Iomradh Tasglainn

SSSA/TA/ST041

School of Scottish Studies GAIRM 3

Tar-sgrìobhadh

AI
aten No 3 (1764-5,
Aonghus agus Donnchadh
Le CALUM I. MACGILLEATHAIN
AN samhradh so chaidh thriall an dà sgeulaiche a b’ ainmeile
a bh’againn an Albainn agus, ma dh’fhaoite cuideachd, an
taobh an iar na Roinn Eòrpa. Anns an ám chaidh facal no
dhà a rådh mu’n deighinn anns na paipeirean naidheachd. Dh’fhaoite
sa’ Ghaidhealteachd gun cualas iomradh orra, ach cha d’ rinneadh
dhaibh an tuiream a dhèante do chinn-cinnidhean móra Gallda na
Gaidhealtachd, no fiù is do sheinneadairean air bheagan Gàidhlig a
bhuadhaich bonn òir a' Chomuinn Ghaidhealaich. Chaidh Aonghus
agus Donnchadh a chur fo’n üir gun san làthaireachd ach dòrnan beag
d’ an coimhearsnaich is an dlùth-chàirdean fhéin, a dh’ iarr sith d’ an
anam agus a thill an uair sin dachaidh a bhuain na mòna, a chur nan
cliabh ghiomach, air neo a shaodachadh chruidh. Ach an dithis a
thriall air shlighe nam marbh, chuir iad barrachd ri litreachas nan
Gaidheal Albannach na chuir aon dithis eile bho chionn còrr is ceud
bliadhna.
Cha robh ach tri seachdainean direach eatorra. Tha an cuir
’nan tàmh siorruidh an cladh Bhaile nan Cailleach am Beinne Bhaoghla
agus an Aird Mhicheil an Uibhist a Deas. Bu mhór an call an dithis
sin a bhith a dhith oimn an diugh. Dh’eug Aonghus Mac Gille
Mhaoil air an t-seachdamh latha deug de’n Bhealltainn so seachad
agus Donnchadh Mac Dhomhnaill air an t-seachdamh latha de'n Og
Mhios. Bha Aonghus air leabaidh a’ bhàis còrr is ochd miosan.
Thàinig an t-ám gu h-allamh air Donnchadh: cha do mhair a thinneas
deireannach ach tri latha. A nis, tha e mar fhiachaibh orm clach
a chur air an càmn. Bha iad coltach ri chéile air aon doigh, ach air a
chuile döigh eile bha iad eadar-dhealaichte gu tur. Ach nach iomch-
uidh gun cuimhnicheadh Clann nan Gaidheal orra a chionn is nach
bi a leithidean eile ann a rithist.
’Sann an Snaoiseabhal an Uibhist a Deas a rugadh Donnchadh Mac
Dhomhnaill ’ic Dhonnchaidh. B’e duine de chóignear teaghlaich.
’Na dhuine òg chaidh e ris a' chlachaireachd mar cheird, agus thug
bliadhna no dhà a’ dol do’n mhilisidh a’s t-samhradh. Bha athair
Domhnall MacDhonnchaidh 'na sgeulaiche ainmeil agus ’na dhuine
làidir, foghainteach. Fhuair Donnchadh a chuid sgoile an t-Hogh
Mór, agus, an deidh bàs athar, b’ ann air a thuit am fearann am
Peighinn an Aoireann, fearann a dh’obraich e fad a bheatha comhla
ris a’ chlachaireachd. Phòs e Mairead, nighean Aonghuis Ruaidh
Mhic an t-Saoir. B’ ann bho dhaoine a bha sonraichte math air seann
eachdraidh, òrain is ceòl a thàinig ise, agus cha b’ iongnadh idir ged
a chuirte uidh air leth anns na nithean sin an tigh Dhonnchaidh am
Peighinn an Aoireann. B’ ann bho shliochd sgeulaiche is bhàrd a
thàmig Donnchadh e fhéin. A shinn-seanair, Iain MacDhomhnaill
’ic Thormaid, thàinig e a nall as Uibhist a Tuath ’na thàillear agus
phòs e nighean Fir a Ghearraidh Fhlich an Géirinnis. B’ ann as an
Eilean Sgitheanach a bha an dream bho thùs, oir b’ iad-san Clann ic
Rüiridh a bha nam bàird aig Domhnallaich Dhuin-tuilm.
170
SSSN/TA/ST 41.
Aonghus agus Donnchadh.
Dithis ghillean agus dithis nighean a bh’aig Donnchadh is aig a
mhnaoi. Chaill iad am mac bu shine anns a’ bhliadhna 1934, agus
dh’ eug céile Dhonnchaidh i fhéin bho chionn dà bhliadhna. Chaidh
Donnchadh a mach gu ruige Glaschuair cuairt anns a’ bhliadhna 1909.
Dà fhichead bliadhna an deidh sin chaidh e a mach a rithist a chur cuid
de na sgeulachdan aige air clàr do’n Third Programme. B’ esan an
sgeulaiche a thagh David Thomson agus mi fhéin air son a’ chlàir
Black House into White. B’e cuideachd a’ cheud sgeulaiche
ceart as Albainn a chualas riamh air an Third. Thug Oil-thigh
Ghlaschu e do’n Chomhdhail Beul-aithris ann an Steòrnabhagh an
uiridh, agus as a dhéidh sin do’n Mhòd san Oban agus cuireadh aige
cho math bho’n Chomunn Ghaidhealach. B’e a’ cheud Mhòd agus
am Mòd mu dheireadh dhà-san e. An sealladh mu dheireadh a fhuair
mi air, bha Alasdair, mo bhràthair, agus mise a’ dealachadh ris air
machaire Pheighinn an Aoireann mu cheithir uairean sa’ mhadainn
goirid an deidh na Nollag agus e air oidhche mhór a thoirt air sgeul-
achdan. Thachair mi air a rithist agus mi air aonan de’n t-sianar
fo’n chistidh ’ga ghiùlain air a’ mhachaire bho Hogh Beag gu Aird
Mhicheil air an deicheamh latha de’n Og Mhios so chaidh.
Tha mi a' smaointinn
gur h-e Domhnall Mac
Dhomhnaill as Eirisgeidh
a' cheud fhear a sgriobh
sgeulachdan sios bho
Dhonnchadh. Feumar
bàrr an urraim a thoirt
do Mhgr. K. C. Craig a
chionn is gur h-e a chuir
am follais do'n t-saoghal
Ghaidhealach cho barr¬
aichte, fileanta is a bha
Donnchadh 'na fhear¬
sgeòil. Cha mhór guth a
bh’air beul-aithris na a
leithid an Albainn an
latha earraich ud anns
a' bhliadhna 1947, 'n
uair a thachair mi air
Donnchadh an toiseach.
Greis roimhe sin bha Mgr.
Craig air na seachd sgeul¬
achdan a b' fheàrr agus
a b' fhaide a bh’aig
Donnchadh.
Donnchadh a sgriobhadh
sios. Cha tàinig an
leabhar a mach as a’ chlò gu foghar 1950. Cha bu bheag saothair
an duine a’ sgriobhadh nan sgeulachdan mór, fada sin facal air an
fhacal. Bha e furasda gu leòir do dhaoine eile tighinn direach air a
shàilean le innealan-deachdaidh agus cuilbheartan eile. Bha gach
seòrsa sgeòil is naidheachd aig Donnchadh eadar eachdraidh na Féinne,
171
Gairm.
duain, naidheachdan mu Chloinn Raghnaill ’ic Ailein, Clann ’ic
Mhuirich, mu chreideamh, mu shithichean agus iomadach rud eile.
Cha b’ fhiosrach e am b’ fhiach an aithris. A réir is mar a bha an
ùine a’ ruith bha nithean ura a’ tighinn air ais thuige, nithean nach
robh guth aige orra. bho chionn fhada. Cuid dhiubh sin chuimhnich
e orra is sinn a’ siubhal air a’ mhachaire Uibhisteach no air sràidean
loma Ghlaschu is sinn ann còmhla seachdain. Cha b’ ann tric a
chithinn Donnchadh. Bha gu leòir a bharrachd air m’aire shuas am
Beinne Bhaoghla. Eadar an t-Samhuinn 1947 agus an t-Samhuinn
1949, chaidh agam air còrr is ceud naidheachd a thoirt bhuaithe,
nithean nach do sgriobh Mgr. Craig. An toiseach na bliadhna 1950
thöisich Fear Chanaidh agus Comunn Beul-aithris na h-Albann air
sgeulachdan agus òrain a thoirt bho Dhonnchadh. Mu’n ám so bha
an t-Uas. K. C. Craig air sia fichead òran a thoirt sios bho Mhàiri
Nighean Alasdair, piuthar màthar Dhonnchaidh, ann an Snaoi¬
seabhal. Bha na h-òrain air fad aig Donnchadh cuideachd. Dh’fhalbh
tri bliadhna eile mun do thachair mi air Donnchadh a rithist. Chomh¬
airlich mi do Dhomhnall Iain, mac Dhonnchaidh fhéin, gach ni a
chluinneadh e aig athair a chur air “tape agus a sgriobhadh. Cha
d' fhuair Domhnall lain
ach bliadhna ghoirid, ach
sgriobh e còrr is mile gu
leth duilleag de sheanchas
bho 'n t-seann duine
uasal. Gun aon teagamh.
se Domhnall lain, mac
Dhonnchaidh fhéin, am
fear is fheàrr air cruinn¬
eachadh beul-aithris a
thàinig 'nar measg an
Albainn san linn so. Bu
mhór an call nach do thôi¬
sich e air a chuid obrach
bho chionn bhliadhna¬
chan: ach is beag a shaoi¬
leadh nach bitheadh dàil
air Donnchadh na b'
fhaide na 'n samhradh so
seachad.
B' ionann Donnchadh
mar sgeulaiche agus Pàd¬
ruig Og MacCruimein mar
phiobaire. Bha snas,
Aonghus.
dreach agus loinn air gach
rud a thigeadh bhuapa. B’ ann aig Donnchadh a bha a’ Ghäidhlig a
b' fheàrr agus a b’ fhileanta, siùbhlach d’ an cuala mi fhathast.
Chuireadh e dreach air gach rud a theireadh e.
'S ann air an dearbh là a thachair mi air Donnchadh
MacDhomhnaill ’ic Dhonnchaidh a thachair mi air Aonghus MacGille
Mhaoil cuideachd. Cha robh sunnd uamhasach math air Aonghus
- 172 —
Aonghus agus Donnchadh.
bochd an là sin. Bha fuachd aige, agus bha e air tuiteam agus asna a
bhristeadh tri seachdainean roimhe sin. “Tha a' Chriosdachd de
sgeulachdan agam-sa, ors esan. Gun teagamh bha sin aige, agus
b ann agam-sa bha fhios mun d’ fhuair mi an té mu dheireadh dhiubh
a sgriobhadh. Thug mi còrr is tri bliadhna air sgeulachdan Aonghuis
leo fhéin. Cha robh ann diubh ach ceud agus tri fichead is a cóig,
ach b' fheudar dhomh deich mile duilleag-sgriobhaidh a chur tharam
mun do ruith sinn ar cùrsa. An sgeulachd a b’ fhaide a bh’ aig
Donnchadh, Sgeulachd Mhànuis,’ thug i uair gu leth ’ga h-aithris.
An té b’ fhaide a bh’ aig Aonghus, an sgeul mu Alasdair mac a’ Cheird,
thug i naoi uairean an uaireadair ’ga h-innseadh. Bha dà fhichead ’s
a tri eile aige a thug còrr is tri uairean an uaireadair.
Bha barrachd üidh aig Donnchadh ann am fuirm agus cruth an
sgeòil, an öirdheirceas agus an doimhne ür-labhraidh, agus thaomadh
e a mach a chruaidh-Ghàidhlig dhomhainn mar phongan ciùil bho
shionnsar airgid. Cha bu mhò air Aonghus sin uile na builgean air
allt-sléibhe. Cuspair an sgeòil an rud a ghreamaich inntinn Aonghuis
an comhnuidh. Gun teagamh, dh’ fheumte gach facal a bha ri ràdh a
chur gu dòigheil ’na àite fhéin. Bhiodh còmhraidhean fada an sud
’s an so anns na sgeulachdan aige. Bhiodh righrean is prionnsaidhean
a’ comhradh is a cainnt r’a chéile aige air dhòigh is gu saoileadh tu
gu robh Aonghus fhéin ag atharrachadh crutha is pearsa a réir
mar bha an còmhradh a’ dol bho bheul gu beul. Mhionnaicheadh
duine gu faca Aonghus a chuile rud a dh’ aithris e riamh. Nuair a
bhiodh Oisean a’ sealg aige, chitheadh tu na féidh is na gadhair. Bha
a chuile dealbh a chuireadh e os còir na h-inntinne cho soilleir sin.
B’e Aonghus an duine a b’ öige de sheachdnar teaghlaich. Bha
athair, Calum Barrach mar theirte ris, 'na sgeulaiche ainmeil ’na
latha. Tha cuimhne aig an t-seann fheadhainn am Beinne Bhaoghla
air fhathast. Bha fearann aig Aonghus am baile Ghriminis. Bhiodh
e cuideachd a’ falbh le each is càmn a’ giùlain luchd-turuis gu tric.
Thug e fad shia bliadhna deug a’ dol do’n mhilisidh a st-samhradh.
Bha e ann an Sasunn agus an Eirinn. Theabas a chur a mach gu Cogadh
Africa: Thug e fad bhliadhnaichean sa’ sgoil, ach dhiochuimhnich
e gach aon lide a dh’ionnsaich e riamh. Cha do dhiochuimhnich e
aon fhacal de sgeul sam bith a chuala e ged nach b’ ann ach aon uair
riamh 'na bheatha. Duine mór, sgoinneil, làidir, calma a bh’ann.
Bha e sia troighean is dà oirleach gu leth air a bhonnan.
Sgriobh mi cunntas fada air a bheatha bho bheul Aonghuis fhéin.
Rinneadh an dearbh-rud do Dhonnchadh. Is tric a chaidh Aonghus
seachad an Fhadhail a Tuath ri marbh-dhorchadas oidhche is ri
stoirm is gaillionn, an t-each aige fo’n chàrn a’ snàmh, am fear¬
turuis air fras-mhullach a ghuaillean aige, agus sruth fuar na fadhlach
suas gu ruige a smigead. Thionndaich tarbh fiadhaich air Aonghus
latha. Thug Aonghus sgailc dha am bàrr na h-adhairce le cuaille
bata. Thuit an tarbh na ghlag-phaiseanaidh. Mharbh thu e,
thuirt coimhearsnach ris. Mur a marbhainn-s' e,” ors Aonghus,
bha mi fhéin marbh. Bha tri chairteal na h-uarach ann mun
tàinig an tarbh chuige fhéin a rithist. Bha Aonghus là eile a'
treabhadh le paidhir each. Chualas urchair agus ghabh na
h-eich sgian. A mach leo air a’ chuthach leis a chrann. A mach
173
mo liadh as an déidh, agus greim-bàis aige air a’ chrann, thar
phollaichean, bhotaichean is ligidhean gus an robh na h-ainmhidhean
truagha air an sàrachadh. Is tric a thachair gu robh marbh-iarraidh
air seann bhodaich is cailleachan Bheinne Bhaoghla oidhcheannan
dorcha geamhraidh gus an d’ fhuaradh iad mu dheireadh slàn, seasgair,
sona an tigh-céilidh air chor-eigin far an robh Aonghus air tòiseachadh
air sgeulachd mhóir.
Bha Aonghus gu bhith ceithir fichead nuair a chaidh e an imrich
dheireannach. Thug sinn oidhche gheamhraidh sa’ bhliadhna 1948
ag obair air sgeulachd fhada gus an do chriochnaicheadh i mu cheithir
uairean sa’ mhaduinn. Bha an oidhche dorcha, fuar, fearthainneach
le stoirm bho’n iar-dheas. Thàinig Aonghus a mach a dh’ ionnsaigh
an doruis mhóir comhla rium is mi a’ falbh. Chi mi fhathast a sheann¬
bhodhaig mhór, thoirteil a’ toirt dhiom an t-soluis a bha a stigh.
Thig tråth an ath-oidhch', a ghràidhein. Chuimhnich mi air
té’ le, té mhór, mhór.
174
Tar-sgrìobhte le aithneachadh làmh-sgrìobhainn fèin-ghluasach mar phàirt dhen phròiseact Fuasgladh Dualchas Ceilte.