Mac Fear an Earraidh Uaine
Scotland
- Archival Reference
- SSSA/TA/AT566/008
- Date
- 1889
- Item category
- Book
- Aarne-Thompson index
- AT0300: The Dragon‑Slayer
- AT0566: The Three Magic Objects and the Wonderful Fruits (Fortunatus)
- Languages
- Scottish Gaelic
- English
- Town
- Port Appin
- Parish
- Lismore and Appin
- Collector
- Lord Archibald Campbell
- Narrator
- Alexander Cameron
- Narrator source
- Unknown
Archival Reference
SSSA/TA/AT566/008
School of Scottish Studies W & S III
Transcript
AIMac Fear an Earraidh Uaine.241SGÉUL AIR MAC FEAR AN EARRAIDHUAINE RI GAISGE,A BHA AINMEIL AIR THALAMH SEACHD BLIADHNAMU'N D' RUGADH E.BHA ann roimhe so Uachdaran fearainn aig an robh àitebriadha, agus pailteas spréidh agus èunlaith. 'Na àm bhameas cho mòr aig uachdarain cosmhail ris air an èunlaith 'usgu'n robh iad a' gleidheadh mu'n timchioll boirionnachtùrail ris an abradh daoine Cailleach-chearc. Bha aig anUachdaran so mar an ceudna Cailleach-chearc a bha ro thùrailagus aig an robh balachan òg bòidheach ris an abradh i amac agus a theireadh rithe 'mhàthair.Bha 'm balachan a' fàs a suas 'na ghille briadha 'us coltasair gu'm bitheadh e 'na dhuine foghainteach. Ach cha-nfhaigheadh e guth 'am fad agus 'am fagus ach Mac Cailleach-nan-cearc. Gidheadh cha robh sin a' cur smuairein 's ambith air.Bha 'Chailleach gu math dheth fo'n Uachdaran le tigh agustrì mairt, agus gach ni eile a dh'fhéumadh i. An uair a dh'fhàs am balachan suas 'na ghille bhitheadh e falbh leis namairt agus 'gam buachaileachd fad an là. Air là àraidhshaodaich e iad ni 'b fhaid' air falbh na b' àbhaist da gu àitefàr an robh ionaltradh anabarrach math. Cho luath 's a thugan crodh a dh'ionnsaidh an fheòir ràinig e tolman bòidheachfar am bitheadh e 'nam fradharc, agus shuidh e sìos air.Thug e roinn mhòr de'n là 'n sin, a' gabhail toileachadh as a'h-uile ni a bha e 'faicinn. Mu dheireadh chunnaic e 'dìreadhna glaice 'bha fodha 'dh'ionnsaidh an àite 's an robh e 'nashuidhe gruagach òg agus deirgead an ròis 'na gruaidh, 's afalt òr-bhuidhe 'na chamagan bòidheach a sìos thar a dàghualainn.Rainig i 'n t-àite fàr an robh e 'na shuidhe, agus air dhifàilt an là a chur air thubhairt i ris gu'n robh e aonarach a'R242Mac Fear an Earraidh Uaine.buachaileachd nan trì mairt. Fhreagair e gu h-ealamh i, 'usthubhairt e nach robh e aonarach a nis 'us i féin air tighinncòmhla ris. An sin dh'fheòraich i dhe an reiceadh e té de'nchrodh? Thubhairt e rithe nach faodadh e, a chionn gu'mbitheadh a mhàthair a' trod ris. "Ù, cha bhi, ma gheibh thua fiach air son a mhairt." "Agus gu dé 'bheir thu dhomhoirre?" "Bheir clach bhuadhach." "Gu dé na buadhan ath' air a' chloich?" "Cha-n 'eil buadh a dh'fhéumas tu airsondo chuirp no airson do choluinn nach faigh thu cho fad 's aghleidheas tu i, agus cha-n 'eil àit' anns an òrduich thu thu féinagus na 's math leat a bhi, anns nach bi sibh air ball." "Leigfaicinn domh de'n chloich." Shìn a' ghruagach dha a'chlach, agus bha i bòidheach ri amharc oirre. Rug e oirre,agus smaointich e gu'n cuireadh e déuchainn oirre mu'ntugadh e 'm mart air a son. Bha 'm pathadh air aig an àm, agussmaointich e gu'm bu mhath deoch a Fuaran-na-cloiche-deirgeaig cùl tigh' a mhàthar. Cha bu luaith' a thàinig an smaoint'na inntinn na bha e 'na shuidhe taobh an tobair. Dh'òl edeoch, agus thill e air ais air a' cheart dòigh air an d'thàinige. Thug e 'n sin am mart airson na cloiche, agus bha e lànthoilichte leis a' mhalairt a rinn e.An sin dh'fhalbh Gruagach nan gruaidhean ròs-dhearg leisa' mhart a cheannaich i, agus thill esan dachaidh leis an dàmhart eile 'm béul na h-oidhche. An uair a chunnaic amhàthair nach robh aige ach an dithis dh'fheòraich i dhe, C'àit' an robh an treas té? Dh'innis e dhi gu'n do reic e i.Thubhairt i ris gu dé 'fhuair e air a son? Thubhairt e gu'nd' fhuair e clach oirre. Dar chunnaic a mhàthair a' chlach,'us nach b' urrainn i 'm féum a bh' innt' a thuigsinn chaidh iair boile, agus throd i ris gu fuathasach. Dh'éisd e ris gachacal a thubhairt i gu ciùin, 'us cha d'thug e guth na h-aghaidh.An uair a thraoigh a feirg dh'iarr i air an dà mhart a chur a's tigh, 'us gu'n rachadh am bleoghainn. Rinn e sin, agusbha uibhir bainne aig an dithis an oidhche sin 'us a bh' aig antriuir roimhe sin.Anns a' mhadainn an déigh dha 'bhraiceas fhaotainn agus ancrodh a bhi air am bleoghainn, dh'iarr a mhàthair air ansaodachadh do'n àite 's an robh iad an là roimhe. Dh'fhalbhMac Fear an Earraidh Uaine.243e leò, agus dh'fhàg e iad anns a cheart ionad. Cho luath 's aràinig iad thug an crodh a dh'ionnsaidh an ionaltraidh, agusshuidh esan air a' cheart tolman air an robh e 'n là a chaidhseachad.Mu'n àm a chunnaic e 'Ghruagach an toiseach chunnaicè i an là so 'ris a' dìreadh na glaice 'bha fodha. Ràinig i 'nt-àite fàr an robh e 'na shuidhe, agus dh'fheòraich i dh'e anreiceadh e té eile de'n chrodh? Thubhairt e nach reiceadh,a chionn gu'n d' fhuair e trod uamhasach o 'mhàthair air anoidhche 'chaidh seachad airson na té a reic e cheana. "Ù,ma gheibh thu a fiach air a son cha bhi i trod riut." "Gu dé,mata, 'bheir thu dhomh oirre?" "Bheir mi dhuit léug slànuchaidh oirre." "Gu dé na créuchdan a ni i slàn?" "Créuchdair bith air d' fheòil no air do chraicionn, tinneas colainn noinntinn, leighisidh i 'n uair a shuathas tu riut i." Bha créuchdair òrdaig cois' a' ghille, agus dh'iarr e air a' Ghruagach anléug a leigeil fhaicinn da. Fhuair e 'n léug, agus cho luath 'sa shuaith e i r' a òrdaig bha i leighiste. An sin thug e dhi ammart, agus bha e làn thoilichte leis a' mhalairt a rinn e.An uair a thàinig am feasgar chaidh e dhachaidh leis an aonmhart. Choinnich a mhàthair e 'tighinn, agus dh'fheòraichi dh' e gu dé 'fhuair e air a' mhart a reic e? Thubhairt e gu'n d' fhuair e léug oirre. An uair a chual i so, ma ghabh i'n cuthach air an là roimhe ghabh i seachd cuthaich an là so.Shìobhaltaich i mu dheireadh, agus dh'iarr i air an t-aon mharta bh' ann a chur a 's tigh, 'us gu'n rachadh a bleoghainn. Rinne sin, agus bha uibhir aice de bhainne 's a bh' aig an trìroimhe.Anns a' mhaduinn, an déigh do'n bhò 'bhi air a bleoghainn,dh'iarr a mhàthair air a' ghille a saodachadh do'n àite 's anrobh i 'n dé. Dh'fhalbh e leatha, agus an uair a ràinig e 'nt-àite shuidh e sìos mar b' àbhaist da air an tolman. Thàiniga' Ghruagach fàr an robh e, agus dh'fheòraich i dh' e anreiceadh e an t-aon mhart a bh' aige? "Oh, cha-n fhaod mi,oir fhuair mi trod uamhasach airson na té mu dheireadh areic mi." "Ù! cha-n fhaigh thu trod, ma gheibh thu 'fiachair a' mhart." "'Ùs dé, mata, a bheir thu dhomh oirre?""Bheir mi dhuit lìonan èunaich oirre." "Gu dé na h-eòinR 2244Mac Fear an Earraidh Uaine.air am beir an lìonan, no ciamar 'tha è ri 'chur?" "Cha-neil agad ach a sgaoileadh air bharraibh nam preas 'us fhàgailan sin fad na h-oidhche, agus dar thig a' mhaduinn bithidhe làn de gach seòrs' èun a chunnaic no 'chual thu riamh,agus bithidh dà èun déug ann nach fac agus nach cual thuriamh an leithid." Thug e 'm mart airson an lìn. Dh'fhalbhise leis a' mhart, agus thill esan dachaidh leis an lìon.An uair a chunnaic a mhàthair gu'n d'thàinig e dhachaidhgun mhart idir aige, cha b' urrainn i facal a ràdh, ach bhagruaim na dunaidh oirre ris. Bha esan ro dhuilich gu'n dochuir e a leithid de mhì-thlachd oirre, ach bha misneach aigegu'm bitheadh i toilichte 'n uair a chitheadh i na bhitheadhaige de eòin anns an lìon air an ath mhaduinn.Cho luath 's a dh'éirich e 'n ath-latha chaidh e a dh'fhaicinnan lìn a chuir e air an oidhche roimhe, agus a leithid deshealladh air eòin cha-n fhac e gu sin. Dh'fhalbh e dhachaidhleò, agus an uair a chunnaic a mhàthair na bh' aige dhiù dh'fheòraich i dh' e, C' àit' an d' fhuair e iad? Thubhairt e gu'ndo ghlac e iad anns an lìon. "'Us am faigh thu tuillidh leis?""Gheibh mi an uibhir so a' h-uil' uair a chuireas mi e." Bhai 'n so ni 'bu toilichte, 'us cha robh iad riamh cho mhath dhethair bainne nam mart 's a bha iad air sithinn nan èun.Dh'fhàs an Gille suas 'na dhuine dreachail 'na choltas agusglic 'na ghiùlan. Ghabh an t-Uachdaran spéis de, agus rinne gille-bùird dh' e 'na thigh féin. Rinn e gu math 'na àite,agus bha meas aig a' h-uile duine mu thimchioll an tighe air.'Nis bha nighean aig an Uachdaran ris an abradh iad Dearc-shùil. Bha i anabarrach bòidheach, agus ghabh an Gille gaolmòr oirre. Ghabh ise mar an ceudna gaol airsan, ach cha-naidicheadh i gu bràth gu'n do ghabh a chionn nach robh annach mac Cailleach-nan-cearc. Dh'fhalbhadh i as an rathadair, agus rachadh i 'm falach anns gach preas air eagal gu'mfaiceadh e i. Ach bha 'chlach-bhuadhach aige-san, agus lecuideachadh na cloiche bhitheadh e na sheasamh r'a taobhc' àit' air bith 's am bitheadh i. Ach ghlaodhadh ise 'n sin aira h-athair, agus dh'fhéumadh esan falbh air eagal gu'nrachadh 'fhaicinn. Thachair so gu minic, ach air là àraidhdh'òrduich e gu'm bitheadh e leatha anns an tigh, agus airMac Fear an Earraidh Uaine.245ball bha e ann. Cho luath 's a chunnaic i è thug i ionnsaidhair glaodhaich r' a h-athair, ach mu'n d' fhuair i facal a ràdhléum e, agus rug e oirre eadar a dhà laimh, agus thubhairt erithe, "O, nach robh mi féin agus thu féin anns an EileanUaine an Iomail an Domhain-Toir fàr nach cluinneadh d'athair do ghuth, agus nach abradh mo mhàthair gu'm bumhise a mac!" Gun fhios cia mar, bha iad 'am priobadh nasùla 'nan seasadh 'an glacaibh a chéile 's an Eilean Uaine.Bha iad ùine mhath an sin a' tighinn beò air meas nancraobh. Ach air là àraidh 'us iad 'nan suidhe còmhla airtaobh cnuic, agus ag amharc air a' chuan m' an coinneamhleig esan a cheann sìos 'na h-uchd agus chaidil e. Am feadha bha e 'na chadal thòisich i air smaointeachadh cia mar a b'urrainn iad teachd do'n àit' ud, agus bhreithnich i mudheireadh gu'm féumadh gu'n robh aige drùidheachd no ni-eiginn air an robh buaidhean iongantach leis an do tharrainne iad fàr an robh iad. Cho luath 's a thàinig so fainear dhi,rannsaich i 'aodach, feuch am faigheadh i ni 's am bith annt' afhreagradh d' a h-amharus; agus air dhi a bhroilleach fhosgladh fhuair i a chlach agus an léug air am falach ann gucùramach. Choimhead i orra, agus bha iad ro bhòidheach r'am faicinn, agus thubhairt i rithe féin gu'm féumadh gu'm b'ann leis na nithe sin a tharrainn e 'n sud iad. Ghabh i 'n sina siosar, agus ghearr i béul a h-aodaich air falbh leis, agus dh'fhàg i fo 'cheann e. Cho luath 's a fhuair i 'na seasamhthubhairt i, "O, nach robh mis' aig tigh m' athar aon uaireile;" agus mu'n deachaidh na briathran as a béul bha i 'ntigh a h-athar.An uair a dhùisg esan choimhead e mu'n cuairt feuch amfaiceadh e i, ach cha-n fhac. Sheall e 'n sin air an làr, aguschunnaic e béul a h-aodaich fàr an d' fhag i fo 'cheann e.Ghrad chuir è a làmh air a bhroilleach, agus fhuair e fosgailte agus na clachan air an toirt air falbh. Dh'aithnich e 'n somar bha 'chùis, agus dh'fhàs e gu dubhach, trom-inntinneach,agus b' fhearr leis nach d'thàinig e riamh do'n àite, oir charobh dòigh no seòl aig air faotainn as.Air là àraidh bha e siubhal ri taobh a' chladaich an uair athug e 'n aire do dhoire 'm fagus do choille a bh' air thoiseach246 Mac Fear an Earraidh Uaine.air. Ràinig e 'n doire, agus chunnaic e ann craobhan air an robhmeasan nach fac e 'n leithid o'n thàinig e do'n Eilean. Aircuid de na craobhan bha ùbhlan cho briadha 's a chunnaic eriamh, agus air cuid eile dhiù na h-ùbhlan 'bu ghràind' achunnaic e riamh. Bha e féin gu tròm-inntinneach, tinn, lemulad 'us le sgìos, agus smaointich e gu'n itheadh e aon dena h-ùbhlan briadha feuch am b' fheàird se e. Ach choluath 's a dh'ith e 'n t-ubhal chaidh e air chrith air a chasaibh,agus thòisich fheòil air sruthadh bharr a chnàmh. Smaointiche, a chionn gu'n robh 'm bàs roimhe cò dhiù agus gu'n robhe 'n cràdh mòr, gu'n itheadh e aon de na h-ùbhlaibh gràndafeuch an greasadh i 'm bàs g'a ionnsaidh. Ach cho luath 'sa dh'ith e 'n t-ubhal grànda, stad fheòil a shruthadh, 'us achnàmhan a chrith, agus mu'n robh aon eile dhiù itht' aigebha e cho slan fhallain 's a bha e riamh. Chunnaic è 'n soma chaill e léug gu'n d' fhuair è léigh. Thòisich è air ball airdeanamh chliabh, agus an uair a bha iad réidh lìon è iad leisna h-ùbhlan. Chuir è 'n sin iad 'an àite tèarainte 'an dòchasgu'm bitheadh iad chum féum dha uair eiginn fathast.Air là àraidh chunnaic e fada mach air a chuan lòng a'deanamh dìreach air an Eilean. Chuir e suas comharan feuchan tàirneadh e aire 'n Sgioba g'a ionnsaidh, agus an uair athàinig i 'n astar cluinntinn thòisich e air glaodhaich riù. Thugiad an aire dha, agus chuir iad bàta air tir fàr an robh e. Dh'fheòraich Sgiob' a' bhàta dhe gu dé 'chuir a' sud è, no cia marthàinig e ann? Fhreagair e gu'n deachaidh an Soitheach airan robh e a chall, agus gu'n d' fhuair esan 'na aonar gu tìr airan Eilean. Dh'fheòraich iad an sin d' e gu dé 'bha e a'deanamh air an t-Soitheach? Thubhairt e gu'n robh e 'naLéigh oirre. "Oh nach sinn a tha toilichte," ars' iadsan. "Tha'n Sgiobair againn gu tinn, agus air a thabhairt a suas leis anLeigh. Theagamh gu'n urrainn thusa ni-eiginn a dheanamhair a shon?" Fhreagair e, "Chì sinn gu dé 'ghabhas deanamhan uair a ruigeas sinn e."Chuir e na cléibh anns a' bhàta, agus an uair a ràinig e'n long dh'fhàg e iad an àite sàbhailt air bòrd oirre. Thuge 'n sin aon no dha de na h-ùbhlan leis 'na phòca, aguschaidh e 's tigh do'n àite far an robh an Sgiobair. ChoimheadMac Fear an Earraidh Uaine.247e air, agus thubhairt e ris na'n gabhadh e 'n rud a bheireadhesan da gu'm bitheadh e air a leigheas. Fhreagair an Sgiobairgu'n gabhadh e ni 's am bith a dheanadh féum dha. An sinthug an Léigh dha pìos de aon de na h-ùbhlan briadha, aguscho luath 's a dh'ith se e thòisich 'fheòil agus a chraicionn airsruthadh dheth. An uair a chunnaic an Sgioba so, bha iad a'dol a cheangal an Léigh ris a chrann, agus g'a sgiùrsadh gubàs le ceann buill. Ach ghuidh e orra uair eil' a thabhairtda, agus thubhairt e mur leighiseadh e 'n Sgiobair anns an tìmsin gu'm faodadh iad a cheangal agus a sgiùrsadh gu bàs ansin na'n toilicheadh iad. Thubhairt iad ris gu'm faigheadhe 'n ùin' a dh'iarr e, agus eadhon gu h-oidhche. Dh'fhalbhiad an sin, agus dh'fhàg iad leis féin e.Dhùin esan an dorus orra, agus thòisich e air an Sgiobair aleigheas leis na h-ùbhlan grànda, agus mu'n d'thàinig ceannna h-uaire bha e cho làidir fhallain aige 's a bha e mu'n d' fhàse gu tinn. An uair a chunnaic an Sgioba so bha iad ro ùmhaldo'n Léigh agus cha robh fhios aca gu dé 'b' urrainn iad adheanamh g'a thoileachadh. Dh'fheòraich an Sgiobair dh'e ciod a b' àill leis gu'n deanamh iad air a shon? Fhreagaire nach robh e 'g iarraidh ni orra, ach gu'n cuireadh iad airtìr e anns a' chaladh a dh'fhàg e 'n toiseach. Air ball chuiriad mu'n cuairt an long, agus rinn iad dìreach air a chaladha dh'ainmich e. Agus dar ràinig iad e thug esan leis na cleibhagus chaidh e air tìr.Dh'fhàg e beannachd aig an Sgiobair agus a dhaoine, agusrinn e dìreach air an ait' o'n d' fhalbh e.Chuir e suas mar Léigh, agus thòisich e air daoine tinn aleigheas. Cha d' aithnich gin d' a sheann luchd-eolais e, achchaidh ainm am fad agus am fagus mar Lighiche math abha slanuchadh dhaoine bho gach tinneas agus créuchd a bhacur orra.Air là àraidh thàinig fios g'a ionnsaidh o Uachdaran anfhearainn gu'n robh e ri tighinn le cabhaig a dh'fhaicinn anighinn 'us i bhi ro thinn aig an àm sin. Dh'fhalbh e gun dàil,agus ràinig e tigh an Uachdarain. Chaidh e 's tigh do'nt-seòmar far an robh an nighean, agus air dha a ceasnachadhthubhairt e gu'm b' e tinneas ionganntach a bh' oirre.Mac Fear an Earraidh Uaine.248"Rinn thu mèirle," ars' è rithe, "agus gus an aidich thu i chaghabh thu leigheas." Fhreagair i nach b' fhiosrach i gu'n d'rinn i mèirle riamh. Thubhairt esan gu'm b' éiginn gu'n d'thug i o chuid-eiginn ni-eiginn a bha ro luachmhor dha. Ansin chuimhnich i air na clachan a thug i o Mhac Cailleach-nan-cearc anns an Eilean Uaine, agus dh'innis i do'nLighiche gach ni a thachair eatarra. Dh'fheòraich e dhi c'àit' an robh na clachan a thug i a 'bhroilleach? Thubhairt igu'n robh iad air bac na h-uinneig. Ghrad fhuair e naclachan, agus chuir e iad 'na phòc ag radh. "O'n dh'innisthu 'n fhìrinn gabhaidh tu leigheas." An sin thug e dhi cuidde na h-ùbhlan grànda, agus mu'n d'thàinig an ath oidhchebha i slàn fallain.Chòrd an Lighiche cho math ris an Uachdaran 'us nachdèanadh nì air bith an gnothuch leis ach gu'm pòsadh èDearc-shùil, a nighean. Dh'aontaich an Lighich' a gabhail,agus chaidh latha na bainnse chuir a mach.Cha do leig an Gille e féin ris d' a mhàthair fathast, ach airan oidhche sin chaidh e 'dh'ionnsaidh an tighe aice, agus dh'innis e dhi gu'n robh e 'dol a phòsadh Dearc-shùil le làn-thoil a h-athar. "Ach, a bhean," ars' e, "na gabhaibh-s' oirbhgur mi bhur mac gus am bì am pòsadh seachad." Gheall i sinda, agus rinn i gàirdeachas mòr r'a theachd.Thàinig là na bainnse mu dheireadh, agus 'am measg luchd-ullachaidh na cuirme cha robh aon a bu trainge na Cailleach-nan-cearc. Air feadh an là thàinig Dearc-shùil a's tigh le h-athair, agus leis an Leigh, agus an uair a thug i 'n aire gu'm be'Chailleach a bha 'n toiseach gach gnothuich, chaidh i null fàran robh i, agus thubhairt i rithe gu math sgaiteach, "A Bhean,cha-n 'eil fhios agam gu dé 'n gnothuch a th' agaibh-s' an so.""Is fearr dhuibh-se dol a mach an dràst." Thionndaidh a'Chailleach rithe, agus thubhairt i gu fiadhaich, "Gu dé 'tha thu'g ràdh? Cha-n 'eil fhios agam c' àit' am bitheadh gnothuchagam, mur bitheadh e agam an so a' deasachadh airsonbanais mo mhic!" Thug Dearc-shùil glaodh goint' aiste,léum i 'dh'ionnsaidh a h-athar, agus rug i air laimh air. Choluath 's a fhuair i a h-anail thubhairt i ri Cailleach-nan-cearc,"An e bhur mac-s' a th' ann, a bhean?" "Is e," thubhairt a'Mac Fear an Earraidh Uaine.249Chailleach. "Mata, ma's e cha phòs mis' e." An so thuitsprochd air gach duine 'bha làthair, agus gu sonraicht' air a'ghille. Ach mu'n d' fhuair aon eile cothrom bruidhnethubhairt a' Chailleach, "Cha-n e mo mhac-se 'th' ann, achMac Fear an Earraidh Uaine ri gaisge a bha ainmeil airthalamh seachd bliadhna mu'n d' rugadh e, agus a thuit a' cathle iomairt lann ri Iarla Borb Choille-nan-crann le buile-cùil fomhac mòr an Iarla Bhuirb, agus is mis' a bu bhan-altrum dha's an uair sin, agus an déigh dha bhi air a mharbhadh theichmi leis a' ghille so, agus dh'altrum agus dh'àraich mi e, agusa nis tha e comasach air bàs athar a dhioladh agus a roghainnleannain a thaghadh mar mhnaoi!" An uair a chual an Gilleciod a thubhairt a' Chailleach-chearc, ghabh e misneach agusthubhairt e rithe, "Ma's e sin a th' annam, a bhean, cha phòsmise ise." "Ach mo mhìle mallachd air na mnathan le 'nluathaire-theanga!" ars' an t-Uachdaran.Bha nis a léug agus a chlach-bhuadhach féin aig Mac Fearan Earraidh Uaine 'na bhroilleach, agus thug e bòid agusbriathar nach tilleadh e 'us nach stadadh e airson ni no neachach gus am faiceadh e òigh 'bu mhaisiche na Dearc-shùil.Agus as an t-seasamh sin shiubhail e. Chum e air aghaidh a'dìreadh bheann 'us mheall 'us thulaichean, agus a dol troimhthuill, 'us ghlinn, 'us ghlacaibh, gus an d' ràinig è àit' anabarrach briadha. Cha deachaidh e 'dh'ionnsaidh a' Chaisteila bha 'n sin, a chionn nach robh fhios aige ciod no co a dh'fhaodadh a bhi air thoiseach air. Ach bha 'n oidhch' a'tighinn, agus uime sin chaidh e 'ghabhail fasgaidh anns napris a bha cùl a' Chaisteil. Cho luath 's a ràinig e iad chunnaic e 'n aon òigh 'bu mhaisich' a chunnaic e riamh a' tighinn'na choinneamh. Bha 'dà shùil mar dhearcag-an-fhraoich, 'usa cneas ni 'bu ghile na sneachd na h-aon oidhche. Chaidh iseachad gun aire a thabhairt da, ach fhuair esan sealladhoirre-s' a chuir Dearc-shùil gu h-iomlan as a chuimhne.An déigh dhi dol as an t-sealladh dh'fhàg e na pris agus dh'fhalbh e feuch an coinnicheadh e duine 's am bith a dh'innseadh dha cò i. Cha deachaidh' e fada dar chunnaic eGruagach àluinn òg agus cìr òir 'an cùl a cinn a' cur cruidh a's tigh do bhàthaich. Ràinig è i, agus dh'fheòraich e dhi còMac Fear an Earraidh Uaine.250i an òigh a chunnaic e dol tromh na pris cùl a' Chaisteil?Fhreagair i gu'm bi sin Caoin-shlios, Nighean Righ an TòirrUaine, agus gu'n robh i 'an iomagain mhòir o cheann shéseachdainnean. "Ciod è fàth a h-iomagain?" "Thig a'stigh do'n bhàthaich, agus innsidh mi sin duit." Chaidh e 'stigh, agus thug i dha deoch bhainne. An sin thubhairt i ris gu'm b' e fàth iomagain Chaoin-shlios aisling a chunnaic i ocheann béul ri bliadhna. Air leatha gu'n robh i 'coiseachdtromh na pris cùl a' Chaisteil an uair a chunnaic i tréun-laochòg a' tighinn 'na coinneamh, a ghnùis mar a' ghrian, agus acholtas mar choltas leòmhain. Bha 'fhalt bachlach mar amfitheach, 'us bu ghile na'n gruth a chneas. Tha mòran agiarraidh na h-òigh r'a pòsadh, agus tha 'h-athair toileach gu'mpòs i aon àraidh dhiù. Ach thug i bòid nach pòsadh i 'mfeasd gus am faiceadh i gnùis a' ghaisgich a chunnaic i 'nacadal. Cha do chòrd so r'a h-athair; uime sin thug e dhi là 'sbliadhn' a thaghadh a roghainn leannain, agus thubhairt e rithena'n leigeadh i 'n ùine sin seachad gun roghainn a dheanamhair a son féin gu'm féumadh i a roghainn-san a ghabhail 'na dhéigh sin. Tha 'n ùine nis air ruith a mach gu inbhecheithir làithean o 'm màireach, agus tha so a' cur iomagaincho mòr oirre 'us gu'm bheil i gach oidhch' a' gabhail sràidtromh na pris feuch an coinnich i 'n tréun-laoch a chunnaic i 'na h-aisling. An diugh 's a mhaduinn cha mhòr nach do ghéilli d' a h-athair, ach mu'n do ghéill i smaointich i gu'n rachadhi far an robh an Iorasglach-ùrlair airson comhairle. Dh'innisi do'n Iorasglaich an aisling, agus gach ni eile o thoiseachgu deireadh. Thubhairt an Iorasglach rithe, "Na caill domhisneach, ach ruith do réis g'a ceann, oir cha d'thàinig àman tréun-laoich fathast."An sin thubhairt an Coigreach ris a Ghruagaich, "C' àit' amfaigh mise bruidhinn rithe?" "Thoir an aire mhath air an athoidhche do'n àit' anns am fac thu i 'nochd." Dh'fhuirich ean oidhche sin 'an àit' a fhuair a' Ghruagach dha, agus air an athlatha ghleidh è a rathad gach duine gus an d'thàinig dorchadhnan tràth, an t-àm air am fac e 'n Òigh air tùs.Chaidh e 'n sin gu cùl a' Chaisteil, 'us cha robh e ach goiridgus am fac e i 'tighinn. An uair a fhuair e sealladh dhi chaidhMac Fear an Earraidh Uaine.251e 'na coinneamh, agus sgaoil e mach a dhà laimh g'an curmu'n cuairt oirre. Thug ise suil 'na aodann, agus mar gu'mb' aithne dhi riamh e ghlaodh i, "An d'thàinig thu mudheireadh?" Chuir i a dà laimh mu'n cuairt air 'amhaichagus neadaich i 'ceann 'na bhroilleach. An sin dh'innis i dhaa truaighe uile, agus thubhairt i ris falbh leatha-se 's gu'mfaigheadh i dha àit' anns am fuireachadh e 'n oidhche sin.Chaidh e leatha, 's chuir i è ann an seòmar uaigneach fàr anrobh è ri fuireachd gus am bitheadh a h-ùine-se mach.Air an ath mhaduinn bha ise ni 'bu shunndaiche na b'àbhaist di. Thug an Iorasglach an aire dha so, agus dh'fheòraich i dhi an robh i 's na pris an raoir? Fhreagair i gu'n robh, 'us gu'n d' fhuair i tréun-laoch a h-aislinge. "Ruith doréis g'a ceann, 'us gu'm faigh e do ghlacadh le buaidh," ars'an Iorasglach.An sin dh'fhalbh an òigh do'n t-seòmar fàr an robh 'n laochòg, agus am feadh 'bha iad a' còmhradh chual esan air feadhan tighe straighlich a chuir mòran iongantais air. Dh'fheòraich è dhi gu dé 'bu chiall do'n straighlich ud, agusthubhairt e gu'm féumadh e dol a dh'fhaicinn ciod a b'aobhar di. Fhreagair ise gu'n d'thàinig fios Tòir g'a h-athair,agus gu'n robh Còcaire Claon Ruadh a ghabh fo 's laimhan Tòir a thilleadh a' deanamh deas airson falbh. "Gudé tha 'n Tòir ag iarraidh?" ars' esan. "Tha 'n Tòiro Mhac Mòr Iarla Bhuirb Choille-nan-Crann, 'us mur biduin' aig m' athair a thilleas an Tòir is leis mise 's leth narigheachd." An uair a chual an laoch òg ainm Mhic Mhòir anIarla Bhuirb air ainmeachadh chrith e air a chasan, las a dhàshùil 'na cheann, dhaingeinnich e 'dhùirn, agus thubhairt e gu'm féumadh e dol a dh'fhaicinn cia mar 'bha na h-airm a'freagairt do'n Chòcaire. "Fanaidh tusa 'n so, agus cha nochdthu d' aghaidh do d' athair gus an till mise." Agus air dha sina ràdh thionn e mach, agus ghabh e rathad cùil an déigh a'Chòcaire.Cha deachaidh an Còcaire fad air falbh o'n Chaisteal anuair a rug an Laoch Òg air. Dh'fhaighnich e dh' e, C' àit' anrobh e dol? Fhreagair an Còcaire le spraic mhòir gu'n robhe dol a thilleadh Tòir a bha 'tighinn gu Righ an Tòirr Uaine252Mac Fear an Earraidh Uaine.o Mhac Mòr Iarla Bhuirb Choille-nan-Crann, 'us dar thilleadhè 'n Tòir gu'm bu leis Caoin-shlios agus leth na righeachd."Gle cheart," ars' an Laoch Òg, "ach an toir thu dhomhsa nah-airm feuch cia mar thig iad domh?" "Bheir gu dearbh; ismi a bheir," fhreagair an Còcaire. Chuir e dheth na h-airm,agus chuir an Laoch Òg iad air, agus b' ann àige féin a bha 'ngnothuch riù. An sin thubhairt an Còcaire, "Cia mar bhafhios agad gu'n robh mise 'falbh?" "Dh'fhairich mi 'nstraighlich a rinn barr a' chlaidheimh agad air fear de nacoireachan an uair a bha thu 'dol a mach." "Oh, nach mi thatoilicht," ars' an Còcaire.An uair a bha iad a' dlùthachadh ris an àite fàr an robh a'choinneamh ri bhi chunnaic iad an Tòir a' tighinn. An sinthuirt an Laoch Òg ris a' Chòcaire, "Is fearr dhuit na h-airm so a chur ort mu'n tig iad ni's faigse." Thug an Còcairesùil, agus dar chunnaic e Mac Mòr an Iarla Bhuirb 's adhaoine 'dluthachadh ris thubhairt e, "Cha chuir, cha chuir.Fàg ort iad, oir is ann duit féin 'is fearr a thig iad. Cuir mis'am falach an àit' air chor-eiginn." Bha stac creige dlùthdhoibh, agus còs mòr an aodann na creige, agus sparr anLaoch Òg an Còcaire 's tigh 's a chòs, agus thubhairt e ris,"Fan an sin gus an till mise."An sin chaidh Mac Fear an Earraidh Uain' an coinneamhMac Mòr an Iarla Bhuirb. Bhuail iad air a chéile, ach leisan treas buile d'a chlaidheamh sgath Mac Fear an EarraidhUain' an ceann deth Mhac Mòr an Iarla Bhuirb. An sinthug e 'n aghaidh air na daoine, agus air dha cur as doibh uilethog e ceann Mac an Iarla air barr a chlaidheamh, agus thill eair ais agus e aige thar a ghualainn.Ràinig e 'n Còcaire, agus ghlaodh e ris tighinn a mach as a'chòs. Thàinig an Còcaire mar dh'iarradh air. Sheall e 'ntoiseach air an Laoch Òg, agus an sin air a' cheann, agusthubhairt e, "Tha ceann agad." "Tha," fhreagair an Laoch."Tha 'shùilean fosgailte: am bi e rium?" "Cha chreid migu'm bi an dràst." Dh'fhalbh iad an sin còmhla, agus anuair a thàinig iad am fagus do'n Chaisteal thubhairt an TréunLaoch ris a' Chòcaire, "Is fearr dhuit féin na h-airm so a churort a nis, agus an ceann a thabhairt a's tigh a dh'ionnsaidhMac Fear an Earraidh Uaine.253an Righ." Chuir an Còcair' air na h-airm, agus shìn an Laochan ceann da 's an dealachadh. "Cha-n 'eil sinn dol adhealachadh mar sin," ars' an Còcaire. "Theid thu leamsagu àite na còcaireachd, 'us gu'm faigh thu ni-eiginn a bheirmise dhuit. An uair a bhitheas mise 'm Righ is tus' a bhitheas'ad Chòcair' agam." Dh'fhalbh an Tréun Laoch leis, agusdar chaidh iad a's tigh do dh'àite na Còcaireachd shìn anCòcaire dha bad mòr de dh'ascairt ghil, agus thubhairt e,"Gleidhidh tu sin airson an fhalluis a shuadhadh bharr d'aodainn. An uair a bha mis' am Chòcaire bu charaid leamam fear a bheireadh dhomh bad ascairt." "Is caraid leams'e cuideachd," ars' an Tréun Laoch, agus dhealaich iad. Ghabhan Còcaire 'dh'ionnsaidh an Righ leis a' cheann, agus chaidhMac Fear an Earraidh Uaine gu Caoin-shlios. Fhuair e i fàran d' fhàg e i, ach cha d' innis e dhi ni 's am bith ni 'b' fhaidena gu'n do thill an Còcaire 'n Tòir.An uair a chunnaic an Righ an Còcaire agus an ceann aige,bha e ro thoilichte, agus thubhairt e ris gu'm bitheadh esancho math r'a ghealladh dha. Ach bha 'n Còcair' ann ancabhaig mhòir airson gu'm bitheadh am pòsadh air a dheanamhgun dàil. Dh'iarr an Righ air foighidinn a bhi aige gus amfaigheadh iad an dinneir, agus thubhairt e gu'm bitheadh gachni air a dheanamh an sin mar gheall esan. Chaidh am bòrda chur 'an uidhim, agus shuidh iad uile sìos aig an dinneir.Ach mu'n robh i seachad thàinig fios o Mhac Meadhonach anIarla Bhuirb an Tòir a thilleadh air neò gu'm bu leisanCaoin-shlios agus leth na righeachd.Chuir an Righ fios an so air a dhaoine, agus dh'fheòraiche dhiù, Cò rachadh a thilleadh na Tòire? Ghlaodh an Còcaire,"Cò thilleadh i mur tillinn-s' i? Thill mi chean' i, 'us tillidhmi rithist i." "Glé cheart," ars' an Righ. "Dean sin, agusbithidh mise cho math 's mo ghealladh dhuit."Air an ath mhaduinn bha 'n Còcaire 'deanamh deas airsonfalbh, agus dar bha e fo làn armachd thug e stràilleadh mòrdo'n choire agus thionn e mach. Dh'fhairich an Tréun Laochan fhuaim, agus thubhairt e ri Caoin-shlios gu'm féumadh edol a dh'fhaicinn gu dé bha 'n sud. "Cha ruig thu leas,"ars' ise; "cha-n 'eil ann ach an Còcaire 'dol a thilleadh Tòir254Mac Fear an Earraidh Uaine.eile 'n diugh." "Theid mi 'choimhead cia mar tha na h-airma' tighinn da, ach na seall thusa do ghnùis do d' athair gus antill mise. Thionn e 'n sin a mach an déigh a' Chòcaire.An là so leig e leis dol astar math air aghaidh mu'n d' ruge air. Bha céum a' Chòcair' a fàs ni 'bu mhoille, agus bha'shùil ni 'bu trice 'n a dhéigh mar a b' fhaide 'bha 'n Laochgun/tighinn. Mu dheireadh chunnaic e 'm fad as e, agus shease gus an d' rug e air. "An cual thu 'm buille 'thug mi aira' choire 'n diugh?" ars' an Còcaire. "Chuala; b' e sina thug air falbh mi," fhreagair an Laoch. An uair a bhaiad a' dlùthachadh ri àit' a' choinnimh thubhairt an Còcaire,"Is fearr dhuit féin na h-airm so a chur ort; oir is ann duit'is fearr a thig iad." Chuir an Laoch air na h-airm, agusan uair a chunnaic iad na daoine 'tighinn ghlaodh an Còcaireris, "Sin iad, Sin iad! Cuir mise 'm falach." Bha lòn boggoirid as, agus an uair a ràinig iad e stob an Laoch an Còcaire 'ncòmhail a chas fo bhéul-fhothraghadh, agus thubhairt e ris fuireachd an sin gus an tilleadh esan.An sin chaidh an Laoch an coinneamh Mac Meadhonach anIarla Bhuirb, agus leis an dara buille d' a chlaidheamh thilg e'n ceann deth o'n ghualainn. Thug e rithist aghaidh air nadaoine, agus cha d' fhàg e aon beò dhiù mu'n do sguir e.Rug e 'n sin air fhalt air ceann Mac Meadhonach an IarlaBhuirb, agus thug e leis e air a ghualainn. Ràinig e 'nCòcaire, agus ghlaodh e ris tighinn a mach o'n bhruaich fo'nrobh e. Thàinig an Còcaire, agus thubhairt e, "Tha ceannagad an diugh a rithist! Oh tha draoin air! am bi e rium?""Cha bhi 'n drast," ars' an Laoch, agus thill iad air an ais anrathad a thàinig iad. An uair a bha iad a' tighinn am fagusdo'n Chaisteal thubhairt an Tréun-Laoch ris a' Chòcaire na h-airm a chur air, agus an ceann a thabhairt a's tigh a dh'ionnsaidh an Righ. Chuir e air na h-airm, agus an uair a bha 'nLaoch a' dol a dhealachadh ris thubhairt e, "Cha-n 'eil sinn'dol a dhealachadh mar sin. Theid thu leamsa gu àite nacòcaireachd 'us gu'm faigh thu ni-eiginn a bheir mise dhuit."An uair a chaidh iad a's tigh, thug an Còcaire dha cutagspàine, agus thubhairt e, "Gleidh sin gus am bi thu 'ad Chòcair' agamsa. An uair a bha mise 'm Chòcaire bu charaidMac Fear an Earraidh Uaine.255leam am fear a bheireadh cutag spàine dhomh." "Is caraid,leams' e cuideachd," ars' an Laoch, agus dhealaich iad.Ghabh an Còcaire 's tigh leis a' cheann fàr an robh 'n Righ,agus chaidh Mac Fear an Earraidh Uaine far an robh Caoin-shlios.Rinn an Righ gàirdeachas mòr an uair a chunnaic e gu'ndo thill an Còcaire 'n Tòir an dara h-uair. Thubhairt e ris gu'm bitheadh esan cho math 's a ghealladh dha. Ach cha'nfhoghnadh ni air bith leis a' Chòcaire ach gu'm bitheadh ampòsadh air a dheanamh gun tuilidh dàlach. Thubhairt an Righris, "Tha thu féin sgìth an déigh a chath chruaidh a chuir thu,agus tha sinne acrach. Gabhaidh sinn an dinneir an toiseach,agus an déigh sin bithidh mise cho math 's mo ghealladh dhuit."Ach mu'n robh 'n dinneir seachad thàinig fios o Mhac Òg anIarla Bhuirb 'dol a thilleadh na Tòire, air neò gu'm bu leisanCaoin-shlios agus leth na righeachd.Chaidh an Righ an so 'am fiamh mhòir, agus chuir e fios aonuair eil' air a dhaoine. Dh'innis e dhoibh gu'n d'thàinigfios Tòir o Mhac Òg an Iarla Bhuirb, 'us thubhairt e gu'mbitheadh esan cho math 's a ghealladh do'n duin' a thilleadhi. Léum an Còcaire, agus sheas e suas ri broilleach an Righ,agus thubhairt e, "Cò' thilleadh i mur tillinn-s' i? Thill michean' i dà uair, agus tillidh mi rithist i." "Ro cheart," ars' anRigh. "Ni mise mar gheall mi."An uair a fhuair an Còcaire 'na airm 's na éideadh air antreas maduinn, ma thug e stràilleadh air na coireachan an dà làroimhe thug e stràilleadh seachd uairean ni 'bu mhò orra 'n làso. Thionn e 'n sin air falbh, ach cha robh cabhag 's am bithair an Laoch airson a leantainn. Dh'fhalbh e mu dheireadh,ach ma dh'fhalbh bha e 'ga fhalach féin gus an robh iad a'dlùthachadh ri àite na coinnimh. Chunnaic e 'n sin an Còcair'a' suidhe sìos. Chaidh è air aghaidh le céum sgairteil fàr anrobh e. "An d'thàinig thu mu dheireadh?" ars' an Còcaire."Thàinig," ars' an Laoch. "'S ann orms' a 'bha 'n t-eagal nachtigeadh tu idir. Cuir ort na h-airm so, oir gu dearbh is annduit 'is fearr a thig iad." "Tha mi creidsinn gur h-ann andiugh," fhreagair an Tréun Laoch. Cha robh na h-airm achgann air an uair a chunnaic iad an Tòir a' tighinn agus Laoch256Mac Fear an Earraidh Uaine.ro bhorb air an ceann. Ghlaodh an Còcaire, "O! cuir mis,am falach! Cuir as am fradharc mi!" Bha bréun-lochanlaimh riù, agus stob e 'n Còcaire gu ruig an amhaich anns anlochan, agus thubhairt e ris, "Ma thig éiginn 's am bith ortthoir do cheann fodha, 'us mur tig fan mar th' agad."Chaidh na Laoich an coinneamh a cheile, 'us le aon bhuiled' a chlaidheamh thilg Mac Fear an Earraidh Uaine 'n lanna laimh Mhic Òig an Iarla Bhuirb. Rug e 'n sin air féin, 'uscheangail e 'thrì caoil ann an aon ghad. Dh'fhàg e ceangailte, 'us thug e aghaidh air na daoine. Thug e ruathar fòpa 'stharta, 'us cha d' fhàg e beò dhiù fear a dh'innseadh sgéulna truaighe. Thog e 'n sin Mac an Iarla air a ghualainn, agusràinig e 'n Còcaire leis.Thàinig an Còcair' air tìr, fliuch, salach, agus còmhdaichtele fionn-chòinnich na dìge. Dh'fhalbh e 'n sin dachaidhan déigh an Laoich. Cho luath sa thàinig iad 'am fradharca' Chaisteil thubhairt an Laoch ris, "Is fearr dhuit nah-airm a chur ort a nis, agus an duine so a thabhairt a's tigha dh'ionnsaidh an Righ." An uair a chuir e air na h-airmthug e sùil air an duine, agus dar chunnaic se e 'carachadhghlaodh e, "O tha e beò! Bithidh e rium!" "Tha ebeò," ars' an Laoch, "ach cha-n urrainn e dad a dheanamhort an dràst. Thoir thus' e mar tha e 'dh'ionnsaidh anRigh." Thubhairt an Còcaire, "Tha 'n Tòir uile seachada nis. Faodaidh tusa 'bhi deanamh deas. An uair a gheibhmise nighean an Righ bithidh tus' a'd' Ard-chòcair' agamsa.An sin dhealaich iad.Chaidh an Còcaire 's tigh leis an duine 'dh'ionnsaidh an Righ,agus an uair a chunnaic an Righ coltas an duine mhol e 'nCòcair' airson a ghaisge agus thubhairt e ris, "Coimhlionaidhmise mo ghealladh dhuit. Ach fuasgail an duine chum gu'm bi e maille ruinn aig an dinneir."Chaidh an Còcaire fàr an robh 'n duine, agus dh'fhéuch er'a fhuasgladh. Ach an àite gach snaim a dh'fhuasgladh erachadh seachd snaimeannan eil' air a' ghad. Mu dheireadhthubhairt e nach b' urrainn e 'n duine fhuasgladh. "Ùbh,Ùbh!" ars' an Righ. "Cò nach fuasgladh an duin' a cheangail e?" "Cha-n esan," ars' an duin', "a cheangail mi.Mac Fear an Earraidh Uaine.257Cha b' urrainn e mo cheangal, agus cha-n urrainn e m'fhuasgladh. Ach am fear a cheangail mise fuasglaidh emi." "Cò e sin?" ars' an Righ. "Tha Mac Fear anEarraidh Uain' ri gaisge a bha ainmeil air thalamh seachdbliadhna mu'n d' rugadh e, agus a bha cogadh ris na daoin'againne bho cheann thrì laithean agus a bha cadal anns a'Chaisteal agadsa 's an oidhche. Is esan a cheangail mise,agus 's è 'is urrainn m' fhuasgladh."Chaidh fios air an Laoch, agus thàinig e 's tigh. Sheall anRigh air, agus an uair a chunnaic e a thréun-choltas chaidh eair a dhà ghlùn da. An uair a dh'éirich e, dh'iarr e air anduine 'bha ceangailte fhuasgladh. Rug an Laoch air snaim a'ghoid le aon laimh, agus thog e 'n duine leis o'n talamh.Leig e as d' a ghreim an sin, agus air ball léum an gad bharran duine. Cho luath 's a fhuair an duin' air a chasan thionndaidh e ris an Righ, agus thubhairt e, "Mur bhi luathairetheanga na Caillich-chearc, agus comhairle na h-Iorasglaich-ùrlair do Chaoin-shlios cha robh 'an Righeachd an TòirrUaine na thilleadh air a h-ais Tòir Mhic Òig an Iarla Bhuirb,no chumadh Caoin-shlios uaithe. Ach is e féin a's airidhoirre na mise."An sin thàinig Caoin-shlios a's tigh, 'us thubhairt i r'a h-athair, "Is è 'n diugh an là mu dheireadh do'n ùine 'thug thudhomh a thaghadh mo roghainn leannain. So a nis moroghainn, agus coimhlion do ghealladh dhomh." "Le m'uile chrithe," ars' an Righ, "agus gach ni a th' agamsabithidh agadsa còmhla ris."Thill an Còcaire 'dh'ionnsaidh a chòcaireachd, chaidh ampòsadh a dheanamh, agus cha-n fhaca neach a bha 's anRigheachd càraid a b' eireachdala na Caoin-shlios agus MacFear an Earraidh Uaine. Rinn iad cuirm agus greadhnachas,agus mur do sguir iad a dh'itheadh agus a dh'òl tha iad risfathast.