Archival Reference

SSSA/TA/FL027/003

School of Scottish Studies SA1971.180.A6

Transcript

AI
Informant : D. MacQuarrie
SA 1971/180 A6
Collector : A.J. MacDonald
Nighean ag altram do na sìdhichean
F 27
Nighean a bha siod agus thug na sìdhichean air
falbh i airson a bhith 'g altramas. Agus
's e an rud a bha iad a ràdh rithe, mur a
toireadh an leanabh ràn a's an ùine bha seo gu
faigheadh i air falbh.
Agus fhuair seann bhoireannach a bh' ann
cothrom oirre agus thòisich i air innse dhi.
dhan nighinn, nan toireadh i stuth àraid
dhan a leanabh, nach biodh e rànaich fad
na h-ùine 's gu biodh i ceart gu leòr.
Thòisich an nighean air toir an stuth a bha seo
dhan a leanabh, an stuth a bha an t-seana
bhoireannach ag iarraidh oirre a thoirt dha.
Agus bha an leanabh a' gàireachdraich fad na
h-ùine.
Ach nuair a bha an ùine air ruith agus an
nighean air thuar faighinn air falbh, 's ann
leis cho toilichte 's a bha i, 's i air a cridhe
a bhristeadh an ùine a bha i an greim aca,
's ann a thòisich i air seinn "Di-luain 's Di-
màirt 's aona latha eile. Di-luain 's Di-màirt
's aona latha eile," nuair a bhiodh i 'tàladh
an leanabh. Sin an t-òran tàlaidh a bh' aice
air an leanabh. 'S fhuair i air falbh an
ceann ... an ùine a bha iad a' cantail.
AJM O tha sin math. 'S có aig a bha an stòiridh
seo bha sibh a' ràdh?
DMQ O aig seanmhair Aonghais Chalum B...
a's a' Bhaile-shear.
AJM Eilidh.
DMQ Eillidh. Bha cus de sheann stòiridhnean aice.
AJM Seadh.
DMQ Bha móran de sheann stòiridhnean aice air
sìdhichean.
AJM Uhuh. Agus an e sin té bha sibh a ràdh bha
sibh a' cluinnteil a bhiodh aice air ...
a' dèanamh na stòiridhean mu dheaghainn ...
DMQ 'S i.
AJM Agus cà robh iad ... Cà robh sib' fhéin
nuair a thachair sin a nis?
DMQ O, bhiodh mo pheathraichean a' cur an fhìre dhomh
gu robh iad shìos an Gréanatobht a's a' chruit
mhóir a bha sin. Bha mise òg seach iad.
'N e
AJM Agus a robh cus ... ᚳ stòiridhnean mu shìdhichean bu
mhotha bh' aig Eilidh?
DMQ Bha cus de stòiridhnean aice, ach bha cus aice mu
dheaghain sìdhichean. Bha.
Transcribed using automated handwriting recognition technology as part of the Decoding Hidden Heritages project.