Archival Reference

SSSA/TA/MA499

School of Scottish Studies SA1972.021.A2; SA1968.138.B1

Transcript

AI
Informant Angus Maclan ise, Hougharry.
SA 1972/21 A2
Collector AJ. MacDonald
Mairead agus an géidsear ùr.
Bha thu 'bruidhinn air sheans a bh' ann an Uibhist
aig aon uair. Well, bheir mi dhut stòiridh - boirionnach
a bh' againn ann an Uibhist ann a sheo aon uair
agus bha shabain aice. Bha i 'fuireach ri taobh a'
bean
rothaid i taigh ˩˧ aghaidh aice nuair bhios tu 'dol
sìos 'tighinn o tuath, dol gu deas, aig ceann rathad
maibleis gearraidh. 'S e Mairead an t-ainm a bh' oirre.
Bha géidsearan tighinn a seo aig an àm a bha sin.
's cha robh gàraichean no dad a' dol. Cha robh
micle
baidhsaige fhéin a' dol, ach le 'n cois." Agus
an géidsear a bh' ann a sheo aig an àm, dh'
fhartaich air aighead a bha seo a ghlacadh riamh.
Chaidh a shealtadh a dh'àit eile, agus thànaig
geidsear ùr dhan àite. Agus 's ann a' Loch-caran a
bha e. Gàidhlig gu leòr aige dhen t-seòrsa gàidhlig
a bh' aige
Thànaig e an latha bha seo ... Bha e 'fuireach air
cladach Chìr e bost. Thànaig e an latha bha seo a nuas
a' rathad, 'dol gu tuath, 's bhathar an deoghaidh
innseadh dha far a robh an taigh aig Mairead 's a
chuile sìon mu thiomchioll. Cha do thadhail e idir
air a dhol suas gu tuath, ach air a thilleadh
thadhail e an taigh Mairead is ghnog e an dorus.
Dh'fhoighneachd e am faigheadh e deoch de dh'uisge
fuar. Thuirt Mairead gu faigheadh, e tighinn a
staigh. Chaidh e staigh. Thug i dha deoin de dh'uisge
fuar, ach cha tug e cus ás an uisge fhuair idir. Agus
shuidh e. Bha iad a' bruidhinn a null 's a nall,
agus thuirt uiread ris ... Thuirt e ri mairead
"Bheil," ars esan, "taigh-òsda faisg air a seo?"
"O chan eil e uamhasach fad air falbh," arsa
Mairead."
"O well," ars esan. b' fheàrr leam gu robh mi aige
an ceartair. Dhèanadh glainne mhath de dh'uisge."
beatha feum mór dhomh."
"O," ars ise, "bheir mise dhuibh glùine de dh'uisge
beatha.
"An toir?" ars esan.
"Bheir," arsa tairead.
chean
an shuas an taighe 's dhùin.
Chaidh i gu ceann
an dorus as a deoghaidh. Thànaig i nuas 's
glaine de dh'uisge-beatha aice. Thug i 'ghlaine
uisge-bheatha dhan ghéidsear. Ghabh e air a slàinte,
Dh'òl e.
"Chan e droch stuth tha seo idir," ars esan.
"O chan eil fhios agamsa," arsa mairead. "Chan eil
mi 'g òl deur dheth."
"Dé bhitheas i?" ars esan.
"Cha bhi dad," ars ise.
"O cha ghabh mise mar sin idir i," ars an gèidsear,
"O," ars ise, "chan eil mise 'gabhail pàidheadh airson
glaine uisge-bheatha an corra uair bhios e staigh
agam," ars ise, "o dhuine 'sa' bith thig a' rathad."
Chan eil sin ach rud bheirinn do dhuine bochd 's a' bith
glainne uisge-bheatha."
Dh'fhuirich e padhla 's thug e pìob ás a' phòca
's chuir e teine rithe 's bha e 'ga smocadh
Thionndaidh e 's thuirt e ri tairead, "Saoil,
ars esan, "an toireadh sibh dhomh botul uisge-bheatha
"Bheir cuideachd," ars ise.
Agus dé bhitheas e?"
trì is sia sgillinn," ars ise.
Dh'fhalbh i suas a cheann eile an taighe 's dhùin
i an dorus as a deoghaidh, 's bha i greis shuas a
sin Lìon i a botul agus chuir i corra ann
cho teann 's a ghabhadh e cur ann.
Well, bha an dà stuth glé colach ri chéile ann an
dath. Bha an t-uisge thug i as a' phoit fo'n leabaidh
agus an t-uisge-beatha. Thill i nuas agus am
botul aice agus thuirt i ris a' ghéidsear
"Siod agaibh," ars ise, "am botul uisge-bheatha
ach chan eil dealbh no dad air a thaobh
"Chan eil sin gu deifir," ars esan, "fhad 's a tha e
'na uisge-beatha.
"O tha," ars ise, "uisge-beatha math."
"Dé, bhitheas e?" ars esan.
trì is sia sgillinn," arsa Màiread, "mar a thuirt mi
ruibh
Thug e dhi ceithir tasdain. Chuir e am botul 'na
phòcaid 's cha do rinn e dàil fhada nuair a
dh'fhalbh e. Chum e gu deas. Chuile duine
thachradh ris bha e 'canail, "Well, dh'fhailich
air an fhear a bha seo romham fairead a
ghlacadh, ach tha i agamsa nist, botul uisge-
bheatha o Mhàiread am pòcaid na seacaid agam."
Bha sin ceart gu leòr. Chaidh Mairead bhochd
a report-adh. Thugadh gu cuirt an loch nam
madadh i, agus 's e an siorrainn seatha bh' ann.
Agus bha teanga mi-mhodhail gu leòr aige a's
a' Ghàidhlig a réig an eachdraidh.
cioslachadh
Thòisich e ri cosnachadh Mairead, agus thuirt
an siorra rithe. "A Mhairead dhubh," ars esan.
's fhada a' bhathar air do thòir, ach ghlacadh
mu dheireadh thu."
Cha robh fairead a' canail facal. Nuair a
chuir an siorran ás co-dhiubh 'ga tioslachadh
's 'ga ruith sìos a's a' Ghàidhlig - cha robh
Beurla aig Màiread ann - dh'fhaighneachd i
dhen t-siorra am faodadh i bruidhinn
"Faodaidh," ars esan. 's ann airson sin a
thàna' tu ann a sheo."
Dh'éirich i 'na seasamh an taigh na cùrlach
agus thuirt i "g ur cead, a shiorrann," ars ise,
"mu téid mise dhìteadh, bheil sibh cinnteach gur e
uisge-beatha tha 's a bhotul thug mi dhan ghèidsear?"
"Tha, mhàiread dhubh," ars esan, "glé chinnteach. Tha
e ann a sheo ri mo thaobh
Thug thoiread a ceann 's thuirt i ris an t-siorrain,
"g' ur cead a bhiorraim, fosgladh sibhse am botul
an toiseach.
Shìn an siorram am botul dhan ghèidsear 's
dh'fhogail e e 's chuir e ri 'shròn ris
"Cia dhomh e," ars an siorran.
Shìneadh suas dhan t-siorrann e 's chuir e
ri shròin e, 's rinn sin fhéin an gnothach
ris Agus cha do rinn i ach ... Leum e
am bad a robh e 'na shuidhe, is dh'eubh e
Chac i ort, chac i ort a ghéidseir."
Fhuair Mairead mach a taigh na cùrlach 's
cha d'fhuaireadh riamh i gu do chuireadh
dhan chiste i ged a 's a chuile
duine bha 'tadhal oirre 's ag òl aice cha d'
fhuaireadh riamh i 's cha d'fhuair am
geidsear òr i, 's bha e air a thàmailteachadh
fiamh as a dheoghaidh sin ann an Eilean
rithist 's e Geidsear a' Dhùin a bh' aca air.
A3 O tha sin math. 'S có aige bhiodh i sin,
Aonghais?
AT12 Chuala mise aig seann bhodach ann an cùlaig
Aonghas mac Dhòmhnaill 'ic Aonghais 's e chanadh
iad ris.
.... O tha i math."
Transcribed using automated handwriting recognition technology as part of the Decoding Hidden Heritages project.