Archival Reference

SSSA/TA/AT150/001

School of Scottish Studies CMN 8 (I.I.8)

Transcript

AI
(910)
Am bodach agus an Smeòrach
Bha bodach a' dol a dh'iasgach is e a' gabhail
an rathaid mhóir gu math moch is e a' dol a dh'fhalabh
air a' bhàta. Cà 'n robh e a' dol ach do 'Wick'. Chuala
e smeòrach a' car dhith 's a' mhaduinn 's e a' tighinn
air adharst agus thuirst i.
Théid thu a Wick, theid thu a Wick. Théid thu Wick", thuirt i
"An dà, théid, a ghalaad. 'S ann a sin a tha mi a' dol"
"Théid do bhàthadh. Théid do bhàthaidh. Théid do bhàthadh," thuirst
"Saoil an téid!"
Dh'éisd e.
"Théid do bhàthadh. Théid do bhàthadh. Théid do bhàthadh," thuir "
i.
"Ma tà, gabhaidh mi do chomhairle agus éisdidh mi riut
lao(hc)an."
"Till dachaidh. Till dachaidh. Till duchaidh," thuirst i.
Thill e dhachaidh. 'N uair a chaidh e dhachaidh, thuirst
a bhean.
"Cha deach thu a dh'iasgach idir."
"An dà, cha deach," thuirst e. 'S ann a chuala mise iad a'
bruidheann gu h-àrd ann an craobh ag innseadh dhomh
gun robh mi a' dol do 'Wick' agus gun rachadh mo bhàthad.
Chaidh iarraidh orm tilleadh dhachaidh. Agus 's e dia nach
gabha comhairle agus deamhain nach gabh seòladh. Is thill
mise dhachaidh."
Transcribed using automated handwriting recognition technology as part of the Decoding Hidden Heritages project.