The Young King of Easaidh Ruadh
Scotland
- Archival Reference
- SSSA/TA/AT302/012
- Date
- 1860
- Item category
- Book
- Aarne-Thompson index
- AT0302: The Ogre's (Devil's) Heart in the Egg
- Languages
- Scottish Gaelic
- English
- Parish
- Sound Of Islay
- Collector
- John Francis Campbell
- Narrator
- James Wilson
- Narrator source
- Unknown
Archival Reference
SSSA/TA/AT302/012
School of Scottish Studies WHT I (PTWH I)
Transcript
AI12WEST HIGHLAND TALES.RIGH OG EASAIDH RUAGH.Bha righ òg Easaidh Ruagh an dèigh dha'n oighreachd fhaotainnda fèin ri mòran àbhachd, ag amharc a mach dè a chordadh ris,'s dè thigeadh r'a nadur. Bha gruagach fagus d'a chomhnuidhris an abradh iad a ghruagach charsalach dhonn. Smaointich eris fèin gun rachadh e a dh'iomairt cluiche ris. Dh'fhalbh ethun an t-seanaghail, 's thubhairt e ris, "Tha mi air a dheanadhsuas gun d'théid mi dh'iomairt cluiche ris a' ghruagach charsalach dhonn." "Aha," arsa 'n seanagheal, "an duine mar so thu?am bheil thu cho uaibhreach 's gu bheil thu a' dol a dh'iomairtcluiche ris a a' ghruagach charsalach dhonn? B' e mo chomhairledhuit do nadur atharrachadh 's gun dol ann." "Cha dean misin." "B' e mo chomhairle dhuit ma bhuidhneas thu air a'ghruagach charsalach dhonn, an nighean mhaol charrach a thacùl an doruis fhaotainn airson brìgh do chluiche, 's cuiridh eioma car dheth mu'm faigh thu i." Chaidh e laidhe 'n oidhchesin, 's ma's moch a thainig an latha 's moiche na sin a dh'èirichan rìgh a chumail cluiche ris a' ghruagaich. Ràinig e a ghruagach.Bheannaich e do'n ghruagaich 's bheannaich a ghruagach dà.Thuirt a ghruagach ris, "A righ òg Easaidh Ruagh, dè thug a'm' ionnsuidh an diugh thu? an iomair thu cluiche rium?"Thòisich iad 's dh'iomair iad an cluiche. Bhùidhinn an rìgh."Tog brìgh do chluiche 's gu'm faighinn a bhi 'g imeachd." "'Se brìgh mo chluiche thu thoirt domh na nighin maoil carraich ath' agad air cùl an doruis." "'S iomad boireannach maiseach ath' agamsa stigh a bharrachd urra." "Cha ghabh mi gin ach isiod." "Beannachd dhuitse 's mollachd do d' oid-ionnsachaidh."Chàidh iad gu tigh na gruagaich 's chuir a' ghruagach an òrdughfichead nighean òg. "Tog a nis do roghainn asda sin." Bhaté 'tighinn a mach an dèigh té, 's a h-uile té 'thigeadh a mach,theireadh i, "is mis' i, 's amaideach thu nach 'eil 'gam thobhairtse leat;" ach dh'iarr an seanaghal air gun gin a ghabhailRIGH OG EASAIDH RUAGH.13ach an té mu dheireadh a thigeadh a mach. 'Nuair a thainig ante mu dheireadh a mach, thuirt e "So mo thè-sa." Dh'fholbh e leatha 's 'nuair a bha iad stàtuinn o'n tigh dh'atharraicha cruth, agus 's i boireannach a b' àille 'bha air thalamh. Bha 'nrìgh 'dol dachaidh làn toil-inntinn leithid de bhoireannach maiseach fhaotainn. Ràinig e 'n tigh. Chaidh e laidhe. Ma 's moch athainig an latha, is moiche na sin a dh'èirich an rìgh, 'dhol a dh'iomairt cluiche ris a ghruagaich. "Is èigin domh dol a dh'iomairtcluiche ris a ghruagaich an diugh," ars' e r'a bhean. "Oh," ars'ise, "sin m' athair 's ma thèid thu dh'iomairt cluiche ris, na gabh nisam bith airson brìgh do chluiche ach an loth pheallagach odhara tha 'n diollaid mhaid' urra. Dh'fholbh an rìgh, 's choinnich aghruagach e, 's gu cinnteach cha robh 'm beannachadh na bu tàirena bha e roimhe aig an dithis ri chéile. "Seadh," ars' a ghruagach"de mur a chòrd do bhean òg riut an dé?" "Chord gu h-iomlan.""An d'thàinig thu dh'iomairt cluiche rium an diugh?""Thàinig." Thòisich iad air a' chluiche, 's bhuidhinn an righair a' ghruagaich an latha sin. "Tog brìgh do chluiche 's biealamh leis." "'S e brìgh mo chluiche gum faigh mi an lothpheallagach odhar air a' bheil an diollaid mhaide." Dh'fholbhiad còmhla. Ràinig iad an loth pheallagach odhar, thug e machas an stàbull i, 's chuir an rìgh a chas thairte, 's b' e 'n curaidh i.Chaidh e dhachaidh; bha làmhan sgaoilt' aig a' bhean roimhe;'s bha iad gu sùnndach comhla an oidhche sin. "B' fhearr leamfèin," ursa 'bhean, "nach rachadh thu 'dh'iomairt cluiche ris a'ghruagach tuillidh, chionn ma bhuidhneas e cuiridh e dragh annad cheann." "Cha dean mi sin; thèid mi dh'iomairt cluiche risan diugh." Chaidh e dh'iomairt cluiche ris a' ghruagaich. 'Nuair a ràinig e, thar leis gun do ghabh a ghruagach boch. "And'thàinig thu?" "Thàinig." Dh'iomair iad an cluiche, 's marbhuaidh mhollachd do'n rìgh bhuidhinn a' ghruagach an lathasin. "Tog brìgh do chluiche," arsa rìgh òg Eas Ruagh, "'s nabi trom orm, chionn cha-n urrainn mi seasamh ris." "S' ebrìgh mo chluiche-sa," urs' esan, "gu bheil mi 'cur mar chroisean,'us mar gheasan ort, 'us mar sheisean na bliadhna, am beathachmaol, carrach is mithreubhaiche 's is mi-threònaiche na thu féin,a thoirt do chinn 's do mhuineil 's do choimhead-beatha dhiot,mar am faigh thu dhomhsa claidheamh soluis rìgh nan uinneagandaraich." Chaidh an rìgh dachaidh gu trom, bochd, duibh-thiamhasach. Thàinig a bhànrighinn òg na chomhdhail 'sthubhairt i ris, "Mo thruaighe! cha'n eil ni 'sam bith leat a14WEST HIGHLAND TALES.nochd." Thug a h-aoidh agus a h-ailleachd rud-eigin de thoilinntinn do n rìgh, nur a dh'amhairc e air a gnùis; achnur a shuidh e air cathair a tharruinn e d' a ionnsuidh, thug eosann as, is sgoilt a chathair fodha. "Dè th' ort, na bhiodh ort,nach fhaodadh thu innseadh dhomhsa?" ars' a bhanrigh. Dh'innis an righ de mur a thachair. "Ud," ars' ise, "de amhail achuireas thu air, 's gur ann agad a tha 'bhean is fheàrr 'an Eirinn,'s an darra each is fheàrr 'an Eirinn. Ma ghabhas thu mochomhairle-sa thig thu as gach ni dhiubh sin fhathasd." Ma 'smoch a thàinig an latha 's moiche na sin a dh'èirich a bhànrighinn, 's a chuir i uidheam air gach ni chum gum bitheadh anrìgh 'dol air a thurus. Chuir i 'n òrdugh an loth pheallagach,odhar, air an robh 'n dìollaid mhaide; 's ged a chitheadh esan 'namaid' i, bha i làn dhealrach le òr is airgeid. Chaidh e air amuin. Phòg a' bhanrigh e, 's ghuidh i buaidh làrach leis. Charuig mise leas a bhi 'g innseadh ni sam bith dhuit, gabh thusacomhairle do bhana-chompanaich féin, an loth, 's innsidh i duitdé 's còir dhuit a dheanamh. Ghabh e mach air a thurus; 'scha bu chianalach a bhi air muin na steud odhar. Bheireadh iair a' ghaoth luath Mhàirt a bhitheadh roimhpe, 's cha bheireadhá ghaoth luath mhàirt urra. Thàinig iad am beul an athaidh's an anamoich gu cùirt agus cathair rìgh nan uinneagan daraich.Urs' an loth pheallagach odhar ris, "Tha sinn aig ceann arturuis, 's cha-n 'eil againn ri dol na's fhaide, gabh thusa mochomhairle-sa 's bheir mi thu far am bheil claidheamh soluisrìgh nan uinneagan daraich, 's ma thig e leat gun sgread gunsgrioch, 's comharradh maith air ar turus e. Tha 'n rìgh nis aiga dhinneir, 's tha 'n claidheamh soluis 'na sheòmbar fèin; thacnap air a cheann, 's nur a bheireas thu air a chlaidheamhtarruinn gu réidh mach a "CASE" na h-uinneig e." Thàinig egus an uinneig far an robh an claidheamh. Rug e air a claidheamh 's thàinig e leis gu réidh gus an robh e aig a bhàrr, 'sthug e seòrsa sgread as an sin. "Bithidh sinn a nis, arsa 'nloth, aig imeachd, cna-n àm stad duinn e, tha fios agam gun domhothaich an rìgh dhuinn a toirt a chlaidheimh a mach. Ghléidhesan an claidheamh 'na laimh 's dh'fholbh iad, 's 'n uair a bhaiad treis air an aghaidh, thuirt an loth, "Stadaidh sinn a nis 'samhaircidh thu co 'chi thu 'd dheigh." "Chi mi," ars' esan,"sgaoth dh'eachaibh donna 'tighinn air bhàinidh." "'S luaithesinn féin na iad sin fathasd." Dh'fhalbh iad 's 'n uair a bha iadastar maith air an aghaidh, "amhairc a nis" ars' ise "co 'chi thuRIGH OG EASAIDH RUAGH.15teachd." "Chi mi sgaoth dh'eacha dubha, agus aon each blàrdubh, 's e a tighinn air a chuthach, 's duin' air a mhuin." "'Se sin an t-each is fheàrr an Eirinn, 's e mo bhràthair a th' ann, 'sfhuair e ràidhe banaltrachd a bharrachd ormsa, agus thig eseachad ormsa le sreann, 's feuch am bi thu cho tapaidh 's 'nura thig e seachad ormsa an d'thoir thu 'n ceann de'n fhear a th'air a mhuin; chionn an àm dol seachad amhaircidh e ortsa, 'scha-n 'eil claidheamh 'na chùirt a bheir an ceann deth, ach a'cheart chlaidheamh a tha 'd laimh." 'N uair a bha 'm fear so'dol seachad thug e amhadh air a cheann a dh'amharc air;tharruinn esan an claidheamh 'us thug e 'n ceann deth, 's cheapan loth pheallagach 'na beul e. B' e so rìgh nan uinneagandaraich. "Leum air muin an eich dhuibh," urs' ise, "'s fag achlosach an siod, 's bi 'dol dachaidh cho luath 's a bheir edachaidh thu, 's bithidh mise 'tighinn mar is fheàrr a dh'fhaodasmi 'n 'ur déigh." Leum e air muin an eich dhuibh, 's am Moireb' e 'n curaidh e, 's ràinig iad an tigh fada roimh latha. Bha'bhan-rìgh gun laidhe gus an d'ràinig e. Thog iad ceòl 's leag iadbròn. An la'r na mhàireach thuirt esan, "'s éigin domhsa dol adh'amharc na gruagaich an diugh, feuch am bi mo gheasan masgaoil." "Cuimhnich nach ann mar a b-àbhaist a dh'amaiseasa gruagach ort. Coinnichidh e thu gu feargach fiadhaich 's theire riut, 'an d' fhuair thu 'n claidheamh?' 's abair thusa gund'fhuair. Their e riut ciod e mar a fhuair thu e? 'us their thusa,mar b' e an cnap a bh' air a cheann cha d'fhuair mi e.' Foighnichidh e rithisd diot, 'de mur a fhuair thu 'n claidheamh,' 'stheir thusa, 'mar b' e an cnap a bh' air a cheann cha d'fhuair mie.' Bheir e 'n so togail air a dh'amharc ciod e 'n cnap a th' aira chlaidheamh 's chì thu ball-dorain taobh deas a mhuneil, agusstob bàrr a chlaidheimh anns a bhall-dorain 's mar amais thu aira bhall-dorain, tha thuso 's mise réidh. B' e 'bhràthair rìgh nanuinneagan daraich e, 's tha fhios aige gus an cailleadh am feareile 'bheatha nach dealaicheadh e ris a chlaidheamh. Tha bàsan dithis 's a chlaidheamh; ach cha-n 'eil claidheamh eile dheargas orr' ach e." Phòg a bhanrigh e, 's ghuidh i buaidh làrachleis, 's dh'fholbh e. Thachair a gruagach air anns cheart àit'an robh e roimhid. "An d' fhuair thu 'n claidheamh?" "Fhuairmi 'n claidheamh." "Dè mur a fhuair thu 'n claidheamh?""Mur b' e an cnap a bh' air a cheann cha n' fhaighinn e." "Leigfhaicinn domh an claidheamh." "Cha robh e mar fhiachaibhorm a leigeil fhaicinn duit." "De mur a fhuair thu 'n claidhGEORGEWATSON'S16WEST HIGHLAND TALES.eamh?" "Mur b' e an cnap a bh' air a cheonn cha d'fhuairmi e." Thug a gruagach togail air a cheann a dh'amharc air achlaidheamh. Chunnaic esan am ball-dorain. Bha e urrant'ealamh; shàth e 'n claidheamh anns a bhall-dorain, 's thuit aghruagach sìos marbh. Thill e dhachaidh, 's 'n uair a thill edhachaidh, fhuair e luchd gleidhidh agus coimhead ceangailt' ansin cùl ri cùl; 's gun bhean, no each, no leannan aige, gun a bhiair an toirt air folbh. 'N uair a dh'fhuasgail e iad, thubhairtiad ris, "Thàinig famhair mòr, agus thug e air folbh do bheanagus do dhà each." "Cha d'théid cadal air mo shùil no fois airmo cheum, gus am faigh mi mo bhean agus mo dhà each air anais. Le so a ràdh dh'fholbh e air a thurus; ghabh e 'n taobh abha lorg nan each, 's lean e gu dian iad. Bha 'n t-athadh 's ant-anamoch a tighinn air, 's cha d' rinneadh stad leis gus an d'ràinig e taobh na coill' uaine. Chunnaic e far an robh làrachcruthachadh gealbhain, 's smaointich e gun cuireadh e tein' air,'s gun cuireadh e seachad an oidhch' ann. Cha b' fhad 'a bha e'n so aig a ghealbhan gus an d'thàinig cu seang na coill' uain'air. Bheannaich e do'n chù, 's bheannaich an cù dà. "Ubh!ùbh!" ars' an cù "b' olc diol do mhnatha 's do dhà each an soan raoir aig an fhamhair mhòr." "'S e sin a chuir mise chopeanasach truagh air an tòir a nochd, ach cha-n' 'eii arach' air.""A rìgh," ars' an cù, "cha-n' fhaod thu bhi gun bhiadh."Chaidh an cù stigh do'n choille, thug e mach beathaichean, 'srinn iad am biadh gu tlachdmhor. "Tha dùil agam féin," ars'an rìgh, "gum faod mi tilleadh dhachaidh, nach urrainn mi dola chòir an fhamhair sin." "Na dean sin," ars' an cù; "cha-n'eagal duit a rìgh, cinn'idh do ghnothuch leat. Cha-n 'fhaod thubhi so gun chadal." "Cha leig an t-eagal domh cadal 's gunbharantas orm." "Caidil thus'," ars' an cù, "'s barantachaidhmis' thu." Leig an rìgh e féin na shìneadh taobh an teine 'schaidil e. Nur a bhrisd an fhàire thubhairt an cù ris, "Eirich,"a rìgh, "'us gun gabhadh thu greim bìdh a neartaicheas thu, 'sgum bitheadh thu dol air do thurus. Nis," ars' an cù, "mathig cruadhchas no càs ort, iarr mo chuideachadh, 's bithidh miagad a thiotadh." Dh'fhàg iad beannachd aig a chéile 's dh'fholbh e. An àm an athaidh 's an ammoich, thàinig e gu h-ailbhinn mhòr creige, agus bha cruthachadh làrach gealbhain ann.Smaointich e gun cruinneachadh e connadh, 's gun cuireadh eair teine. Thòisich e air a gharadh, 's cha b' fhada bha e mar so'n uair a thàinig seobhag liath na creige glais' air. "Ubh!RIGH OG EASAIDH RUAGH.17ùbh!" ars' ise, "b' olc diol do mhnatha 's do dhà each an rairaig an fhamhair mhòr." "Cha-n' 'eil arach' air," ars' esan,"fhuair mi féin mòran d' an dragh is beagan d' an àbhachd."Glac misneach," ars' ise, "gheobh thu rudeigin d' an àbhachdfhathasd. Cha n' fhaod thu bhi gun bhiadh an so," ars' ise."Cha-n' 'eil seòl air biadh fhaotainn ars' esan." "Cha-n fhadabhitheas sinn a faotainn bidh." Dh'fholbh i 's cha b' fhada bhai n' uair a thàinig i 's tri lachan 's ochd coilich dhubha 'na beul.Chuir iad an ordugh am biadh 's ghabh iad e. "Cha-n fhaodthu bhi gun chadal," ars' an t-seobhag. "De mur a chaidleas migun bharantas 'sam bith orm gu mo dhìon o aon olc a tha 'n so?""Caidil thusa, rìgh, 's barantachaidh mis' thu." Leig e e féin 'na shìneadh, 's chaidil e. Anns a mhaidinn chuir an t-seobhagair a chois e. Cruadhchas no càs a thig ort, cuimhnich aig àmsam bith gum faigh thu mo chuideachadhsa. Dh'fholbh e gudian, foghainteach, luath, laidir. Bha 'n latha folbh 's an oidhche tighinn, 's eunlaith bheaga na coille craobhaich, dosraiche,dualaich, a' gabhail ma bhun nam preas 's ma bhàrr nan dos; 'smu bha, cha bu tàmh 's cha bu chlos dàsan e, gus an d'thàinige gu taobh aimhne mhòr a bha sin, agus aig bruach na h-aimhnebha cruthachadh làrach gealbhain. Shéid an rìgh srachdanachtrom teine. Cha b' fhada bha e 'n so 'n uair a thàinig ann ancompanas ris doran donn na h-aimhne. "Och," ars' an doran,"b' olc dìol do mhnatha 'n so an rair aig an fhamhair." "Cha-n'eil arach' air, fhuair mise mòran d' an dragh is beagan d' anàbhachd." "Glac misneach, fo mheadhon latha màireach chì thudo bhean. A rìgh, cha'n fhaod thu bhi gun bhiadh," ars' andoran. "De mur a gheibhear biadh an so," ars' an rìgh. Dh'fholbh an doran feadh na h-abhann, 's thainig e 's tri bradainleis a bha ciatach. Rinn iad biadh is ghabh iad e. Thuirt andoran ris an rìgh, "feumaidh tu cadal." "De mur a chaidleasmi 's gun bharantachadh sam bith orm?" "Caidil thusa 's barantachaidh mis' thu an nochd." Chaidil an rìgh. Anns a mhaduinn, thuirt an doran ris, bithidh thu an nochd an làthair domhnatha. Dh'fhàg e beannachd aig an doran. "Nis," ars' andoran, "ma bhitheas càs ort, iarr mo chuideachadh-sa, 's gheobhthu e." Dh'fholbh an rìgh gus an d' ràinig e creag, 's dh'amhairc e sìos ann an glomhas a bha 's a chreig, 's aig a ghrunndchunnaic e a bhean agus a dhà each, 's cha robh fios aige de mura gheobheadh e far an robh iad. Ghabh e mu'n cuairt gus an d'thàinig e gu bun na creige, 's bha rathad ciatach a dhol a stigh.18WEST HIGHLAND TALES.Chaidh e stigh, 's ma chaidh, 's ann a thòisich is' air caoineadh."Ud! ud!" ars' esan, "'s olc so, mi féin a dh'fhaotainn nahuibhir de dhragh a tighinn ma d' thuaiream, ma 's ann a caoineadh a tha thu nis." "U," arsa na h-eich, "cuir thus' air' urbeulthaobh-ne e, 's cha-n eagal da gus am fàg sinne so." Rinn ibiadh dà, 's chur i air dòigh e, 's 'n nair a bha iad treis comhlachuir i air beulthaobh nan each e. 'N uair a thàinig am famhairthubbairt e, "THA BOLADH AN FHARBHALAICH A STIGH. Ars'ise, "M' ullaidh, is m' aighear, is m' fheudail, cha-n' eil ann achboladh a bhalaidh bhreuna de na h-eachaibh. An ceann treischaidh e 'thoirt bidh do na h-eich, 's thòisich na h-eich air, 's chamhòr nach do mharbh iad e, 's cha d' rinn e ach snàgan air éiginuatha. "Ghràidh," ars' ise, "tha iad a brath do mharbhadh.""Na'm b' ann agam féin a bhitheadh m' anam g'a ghleidheadh's fhad' o'n a mharbh iad mi," ars' esan. "C' ait' a ghràidh ambheil d' anam? An leòbhra, gabhaidh mise cùram deth." "Thae," ars' esan, "ann an clach nam bonnach." Nur a dh'fholbhesan an l'ar na mhàireach, chuir ise an òrdugh clach nam bonnachgu fuathasach. An am an athaidh 's an anmoich thàinig am famhair a stigh. Chuir ise a fear air beulthaobh nan each. Chaidham famhair a thoirt bìdh do na h-eich, 's leadair iad e na bumhotha 's na bu mhotha. "Ciod e 'thug ort clach nam bonnacha chur an òrdugh mur sin?" ars' esan. "Chionn gu bheil d'anam innte" "Tha mi 'g aithneachadh nam bitheadh fios agadc' aite 'bheil m' anam, gun d'thugadh thu t' aire mhaith dhà.""Bheireadh." "Cha-n ann an ain a tha m' anam '’s ann a tha e'sa starsaich." Chuir ise an òrdugh an starsach gu gasd' an la 'rna mhàireach. Nur a thill am famhair chaidh e thoirt bìdh dona h-eich, 's leadair na h-eich e na bu mhotha 's na bu mhotha."Dé 'thug ort an starsach a chuir an òrdugh mar sud?""Chionn gu bheil d' anam innte." "Tha mi 'g aithneachadh na'm bitheadh fios agad far am bheil m' anam gun gabhadh tùcùram dheth." "Ghabhadh," ars' ise. "Cha-n' ann an sin atha m' anam, ars' esan. Tha leac mhòr fo'n starsaich, tha moltfo'n leachd, tha lach 'am broinn a mhuilt, agus tha ubh am broinn na lacha, agus 's ann anns an ubh a tha m' anam. 'N uair adh'fholbh am famhair an la'r na mhàireach thog iad an leac, 'sa mach a thug am molt. Na'm bitheadh agamsa cù seang nacoill' uaine, cha b' fhad' a bhitheadh e 'toirt a' mhuilt a m'ionnsuidh. Thainig cù seang na coill' uaine ugus am molt 'na bheul.'N uair a dh'fhosgail iad am molt, a mach a bha 'n lach air iteagTHE YOUNG KING OF EASAIDH RUADH.19ach leis na lachan eile. Na'm bitheadh agamsa seobhag liath nacreige glaise, cha b' fhada' bhitheadh i 'toirt na lach a m' ionnsuidh.Thàinig seobhag liath na creige glaise 's an lach 'na beul. 'Nuair a sgoilt iad an lach a thoirt an uibhe a 'broinn, mach aghabh an t-ubh ann an doimhneachd a chuain. Na'm bitheadhagamsa doran donn na h-amhann, cha b' fhada bhitheadh i 'toirta m' ionnsuidh an uibhe. Thàinig an doran donn 's an t-ubh nabeul, 's rug a bhanrigh air an ubh 's phronn i eadar a da laimh e.Bha 'm famhair a tighinn anns an athamanachd, 's 'n uair aphronn ise 'n t-ubh thuit e sìos marbh, 's cha do charaich e as asin fhathasd. Thug iad mòran leo de dh'òr 's de dh'airgeid.Chuir iad oidhche shunndach seachad aig doran donn na h-abhann,oidhch' aig seobhag liath na creige glaise, agus oidhch' aig cùseang na coill' uaine. Thàinig iad dachaidh 's chuir iad anòrdugh cuirm chridheil, 's bha iad gu sona, toilichte 'na dhéighsin.