Archival Reference

SSSA/TA/AT302/005

School of Scottish Studies SA1972.041B

Tobar an Dualchais/Kist O Riches

Transcript

AI
Informant : D.A. Johnson, Aird Mhór, South Uist.
SA 1972/41 B
Collector : D.A. MacDonald
Iain mac an Iasgair
Well, chuala mise mar a bha siodach ann, ma tha,
fear agus bha ... bha e pòsda, agus cha robh
duine teaghlaich aige. Agus 's e an cosnadh a
bh' aige, 's ann ag iasgach a bhiodh e, agus bhiodh
e 'creic an éisg nuair a thigeadh e ris a ... muinntir
'n àite a bha timchioll air.
Ach co-dhiubh seoach dh'fhàs an t-iasgach uamhasach
gann air, agus cha robh e 'dèanamh móran sam bith.
Agus an latha bh' ann a sheoach bha e air falbh
co-dhiubh, agus shiùbhail e chuile h-iola a b' àbhaist
dha bhith 'faighinn rud ann, agus cha robh e
'faighinn sìon. Agus am beul na h-oidhcheadh a
seoach an uair a bha e a' tarruing an duirgh 's e
'dol a dh'fhalbh dhachaidh dh'fhairich e plumb
aig deireadh na geòla. Agus thug e sùil 's bha
maighdean-mhara ann a shin.
"Chan eil thu," ars ise, "a' faighinn an éisg idir," ars ise.
"O chan eil," ars esan, "gu dearbh," ars esan.
"Chan eil mi 'ga fhaighinn o chionn treise cuideachd."
"'N dà," ars ise, "ma bheir thu dhomhsa," ars ise, "an
rud a dh'iarras mi ort," ars ise, "gheibh thu
an t-iasg ann a sheo cho pailt 's a fhuair thu
riamh," ars ise.
"O ma dh'fhaoidt'," ars an duine, ars esan, "nach
eil sin agamsa dhut," ars esan.
"Chan eil," ars ise, "e agad dhomhs idir," ars ise,
"ach bidh e agad," ars ise, "ma nì thu mar a
dh'iarras mis' ort," ars ise. Agus ...
"Dé," ars esan, "dé," ars esan, "tha sin?"
"Tha," ars ise, "do cheud mac."
"O faodaidh mi sin," ars am bodach, ars esan, "a
thoirt dhut," ars esan. "Cha bhi ... cha bhi mac
agamsa gu bràth," ars esan.
ars ise
"Well," ars ise, "dèan thusa" ᚳ "mar a dh'iarras mise
ort," ars ise, "agus bidh mac agad gun teagamh,"
ars ise. "Cuir a mach an dorgh," ars ise, "agus," ars ise,
a' cheud bheothach a mharbhas tu," ars ise, "cuir ...
cum air leth e," ars ise. "Na toir a dhuine sam
bith e," ars ise, "agus," ars ise, "nuair a théid thu
dhachaidh leis," ars ise, "cum air leth e," ars ise,
"agus cum ... bheir thu dhan bhean e," ars ise,
"agus e fhéin agus an grùthan," ars ise, "òrd
dhen ghrùthan agus òrd dhen ... dhen bhodach,"
ars ise, "ma seach," ars ise, "agus na gabh fhéin
greim dheth," ars ise.
Well ... "agus bidh mac agaibh gun teagamh,"
ars ise.
Well, 's ann mar seoach a bha. Chaidh i fodha.
Chuir esan a mach an dorgh agus fhuair e cnapach
de bhodach math a sin, agus dh'fhalbh e agus rug
e air nuair a thug e bhàrr an duirgh e, agus
chaith e suas a thoiseach na geòladh e. Agus
thòisich e ri iasgach, agus bha taosg aige 's a'
gheòla de dh'iasg mun d'fhalbh e, agus bha i
a's an dorchadas.
Agus nuair a rànaig e tìr a seoach bha na
daoine 'ga fheitheamh airson an éisg. Cha
do rinn iad ach a' gheòla 's a chuile sìon a bh'
ann a shlaodadh gu tìr, agus thòisicheadh
ri toirt air falbh an éisg, agus cha d'fhuair
am bodach a shàbhaladh ach beothach no dhà,
agus a' cheud bheothach a sh... a fhuair e
an déidh dhi-se falbh dhol ... falbh.
Well, dh'fhalbh e dhachaidh co-dhiubh, agus
dh'innis e dha 'bhean ... 'bhean mar a bha, agus
chuireadh air dòigh am beothach a bha seoach agus
chuireadh air leth e, agus e fhéin 's an grùthan.
Agus bhithte nist, bhithte 'cur ... 'dèanamh òbh
dhan bhodach agus òb dhen ghrùthan agus bhithte
'ga bhruich agus cha robh 'ga ghabhail ach ise.
Ach co-dhiubh seoach bha am bodach, bhiodh e
'g iasgach a chuile latha 's bha e 'faighinn de
dh'iasg mar a thogradh e. Gu dé rinn a' bhean
aige seoach 's i air fàs sean ach fàs trom.
Agus a seoach gus an tànaig an t-
àm agus rugadh leanabh gille. Agus bha aige
nist ri thoirt dhì nuair bhiodh e cóig bliadhn'
deug a dh'aois. Bha aige ri thoirt a mach a's
a' gheòlaidh 's a thoirt dhi-se.
Well, co-dhiubh seoach bha ... thog ... bha meas
air a' ghille ceart gu leòr, agus bhathar 'ga
thogail, agus dh'fhàs e seoach suas, agus ...
ors mu dheireadh gu tànaig àm sgoileadh.
Ach co-dhiubh seoach, bha e 'dol dhan sgoil,
agus nuair a bha e suas mu thrì bliadhn' deug
a sineach, cha robh feasgar a thigeadh e
dhachaidh nach biodh 'athair 's a mhàthair
a' caoineadh. Agus bha e 'cur neònachas
uamhasach air dé bha 'toirt orra bhith
caoineadh.
Ach co-dhiubh seoach, feasgar ... feasgar a
bh' ann a sheoach, 's bha e nuair sin 'teannadh
air ... mu na ceithir bliadhn' deug, dh'fh... thuirt e
riutha, "Gu dé," ars esan, "tha 'toirt oirbh," ors
esan,
bhith 'caoineadh," ars esan, "a leithid seo a
dh'ùine," ars esan, "a chuile h-oidhcheadh,"
ars esan, "nuair théid mise dhachaidh?
An e," ars esan, "a chionn 's g' eil mise d...
dachaidh," ars esan, "tha 'toirt oirbh a bhith
'caoineadh?"
"O chan e," ars a mhàthair, ars ise.
"D' eile nist," ars esan, "tha 'toirt oirbh a bhith
'caoineadh ? Bha sibh an toiseach math gu leòr,"
"Cha robh ...
ars esan. ᚳ Bha sibh glé chaoimhneil," ars esan,
"nuair a thiginn-sa dhachaidh," ars esan,
"'s tha sibh an diugh," ars esan, "chan eil
sibh ach a' caoineadh a chuile feasgar a
thig mi dhachaidh."
Well, dh'innis a mhàthair dha seoach mar
a bha.
"O seadh," ars esan. "Ma tha," ars esan, "nuair
bhios mise cóig bliadhn' deug," ars esan, "bidh
mi 'fàgail an àite tha seo," ars esan, "co-dhiubh,"
Agus bha iad a nist a' dol air aghaidh gus a robh
na
e ᚳ cóig bliadhn' deug, agus nuair a rànaig e
seoach na cóig bliadhn' deug 's a bha e clìoras
an sgoil – Fhuair e mach ás an sgoil aig
ceithir
cóig bliadhn' deug, ach bha e cóig bliadhn'
deug co-dhiubh – thuirt e riutha iad rud
fhaighinn deiseil dha-san agus gu robh e
'dol a dh'fhalbh am màireach, agus gum
biodh e 'fàgail an àite bha seo.
Well, 's ann mar seoach a bha. Fhuaireadh
deiseil, chuireadh air dòigh gnothaichean
dha 's dh'fhalbh e.
Bha e nist a' falbh fad an latha, 's cha
robh fhios aige có an taobh a bheireadh e
aghaidh. Ach co-dhiubh air ... air treis an
latha seoach, suas gu meadhon latha sineach,
chuala e bhith 'g éigheach as a dheoghaidh,
"Iain 'ic an Iasgair, till 's dèan ceart."
Agus thug e sùil as a dheoghaidh 's bha
leomhann ann a shin agus ... agus calman
agus rodan, agus iad air a dhol far a chéile
mu dheidhinn sìol a bh' air a' chnoc, sìleanan
sìl a bh' air a' chnoc.
"Siuthad," ars an leomhann, ars ise, "thig,"
ars ise, "agus dèan ceart dhuinne," ars ise, "có ...
có a gheibh seo," ars ise.
Agus thànaig Iain a nall – 'S e Iain a bh' air
a' ghille – thànaig Iain a nall agus
"'N dà, gu dearbh fhéine," ars esan, "tha mi-fhìn
a' smaointinn," ars esan, "do leithid fhéin a
bheothach," ars esan, "'s iomadh," ars esan,
"creutair a th' agad air feadh na coilleadh a
sin," ars esan, "air feadh a' mhonaidh a sin,"
ars esan, "a dh'fhaodadh tu," ars esan,
"biadh a dhèanamh air," ars esan, "as
iùnais na dhà no trì shìleanan sìl tha sin,"
ars esan. "Agus thusa, a rodain mhóir, ghlais
cuideachd," ars esan, "'s iomadh cruach
mhór mhath arbhair," ars esan, "agus ... tha
air feadh an àite," ars esan, "a gheibh thu
do leòr innte," ars esan, "as iùnais," ars esan,
"an sìol sin," ars esan. "Ach an calman bochd,"
ars esan, "chan eil aige," ars esan, "ach mar a
chruinnicheas e ann a shin. Agus," ars esan,
"tha e co... tha e colach gur e air a chur
a mach dha co-dhiubh, ge brith cà laigh e,
gum bi sìleanan sìl 'ga fheitheamh. Agus,"
ars esan, "'s ann dhan chalman," ars esan,
a bheir mise an sìol," ars esan.
"'N dà, beannachd dhutsa," ars an calman, ars
esan, "agus chan eil uair," ars esan, "a
smaoinicheas thuca bhith 'nad chalman," ars
esan, "nach bi thu ann," ars esan.
"'N dà," ars an leomhann, ars ise, "ged tha
seo
mise robach, glas," ars ise, "bha ... chan eil
ars ise,
uair," ars ise, "a smaoinicheas e," ᚳ "bhith 'na
leomhann," ars ise, "nach bi e ann cuideachd,"
ars ise.
"'N dà," ars an rodan, ars esan, "mar a rinn
sibh cho math dha uileag," ars esan,
"carson nach faod mise a dhèanamh a
leithid eile dhèanamh dha," ars esan.
"Chan eil uair a smaoinicheas e," ars esan,
"agus faodaidh mi deagh fheum a
dhèanamh dha," ars esan; "Chan nuair a
smaoinicheas e bhith 'na rodan," ars esan,
"nach bi e ann."
Agus dh'fhalbh Iain agus dh'fhàg e slàn
aca, agus chum e roimhe. Well, smaoinich
e aige fhéin a seoach gu feuchadh e feuch a
robh na briathran aca ceart, agus dh'òrdaich
e e fhéin a bhith 'na rodan. Och, bha e sin
a's a' mhionaid. Bha e 'na leomhann air an
aon dòigh.
Ach co-dhiubh bha e 'dol air aghaidh mar sin
's cha bhiodh e fada 'dèanamh astar a nist.
Ach co-dhiubh seoach, b' shuarach an ùine bha
e 'dol air aghaidh as a dheoghaidh sineach nuair
a chuala dh'fhairich e an ath eubh as a dheoghaidh,
"Iain 'ic an Iasgair, till 's dèan ceart."
Agus thug e sùil agus bha e dol seachad –
Bha locha faisg air, agus bha ... aig an loch
ann a shineach bha breac ann, agus bha
biast-dhubh ann agus seobhag, agus iad
ag obair air a dhol far a chéile mu dhéidhinn
boiteig. Agus dh'eubh a seoach a' bhiast-
dhubh dha e a thighinn agus ceart a
dhèanamh feuch có aige bhiodh seo.
Agus thànaig Iain a nall far a robh iad.
Agus ... "'N dà gu dearbh fhéin," ars esan,
"tha mi fhìn a' smaointinn," ars esan, "do
leithid fhéin," ars esan, "a' bheist-dhuibh."
ars esan, "'S iomadh," ars esan, "iasg a th' agad
air feadh na fairge," ars esan, "agus ann an
iomadach àite," ars esan, "ann an lochanan
cuideachd," ars esan, "a dh'fhaodadh tu,"
ars esan, "biadh a dhèanamh dheth," ars esan,
"as iùnais," ars esan, "a' feitheamh na h-aon
bhoiteig tha siod. Agus c... thusa cuideachd
a sheobhaig ghlais," ars esan, "tha eunlaith gu
leòr air feadh na h-iarmailt agad," ars esan,
"a dh'fhaodadh tu," ars esan, "biadh a dheanamh
dheth," ars esan. "Ach am breac bochd," ars esan,
"chan eil aige," ars esan, "a's an locha seo,"
ars esan, "ach ma laigheas cuileag," ars esan,
"air an uisge," ars esan, "neo ma thuiteas boiteag
ri bruaich an locha," ars esan. "Sin," ars esan,
"an t-... an t-seans a th' aige air a bhiadh
fhaighinn. Agus," ars esan, "'s e mo bheachd,"
ars esan
ars esan, "'s ann dhan bhreac," ᚳ "a bheir
mise e."
"'N dà, beannachd dhut-se," ars am breac, ars
esan, "agus chan eil uair," ors esan, "a
smaoinicheas tusa a bhith 'nad bhreac," ars esan,
"nach bi thu ann."
"'N dà," ars a' bhiast-dhubh," ars ise, "ge nach
d'fhuair sinne dad a lì," ars ise, "chan
eil ... faodaidh sinn deagh fheum a dhèanamh
dha fhathast," ars ise. "Chan eil uair a
smaoinicheas e bhith na bhiast-dhubh," ars
ise, "nach bi e ann."
"'N dà," ars an seobhag, ars esan, "faodaidh
mise feum a dhèanamh dha cuideachd," ars ise,
"agus," ars esan, "ma rinn sibh-péin cho math
ris," ars esan, "carson nach dèan mise ris e,"
ars esan. "Chan eil uair a smaoinicheas e
bhith 'na sheobhag," ars esan, "nach bi e ann."
Well, 's ann mar seoach a bha. Dh'fhàg Iain
slàn aca, 's dh'fhàg e 'bhoiteag aig a' bhreac
agus ... Bha a nist a' cumail roimhe, agus
smaointich e seo aige fhéin, agus air a .. na ...
dh'fheuch e bhith 'na sheobhag, agus bha e
'na sheobhag 's a' mhionaid a seo. Agus bha
e 'g ràdh ris fhéin a nist, "Well, cha bhi mi
fada a nist air an astar 'toirt a mach àite
a chor-eigin,."
Agus chum e nuair sin treis a' falbh 'na
sheobhag 's treis 'na chalman, 's treis bhiodh
e ruith creutair 'na leomhann, a' cur a'
chuthaich orra, agus e 'dèanamh spòrs dha
fhéin. Agus chunnaic e seoach 'm baile
mór a bha seoach roimhe; agus rinn e dìreach
air a' bhaile, agus mun tànaig e chon a' bhaile idir
thànaig e nuas 's chaidh e 'na riochd fhéin.
Agus ... Chunnaic e taigh ann a shineach ann
an iomall a' bhaile, car de bhothan beag leis fhéin,
agus thuirt e 'na inntinn fhéin gu rachadh e
chon an taighe bha seo. Agus chaidh e chon
an taighe, agus bhuail e an dorus, agus
thànaig leth-sheann duine sineach a nuas a
dh'fhosgladh an doruis dha. Agus dh'fhoighneachd
Iain dheth am faigheadh e cuid na h-oidhche
aige, agus thuirt am bodach gu faigheadh,
nach robh aige-san ach e fhéin, ach e a
thighinn a staigh agus gu faigheadh e an
seòrsa bh' aige fhéin agus gu faigheadh e àite-
cadail, agus ... gu faiceadh e gu dé
dhèanadh e.
Agus thànaig iad a staigh co-dhiubh, agus
rinn am bodach ... 's fhuair e biadh, agus
nuair a fhuair iaid am biadh a seo, fhuair
iad seachad e, thuirt Iain ris gur e strainnsear
a bh' ann dhan a bh' ann-san dhan àite
an bha seoach.
"O tha mi 'faicinn sin," ars am bodach, "gur a
h-e," ars esan. "Ach 's e mise," ars esan,
"mucair," ars esan, "a th' aig an rìgh," ars esan.
"a's an àite tha seo," ars esan. "'S mi," ars esan,
"tha 'sealltainn as deoghaidh nam mucan," ars esan.
"O seadh," ars Iain. "Tha," ars esan, "rìgh ann?"
"Tha," ars esan, "rìgh ann ann a sheo," ars esan.
"Bheil teaghlach ann?" ars Iain.
"Chan eil ann," ars esan, "ach aon nighean, aig
ars esan
an rìgh," ᚳ "ach aon nighean," ars esan, "agus e fhéin
. a bhean,"
Agus ... Co-dhiubh seoach chaidh iad a chadal.
Fhuair iad ... Fhuair e leaba 's chaidh e
chadal. Làirne-mhàireach dh'éirich e, agus
thuirt am mucair ris, "'N dà," ars esan, "an
ann," ars esan, "a' coimhead airson obair a tha
thu?"
"O 's ann," ars Iain. "'S ann ... Sin dùil a
bh' agam co-dhiubh.
"'N dà," ars esan, "chan eil sìon as fheàrr dhut,"
ars esan, "ach fuireach còmh rium fhìn," ars esan.
"Tha mise," ars esan, "air fàs sean a nist," ars esan,
"agus tha ... tha an gnothach a' fàs trom orm;"
ars esan, "a bhith 'biadhadh nam muc," ars
esan. "Agus nam fanadh tu còmh rium fhìn"
ars esan, "ors gu toireadh tu hand dhomh,"
ars esan, "airson leth-uair."
"O," ars Iain, "fanaidh mise," ars esan, "treis
co-dhiubh gus an dèan mi mo shùil a's an
àite," ars esan. "Fànaidh mise còmhla ruibh
gun teagamh."
Agus 's ann mar seoach a bha co-dhiubh
Dh'fhan e còmh ris a' mhucair. Agus bha ...
Chaidh iad chon na mucan làirne-mhàireach,
agus mach bhuaithe sin cha ruigeadh a
leas am mucair falbh idir. Dhèanadh Iain
e fhéin an gnothach airson na bha ri dhèanamh
riutha, airson am biadh a chur air dòigh 's
a ghlanadh.
Agus o cha d'fhuair am mucair a leithid a
dhuine riamh.
Ach an latha a bha e seoach, chunnaic
e co-dhiubh nighean an rìgh bhuaithe.
Agus an oidhche sin co-dhiubh, nuair a chaidh
am mucair a chadal 's a chaidh iad a
chadal le chéile co-dhiubh, dh'éirich esan,
agus dh'fhalbh e. Dh'fhalbh e 'na sheobhag,
agus rànaig e pàilios an rìgh agus laigh
e air ... air a chan a bh' ann, agus
siod sìos 'na rodan a bha e, agus
rànaig e an rùm a's a robh ise. Agus bha
ise 's an leabaidh, agus dh'fhalbh e
agus leum e 'na dhuine an uair sin,
agus chaidh e null agus chuir e 'làmh
air ... air an aodach air an leabaidh, 's
ò leig ise sgiamh aisde, 's leig i sgreuchan
's leig i sgiamhail.
Có thànaig a nuas ach an rìgh 's ...
"Dé," ars an rìgh, ars esan, "tha ceàrr mar seo?"
"O," ars ise, "tha cuid-eigin 's an rùm," ars ise.
ars ise
"Dh'fhairich mi," ars ise, "an duine," ᚳ "a' cur a làmh,"
ars ise, "air ... air an aodach air m' uachdar," ars ise.
Agus thòisich siubhal. Thànaig ... Thionndaidh
a' phailios suas 's thòisich siubhal thall 's
thòisich siubhal a bhos. Thug esan an similear
air cho luath 's a rinn e riamh 'na rodan.
Agus shiubhladh gach àite, agus cha robh ... cha
d'fhuaireadh sìon.
"O," ars esan, "ge brith gu dé rud a th' ort," ars
an rìgh, ars esan, "chan eil e ann ... 'S e ...
Feumaidh gur e aisling a chunna tu," ars esan.
"O chan e aisling idir," ars ise. "Bha mi 'nam
dhùsgadh glan," ars ise, "nuair a chunna mi
e 's a dh'fhairich mi e 'cur a làimh air
an aodaich," ars ise.
Agus "Ma tha," ars an rìgh, "chan eil duine
seo," ars esan, "ri fhaicinn an àite sam bith,"
ars esan. "Agus caidil," ars esan, "agus leig le...
leig le daoine cadal."
Well, dh'fhalbh iad co-dhiubh 's dh'fhàg
iad ann i. Agus ... cha robh i sìon ach air ...
Cha do thàr i a's an leaba co-dhiubh nuair
a thànaig Iain a mach as an t-similear,
agus chaidh e 'na dhuine, agus chaidh e
null agus chuir e 'làmh air an aodach.
Agus ma bha sgiamhail ann reimhe 's ann a
bha sgiamhail an dràsda. Agus thànaig an
rìgh a nuas a rithist agus na daoine, agus
thòisich siubhal agus ...
"Leabhara," ars an rìgh, ars esan, nuair a
shiubhail iad 's nach d'fhuair iad sìon,
"Ma chluinneas mi rithist biog a' tighinn ás
do bheul," ars esan, "gabhaidh mi dhut le cuip
nan con. Chan eil ann," ars esan, "ach rud tha
thu 'toirt a' bharail ort fhéin."
"O chan e."
"O 's e," ars an rìgh. "Cha dèan e an
gnothach," ars esan.
Well, dh'fhalbh an rìgh co-dhiubh 's
thug e na fàithntean sin oirre se co-dhiubh
nach robh an còrr ri chluinntean bhuaipe.
chaidh e ...
Agus dh'fhalbh e, agus ᚳ chaidh iad a chadal.
na
Agus cha robh e sìon ach air fhàlachadh a's an
leapa co-dhiubh nuair thànaig esan a mach a
rithist as an t-similear, agus chaidh e 'na
dhuine, agus chaidh e null chon na leapa
agus chuir e 'làmh air an aodach, agus
"O," ars ise, "chan eil reusan sam bith a bhith
riut. Feumaidh gur e duine a th' unnad," ars ise,
"ge brith," ars ise, "có ás a thàna tu," ars ise, "no
gu dé mar a tha thu, dé mar a tha thu 'faighinn
a seo," ars ise. "Agus
"O 's e," ars esan, "duine a th' unnam ceart gu leòr."
Agus bha e nist an oidhche sin còmh ri nighean
an rìgh. Agus co-dhiubh seo, a's a' mhaduinn
nuair a bha e 'falbh, thug i dha briogais bhàn,
agus thuirt i ris, "Chan eil a nist," ars ise "a leithid,"
ars ise, "a's an àite," ars ise, "a bhriogaisean," ars ise,
thuirt i
"ach té eile," ᚳ "a th' aig m' athair dhiubh," ars ise.
Agus dh'fhalbh co-dhiubh esan, agus a' bhriogais
aige. Rànaig e 's chaidh e dhan leabaidh.
Thug e an leaba air an taigh a' mhucair, 's dh'
éireadh
éirich e 's a' mhaduinn. Agus nuair a dh'éirich
am mucair bha a' bhraiceis aige-san deiseil
's a chuile sìon 's ... Chaidh e null gu baga a
bh' aige sineach 's bha ... chuir e 'bhriogais
a's a' bhaga, agus thòisich e air rùileach a'
bhaga agus thug e mach a' bhriogais 's chuir e
air rud.
"A bhiadh 's aodach!" ars am mucair, ars esan,
"có as ... cà d'fhuair thu 'bhriogais?" ars esan.
"Dé bhriogais?" arsa ... Iain.
ars esan
A' bhriogais sin," ᚳ "tha thu air a chur ..."
"Hod, a Dhia!" ars Iain, "tha gu leòr againne dhen
t-seòrs ud.' Ma bhios tusa," ars esan, "an àite
as an tàna mise," ars esan, "gheibh ..."
Dhia,
Agus ... "A ᚳ bhiadh 's aodach, nach toireadh
tusa dhomhs i!" ars esan.
"Dearbha fhéine bheir," ars Iain. "Seo dhut i."
Thugadh dhan mhucair a' bhriogais.
Ach co-dhiubh chuir am mucair air a' bhriogais.
Agus mar a bha ... ghabh e gach cuairt ... ghabh
e cuairt bha ... Chunnaic nighean an rìgh
agus a' bhriogais a thug i dhan fhear eile
bur ... air a' mhucair.
Agus co-dhiubh seoach an oidhche sin dh'fhalbh
e rithist, agus chaidh e choimhead air
nighean an rìgh. Agus cha robh sgeul air
na sgreadan an oidhche sin ann. Agus ...
"A Dhia," ars ise, "'n e bhriogais thug mise dhut-sa
raoir," ars ise, "chunna mi," ars ise, "air a'
mhucair an diugh?"
"Chan i," ars esan. "Chan e bhriogais thug thu
dhomhsa raoir a chunna tu air a' mhucair,"
ars esan. "Tha gu leòr againne," ars esan, "dhen
t-seòrs ud," ars esan. Agus ...
Ach co-dhiubh seoach nuair a bha e 'falbh 's a'
mhaduinn thug e dhi ... dha an t-seacaid aige,
agus thug e leis an t-seacaid agus chaidh
e dhachaidh, agus chuireadh a's a' bhaga i.
Agus nuair a bha ... nuair a dh'éirich am
mucair bha a' bhraiceis aige deiseil, agus
nuair a ghabh iad am braiceis a seo thòisich
Iain air feuchainn a's a' bhaga, 's thugadh
a mach an t-seacaid, agus chunnaic am
mucair i.
"A bhiadh 's aodach!" ars esan, "cà d'fhuair
thu t-seacaid?"
"Hod, a Dhia!" ars Iain, "tha gu leòr aguinne," ars esan,
"dhe na seacaidean tha sin," ars esan, "dhe
na h-aodaichean geal tha sin," ars esan.
"A Dhia, nach toireadh tusa," ars esan, "dhomhsa i.
Nach i fhreagradh dhan bhriogais bhàn!"
"O 's i gu dearbh," ars esan. "'S ann dhi a
bhuineas i," ars Iain, ars esan, "'s gheibh
thu sin," ars esan.
'S thugadh dha an t-seacaid.
Ach co-dhiubh bha e 'dol a staigh, agus an
chaidh esan
oidhche sin a rithist ᚳ a choimhead nighean
an rìgh. Agus ... tha ... thug i aghaidh air
mu dhéidhinn na seacaid.
O chan e. Chan e an t-seacaid a bh' ann idir.
Seacaid eile bh' aige bh' aige fhéin a bh' ann,
's chan i bh' ann idir.
Agus ... Ach co-dhiubh seoach bha e an
oidhche sin còmh rithe, agus thànaig e
dhachaidh làirne-mhàireach.
Ach am feasgar an latha sin thànaig brath
dhan àite, rìgh eile bha faisg orra agus
gu robh bl... cath latha 's còmhrag aig ... aig
an fhear seo ri chumail ris, neo leithid
seo a shuim airgid a thoirt dha . mur a
gléidheadh e. Agus ...
"A dhuine!" ars am mucair, ars esan, 's Iain
air tighinn chun na mucan, "an cuala thu
an naidheachd tha siod?" ars esan.
"Dé an naidheachd a th' ann," ars Iain.
"Tha," ars esan, "bidh latha cath 's còmhrag,"
ars esan, "aig," ars esan, "aig a leithid seoach
a rìgh," ars esan, "ri ... ri chumail ris an
fhear seo. Mur a cum am fear seo ris," ars esan,
ars esan
"tha" ᚳ "a leithid seo a shuim airgid aige ri
phàidheadh dha. Agus ... "am màireach," ars esan.
"Tha mi cinnteach," ars Iain, ars esan, "gum
bi sibh a' dol ann."
O ghràidhein," ars esan, "tha mi cinnteach gum
bi," ars esan. "Ged nach fhaighinn-sa ach
buille an dràsd 's a rithist a thoirt dhaibh,"
ars esan, "'s dòch gun dèan mi rud-eigin,"
ars esan
"O seadh," ars Iain.
Ach co-dhiubh seoach, làirne-mhàireach ... Bha
esan an oidhche sin bha e coi... 'coimhead
air nighean an rìgh. Agus a seo an làirne-
mhàireach co-dhiubh, rinn am mucair deiseil.
airson falbh, agus chuireadh air a' bhriogais
... chuireadh air an deise bhàn. Agus
fhuaireadh 'eudadh de chlaidheamh bha sineach
agus dh'fhalbh e.
Agus bha ... Nuair a fhuair Iain na mucan
air dòigh dh'fhalbh e 's leum e air falbh
'na sheobhag. Agus bha e 'gabhail faire
orra sineach 's thug e 'n aire nuair sin
dhan nàmhaid eile 'tighinn. Agus nuair a
bha iad an dà nàmhaid gu bualadh 'na chéile
thànaig Iain a nuas agus, leum e 'na
leomhann chuthaich, agus a mach air feadh an
nàmhaid a bha e an aghaidh an rìgh bha seoach
a ghabh e. Agus thugadh tom gu tulaich
as an fheadhainn nach robh air an sracadh
bhathar 'g... chan eil fhios gu dé nach
robhar a' dèanamh orra. Agus mu
dheieadh ratréat iad. Ach dh'eubh am
fear a bh' air ceann an airm a sin gum
biodh iad ann am màireach air ais.
Agus dh'fhalbh e nuair sin nuair a theich
càch air falbh. Dh'fhalbh e agus chunnaic
e na daoine aca fhéin a' tighinn, agus
chunnaic e am mucair leis an deise bhàin.
Agus a mach as a dheoghaidh a ghabh e.
Agus a mach as a dheoghaidh, agus rànaig
e seoach am mucair agus leagadh am
mucair. Agus bha ... Thòisich i ri
tharruing thall 's a bhos throimh ... throimh
pholl 's throimh eabar 's a chuile seòrsa a
bh' ann. Agus a chuile turus a leigeadh am
mucair, a leigeadh e sgiamh ás, bhuaileadh
Iain a spòg air. Agus dh'fhàs ... dh'fhàgadh
ann a shin e nuair a bha e seachd sgìth
'ga tharruing 's 'ga shlaodadh air ais 's air
aghaidh, 's leum e air falbh 'na sheobhag,
agus thànaig e dhachaidh.
Agus bha e staigh a sineach, agus chual
e seo "Och is Och" a' tighinn, agus thànaig
am mucair.
"Dé tha ceàrr," ars Iain.
"O ghràidhein," ars esan, "'s coma dé tha ceàrr,"
ars esan. "Cha do bhuail sinn idir," ars esan,
"ach thànaig leomhann chuthaich," ars esan,
"'s ged a rinn i," ars esan, "glé mhath," ars esan,
"air ar taobh-ne," ars esan, "thug i tom
gu tulaich," ars esan, "air an fheadhainn
a bha thall," ars esan, "agus b' fheudar
dhaibh teicheadh air deireadh," ars esan.
"Ach tha againn ri dhol ann am màireach
fhathast. Agus," ars esan, "tha mi cinnteach,"
ars esan, "gur e chionn an deise bhàn a bhith
ormsa," ars esan, "a thug orra-san mo leantail,"
ars esan. "Dh'fhalbh i as ar deoghainn," ars esan,
ars esan
"agus le ... le ... rug i ormsa," ᚳ "agus leag i mi," ars
esan, "'s bha i 'gam lointeadh thall 's a bhos,
ach gu dearbh, an creutair," ars esan, "cha do
gheàrr i 's cha do rinn i sìon orm, ach
a chuile turus leiginn sgiamh," ars esan,
"bha i 'bualadh a spòig orm."
"A dhuine," ars Iain, "nach sibh a shàbhail!"
ars esan,
"O tha," ars esan, "an creutair," ᚳ "cha do rinn i
olcas sam bith orm," ars esan, "ach an damaist
a fhuair mi," ars esan, "'gam shlaodadh air
ais 's air aghaidh."
"O ma tha," ars Iain, "tha mi cinnteach," ars esan,
gum bi sibh 'dol ann am màireach."
"O chan eil fhios 'am," ars am mucair, ars esan,
"dé nì mi fhathast," ars esan, "dé mar a
bhios mi 's a' mhaduinn. Ma bhios mi
meadhonach math," ars esan, "théid mi ann
gun teagamh."
Ach co-dhiubh 's ann mar seoach a bha.
Làirne-mhàireach n... dh'fhalbh ... am mucair
rinn e deiseil airson falbh 's dh'fhalbh e.
Dh'fhalbh Iain chon nam muc, agus nuair a
fhuair e air dòigh na mucan a seoach, dh'
fhalbh e nuair sin agus leum e 'na sheobhag,
agus dh'fhalbh e choimhead, a ghabhail faire
feuch càit an robh na nàmhaidean. Agus
chunnaic e seoach iad a' tighinn. Agus bha
iad a' tighinn, agus bha iad a seo gu bualadh.
Agus mar a rinn e an dé rinn e an diugh,
agus Thànaig e nuas agus leum e 'na
leomhann chuthaich, agus a mach air am
feadh a ghabh e.
an a ... thugadh
Agus thugadh ᚳ an gnothach na bu mhiosa
dhaibh an diugh na thugadh an dé. Ach
na dheoghaidh sin bha iad gu tachairt am
màireach air ais. Agus nuair a chunnaic
am mucair an leomhann tharruing e cho
luath 's a rinn e riamh.
Agus dh'fhalbh Iain. Rànaig e am mucair
a seoach 's l... rinneadh a leithid eile
air a' mhucair 's a rinneadh an dé air.
Leagadh e 's thòisicheadh air a shlaodadh
's air a shalach 's air a chuile sìon, agus
cha mhór gus a robh e seachd sgìth ag
obair air, agus nuair a bha leum e air
falbh 'na sheobhag, agus thànaig e dhachaidh.
Agus bha e sin a' feitheamh ...
Informant : D.A. Johnson, Aird Mhór, South Uist.
Collector : D.A. MacDonald
SA 1971/42 A1
Iain mac an Iasgair (contd. from SA 1971/41 B
Ach co-dhiubh thànaig am mucair dhachaidh
agus dh'fhoighneachd Iain dheth. "'N e leomhann," ars
esan, "a thachair riut an diugh?" ars esan.
"O 's i," ars esan, "ach gu dearbh," ars esan, "ged a
tha i dona dhomhsa," ars esan, "tha i 'dèanamh
math dhuinn ann an dòigh eile," ars esan. "Thug i,"
ars esan, "tom gu tulaich," ars esan, "air an fheadhainn
eile an diugh," ars esan. "Ach," ars esan, "tha iad," ars esan,
"a' tighinn am màireach fhathast," ars esan. "Agus," ars esan,
"dh'fhalbh i," ars esan, "as mo dheoghaidh-sa," ars esan,
"agus bha i," ars esan, "'gam lointeadh 's gam shlaodadh,"
ars esan, "mar a bha i riamh an dé."
"A dhuine!" ars esan, ars esan, Iain, "nach fuathasach
math tha i 'gabhail aice.
"O 's e," ars esan. "Tha mi cinnteach gur e thaobh
a' bhriogais ... an deise bhàn a bhith ormsa," ars
esan, "gur h-e tha 'ga dhèanamh."
"O chan eil fhios 'am fhìn," ars Iain, "nach e," ars esan.
Ach co-dhiubh ghabh iad am biadh co-dhiubh 's
fhuair iad air dòigh 's chaidh iad a chadal.
dha
Agus dh'fhalbh esan mar a b' àbhaist ᚳ a choimhead
nighean an rìgh. Agus bha an eachdraidh aige
fhéin 's aig nighean an rìgh mar a bha e
'feuchainn ris a' mhucair, agus an job a bha
an leomhann a' dèanamh orra, agus air an
leomhann fheadhainn eile.
Agus co-dhiubh seoach thànaig e dhachaidh
's fhuair e ... nuair a dh'éirich am
mucair 's a' mhaduinn bha a bhraiceis
deiseil aig Iain. Agus ...
"Bheil sibh," ars Iain, "a' falbh an diugh?"
"O tha," ars esan, "tha mi 'smaointinn g' eil mi
'falbh an diugh fhathast," ars esan, "Ma dh'
fhaoidte," ars esan, "gur e an diugh an latha
mu dheireadh," ars esan. Agus ...
"O ma dh'fhaoidte gur a h-e," ars Iain.
Ach co-dhiubh dh'fhalbh am mucair, agus
nuair a dh'fhalbh am mucair, 's a chaidh
Iain 's a fhuair e air dòigh na mucan aig
an rìgh, dh'fhalbh e fhéin 'na sheobhag.
Agus ... chunnaic e seoach an fheadhainn
eile a' tighinn agus bha e 'gan leantail a's
an iarmailt a sin gus a robh iad, an dà
bhuidheann a thuar a bhith aig a chéile,
agus nuair a bha, thànaig e nuas 'na leomhann
agus dhalladh air an fheadhainn eile, agus
ma rinneadh mess orra an dà latha bha
reimhid ann 's ann a rinneadh mess an
diugh orra, agus dh'eubh iad an t-sìth,
nach robh an còrr ri bhith ann tuilleadh.
Agus nuair a chunnaic am mucair an leomhann
co-dhiubh tharruing e. Agus bha e 'toirt
bhuaithe na bh' aige, agus rug an leomhann
a seoach air, agus bha seoach ... bhristeadh.
Bha ... co-dhiubh thòisich ... leag e e mar a b'
àbhaist, agus thugadh dha na lointidhean a
bha sineach, agus dh'fhàgadh ann a shineach
e, agus dh'fhalbh e 'na sheobhag dhachaidh.
Agus làirne-mhàireach a nist ... well,
chaidh mi beagan bhàrr mo sgèoil ...
Bha latha eile gus 'ith ana ann co-dhiubh.
Ach co-dhiubh seoach an làirne-mhàireach
nuair a dh'fhalbh iad, tha ... nuair a
fhuair Iain air dòigh na mucan, dh'fhalbh
dha
e 'na sheobhag mar a b' àbhaist ᚳ Agus gu
dé rinn an rìgh ach an clogad fhàgail a
staigh, agus air an rathad dh'ionndaich ...
dh'ionndrainn e e, agus dh'eubh e dhaibh,
"O duine sam bith bheireadh thuige-san
an clogad gu faigheadh e 'nighean ri
pòsadh.
Agus dh'fhalbh Iain. Agus có thill, có bha
air tilleadh ach am mucair còmh ri càch
'na ruith, feuch có bhiodh ann, feuch
có ruigeadh a dh'iarraidh a' chlogad.
Ach dh'fhalbh Iain co-dhiubh 's thug e
aghaidh air pàilios an rìgh. Agus thànaig
e nuas 's chaidh e 'na dhuine 's bhuail
e aig an dorus. Agus thànaig ise a dh'
fhosgladh an doruis, nighean an rìgh.
"Dé," ars ise, "tha ceàrr?"
"Tha," ars Iain, "dh'fhàg d' athair an
clogad a staigh," ars esan.
"Thig thusa staigh mar seo," ars ise.
Agus chaidh e staigh agus bha 'bhan-rinn
a's an rùm a bh' ann ... bh' ann.
"Siuthad," ars ise, "dèan dhusa ... dhomhsa
agus dham mhàthair," ars ise, "cleas," ars ise, "mu
falbh thu," ars ise.
dhut,"
"O," ars esan, "'s fheàrr ᚳ "ars esan, "clogad d'
athar thoirt ..."
"Ged a chailleadh m' athair an ceann," ars ise,
ars ise,
"feumaidh tu cleas a dhèanamh," ᚳ "dha m' mhàthair,"
ars ise, "agus dhomhsa," ars ise, "mu falbh thu."
ma tha
Agus ... "O glé cheart," ᚳ " ars esan.
Dh'fhalbh e agus leum e 'na chalman, agus
leum e gu 'gualainn se, agus dh'fhalbh e
bhàrr a gualainn-se agus leum e gu
gualainn na ban-rinn, agus leum e as
a sin agus chaidh e 'na dhuine air ais.
"Siuthad," ars ise, "dèan fear eile," ars ise.
Agus dh'fhalbh e agus leum e 'na bhreac
air a' bhòrd agus sgaoil e na h-iuchraichean
air a' bhòrd agus leig a' bhan-rinn leig i
eubh aisde, agus sgaoil esan suas ...
chruinnich esan suas 's a mhionaid, 's
bha e 'na dhuine air ais.
a nist,"
"Siuthad, ᚳ ars esan, "bheir dhomh clogad
ars esan.
d' athar," "Agus," ars esan, "tha," ars esan,
"am fear a bheir thuige e," ars esan, "tha
gu ...
aige ri thusa fhaighinn ᚳ airson do phòsadh."
"O seadh," ars ise.
Dh'fhalbh Iain 's an clogad aige. Dh'fhalbh
e air an iteig. Agus có chunnaic e 'tighinn
nuair a
ach ... ach ... ach am mucair, 's ᚳ aig e seachad
feadhainn dha na thànaig, leig e leotha dhol
air aghaidh. Cha tuirt e gabadh riutha.
Agus thànaig e nuas far a robh am mucair
agus dh'fhoighneachd e, "Càil thu 'dol?" ars esan.
"O tha," ars esan, "nach do dh'fhàg an rìgh," ars esan,
"an clogad a staigh," ars esan, "agus am fear ...
fear sam bith a bheir thuige an clogad," ars esan,
"tha e 'faighinn an nighean," ars esan, "ri
phòsadh. Dé rud a th' agad a sin?" ars
am mucair ri Iain.
"Tha," ars Iain, "clogad an rìgh."
"A Dhia, bhiadh 's aodach!" ars esan, "nach
toir thusa dhomh e"
"Seo dhut e," ars Iain. "Fhalbh leis."
Dh'fhalbh an rìgh seoach ... Dh'fhalbh am
mucair a seoach 's chuir e an clogad ...
's thòisich e ri smèideadh dhan fheadhainn
a bh' air a dhol seachad gu robh an clogad
aige-san. Agus a chuile duine bha tachairt
ris bha e 'g innseadh gu robh an clogad aige,
's rànaig e an rìgh.
"A nach eil a Dhia mhór 'gam fhaicinn," ars
an rìgh," ars esan, "nach robh duine," ars esan
"as an réisimeid agam," ars esan, "bu luaithe
eadh
bheir ᚳ thugam an clogad," ars esan, "na an
seann mhucair a bh' agam. Ach," ars esan,
"chan fheum mise," ars esan, "an gnothach ...
Feumaidh mise cumail ri m' ghealltanas," ars esan.
"O feumaidh," ars am mucair.
Well, chaidh iad air aghaidh a nist. Dh'
fhalbh Iain, cha robh sgeul air. Bha e 'na
sheobhag a's an iarmailt, a gabhail ealamh
riutha. 'S dh'fhalbh e 's chaidh e air
aghaidh, 's nuair a bha an dà nàmhaid
gu bualadh a chéile a rithist, thànaig
Iain a nuas, agus thugadh tom gu tulaich
orra sineach, agus mu dheireadh dh'eubh
iad an t-sìth. Agus thill ... thill iad
dhachaidh. Agus thill am mucair, agus
fhuair am mucair a lointeadh o'n leomhann
an diugh mar a fhuair ... mar a b' àbhaist
tha ...
dha. Agus nuair a bha Iain sgìth dheth
co-dhiubh dh'fhalbh e 'na sheobhag
agus thànaig e dhachaidh. Agus thànaig
am mucair. Agus ...
"Dé," ars ... "'N e leomhann a bh' agaibh
an diugh?" ars Iain.
"O 's i," ars esan, "ach gu dearbh, a'
ghalaghad," ars esan, "chan eil i
'dèanamh sìon orm ged a tha i 'gam
dhamaidseachadh," ars esan, "'gam
ars esan
shlaodadh air ais 's air aghaidh," ᚳ "Chan
eil i 'dèanamh ... chan eil i 'gam ghearradh,"
ars esan, "'s chan eil i dèanamh sìon
mur eil a buail i 'spòg orm," ars esan.
Agus ... "Ach," ors esan, "chan fheum mise,"
ars esan, "chan fheum mise," ars esan, "an
gnothach a leigeil seachad."
ars esan,
"O chan fheum gu dearbh," ars Iain,, "an
gnothach a leigeil seachad gun teagamh," ars esan.
"Feumaidh tu," ars esan, "an gnothach a
ars esan.
chur air aghaidh," ᚳ "Nach eil nighean an
ars esan
rìgh agad," ᚳ "a nist airson a pòsadh."
"O tha," ars esan.
Well, 's ann mar seoach a bha. Bha iad
a nist ag obair timchioll. 'S bha ...
chuireadh brath a's gach àite airson
banais nighean an rìgh agus am mucair.
Agus chruinnich a seo muinntir na bainnseadh.
Agus an oidhche bh' ann a sheoach bha a'
bhanais gos 'ith ann. Agus fhuair iad fiathachadh
mór fad 's farsuing, chuile duine a bha
timchioll an àite. Agus ... Chruinnich iad
dhan àite bh' ann a sheoach do hall a
bh' ann, agus bha iad, bha a' bhan-rinn 's
an rìgh 's an nighean shuas. Agus bha
am mucair bha e shìos am measg feadhainn.
Agus thuirt an nighean nuair a bha iad ...
min do phòsadh iad, thuirt i, "Well,"
ars ise, "tha facal agamsa ri ghràdh," ars
ise, "a seoach cuideachd," ars ise, "a thaobh
mo ghnothach fhìn," ars ise. "Chaidh mise,"
ars ise, "a thoirt seachad gun fhios domh,"
ars ise, "aig m' athair," ars ise. "Agus tha
còir agam fhìn," ars ise, "gum biodh b' fhios ...
biodh fhios 'am," ars ise, "gu dé an dòigh
a's am falbhainn," ars ise. "Agus tha facal
agam fhìn ri chantail," ars ise. "Agus," ars ise,
"cha ghabh mise," ars ise, "duine," ars ise, "ri
phòsadh," ars ise, "ach am fear as fheàrr a
nì cleas a seo a nochd."
Agus ... O thòisich cleasaichean, 's mar a
bha gach duine a' dèanamh chleasan 's
seasamh-claidheamh 's gnothaichean
dhen t-seòrsa sin, bha am mucair 'nan
luib.
Dh'eubhadh seoach iad dèanamh air
an socair a nist. Agus thuirt ise ri
Iain, "Fhalbh thusa nist," ars ise, "dèan
cleas," ars ise.
Dh'fhalbh Iain 's leum e 'na chalman
agus laigh e air a gualainn-se, agus dh'
fhalbh e sineach "'s chaidh e gu gualainn
na ban-rinn agus chaidh e sin gu gualainn
an rìgh, agus leum e sin 'na dhuine.
"Siuthad," ars ise, "dèan," ars ise, "cleas
eile."
Dh'fhalbh e sin 's leum e 'na bhreac
agus sgaoil e na h-iuchraichean, agus
Informant : D.A. Johnson, Aird Mhór, South Uist.
Collector : D.A MacDonald
SA 1972/42 A1
Iain mac an Iasgair (contd.)
agus sgaoil e na h-iuchraichean /
agus chruinnich e air ais agus leum e 'na
dhuine.
"Siuthad a nist," ars ise, "dèan fear eile," ars ise.
Dh'fhalbh Iain agus leum e 'na leomhann, agus
nuair a chunnaic am mucair an leomhann a
mach a bha e, agus leagadh a's an dorus e
agus stampadh fo na casan e 'dol a mach.
Thug iad an aghaidh air a' chnoc a chuile duine
riamh, agus leum Iain 'na dhuine mar a bha e
riamh.
Well, chaidh an greadhnachadh a staigh,
agus phòsadh Iain agus nighean an rìgh.
Well, bha iad a nist pòsda, e fhéin 's nighean an
rìgh, agus cha robh mucan aige ri fhaigh... ri
sealltainn as an deoghaidh tuilleadh, 's cha
iad
robh càil aige ri dhèanamh ach sin. Agus bha ...
Cha robh iad ach a' dol mu chuairt a sin, a'
gabhail walk e fhéin 's a bhean 's ...
timchioll na pàilios 's a ? 's a' falbh
chon a' chladaich.
Ach an latha bha seo bha iad air a' chladach, agus
latha brèagha, geal ann, agus làn mór, snog ann,
agus a chuile sìon cho ciùin. Agus chunnaic
iad smùid a' tighinn am bàrr pìos an taobh
muigh dhiubh, agus a seoach dh'fhalbh is' agus
seoach thànaig i am bàrr, agus thànaig a'
mhaighdean am bàrr - mhara - agus sgiobadh
Iain air falbh.
"Fhalbh," ars ise, "tha thu agam a nist co-
dhiubh," ars ise. "'S fhada o chois ... 's fhada
?
o chois ... chaidh do libhrigeadh dhomhsa mun do
ghineadh am broinn do mhàthar thu," ars ise, "ach
tha thu agam a nist," ars ise.
O leig a bhean, nighean an rìgh, leig i na ràin
's na lasagan 's leig ... dh'fhalbh i
dhachaidh, agus dh'innis i mar a thachair.
Dh'fhalbh a h-athair gu duine aig a robh
fiosrachadh math a's an àite agus feuch
gu dé a' chomhairle a bheireadh e air.
Agus dh'innis e mar a bha.
"Well," ars esan, "innsidh mise dhut an rud
a nì thu," ars esan. "'S ann," ars esan, "ann am
broinn ugh," ars esan, "a tha ... tha beatha
na maighdean-mhara," ars esan. "Agus," ars esan,
ars esan, "agus bheireadh i ...
"theirigeadh i," ᚳ agus faigheadh i ceòl," ars esan,
"agus," ars esan, "bheireadh i leatha tubhailte
agus rugh... ugh," ars esan, "agus theirigeadh i
chon a' chladaich," ars esan, "agus ... tha ...
tòisicheadh i air ruidhleadh an uighe agus
a' seinn a' chiùil. Agus ma chì ise thu
'tighinn," ars ise, "tha ... can ... canadh i
rithe ma – Sguireadh i," ars ise, "a sheinn a'
chiùil 's a' ruidhleadh an uighe – Agus
iarraidh a' mhaighdean-mhara," ars ise, "a
leantail oirre. Agus canaidh i rithe gun
dèan i sin ma chuireas i na bheil
os cionn an dà achlais dhe companach a
mach. Agus ma nì i sin, ruidhleadh i
an t-ugh, agus sguiridh i rithist. Agus," ars
esan, "iarraidh i an uair sin na bheil
os cionn na h-imleig aige a chur a mach,"
ars esan. "Agus ma tha cleasan," ars esan,
"aig an duine aice," ars esan, "mar tha
air a ghràdh," ars esan, "nì e fhéin an còrr.
Well, 's ann mar seoach a bha.
Dh'fhalbh nighean an rìgh 's dh'fhalbh
nighean an rìgh. Nuair a rànaig a h-athair
an taigh dh'fhalbh i 's thug i leatha
tubhailte 's ugh agus ceòl agus chaidh i
sìos chon a' cheart àite a's a robh iad nuair
a sgiob i air falbh e.
Thòisich i air ruidhleadh an uighe 's a' seinn
a' chiùil, agus cha robh tuar air maighdean-
mhara tighinn. Ach chunnaic i seo smùid
pìos air falbh, agus chum i oirre. Agus
thànaig i seoach gus thànaig i am bàrr pìos
an taobh muigh dhith. Agus sguir an nighean.
Agus ... "Siuthad," ars ise, "lean romhad,"
ars ise, "air ruidhleadh an uighe 's 'seinn
a' chiùil," ars ise.
"Nì mi sin," ars ise, "ma chuireas tu," ars ise,
"na bheil os cionn an dà achlais," ars ise,
"dhe m' chompanach a mach ... mach," ars ise.
"Gheibh thu sin," ars ise,
Rinn i sin a chur a mach. Agus ruidhil
ise an t-ugh, agus sguir i seoach a rithist
dheth.
"Siuthad," ars ise, "lean ort," ars ise.
"Nì mi sin," ars ise, "ma chuireas tu na bheil
os cionn na h-imleig aige mach."
"Gheibh thu sin," ars ise.
Agus thug ise sgioblachadh air a nuas, agus
mu do rànaig e an imleag idir bha Iain
air falbh 'na sheobhag. Cha do rinn a' bhean
aige ach ... nighean an rìgh ach an tubhailte
's an t-ugh 's an ceòl a sgioblachadh air
falbh 's a' mhìonaid.
Well, chaidh iad a nist dhachaidh. 'S
bha iad a nist ùine nan ùineachan nach deach
iad an comhair cladaich a rithist gus an
deach an rud car ás an cuimhne. Agus
an latha bh' ann a sheoach bha iad air a'
chladach, agus thug ise air falbh Iain air ais.
Well, dh'fhalbh nighean an rìgh dhachaidh,
agus fhuair i an tubhailte 's an t-ugh 's
an ceòl, 's thilleadh a sìos f...
chon a' chladaich air ais. Agus thòisich i
air a sineach, 's cha robh tuar air
maighdean-mhara tighinn. Agus co-dhiubh
seoach chunnaic i smùid aice 'g éirigh a
muigh pìos math air falbh, agus chunnaic
i seoach a rithist i, agus thànaig i
mu dheireadh gun tànaig i
seoach, ᚳ am bàrr, dìreach pìos an taobh muigh
dhith. Agus sguir i sheinn a' chiùil agus
a ruidhleadh an uighe.
"Siuthad," ars ise, "ruidhil an t-ugh 's
seinn an ceòl."
"Nì mi sin," ars ise, "ma chuireas tu," ars
ise, "ma chuireas tu," ars ise, "na ... tha
os cionn an dà achlais dhe m' chompanach,"
ars ise, "a mach," ars ise.
agus ...
"Gheibh thu sin," ars ise, "ach ... ach chan
fhaigh thu an còrr," ars ise.
bhith
Agus a's an àm a bha ise ᚳ 'ga sgioblachadh
a nuas dìreach thug Iain ... thug Iain leum ás,
agus siod air falbh 'na sheobhag a bha e
air ais. Agus cha do rinn ise ach sgiob ... an
snothach a sgioblachadh air falbh.
Well, chaidh iad dhachaidh an uair sin, 's
bha iad an uair sin ùine nan ùineachan a
rithist gun tighinn an comhair cladaich.
Ach an triob a bha seo co-dhiubh bha iad
aig a' chladach agus iad 'dol seachad air
àite a bh' ann, agus thànaig ise agus
sgiob i air falbh a' bhean aige.
"Fhalbh," ars ise, "ma bha cleasan aige-san
chan eil cleasan agadsa," ars ise, "agus
mur a faigh mi esan," ars ise, "gheibh mi thusa."
Well, dh'fhalbh Iain, agus thill e dhachaidh.
Agus chaidh e far a robh fear-fiosachd a bha
seo, agus thuirt e ris gu robh 'bheatha
aice ann am broinn uighe, agus gu robh e
ann am broinn lacha, agus gu robh an lacha
ann am broinn caora dhubh ann an
rìoghachd nam Fear Mór.
Well, dh'fhalbh Iain làirne-mhàireach,
agus tharruing e. Agus fada no goirid
gu robh rìoghachd nam Fear Móra bhuaithe
co-dhiubh, rànaig e iad. Agus thòisich
e air siubhal na beinneadh a bha sin,
's bha e 'faicinn ... Cha robh caora dhubh
a bha e 'faicinn nach robh e 'laighe air
a druim 'na sheobhag agus a' leum 'na
dhuine agus a' gearradh an sgòrnan aice.
Agus cha robh lacha no lacha innte.
Ach am beul na h-oidhcheadh, 's i air
fàs car duatharach, thug e 'n aire gu robh
mar gum biodh caora dhubh shìos faisg
air taobh locha a bh' ann. Agus co-dhiubh
seoach dh'fhalbh e 's thànaig e nuas 'na
sheobhag, agus 's e caora a bh' ann agus
taigh e oirre agus a nist mar a bha e
air fàs cho eòlach a bhith 'gearradh an
sgòrnan aice, cha robh e 'na fhaireachadh,
gheàrr e an sgàrnan aice agus phlap an
lacha mach agus bhuail i a's an locha.
agus thànaig e ...
Agus bha esan 'ga watchadh a nist," ᚳ agus
nuair a thànaig i am bàrr thànaig e 'na
sheobhag a nuas agus bhuail e an lacha,
agus mharbh e an lacha, agus nuair a
thugadh an lacha gu tìr, cha robh ugh no
ugh innte.
Ach co-dhiubh seoach dh'fhalbh e agus
chaidh e 'na bhéist-dhuibh, agus
ors
thòisich rùdhtrach air feadh an locha agus ᚳ mu
dheireadh gun d'fhuair e an t-ugh. 'S fhuair
e an t-ugh far do bhuail an lach anns an
locha. Chaill i an t-ugh.
Dh'fhalbh e an uair sin. Thànaig e air tìr,
agus thug e aghaidh air taobh a' chladaich.
Agus
ᚳ thuirt an duine riutha cuideachd g' ann
g' ann ann an
ann an uamh ... uamha bha iad san
na maighdeanan-mara
gum biodh uamh ...
a' fuireach, a' mhaighdean-mhara, ᚳ g' ann
ann an uamha a bhiodh iad daonnan.
Agus thòisich e air siubhal a' chladaich,
agus shaoil leis a seoach gu faca e seòrsa
de cheo a's an àite bh' ann a sheoach,
agus shleapair e air agus rànaig e, agus
's e uamha a bh' ann a sheoach. Agus phiop
e staigh air an dorus, agus 's e 'n cos... an
cosnadh a bh' aig a bhean aige ag obair air
fasgadh ceann na maighdean-mhara.
"A Dhia," ars a' mhaighdean-mhara," ars ise,
"tha fhios 'am g' eil rud-eigin thugam," ars ise.
"O chan eil," ars an té eile.
"O tha," ars ise. "Tha mi 'gam fhaireachdainn
fhìn uamhasach fhéin neònach," ars ise.
Agus dh'fhalbh esan agus bhuail e an t-ugh
ris ... ceann an uighe ris a' bhalla.
"A Dhia, tha," ars ise. "Tha rud-eigin thugam,"
ars ise. "Tha mi 'dol a thoirt a' chinn asad,"
ars ise.
Agus dìreach a's an àm na dh'éirich i
dìreach, bhuail esan a nist agus tharruing
e an t-ugh agus bhuail i ann an clàr
na bathais agus thuit a' mhaighdean-
?
mhara 'na clod far an robh i.
Agus ma ... 'S ann a leig an sgiamh ás
an té bha staigh. Agus nochd a seoach
Iain a staigh, agus seo ...
Ach co-dhiubh chuir iad seachad an oidhche
sin ann an uamha na maighdean-mhara,
Agus nam biodh a nist an t-inneal aicese
a bh' aig Iain, na cleasan, agus mar a
dh'fhalbhadh e air an iteig, cha bhiodh iad
fada a' dol dhachaidh. Ach b' fheudar dhaibh
fuireach gus an d' fhuair iad bàta a nall á
rìoghachd nam Fear Mór a sin.
Agus thànaig iad dhachaidh an uair sin. Agus
tha ... bha iad ceart gu leòr, agus cha do
chuireadh an còrr dragh orra, co-dhiubh
rachadh iad gu cladach tuilleadh gos nach
rachadh, cha deach an còrr dragh a chur
orra riamh.
Agus dh'fhàg mise ... Dhealaich mise iad
agus dh'fhàg mi còmhla iad, agus
thànaig mise dhachaidh.
Sin agad mar a chuala mise.
Transcribed using automated handwriting recognition technology as part of the Decoding Hidden Heritages project.