Tagairt chartlainne

SSSA/TA/AT851/002

School of Scottish Studies W & S III

Tras-scríbhinn

IS
AN CROCHAIRE LOM-RUSGACH.
BHA Righ roimhe so 'an Éirinn a bha pòsda dà uair, agus aig
an robh mac ris gach té d'a mhnaibh. B' e ainm mac na céud
mhnà Cormac, agus ainm mac na dara mnà Alastair. Bha
athair ro mhòr mu Chormac, agus bhitheadh e daonnan 'ga
thabhairt leis do'n Bheinn-sheilg.
An Crochaire Lom-Rusgach.
113
Bha Cailleach-chearc aig an Righ, agus air là àraid chaidh i
's tigh fàr an robh a' Bhan-righ, agus coltas tùrsach, brònach
oirre. Dh'fheòraich a' Bhan-righ dhi gu dé 'bha cur oirre?
"Is mòr sin agus cha bheag, a Bhan-righ na truaighe!" "Gu
dé 's ciall d'a sin?" "Gu'm bheil an Righ cho gaolach air
Cormac, mac na céud mhnà, agus gur ann aige 'dh'fhàgas e 'n
righeachd 'us gu'm bi do mhac-sa falamh." "Cha-n 'eil comas
air sin ma 's e toil an Righ e." "Ù, ged tha, cha ruig a'
chùis leas a bhi mar sin. Ma bheir thu dhomhs' an rud a dh'
iarras mi ort ni mi do mhac 'n a righ." "Gu dé, mata, an
duais a bhitheas tu 'g iarraidh airson sin a dheanamh?" "Cha
mhòr sin: na ni tiugh an crogan dubh de mhin, agus na ni tana
de dh'ìm e, làn ailleagan mo dhà chluais de chlòimh, agus
lèud mo dhara màis de fheòil." "Gu dé na ni tiugh an crogan
dubh de mhin?" "Ceithir salldraichean déug." "Gu dé 'nis
a ni tana de dh'ìm e?" "Na bhitheas air do sheachd tighean
cruidh gu ceann sheachd bliadhna." "Gu dé 'nis làn
ailleagan do dhà chluais de chlòimh?" "Na bhitheas air do
sheachd tighean chaorach gu ceann sheachd bliadhna."
"Agus gu dé 'nis lèud do dhara màis de fheòil?" "Na
bhitheas air do sheachd tighean dhamh gu ceann sheachd
bliadhna." "Tha sin mòr, a bhean." "Tha, ach is beag e
seach trian de dh'Eirinn." "Is beag," thubhairt a' Bhan-
righ, "agus gheibh thu e. Ach gu dé 'n seòl a ghabhas tu air
mo Mhac-sa 'dheanamh 'n a righ?" "Bha Cormac a' gearan
an dé nach robh e gu math. 'Nuair a thig an luchd-seilg
dhachaidh their thu ris an Righ gu'm féum Cormac fuireachd
aig an tigh am màireach, agus do dh'Alastair dol do'n Bheinn-
sheilg 'n a àite. Ni mise deoch do Chormac, agus bheir thusa
dha i an déigh do chàch falbh, agus cha chuir e dragh tuillidh
air do mhac-s' o bhi 'na righ." Chòrd so gu math ris a Bhan-
righ, agus gheall i gu'n deanamh i mar dh'iarr a' Chailleach-
chearc oirre.
Bha na mnathan a' smaointeachadh nach robh duine 'gan
cluinntinn am feadh a bha iad a' dealbhadh an uilc, ach ré na
h-ùine bha Alastair ri farchluais aig cùl an doruis. Bha e ro
dhiombach mu'n ni a bha iad a' dol a dheanamh, a chionn gu
'n robh e féin agus Cormac cho gaolach air a chéile 's a bha dà
114
An Crochaire Lom-Rusgach.
bhràthair riamh. Smaointich e gu dé 'dheanadh e, agus chuir
e roimhe beachd nam ban innseadh do Chormac cho luath
agus a thigeadh e dhachaidh.
Thàinig Cormac dhachaidh mu fheasgar. Bha e gu math
sgìth, agus cha robh e 'ga fhaireachdainn féin n' a b' fhearr na
bha e anns a' mhadainn. Chaidh Alastair fàr an robh e, agus
dh'innis e dha gach ni a thachair eadar a mhàthair agus a'
Chailleach-chearc. Ghabh Cormac bochd an t-eagal, agus
thubhairt e ri Alastair gu dé 'dheanadh e? Fhreagair Alastair,
"Bitheadh misneach agad, agus ni mise dòigh air am faigh
sinn air falbh as an carabh, agus cha chuir sinn dragh tuillidh
orra. Falbhaidh mise 'm maireach le m' athair do'n Bheinn-
sheilg, ach cha téid mi fad' air an t-slighe 'n uair a their mi ris
gu'n till mi dhachaidh a chionn nach tagh leam dol do'n
Bheinn. Mu'n ruig mise, theid mo mhàthair a's tigh leis an
deoch gu d' ionnsaidh. Beiridh tu air a' chòrn as a laimh,
ach air son ni no neach a chunnaic thu riamh na blais as, agus
na cuir a chòir do bheòil e. Togaidh tu do làmh mar gu'm
bitheadh tu dol a dh'òl, agus an sin léumaidh tu 'mach leis ann
ad laimh. Bithidh an dà each 'is luaith 'a th' anns an stàbul
agams' a' feitheamh ort, agus falbhaidh sinn." Agus mar sin
rinn iad.
Air an ath latha cha deachaidh Alastair ach goirid le athair
an uair a dhiùlt e dol ni 'b' fhaide, agus a thill e dhachaidh.
Bha fhios aig' air an àm anns am faigheadh Cormac an deoch,
agus chuir e roimhe gu'm bitheadh na h-eich deas aige mar
gheall e. Ach mu'n gann a bha iad aige fo'n dìollaidibh,
thàinig Cormac a mach le cabhaig, agus an còrn aige 'n a
laimh. Ghlaodh Alastair ris, "Léum gu grad a' d' dhìollaid,
agus lean ris na th' agad."
Rinn e sin, agus dh'fhalbh iad le cheile cho luath 's a
bheireadh casan nan each iad. Chum iad air an aghaidh gun
stad gun tàmh gus an robh na h-eich a' tabhairt thairis orra.
An sin theirinn iad, agus shuidh iad sìos anns an àite 's an
robh iad.
Thubhairt Alastair ri Cormac, "Leig fhaicinn domh an còrn
a nis?" Rug e air a' chòrn a laimh a bhràthar, fhuair e
bioran, agus thubhairt e, "Chi sinn a nis gu dé 'n stuth a th'
An Crochaire Lom-Rusgach.
115
anns a' chòrn." Thum e 'm bioran anns an stuth, agus chuir
e boinne dh'e 'an cluais gach aon de na h-eich. "Gu
dé 'tha thu deanamh mar sin?" arsa Cormac. "Feith beagan,
agus chi thu," thubhairt Alastair. An ùine ghoirid thòisich na
h-eich air dol mu'n cuairt anns an tuainealaich, agus cha b'
fhada gus an do thuit iad fuar marbh air an talamh. "Saoil, a
Chormaic, na 'n d' òl thu 'n deoch gu dé 'thachradh dhuit?"
ars' Alastair. "Gu dé ach gu'm bithinn marbh roimhe so,"
thubhairt Cormac.
Am feadh a bha iad a' còmhradh, thàinig ceithir fithich, agus
laidh iad air carcaisibh nan each. Thòisich iad air piocadh nan
sùl as na h-eich, agus an uair a dh'ith iad na sùilean dh'
itealaich iad air falbh anns an athar. Ach cha deachaidh iad
ach goirid an uair a thug iad sgriachan goint' asda, agus a
thuit iad marbh air an talamh. "Gu dé do bharail a nis air
an deoch, a Chormaic?" thubhairt Alastair. "Gu dé ach na
'n d' òl mi dhi, nach robh mi 'so an dràsd'," arsa Cormac.
Dh'éirich Alastair, agus thug e leis na ceithir fithich ann an
neapacain, agus dh'fhalbh e féin agus a bhràthair a rìs air an
turus. Bha Alastair a' gleidheadh a' chéum thoisich, a chionn
gu'n robh buaidhean air leis an robh fhios aige gu dé bha ri
tachairt orra. Chum iad air an aghaidh gus an d'thàinig iad
gu baile beag.
Chaidh Alastair a's tigh do thigh-còcaireachd anns a'
bhaile, agus dh'iarr e air a' Chòcaire na fithich a ghréidheadh
cho math 's a ghréidh e eòin riamh, ach gun e chur mèur no
làmh a chòir a bheòil gus am bitheadh iad gréidht' aige, agus
gus an glanadh e a lamhan gu math agus gu ro mhath. "Gu
dé is ciall d'a sin?" thubhairt an Còcaire. "Cha do ghréidh
mise biadh riamh roimhe nach fhaotainn a bhlasad." "Na
blais agus na h-ith mìr dhiù so, air neo cha-n fhaigh thu idir
iad." Gheall an Còcaire gu'n deanadh e mar dh'iarradh air.
An déigh do'n Chòcaire na fithich a ghréidheadh, agus
paidheadh fhaotainn airson a shaothair, cheangail Alastair iad
'n a neapaicin, agus dh'fhalbh e féin agus Cormac a rìs air an
turus. Air an rathad thubhairt Alastair, "Tha coille mhòr
romhainn anns am bheil ceithir robairean fichead a' fuireachd
nach do leig duine riamh seachad orra gun a mharbhadh, agus
12
116 An Crochaire Lom-Rusgach.
nach leig sinne seachad ma 's urrainn iad ar bacadh." "Gu
dé ni sinn," thubhairt Cormac. "Fàg sin agamsa," fhreagair
Alastair.
An uair a bha iad a' dol troimh 'n choille thug iad an aire do
lianaig bhòidhich os ceann an rathaid air an robh iad ag
iomachd, agus do na robairean 'gam blìonadh féin ris a ghréin
aig bràigh na lianaige. Chum iad air an aghaidh, ach an uair
a bha iad dìreach a' dol seachad fo'n àit' anns an robh na
robairean, ghlaodh dithis dhiù, "Cò an dà bheadagan bhalaich
aig am bitheadh a chridhe dol seachad air an t-slighe so gun
sinne fheòraich?" Ghabh iad uile 'nuas far an robh an dà
choigreach, agus thubhairt iad riù gu'n robh iad a' dol a chur
nan ceann diù. "Oh! mata," ars' Alastair, "cha-n 'eil comas
air. Tha sinne sgìth agus acrach, agus na'n leigibh sibh leinn
greim bithidh itheadh mu'n cuireadh sibh gu bàs sinn
bhitheadh sinn 'nar comain." "Ma tha biadh agaibh, gabhadh
e gu h-ealamh," thubhairt na robairean. "Tha biadh againn,"
thubhairt Alastair, "agus gheibh sibhse cuid d'e ma
thoilicheas sibh."
An sin dh'fhosgail e a neapaicin, agus rinn e na fithich 'n
an sia pìosan fichead, pìos airson gach fear a bh' anns a'
chuideachd. "A nis," thubhairt e, "feithidh sibh gus am bi
sibh uile riaraichte, agus tòisichidh sibh air itheadh còmhla, oir
ma dh'itheas cuid agaibh an earrann féin an toiseach léumaidh
iad air càch airson an earrann-san, agus millidh agus marbhaidh
sibh a chéile." A' so rinn na robairean gàire mòr fanaid, ach
thubhairt iad gu'n deanadh iad mar dh'iarradh orra. An uair
a bha iad uile riaraichte thog Alastair a suas a làmh, agus
ghlaodh e, "Itheadh a nis." Rinn iad sin, agus mhol iad am
biadh. Ach cha b' fhada gus an do thòisich fear an déigh fir
dhiù ri suidhe 'dheanamh, agus a h-uile fear a shuidheadh
thuiteadh e 'n a chadal, agus as a' chadal sin cha robh e
dùsgadh tuillidh. Mu dheireadh bha iad uile 'n cadal a'
bhàis.
"A nis," thubhairt Alastair, "tha sud seachad, agus tha 'n
rathad réidh romhainn gu ruig Caisteal Righ Ceist. Falbhaidh
tusa a' d' Righ Eirionn, agus falbhaidh mise 'am ghille agad.
Ma dh'iarrar ort ni air bith a dheanamh their thu gur e 'n
An Crochaire Lom-Rusgach.
117
gille 'bhitheas a' deanamh sin anns an dùthaich as an d'thàinig
thusa. An uair a ruigeas tu Caisteal Righ Ceist, féumaidh tu
Ceist a chur no Ceist fhuasgladh, agus mur dean thu sin théid
do cheann a chur air stob anns a' ghàradh a tha mu choinneamh
an doruis. Ràinig mòran d'ar seòrsa-ne an Caisteal romhainn,
agus a chionn nach b' urrainn iad ceist a chur no ceist
fhuasgladh chaidh an cinn a chur air stuib a' ghàraidh. Tha
aon stob falamh ann fathast, agus théid do cheann-sa 'chur air
mur cuir, no mar fuasgail thusa, no mis' air do shon, Ceist
a nochd."
Ràinig iad an Caisteal. Chuir Righ Ceist fàilte mhòr orra,
oir shaoil e gu'm b' ann a dh'iarraidh a nighinn a thàinig iad,
mar na feadhainn a thàinig rompa. Cha robh iad ach goirid a
's tigh an uair a chaidh biadh a chur mu'n coinneamh, ach mu
'n do thòisich iad air a ghabhail thubhairt Righ Ceist, "A
Righ Eirionn, cuir ceist no fuasgail ceist." Fhreagair Righ
Eirionn, agus thubhairt e, "Is e 'n gille 'bhitheas a deanamh sin
anns an dùthaich as an d'thàinig mise." "Faigh a nuas do
ghille, mata," arsa Righ Ceist. Thàinig an gille. "'Ille Righ
Eirionn, cuir ceist no fuasgail ceist," thubhairt Righ Ceist.
Fhreagair an Gille, "Mharbh a h-aon a dhà, mharbh a dhà
ceithir, mharbh ceithir ceithir thar fhichead, agus thàrr dithis
as." Smaointich Righ Ceist, ach cha b' urrainn e a' cheist
fhuasgladh. Mu dheireadh thubhairt e ris a' Ghille, "Bi falbh
an dràsd, agus gheibh thu fuasgladh na ceist am màireach." An
déigh na dinnearach chaith iad an còr de'n oidhche 'g
innseadh sgeòil thaitneach gus an d'thàinig àm dol a laidhe.
An sin chuir Righ Ceist fios air a nighinn agus air a dà
mhaighdein coimhideachd dhéug. Thubhairt e ris na maighd­
eannan, có air bith aca a gheibheadh fuasgladh na ceist' o thùs
bho Ghille Righ Eirionn, gu'm faigheadh i 'mhac-san r'a
phòsadh agus leth na rìgheachd. Thubhairt iad ga'm
feuchaidh iad ris. Thionndaidh e 'n sin r'a nighinn, agus
gheall e dhi a roghainn leannain, agus leth na righeachd na'm
faigheadh ise fuasgladh na ceist' o thùs.
Bha na maighdeannan greis a' meòrachadh gu dé 'n dòigh
air am faigheadh iad a mach fuasgladh na ceiste. Mu dheireadh
chòrd iad an Gille 'chur anns an aon seòmar a b' fhuaire 's bu
118
An Crochaire Lom-Rusgach.
mhiosa 'bha 's a Chaisteal, fàr an robh tuill air na ballachan,
agus a bha na h-uinneagan briste, agus gaoth 'us uisge 'tighinn
a's tigh orra; gu'n cuireadh iad a Mhaistir anns an t-seòmar
a b' fhearr a bha 's tigh; agus gu'n abradh iad ris a' Ghille, gu
'm faigheadh e leaba agus seòmar cho math 's a bh' aig a'
Mhaistir na'n innseadh e fuasgladh na ceist o thùs. Agus
mar sin rinn iad.
Cha robh 'n Gille ro fhada 'na laidhe an uair a dh'fhairich
e 'n dorus 'ga fhosgladh. Thionndaidh e air a chluasaig, agus
chunnaic e maighdean òg dhreachmhor 'na seasamh air an
ùrlar. Thuig e gu ro mhath gu dé 'bh' air a h-aire. Thubhairt
a' mhaighdean ris, "An cadal dhuit, 'Ille Righ Eirionn?" "Cha
chadal; oir cha-n fhàrdach chadail a fhuair mi, gaoth 'us
fuachd fodham, agus gaoth 'us uisg' os mo cheann. Is fad' a
bheir mi ainm an tighe so 'n uair a dh'fhalbhas mi." "Gheibh
thu leaba cho math agus a th' aig do Mhaistir ma dh'innseas
tu dhomhsa fuasgladh na ceist' o thùs." Ach cha d'
innis e sin di, agus leig e leatha falbh as eugmhais a dh'
ionnsaidh chàich. Thàinig iadsan an sin aon an deigh aoin,
ach dh'eirich dhoibh mar dh'eirich dhise.
Cho luath 's a chaidh an té mu dheireadh dhiù a mach, dh'
fhalbh an Gille do sheòmar a Mhaistir, agus chaidh a Mhaistir do
sheòmar a' Ghille. Cha robh e ach goirid an sin an uair a
thàinig nighean an Righ a 's tigh. Thubhairt i mar thubhairt
na maighdeannan roimpe, "An cadal dhuit, 'Ille Righ Eirionn?"
"Cha chadal; oir cha-n fhàrdach chadail a fhuair mi, gaoth 'us
fuachd fodham, agus gaoth 'us uisg' os mo cheann. Is fada
bheir mi ainm an tighe so 'n uair a dh'fhalbhas mi." "Mata,
gheibh thu leaba cho math 's a th' aig do Mhaistir ma dh'
innseas tu dhomhsa fuasgladh na ceist' o thùs. Ach cha d'
innis e sin di, agus dh'fhalbh i.
Air an ath mhadainn dh'fheòraich Righ Ceist de na maighd­
eannan an d' fhuair iad fuasgladh na ceiste? Thubhairt iad
nach d' fhuair. Dh'fheòraich e 'n sin d'a nighinn an d'
fhuair ise i? Agus thubhairt i nach d' fhuair.
An uair a shuidh iad sios aig am braiceas thubhairt Righ
Ceist, "A Righ Eirionn, cuir ceist no fuasgail ceist." "Mar
dh'innis mi dhuit an raoir is e mo Ghille 'bhitheas a' cur ceist
119
An Crochaire Lom-Rusgach.
no fuasgladh ceist air mo shon." "Faigh a nuas do Ghille,
mata." Thàinig an Gille. "'Ille Righ Eirionn, cuir ceist no
fuasgail ceist," arsa Righ Ceist. "Cha d' fhuair mi fuasgladh
na céud cheist fhathast," ars' an Gille. "A bheadagain
bhalaich, an ann a' cumail bruidhne riumsa 'tha thu? Cuir
ceist no fuasgail ceist, airneo bithidh do cheann air a chur
dhìot air a' chéud-lomaidh, agus air a chur air an stob anns a'
ghàradh." "Cuiridh mi ceist mata," ars' an Gille. "Cluinneam
i, mata," fhreagair Righ Ceist.
[Chuir an Gille ceist a rinn e air na nithibh a thachair dha
fhéin agus d'a Mhaistir air an oidhche roimhe. Dh'fhuasgail
Righ Ceist a' cheist sin, ach dh'fhairslich a chéud té air. A
ghiorrachadh a' chuid so de'n sgéul, thug Righ Ceist a nigheann
do Righ Eirionn, agus chaidh am pòsadh gu'n dàil, agus banais
mhòr a dheanamh air an son.]
Dh'fhuirich Alastair leò mòran làithean, a' cur seachad na h-
ùine ri seilg agus ri iasgach. Air là àraid, agus e 'g iasgach air
creig laimh ris a' mhuir, agus a' smaointeachadh gu dé 'dheanadh
e, falbh no fuireachd le Cormac, chual e plub mòr anns an
loch aig bun na creige. Mu'n d' fhuair e sealltainn a null no
'nall, léum Dobhar-chù Mòr as an uisge, rug e air dhà chaol-cois­
se air, agus dh'fhalbh e 'mach leis air a' mhuir. Cha-n fhac e
tuillidh lèus talaimh no athair gus an d' fhàgadh e os ceann an
làin anns an aon òb a bu bhòidhche a chunnaic e riamh le
gainmheich mhìn, gheal o bhéul na tuinne gu féur gorm. Bha
e 'nis ann an Lochlann.
An ùine ghoirid thill an Dobhar-chù air ais agus bradan fìor-
uisg' aige 'na bhéul. Dh'fhàg e 'm bradan aig casan Alastair
agus thubhairt e ris, "Turus fada 's am bith air am bi thu dol,
no cruaidh-chàs 's am bith a bitheas a' 'tighinn ort, gabh greim
de'n iasg so romh laimh. Ni thu bothan a' so agus fanaidh tu
ann gus am faic thu tuillidh na mise, agus am faigh thu tuillidh
na mo chomhairle-sa."
Chuir e 'suas am bothan an oidhche sin féin. Bhruich e 'n
sin pìos de'n bhradan, agus an déigh dha itheadh dh'e dh'
fhairich e ni 'bu treise na bha e riamh.
Air an ath mhadainn dh'éirich e, agus chaidh e 'mach romh
chéud-lomaidh gu ceann a' bhothain. Sheas e, agus chunnaic
120
An Crochaire Lom-Rusgach.
e 'm Fiadh Mòr Céir-gheal a' tighinn dìreach air an àite 'san
robh e 'na sheasamh, agus an Gaothar Geal, Cluas-dhearg a
bha as a dhéigh 'ga ruith gu dian. An uair a bha 'm Fiadh a'
dlùthachadh air, bha breth air bhreth aig a Ghaothar air
an Fhiadh; agus anns an dol seachad thug an Gaothar
tathunn as, agus léum e 'n amhaich an Fhéidh, agus dh'fhàg
e marbh e aig casan Alastair.
"Nis," ars' an Gaothar ri Alastair, "bha thusa dìleas do d'
bhràthair, agus gheibh thu do dhuais. Turus fada 'sam bith
air am bi thu 'dol, no cruaidh-chàs 'sam bith a bhitheas a'
tighinn ort, ithidh tu romh laimh greim de'n bhradan fhìor-
uisge agus greim de'n fhiadh so; agus o aon ni a chi no
chluinneas tu, cha-n éirich béud dhuit tuillidh. Agus mu'n
teirig sin duit gheibh thu fios gu dé ni thu." An sin ghuidh
an Gaothar Geal, Cluas-dhearg soirbheachadh math leis, agus
dh'fhalbh e.
Thug Alastair am fiadh a's tigh d'a bhothan, agus dh'fhàg
e laimh ris a' bhradan e. Rinn e a bhraiceas, agus dh'ith e
pìos de'n bhradan agus pìos de'n fhiadh. Chaidh e 'sin a
mach, agus air dha sùil a thabhairt uaithe, chunnaic e duine
mòr a' tighinn 'us coltas righ air, agus dà churaidh dhéug
còmhla ris. Thàinig iad dìreach a dh'ionnsaidh an aite 'san
robh e.
Thubhairt an Righ ris, "Ciamar a bha 'chridhe no 'dhànachd
agad tighinn a mharbhadh an Fhéidh Mhòir Chéirghil agamsa?"
"Thàinig d' fhiadh leis féin ann am rathad, bha féum agam air
biadh, agus mharbh mi e," ars' Alastair. "Mata," ars' an Righ,
"o'n mharbh thu 'm fiadh féumaidh tu cath ri m' chuid
curaidhean-sa gus an tuit thusa no iadsan." "Tha mise 'm
aonar, a Righ," ars' Alastair, "tha sibh-se 'nur mòran, còmhla
ri sin tha mi gun lann agam." "Cha bhi thu gun lann,"
thubhairt an Righ. "Gheibh thu mo lann-sa, agus ma bheir
thu do bheatha as leis, is leat fhéin e." "Feuchaidh mi co
dhiù," thubhairt Alastair. "Ach tha mi 'g iarraidh mar fhàbhar
gu'n leig thu leam gréim bithidh itheadh mu'n tòisich mi."
"Gheibh thu sin," thubhairt an Righ, 'us e a sìneadh a
chlaidheimh dha.
Chaidh Alastair a 's tigh d'a bhothan, agus dh'ith e greim
121
An Crochaire Lom-Rusgach.
de'n iasg agus greim de'n fhiadh. An uair a bha e réidh
shàth e claidheamh an Righ ann an carcais an fhéidh, agus
chaidh e cho furasda troimhe agus ged' b' uisg' e. "Buaidh
an t-sàthaidh so a bhi leis gach buille," ars' Alastair. Dh'
fhairich e gu'n robh e féin ann am mòr-mhisnich agus an làn
neart, agus thionn e 'mach a dh'ionnsaidh a' chatha.
Thubhairt an Righ ris gu'm faigheadh e cothrom na Féinne,
fear an déigh fir. Chaidh aon de na curaidhnean a chur a
mach m'a choinneamh. Ach cha b' fhada 'bha iad ag iomairt
lann an uair a thuit curaidh an Righ tròm-leònt' air a' bhlàr.
Ghlaodh Alastair ris an ath fhear tighinn air aghaidh. Thàinig
e, ach an ùine ghoirid thuit e leònt' air a bhlàr mar thuit a
chéud fhear. Dh'éirich a leithid eile do'n treas fhear.
An uair a chunnaic an Righ a thriùir churaidh a' sileadh fala
agus a' bàsachadh thubhairt e ris a' choigreach, "Ge b' e àit'
a's dùthaich dhuit is curaidh thu co dhiù." Ghlaodh Alastair
an sin ri càch tighinn air an aghaidh gu grad ma bha aige-san
ri dol trompa uile. Ach chuir an Righ stad air an iomairt.
Thionndaidh e ri Alastair, agus thubhairt e ris, "Choisinn thu
do chlaidheamh le buaidh, agus gheibh thu e. Falbh leamsa
agus ni mis' thu ni's fearr na tha thu 'n so." An sin dh'iarr
Alastair air mar chaoimhneas am bothan fhàgail 'na sheasamh
mar bha e gun fhios nach féumadh e tilleadh ann fathast.
Fhuair e iarrtas, agus dh'fhalbh e leis an Righ.
Air an rathad bha 'n Righ fo thròm-cheal airson call a thri
churaidhnean. Ach, mu dheireadh, thubhairt e ris féin gu'n
robh an t-aon a fhuair e cho math ris an triùir a chaill e.
Chum iad air an aghaidh tromh choille, thar monaidh, agus
thar mòintich gus an d' ràinig iad Caisteal mòr, briadha nach
fhac Alastair riamh roimhe a leithid. Dh'iarr an Righ air dol
a 's tigh còmhla ris. Ghabh na curaidhnean an rathad féin,
agus chaidh Alastair a 's tigh leis an Righ.
Chaidh biadh agus deoch a chur mu choinneamh Alastair,
agus dh'iarr an Righ air òl agus itheadh. Fhreagair e nach
itheadh e greim d'a bhiadh agus nach òladh e boinne d'a
dheoch gus an innseadh e dha an t-aobhar airson an d'thug e
'n sud e. Dh'aithnich an Righ gu'm b' e curaidh a bh' aige,
agus thubhairt e gu'n innseadh e sin da.
122
An Crochaire Lom-Rusgach.
"Bha ceathrar nighean agam. Chaidh triùir dhiù 'thabhairt
uam le Famhair Mòr a tha 'fuireachd 'an Coire Dubh na
Beinne Brice. Thàinig e 'n toiseach an àm dol fodha na
gréine, agus thug e leis a' chéud té dhiù 'am làthair fhéin
agus 'an làthair mo chuid churaidh, agus cha-n fhaca mi
tuillidh i. Chuir mi mo churaidhnean 'na dhéigh, agus lean
iad e a dh'ionnsaidh a' Chaisteil aige. Ach an uair a ràinig
iad e, mar sgathadh piorradh de ghaoith near rainneach anns
a' gheamhradh chuir e na cinn diù, agus cha d' fhuair ach aon
as a dh'innseadh sgeòil a chruadail dhomh. An ceann sheachd
bliadhna thàinig e rithist, agus mar thachair air tùs thachair air
an uair sin. An ceann sheachd bliadhn' eile, thàinig e agus thug
e leis an treas té. Chuir mo chuid churaidhnean rompa gu'm
bitheadh dìoghailt ac' air, agus gu'n d'thugadh iad mo nighean
dachaidh g'am ionnsaidh. Dh'fhalbh iad fo'n làn armachd
a dh'fhaireadh Caisteal Coire Dubh na Beinne Brice. An
déigh dhoibh fhaireadh ré thri chuairt gréine cha d' fhuair iad
cothrom air an Fhamhair. Mu dheireadh bha iad a' fàs tròm
a dhìth cadail, agus lag a dhìth bithidh; agus chuir iad rompa
gu'n rachadh iad a dh'ionnsaidh a' Chaisteil agus gu'm
faiceadh iad dé 'bha 's tigh. Fhuair iad a dh'ionnsaidh Ùig
an Fhamhair, agus chunnaic iad gu'n robh e 'n tròm chadal.
Thubhairt iad r'a cheile gu'm b' e sin an t-àm dhoibh nighean
an Righ a dhìoghailt, agus an ceann a thabhairt de'n Fhamhair.
Léum iad g'a ionnsaidh, agus bhuail iad an ceann deth le
'n claidhibh. Cha bu luaith' a rinn iad sin na léum fìr-eun
mòr a nuas, agus a bhuail e 'chéud churaidh anns an aodann,
agus a leag se e. Rinn e a ni céudn' air an ath fhear. Agus
an uair a chunnaic an còrr sin theich iad. Ach mu'n gann a
fhuair iad a mach tromh gheat' a' Chaisteil chunnaic iad am
Famhair a' tighinn 'nan déigh, agus a cheann air mar bha e
roimhe. An uair a chunnaic iad e shin iad as, agus stad cha
d' rinn na fhuair dhiù as gus an d' ràinig iad so. Ach a chuid
dhiù a thuit 'na lamhan, rùisg e gus an craicionn, agus chroch
e suas air cromagaibh ri turaidibh a' Chaisteil. 'Nis tha
cheathramh té do'm nigheanaibh mar là 'us bliadhna do dh'
aois chàich an uair a chaidh an goid uam. Ach aon 'sam
bith a bheir dhachaidh g'am ionnsaidhsa an Àlaire Dhubh a
123
An Crochaire Lom-Rusgach.
tha anns a' Bheinn, agus air nach deachaidh taod riamh is leis
mo nighean agus gu leth mo rìgheachd."
"Is math do thairgse, a Righ, ars' Alastair. "Is mairg
nach deanadh a dhìchioll g'a cosnadh." "Dh'aithnich mi gu
'm bu churaidh thu," ars' an Righ; "agus ma ni thu e gheibh
thu do dhuais agus mòran tuillidh. Air madainn an ath latha
ruigidh tu an stàbul agamsa, agus gheibh thu do roghainn
sréine."
Ràinig Alastair an Stàbul air an ath mhadainn, agus fhuair e
mòran dhaoine agus churaidhnean air thoiseach air a bha 'dol
a dh'fhéuchainn an Alaire Dhubh a ghlacadh, mar bha e féin,
airson nighean an Righ fhaotainn mar dhuais. Chaidh an
Stàbul fhosgladh, agus thagh gach aon srian air a shon fhéin.
Dh'fhalbh iad an sin do'n Bheinn a bhreith air an Àlaire
Dhuibh. Bha iad a' siubhal troimh ghleanntaibh, thar
bheanntaibh, agus tromh ghlacaibh gus an d' fhuair iad sealladh
oirre. Dh'fhéuch Alastair ri faotainn air thoiseach oirre; ach
cho luath 's a chunnaic i e thog i ri aghaidh na Beinne, a' cur
uisg' as na clachan agus tein' as na h-alltan, a' teicheadh roimhe.
Lean iad as a déigh gus an d'thàinig dorchadh na h-oidhch'
orra, agus an sin thill iad dachaidh as a h-eugmhais.
An uair a ràinig iad an Caisteal dh'innis iad do'n Righ mar
dh'éirich dhoibh. Thubhairt e riù gu'n robh là eile 'tighinn
agus grian eile ri dol mu'n cuairt, agus am fear a bheireadh
dhachaidh an Àlaire Dhubh air cheann taoid dhasan gu'm bu
leis a nighean agus gu ruig leth na righeachd. An uair a chual
iad so, rinn gach duine agus gach curaidh deas airson falbh do
'n Bheinn romh éiridh gréine air an ath là.
An uair a thàinig an ath mhadainn thionn gach aon diù air
falbh 'an làn bheachd gu'm b' ann aige féin a bhitheadh a'
bhuaidh a' tilleadh. Ràinig iad a' Bheinn. Bha cuid dhiù
'dol air am broinn tromh thuill, cuid a' crùban tromh na h-uillt,
cuid eile a' fàireinneachd agus a' gabhail fàth air gach bealach
feuch am faigheadh iad sealladh air an Àlaire Dhuibh. Mu
dheireadh chunnaic iad i air taobh deisear Ghlinn-na-gréine.
Chaidh gach fear an òrdugh cho math 's a b' urrainn e gu greim
a dheanamh oirre. Ach cha d' éirich ni 'b' fhearr dhoibh air
an là sin na air an là roimhe, oir bha i 'cur uisg' as na clachan
124
An Crochaire Lom-Rusgach.
agus teine as na h-alltaibh a' teicheadh rompa. Aig dol fodha
na gréine bha iad ni 'b' fhaide uaipe na bha iad anns a'
mhadainn. Thill iad an sin dachaidh gu sgìth, airsnealach,
acrach.
An uair a ràinig iad an Caisteal chuir an Righ a mach a'
Ghille freasdail a dh'fheòraich co aige 'bha bhuaidh. Thug
an Gille fios air ais g'a ionnsaidh gu'm fac iad i, ach nach d'
fhuair iad 'an astar glacaidh oirre, no eadhon an urchair cloiche
'na dàil. An sin chuir an Righ fios g'an ionnsaidh gu'm b' e
'm màireach an treas là d'an deuchainn, agus do aon air bith aca
bheireadh dhachaidh dha san an Àlaire Dhubh air cheann
taoid gu'm bitheadh esan cho math 's a ghealladh. An uair a
chual iad so, bha gach curaidh ruith agus gach curaidh stréipe
fo thròm iomagainn, oir cha b' urrainn iad tuillidh a dheanamh
na rinn iad cheana. Ach chuir iad rompa gu'm feuchadh iad
aon uair eile an Àlaire Dhubh a ghlacadh.
An déigh do'n t-suipeir a bhi seachad choinnich Alastair, 'us
e 'dol tromh 'n Chaisteal, an Iorasglach-ùrlair aig an Righ. "A
Mhic Righ Eirionn," thubhairt i, "tha thu sgìth, airsnealach,
agus fo thròm cheal." Fhreagair Alastair gu'n robh. "Cha
do ghabh thusa comhairle do chàirdean. Théid thu 'nochd air
d' ais gu d' bhothan féin, agus gabhaidh tu greim de'n iasg
agus greim de'n fhiadh. Ach mu'm falbh thu tillidh tu air d'
ais far am bheil an Righ, agus their thu ris gur e 'm màireach
an là mu dheireadh a th' agaibh airson an Àlaire Dhubh a
ghlacadh, agus nach teid thusa 'na déigh mur faigh thu do
roghainn sréine mu'm falbh thu. Their e riut gu'm faigh thu
sin. Falbhaidh e 'n sin leat, agus dar ruigeas sibh an stàbul
chi thu dorus air do laimh dheis, agus their thu ris an dorus
fhosgladh chum gu'n tabhair thu do roghainn sréin' as an àite
sin. Fosglaidh e 'n dorus dhuit, agus chi thu crocht' air a'
bhalla seann srian nach robh 'an ceann eich no capaill o
cheann sheachd bliadhna fichead, agus bheir thu leat i. An
uair a ruigeas tu a' Bheinn bheir thu car mu thòm do chàch,
agus gabhaidh tu air thoiseach air an Àlaire Dhuibh. Cho
luath 's a thig thu 'm fradharc dhi crathaidh tu an t-srian rithe,
agus thig i le sitir, agus cuiridh i a ceann 'san t-sréin.
An Crochaire Lom-Rusgach.
125
Léumaidh tu 'n sin air a druim, agus marcaichidh tu dhachaidh
i dh'ionnsaidh an Righ."
Dh'fhalbh Alastair o'n Iorasglaich cho toilichte 's a bha e
bho'n là a dh'fhàg an Dobhar-chù e air tìr 'am fearann
Lochlainn.
Air an treas là chuir na curaidhnean an òrdugh, agus dh'
fhalbh iad do'n Bheinn a bhreith air an Àlaire Dhuibh. An
uair a ràinig iad, bha iad a' gabhail fàth air gach sgàth gus an
robh iad a' smaointeachadh gu'n robh iad cho dlùth oirre 's a
b' urrainn iad faotainn. Ach thug Alastair car mu thòm dhoibh,
agus dh'fhàg e iad. Cha do stad e ach gus an d' fhuair e air
thoiseach air an Àlaire Dhuibh. Bha i 'tighinn, agus coltas
uamhasach oirre, a' spoltadh uisg' as na clachaibh agus tein' as
na h-alltaibh le luathas a ruith. An sin thog Alastair suas an
t-srian, agus chrath e rithe i. Cho luath 's a chual an Àlaire
slinnrich na sréine sheas i, agus rinn i cruaidh shitir a fhreagair
Mac-talla nan Creag ceithir mìle mu'n cuairt. Leag i dà
chluais a siòs ri cùl a cinn, thàinig i 'na cruaidh ruith, agus
spàrr i a ceann anns an t-sréin. An sin léum Alastair air a
druim, agus mharcaich e dhachaidh i 'dh'ionnsaidh an Righ.
An uair a chunnaic na curaidhnean eile 'n coigreach a'
marcachd air falbh leis an Àlaire Dhuibh, thuit an sud agus an
sad uile uapa, agus thill iad dachaidh.
Air an oidhche so thàinig an Righ a mach 'nan coinneamh.
An uair a chunnaic e gu'm b' e 'n Coigreach aig an robh a'
bhuaidh ghabh e null far an robh e, chaidh e air a dhà ghlùn
da, agus thubhairt e ris, "Bha mi a' smaointeachadh gu'm bu
churaidh thu a rìreadh, agus dhearbh thu mu dheireadh e.
'Nis, ni no neach, séud no luach a th' anns an righeachd agam-
sa iarr, agus gheibh thu e maille ris an duais a gheall mi airson
a ghniomh so."
Rinn an Righ cuilm mhòr air an oidhche sin. Ach mu'n
robh a' chuilm seachad thàinig fios a dh'ionnsaidh an Righ o
Fhamhair mòr a' Chaisteil Dhuibh anns a' Bheinn Bhric gu'n
tigeadh e airson na ceathramh h-ighinn an ceann là agus
bliadhn' o'n oidhche sin. Chuir an teachdaireachd so an
Righ fo mhì-ghean agus fo thròm iomagainn. Thionndaidh e
ris na curaidhnibh, agus thubhairt e riù gu'n robh e duilich
An Crochaire Lom-Rusgach.
126
nach b' urrainn e an ni a gheall e a chomh-ghealladh mur
faigheadh iad féin a mach an t-àit' anns an robh anam a'
Chrochaire Lom-rusgaich 'am falach, agus mur cuireadh iad as
da. "Chuir na curaidhnean agamsa 'n ceann d'e cheana,
ach chuir e air e rithist, agus bha e cho beò 's a bha e riamh.
Dhùlanaich e iad, agus thubhairt e gu'n tugadh e leis mo
nigheannan uile ge b' oil leò. A nis tha e 'tighinn an ceann
là agus bliadhn' o nochd, agus am fear agaibhs' a chuireas as
da is leis mo nighean agus mo righeachd uile."
Bha na curaidhnean uile fo iomagainn a chionn nach robh
fhios aca cia mar chuireadh iad as do'n Chrochaire Lom-
rusgach. Ach an uair a sgaoil iad o chéile choinnich an
Iorasglach-ùrlair Alastair, agus thubhairt i ris, "A Mhic Righ
Eirionn, tha mi 'n dòchas gu'n d' fhuair thu do dhuais a
nochd." Dh'innis e dhi gach ni a thachair, agus mar bha 'n
cùmhnant air am faighteadh nighean an Righ ni 'bu duiliche
nis na bha e roimhe. Bha i 'n a sìneadh air an ùrlar, agus
ghrad dh'éirich i 'na suidhe. Rug i air a falt 'na laimh, agus
rinn i glag mòr gàire, agus thubhairt i, "A Mhic Righ Eirionn,
bha buaidh leat riamh, agus bithidh i leat fathast ma ghabhas tu
mo chomhairle-sa." "Ni air bith," ars' Alastair, "a dh'iarras
tu orm ni mise ma's urrainn mi, oir fhuair mi fìor thu gu ruig
so agus tha làn earbs' agam asad a nis." "Mata," thuirt an
Iorasglach, "as an àit anns am bheil thu a'd' sheasamh
falbhaidh tu fo d' làn armachd, agus cuimhnichidh tu nach
dealaich thu ri claidheamh an Righ gus am faigh thu ni's
fearr. Théid thu 'n toiseach gu ruig do bhothan féin, agus
ithidh tu greim de'n fhiadh agus greim de'n iasg. Thig thu
'n sin a mach gu dorus do bhothain, agus cuiridh tu d' aghaidh
air Aisridh Chreagach na Beinne Buidhe, agus cha sheall thu
as do dhéigh, agus cha thill thu céum air d' ais airson càis no
cruadail a choinnicheas tu gus an ruig thu Caisteal Mòr a th'
aig ceann na h-Aisridh. Chi thu 'sin boirionnach ag amharc a
mach air uinneig àird a' Chaisteil." An so thug an Iorasglach
a mach sgrìobhadh as a broilleach, agus thubhairt i, "An uair a
chi thu 'm boirionnach aithnichidh tu i, agus their thu rithe gu
'm bheil sgrìobhadh agad dhi. Thig i 'n sin, agus fosglaidh i
'n dorus dhuit, agus innsidh i gu dé 'bhitheas agad r'a dheanamh
127
An Crochaire Lom-Rusgach.
an déigh sin. Faotaidh tu 'nis siubhal air do thurus. Tha
beannachd an Righ a'd' chuideachd, tha beannachd a nighinn
leat, agus tha mo bheannachd-s' agad. 'Nis ge b' e ni a dh'
iarras am boirionnach ort a ràdh no 'dheanamh bi cinnteach gu
'n coimh-gheall thu e."
Ghabh Alastair misneach, agus dh'fhalbh e direach a dh'
ionnsaidh a bhothain, agus romh éiridh gréin' air an ath
mhadainn dh'imich e air a thurus troimh Aisridh Chreagach na
Beinne Buidhe. Chum e air aghaidh cian fhada agus làn
fhada gus an d' fhàs an Aisridh cho sgorach, bhiorach agus gu
'n robh e 'm féum crochadh air a bhroinn a dhol thairis oirre.
Mu dheireadh theirig na sgoran féin, agus cha robh roimhe ach
glomhas mòr eadar stallan chreag a bha cho domhainn fodha
's a bha iad àrd os a cheann. Thug e sealladh air gach taobh
dh'e, agus chunnaic e 'n Aisridh a ruith a 's tigh ri taobh aon
de na stallan 'na bac cho caol, agus nach robh lèud bonn cois'
innte. An sin ghabh e 'n t-eagal gu'n robh e air sheachran
agus bha e 'dol a thilleadh. Ach thàinig clamhan mòr ag
itealaich tarsainn os a cheann, agus ghlaodh e ris, "A Mhic
Righ Eirionn, cuimhnich comhairle na h-Iorasglach-ùrlair."
Anns a' mhionaid chuimhnich e 'ghealladh do'n Iorasglaich,
agus thubhairt e ris féin gu'n cumadh e air aghaidh cho fad 's a
bhitheadh an deò ann. Bha e 'n sin a' crochadh o sgor gu sgor
'us a' léum o bhac gu bac gus an do thòisich an Aisridh air fàs
ni 'b' fhearr. Mu dheireadh fhuair e air an rathad réidh. Dh'
fhalbh e 'n sin cho luath 's a b' urrainn e dol thar nan Creag,
oir bha 'm feasgar a' tighinn, agus cha robh sealladh do'n
Chaisteal ri fhaicinn. Bha 'n uchdach cho cas agus nach b'
urrainn e cabhag mhòr a dheanamh. Ach mu dheireadh
bhuanaich e 'm mullach. Thubhairt e ris féin nach bitheadh e
fada tuillidh, agus ruith e cho luath 's a b' urrainn e leis a
bhruthach. Bha e 'smaointeachadh an uair a gheibheadh e aig
bun na h-uchdaich gu'm bitheadh na h-uile cruadal seachad,
ach an uair a ràinig e sin cha robh iad a réir coltais ach a' tois­
eachadh. An àit' a' Chaisteil 's ann a chunnaic e Loch mòr
dearg air thoiseach air. Thug e sùil air gach taobh feuch am
faiceadh e rathad air am faigheadh e thar an Loch, ach cha-n
fhac e ach stallachan chreag, agus bu leòir do dh'èun air iteig
128
An Crochaire Lom-Rusgach.
dol thairis orra. Bha e ann an tigh-comhagail co dhiù
'thilleadh e no rachadh e air aghaidh an uair a chual e 'n
clamhan a' glaodhaich os a cheann, "A Mhic Righ Eirionn, na
gabh eagal no sgàth romh chàs no romh chruadail air bith a
thachras ort." An uair a chual e so ghabh e misneach, agus
chum e air aghaidh air an Aisridh a 's tigh do'n Loch. An
toiseach bha iongantas air nach robh e 'dol fodha 'san Loch,
ach an ùine ghoirid chunnaic e gu'n robh an t-slighe air an
robh e 'g imeachd air éiginn còmhdaichte le uisge. Chum e
dìreach air an t-slighe gus an d'ràinig e taobh eil' an Loch.
Cho luath 's a fhuair e 'chasan air talamh tioram thog e 'cheann,
agus chunnaic e dail bhòidheach, ghorm air thoiseach air, agus
Caisteal Mòr aig ceann na dalach. Bha dorchadh nan tràth
air tighinn, agus uime sin ghreas e air aghaidh a dh'ionnsaidh
a' Chaisteil.
An uair a ràinig e 'n Caisteal chunnaic e boirionnach ag
amharc a mach air aon de na h-uinneagaibh. Ghlaodh e gu'n
robh litir aige dhi. Ghrad theirinn i, agus dh'fhosgail i 'n
dorus dha. Shìn e dhi an litir. Rug i oirre as a laimh, agus
dh'iarr i air feitheamh gus am faiceadh i gu dé 'bh' innte.
Cho luath agus a léugh i 'n litir léum i agus rug i air a laimh 'n
a dà laimh, agus phòg i i. Thug i 's tigh e, agus dh'fheòraich
i dh'e gu dé 'n rathad a thàinig e? Thubhairt e gu'n d'
thàinig e troimh Aisridh Chreagach na Beinne Buidhe.
"Ma 's ann," ars' i, "tha féum agad air biadh agus air deoch."
Chuir i biadh agus deoch m'a choinneamh, agus dh'iarr i air
a bhi ealamh a chionn gu'n robh mòran aige r'a dheanamh.
Cho luath 's a bha e deas thug i 's tigh e do sheòmar nan arm,
agus dh'iarr i air e dh'fhéuchainn am b' urrainn e 'n claidheamh
a bha thall ri taobh a' bhalla 'thogail. Dh'fhéuch e ris, ach
cha chuireadh e gaoth eadar e agus an talamh. Dh'fhosgail i
preas a bha air taobh an tighe, agus thug i 'mach as botulan
ìocshlaint. Tharrainn i 'cuach òir, agus chuir i déuran innt' as
a bhotulan, agus thubhairt i ris òl dh'e. Rinn e sin. Rug e
ris air a' chlaidheamh, agus thogadh e le 'dhà laimh e. Thug
i dha déuran eile, agus an sin thogadh e 'n claidheamh le aon
laimh. Thug i dha an treas déur, agus cha bu luaith' a dh'òl
se e na dh'fhairich e ni 'bu neartmhoire na bha e riamh. Rug
An Crochaire Lom-Rusgach.
129
e air a chlaidheamh, agus dh'oibricheadh e leis cho aotrom
uallach agus a dh'oibricheadh e le claidheamh an Rìgh.
"Nis," thubhairt i ris, "tha Famhair Mòr agus dà cheann air,
a' fuireachd anns a' Chaisteal so, agus tha e tighinn dachaidh
an ùine ghoirid. Thig thusa leamsa, agus cuiridh mi a'd'
sheasamh thu air an Ùdabac, far am faigh thu cothrom air a
bhualadh an uair a chromas e 'thighinn a 's tigh fo'n àrd-
dorus. Bi cinnteach gu'm buail thu gu math e, agus gu'n
cuir thu 'n dà cheann d'e; oir mur cuir thu dh'e ach aon
beiridh e air an aon sin, agus cuiridh e as duit leis mar rinn e
air mòran air thoiseach ort."
Dh'fhalbh e gun dàil, agus sheas e air an Ùdabac mar dh'
iarr i air. Cha robh e fada 'n sin an uair a chunnaic e 'm
Fanihair a' tighinn agus siubhal sìth aige.
An uair a ràinig e 'n dorus chròm e 'chinn, agus thug e roc
as. Ghabh Alastair an cothrom air, agus bhuail e le uile neart
e. Leis a' bhuille thilg e fear de na cinn dh'e, agus leth a'
chinn eile. An sin thug am Famhair léumannan agus sgriachan
fuathasach as, ach mu'n d' fhuair e tionndadh chuir Alastair
leth eile an dara cinn d'e, agus thuit e 'na chlosaich mhairbh
air an talamh.
Thàinig am boirionnach a mach, agus thubhairt i ris, "Is
math a fhuaras thu, a Mhic Righ Eirionn. Tha soirbheachadh
leat, oir tha beannachd m' athar a'd' chois." Dh'fheòraich e
'n sin di cò i? Fhreagair i gu'm b' ise 'n nighean 'bu shine
bh' aig Righ na Beinne Buidhe. "Tha thusa 'falbh," thubhairt
i, "a dh'iarraidh anam a' Chrochaire Lom-rusgaich chum gu
'n tèarainn thu mo phiuthar a's òige bhuaith. Thig a 's tigh,
agus leigidh mis' air falbh thu air do thurus mu'n éirich grian
am màireach."
Chaidh e 's tigh, ghlan i chasan, agus chaidh e laidhe.
Mu'n do ghoir an coileach-ruadh, agus mu'n d' éirich grian
air bruth no air beinn, bha i air a cois, agus a' bhraiceas aice
'feitheamh air. An déigh dha éiridh agus a bhraiceas fhaotainn,
thug i litir as a broilleach, agus shìn i dha i, ag ràdh, "Gleidhidh
tu so gu cùramach gus an ruig thu Caisteal Mòr nan Ochd
Turaitean, agus bheir thu i do'n bhoirionnach a chi thu 'g
amharc a mach air aon de dh'uinneagaibh mullaich a' Chaisteil."
K
130
An Crochaire Lom-Rusgach.
Thug i tarrainn air a botulan ìocshlaint féin, agus air a cuaich
òir, agus thug i dha deoch. Chuir i 'n sin e air ceann na
slighe, ghuidh i beannachd a bhi 'na chuideachd, agus
thubhairt i gu'm fanadh ise 'n sud gus an tilleadh e. Dh'
fhàg e claidheamh an Righ anns a' Chaisteal, agus dh'
fhalbh e le claidheamh an Fhamhair. Bha 'n t-slighe air an
robh e 'g imeachd ni 'bu réidhe na 'n té air an do shiubhail e
'n là roimhe. Fhuair e air aghaidh gu math, ach bha 'n t-astar
cho fada 's gu'n do thòisich an oidhch' air tighinn mu'n d'
thàinig e 'n sealladh a' Chaisteil. Mu chiaradh an fheasgair
chunnaic e turaitean a' Chaisteil fada bhuaithe. Ghabh e
misneach agus chruadhaich e 'chéum, agus ged b' fhada
bhuaithe cha b' fhada 'ga ruigheachd.
Bha ballachan cho àrd mu'n cuairt do'n Chaisteal 'us
nach robh e faicinn gu dé 'n dòigh air am faigheadh e 's tigh.
Ach thug e togail d'a cheann, agus chunnaic e boirionnach ag
amharc a mach air uinneig, agus ghlaodh e gu'n robh litir aige
dhi. Thàinig i 'nuas agus dh'fhosgail i dorus mòr iaruinn a
bh' air a' bhalla. An déigh dhi 'n litir a léughadh rug i air
laimh air, agus thug i 's tigh e.
Choimhead i 'n sin air a' chlaidheamh a bh' aige, agus dh'
fheòraich i dh'e c'àit' an d' fhuair se e? Dh'innis e dhi gu'n
d' fhuair o'n bhoirionnach a bh' anns a' Chaisteal anns an robh
e 'n oidhche roimhe sin. Bha claidheamh mòr eile 'na
sheasamh ri taobh a' bhalla, agus thubhairt i ris e dh'
fhéuchainn am b' urrainn e 'thogail. Chuir e gaoth air
éiginn eadar e agus talamh. "Cha d' rinn gin a thàinig
romhad an uibhir sin féin," ars' am boirionnach. Thug i dha
deoch as a botulan iocshlainte féin ann an cuaich òir, agus an
sin chluicheadh e 'n claidheamh le dhà laimh. Thug i dha an
ath dheoch, agus chluicheadh e claidheamh an Fhamhair cho
fileanta 's a chluicheadh e claidheamh an Righ.
"Nis," thubhairt i, "cha-n 'eil ùin' agad ri chur seachad.
Tha Famhair mòr nan trì cheann, nan trì meall, agus nan trì
chnap a' fuireachd a so, agus thig e dhachaidh a thiota.
Fhalbh thusa leamsa, agus cuiridh mi thu 'n àite fàr am faigh
thu cothrom air a bhualadh." Chaidh e leatha, agus chuir i e
'na sheasamh air bac a bh' air taobh an fhosglaidh do'n dorus
An Crochaire Lom-Rusgach.
131
mhòr iaruinn a bh' air a' bhalla. An sin thubhairt i, "'N uair
a chromas am Famhair a thighinn fo'n àrd-dorus bi cinnteach
gu'm buail thu e mu'm faigh e 'chinn a thogail, agus gu'n cuir
thu dh'e'n trì leis a' chéud bhuile, oir ma gheibh e éiridh bheir
e as a' chéil' a'd' mhìrean thu mar rinn e orra-san a thàinig air
thoiseach ort."
Thàinig am Famhair, agus chròm e fo'n àrd-dhorus, ach mu
'n d' fhuair e tromh 'n dorus bhuail Alastair e le uile neart,
agus chuir e dithis de na cinn d'e, agus leth an treas fir.
Thug am Famhair léum as, agus bhuail fear de na mill an
t-àrd-dhorus, agus chuir e mach e. An sin thuit e, agus mu'n
d' fhuair e éiridh, agus an ath léum a thabhairt bhuail Alastair
e 'n dara h-uair, agus chuir e 'n leth eile de'n treas ceann d'e.
Le ròmhan mòr tiamhaidh thuit am Famhair 'na chlosaich
mhairbh air a' bhlàr.
Thàinig am boirionnach a mach an sin, agus thubhairt i, "Is
math a fhuaras thu, a Mhic Righ Éirionn. Tha beannachd m'
athar agus mo pheathar a'd' chois, agus bithidh mo bhean­
nachd-s' agad a nis. An sin dh'fheòraich e dhi co i?
Fhreagair i gu'm b' ise dara nighean Righ na Beinne Buidhe.
"Tha thusa 'falbh a dh'iarraidh anam a' Chrochaire Lom-
rusgaich chum gu'n tèaruinn thu mo phiuthar a's òige
bhuaithe, agus ma thig thu beò as an ath Chaisteal a ruigeas tu
cha ruig thu leas eagal a ghabhail roimh ni no neach a thachras
ort tuillidh, oir soirbhichidh leat gu ceann do thuruis. Ach
cha-n 'eil tìm agad ri chall." Thug i 's tigh e, ghabh i aige gu
math le biadh agus le deoch, agus chuir i laidhe e.
An déigh dha 'bhraiceas fhaotainn air an ath mhadainn thug
i dha deoch as a botulan ìocshlaint 'na cuaich òir. Chuir i
'sin a làmh 'na broilleach, agus thug i mach as litir, agus
thubhairt i ris, "Bheir thu so do'n bhoirionnach a chi thu 'na
seasamh 'an dorus an ath Chaisteil gus an tig thu."
An so dh'fhalbh e agus an claidheamh mòr aige leis an do
chuir e na cinn de'n Fhamhair. Fhuair e air aghaidh gu réidh
gus an d' ràinig e 'n ath Chaisteal, Ùsp Mhòr de dh'àite gun
uinneag, gun turait air. Chunnaic e 'm boirionnach 'na
seasamh 's an dorus, agus ghlaodh e rithe gu'n robh litir aige
K 2
132
An Crochaire Lom-Rusgach.
dhi. Ghlac i 'n litir, agus an déigh dhi a léughadh rug i air
laimh air, agus thug i 's tigh e.
Ghlan i a lamhan agus a chasan le anaghlais uisge agus
bhainne. Choimhead i 'n sin air a' chlaidheamh, agus thubh­
airt i ris c'àit' an d' fhuair e 'n lann ud. Fhreagair e gu'n d'
fhuair anns a' Chaisteal anns an robh e 'n raoir. "O'n fhuair
thu gu ruig so ni do chlaidheamh an gnothuch dhuit, agus cha
dealaich thu ris am fad 's a bhitheas an deò annad gus an ruig
thu ceann do thuruis. Tha Beithir Mhòr Theinnteach nan
Seachd Cinn Nathrach 's a Ghath-Nimhe 'fuireachd anns a'
Chaisteal so. Thig i aig éiridh gréine 'm màireach, agus féumaidh
tu a coinneachadh a mach, oir ma gheibh i 's tigh cha-n
fhaicear thusa no mise beò tuillidh. Chuir i 'n sin a laidh e
ann an leaba bhlàth, sheasgair.
Dh'fhuirich i féin 'na faireachadh, agus an uair a thàinig an
t-àm dhasan éiridh dhùisg i e. Thug i dha a bhraiceas, agus
an déigh a bhraiceis deoch as a botulan ìocshlaint 'na cuaich
òir. Ghlac e 'n sin a chlaidheamh, agus thionn e 'mach.
Mu'n gann a fhuair e thar stairsnich an doruis dh'fhairich
e a' Bheithir a' tighinn. Rinn e deas air a son, agus cho luath
's a thàinig i thòisich còmhrag chruaidh eatorra. Bha esan 'g
a dhìon féin o na cinn, agus ise 'ga lot le gath mòr a bh' aice
'am barr a h-earbaill. Chum iad air a' chath gu àm dol fodha
na gréine. An sin thubhairt i ris, "Is leat do leaba 'nochd
fhathast, ach coinnich mise romh éiridh gréine 'm màireach."
Chaidh a' Bheithir a rathad féin, agus thill esan a 's tigh do'n
Chaisteal.
Ghlan am boirionnach a chréuchdan, chuir i ìochslaint ris
gach lot a bh' air a chorp, agus chuir i laidhe e.
An uair a dhùisg e air an ath mhadainn dh'fhairich e gu'n
robh e cho slàn fhallain agus a bha e riamh. An déigh dha
éiridh, agus a bhraiceas agus deoch de'n ìocshlaint fhaotainn
thog e leis a chlaidheamh, agus chaidh e 'n coinneamh na
Beathrach. Ghleachd iad o mhadainn gu feasgar, esan 'ga
dhìon féin o na cinn, agus ise 'ga lot le gath a h-earbaill. Aig
dol fodha gréine stad iad. Chaidh ise a rathad féin, agus thill
esan do'n Chaisteal.
Ghabh am boirionnach aig' air an oidhche so mar rinn i air
An Crochaire Lom-Rusgach.
133
an oidhche roimhe. An uair a dhùisg e air an treas madainn
bha e cho slàn o chréuchdan 's a bha e riamh. An déigh dha
'bhraiceas agus deoch de'n ìocshlaint fhaotainn ghlac e chlaidh­
eamh, agus chaidh e 'n coinneamh na Beathrach.
Air a mhadainn so chual e i 'tighinn agus sgriachail oillteil
aice. Ach smaointich e bho'n sheas e 'n dà là roimhe, gu'm
féuchadh e i an latha so fathast. Thàinig a' Bhéist, agus
chaidh iad 'na chéile. Bha ise 'tilgeil ghath as gach béul air,
agus bha esan 'ga dhìon féin uapa le 'chlaidheamh. Mu
chiaradh an fheasgair bha e 'fàs lag, ach ma bha dh'aithnich e
gu'n robh ise cuideachd a' call a neart. Thug so misneach
dha, agus dhlùthaich e rithe gu cruaidh. Aig dol fodha gréine
thug i thairis, agus shìn si i féin air a' bhlàr.
"Nis," thubhairt i, "rinn thu 'n gnothuch orm, ach bha 'n
cothrom agad. Anns an oidhche bha thu faotainn do
chréuchdan a ghlanadh agus a shlànachadh, agus bha thu gu
blàth seasgair ri taobh an teine anns a' Chaisteal agamsa.
Ach na'n d' fhuair mise leth uair a thìm de bhlàthas an teine
cha do thill thusa ni's mò na 'n fheadhainn a thàinig air
thoiseach ort." Tharrainn Alastair a chlaidheamh an so, agus
le seachd buillibh chuir e na seachd cinn de'n Bheithir. Ach
air an t-seachdamh buille thug i togail air a h-earball, agus
bhuail i anns an taobh e. Thuit e mar gu'm bitheadh e
marbh, agus cha-n fhac agus cha d' fhairich e dad tuillidh gus
an do dhùisg e mu mheadhon oidhche.
Bha 'm boirionnach a' sin a' glanadh agus a' slànachadh a
chréuchdan. An uair a bha i deas de sin chuir i laidhe e.
Air an ath mhadainn chaidh i far an robh e, agus dh'fheòraich
i dh'e ciamar bha e 'ga fhaireachdainn féin? Fhreagair e
gu'n robh gu làidir fallainn. "Is math sin," thubhairt i. "Tha
chuid a's mò a d' dhéuchainnibh seachad a nis."
An uair a dh'éirich e agus a fhuair e 'bhraiceas, thubhairt i
ris, "Mharbh thu Famhair Mòr nan Dà Cheann 'an Caisteal
ceann Aisridh Chreagach na Beinne Buidhe, mharbh thu
Famhair Mòr nan Trì Cheann, nan Trì Meall, agus nan Trì
Chnap 'an Caisteal Mòr nan Ochd Turaitean, agus mharbh
thu Beithir Theinnteach nan Seachd Cinn Nathrach agus a'
Ghath-nimhe anns a' Chaisteal Ùdlaidh so. Cha d' fhuair ach
134
An Crochaire Lom-Rusgach.
aon dhiubhsan a thàinig romhad air an turus air am bheil
thusa dol tighinn gu ruig so. Thàinig esan thar Aisridh
Chreagach na Beinne Buidhe, agus thar Aisridh an Loch
Dheirg air iom-bàthadh. Fhuair e tromh thalamh-toll
seachad air a' chéud dà Chaisteal, ach cha b' urrainn e dol
seachad air a' Chaisteal so gun dol troimhe. Choinnich a'
Bheithir Theinnteach e aig an dorus, agus chuir i as da. Ach
thàinig thus' air an t-slighe cheart, agus bha buaidh leat gu
ruig so. Cha bhi mise 'g'ad ghleidheadh ni's faide, oir tha
mòran agad r'a dheanamh fhathast. Cha d' fhuair thu ach
latha 's bliadhna airson cur as do'n Chrochaire Lom-rusgach,
agus mar bi d' obair deas agad roimhe sin bheir e leis mo
cheathramh piuthar mar thug e leis sinne. Falbhaidh mise
leat, agus cuiridh mi air ceann na slighe thu. Cha stad agus
cha tàmh thu gus an ruig thu Sabhal Mòr nan Seachd Crùb,
nan Seachd Lùb, agus nan Seachd Suidheachan. Chi thu fo
'n t-Sabhal air Cnoc Buidhe na Gréine fìor sheann duine a'
gearradh sgroth le Làir-chaibe. Innsidh tu dha an t-saoir air
am bheil thu, agus innsidh esan duitsa gu dé a their agus a ni
thu 'n a dhéigh sin. Gabhaidh tu comhairle bho gach aon a
bheir dhuit i gu dìleas. Tha beannachd an Righ a'd' chois,
tha beannachd na h-Iorasglaich a'd' chois, tha beannachd
Gath-gréine, mo phiuthar, a'd' chois, tha beannachd Soillse-
dubhair a'd' chois, agus tha mo bheannachd-s' agad mar
an céudna. Bi siubhal air do thurus, agus dean mar dh'
iarr mis' ort, agus bithidh gach ni ceart an uair a thilleas
thu."
An sin dh'fhalbh e. Bha e 'siubhul air aghaidh cian
fhada agus làn fhada. An uair a thòisich e air fàs sgìth
chuimhnich e air éuchd agus air a bhuaidh. Thug so aotrom­
achadh air 'inntinn, agus fhuair e air aghaidh gu math air a
shlighe. An teis-meadhoin a smaointean thàinig e 's tigh air
ceann an aon Ghlinne 'bu bhoidhche 'chunnaic e riamh.
Thubhairt e ris féin, "Féumaidh nach 'eil mi fada bho Shabhal
Mòr nan Seachd Suidheachan a nis." Mu'n do leig e 'm facal
as a bhéul chunnaic e 'n Sabhal beagan air thoiseach air,
agus an aon Chnoc 'bu bhòidhche a chunnaic e riamh a'
soillseachadh mar òr ri gréin 'an ìochdar a' Ghlinne, agus an
An Crochaire Lom-Rusgach.
135
aon duine 'bu shine coltas a chunnaic e riamh a' gearradh
sgroth le làir-chaibe air leth taobh a' chnuic.
Ghabh e fàr an robh an Duine, agus chuir e fàilt an là air.
Fhreagair an Duin' e gu brosglach, sgairteil, fada ni 'b' òige
'na chainnt na bha e 'n a choltas, agus dh'fheòraich e dh'e
cia as a thàinig e? Fhreagair Alastair, "Thàinig mi bho
Chaisteal Righ Lochlainn, tromh Aisridh Chreagach na
Beinne Buidhe, tromh Chaisteal ceann na h-Aisridh fàr an do
mharbh mi Famhair Mòr nan Dà Cheann, tromh Chaisteal
Mòr nan Ochd Turaitean far an do mharbh mi Famhair Mòr
nan Trì Cheann, nan Trì Meall, agus nan Trì Chnap, tromh
Chaisteal Ùdlaidh na Beithir Theinntich nan Seachd Cinn
Nathrach agus a' Ghath-nimhe, agus as a' sin gu ruig so féuch
an innseadh tusa dhomh c'àit am faighinn anam a' Chrochaire
Lom rusgaich?" Thug an Seann Duine sùil air anns an
aodann, agus thubhairt e, "Leig fhaicinn domh do chlaidheamh,
a Laoich." Tharrainn Alastair a chlaidheamh as an truaill,
agus shìn e dha e. Rug an Seann Duin' air a' chlaidheamh eadar a
dhà mhèur, agus chuir e eadar e agus lèus e. Shìn e 'n sin air ais
e, agus thubhairt e, "Faiceam thu a' fleadhadh do chlaidheamh,
a Laoich." Rug Alastair air a' chlaidheamh, agus thug e
cuairt chùil agus cuairt bheòil leis cho aotrom, agus ged b' e
sgian an fhéidh a bhitheadh 'na dhòrn. Léum an Seann
Duine, agus rug e air laimh air, agus thubhairt e, "A Laoich,
thàinig thu an rathad a thubhairt thu. Cha-n urrainn mise
innseadh dhuit c'àit' am bheil anam a' Chrochaire Lom-
rusgaich a nis, oir theich e as an àit anns an robh e bho
cheann cheithir làithean. Ach faodaidh gu'n innis m' athair
dhuit e." "Oh, am bheil d' athair beò, no 'n urrainn mise
fhaicinn?" "Tha e beò. Sud e 'giùlan nan sgroth air a mhuin.
Rach fàr am bheil e, agus feòraich dh'e."
Ràinig Alastair Fear-ghiùlan nan-sgroth, agus dh'fheòraich
e dh'e, an robh fhios aige c'àit' an robh anam a' Chrochaire
Lom-rusgaich 'am falach? Fhreagair an Seann Duine, "Cha-n'
eil; theich e as an àit' anns an robh e bho cheann trì làithean.
Ach faodaidh gu'n innis m' athair dhuit." "Oh, am bheil
d' athair beò, no 'm faod mise fhaicinn?" "Oh, tha e beò,
agus is urrainn thu fhaicinn cuideachd. Sud e thall a' tilgeil
136
An Crochaire Lom-Rusgach.
nan sgroth. Rach agus feòraich dh'e." Ràinig Alastair am fear
a bha 'tilgeil nan sgroth, agus thubhairt e ris am b' urrainn e inns­
eadh c'àit an robh anam a' Chrochaire Lom-rusgaich am falach?
Fhreagair e, "Cha-n urrainn, oir theich e as an àit' anns an
robh e bho cheann dà latha. Ach faodaidh gu'n innis m'
athair dhuit." "Ùbh! ùbh! a Dhuine, an urrainn mise d'
athair fhaicinn no 'm bheil e 'n comas bruidhinn rium? Oir
féumaidh gu'm bheil e ro shean." "Ù, is urrainn thu fhaicinn,
agus is urrainn esan bruidhinn riut. Sud e 'cur nan sgroth.
Ràinig Alastair am fear a bha 'cur nan sgroth, agus dh'fheòr­
aich e dh'e am b' urrainn e innseadh c'àit' an robh anam
a' Chrochaire Lom-rusgaich am falach? Fhreagair e cha-n
urrainn, oir theich e as an àit anns an robh e 'n dé. "Ach
ruig m' athair, agus innsidh esan duit c'àit' am faigh thu e."
"Gu dé 'n seòrsa duine 'th' ann a'd' athair? An urrainn mise
fhaicinn, no 'n urrainn esan bruidhinn rium?" "Chi thu e,
agus bruidhnidh e riut, agus innsidh e dhuit gu dé 'th' agadsa
r'a dheanamh 'na dhéigh so." "Ach c'àit 'am faic mi e?"
"Tha e ann an sopan còinnich cùl a' Mhaide-chrùim. Ach
féumaidh mi féin dol leat. An uair a bhitheas tu 'bruidhinn
ris, bheir thu ro-aire nach teid thu 'm fad laimh dha, oir ma
gheibh e greim air mìr de d' cholainn bruthaidh e thu mar
spiligein eòrna fo lic brathann. Mu'n dealaich sibh iarraidh
e do làmh ort, agus ma bheir thu dha i bruthaidh e i gus am
bi i cho caol ri deilg maraige. Ach so dhuit geinn daraich
(agus e 'sìneadh dha durc de cheann cabair), agus bheir thu
dha e 'n uair a dh'iarras e do làmh."
Chaidh iad a 's tigh do'n tigh fàr an robh an Seann Duine.
Thug Fear-chur-nan-sgroth ultach mòr còinnich a nuas o chùl
a' mhaide-chrùim, agus chuir e air lic-an-teinntein e. "Tha an
Sopan Mòr, a Dhuine," thubhairt Mac Righ Eirionn. "Is mò
na sin m' athair 'na bhroinn," arsa Fear-chur-nan-sgroth.
Thug e mach athair as an t-sopan, agus chuir e air an lic e.
"Gu dé d' fhéum orm a nis, a Mhic," ars' an t-athair. "Is
fada bho nach d' iarr thu roimhe mi." Fhreagair am Mac,
"Tha Curaidh Òg a' so a tha 'g iarraidh fios c'àit am bheil
anam a' Chrochaire Lom-rusgaich am falach." "A Mhic
Righ Cormaic an Éirinn, gu dé 'n rathad a thàinig thu gu ruig
An Crochaire Lom-Rusgach.
137
so?" dh'fheòraich Fear-an-t-Sopain-Choinnich. Dh'innis
Alastair dha gach céum a thug e bho'n latha 'dh'fhàg e tigh
athar, agus gach ni a thachair dha gus an là ud. "Is fìrin­
neach a dh'innis thu dhomh, a Mhic Righ Eirionn. Loisg
d' athair a' Chailleach-chearc, agus tha do mhàthair fo bhron
air do shon. Tha 'guidhe 's a beannachd a'd' dhéigh, tha
beannachd Righ Òg Ceist a'd' dhéigh, tha beannachd Ban-
righ Òg Ceist a'd' dhéigh, tha beannachd Righ Lochlainn a'
d' dhéigh, tha beannachd agus buaidh na h-Iorasglaich a'd'
dhéigh, agus bithidh mo bheannachd-s' a'd' dhéigh. Bha
thusa dìleas do d' bhràthair, agus bithidh gach beathach agus
gach duin' a choinnicheas thu dìleas dhuitsa. Agus, a Thréun-
laoich, thoir dhomh crathadh de d' laimh, agus innsidh mise
dhuit c'àit am faigh thu anam a' Chrochaire Lom-rusgaich.
Shìn an Seann Duine 'mach a làmh, agus shìn Alastair an geinn
daraich dha. Rug e air a' gheinn, thug e bruthadh agus
crathadh air, agus rinn e cothan d'e. An uair a leig e as e
thubhairt e, "A Mhic Righ Eirionn, is cruaidh do làmh,
agus dh'fhéumadh i gu ruig so. Tha thu sgìth, air phathadh
agus air acras, is airidh thu air biadh agus air deoch, agus
gheibh thu sin. An déigh do shuipeir theid thu laidhe,
agus aig éiridh gréine 'm 'màireach bithidh tu deas airson du
thuruis. Cumaidh tu air d' agaidh gun tilleadh, gun stad,
gun sealltainn as do dhéigh gus an ruig thu Doire Dlùth-
dhuilleach nan Craobh. Chi thu 'n sin Eilid Luath-chasach
nan Stùchd nach d' fhuair cù no duine riamh 'na còir.
Beiridh tu oirre, fosglaidh tu i, agus gheibh thu bradan anns a
mhaodal aice. Fosglaidh tu 'm bradan, agus ann am broinn
a' bhradain gheibh thu Lach uaine na h-ite réidh. Ann am
broinn an Lach gheibh thu Ubh, agus beiridh tu air an Ubh
eadar do dhà laimh, agus brisidh tu e mu'm bean e do'n
bhlàr. Oir ma bheanas e do'n bhlàr cha-n fhaic thu Righ,
no duine no daoine gu bràth as a dhéigh sin. Ach ged tha do
làmh cruaidh cha bhrist i 'n t-Ubh gun mo chuideachadh-sa."
Dh'fhéuch e laimh ris anns a' chòinnich, agus thug e mach
crogan. Shìn e 'n crogan do dh'Alastair, agus thubhairt e,
"Sin agad ola. Cho luath 's a ruigeas tu Doire Dlùth-
dhuilleach nan Craobh dòirtidh tu an ola air do làmhaibh, agus
An Crochaire Lom-Rusgach.
138
rubaidh tu leò a h-uile mir do d' chraicionn a bhitheas rùisgte,
no ris an saoil thu gu'm bean fuil Éilde, no lann Bradain, no
ite Lach, no plaosg Uibhe. Gabhaidh tu aoidheachd o bheath­
ach no bho 'dhuin' a bheir dhuit i gun iarraidh. Agus
bithidh fios agad féin gu dé 'bhitheas agad r'a dheanamh 'n
a dhéigh sin. Beir air an ola so 'nis, agus thoir leat i, agus bi
deas airson do thuruis mar dh'iarr mis' ort." Bha fhios aig
Alastair nach robh math dha a làmh a shìneadh airson a'
Chrogain. Le sin shìn e a chlaidheamh, agus thubhairt e,
"Cuir an Crogan air barr mo mheòir." Rinn an Seann Duine
sin, agus rug e air a' chlaidheamh 'na dhòrn, agus bhrùth se e
gus an robh e cho cruinn ri bioran maide. An sin thuhhairt
e, "Ni thu 'n gnothuch. An uair a bhristeas tu an t-Ubh
bithidh an Crochaire Lom-rusgach marbh. Tillidh tu 'n sin
air d' ais an rathad a thàinig thu. Bheir thu leat nigheannan
Righ Lochlainn as na Caistealaibh anns am bheil iad. Gabh­
aidh tu 'n sin gu Caisteal na Beinne Brice far am faigh thu
'm Famhair Mòr 'na shìneadh marbh air an ùrlar. Gearraidh
tu dheth an ceann agus na casan gu ruig na glùinean, agus
bheir thu leat iad gu Caisteal Righ Lochlainn. An uair a
ruigeas tu an Caisteal cuiridh tu teine mòr air, agus an uair a
bhitheas e an teas a ghabhalach tilgidh tu iad 'n drùim an
teine. Cho luath 's a gheibh iad dathadh anns an lasair
fasaidh iad 'nan òganach cho dreachmhor agus a chunnaic
duine riamh. Is bràthair e do Righ Lochlainn a chaidh a
ghoid o mhàthair leis a' Bheithir Theinntich an uair a bha e
'na leanabh. Bha i 'ga chumail an sud fo gheisibh a'
deanamh gach cron a b' urrainn e air an Righ gus an d'
thàinig thusa. Nis, dean mar dh'iarr mis' ort, agus bithidh
mo bheannachd-s' a'd' chois."
Air an ath mhadainn dh'fhalbh Alastair air a thurus. Chum
e air aghaidh cian fhada agus làn fhada. Bha 'm feasgar a'
tighinn air, neòil shìobhalta, shàmhach an là a falbh, agus
neòil dhubha, dhorcha na h-oidhche 'teachd, na h-eòin bheaga,
bhuchallach, bhachlach, bharra-bhuidh a' gabhail mu thàmh
'am bunaibh nam preas, agus 'am barraibh nan dos, agus anns
na h-innseagaibh fasgach, bòidheach, a bu laghaiche a thaghadh
iad dhoibh féin. Mu dheireadh bha e fàs sgìth, agus fann le
139
An Crochaire Lom-Rusgach.
acras. Thug e sùil air thoiseach air, agus cò 'chunnaic e
ach Madadh-na-Maoile Mòire. An uair a choinnich iad a
chéile chuir am Madadh còir fàilt agus furan air gu cridheil.
Dh'fheòraich e dh'e cean' a bha e dol? Dh'innis Alastair
dha gu'n robh e 'dol a dh'iarraidh anam a' Chrochaire
Lom-rusgaich. Thubhairt am Madadh ris, "Tha 'n oidhch' a'
tighinn, agus tha thu sgìth; thig còmhla riumsa, agus bheir
mi dhuit an aoidheachd a's fearr a's urrainn mi 'nochd." Dh'
fhalbh e leis a' Mhadadh gu toileach. Ràinig iad fail a'
Mhadaidh, agus b' e sin an t-àite tioram, seasgair le pailteas
teine, sithionn fhiadh, 'us eildean 'us earbaichean. Fhuair
e gu leòir ri' itheadh, agus leaba bhlàth shocrach le béin
fhiadh fodha, agus béin éildean agus earbaichean thairis
air.
Air an ath mhadainn fhuair e 'bhraiceas de'n cheart seòrsa
bithidh a bh' aig' air a shuipeir. An uair a bha e falbh
thubhairt am Madadh còir ris, "Uair air bith a ni fiacail làidir
nach géill 'na greim no cas luath lùghmhor a shiùblas
creachann beinne no ruitheas air ùrlar glinne féum dhuit
cuimhnich ormsa, agus bithidh mise ri d' thaobh. Thug e
buidheachas mòr do'n Mhadadh chòir, agus dh'fhalbh e air
a thurus.
Chum e air aghaidh cian fhada agus làn fhada gus an robh
e fàs sgìth, agus dorchadh nan tràtha' tighinn. Thug e sùil
air thoiseach air, agus cò 'chunnaic e 'tighinn 'na choinneamh
ach Dóbhran Donn Shruth an Iùil. An uair a choinnich
iad chuir an Dóbhran fàilte shunntach air, agus dh'fheòraich e
dh'e c'àit' an robh e dol? Dh'innis Alastair sin da, "Tha 'n
oidhche 'tighinn, agus tha thu sgìth; thig leamsa 'nochd, agus
gheibh thu 'n aoidheachd a's fearr a's urrainn mis' a thabhairt
duit." Chaidh e leis an Dóbhran a dh'ionnsaidh a' Chùirn
aige. B' e sin an t-àite blàth, seasgair le pailteas teine, agus gu
leòir de dh'iasg bradain agus bànaig. Fhuair e 'shuipeir gu
math agus gu ro mhath, agus leaba cho socrach 'us air an do
laidh e riamh de riasg réidh nan Lochan-uisge. Air an ath
mhadainn fhuair e 'bhraiceas de'n cheart seòrsa a bh' aig' air
a shuipeir an oidhche roimhe. An uair a bha e falbh thubhairt
an Dóbhran ris, "Uair air bith a ni earball làidir a shuàmh fo
140
An Crochaire Lom-Rusgach.
'n loch no 'chur gach sruth agus gach caisil féum dhuit, cuimh­
nich orm-sa, agus bithidh mise ri d' thaobh." Thug Alastair
buidheachas do'n Dóbhran laghach, agus dh'fhalbh e.
Shiubhail e air aghaidh cian fhada agus làn fhada gus an
robh e fàs sgìth, agus an oidhch' a' tighinn. Thug e sùil air
thoiseach air, agus cò 'chunnaic e 'na ghurach air cloich ach
Seabhag Mòr Chreag nan Sgeilp. An uair a choinnich iad dh'
fheòraich an Seabhag dh'e c'àit' an robh e 'dol, agus dh'innis
Alastair dha an turus air an robh e. "Tha 'n oidhch' a' tighinn,
agus tha thu sgìth agus acrach," ars' an Seabhag; "is fearr dhuit
fuireachd leamsa 'nochd, agus bheir mi dhuit an aoidheachd a's
fearr' a's urrainn mi." Dh'fhalbh e leis an Seabhag g'a Sgeilp
fhasgaich féin. B' e sin an t-àite tioram, seasgair fàr an d'
fhuair e pailteas de shithinn gach seòrs' èun, agus leaba de dh'
iteagaibh cho socrach agus air an do laidh e riamh. Air an ath
mhadainn, an déigh dha 'bhraiceas fhaotainn, thubhairt an
Seabhag ris, "Uair air bith a ni sgiath lùghmhor, làidir a
shiùbhlas tromh athar no thar bheann agus thar loch féum
dhuit cuimhnich ormsa, agus bithidh mise ri d' thaobh."
Cha deachaidh e ro fhad' air aghaidh an uair a thàinig e 'm
fradharc Doire Dlùth-dhuilleach nan Craobh. Ràinig e 'n
Doire, agus mu'n gann a fhuair e 's tigh, léum Eilid Luath-
chasach nan Stùchd a mach, agus thog i ris a' Bheinn. Shìn e
as a déigh, ach mar bu luaith' a dh'fhalbhadh esan b' ann a b'
fhaide 'bhitheadh ise bhuaithe. An uair a chlaoidh se e féin 'g
a leantainn chuimhnich e air a' Mhadadh agus thubhairt e,
"Nach bu mhath Madadh na Maoile Mòire 'so a nis?" Cha
luaith' a chaidh am facal as a bhéul na bha 'm Madadh r'a
thaobh. Dh'innis e do'n Mhadadh gu'n robh e air a chlaoidh­
eadh as déigh na h-Éilde, agus gu'n robh e ni 'b' fhaide uaipe
'n sin na bha e 'n uair a thòisich e air a leantainn.
Dh'fhalbh am Madadh 'na déigh, agus dh'fhalbh esan an
déigh a' Mhadaidh gus an d' ràinig iad taobh an Lochain Uaine.
An sin rug am Madadh air an Eilid, agus dh'fhàg e i aig casaibh
Alastair. B' ann a' sin a chuimhnich Alastair air an ola. Ghrad
thaom e i air a lamhaibh, agus rub e i ris gach mìr d'a chraicionn
ris am faodadh fuil na h-Éilde beantainn. Chaidh e 'n sin an
141
An Crochaire Lom-Rusgach.
carabh na h-Éilde, agus dh'fhosgail e i. Ach ma dh'fhosgail
cha b' ann gun chath, oir bha crodhain cho biorach agus a
casan cho làidir, agus mur bhi an ola gu'n tug i as a chéile 'na
mhìribh e. An uair a dh'fhosgail e 'mhaodal léum am Bradan
a mach aiste do'n Lochan Uaine.
Chaidh e 'n déigh a' Bhradain mu'n cuairt air bruachaibh an
Lochain, ach an uair a bhitheadh esan aig aon bhruaich bhith­
eadh am Bradan fo bhruaich eile. Mu dheireadh chuimhnich
e air Dóbhran Donn Shruth an Iùil, agus air ball bha e ri
'thaobh. Dh'innis e do'n Dóbhran gu'n robh 'm Bradan anns
an Lochan, agus nach b' urrainn e greim fhaotainn air. Ghrad
léum an Dóbhran a mach do'n uisge, agus an ùine ghoirid
thàinig e air ais leis a' Bhradan, agus dh'fhàg e aig casaibh
Alastair e. Rug Alastair air a' Bhradan, ach cho luath 's a thug
e toll air a bhroinn léum Lach na h-ite réidh agus an drùim
uaine mach, agus dh'itealaich i gu taobh thall an Lochain, agus
laidh i 'n sin. Dh'fhalbh e 'n a déigh, ach an uair a ràinig e
'n taobh air an robh i dh'éirich i agus chaidh i air a h-ais gus
an taobh a dh'fhàg e. 'Nuair a chunnaic e nach b' urrainn e
breith oirre chuimhnich e air Seabhag Mòr Chreag nan Sgeilp,
agus ann an tiota bha e ri 'thaobh. Dh'innis e dha mar fhuair
an Lach as, agus nach b' urrainn esan breith oirre. Ghrad
léum an Seabhag as déigh na Lach, agus ann an tiota thàinig e
leatha agus dh'fhàg e i aig casaibh Alastair.
Chuimhnich Alastair na'm beanadh an t-Ubh do'n bhlàr gu
'n robh na h-uile ni caillte. Uime sin dh'fhosgail e 'n Lach gu
faicilleach, agus cho luath 's a thàinig an t-Ubh anns an t-
sealladh ghrad rug e air 'na laimh. Ach thug an t-Ubh breab
as a dhòrn, agus léum e trì àirde duine anns an athar. Ach
mu'n do bhuail e 'n talamh fhuair Alastair greim air, agus thug
e cruaidh bhruthadh air eadar a dhà laimh agus a dhà ghlùn,
agus chuir e 'na bhruanaibh e.
Bha gach ni a fhuair e ri 'dheanamh criochnaicht' aige nis.
Thill e uime sin air ais an taobh a thàinig e. Fhuair e 'n t-
slighe cho réidh thèarainte 's a bha i roimhe làn chunnart agus
chnap-starraidh. An ùine ghoirid ràinig e Caisteal Ùdlaidh na
Beithir Theinntich. Choinnich am boirionnach e aig an dorus,
142
An Crochaire Lom-Rusgach.
agus ghlaodh i, "A ghràidh a dh'fhir an t-Saoghail! thug thu
buaidh, agus gheibh thu do dhuais!" Dh'fhalbh i leis, agus
an uine ghoirid ràinig iad Caisteal Mòr nan Ochd Turaitean.
Choinnich Soills' an Dubhair iad anns an dorus, agus dh'fhalbh
i leò. Ràinig iad an sin Caisteal Mòr ceann na h-Aisridh
Chreagach, agus fhuair iad Gath-gréine 'gam feitheamh. Dh'
fhalbh i leò, agus ràinig iad Caisteal Famhair Mòr na Beinne
Brice, agus fhuair iad e 'na shìneadh marbh air an ùrlar. Rug
Alastair air a chlaidheamh mhòr fhéin, agus thug e 'n ceann
agus na casan fo na glùinibh dheth. Cheangail e suas iad, agus
thug e leis iad.
"Nis," thubhairt Gath-gréine, "is e 'nochd an oidhche' anns
an robh am Famhair Mòr ri tighinn airson mo pheathar a's
òige, agus tha m' athair 'an tròm bhròn a chionn gu'm bheil e
cinnteach gu'n deachaidh thusa 'mharbhadh o nach do thill thu
roimhe so. Tha dhaoine uile cruinn aige 'thabhairt coinneamh
do'n Fhamhair an uair a ruigeas e. Ach thig a bhròn gu gean,
agus a thùrsadh gu gàire. An uair a thig e 'nar coinneamh
innsidh tu dha mar dh'éirich dhuit o'n là anns an d' fhalbh
thu gus an oidhche nochd."
An uair a bha iad a' dlùthachadh ris a' Chaisteal chunnaic
iad feachd mòr a' feitheamh ri teachd an Fhamhair. Bha 'n
Righ agus na bha 's a' Chaisteal gu tùrsach, brònach airson na
h-ighinn a bha gu bhi air a toirt uapa. Ach am meadhon a
bhròin thug an Righ sùil a mach air uinneig, agus chunnaic e
Alastair a' tighinn le triùir bhoirionnach 'na chuideachd, agus
ceann 'us casan an Fhamhair aige thar a ghualain. Léum e
mach 'na choinneamh, agus rug e air eadar a dhà laimh, agus
phòg se e. "A ghràidh a dh'fhir an t-Saoghail! bha fhios agam
gu'm bitheadh buaidh leat, agus bithidh mise cho math 'us
mo ghealladh dhuitsa. Ach o'n thug thu féin dachaidh mo
chuid nighean uile gheibh thu do roghainn diù o'n té 's sine
gus an té 's òige." "Mata," thubhairt Alastair, "an té 'chaidh
mise a thèarnadh o'n Chrochaire Lom-rusgach is i sin mo
roghainn." An uair a chuala gach té do chàch so bha iad ro
dhubhach nach do roghnaich e iad féin. Ach o'n thug e
mach a bhuaidh, agus a rinn e na h-uibhir air an son dh'
aontaich iad uile gu'm faigheadh e 'n té a roghnaich e.
143
An Crochaire Lom-Rusgach.
An sin dh'fheòraich an Righ do dh'Alastair gu dé 'bha e
'dol a dheanamh ri ceann agus ri casan an Fhamhair. "Mu'n
ith mi biadh agus mu'n òl mi deoch chi thu sin," ars' Alastair.
Fhuair e 'n sin connadh agus rinn e teine mòr, agus an uair a
bha 'n teine 'an teas a ghabhalach thilg e 'n ceann agus na
casan ann am meadhon na lasrach. Cho luath 's a dhathadh
falt a' chinn, agus a loisgeadh craicionn nan cas léum an
t-aon Òganach a bu dreachmhoir' a chunnaic iad riamh a
mach as an teine. "O, mac mo mhàthar agus m' athar a
chaidh a ghoid 'na leanabh!" ars' an Righ, agus e 'léum a null
agus a' breith air eadar a dhà làimh. An uair a dh'fhàiltich
iad a chéile chaidh iad uile 's tigh do'n Chaisteal.
Chuir an Righ roimhe gu'm bitheadh Alastair agus a nighean
air am pòsadh an oidhche sin féin. Ach an uair a chual
Alastair so thubhairt e, "A Righ Lochlainn, tha do thairgse
glé mhath. Ach cha phòs mise do nighean, agus cha chuir mi
seilbh ann am mìr de d' rìgheachd gus an cuir thu fios air Righ
Òg Ceist agus air Ban-righ Òg Ceist a dh'ionnsaidh na
bainnse." Chaidh an Righ an iomagain mhòir, a chionn nach
robh fios aige gu dé 'n taobh a chuireadh e fios orra. Ann am
meadhon a smaointean chuimhnich e air an Iorasglach-ùrlair.
Chaidh e fàr an robh i, agus dh'innis e dhi iarrtàs Alastair.
"Faigh thusa gach ni eile deas, agus bithidh iad agamsa 'n so
romh éiridh gréine 'm màireach," ars' an Iorasglach. Agus mar
thubhairt b' fhior. A chéud sùil a thug an Righ ris a' mhuir
air an ath mhadainn chunnaic e dà churach a' tighinn gu
tràigh. A mach a té dhiù thàinig Cormac agus a bhean, agus
as an té eile thàinig an Iorasglach-ùrlair.
Léum Alastair a mach nan coinneamh, agus b' i sin an
fháilte chàirdeil a chuir iad air a cheile! Thàinig an Righ nan
coinneamh, agus chuir e fàilte chridheil orra. Chaidh iad a
dh'ionnsaidh a' Chaisteil agus bha 'm pòsadh air a dheanamh.
An déigh do'n phòsadh a bhi seachad rinn iad cuilm mhòr a
mhair là agus bliadhna. An ceann na h-ùine sin thill Cormac
agus a bhean d'an àite féin, agus chaidh Alastair agus a bhean
leò. Dh'fhuirich Cormac 'an Caisteal Righ Ceist, ach chaidh
Alastair air ais gu àit' athar. An uair a chunnaic a mhàthair
e chuir i fàilte mhòr air, agus rinn athair toileachadh mòr an
144
An Crochaire Lom-Rusgach.
uair a chual e gu'n robh Cormac 'na Righ Òg Ceist. Rinn
an Righ an so cuilm mhòr eile do dh'Alastair agus d'a bhean,
agus do na h-uile 'bha mu'n cuairt air.
Agus cha d' fhuair mise ach ìm air éileig, brochan 'an
craidhleig, brògan paipeir. Chuir iad an allt mi, 's theirig
iad.
Úsáideadh aithint lámhscríbhneoireachta uathoibríoch chun an mhír seo a thras-scríobh mar chuid den tionscadal Díchódú Oidhreachtaí Folaithe.