Tagairt chartlainne

SSSA/TA/WT039/006

School of Scottish Studies SA190.18.A4

Tobar an Dualchais/Kist O Riches

Tras-scríbhinn

IS
Informant Donald Macintyre, South Uist
SA 1960/116 A4
Collector Calum I. MacLean
Rann na buaidh."
Seann bhoireannach a bha staigh againn ris an
canadh iad Anna, nighean 'ic Iain Bhain. Bha i
muigh a' gearradh bhuntàta staigh againn ann
an àm an earraich. Agus bha i uamhasach
fhèin math gu ... gu Gàidhlig, mòran de rannan
's de dh'òraidean de sheann seanchasan a bh' ann o
chionn fada aice.
Agus dh'fhoighneachd i dhe m' athair robh rann na
buaidh a bha seo aige, agus dh'fhoighneachd i
dheth dé an t-ainm a bh' air, agus dh'innis i
dé an t-ainm a bh' air an rann. Chan eil mise
buileach cinnteach dé an t-ainm a bh' air ... a
thuirt i bh' air. Agus cha mhutha na sin a tha e
agam ach dìreach beagan fhacan dheth."
'S e a bhith 'gad earbsa fhèin a's an tì mhath a
th' ann, tha fhios agad, airson do gheàrd air a leithid -
chuile
˩˧ sìon a's a robh fuath. Bha, mar gu biodh thu orra
dhìon bho dhroch mh... bho dhroch shùil, 's bha
mhi-rùin, 's bho shìdhich, 's bho shuidhichtich, 's
bho tuadhaichtich, agus bha cron duibh, 's bha
dhruainn
mhòn-duibh, 's bho mhi-muin, agus bho las luths
Chan eil fiosam a nist gu dé an còrr a bh' ann, ach
bha t-uamhas fhéin de ... de dh'fhaclan ann nach do
chum mi air chuimhne idir."
"Agus ... "chan eil e idir agam," arsa m' athair, "air
fad," ars esan, "ach 's iomadh uair," ars esan,
"a chuala mi e, agus 's e rann," ars esan, "a
"tha gu math doirbh," ars esan, "a thuigsinn," ars
esan, "a tha 's an rann a tha sin." Tha mi fhèin
ars esan.
ars esan ... "Dé nist," ars esan, "annas," ˩˧ "o chanadh tu
fhèin," ars esan, "am facal," ars esan, "am minigeadh
a bheireadh tu às," ars esan, "am facal," ars esan,
ris a' can iad," ars esan, "an leis-luath no lùths."
luaith?"
"'N dà," ars ise, "mar a chuala mise," ars ise,
's ann aig m' athair a chuala mi e," ars ise.
"Bha e 'g ràdh," ars ise, "nuair a dh'èireadh
tu," ars ise, "a's a' mhadainn co-dhiubh," ars ise,
"a-null ann a' stamhradh agus a bhiodh sìde
mhath ann gu faiceadh tu rud eadar thu 's an
talamh mar gu biodh lìon, agus na sealladh
tu mach air an lìn gu faiceadh tu an rud sin,
a gluasad a-null 's a-nall cho luath cho
luath, agus nuair a choimheadadh tu sin gu
biodh e car socair agus gu biodh e coltach ri
lìon, agus gur e sin a' rud ris am
canadh iad a tus-luath.
"Dh'fhaodadh sin," arsa m' athair a bhith
ach gu dè deifir," ars esan, "a dhèanadh sin
air rud sa bith, no gu dè deifir a dhèanadh
e do dhuine?
"O", ars ise, "cò aige tha brath air a sin,
ars ise. "Mur a biodh deifir ann," ars ise.
"carson a bhiodh e air a chur a's an rann
airson thu fhèin a dhìonadh?"
Agus sin agad a nist na th' agamsa ... na
th' agamsa dhen rann, ach gu robh mi riamh
a smaointeachadh gur e siod gu dé ... dé
an deifir a dhèanadh an sealladh a bha
siod air duine sa bith "Ach cha b'
urrainn dhi-se dòigh a chur air ach gu cuala
i siod aig a h-athair, gur e siod an rud a
bha 's an tus ... a's an lus-luath a bha seo.
Sin agaibh a nist na chuala mise. Chan eil
arann agam air fad idir. Chan eil agam ach
na beagan fhaclan a tha siod dheth. Ach bha
an rinn fada, fada."
Úsáideadh aithint lámhscríbhneoireachta uathoibríoch chun an mhír seo a thras-scríobh mar chuid den tionscadal Díchódú Oidhreachtaí Folaithe.