Iomradh Tasglainn

SSSA/TA/HR100

School of Scottish Studies SA1959.028.A9

Tobar an Dualchais/Kist O Riches

Tar-sgrìobhadh

AI
Informant Mrs Maran Campbell, Frobost, South Uist.
Collector: Calum I. MacLean
SA 1959/28 A2
Nuair a chaidh an t-sealg a chleith air na beantaichean
casan, 17 A16 A1
Bha an t-sealg air a chleith air na Fiantaichean, agus
bha na boireannaich a' fàs reamhar, agus bha na fir
gu bàsachadh leis a' ... le cion a' bhidhe. Agus
b' aca
chan eil fhiosam a nist có am fear a ˩˧ bh' ann ac
bha am fear sin agus ... An e mach dhan an tràigh
a bha iad a' dol?
Agus a' dol dhan tràigh a bha iad a' dol. Agus
cha robh fios aca gu dé rud a dhèanadh iad air.
Ach fhuair ... fhuair iad 'na chadal e. Agus rinn
iad figheachan ... Bha gruag mhór fhada air, agus
rinn iad figheachan air a' ghruaig aige. Agus chuir
iad aipean a's an talamh agus cheangail iad a' ghruas
aige ris a sin. Agus nuair a dhùisg esan thug e
leum as. Dh'fhalbh craiceann a' chinn leis na cipein
's a ghruag 's a chuile rud a bh' ann. Chan
fhaca e nuair sin na b' fheàrr na teine chur ris
an taigh 's ris na boireannaich. Chuir e 'nan
teine iad.
Chan urra mise dhol nas fhaide air aghaidh leatha
na sin.
Tar-sgrìobhte le aithneachadh làmh-sgrìobhainn fèin-ghluasach mar phàirt dhen phròiseact Fuasgladh Dualchas Ceilte.