Rann na buaidh
Scotland
- Archival Reference
- SSSA/TA/WT039/006
- Date
- 1960
- Item category
- Transcription
- Language
- Scottish Gaelic
- Town
- Snishival
- Parish
- South Uist
- Collector
- C.I. Maclean
- Narrator
- Donald MacIntyre
- Narrator source
- Unknown
- Link
- View entry on tobarandualchais.co.uk
Archival Reference
SSSA/TA/WT039/006
School of Scottish Studies SA190.18.A4
Transcript
AIInformant Donald Macintyre, South UistSA 1960/116 A4Collector Calum I. MacLeanRann na buaidh."Seann bhoireannach a bha staigh againn ris ancanadh iad Anna, nighean 'ic Iain Bhain. Bha imuigh a' gearradh bhuntàta staigh againn annan àm an earraich. Agus bha i uamhasachfhèin math gu ... gu Gàidhlig, mòran de rannan's de dh'òraidean de sheann seanchasan a bh' ann ochionn fada aice.Agus dh'fhoighneachd i dhe m' athair robh rann nabuaidh a bha seo aige, agus dh'fhoighneachd idheth dé an t-ainm a bh' air, agus dh'innis idé an t-ainm a bh' air an rann. Chan eil misebuileach cinnteach dé an t-ainm a bh' air ... athuirt i bh' air. Agus cha mhutha na sin a tha eagam ach dìreach beagan fhacan dheth."'S e a bhith 'gad earbsa fhèin a's an tì mhath ath' ann, tha fhios agad, airson do gheàrd air a leithid -chuile˩˧ sìon a's a robh fuath. Bha, mar gu biodh thu orradhìon bho dhroch mh... bho dhroch shùil, 's bhamhi-rùin, 's bho shìdhich, 's bho shuidhichtich, 'sbho tuadhaichtich, agus bha cron duibh, 's bhadhruainnmhòn-duibh, 's bho mhi-muin, agus bho las luthsChan eil fiosam a nist gu dé an còrr a bh' ann, achbha t-uamhas fhéin de ... de dh'fhaclan ann nach dochum mi air chuimhne idir.""Agus ... "chan eil e idir agam," arsa m' athair, "airfad," ars esan, "ach 's iomadh uair," ars esan,"a chuala mi e, agus 's e rann," ars esan, "a"tha gu math doirbh," ars esan, "a thuigsinn," arsesan, "a tha 's an rann a tha sin." Tha mi fhèinars esan.ars esan ... "Dé nist," ars esan, "annas," ˩˧ "o chanadh tufhèin," ars esan, "am facal," ars esan, "am minigeadha bheireadh tu às," ars esan, "am facal," ars esan,ris a' can iad," ars esan, "an leis-luath no lùths."luaith?""'N dà," ars ise, "mar a chuala mise," ars ise,'s ann aig m' athair a chuala mi e," ars ise."Bha e 'g ràdh," ars ise, "nuair a dh'èireadhtu," ars ise, "a's a' mhadainn co-dhiubh," ars ise,"a-null ann a' stamhradh agus a bhiodh sìdemhath ann gu faiceadh tu rud eadar thu 's antalamh mar gu biodh lìon, agus na sealladhtu mach air an lìn gu faiceadh tu an rud sin,a gluasad a-null 's a-nall cho luath choluath, agus nuair a choimheadadh tu sin gubiodh e car socair agus gu biodh e coltach rilìon, agus gur e sin a' rud ris amcanadh iad a tus-luath."Dh'fhaodadh sin," arsa m' athair a bhithach gu dè deifir," ars esan, "a dhèanadh sinair rud sa bith, no gu dè deifir a dhèanadhe do dhuine?"O", ars ise, "cò aige tha brath air a sin,ars ise. "Mur a biodh deifir ann," ars ise."carson a bhiodh e air a chur a's an rannairson thu fhèin a dhìonadh?"Agus sin agad a nist na th' agamsa ... nath' agamsa dhen rann, ach gu robh mi riamha smaointeachadh gur e siod gu dé ... déan deifir a dhèanadh an sealladh a bhasiod air duine sa bith "Ach cha b'urrainn dhi-se dòigh a chur air ach gu cualai siod aig a h-athair, gur e siod an rud abha 's an tus ... a's an lus-luath a bha seo.Sin agaibh a nist na chuala mise. Chan eilarann agam air fad idir. Chan eil agam achna beagan fhaclan a tha siod dheth. Ach bhaan rinn fada, fada."