Buachailleachd Chruachain
Scotland
- Archival Reference
- SSSA/TA/AT302/009
- Date
- 1889
- Item category
- Book
- Aarne-Thompson index
- AT0302: The Ogre's (Devil's) Heart in the Egg
- Languages
- Scottish Gaelic
- English
- Town
- Mull
- Parish
- Kilfinichen and Kilvickeon
- Collector
- Lord Archibald Campbell
- Narrator
- Archibald MacTavish
- Narrator source
- Unknown
Archival Reference
SSSA/TA/AT302/009
School of Scottish Studies W & S II
Transcript
AIIV.BUACHAILLECHD CHRUACHAIN.BHA triùir mhac aig buachaille Chruachain, agusdh'fhàs e tinn an galar a bhàis, agus chuir efios air a mhac a bu shine 'thighinn a bhruidhinnris. Thàinig a mhac an sin a bhruidhinn ris;agus thubhairt 'athair ris, "A mhic, 's e mu'ndo chuir mi fios ort gu bheil a' choltas orm-sanach bi mi fada 's an t-saoghal so, agus tha mitoileach, gu'n gabhadh tusa buachailleachdChruachain."Thubhairt a mhac ris, "Cha ghabh mi notaing dhuit-s' air a shon"; agus thubhairt 'athair,"Abair ri d' bhràthair meadhonach tighinn anso a bhruidhinn rium-sa."An sin thàinig am mac meadhonach, agusthubhairt e, "'Athair gu 'dé 'm feum a th' agadorm-sa?"Thubhairt 'athair ris, "Tha dh'fheuch angabh thu buachailleachd Chruachain?"Thubhairt a mhac, "Cha gabh no buidheachasdhuibh air a shon."Thubhairt 'athair ris, "Abair ri d' bhràthairòg tighinn an so."96Buachaillechd Chruachain.Thàinig am mac òg an sin, 's thubhairt e ri'athair, "Gu 'dé 'm feum a th' agaibh orm andiugh, a dhuine?" agus thubhairt 'athair ris,"Tha 'choltas orm-sa gu bheil am bàs dlùth orma-nis."Agus thubhairt a mhac, "Gabhaidh misebuachailleachd Chruachain."Agus thubhairt 'athair an sin, "'N uair ashiùbhlas mise, 's a thìodhlaiceas sibh mi théidthu an ceann là no dhà a chuairteachadhChruachain; agus cuairtichidh tu Cruachan mu'h-aon agus Cruachan mu 'dhà, agus suidhidhtu air tulachan taitneach, taobh-uaine air anéireadh grian gu moch agus air an luidheadhi gu h-anamoch; agus an sin thig far am bi thugruagach òg, casurlach, donn le ball òir 's lecaman airgid, agus their e riut, 'Feumaidh tudol a chluich an diugh rium, a mhic òig. Chaillthu Cruachan.' Their thusa ris an sin, 'Co'theireadh nach imireadh?' agus cluichidh sibhan là sin, agus their esan riut, 'Tog brìgh dochluiche'; agus their thusa 'n sin, ''S e brìghmo chluiche-sa 'bhean a's fheàrr a th' ann adfhearann-sa.' An sin bheir e gu 'fhearann thu,is leigidh e fhaicinn duit mnathan cho briagh's a chunnaic thu riamh ach cha ghabh thusagin diubh sin. Chì thu té bheag, loireach,odhar a' cartadh a' bhàthaiche, agus their thu98Buachaillechd Chruachain.ris a' ghruagach, ''S i sin a' bhean a bhiosagam-sa'; agus bheir e dhuit i, agus pòsaidh tui, agus bheir thu leat dhachaidh i; agus innsidhise dhuit a h-uile nì is còir dhuit a dheanamh.Mo bheannachd leat a-nis, agus gu ma math ashoirbhicheas Cruachan duit."Shiubhail 'athair an sin, agus thìodhlaic iade; agus a' cheud là chaidh esan a chuairteachadhChruachain chuartich e mu 'h-aon e aguschuairtich e mu 'dhà e, agus shuidh e airtulachan taitneach, taobh-uaine air an éireadhgrian gu moch 's air an luidheadh i gu h-anamoch; agus thàinig an gruagach òg,casurlach, donn far an robh e le ball òir 's lecaman airgid, agus thubhairt e ris, "An imirthu dol a chluich an diugh rium, a mhic oig?Chaill thu Cruachan."Thubhairt am buachaill' òg, "Co 'theireadhnach imireadh?"Chluich iad an là gu teth, togarrach.Bhuidhinn mac òg rìgh Chruachain, agusthubhairt an gruagach, "Tog brìgh dochluiche"; agus thubhairt esan ris, "'S e brìghmo chluiche a' bhean as fheàrr a th' ann adfhearann."Thug e 'n sin e gu mnathan cho briagh 's aghabhadh faicinn; agus chunnaic e té bheag,loireach, odhar a' cartadh a' bhàthaiche, agus100Buachaillechd Chruachain.thubhairt e, "Sin an té 'bhios agam-sa." Thuge 'n sin dhachaidh i, 's phòs e i.An là 'r na mhàireach chaidh e 'chuairteachadhChruachain a rìs, agus chuairtich e mu 'h-aone, agus chuairtich e mu 'dhà e, agus shuidh eair tulachan taitneach, taobh-uaine air an éireadhgrian gu moch 's air an luidheadh i gu h-anamoch; agus thàinig an gruagach òg,casurlach, donn far an robh e le ball òir 's lecaman airgid, agus thubhairt e ris, "An imirthu dol a chluich an diugh rium, a mhic òig?Chaill thu Cruachan."Thubhairt am buachaill' òg, "Co theiradhnach imireadh?"Chluich iad an là gu teth, togarrach. Bhuidh-inn mac rìgh Chruachain, agus thubhairt angruagach, "Tog brìgh do chluiche," agusthubhairt esan ris, "'S e brìgh mo chluiche anloth a 's fheàrr ann ad fhearann."An sin thug an gruagach e 'dh'ionnsuidhlothan cho briagh 's a b' urrainn da 'fhaicinn;agus chunnaic e loth loireach, odhar, agusthubhairt e, "Sin an té 'bhios agam-sa." Thuge leis an loth, 's thill e dhachaidh.Thubhairt a bhean ris, "Cia-mar a chaidhdhuit an diugh?""Chaidh gu math," ars' esan; "bhuidhinnmi 'n là."102Buachaillechd Chruachain.An là 'r na mhàireach thog e air a chuairteachadh Chruachain, agus chuairtich e Cruachanmu 'h-aon, agus chuairtich e mu 'dhà e, agusshuidh e air tulachan taitneach, taobh uaine airan éireadh grian gu moch 's air an luidheadh igu h-anamoch, agus thàinig an gruagach òg,casurlach, donn far an robh e, agus thubhairt eris, "An imir thu dol a chluich rium an diugh?Chaill thu Cruachan."Thubhairt am buachaille ris, "Co 'theiradhnach imireadh?"Chluich iad an là sin gu teth, togarrach;agus chaill buachaille Chruachain an là, agusthubhairt e ris a' ghruagach, "Tog brìgh dochluiche."Thubhairt an gruagach ris, "'S e brìgh mochluiche gu'm faigh thu dhomh-sa 'n claidheamhgeal soluis a th' aig rìgh na Sorcha."Chaidh am buachaille dhachaidh feasgar anlà sin; agus an uair a ràinig e 'n tigh cha robha bhean no 'n loth loireach, odhar r' am faotainnaige. Thainig am famhair mòr, rìgh na Sorcha,agus ghoid e leis a bhean 's an loth. Chuire seachad an oidhche so 'n a thigh fhéin,chaidh e 'luidhe. 'Nuair a thàinig a' mhaduinnthàinig e 's rinn e 'bhraiceas, agus thog e air asdéigh na mnà agus na lotha dh'fheuch amfaigheadh e iad. Dheasaich e bonnach a bhiodh104Buachaillechd Chruachain.aige 'n a chuideachd, agus tharruing e air falbh.Bha e 'falbh an sin fada cian, agus trian, agustamull gus an robh dubhadh air a bhonnaibhagus tolladh air a ghruaidhean, gach ian ceanna-bhuidhe a' gabhail tàimh am bun nam preas 'sam bàrr nan dos, neula dorcha na h-oidhche'tighinn air, agus neula an là 'dol dheth; aguschunnaic e tigh fada bhuaithe, 's ge b' fhadabhuaithe cha b' fhada 'ga ruighinn e. Chaidhe 'stigh, is shuidh e ann an ceann uachdair antighe, 's cha robh duine 'stigh; agus bha tein'air ùr-fhadadh, 's tigh air ùr-sgubadh, 's leab'air ùr-chàradh, agus co 'thàinig a-stigh achseobhag Ghlinne-cuaiche? 's thubhairt i ris,"Am bheil thu 'n so, a mhic òig Chruachain?""Tha," ars' esan.Thubhairt ise ris, "Am bheil 'fhios agad co'bha 'n so an raoir?""Cha'n eil," ars esan."Bha," ars' ise, "am famhair mòr, rìgh naSorcha, do bhean, agus an loth loireach, odhar,agus bha e 'maoidheadh ort gu fuathasach na'mfaigheadh e greim ort gu'n d'thugadh e dhiotan ceann.""Mata tha mise 'gad chreidsinn gu math,"ars' esan.Thug i dha biadh is deoch an sin, 's chuir i'luidhe e. Dh'éirich i 's a' mhaduinn, 's rinn i106Buachaillechd Chruachain.dha 'bhraiceas, agus dheasaich i bonnach dhaa bhiodh aig' air an rathad, agus dh'fhalbh e.Feasgar chunnaic e tigh fada bhuaithe, 's ge b'fhada bhuaithe cha b' fhada 'ga ruighinn e.Chaidh e 'stigh, 's shuidhe 'n ceann uachdrachan tighe: 's bha tein' air ùr-fhadadh, 's tigh airùr-sguabadh, 's leab' air ùr-charadh. Thàiniga-stigh lach a' chinn uaine, 's thubhairt i ris,"Am bheil thu 'n so a' bhuachaille Chruachain?""Tha mi," ars' esan."Am bheil 'fhios agad," ars' ise, "co 'bha 'nso an raoir?""Cha'n 'eil," ars' esan."Bha 'n so, ars' ise, "am famhair mòr, rìghna Sorcha, agus do bhean, agus an loth loireach,odhar, agus e 'maoidheadh ort na'm biodh tuaige gu'n cuireadh e 'n ceann diot.""'S mi 'tha 'gad chreidsinn," ars' esan.Rinn i biadh 's deoch dha, 's chuir i 'luidhe e.'S a' mhaduinn an là 'r na mhàireach dh'éirich i, 's rinn i 'bhraiceas, agus dheasaich ibonnach a chuir i leis airson an astair. Dh'fhalbh e 'n sin, is tharruing e. Bha e 'coiseachdair aghaidh fad an là, agus 's an fheasgarchunnaic e tigh beag fada bhuaithe, 's ge b'fhada bhuaithe cha b' fhada 'ga riughinn e.Chaidh e 'stigh, 's shuidh e 'n ceann uachdrachan tighe, agus bha tein' air ùr-fhadadh, 's tigh108Buachaillechd Chruachain.air ùr-sguabadh, 's leab' air ùr-chàradh. Ansin thàinig a-stigh mada-ruadh na coille crìonaich, agus thubhairt e ris, "Am bheil thu 'nso a' bhuachaille Chruachain?""Tha mi," ars' esan."Am bheil 'fhios agad-sa," thubhairt ammada-ruadh, "co 'bha 'n so an raoir?""Cha'n 'eil," ars' esan."Bha 'n so," ars' am mada, "am famhairmòr, rìgh na Sorcha, agus do bhean, agus anloth loireach, odhar, agus bha e 'maoidheadhort gu fuathasach na'm biodh tu 'n so gu'ncuireadh e 'n ceann dhiot.""'S mise 'chreideas," arsa buachaille Chrua-chain.Thug e biadh dha 'n sin, biadh is deoch, 'schuir e 'luidhe e. 'S a' mhaduinn dh'éiricham mada-ruadh, 's dheasaich e bonnach a chuire leis airson an astair. Dh'fhalbh e 'n sin, istharruing e. Feasgar chunnaic e tigh fadabhuaithe, 's ge b' fhada bhuaithe cha b' fhada'ga ruigheachd e. Chaidh e 'stigh, 's shuidhe 'n ceann uachdrach an tighe. Bha tein' airùr-fhadadh, tigh air ùr-sguabadh, 's leab air ùr-chàradh, agus thàinig a-stigh dòran donn anùillt, 's thubhairt e ris, "Am bheil thu 'n so a'bhuachaille Chruachain?""Tha," ars' esan.110Buachaillechd Chruachain."Am bheil 'fhios agad-sa," arsa dòran donnan ùillt, "co 'bha 'n so an raoir?""Cha'n 'eil," ars' am buachaille."Bha 'n so," ars' an dòran donn, "am famhair mòr, rìgh na Sorcha, agus do bhean, agusan loth loireach, odhar, agus bha e 'maoidheadhna'm biodh tus' aige 'n so gu'n d'thugadh e'n ceann dhiot.""'S mi chreideas sin," arsa buachaille Chruachain.Thug e dha biadh is deoch an sin, 's chuir e'luidhe e; agus a cheud dùsgadh a rinn e 's a'mhaduinn chunnaic e seobhag Ghlinne Cuaiche,lach a' chinn uaine, mada-ruadh na coille crìonaich, agus dòran donn an uillt, agus bal danns'aca air an ùrlar. An sinn rinn iad a' bhraiceasa chur an òrdugh, 's ghabh iad am braiceas uilecòmhla, agus thubhairt iad ris, "Ma thig éiginsam bith ort cuimhnich oirnn-ne, agus cuidichidhsinn thu." Dh'fhàg e beannachd ac' an sin, isdh'fhalbh e.Feasgar an là sin ràinig e 'n uamh 's an robham famhair mòr, rìgh na Sorcha, 'fuireach;agus co 'bha 'stigh roimhe ach a bhean fhéin?Bha 'm famhair mòr air falbh a' sealgaireachd.Thug ise dha biadh an sin, agus chuir i 'mfalach e 'n ceann-uachdair na h-uamha, agusaodaichean thairis air 'ga chumail am falach.112Buachaillechd Chruachain.Thàinig am famhair mòr dhachaidh, 's thubhairt e, "I! O! hoghagaich! tha boladh an fharbhalaich a-stigh.""Cha'n 'eil, a ghaoil 's a ghràidh; cha'n 'eilann ach ian beag adhair a ròsd mi, agus 's esin fàile tha thusa 'faireachduinn.""U! ma 's e sin a th' ann," ars' esan, "thami coma."An sin thubhairt i ris, "B' fheàrr leam gu'ninnseadh tu dhomh c' àit am bheil do bheatha'ga gleidheil 's gu'n gabhainn cùram mathdhi.""Tha i ann an cloich ghlais," ars' esan, "atha thall an sin."'N uair a dh'fhalbh esan am màireach thug i'stigh a' chlach ghlas agus dhress i gu math i, 'schuir i ann an ceann uachdrach na h-uamha i.'N uair a thàinig am famhair dhachaidh 's anfheasgar thubhairt e rithe, "Gu 'dé th' agadair a dhressadh an sin?"Thubhairt ise ris, "Do bheatha fhéin, agusfeumaidh sinn a bhi curamach uimpe.""Tha mi 'faicinn gu bheil thu ro thoigheachorm; ach cha'n ann an sin a tha i fhathast,"ars' esan."C' àit am bheil i?" ars' ise."Tha i ann an caora ghlais a th' air a'bhruthach sin thall," ars' esan.114Buachaillechd Chruachain.'N uair a dh'fhalbh esan an là 'r na mhàireachfhuair i greim air a' chaora ghlais, 's thug i'stigh i, 's dhress i gu math i, 's chuir i ann anceann uachdrach na h-uamha i. 'N uair athàinig esan dhachaidh 's an fheasgar thubhairte rithe, "Gu 'dé a th' agad air a dhressadh ansin?"Thubhairt ise, "Tha, 'ghaoil, do bheathafhéin"; agus thubhairt esan, "Cha'n ann ansin a tha i fhathast.""Mata," ars' ise, "tha thu 'gam chur-sa gudragh mòr a ghabhail curaim dhi, agus cha d'innis thu 'n fhìrinn an dà uair so."Thubhairt esan an sin, "Tha mi 'smuaineachadh gu'm faod mi innseadh dhuit a-nis. Thamo bheatha-sa fo chasan an eich mhòir anns anstàbull; agus tha àite gu h-ìosal ann an sin 'sam bheil lochan uisge, agus air muin sin thaseachd seicheanan glasa, agus air muin nanseicheanan seachd fòidean réisg, agus fòpa sinuilc tha seachd plancaiche daraich. Tha breacair an loch sin, agus tha lach am broinn a' bhricagus tha ubh am broinn na lacha, agus tha biorde dhroighionn dubh am broinn an uibhe, agusgus an téid am bior sin a chagnadh gu mìn chan urrainn iad mise 'mharbhadh. Aon uair 'sgu'm bean iad do na seachd seicheanan glasa,na seachd fòidean réisg, 's na seachd plancBuachaillechd Chruachain.116aichean daraich mothaichidh mise e ge b' e àitam bi mi. Tha tuagh agam-sa bràigh andoruis, agus mur téid na bheil an sin a ghearradhtroimhe le aon bhuille cha ruigear an loch, agus'n uair a ruigear mothaichidh mise e."Dh'fhalbh esan an sin do'n beinn shìthne issheilg an là 'r na mhàireach, agus thubhairt abhean ri buachaille Chruachain, "Nach fhearradhuinn a-nis oidheirp a thoirt leis an tuaigh airsin a ghearradh.""'S feàrr," ars' esan.An sin chaidh iad a-mach do'n stàbull, agusrug buachaille Chruachain air an tuagh a dhola bhualadh an àite, agus thubhairt an t-eachbreac, mòr, "Cum thusa 'n tuagh, 's buailidhmis' i." Chum buachaille Chruachain an tuaghair muin nan seachd seicheanan glasa, nan seachdfòidean, agus nan seachd plancaichean daraich.Dh'éirich an t-each breac, mòr air a chasa toisich,agus chuir e i trompa gus an d'ràinig i 'n loch.Thug am breac leum a-mach as an loch ann anamhainn a bha dol seachad; agus cha b' urrainniad breith air."Ah! nam biodh agam-sa dòran donn anùillt cha biodh e fada 'breith air a' bhreac."Thàinig dòran donn an ùillt, 's thubhairt e,"'Dé 'tha dhìth ort, a mhic òig? Chaill thuCruachan."118Buachaillechd Chrucahain"Tha dhìth orm am breac a leum a-mach san amhainn gu'm faigh thu dhomh e."A-mach air an amhainn ghabh an dòran donn,agus fhuair e 'm breac, agus thug e do bhuachailleChruachain e. Dh'fhosgail buachaille Chruachain am breac, agus leum lach a broinn a'bhric, 's thug i na speuran orra air a sgiathan, 'scha b' urrainn da' faotainn; agus thubhairt e,"Na'm biodh agam-sa seobhag Glinne Cuaichecha bhiodh i fada 'breith air an lach."Thàinig an t-seobhag, 's thubhairt i ris, "'Dé 'tha thu 'g iarraidh, a bhuachaille Chruachain?""Tha mi 'g iarraidh gu'm beir thu air an lach'tha 'falbh air a sgiathan an sin," ars' ambuachaille.Dh'fhalbh an t-seobhag an sin, 's chaidh i asdéigh na lacha, 's rug i orra. Dh'fhosgail esanbroinn na lacha an sin, 's leum ubh as a suasdo na speuran. Thubhairt an sin buachailleChruachain, "Na'm biodh agam-sa lach a' chinnuaine cha bhiodh i fada 'faotainn an uibhedhomh."Thàinig i, 's thubhairt i ris, "'Dé 'tha dhìthort, a bhuachaille Chruachain?"Thubhairt esan, "Falbh is faigh an t-ubh aleum suas 's na speuran cho luath 's is urrainnduit: tha 'm famhair mòr a' tighinn an so."Dh'fhalbh lach a' chinn uaine, 's fhuair i 'n120Buachaillechd Chruachain.t-ubh; 's dh'fhalbh esan, agus bhris e 'n t-ubh,agus leum am bior droighinn a-mach, aguschaidh e ann an tom droighinn a bha làmh ris;agus cha'n aithneadh esan am bior seach bioreile de'n droighinn 'n uair a thòisich e airiarraidh. Bha 'm famhair a' tighinn, 's a'casadh air; agus thubhairt am buachaille, "Ah!na'm biodh agam-sa mada-ruadh na coill' uainecha biodh e fada 'faotainn a' bhior dhomh."Thàinig am mada-ruadh, 's thubhairt e ris,"'Dé 'tha dhìth ort, a bhuachaille Chruachain?"Thubhairt esan ris, "Falbh is faigh dhomhcho luath 's a rinn thu riamh am bior droighinna leum as an ubh, tha e 's an tom droighinnsin."Dh'fhalbh am mada-ruadh, 's fhuair e 'mbior, agus thug e do bhuachaille Chruachain e,agus chagainn buachaille Chruachain am bior,agus bha 'm famhair cho teann air ri ficheadslat, agus thuit e fuar, marbh ann an sin. Chuiram buachaille 's a bhean an oidhche sin seachad's an uaimh mar bh' aca: agus thug iad leò nabha de dh'òr 's de dh'airgiod aig an fhamhair,agus an claidheamh geal soluis a bh' aige; agusthug iad leò an t-each breac, mòr, agus an lothloireach, odhar; agus mharcaich ise dhachaidhair an loth, agus mharcaich esan air an each doChruachan.122Buachaillechd Chruachain.An là 'r na mhàireach bha iad a' dol achuairteachadh Chruachain, 's thug e leis anclaidheamh geal soluis, agus thubhairt a bheanris 'n uair a bha e 'falbh, "Thig an gruagachòg 'ad choinneamh, agus sìnidh tu dha anclaidheamh, agus their esan an sin riut-sa, 'C'àit a-nis am bheil leithid mo chlaidheimh anroinnean ruadh an domhain, agus their thusa,'Cha'n 'eil mur bhi aon mheang bheag a th'ann'; agus their esan riut, 'Leig fhaicinn ammeang.' A chionn gu'n cuir esan an ceanndiot beiridh tu air a' chlaidheamh a dhol aleigeil fhaicinn a' mheang' a' th' ann, agustàirnidh tu 'n claidheamh, 's bheir tu 'n ceanndeth, agus their thu, 'Sin agad am meang ath' ann.'"Dh'fhalbh e 'n là so, 's chuairtich e Cruachanmu' h-aon, is Cruachan mu dhà, 's shuidh e airtulachan taitneach, taobh-uaine air an éireadhgrian gu moch 's air an luidheadh i gu h-anamoch; agus chunnaic e 'n gruagach casurlach,donn a' tighinn. "An d'thàinig thu, a bhuachaille Chruachain?" thubhairt an gruagach."Thàinig mi an t-aon uair so fhathast," ars'am buachaille."An d'fhuair thu 'n claidheamh geal soluisdhomh?" ars' an gruagach."Fhuair," ars' esan, 's shìn e dha e.124Buachaillechd Chruachain.Thubhairt an gruagach, "C' àit a-nis ambheil leithid mo chlaidheimh an ceithir roinneanruadh an domhain?""Cha'n 'eil," ars' an buachaille, "mur bhiaon mheang bheag a th' ann.""Leig fhaicinn domh am meang," ars' angruagach."Thoir dhomh-s' am làimh an claidheamh,"ars' am buachaille, "'s leigidh mi fhaicinn duite."Tharruing am buachaille 'n sin an claidheamh,'s thilg e 'n ceann deth, 's thubhairt e ris, "Sinagad am meang a th' ann." Dh'fhàg e marbhan sin e, 's thill e dhachaidh, agus bha buachailleachd Chruachain aige fhad 's a bha e beò.