Archival Reference

SSSA/TA/AT302/013

School of Scottish Studies FTFL

Transcript

AI
CATHAL O' CRUACHAN AGUS BUACHAILLE
NA GREIGHE.
BHA Cathal O' Cruachan agus Buachaille na Greighe
ann uair-eigin roimhe so.
Thachair iad air a chéile, agus chuir iad geall air­
son camanachd. Bha a' chamanachd ri seasamh tri
làithean, agus aig ceann na tìm sin bha an t-each a b'
fhearr 's a' ghreigh aig Cathal ri 'fhaighinn na 'm
buidhneadh e, agus a' bhean aige r'a tabhairt do
Bhuachaille na Greighe na'n cailleadh e.
Choinnich iad air a' cheud là, agus bhuidhinn Cathal
O' Cruachan. Choinnich iad a rìs an dara là, agus
chaill Cathal O' Cruachan, agus bhuidhinn Buachaille
na Greighe. Air an treas là chaidh iad ris a' chluich
aon uair eile, agus chuir iad an là glé theth, ach
bhuidhinn Cathal, agus chaill am Buachaille.
An sin thubhairt Buachaille na Greighe ri Cathal:
"Tachair orm-sa am màireach aig a' leithid so de dh'
àite, agus gheibh thu na h-eich a chur seachad ort."
Mu'n d' fhalbh Cathal 's a mhaduinn, thubhairt
a bhean ris: "Cuimhnich nach gabh thu gin de na
h-eich gus an tig loth pheallagach, odhar, a bhitheas
air dheireadh orra uile."
Choinnich iad, agus chuir Buachaille na Greighe na
h-eich seachad air a bheulaibh; ach cha do ghabh e
h-aon diubh, gus an d' thàinig an loth pheallagach,
odhar, a bha air dheireadh. An sin thubhairt e:
"Is e so mo roghainn de na h-eich, agus an uair
58
FOLK TALES AND FAIRY LORE.
a rug e oirre, dh'fhalbh e dhachaidh, làn-thoilichte
leatha. Ach mo thruaigh léir! cha b' fhada a mheal
e a sholas. An uair a ràinig e dhachaidh, dh'innis iad
da gu'n do ghoid Famhair a bhean an uair a bha e
air falbh. Bhòidich e nach rachadh poll à 'bhròig
no lub á 'osan gus am faigheadh e a bhean, air-neo
gus an cailleadh e a bheatha 'san oidhirp.
An camhanaich na maidne thog e air, agus bha e
falbh, gus an robh dubhadh air a bhonnaibh, agus
tolladh air a bhrògan, na h-eòin bheaga, bhuchallach,
bhachlach, bhàrra-bhuidhe a' gabhail mu thàmh am
bun nam preas 's am bàrr nan dos, na h-easagan
lughach, laghach, mar a b' fhearr a thaghadh iad féin
d' a chéile; ach ged bha iad-san cha robh Cathal O'
Cruachan. Chunnaic e tigh beag soluis fada uaith,
ach ged b' fhada uaith e, cha b' fhada ga ruighinn e.
Ciod an tigh a bha aige an so ach tigh Madadh na
Maoile Móire. Thubhairt am Madadh còir: "A
Chathail O' Cruachain, a dhuine bhochd, chaidh do
bhean bhòidheach seachad an so an raoir aig an
Fhamhair Mhór air a ghualainn.
Fhuair e gabhail aige gu math leis a' Mhadadh
chòir, na'n deanadh sitheann fhiadh agus earb, feòil
chaorach agus mhult, gu leòir de bhoicionn ghabhar
fodha agus de chraicionn chaorach thairis air sin.
Chaidil e cho socrach 's a rinn e riamh. 'N uair a dh'
éirich e 's a' mhaduinn, fhuair e deagh ghabhail aige
leis a' Mhadadh agus 'n uair a bha e 'gabhail beann­
achd leis, thubhairt e ris: "Ma thig càs no éiginn ort
am feasd, anns an dean luathas chas feum dhuit,
cuimhnich orm-sa, agus bithidh mi ri d' thaobh."
Bha e a' falbh gus an robh dubhadh air a bhonnaibh
agus tolladh air a bhrògan, na h-eoin bheaga,
bhuchallach, bhachlach, bhàrra-bhuidhe a' gabhail
mu thàmh am bun nam preas 's am bàrr nan dos; na
h-easagan lughach, laghach, mar a b' fhearr a
60
FOLK TALES AND FAIRY LORE.
thaghadh iad féin d' a chéile; ach ged bha iad-san, cha
robh Cathal O' Cruachan.
Chunnaic e tigh beag soluis fad' uaith, ach ged b'
fhada uaith cha b' fhada 'ga ruighinn e.
Chaidh e stigh, agus gu dé bha an so ach tigh Seabhag
Chreag na Sgeilpe. Thubhairt an t-Seabhag ris: "A
dhuine bhochd, chaidh do bhean bhrèagh seachad an
so an raoir aig an Fhamhair Mhór air a ghualainn."
Fhuair e gabhail aige gu math le Seabhag Chreag na
Sgeilpe na'n deanadh eòin ruadha, 's tàrmachain,
liath-chearcan, is gach seòrsa eun a b' annasaiche na
chéile sin. Chuir an t-Seabhag a laighe e, air dùn
iteag a thàinig thairis air.
"Caidil thusa gu socair, a Chathail O' Cruachain;
is fear-faire furachail Seabhag Chreag na Sgeilpe,"
ars i.
Chaidil e gu socrach, agus 'n uair a dh'éirich e
's a' mhaduinn, fhuair e gabhail aige gu math, leis an
t-Seabhaig. 'N uair a bha e a' falbh, thubhairt i ris:
"Ma thig càs no éiginn ort am feasd anns an dean
dà sgéith luath, làidir, feum dhuit, cuimhnich orm-sa,
agus bithidh mise ri d' thaobh.
Thog e an sin air, agus bha e a' falbh gus an robh
dubhadh air a bhonnaibh, agus tolladh air a bhrògan,
na h-eòin bheaga, bhuchallach, bhachlach, bhàrra­
bhuidhe a' gabhail mu thàmh am bun nam preas 's
am bàrr nan dos; na h-easagan lughach, laghach, mar
a b' fhearr a thaghadh iad féin d' a chéile; ach ged bha
iad-san, cha robh Cathal O' Cruachan. Chunnaic e
tigh beag soluis fad' uaith, ach ged b' fhad' uaith
e, cha b' fhada 'ga ruighinn e.
Chaidh e stigh, agus gu dé bha so ach tigh
Dreathan-donn Sruth an t-Siubhail. Fhuair e a
shuipeir o an Dreathan de phronnaig arain agus
chàise. Chuir e laighe e ann an dùn cóinnich, a bha
cho socrach aige ri leabadh iteag na Seabhaige.
62
FOLK TALES AND FAIRY LORE.
Air an là màireach 'n uair a bha e 'gabhail beann­
achd leis, thubhairt e ris: "Ma thig càs no éiginn ort
ri d' thìm, anns an dean mise feum dhuit, cuimhnich
orm-sa, agus bithidh mise ri d' thaobh."
Air feasgar an là sin ràinig e tigh an Fhamhair.
'N uair chunnaic a bhean e, thubhairt i ris:
"Feumaidh tu dol am falach, oir marbhaidh am
Famhair thu, cho luath 's a thig e." Chuir i an sin
am falach e cho math 's a dh'fhaodadh i.
'N uair a thàinig am Famhair as a' Bheinn-sheilge,
agus a chaidh e stigh, thubhairt e: "I! Ho!
Hothagaich! tha mi a' faireachdainn fàile arrabhalaich
an so an nochd." "Cha'n eil ann ach eun a thug an
cat a stigh 's a tha mise a' ròstadh."
'N uair a chaidh am Famhair a laighe, thòisich a'
bhean ri ràdh ris: "Cha ghabh thu marbhadh leis cho
làidir 's a tha thu." Cha ghabh mi marbhadh le
leum orm féin aghaidh ri aghaidh," ars am Famhair.
"Ach am faca thu an stoc a tha mach mu choinneamh
an doruis? Tha caora am broinn an stuic, agus tha
eun am broinn na caorach, agus tha ubh am broinn an
eòin: agus co fhad' 's a bhitheas an t-ubh slàn, tha
mo bheatha-sa tèaruinte.
Dh'éirich am Famhair 's a' mhaduinn, agus thog e
air do'n Bheinn-sheilge. Cha bu luaithe a chaidh e
as an t-sealladh thar gualainn na beinne na bha Cathal
a mach leis an tuaigh. 'N uair a sgoilt e 'n stoc, leum
caor' air falbh as le luathas mór. Sheall e as a déidh,
agus chunnaic e nach robh ann ach faoineachd dha
dol 'ga ruith. An sin thubhairt e ris féin: "Nach bu
mhath an so Madadh na Maoile Móire, agus mu'n
gann bha am facal a mach á 'bheul, bha 'm Madadh
am broilleach na caorach. Thàinig e leatha, agus dh'
fhàg e i eadar a chasan. Dh'fhosgail Cathal an sin
a' chaora, ach cha bu luaithe a rinn e sin na leum eun
a mach aisde, agus a sgiath e air falbh. Thubhairt e
64
FOLK TALES AND FAIRY LORE.
an sin ris féin: "Nach bu mhath an so Seabhag
Chreag na Sgeilpe.
Mu'n gann bha 'm facal a mach as a bheul, thàinig
an t-Seabhag chòir, agus thug i air ais an Calman
marbh, agus dh'fhàg i aig a chasan e. Cha bu luaithe
a dh'fhosgail Cathal an t-eun na thuit ubh a mach
as, agus rol e stigh do chàrn mór chlach a bha dlùth
do'n àite.
Ghlaodh an sin a' bhean ris: "A Chathail O'
Cruachain, greas ort: tha am Famhair an déidh tighinn
thar faobhar na beinne a' gabhail gach sligh' a's
giorra na chéile. An sin thubhairt Cathal: "Nach
bu mhath an so Dreathan-donn Sruth an t-Siubhail,"
agus mu'n gann a thubhairt e 'm facal, sud an
Dreathan a stigh do'n chàrn, agus a mach thàinig e,
is an t-ubh aige 'na ghob. Cha mhòr nach robh am
Famhair aig an Dreathan cho luath ri Cathal O'
Cruachan. Ach shin an Dreathan an t-ubh do
Chathal, chuir e fo bhròig e, agus bhrist e e. Cha
luaithe a bhrist Cathal an t-ubh na thuit am Famhair
marbh an taobh a stigh do leth-cheud ceum dha.
Dh'fhuirich Cathal O' Cruachan agus a bhean an
oidhche sin an tigh an Fhamhair. Air an ath latha
thug iad leò gach òr is airgiod a bh' ann. Thug iad
leò, mar an ceudna, Dreathan-donn Sruth an t-Siubhail,
Seabhag Chreag na Sgeilpe, agus Madadh na
Maoile Móire. Agus an uair a ràinig iad an dachaidh
féin, rinn iad cuilm mhór, thlachdmhor dhoibh féin,
d' an coimhearsnaich, is d' an càirdean.
'N uair a theirig a' chuilm, thubhairt am Madadh:
"Feumaidh sinne 'bhi falbh."
Ach thubhairt Cathal: "Cha bhi." "Feumaidh
mise falbh co dhiùbh," deir am Madadh, "oir bithidh
mo thigh air a robadh aig sionnaich, aig feòcullain, is
aig taghain. Thubhairt an t-Seabhag: "Feumaidh
mise falbh cuideachd, oir bithidh mo dhachaidh air
66
FAIRY TALES AND FOLK LORE.
a robadh aig feannagan, 's aig fithich. Agus
thubhairt an Dreathann: "Bithidh mise 'falbh an
cuideachd mo chàirdean, o'n tha iadsan làidir agus
mise lag. Bithidh iad 'nan cuideachd dhomh air an
t-slighe. Thubhairt an t-Seabhag ris: "Leum an
àird cùl mo dhà sgéithe, agus cha bhean eun eile dhuit,
gus an ruig thu dhachaidh."
Ghabh an sin Cathal O' Cruachan an cead càirdeil
r'a chàirdean. Dhealaich mise riu aig an dorus, agus
thug mi dhachaidh orm.
Transcribed using automated handwriting recognition technology as part of the Decoding Hidden Heritages project.