Archival Reference

SSSA/TA/AT015/005

School of Scottish Studies WHT III (PTWH III)

Transcript

AI
LXV.
AM BUIDEAL IME.
Bha 'm madadh ruadh 's am madadh alluidh a' falbh comhla, 's
chaidh iad timchioll a' chladaich, ’s fhuair iad buideal ime, 's
thiodhlaic iad e.
An la'r na mhaireach chaidh am madadh ruadh a mac, 's nuair
a thill e staigh, thuirt e gu'n robh duine air tighinn a ’iarraidh
gu baisteadh. Dh'fhalbh am madadh ruadh a's sgeadaich e e
fhein ann an deagh thrusgan, ’s ghabh e air falbh, 's cait an
deachaidh e ach 'ionnsuidh a' bhuideil ime, 's thug e sios gu 'bheul
gu math as a' bhuideal, 's nuair a thanaig e dachaidh dh'fhoigh­
nichd am madadh alluidh dheth dé 'n t-ainm a bh'air a' phaisde,
's thuirt e gu 'n robh. Fo bhial. An la'r na mhaireach thuirt e
gu'n do chuir duine a aidh gu baisteadh, 's rainig e 'm
buideal; 's thug e as mu leith. Dh'fhoighneachd am madadh
alluidh, nuair a thainig e dhachaidh, dé 'n t-ainm a bh' air a'
phaisde.
"Mata," urs' esan, "tha ainm neonach nach d'thugainn fhein
air mo dhuine cloinne na'm biodh e agam, tha Mu leith mu leith."
An la’r na mhaireach thuirt e gu'n robh duine, an siud, air
tighinn a 'iarraidh-san a rithis gu baisteadh. Dh'fhalbh e 's
rainig e 'm buideal 's dh'ith e air fad e. Nuair a thainig e
dachaidh dh'fhoighnichd am madadh alluidh dheth dé 'n t-ainm
a bh' air a' phaisde, 's thuirt gu'n robh, “Buill' imlich. An la'r
na mhaireach dh'fhalbh e 's thuirt e ris a' mhadhadh alluidh, gu
'm bu choir dhaibh am buideal a thoirt dachaidh. Dh'fhalbh
iad agus nuair a rainig iad am buideal cha robh sgath dh'an im
ann.
"Mata cha robh thusa gu'n tighinn a choimhead seo, gad a bha
mise gun tighinn ann," urs' am madadh ruadh. Mhionnaich am
fear eile nach d'thainig e a choir. "Cha ruig thu leas a bhith a'
mathachadh nach d'thainig thu ann; tha fhios agamsa gu'n d'
thainig, 's gur tu thug as e; ach aithneachaidh mis' ort, nuair a
theid thu dachaidh, ma's tu dh'ith an t-im," ars' am madadh
ruadh. Dh'fhalbh e, 's nuair e chaidh e dachaidh, chroch e 'm
madadh alluidh, air chasa deiridh, 's a cheann slaodadh ris, 's bha
cnap de'n im aige, 's chuir e fo a bheul e, 's ma b' fhior, gur h-
ann a broinn a mhadadh alluidh a thainig e.
"A dhearg mheairlich, " ars' esan, "thuirt mi roimhe gur tu
dh'ith an t-im."
Chaidil iad an oidhche sin mar a bha iad, ’s an la’r na mhair­
each, nuair a dh'eirich iad, thuirt am madadh ruadh.
"Mata 's gòrrach duinn fhein a bhith 'dol bàs mar seo le barr­
achd mor de'n leisg. Ruigidh sin a leithid seo de bhaile 's gheibh
sin piosa fearainn ann."
Rainig iad am baile, ’s thug an duine leis am bu leis e piosa
fearainn daibh — fiach sheachd puinnd Shasunnach. 'S e corc a
chuir iad a bhliadhna sin agus bhuain iad e 's thoisich iad ri 'roinn.
"Mata," ars' am madadh ruadh, "co-dhiu 's fhearr leat am
bun na 'm barr? Gheibh thu do dha roighinn."
"'S fhearr leam am bun," ars' am madadh alluidh. Bha 'n sin
aran breagh corc aig a' mhadadh ruadh fad na bliadhna; 's fodar
aig an fhear eile!
An ath bhliadhna chuir iad barr; 's e buntata a chuir iad agus
dh'fhas am buntata gu math.
"Co-dhiu a's docha leat am bun na 'm barr am bliadhna?"
ars' am madadh ruadh.
"Gu dearbh cha d'thoir thu 'n car tuilleadh asam ! Bidh am
barr am bliadhna agam," ars' am madadh alluidh.
"Gle mhath a laochain;" ars' am madadh ruadh. Bha 'n sinn
barr a bhuntata aig a' mhadadh alluidh a rithis; 's am buntata
aig a' mhadadh ruadh.
Bhiodh, an seo, am madadh alluidh a' goid a bhuntata air a'
mhadadh ruadh.
'S fhearra dhuit a dholl a null 's an t' ainm sin agam ann an
crodhan na laire baine a leubhadh," ars' am madadh ruadh.
Dh'fhalbh am madadh alluidh 's thoisich e air leubhadh an
ainm, 's uair de na h-uairean tharruing an lair bhàn a cas, 's thilg
i 'n ceann bhar a mhadadh alluidh.
"O!" ars' am madadh ruadh, "'S fhada o'n a chuala mi e. B'
fhearr leam a bhith a'm' chleireach na 'bhith leubhadh leabhair."
Dh'fhalbh e dachaidh, 's cha robh am madadh alluidh a cur
dragh air tuilleadh.
Transcribed using automated handwriting recognition technology as part of the Decoding Hidden Heritages project.