Altram do na sidhichean
Albain
- Tagairt chartlainne
- SSSA/TA/FL027/003
- Dáta
- 1971
- Cineál míre
- Tras-scríbhinn
- Innéacs síogaí
- F27
- Teanga
- Gaeilge na hAlban
- Baile
- South Uist
- Paróiste
- South Uist
- Bailitheoir
- Angus John MacDonald
- Insteoir
- Donald Allan MacQuarrie
- Foinse an insteora
- Ní fios
Tagairt chartlainne
SSSA/TA/FL027/003
School of Scottish Studies SA1971.180.A6
Tras-scríbhinn
ISInformant : D. MacQuarrieSA 1971/180 A6Collector : A.J. MacDonaldNighean ag altram do na sìdhicheanF 27Nighean a bha siod agus thug na sìdhichean airfalbh i airson a bhith 'g altramas. Agus's e an rud a bha iad a ràdh rithe, mur atoireadh an leanabh ràn a's an ùine bha seo gufaigheadh i air falbh.Agus fhuair seann bhoireannach a bh' anncothrom oirre agus thòisich i air innse dhi.dhan nighinn, nan toireadh i stuth àraiddhan a leanabh, nach biodh e rànaich fadna h-ùine 's gu biodh i ceart gu leòr.Thòisich an nighean air toir an stuth a bha seodhan a leanabh, an stuth a bha an t-seanabhoireannach ag iarraidh oirre a thoirt dha.Agus bha an leanabh a' gàireachdraich fad nah-ùine.Ach nuair a bha an ùine air ruith agus annighean air thuar faighinn air falbh, 's annleis cho toilichte 's a bha i, 's i air a cridhea bhristeadh an ùine a bha i an greim aca,'s ann a thòisich i air seinn "Di-luain 's Di-màirt 's aona latha eile. Di-luain 's Di-màirt's aona latha eile," nuair a bhiodh i 'tàladhan leanabh. Sin an t-òran tàlaidh a bh' aiceair an leanabh. 'S fhuair i air falbh anceann ... an ùine a bha iad a' cantail.AJM O tha sin math. 'S có aig a bha an stòiridhseo bha sibh a' ràdh?DMQ O aig seanmhair Aonghais Chalum B...a's a' Bhaile-shear.AJM Eilidh.DMQ Eillidh. Bha cus de sheann stòiridhnean aice.AJM Seadh.DMQ Bha móran de sheann stòiridhnean aice airsìdhichean.AJM Uhuh. Agus an e sin té bha sibh a ràdh bhasibh a' cluinnteil a bhiodh aice air ...a' dèanamh na stòiridhean mu dheaghainn ...DMQ 'S i.AJM Agus cà robh iad ... Cà robh sib' fhéinnuair a thachair sin a nis?DMQ O, bhiodh mo pheathraichean a' cur an fhìre dhomhgu robh iad shìos an Gréanatobht a's a' chruitmhóir a bha sin. Bha mise òg seach iad.'N eAJM Agus a robh cus ... ᚳ stòiridhnean mu shìdhichean bumhotha bh' aig Eilidh?DMQ Bha cus de stòiridhnean aice, ach bha cus aice mudheaghain sìdhichean. Bha.