhal chaidh e air chrith air a chasaibh,
agus thòisich fheòil air sruthadh bharr a chnàmh. Smaointich
e, a chionn gu'n robh 'm bàs roimhe cò dhiù agus gu'n robh
e 'n cràdh mòr, gu'n itheadh e aon de na h-ùbhlaibh grànda
feuch an greasadh i 'm bàs g'a ionnsaidh. Ach cho luath 's
a dh'ith e 'n t-ubhal grànda, stad fheòil a shruthadh, 'us a
chnàmhan a chrith, agus mu'n robh aon eile dhiù itht' aige
bha e cho slan fhallain 's a bha e riamh. Chunnaic è 'n so
ma chaill e léug gu'n d' fhuair è léigh. Thòisich è air ball air
deanamh chliabh, agus an uair a bha iad réidh lìon è iad leis
na h-ùbhlan. Chuir è 'n sin iad 'an àite tèarainte 'an dòchas
gu'm bitheadh iad chum féum dha uair eiginn fathast.
Air là àraidh chunnaic e fada mach air a chuan lòng a'
deanamh dìreach air an Eilean. Chuir e suas comharan feuch
an tàirneadh e aire 'n Sgioba g'a ionnsaidh, agus an uair a
thàinig i 'n astar cluinntinn thòisich e air glaodhaich riù. Thug
iad an aire dha, agus chuir iad bàta air tir fàr an robh e. Dh'
fheòraich Sgiob' a' bhàta dhe gu dé 'chuir a' sud è, no cia mar
thàinig e ann? Fhreagair e gu'n deachaidh an Soitheach air
an robh e a chall, agus gu'n d' fhuair esan 'na aonar gu tìr air
an Eilean. Dh'fheòraich iad an sin d' e gu dé 'bha e a'
deanamh air an t-Soitheach? Thubhairt e gu'n robh e 'na
Léigh oirre. "Oh nach sinn a tha toilichte," ars' iadsan. "Tha
'n Sgiobair againn gu tinn, agus air a thabhairt a suas leis an
Leigh. Theagamh gu'n urrainn thusa ni-eiginn a dheanamh
air a shon?" Fhreagair e, "Chì sinn gu dé 'ghabhas deanamh
an uair a ruigeas sinn e."
Chuir e na cléibh anns a' bhàta, agus an uair a ràinig e
'n long dh'fhàg e iad an àite sàbhailt air bòrd oirre. Thug
e 'n sin aon no dha de na h-ùbhlan leis 'na phòca, agus
chaidh e 's tigh do'n àite far an robh an Sgiobair. Choimhead
Mac Fear an Earraidh Uaine.
247
e air, agus thubhairt e ris na'n gabhadh e 'n rud a bheireadh
esan da gu'm bitheadh e air a leigheas. Fhreagair an Sgiobair
gu'n gabhadh e ni 's am bith a dheanadh féum dha. An sin
thug an Léigh dha pìos de aon de na h-ùbhlan briadha, agus
cho luath 's a dh'ith se e thòisich 'fheòil agus a chraicionn air
sruthadh dheth. An uair a chunnaic an Sgioba so, bha iad a'
dol a cheangal an Léigh ris a chrann, agus g'a sgiùrsadh gu
bàs le ceann buill. Ach ghuidh e orra uair eil' a thabhairt
da, agus thubhairt e mur leighiseadh e 'n Sgiobair anns an tìm
sin gu'm faodadh iad a cheangal agus a sgiùrsadh gu bàs an
sin na'n toilicheadh iad. Thubhairt iad ris gu'm faigheadh
e 'n ùin' a dh'iarr e, agus eadhon gu h-oidhche. Dh'fhalbh
iad an sin, agus dh'fhàg iad leis féin e.
Dhùin esan an dorus orra, agus thòisich e air an Sgiobair a
leigheas leis na h-ùbhlan grànda, agus mu'n d'thàinig ceann
na h-uaire bha e cho làidir fhallain aige 's a bha e mu'n d' fhàs
e gu tinn. An uair a chunnaic an Sgioba so bha iad ro ùmhal
do'n Léigh agus cha robh fhios aca gu dé 'b' urrainn iad a
dheanamh g'a thoileachadh. Dh'fheòraich an Sgiobair dh'
e ciod a b' àill leis gu'n deanamh iad air a shon? Fhreagair
e nach robh e 'g iarraidh ni orra, ach gu'n cuireadh iad air
tìr e anns a' chaladh a dh'fhàg e 'n toiseach. Air ball chuir
iad mu'n cuairt an long, agus rinn iad dìreach air a chaladh
a dh'ainmich e. Agus dar ràinig iad e thug esan leis na cleibh
agus chaidh e air tìr.
Dh'fhàg e beannachd aig an Sgiobair agus a dhaoine, agus
rinn e dìreach air an ait' o'n d' fhalbh e.
Chuir e suas mar Léigh, agus thòisich e air daoine tinn a
leigheas. Cha d' aithnich gin d' a sheann luchd-eolais e, ach
chaidh ainm am fad agus am fagus mar Lighiche math a
bha slanuchadh dhaoine bho gach tinneas agus créuchd a bha
cur orra.
Air là àraidh thàinig fios g'a ionnsaidh o Uachdaran an
fhearainn gu'n robh e ri tighinn le cabhaig a dh'fhaicinn a
nighinn 'us i bhi ro thinn aig an àm sin. Dh'fhalbh e gun dàil,
agus ràinig e tigh an Uachdarain. Chaidh e 's tigh do'n
t-seòmar far an robh an nighean, agus air dha a ceasnachadh
thubhairt e gu'm b' e tinneas ionganntach a bh' oirre.
Mac Fear an Earraidh Uaine.
248
"Rinn thu mèirle," ars' è rithe, "agus gus an aidich thu i cha
ghabh thu leigheas." Fhreagair i nach b' fhiosrach i gu'n d'
rinn i mèirle riamh. Thubhairt esan gu'm b' éiginn gu'n d'
thug i o chuid-eiginn ni-eiginn a bha ro luachmhor dha. An
sin chuimhnich i air na clachan a thug i o Mhac Cailleach-
nan-cearc anns an Eilean Uaine, agus dh'innis i do'n
Lighiche gach ni a thachair eatarra. Dh'fheòraich e dhi c'
àit' an robh na clachan a thug i a 'bhroilleach? Thubhairt i
gu'n robh iad air bac na h-uinneig. Ghrad fhuair e na
clachan, agus chuir e iad 'na phòc ag radh. "O'n dh'innis
thu 'n fhìrinn gabhaidh tu leigheas." An sin thug e dhi cuid
de na h-ùbhlan grànda, agus mu'n d'thàinig an ath oidhche
bha i slàn fallain.
Chòrd an Lighiche cho math ris an Uachdaran 'us nach
dèanadh nì air bith an gnothuch leis ach gu'm pòsadh è
Dearc-shùil, a nighean. Dh'aontaich an Lighich' a gabhail,
agus chaidh latha na bainnse chuir a mach.
Cha do leig an Gille e féin ris d' a mhàthair fathast, ach air
an oidhche sin chaidh e 'dh'ionnsaidh an tighe aice, agus dh'
innis e dhi gu'n robh e 'dol a phòsadh Dearc-shùil le làn-
thoil a h-athar. "Ach, a bhean," ars' e, "na gabhaibh-s' oirbh
gur mi bhur mac gus am bì am pòsadh seachad." Gheall i sin
da, agus rinn i gàirdeachas mòr r'a theachd.
Thàinig là na bainnse mu dheireadh, agus 'am measg luchd-
ullachaidh na cuirme cha robh aon a bu trainge na Cailleach-
nan-cearc. Air feadh an là thàinig Dearc-shùil a's tigh le h-
athair, agus leis an Leigh, agus an uair a thug i 'n aire gu'm be
'Chailleach a bha 'n toiseach gach gnothuich, chaidh i null fàr
an robh i, agus thubhairt i rithe gu math sgaiteach, "A Bhean,
cha-n 'eil fhios agam gu dé 'n gnothuch a th' agaibh-s' an so."
"Is fearr dhuibh-se dol a mach an dràst." Thionndaidh a'
Chailleach rithe, agus thubhairt i gu fiadhaich, "Gu dé 'tha thu
'g ràdh? Cha-n 'eil fhios agam c' àit' am bitheadh gnothuch
agam, mur bitheadh e agam an so a' deasachadh airson
banais mo mhic!" Thug Dearc-shùil glaodh goint' aiste,
léum i 'dh'ionnsaidh a h-athar, agus rug i air laimh air. Cho
luath 's a fhuair i a h-anail thubhairt i ri Cailleach-nan-cearc,
"An e bhur mac-s' a th' ann, a bhean?" "Is e," thubhairt a'
Mac Fear an Earraidh Uaine.
249
Chailleach. "Mata, ma's e cha phòs mis' e." An so thuit
sprochd air gach duine 'bha làthair, agus gu sonraicht' air a'
ghille. Ach mu'n d' fhuair aon eile cothrom bruidhne
thubhairt a' Chailleach, "Cha-n e mo mhac-se 'th' ann, ach
Mac Fear an Earraidh Uaine ri gaisge a bha ainmeil air
thalamh seachd bliadhna mu'n d' rugadh e, agus a thuit a' cath
le iomairt lann ri Iarla Borb Choille-nan-crann le buile-cùil fo
mhac mòr an Iarla Bhuirb, agus is mis' a bu bhan-altrum dha
's an uair sin, agus an déigh dha bhi air a mharbhadh theich
mi leis a' ghille so, agus dh'altrum agus dh'àraich mi e, agus
a nis tha e comasach air bàs athar a dhioladh agus a roghainn
leannain a thaghadh mar mhnaoi!" An uair a chual an Gille
ciod a thubhairt a' Chailleach-chearc, ghabh e misneach agus
thubhairt e rithe, "Ma's e sin a th' annam, a bhean, cha phòs
mise ise." "Ach mo mhìle mallachd air na mnathan le 'n
luathaire-theanga!" ars' an t-Uachdaran.
Bha nis a léug agus a chlach-bhuadhach féin aig Mac Fear
an Earraidh Uaine 'na bhroilleach, agus thug e bòid agus
briathar nach tilleadh e 'us nach stadadh e airson ni no neach
ach gus am faiceadh e òigh 'bu mhaisiche na Dearc-shùil.
Agus as an t-seasamh sin shiubhail e. Chum e air aghaidh a'
dìreadh bheann 'us mheall 'us thulaichean, agus a dol troimh
thuill, 'us ghlinn, 'us ghlacaibh, gus an d' ràinig è àit' anab­
arrach briadha. Cha deachaidh e 'dh'ionnsaidh a' Chaisteil
a bha 'n sin, a chionn nach robh fhios aige ciod no co a dh'
fhaodadh a bhi air thoiseach air. Ach bha 'n oidhch' a'
tighinn, agus uime sin chaidh e 'ghabhail fasgaidh anns na
pris a bha cùl a' Chaisteil. Cho luath 's a ràinig e iad chun­
naic e 'n aon òigh 'bu mhaisich' a chunnaic e riamh a' tighinn
'na choinneamh. Bha 'dà shùil mar dhearcag-an-fhraoich, 'us
a cneas ni 'bu ghile na sneachd na h-aon oidhche. Chaidh i
seachad gun aire a thabhairt da, ach fhuair esan sealladh
oirre-s' a chuir Dearc-shùil gu h-iomlan as a chuimhne.
An déigh dhi dol as an t-sealladh dh'fhàg e na pris agus dh'
fhalbh e feuch an coinnicheadh e duine 's am bith a dh'
innseadh dha cò i. Cha deachaidh' e fada dar chunnaic e
Gruagach àluinn òg agus cìr òir 'an cùl a cinn a' cur cruidh a
's tigh do bhàthaich. Ràinig è i, agus dh'fheòraich e dhi cò
Mac Fear an Earraidh Uaine.
250
i an òigh a chunnaic e dol tromh na pris cùl a' Chaisteil?
Fhreagair i gu'm bi sin Caoin-shlios, Nighean Righ an Tòirr
Uaine, agus gu'n robh i 'an iomagain mhòir o cheann shé
seachdainnean. "Ciod è fàth a h-iomagain?" "Thig a's
tigh do'n bhàthaich, agus innsidh mi sin duit." Chaidh e 's
tigh, agus thug i dha deoch bhainne. An sin thubhairt i ris gu
'm b' e fàth iomagain Chaoin-shlios aisling a chunnaic i o
cheann béul ri bliadhna. Air leatha gu'n robh i 'coiseachd
tromh na pris cùl a' Chaisteil an uair a chunnaic i tréun-laoch
òg a' tighinn 'na coinneamh, a ghnùis mar a' ghrian, agus a
choltas mar choltas leòmhain. Bha 'fhalt bachlach mar am
fitheach, 'us bu ghile na'n gruth a chneas. Tha mòran ag
iarraidh na h-òigh r'a pòsadh, agus tha 'h-athair toileach gu'm
pòs i aon àraidh dhiù. Ach thug i bòid nach pòsadh i 'm
feasd gus am faiceadh i gnùis a' ghaisgich a chunnaic i 'na
cadal. Cha do chòrd so r'a h-athair; uime sin thug e dhi là 's
bliadhn' a thaghadh a roghainn leannain, agus thubhairt e rithe
na'n leigeadh i 'n ùine sin seachad gun roghainn a dheanamh
air a son féin gu'm féumadh i a roghainn-san a ghabhail 'n
a dhéigh sin. Tha 'n ùine nis air ruith a mach gu inbhe
cheithir làithean o 'm màireach, agus tha so a' cur iomagain
cho mòr oirre 'us gu'm bheil i gach oidhch' a' gabhail sràid
tromh na pris feuch an coinnich i 'n tréun-laoch a chunnaic i 'n
a h-aisling. An diugh 's a mhaduinn cha mhòr nach do ghéill
i d' a h-athair, ach mu'n do ghéill i smaointich i gu'n rachadh
i far an robh an Iorasglach-ùrlair airson comhairle. Dh'innis
i do'n Iorasglaich an aisling, agus gach ni eile o thoiseach
gu deireadh. Thubhairt an Iorasglach rithe, "Na caill do
mhisneach, ach ruith do réis g'a ceann, oir cha d'thàinig àm
an tréun-laoich fathast."
An sin thubhairt an Coigreach ris a Ghruagaich, "C' àit' am
faigh mise bruidhinn rithe?" "Thoir an aire mhath air an ath
oidhche do'n àit' anns am fac thu i 'nochd." Dh'fhuirich e
an oidhche sin 'an àit' a fhuair a' Ghruagach dha, agus air an ath
latha ghleidh è a rathad gach duine gus an d'thàinig dorchadh
nan tràth, an t-àm air am fac e 'n Òigh air tùs.
Chaidh e 'n sin gu cùl a' Chaisteil, 'us cha robh e ach goirid
gus am fac e i 'tighinn. An uair a fhuair e sealladh dhi chaidh
Mac Fear an Earraidh Uaine.
251
e 'na coinneamh, agus sgaoil e mach a dhà laimh g'an cur
mu'n cuairt oirre. Thug ise suil 'na aodann, agus mar gu'm
b' aithne dhi riamh e ghlaodh i, "An d'thàinig thu mu
dheireadh?" Chuir i a dà laimh mu'n cuairt air 'amhaich
agus neadaich i 'ceann 'na bhroilleach. An sin dh'innis i dha
a truaighe uile, agus thubhairt i ris falbh leatha-se 's gu'm
faigheadh i dha àit' anns am fuireachadh e 'n oidhche sin.
Chaidh e leatha, 's chuir i è ann an seòmar uaigneach fàr an
robh è ri fuireachd gus am bitheadh a h-ùine-se mach.
Air an ath mhaduinn bha ise ni 'bu shunndaiche na b'
àbhaist di. Thug an Iorasglach an aire dha so, agus dh'
fheòraich i dhi an robh i 's na pris an raoir? Fhreagair i gu
'n robh, 'us gu'n d' fhuair i tréun-laoch a h-aislinge. "Ruith do
réis g'a ceann, 'us gu'm faigh e do ghlacadh le buaidh," ars'
an Iorasglach.
An sin dh'fhalbh an òigh do'n t-seòmar fàr an robh 'n laoch
òg, agus am feadh 'bha iad a' còmhradh chual esan air feadh
an tighe straighlich a chuir mòran iongantais air. Dh'
fheòraich è dhi gu dé 'bu chiall do'n straighlich ud, agus
thubhairt e gu'm féumadh e dol a dh'fhaicinn ciod a b'
aobhar di. Fhreagair ise gu'n d'thàinig fios Tòir g'a h-athair,
agus gu'n robh Còcaire Claon Ruadh a ghabh fo 's laimh
an Tòir a thilleadh a' deanamh deas airson falbh. "Gu
dé tha 'n Tòir ag iarraidh?" ars' esan. "Tha 'n Tòir
o Mhac Mòr Iarla Bhuirb Choille-nan-Crann, 'us mur bi
duin' aig m' athair a thilleas an Tòir is leis mise 's leth na
righeachd." An uair a chual an laoch òg ainm Mhic Mhòir an
Iarla Bhuirb air ainmeachadh chrith e air a chasan, las a dhà
shùil 'na cheann, dhaingeinnich e 'dhùirn, agus thubhairt e gu
'm féumadh e dol a dh'fhaicinn cia mar 'bha na h-airm a'
freagairt do'n Chòcaire. "Fanaidh tusa 'n so, agus cha nochd
thu d' aghaidh do d' athair gus an till mise." Agus air dha sin
a ràdh thionn e mach, agus ghabh e rathad cùil an déigh a'
Chòcaire.
Cha deachaidh an Còcaire fad air falbh o'n Chaisteal an
uair a rug an Laoch Òg air. Dh'fhaighnich e dh' e, C' àit' an
robh e dol? Fhreagair an Còcaire le spraic mhòir gu'n robh
e dol a thilleadh Tòir a bha 'tighinn gu Righ an Tòirr Uaine
252
Mac Fear an Earraidh Uaine.
o Mhac Mòr Iarla Bhuirb Choille-nan-Crann, 'us dar thilleadh
è 'n Tòir gu'm bu leis Caoin-shlios agus leth na righeachd.
"Gle cheart," ars' an Laoch Òg, "ach an toir thu dhomhsa na
h-airm feuch cia mar thig iad domh?" "Bheir gu dearbh; is
mi a bheir," fhreagair an Còcaire. Chuir e dheth na h-airm,
agus chuir an Laoch Òg iad air, agus b' ann àige féin a bha 'n
gnothuch riù. An sin thubhairt an Còcaire, "Cia mar bha
fhios agad gu'n robh mise 'falbh?" "Dh'fhairich mi 'n
straighlich a rinn barr a' chlaidheimh agad air fear de na
coireachan an uair a bha thu 'dol a mach." "Oh, nach mi tha
toilicht," ars' an Còcaire.
An uair a bha iad a' dlùthachadh ris an àite fàr an robh a'
choinneamh ri bhi chunnaic iad an Tòir a' tighinn. An sin
thuirt an Laoch Òg ris a' Chòcaire, "Is fearr dhuit na h-
airm so a chur ort mu'n tig iad ni's faigse." Thug an Còcaire
sùil, agus dar chunnaic e Mac Mòr an Iarla Bhuirb 's a
dhaoine 'dluthachadh ris thubhairt e, "Cha chuir, cha chuir.
Fàg ort iad, oir is ann duit féin 'is fearr a thig iad. Cuir mis
'am falach an àit' air chor-eiginn." Bha stac creige dlùth
dhoibh, agus còs mòr an aodann na creige, agus sparr an
Laoch Òg an Còcaire 's tigh 's a chòs, agus thubhairt e ris,
"Fan an sin gus an till mise."
An sin chaidh Mac Fear an Earraidh Uain' an coinneamh
Mac Mòr an Iarla Bhuirb. Bhuail iad air a chéile, ach leis
an treas buile d'a chlaidheamh sgath Mac Fear an Earraidh
Uain' an ceann deth Mhac Mòr an Iarla Bhuirb. An sin
thug e 'n aghaidh air na daoine, agus air dha cur as doibh uile
thog e ceann Mac an Iarla air barr a chlaidheamh, agus thill e
air ais agus e aige thar a ghualainn.
Ràinig e 'n Còcaire, agus ghlaodh e ris tighinn a mach as a'
chòs. Thàinig an Còcaire mar dh'iarradh air. Sheall e 'n
toiseach air an Laoch Òg, agus an sin air a' cheann, agus
thubhairt e, "Tha ceann agad." "Tha," fhreagair an Laoch.
"Tha 'shùilean fosgailte: am bi e rium?" "Cha chreid mi
gu'm bi an dràst." Dh'fhalbh iad an sin còmhla, agus an
uair a thàinig iad am fagus do'n Chaisteal thubhairt an Tréun
Laoch ris a' Chòcaire, "Is fearr dhuit féin na h-airm so a chur
ort a nis, agus an ceann a thabhairt a's tigh a dh'ionnsaidh
Mac Fear an Earraidh Uaine.
253
an Righ." Chuir an Còcair' air na h-airm, agus shìn an Laoch
an ceann da 's an dealachadh. "Cha-n 'eil sinn dol a
dhealachadh mar sin," ars' an Còcaire. "Theid thu leamsa
gu àite na còcaireachd, 'us gu'm faigh thu ni-eiginn a bheir
mise dhuit. An uair a bhitheas mise 'm Righ is tus' a bhitheas
'ad Chòcair' agam." Dh'fhalbh an Tréun Laoch leis, agus
dar chaidh iad a's tigh do dh'àite na Còcaireachd shìn an
Còcaire dha bad mòr de dh'ascairt ghil, agus thubhairt e,
"Gleidhidh tu sin airson an fhalluis a shuadhadh bharr d'
aodainn. An uair a bha mis' am Chòcaire bu charaid leam
am fear a bheireadh dhomh bad ascairt." "Is caraid leams'
e cuideachd," ars' an Tréun Laoch, agus dhealaich iad. Ghabh
an Còcaire 'dh'ionnsaidh an Righ leis a' cheann, agus chaidh
Mac Fear an Earraidh Uaine gu Caoin-shlios. Fhuair e i fàr
an d' fhàg e i, ach cha d' innis e dhi ni 's am bith ni 'b' fhaide
na gu'n do thill an Còcaire 'n Tòir.
An uair a chunnaic an Righ an Còcaire agus an ceann aige,
bha e ro thoilichte, agus thubhairt e ris gu'm bitheadh esan
cho math r'a ghealladh dha. Ach bha 'n Còcair' ann an
cabhaig mhòir airson gu'm bitheadh am pòsadh air a dheanamh
gun dàil. Dh'iarr an Righ air foighidinn a bhi aige gus am
faigheadh iad an dinneir, agus thubhairt e gu'm bitheadh gach
ni air a dheanamh an sin mar gheall esan. Chaidh am bòrd
a chur 'an uidhim, agus shuidh iad uile sìos aig an dinneir.
Ach mu'n robh i seachad thàinig fios o Mhac Meadhonach an
Iarla Bhuirb an Tòir a thilleadh air neò gu'm bu leisan
Caoin-shlios agus leth na righeachd.
Chuir an Righ fios an so air a dhaoine, agus dh'fheòraich
e dhiù, Cò rachadh a thilleadh na Tòire? Ghlaodh an Còcaire,
"Cò thilleadh i mur tillinn-s' i? Thill mi chean' i, 'us tillidh
mi rithist i." "Glé cheart," ars' an Righ. "Dean sin, agus
bithidh mise cho math 's mo ghealladh dhuit."
Air an ath mhaduinn bha 'n Còcaire 'deanamh deas airson
falbh, agus dar bha e fo làn armachd thug e stràilleadh mòr
do'n choire agus thionn e mach. Dh'fhairich an Tréun Laoch
an fhuaim, agus thubhairt e ri Caoin-shlios gu'm féumadh e
dol a dh'fhaicinn gu dé bha 'n sud. "Cha ruig thu leas,"
ars' ise; "cha-n 'eil ann ach an Còcaire 'dol a thilleadh Tòir
254
Mac Fear an Earraidh Uaine.
eile 'n diugh." "Theid mi 'choimhead cia mar tha na h-airm
a' tighinn da, ach na seall thusa do ghnùis do d' athair gus an
till mise. Thionn e 'n sin a mach an déigh a' Chòcaire.
An là so leig e leis dol astar math air aghaidh mu'n d' rug
e air. Bha céum a' Chòcair' a fàs ni 'bu mhoille, agus bha
'shùil ni 'bu trice 'n a dhéigh mar a b' fhaide 'bha 'n Laoch
gun/tighinn. Mu dheireadh chunnaic e 'm fad as e, agus sheas
e gus an d' rug e air. "An cual thu 'm buille 'thug mi air
a' choire 'n diugh?" ars' an Còcaire. "Chuala; b' e sin
a thug air falbh mi," fhreagair an Laoch. An uair a bha
iad a' dlùthachadh ri àit' a' choinnimh thubhairt an Còcaire,
"Is fearr dhuit féin na h-airm so a chur ort; oir is ann duit
'is fearr a thig iad." Chuir an Laoch air na h-airm, agus
an uair a chunnaic iad na daoine 'tighinn ghlaodh an Còcaire
ris, "Sin iad, Sin iad! Cuir mise 'm falach." Bha lòn bog
goirid as, agus an uair a ràinig iad e stob an Laoch an Còcaire 'n
còmhail a chas fo bhéul-fhothraghadh, agus thubhairt e ris fuir­
eachd an sin gus an tilleadh esan.
An sin chaidh an Laoch an coinneamh Mac Meadhonach an
Iarla Bhuirb, agus leis an dara buille d' a chlaidheamh thilg e
'n ceann deth o'n ghualainn. Thug e rithist aghaidh air na
daoine, agus cha d' fhàg e aon beò dhiù mu'n do sguir e.
Rug e 'n sin air fhalt air ceann Mac Meadhonach an Iarla
Bhuirb, agus thug e leis e air a ghualainn. Ràinig e 'n
Còcaire, agus ghlaodh e ris tighinn a mach o'n bhruaich fo'n
robh e. Thàinig an Còcaire, agus thubhairt e, "Tha ceann
agad an diugh a rithist! Oh tha draoin air! am bi e rium?"
"Cha bhi 'n drast," ars' an Laoch, agus thill iad air an ais an
rathad a thàinig iad. An uair a bha iad a' tighinn am fagus
do'n Chaisteal thubhairt an Tréun-Laoch ris a' Chòcaire na h-
airm a chur air, agus an ceann a thabhairt a's tigh a dh'ionns­
aidh an Righ. Chuir e air na h-airm, agus an uair a bha 'n
Laoch a' dol a dhealachadh ris thubhairt e, "Cha-n 'eil sinn
'dol a dhealachadh mar sin. Theid thu leamsa gu àite na
còcaireachd 'us gu'm faigh thu ni-eiginn a bheir mise dhuit."
An uair a chaidh iad a's tigh, thug an Còcaire dha cutag
spàine, agus thubhairt e, "Gleidh sin gus am bi thu 'ad Chòc­
air' agamsa. An uair a bha mise 'm Chòcaire bu charaid
Mac Fear an Earraidh Uaine.
255
leam am fear a bheireadh cutag spàine dhomh." "Is caraid,
leams' e cuideachd," ars' an Laoch, agus dhealaich iad.
Ghabh an Còcaire 's tigh leis a' cheann fàr an robh 'n Righ,
agus chaidh Mac Fear an Earraidh Uaine far an robh Caoin-
shlios.
Rinn an Righ gàirdeachas mòr an uair a chunnaic e gu'n
do thill an Còcaire 'n Tòir an dara h-uair. Thubhairt e ris gu
'm bitheadh esan cho math 's a ghealladh dha. Ach cha'n
fhoghnadh ni air bith leis a' Chòcaire ach gu'm bitheadh am
pòsadh air a dheanamh gun tuilidh dàlach. Thubhairt an Righ
ris, "Tha thu féin sgìth an déigh a chath chruaidh a chuir thu,
agus tha sinne acrach. Gabhaidh sinn an dinneir an toiseach,
agus an déigh sin bithidh mise cho math 's mo ghealladh dhuit."
Ach mu'n robh 'n dinneir seachad thàinig fios o Mhac Òg an
Iarla Bhuirb 'dol a thilleadh na Tòire, air neò gu'm bu leisan
Caoin-shlios agus leth na righeachd.
Chaidh an Righ an so 'am fiamh mhòir, agus chuir e fios aon
uair eil' air a dhaoine. Dh'innis e dhoibh gu'n d'thàinig
fios Tòir o Mhac Òg an Iarla Bhuirb, 'us thubhairt e gu'm
bitheadh esan cho math 's a ghealladh do'n duin' a thilleadh
i. Léum an Còcaire, agus sheas e suas ri broilleach an Righ,
agus thubhairt e, "Cò' thilleadh i mur tillinn-s' i? Thill mi
chean' i dà uair, agus tillidh mi rithist i." "Ro cheart," ars' an
Righ. "Ni mise mar gheall mi."
An uair a fhuair an Còcaire 'na airm 's na éideadh air an
treas maduinn, ma thug e stràilleadh air na coireachan an dà là
roimhe thug e stràilleadh seachd uairean ni 'bu mhò orra 'n là
so. Thionn e 'n sin air falbh, ach cha robh cabhag 's am bith
air an Laoch airson a leantainn. Dh'fhalbh e mu dheireadh,
ach ma dh'fhalbh bha e 'ga fhalach féin gus an robh iad a'
dlùthachadh ri àite na coinnimh. Chunnaic e 'n sin an Còcair'
a' suidhe sìos. Chaidh è air aghaidh le céum sgairteil fàr an
robh e. "An d'thàinig thu mu dheireadh?" ars' an Còcaire.
"Thàinig," ars' an Laoch. "'S ann orms' a 'bha 'n t-eagal nach
tigeadh tu idir. Cuir ort na h-airm so, oir gu dearbh is ann
duit 'is fearr a thig iad." "Tha mi creidsinn gur h-ann an
diugh," fhreagair an Tréun Laoch. Cha robh na h-airm ach
gann air an uair a chunnaic iad an Tòir a' tighinn agus Laoch
256
Mac Fear an Earraidh Uaine.
ro bhorb air an ceann. Ghlaodh an Còcaire, "O! cuir mis,
am falach! Cuir as am fradharc mi!" Bha bréun-lochan
laimh riù, agus stob e 'n Còcaire gu ruig an amhaich anns an
lochan, agus thubhairt e ris, "Ma thig éiginn 's am bith ort
thoir do cheann fodha, 'us mur tig fan mar th' agad."
Chaidh na Laoich an coinneamh a cheile, 'us le aon bhuile
d' a chlaidheamh thilg Mac Fear an Earraidh Uaine 'n lann
a laimh Mhic Òig an Iarla Bhuirb. Rug e 'n sin air féin, 'us
cheangail e 'thrì caoil ann an aon ghad. Dh'fhàg e ceangailt
e, 'us thug e aghaidh air na daoine. Thug e ruathar fòpa 's
tharta, 'us cha d' fhàg e beò dhiù fear a dh'innseadh sgéul
na truaighe. Thog e 'n sin Mac an Iarla air a ghualainn, agus
ràinig e 'n Còcaire leis.
Thàinig an Còcair' air tìr, fliuch, salach, agus còmhdaichte
le fionn-chòinnich na dìge. Dh'fhalbh e 'n sin dachaidh
an déigh an Laoich. Cho luath sa thàinig iad 'am fradharc
a' Chaisteil thubhairt an Laoch ris, "Is fearr dhuit na
h-airm a chur ort a nis, agus an duine so a thabhairt a's tigh
a dh'ionnsaidh an Righ." An uair a chuir e air na h-airm
thug e sùil air an duine, agus dar chunnaic se e 'carachadh
ghlaodh e, "O tha e beò! Bithidh e rium!" "Tha e
beò," ars' an Laoch, "ach cha-n urrainn e dad a dheanamh
ort an dràst. Thoir thus' e mar tha e 'dh'ionnsaidh an
Righ." Thubhairt an Còcaire, "Tha 'n Tòir uile seachad
a nis. Faodaidh tusa 'bhi deanamh deas. An uair a gheibh
mise nighean an Righ bithidh tus' a'd' Ard-chòcair' agamsa.
An sin dhealaich iad.
Chaidh an Còcaire 's tigh leis an duine 'dh'ionnsaidh an Righ,
agus an uair a chunnaic an Righ coltas an duine mhol e 'n
Còcair' airson a ghaisge agus thubhairt e ris, "Coimhlionaidh
mise mo ghealladh dhuit. Ach fuasgail an duine chum gu
'm bi e maille ruinn aig an dinneir."
Chaidh an Còcaire fàr an robh 'n duine, agus dh'fhéuch e
r'a fhuasgladh. Ach an àite gach snaim a dh'fhuasgladh e
rachadh seachd snaimeannan eil' air a' ghad. Mu dheireadh
thubhairt e nach b' urrainn e 'n duine fhuasgladh. "Ùbh,
Ùbh!" ars' an Righ. "Cò nach fuasgladh an duin' a chean­
gail e?" "Cha-n esan," ars' an duin', "a cheangail mi.
Mac Fear an Earraidh Uaine.
257
Cha b' urrainn e mo cheangal, agus cha-n urrainn e m'
fhuasgladh. Ach am fear a cheangail mise fuasglaidh e
mi." "Cò e sin?" ars' an Righ. "Tha Mac Fear an
Earraidh Uain' ri gaisge a bha ainmeil air thalamh seachd
bliadhna mu'n d' rugadh e, agus a bha cogadh ris na daoin'
againne bho cheann thrì laithean agus a bha cadal anns a'
Chaisteal agadsa 's an oidhche. Is esan a cheangail mise,
agus 's è 'is urrainn m' fhuasgladh."
Chaidh fios air an Laoch, agus thàinig e 's tigh. Sheall an
Righ air, agus an uair a chunnaic e a thréun-choltas chaidh e
air a dhà ghlùn da. An uair a dh'éirich e, dh'iarr e air an
duine 'bha ceangailte fhuasgladh. Rug an Laoch air snaim a'
ghoid le aon laimh, agus thog e 'n duine leis o'n talamh.
Leig e as d' a ghreim an sin, agus air ball léum an gad bharr
an duine. Cho luath 's a fhuair an duin' air a chasan thionn­
daidh e ris an Righ, agus thubhairt e, "Mur bhi luathaire
theanga na Caillich-chearc, agus comhairle na h-Iorasglaich-
ùrlair do Chaoin-shlios cha robh 'an Righeachd an Tòirr
Uaine na thilleadh air a h-ais Tòir Mhic Òig an Iarla Bhuirb,
no chumadh Caoin-shlios uaithe. Ach is e féin a's airidh
oirre na mise."
An sin thàinig Caoin-shlios a's tigh, 'us thubhairt i r'a h-
athair, "Is è 'n diugh an là mu dheireadh do'n ùine 'thug thu
dhomh a thaghadh mo roghainn leannain. So a nis mo
roghainn, agus coimhlion do ghealladh dhomh." "Le m'
uile chrithe," ars' an Righ, "agus gach ni a th' agamsa
bithidh agadsa còmhla ris."
Thill an Còcaire 'dh'ionnsaidh a chòcaireachd, chaidh am
pòsadh a dheanamh, agus cha-n fhaca neach a bha 's an
Righeachd càraid a b' eireachdala na Caoin-shlios agus Mac
Fear an Earraidh Uaine. Rinn iad cuirm agus greadhnachas,
agus mur do sguir iad a dh'itheadh agus a dh'òl tha iad ris
fathast.
Úsáideadh aithint lámhscríbhneoireachta uathoibríoch chun an mhír seo a thras-scríobh mar chuid den tionscadal Díchódú Oidhreachtaí Folaithe.