Tagairt chartlainne

SSSA/TA/RB005

School of Scottish Studies MML

Tras-scríbhinn

IS
Robber Story
Domhnall Cuagach and the Robber
8800
Bha tuathanach an sud uair arraidh da 'm b' ainm
Domhnull luagach. Fhuair e 'n t-ainm so, chionn gun robh
e crùbach air aon chois, agus bha suil cam aige cuideachd.
Chaidh e thun na feille le bo agus loth a bha toil aige reic
agus fhuair e feille mhath-urrad ri fichead notaichean
airson an dithist. Bha 'n oidhche aige nuair a bha e a tighinn
dhachaidh, agus gun duine na chuideachd, ach coma dhiù,
bha e gu math aoibhneach, a' comhradh ris fean mu na
prisean a bha dol air an fheill, agus a laimhseachadh an
t-airgeid ann a phocair. 'Nuair a rainig e ait' uaineach a
bha air an rathad, thug e 'n aire do rud dubh a gluasad
ri taobh an rathaid, agus chaidh e null a dh'fhaicinn de
880/
– Folk Lore of the West Highlands –
sgeulachd
Bha ann. B' e duine bha 'n so, agus leum e, agus rug e air Domhall
cuagach m'an sgorm, agus a' toirt crathadh dha, thubhairt e ris,
airgiod, neo do bheatha.
"Cha' ri fhaigh thu an aon chuid neo'n ath chuid," arsa Domhnull.
"Ma nach eil mi air mo mhealladh, bi a h-aon agam", thubhairt
and duine, agus gun tuille mu thimchioll, bha 'n dithist ann
greim a cheile. Anns a' cheud dol a mach, bha Domhnull mar
gun robh e dol a dh'fhaotain a' chuid bu mhiosa, ach an ceann
treise, chuir e car dheth, agus thilg e 'n duine air an làr, agus
thug e breab dha leis a' chas cuagach, ag aige ris, 's fhearra thu sin, fradh
Dhealaich iad, agus ghabh Domhnull air adhairt, ach bha
iongantas mòr an raidh 'nuair a thug e ris fanear gun deach
­aidhe chas cuagach agus a shuil cam a chuir ceart leis a bhreab
a thug e dha'n duine.
'Nuair a ruig e a thigh fein is gann gu'n creideadh muinntir
an tighe gu'n e bha ann, 'nuair a chunnaic iad nach robh e
aon chuid crubach neo cam, agus dh'fheoraich iad dheth
Co dhiubh b' e Domhnuill cuagach neo nach b' e. Fhreagair esan,
Is mi Domhnull luagach gu'n teagamh". A rithist, fheoraich
iad, cionnas mar chaidh leis air an fheill, agus fhreagair esan
gu'n deachaidh gu math. B' e la fortanach an latha so dhomhsa
ars esan, "fhuair fala mi feille mhath, agus dh'innis e 'n sin
gach rud mar thachair dha leis an duine, agus mar a leum a chas
cuagach agus a shuil cam ann an aiteachan fein, ceart gu leòr,
le neart am breab a thug e dha'n duine.
Úsáideadh aithint lámhscríbhneoireachta uathoibríoch chun an mhír seo a thras-scríobh mar chuid den tionscadal Díchódú Oidhreachtaí Folaithe.