Archival Reference

SSSA/TA/AT302/008

School of Scottish Studies CM 15

Transcript

AI
114
THE CELTIC MONTHLY.
CU DUBH A' CHUAIN GHUIRM.
LE DOMHNUL MHIC BHEATH (BEATON.)
ANNS na linntibh fo'n eug, air oirthir na Mara
Guirme bha iasgair a chòmhnuidh. Bha e
daonnan ag iasgach ach cha robh a mhór
thoradh 'na lorg. Bha e fàs glé aosmhor agus
bha eagal air gum bitheadh e ann an teanntachd
('sa bhean maille ris) mu'n tigeadh a chrìoch.
Là de na làithibh, air feasgar ciuin ciutharach
chunnaic e meall ceo dorcha, dùmhail agus
thainig Guth a mach ás a' mheall. "Có sid?"
ars' an t-iasgair. "Mise, Cu-dubh a' Chuain
Ghuirm." "Dé tha dhith ort?" ars' an t-iasgair.
"Tha dhith orm do chuideachadh," ars' an
Guth. "Tha thu nise ioma bliadhna ri iasgach
agus tha thu fhathast bochd. Dé bheir thu
dhomhsa mu sheòlas mi dòigh dhuit air am
faigh thu daonnan làn a' bhàta de dh'iasg?"
"Ni sam bith is urrainn mi," ars' an t-iasgair."
"Thoir dhomh a chiad mhac a bhios agad," ars'
an Guth. Smaointich an t-iasgair car greise –
ha mi fhein ceithear fichead bliadhna agus a
bhean agam tri fichead 'sa deich, 's cha dù dhi
clann bhi aice, 's leis a sin faodaidh mi gabhail
ris. Thuirt e ris a' Ghuth; "Bheir mi dhuit
e." Glé mhath," ars' an Guth. "Cuir a mach
do lion." Rinn an t-iasgair sid.
"Slaod a steach e," ars' an Guth. Thòisich
an t-iasgair air slaodadh 's b' e sid an slaodadh
bha gramail. Cha d'fhuair an t-iasgair truagh
riamh a leithid do throm-obair, ach lion e am
bàta gus an robh i 'n impis dol fadha. "Gheibh
thu 'n urrad sin a h-uile uair a chuireas tu do
lion, ars' an Guth. "Slàn leat, thig mi dh'
iarraidh do mhic 'nuair a bhios e seachd bliadhn'
diag a dh'aois. Chaidh an t-iasgair dhachaidh
gu cridheal éibhinn, reic e 'n t-iasg agus dh'fhàs
e beairteach, agus naoi miosan an déigh na h-
oidhche chual e 'n Guth, rugadh mac dha.
Shoirbhich gu math leis an t-seann iasgair.
Thug e deagh sgoil agus ionnsachadh da 'mhac,
gus an robh a mhac seachd bliadhna diag a dh'
aois. An sin ghairm e air a mhac 's thuirt e
ris; "a mhic tha thu nis a dh'aois seachd
bliadhna diag, agus a nochd thig Cù dubh a'
Chuain Ghuirm air do thòir agus bheir e leis
thu, cha'n urrainn mise do shàbhladh. Tog ort,
thoir an saoghal fo d' cheann, theagamh nach
beir e ort." Dh'fhalbh an t-òganach. Thug e 'n
saoghal fo cheann, choisich e gu dian re an
latha gu dorcha nan trath 'nuair ràinig e taigh
tuathanach. Dh'iarr e lòn agus cuid oidhche air
an tuàthanach. "Gheibh thu sin'," ars' an
tuathanach. 'Nuair bha 'm biadh seachad
thuirt an tuathanach ris — "Feumaidh tu an
oidhche chuir seachad 'san t-sabhull agus seo cù gu
d' dhion." "C' ainm th' air a' chù?" ars' an Gille,
"Cluas-ri-Claistneachd" arsa an tuathanach,
"cluinnidh e 'm feur a tighinn troi 'n talamh."
Chaidh e le chù do'n t-sabhull ach cha bu chadal
da, a' feitheamh, gun fhios nach tigeadh Cu-
dubh a' Chuain Ghuirm.
Bha Cluas-ri-Claistneachd a giùigeadh 'sa
liùigeadh a chluasan. Ma dheareadh thuirt e,
"Cluinneam," "Dé chluinneas tu 'laochain?"
ars' an Gille. "Cu-dubh a' Chuain Ghuirm
tighinn air do thòir," arsa Cluas-ri-Claistneachd.
"O,' dé ni mi?" ars' an Gille. "Leig dhòmhsa
'choinneachadh," arsa Cluas-ri-Claistneachd, "is
's e mo bharail gu'n cuir mi moille air." "Dean
sin ma tha," ars' an Gille. 'Nuair thainig
Cluas-ri-Claistneachd air ais thuirt e ris a' Ghille
"Caidil gu là cha tig an Cu-dubh a chur dragh
ort a nochd." Moch 'sa mhaduinn, 's am biadh
maduinn gu sùmhail air ùrlar a ghoille chuir is
chum e cas an t-siubhail air thoiseach, agus an
dorcha nan tràth ràinig e taigh tuathanach.
Dh'iarr e lòn 's cuid oidhche. "Gheibh thu
sin," ars' an tuathanach. 'Nuair bha 'm biadh
seachad thuirt an tuathanach ris, "Feumaidh
tu an oidhche chur seachad 'san t-sabhull agus
seo cù gu d' dhion. "C' ainm th' air a chu?" ars'
an Gille. "Luaths," ars' an tuathanach.
"Bheireadh e air a ghaoth luath Mhàirt a bha
roimhe, 's cha bheireadh a ghaoth luath Mhàirt
a bhios na dhéigh airsan." Chaidh e le choin
do'n t-sabhull. Air dhoibh a bhi ann, bha
Cluas-ri-Claistneachd a giùigeadh 'sa liùigeadh a
chluasan. Ma dheireadh thuirt e – "Cluinneam,"
"Dé chluinneas tu 'laochain?" ars' an Gille.
"Cù dubh a' Chuain Ghuirm a tighinn air do
thòir," arsa Cluas-ri-Claistneachd. "O,' de ni
mi?" ars' an gille. "Cha bhi mise fada
beirsinn air", arsa Luaths? "Cum e gus an ruig
mise air," arsa Cluas-ri-Claistneachd. Ma fhuair
Cu dubh a' Chuain Ghuirm a ghiollachd an raoir
gheibh e thri giollachd an oidhche seo. 'Nuair
thàinig na coin air ais thuirt iad ris a' Ghille
"caidil gu latha, thug sinne a dheagh liodairt da;
cha chuir e dragh ort a nochd." Moch 'sa
mhaduinn 'sam biadh maidne gu sùmhail air
ùrlar a ghoille chuir, 's chum e cas-an-t-siùbhail
air thoiseach agus an dorcha nan trath ràinig e
taigh tuathanach. Dh'iarr e lòn 's cuid oidhche.
"Gheibh thu sin," ars' an tuathanach. 'Nuair
a bha 'm biadh seachad thuirt an tuathanach
ris – "Feumaidh tu an oidhche chuir seachad
'san t-sabhull agus seo cù gu d' dhion."
"C' ainm th' air a chu?" ars' an Gille. "Tha
Neart," ars' an tuathanach. Chaidh e le choin
do'n t-sabhull air dhaibh a bhi ann bha Cluas-
ri-Claistneachd ri giuigeadh 's a liuigeadh a
chluasan. Ma dheireadh thuirt e "Cluinneam."
"De chluinneas tu 'laochain?" ars' an gille!
"Cu dubh-a'-Chuain Ghuirm tighinn air do thoir,"
arsa Cluas-ri-Claistneachd. "O,' de ni mi?"
ars' an Gille. "O," arsa Neart, "Na'm
beireadh cuidigin air 'sa chumail gus an ruige-
adh mise air, bheirinn dha a dheagh ghiollachd.'
THE CELTIC MONTHLY.
115
"Cha bhi mise fada beirsinn air," arsa Luaths.
A mach ghabh "Luaths" agus air a shàil
"Cluas-ri-Claistneachd" agus 'nan deigh gu
toirteil mar b' iomchuidh bha an laoch "Neart."
Bha tri duirn na oidhche thairis mu'n tainig
iad air an ais. "Thug sinn dà do ghiollachd
a nochd agus nach cuir e dragh tuillidh oirnn,"
arsa Cluas-ri-Claistneachd. Moch 'sa mhaduinn
's am biadh maduinn gu sùmhail air ùrlar a
ghoille chuir is chum e cas-an-t-siubhail air
thoiseach bho là gu là gus an d' thuirt Cluas-ri-
Claistneachd, "Cluinneam." "De chluinneas
tu laochain" ars' an Gille. "Leigemid air n-
anail," arsa Cluas-ri-Claistneachd rinn iad sin
agus an sin thuirt Cluas-ri-Claistneachd "Ann
an ceann thri laithean thig sin gu baile mor,
agus tha Banrigh a riaghladh ann, agus thug
a mionnan 'sa bòid nach posadh i ach fear a
thigeadh a marcachd air tarbh. Nis tha tarbh
air an rathad, beiridh sin air agus marcaich e
do'n bhaile agus pòs a' Bhanrigh. "Ach,"
arsa easan, "na dealaich ruinne." "'S mi nach
dealaich gu brath," arsa 'n Gille. Rug iad air
an tarbh agus mharcaich e do'n bhaile agus
phos e Bhanrigh. Cha dealaicheadh e ris na coin,
cha robh sid a cordadh ris a' Bhanrigh. Là
do na laithean, thuirt Cluas-ri-Claistneachd
"Cluinneam." "De chluinneas tu 'laochain?"
ars' an Gille "Tha do bhean agus Cu dubh a'
Chuain Ghuirm gu diomhair 'san taigh-chùil a
deannamh suas do mharbhadh; gu sin a
dheannamh tha a' Bhanrigh a' dol a ghairm
faoghaid, agus an uair a thig teas na faoghaid
tréigidh iad thu gu léir is thig an sin an Cù
Dubh gu d' mharbhadh. Tha Bhanrigh 'san cu
airson sinne a ghlasadh a suas ann an seomar
laidir, ach na leig thusa sin a dheanamh." "'S
mi nach leig," ars' an Gille. Chaidh an fhaogh-
aid a ghairm, thainig latha na faoghaid agus
chaidh na coin a ghlasadh suas. Ann an teas
na faoghaid fhuair an gille e féin 'na aonar agus
chunnaic e Cu dubh-a' Chuain Ghuirm tighinn
uige los a mharbhadh. B' aithreach leis na
coin a bhi glaiste. Bho na glasaibh thuirt
Cluas-ri-Claistneachd "Cluinneam." "De
chluinneas tu?" arsa Luaths. "Tha mac an
lasgair ann an teanntachd chruaidh. Tha e na
aonar 's tha Cù dubh-a'-Chuain-Ghuirm greasadh
uige," arsa Cluas-ri-Claistneachd. "Na 'm
faighinn-sa mach," arsa Luaths "dheanainn
cobhair air mu'n ruig an cù air?" "A mach
theirig," arsa Neart, is le spòg thoisich bhuail e
'n dorus agus chaidh an dorus na spealgan. A
mach thug iad Luaths air thoiseach. 'Nuair a
bha Cù-dubh-a'-Chuain-Ghuirm a sineadh a làmh
gu graim fhaodainn air a ghille, bha Luaths na
ugan 's chum e greim air gus an tainig Cluas-ri-
Claistneachd agus Neart agus liodair is liodair
iad e gus nach b' urrainn e gluasad. Dh'fhag
iad sinnte air an raon e. Bha gach ni gu math
gus aon là an d'thuirt Cluas-ri-Claisteachd,
"Cluinneam." "De chluinneas tu 'laochain?"
"Cù-dubh-a-Chuain-Ghuirm agus do bhean a
deannamh suas do mharbhadh," arsa Cluas-ri-
Claistneachd. "Cia mar a ni iad e?" ars' an
Gille. "Tha Cù-dubh-a'-Chuain Ghuirm a
creidsinn nach urrain e de mharbhadh fhad 's a
bhios sinne leat, ach do mharbhadh 's e toilchead
'inntinn, agus leis a sin chuir e fo bhóidean do
bhean gu 'marbhadh i e féin agus gun gearradh
i suas e agus gu'n deanadh i pìthean deth. Gun
gairmeadh i féisd agus gu'n toireadh iad ort cuid
de'n na phìthean itheadh, agus an uair a
dh'itheadh tu dheth mharbhadh e thu," arsa
Cluas-ri-Claistneachd. "Ach na ith thusa
dheth agus na leig leo sinne 'ghlasadh a suas."
"'S mi nach leig," ars' an Gille. Chaidh an
fheisd a ghairm. Cha stadadh a Bhanrigh
gus an glaiste na coin. Bhagair i, chaoin agus
bhuralaich i, gus ma dheireadh chaidh na coin
a ghlasadh a suas ann an seomar ni bu laidire
na bha iad riamh. Chaidh an fheisd air
aghaidh gu cridheil. Choitich agus choitich
iad deoch làidir air a Ghille gus ma dheireadh
nach robh fhios aige de a bha e deanamh agus
thug iad uige a mhias phìthean, agus dhith e
dheth agus thuit e marbh fo'n bhòrd. Bha na
coin glaiste suas ann an seomar làidir, an dorus
do dharach 's do dh'iarrunn, agus thuirt Cluas-
ri-Claistneachd "Cluinneam." "Dé chluinneas
tu?" arsa Luaths. "Mac an iasgair marbh fo'n
bhòrd," arsa Cluis-ri-Claistneachd. "A! na 'm
faighinn-sa mach as a seo," arsa Luaths,
"leighisinn 's e fhathast." "Cia mar a rachadh
agad air sin a dheanamh?" arsa Neart. "Rinn
am puinnsean ball dubh anns a chridh' aige, dh'
fhosglainn e 's ghearrainn am ball dubh ás a
chridhe, dheoghlainn e agus chuirinn a rithist ann
e, agus dh'eireadh mac an iasgair cho slàn 'sa
bha e riamh," arsa Luaths. "Mu ni thu sin,"
arsa Neart, "seo fosgladh dhuit." Ghabh e roid
bho thaobh cùil an t-seomair agus chaidh e
direach le ghnos troimh an dorus, agus Luaths
agus Cluas-ri-Claistneachd ás a dhéigh. Ruith
Luaths air thoiseach 's cha b' fhada gus an robh
e steach 'san t-seomar. Dh'fhosgail e 'n Gille,
gheàrr e 'm ball-dubh ás a chridhe dheoghail e
e, chuir e rithist ann e, agus leum an gille suas
beò slàn mar a bha e roimhe. "Folbhmaid, cha'n
eil math dhuinn fuireach nis faide," arsa Luaths.
Dh'fholbh iad; shiubhil iad gus an d'ràinig iad
dealachadh thri rathaid, stad iad. "Nis," arsa
Cluas-ri-Claistneachd, "a mhic an iasgair tha
sinne 's tusa ri dealachadh an seo." "Cha dean
mi dealachadh ruibh idir," ars' an Gille.
Chruinnich iad ma dheibhinn ach cha dealaiche­
dh e-asan riu. Mu dheireadh thuirt Luaths "Có
sid a tighinn ad' dheigh?" Sheall an gille, cha'n
fhaca e duine, ach 'nuair thionndaidh e ris na
coin cha robh cù ri fhaicinn. Bha e duilich
116
THE CELTIC MONTHLY.
gun chaill e na coin agus bha e fo mhor
iomagain. Cha robh fhios aige de an taobh a
thionndadh e. Mu dheireadh thall ghabh e
air adhart air aon do na rathaidean, gu ciaradh
an fheasgair, 'nuair rainig e tigh mor briagh ann
am badan coille agus duine spaisdearachd aig a
cheann. Bheannaich e do'n duine 's bheannaich
an duine dha agus thuirt e – "'S e do bheatha,
mhic an iasgair. 'S fhada bha mi feitheamh
riut." "Tha 'm barrachd eolais agaibh," ars'
an Gille, "cha'n fhiosrach dhomh gu faca mi
riabh sibh." "Chunnaic thu iomadh uair mi,"
ars' an t-uasal. "Nach cuimhneach leat an cù
bha agad, Cluas-ri-Claistneachd. Is mise Cluas-
ri-Claistneachd, ach thig a' staigh, bidh an t-acras
ort." Chaidh iad a staigh. Bha 'm bord làn
do gach ni feumail agus grinn, agus theann iad
ris agus thoisich Cluas-ri-Claistneachd agus
thuirt e –. "Tha sinn a seo triùir bhràithrean
agus tha astar là eadar gach taighe againn,
chaidh air cur fo geasaibh gus an saoradh sinn
thusa bho Chu-dubh a' Chuain Ghuirm." Thug
iad mios a féisteadh agus thug iad mios eile 'n
tigh Luaths, 'san treas mios an tigh Neart an
duine toirteil treun, 's chuir iad a sin dachaidh
e gu sona beairteach agus dhealaich mise ris.
Ma's briag uam e 's briag ugam e.
Transcribed using automated handwriting recognition technology as part of the Decoding Hidden Heritages project.