Iomradh Tasglainn

SSSA/TA/AT047/001

School of Scottish Studies LM MSS 43

Tar-sgrìobhadh

AI
183
Td.
3
43. Am balgair 's am madadh-alluidh.
Bha balgair agus madadh-alluidh
'gabhail sraide anns a' choill, 's bha iad
baileach acrach. Chunnaic iad lair
agus searrach, thuirt am balgair ris
a' mhadadh-alluidh gu'm bu laghach
an searrach 'bha aig an lair, 's thuirt
am balgair, "theid sinn thun na lair
choimhead an creic i an searrach, 's
gu'm faigh sinn e ri itheadh." Thuirt am
balgair ris an lair co meud bhiodh i
'sir' air an t-searrach. Thuirt an lair
ris a' bhalgair gu'n robh 'phris aig an
t-searrach sgriobht air bonn na cas
deireidh aice. Thuirt am balgair nach
robh e 'na sgoilear mhath, 's thuirt am
madadh-alluidh gu'n robh e 'na sgoilear
grinn. Thuirt am balgair ris e dol
na prise. Thog an lair a
cas dar bha am madadh-alluidh 'sealltain
air. Bhuail i anns a' cheann e, gus
na mharbh i e. Thuirt am balgair; "gabh
184
thus' sin le do sgoil 's t' ionnsacha',
cha robh mise mo sgoilear math
riamh; agus dh'fhalbh e.
Tar-sgrìobhte le aithneachadh làmh-sgrìobhainn fèin-ghluasach mar phàirt dhen phròiseact Fuasgladh Dualchas Ceilte.