Archival Reference

SSSA/TA/HR082

School of Scottish Studies SA1963.013.B2

Tobar an Dualchais/Kist O Riches

Transcript

AI
Informant ? Angus McLellan, Frobost.
SA 1963/13 B2
Collector ? DA. MacDonald
Oisein an déidh na téinne.
'S e Oisein an duine mu dheireadh a bha beo dhen
Fhinn. Uisein an déidh na teinne 's mi fhìn an
déis na chailleadh dhiubh. Agus 's e rìgh bh' air
Eirinn, Rìgh Pàdruic 's e ... 's e bha 'sgrìobhadh
chuile sìon a bha leisein ag innseadh dha mu
dheidhinn na teinne. Agus bha iad an oidhche a
bh' ann a seo aig a suipeir agus 's e fiadh a
bh' aca leis a' t-suipeir. Agus rug a' rìgh air
gaoirdean an fhéidh agus shìn e do dh'uisein
e agus dh'fhoighneachd e dheth. Am fac thu
cnàimh riamh de chnàimh féidh ach a
"Och," ars isein, "chunna mis'," ars esan, "ton-
dubh," ars esan, "rachadh cnàimh sa mun cuairt
ann a' toll a smìor aige," ars esan.
"O well," ars a rìgh, "bha mi 'creidsinn riamh gu
dé bha thu 'g ràdh gu seo," ars esan, "ach cha
ruig mi leas a' còrr a chreidsinn dheth
Dh'éirich a' rìgh agus na leabhraichean a bha e
'sgrìobhadh rug e orra 's bhuail e anns a' teine
iad. Agus 's e nighean le Risein a bha pòsd
aig a' rìgh. Leum a nighean chon na leabhraichean
g' an toir ás a' teine, agus 's e na shàbhail
a nighean dhe ... dhe na leabhraichean sin na bheil
ann air faighinn dhe eachdraidh na rinne
Làirne-mhàireach a sin bha cnapach de ghille
aig ... aig a' rìgh agus thug ... thug eisein leis
e dhan bheinn air a ghualainn. Agus
a Dhia, dh'fhoighneachd e dhan gille dé rathad
tha siod 's dé rathad tha seo, 's bha
a' gille 'g innseadh dha
"Cum thus' air a' taobh ud dhen bheinn chanadh
Oisein Agus rànaig iad a seo gleann mór
dheth,
ann agus dh'fhoighneachd Eisein ˩˧ "Bheil thu
faicinn sìon 's a' bith 's a' ghleann tha seo,"
ars esan, "tha 'cur ioghnaidh ort,"
"A Dhia!" ars a' gille, "tha mi 'faicinn eun
shìos a siod," ars esan. "Nuair a tha e 'g
air 's esan
éirigh," ˩˧ "tha e 'cur dubhar air a' ghleann air
a' ghleann air fad," ars esan.
"Feuch a leig thu mise goirid dha," ars esan,
Fhuair e seoath goirid dhan eun 's e 'na
laighe, agus dh'innis a' gille dha far a robh
e, agus rug leisein air a' treabhadh ... air
a' t-sleagh agus sheòl e air i agus mharbh e e
do mharbh mi a' t-eun?" ars isein.
"O mharbh," ars a' gille.
"Feuch an toir thu mise g' a ionnsaidh ma tha," ars esan.
Bha Oisein dall. Fhuair òisein e 's chuir e air
a mhuin e.
Bheil ... Bha allt a' ruith sìos a's a' ghleann
agus dh'fhoighneachd Oisein dheth, "Bheil
thu 'faicinn buaile ghorm," ars esan, "aig taobh
an uillt shìos a sin?"
"Tha," ars a' gille.
"Bheir mise ann a shin," ars esan.
Thug a' gille sìos ann a shin e.
"A faic thu," ars esan, "bad luachrach a' fàs
ann a sheo?"
"Tha cuideachd," ars a' gille.
Trobhadaibh
"Cà bheil e?" ars esan.
"Tha e ann a sheo," ars a' gille, "fadaibh sibhse."
Rug isein air a bhad luachrach 's thug e
spìonadh as 's dh'éirich sgràth mhór bhàrr
a chois." Nochd coire mór ann an shin."
coire bh' aig na tiannaichean. Spìon iad a'
tu 's chuir iad a's a' choire e, agus
bhruich iad e.
Agus bha isein .... bha seachd deilg na daraich
thugam agus taigh a' chuirp leis air acras
agus dh'fhuasgail e a' latha sin iad. Agus
nuair a bha iad ag itheadh 'n eòin, thuirt
Oisein ris a' ghille, "Feuch a fan thu thall
air neo
bhuam pìos, a ghràid '," ars esan, "mu tilg
mi suas ann a' toitean thu," ars esan, "mun
itheadh e an àite cnag dhen fhiadh ... dhen
duin.
Well, thànaig eisein dhachaidh leis a ... an eun
agus thug e leis tug an eòin-dubh. Agus
bha iad aig an t-suipeir an ath latha 's thug e mach i.
"Seo a nist," ars iseinn, "mur a creid thu mise
ars esan, "chan fhaod e bhith nach creid thu do
mhac," ars esan, "feuch an téid an cnàimh tha
sin mun cuairt ann an toll a smìor aige," ars esan,
"O well, théid gu dearbh," ars a' rìgh.
Well, cha tug isein a' còrr naidheachdan
riamh dha tuilleadh.
Agus sin na bheil a' faighinn chon a' latha
a diugh, naidheachd dha-rìreabh.
... cà
DAM Seadh gu dearbha. 'S cà ˩˧ cuala sibh i sin.
AT1 Aig Alasdair Mór.
DAM Aig Alasdair Mór an ann? O well, tha i sin
math cuideachd."
AMᶜL Sin agad aon té nach d'fhuair Calum co-dhiubh.
DAM "O well, tha i ... tha mi cianail toilichte
aiste sin. Agus an cuala sibh dad riamh
eile mu dheoghainn isein agus Phàdruic?
AJ A Dhia! chan eil cuimhn 'am air. Chan eil
cuimhn' am air."
DAM "'N dà, tha sin math. Dìreach, innsibh a
naidheachd dhomh
AMᶜL O Dhia! tha i ro fhada.
DAM "O ged a bhitheadh fhéin ged a bhitheadh
"Siuthadaibh.
Transcribed using automated handwriting recognition technology as part of the Decoding Hidden Heritages project.