Archival Reference

SSSA/TA/AT302/004

School of Scottish Studies SA1971.166.B2

Transcript

AI
Informant : D.A. Johnson, Aird Mhor, S. Uist
SA 1971/166 B2
Collector : E. A. J. MacDonald
Iain mac an Iasgair
Well, chuala mise mar a bha siodach ann,
ma tha, fear ann ... a bh' ann, agus bha ...
's e an cosnadh a bh' aige, 's ann ag
iasgach a bhiodh e. Agus bha e pòsda,
agus cha robh duine a theaghlach aige.
Agus bhiodh e 'falbh a dh'iasgach a chuile
latha, agus lathaichean a gheibheadh e
roinn mhath de dh'iasg. 'S ann 'ga
chreic a bha e daonnan ris a' bhaile
a bha 'san àite a's a robh e. Bhiodh
iad daonnan 'tighinn a cheannach an éisg
bhuaithe.
Agus ... Ach dh'fhàs a seo an t-iasg
uamhasach fhéin gann air. Dh'fhàs an t-
iasg gann air, agus bha e 'ruith air
na h-iolachan a b' àbhaist 's a b
na chéile a bh' aige airson iasgach, agus
cha robh e 'faighinn sìon.
Ach an latha bh' ann a sheoach bha e
muigh agus bha e air ruith orra uileag
a nist, agus bha e 'g ràdh ris fhéin nach
robh reusan dha bhith fuireach ann, ach
gu robh e cho math dha bhith falbh
dhachaidh. Agus bha e dìreach air na
duirgh a tharruing nuair a dh'fhairich e
plum dìreach aig deireadh na ... a' bhàta
a bh' aige. Agus thug e sùil agus bha
maighdean-mhara ann a shineach, an dara
leth dhith am bàrr.
"Chan eil thu," ars ise, "a' faighinn an éisg
idir."
an duine, ars
"O chan eil gu dearbh," ars ᚳ esan. "Tha
treis o nach d'fhuair mi móran de dh'
iasg colas sam bith," ars esan.
"'N dà," ars ise, "ma bheir thu dhomhsa
an rud a dh'iarras mi," ars ise, "gheibh
thu an t-iasg cho pailt 's a bha e riamh,
ars ise.
"'N dà, chan eil fhios 'am," ars an duine,
ars esan, "a bheil sin agam-sa dhut," ars
esan.
"O chan eil," ars ise, "e agad dhomh idir,"
ars ise, "ach bidh e agad," ars ise, "ma
nì thu mar a dh'iarras mise ort."
"Dé," ars ... ars esan "a tha sin?" ars esan.
"Do cheud mac," ars ise.
"'N dà, gu faod mise sin," ars esan, "ma
bhios e agam."
"Well," ars ise, "dèan thusa," ars ise, "mar
a dh'iarras mise ort," ars ise, "agus," ars
ise, "ma bheir thu thugams ann a sheoach,"
ars ise, "an ceann a chóig bliadhn' deug e,"
ars ise
ars ise, "bidh an t-iasgach agad," ᚳ "mar a
bha e riamh," ars ise. "Bidh an t-iasg agad
thuige sin," ars ise.
Agus .. "Cuir sìos na duirgh," ars ise, "an
dorgh," ars ise, "agus," ars ise a' cheud
bheothach a mharbhas tu," ars ise, "gléidh
e," ars ise, "agus spliotaidh tu e," ars ise,
"agus bheir thu ás an grùthan, agus,"
ars ise, "bheir thu ... bidh thu," ars
ise, "'ga bhruich," ars ise. "Bruich,"
ars ise, "earrann dhen bheothach," ars ise,
agus earrann dhen ghrùthan," ars ise,
"agus bi 'ga thoirt dhan bhean," ars ise,
"agus na toir," ars ise, "greim a dhuine
beò," ars ise, "dhut fhéin no a dhuine
eile," ars ise, "dheth," ars ise, "ach i fhéin,"
ars ise.
"O glé cheart," ars ... ars an duine.
'S ann mar seoach a bha. Chaidh a'
mhaighdean-mhara fodha agus dh'fhalbh i.
Chuir e sìos an dorgh co-dhiubh, agus 's
fhua laigh deagh chnapach de bheothach
air a sin, de bhodach. Agus thug e staigh
e, agus dh'fhalbh e agus nuair a thug e
bharr an dubhain e, rug e air 's chaith e
an fhìor-thoiseach na geòladh e. Agus
thòisich e air iasgach. Agus bha e
ach a'
faighinn ... cha robh e sìon o'n t-saoghal ᚳ sìos
tharruing, 'faighinn mar a thàirnneadh e, ors
mu dheireadh bh gu robh taosg a's a'
gheolaidh. Agus bha beul na h-oidhcheadh
air tighinn.
Well, dh'fhalbh e co-dhiubh 's thug e
aghaidh air an taigh. Rànaig e, 's bha feadhainn
a sineach aig a' chladach 'ga fheitheamh,
a' gabhail fadachd dheth 's an oidhche air
tighinn, agus cha robh ach nuair a chunnaic
iad mar a bha, cha do rinn iad ach breith
air a' gheòla 's a tarruing tioram, tràighte
air tìr. Agus thòisicheadh air roinn an
éisg 's a' creic an éisg. Agus cha d'fhuair
am bodach bochd dhen iasg ach am bodach
a chaith e dhan toiseach.
Chan eil mi 'smaointinn gun d' fhuair e
gin a chàch ach fhuair e am fear ud co-
dhiubh 's thug e leis e.
Well, chaidh e dhachaidh, agus fhuair e ...
thug e am bodach seo dhan bhean, 's dh'iarr
e oirre seo a chumail aice fhéin, gun
ghreim a thoirt a dhuine sam bith, no
dha-san cuideachd, agus i ... Spliot
e fhéin am bodach, agus i earrann dhen
ghrùthan agus earrann dhen iasg a bhruich
còmhla agus a ghabhail.
'S ann mar seo a bha co-dhiubh. Lean iad
air a seo gus do theirig am beothach. Agus ...
Bha am bodach bha e 'g iasgach a chuile
latha, 's bha e 'faighinn mar a thàirnneadh.
e. Agus ... "Dé rinn am bodach ... a'
chailleach a seoach ach – 's bha i air
Bha i air a dhol
tighinn gu lathaichean aois ... ᚳ bhàrr aois
chloinne co-dhiubh – ach fàs trom.
Agus cha robh air a seoach ach seo fhéin.
Bha i sìor fhàs trom co-dhiubh.
An oidhche bh' ann a sheoach co-dhiubh
chaidh i an darna taobh dhith air leanabh
gille. Agus ... O cha robh ... cha robh fhios
aig ... Bha daoine as an àite timchioll oirre
sineach. 'S ... Cha robh fhios aig daoine o Dhia
gu dé bu 's ciall dha ann, 's cha ... 's
cha d'fhuair iad a mach e.
Ach co-dhiubh bha an leanabh a' fàs. Bha
e 'fàs, agus bha am bodach, bhiodh e
'g iasgach daonnan, 's e an cosnadh
a bh' aige co-dhiubh. Agus chaidh ...
chaidh ... Bha an gille a seoach air fàs
suas, ors mu dheireadh gu tànaig e
gu aois sgoileadh. Agus ... thànaig e gu
aois sgoileadh a seo nuair a bha e
'teannadh suas gu math, eadar a h-
ochd 's a deich a bhliadhnachan a
sineach. Cha robh oidhche a thigeadh
e dhachaidh a seoach nach biodh 'athair
's a mhàthair a' caoineadh. 'S bha e 'cur
neònachas uamhasach air fhéin, 's bha e
'foighneachd gu dé bh' orra, 's cha robh sìon.
Agus bha e seoach co-dhiubh seo a' dol air
aghaidh mar seo, agus ... Bha e seo a'
teannadh suas chon a ceithir-deug no cóig-deug.
Agus thànaig e dhachaidh an oidhche seo 's bha
iadsan ag obair air caoineadh.
"A dhuine," ars esan, "gu dé 's ciall dhuibh?"
ars esan. "An e chionn," ars esan, "g' eil mise
'tighinn dachaidh," ars esan, "tha 'toir oirbh
a bhith caoineadh," ars esan, "a chuile h-
oidhche o chionn treise a nist?" ars esan.
"Ma 's e," ars esan, "cha tig mise dhachaidh
idir," ars esan.
"O chan e," ars a mhàthair, "agus 's duilghe
leam," ars ise, "nach e.
Agus dh'innis iad dhan ghille nuair sin mar
a bha.
"O seadh," ars esan. "O well," ars esan, "feuchaidh
sinn," ars esan, "faighinn clìoras e. Cha ...
chan fhan mise seo," ars esan, "nuair bhios
mi mach as an sgoil," ars esan.
Cha robh air seo ach seo fhéin co-dhiubh. Tha ...
Nuair a bha e mach as an sgoil a seoach, cha
robh e fad sam bith timchioll an taighe nuair
a thug e iollaichean airson falbh. Agus dh'
fhalbh e an latha bha seo. Agus cha robh
fhios aige cà rachadh e no có an taobh a
bheireadh e aghaidh, ach co-dhiubh lean e
roimhe air an rathad bha seoach. Agus bha
e 'dol air aghaidh.
Agus chuala e bhith 'g éigheach, 'g éigheach
as a dheoghaidh, e air a dhol seachad,
"Iain mhic an lasgair, till 's dèan ceart."
Agus bha ... thill e mu chuairt, thionndaidh
e mu chuairt agus thug e sùil, agus
bha leomhann mhór, ghlas ann a shineach
agus calman agus rodan, agus iad air
a dhol bhàrr a chéile mu dhéidhinn
sìleanan sìl a bh' air a' chnoc. Agus
thill an gille null, Iain mac an lasgair, thill
e null far an robh e, agus dh'fhoighneachd
u dé bha ceàrr. Dh'innis iad.
"'N dà," ars esan 's e tionndadh ris an leomhann,
"shaoilinn fhìn," ars esan, "do leithid-sa
bhrùid," ars esan, "nach biodh tu," ars
... cho
esan, "cho ᚳ suarach dhe d' fhéin," ars esan,
"agus gum biodh tu," ars esan, "a' feuchainn,"
ars esan, "ri sìleanan sìl a bha seo," ars
esan. "Tha iad ag ràdh riumsa," ars esan,
"nach eil àite a's an laigh an calman," ars
esan, "nach eil sìleanan sìl air a chur
a mach roimhe, agus gum biodh tu cho
ceacharra," ars esan, "gum biodh tu
'feuchainn ris an sìol a thoirt bhuaithe,"
ars esan. "Agus thusa cuideachd, a rodain
ghlais," ars esan,. "'s iomadh," ars esan,
"iodhlann mhór," ars esan, "agus arbhar
mór a th' agad," ars esan, "air feadh an
àite," ars esan, "dh'fhaodadh tu dhol
ann," ars esan, "'s tu fhèin a dhèanamh
buidheach," ars esan. Chan ionann sin
's an calman bochd," ars esan. "Chan
eil aige ach mar a chothaicheas e
air feadh ... mar seo," ars esan. "Agus,"
ars esan, "'s ann," ars esan, "dhan
chalman a chuireas mise ma ... mach," ars
esan, "an sìol."
"'N dà," ars esan, "beannachd dhut-se," ars
an calman," ars esan. "Agus," ars esan, "chan
eil uair," ars esan, "a smaointicheas tusa air
a bhith 'nad chalman," ars esan, "nach bi thu
ann," ars esan.
ise
"'N dà," ars an leomhann, ars esan, "ged tha
sinne robach, glas," ars ise, "mar a tha sinn,"
'eil
ars ise, "chan fhios nach fhaodamaid deagh
fheum a dhèanamh dha," ars ise. "Chan eil,"
ars ise, "uair a smaoinicheas e bhith 'na
leomhann," ars ise, "nach bi e ann."
"'N dà," ars an rodan," ars esan, "chan eil
mise 'dol 'ga fhàgail falamh," ars esan,
"ged tha mi fhìn," ars esan, "ann a sheo 'nam
rodan," ars esan. "Faodaidh mi," ars esan,
glé
"tighinn ᚳ fheu... fheumail dha cuideachd,"
ars esan. "Agus, ars esan, "chan eil uair
a smaoinicheas e bhith 'na rodan," ars esan,
"nach bi e ann," ars esan.
Well, dh'fhàg Iain slàn aca. Agus fhuair
an calman an sìol. Dh'fhalbh e. Bha e
'falbh a nist treis, agus b' shuarach an
ùine bha e air a dhol air aghaidh co-
dhiubh nuair a dh'fhairich e a bhith
'g éigheach a rithist as a dheoghaidh,
Iain, mhic an Iasgair, till 's dèan ceart."
Agus thug e ... Thionndaidh e mu chuairt, agus
thug e sùil, agus bha biast-dhubh ann a
shineach agus breac agus seobhag, agus
iad air a dhol bhàrr a chéile mu dheidhinn
boiteag aig b... taobh an locha. Agus
dh'fhalbh Iain 's thill e mu chuairt, agus
rànaig e ...
"Seadh," ars esan, "dé ... dé," ars esan, "tha
mu dheidhinn seo?" ars esan.
ars esan,
"Tha," ars am breac, ars esan, "tha iad" ᚳ "a' toirt
bhuamsa na boiteig," ars esan.
"'N dà," ars Iain, ars esan, "tha," ars esan,
ars esan,
"thusa," ᚳ "a bhiast dhubh a sin," ars esan,
"'s iomadh easgann mhór a th' agad,"
ars esan, "ann an càrn," ars esan, "a dh'
fhaodadh tu (ars esan) "a dhol," ᚳ "agus crìoch
a chur oirre," ars esan, "as aonais," ars esan,
"feitheamh na boiteig tha sin," ars esan. "Agus
cu... thusa cuideachd, a sheobhaig," ars esan,
"tha iomadach eunlaith agad air feadh na h-
iarmailt," ars esan, "agus," ars esan, "a dh'fhaodas
tu," ars esan, "do bheò-shlaint a dhèanamh
orra," ars esan, "as aonais bhith toirt na
boiteig," ars esan. "Agus am breac bochd
tha sin," ars esan, "chan eil aige" ars esan,
"ach a bhith 'dol mu chuairt an locha," ars esan,
"'s mur a tuit boiteag," ars esan, "ri bruaich an
locha," ars esan, "no mur a laigh cuileag air
an locha," ars esan, "chan eil an còrr t-seans
aige air sìon fhaighinn," ars esan. "Agus," ars
esan, "'s ann agadsa," ars esan, "a dh'fhàgas
mise," ars esan, "a' bhoiteag."
"'N dà, beannachd dhutsa," ars am breac, ars
esan, "agus chan eil turus," ars esan, "a
smaoinicheas tusa air a bhith 'nad bhreac,"
ars esan, "nach bi thu ann," ars esan.
"'N dà," ars a' bhiast dhubh, ars ise,
"faodaidh mise tighinn glé fheumail dha
fhathast cuideachd," ars ise. "Agus," ars ise,
"ged nach d' fhuair mi," ars ise, "a' bhoiteag,"
ars ise, "chan eil turus," ars ise, "a smaoinicheas
e bhith 'na bh... na bhiast-dhiubh," ars ise,
"nach bi e ann."
ars esan,
"'N dà," ars an seobhag, ars esan, "dh'fhaodainn-sa," ᚳ
"gum bithinn-sa cho feumail dha ri gin
agaibh," ars esan. "Agus," ars esan, "ged nach
d'fhuair mi fhìn a' bhoiteag," ars esan, "chan
eil turus," ars esan, "a smaoinicheas e
bhith 'na sheobhag," ars esan, "nach bi e
'na sheobhag."
Agus dh'fhalbh Iain agus dh'fhàg e slàn aca,
agus chum e roimhe. Well, smaoinich e seo
aige fhéin gu feuchadh e robh na rudan e
dh'fhalbh e 's
bha seoach fìor aca, agus ᚳ smaoinich e aige
fhéin a bhith 'na sheobhag, 's o bha e
dìreach 'na sheobhag a's a' mhionaid. Dh'...
dh'fhalbh e dhan iarmailt suas. Thionndaidh
e seoach 's thànaig e chon na talmhainn
's thionndaidh e 'na dhuine air ais, 's
smaoinich e bhith 'na leomhann. Bha e
'na leomhann a's a mhionaid 's thòisich e
air ruith eòin 's creutairean a bha sineach,
'dèanamh
a' cur a' chuthaich orra, 's bha e 'tighinn ...
tighinn ? e fhéin air am feadh. Agus cha robh
creutair a bh' ann ... bha timchioll air a
fhuair a h-òrdan nach rachadh e ann.
Well, bha e seoach a' cumail roimhe, 's
bha e 'falbh, 's dh'fhalbhadh e treis
'na chalman 's dh'fhalbh e treis 'na
sheobhag, 's chunnaic e seoach am baile
bha seoach bhuaithe, agus rinn e dìreach
air a' bhaile 's cha robh e fada 'ga ruighinn.
Cha robh e 'coiseachd ann, ach bha e 'san
iarmailt a' falbh 'na ... 'na sheobhag, agus
thànaig e nuas. Chunnaic e taigh beag
iomallach ann a sheoach, ann an iomall a'
bhaile. Agus thànaig e nuas, Chaidh e 'na
dhuine, agus chaidh e chon an taighe agus
bhuail e an dorus. Agus thànaig leth-sheann
duine sineach a dh'fhosgladh an doruis dha.
Agus dh'fhoighneachd Iain dheth am faigheadh e
cuid na h-oidhche aige. Agus thuirt am
bodach a bh' ann, an leth-sheann duine,
gun faigheadh, e thighinn a staigh,
nach robh aige-san ach a fhéin, ach gu
faigheadh esan an seòrsa bh' aige fhéin a'
dol airson an oidhche a chur seachad.
Well, chaidh Iain a staigh, agus gu dé
bha seoach ach mucair a bh' aig an rìgh
a bh' ann, rìgh a bha 'san àite bh' ann
a sheo, agus 's e bhiodh a' coimhead as
deaghaidh nam muc aige 's 'gam biadhadh
's gan cumail air dòigh 's gu ... chuile
sìon a dh'fheumadh iad. Agus shuidh e fhéin
's Iain. Fhuair e biadh, agus bha iad
aig am biadh a sineach, agus thòisich am
mucair air foighneachd dha có as a thànaig e.
'S bha e 'g innseadh mar thànaig e, agus
gu robh e 'falbh airson feuch am faigheadh
e dé an obair a gheibheadh e.
"'N dà," ars am mucair, ars esan, "'s ann
as fheàrr dhut," ars esan, "fuireach còmh
rium fhìn," ars esan. "Tha mise air fàs
aosda nist," ars esan, "agus," ars esan, "tha
an gnothach a' tighinn glé throm orm," ars esan,
"agus 's ann as fheàrr dhut fuireach,"
ars esan, "agus bidh thu 'nad chuideachadh
agam ann a sheo," ars esan. "Bheir mi
dhut," ars esan, "cho math 's is urra
dhomh," ars esan. "Gheibh thu an tuarasdal
tha mi fhìn a' faighinn, agus ma dh'fhaoidte,"
ars esan, "nuair a dh'fhàgas mise bhuam
buileach e," ars esan, "gu faod thu fhéin
fhaighinn."
"O," ars Iain, ars esan, "'s dòch," ars esan,
"gun dèan e mo shùilean a's a' bhaile dhomh
co-dhiubh, ars esan, "gus a faic mi gu dé an
rud a th' ann. Tha," ars esan, "a' phàilios tha
thall a sin," ars esan, "'s e pàilios an rìgh
a th' ann," ars esan, "agus chan eil aige," ars esan,
"chan eil ann ... chan eil teaghlach aige
ars esan, "ach aon nighean, agus tha iad ann
a shin," ars esan, "e fhéin 's a' bhean 's an
ars esan. ars esan.
nighean," ᚳ "Agus" ᚳ "'s e mise," ars esan, "a bhios
a' frithealadh nam muc."
"O seadh," ars Iain.
Cha robh air seo ach seo fhéin co-dhiubh.
Fhuair iad an suipeir 's chaidh e fhéin 's
am mucair a chadal. Ach co-dhiubh, cha
deach Iain dhan leabaidh idir. Agus nuair
a shaoil leis a bha am mucair 'na chadal
co-dhiubh dh'fhalbh e, agus chaidh e
mach, agus dh'fhalbh e 'na sheobhag, agus
rànaig e taigh ... pàilios an rìgh. Agus siod
sìos 'na rodan a bha e throimh 'n t-similear,
iad ...
agus ᚳ bha iad air gabhail gu tàmh.
Agus fhuair e mach an rùm a's a robh ise,
far robh nighean an rìgh, agus dh'fhalbh e
'na ... dh'fhalbh e. Chaidh e null chon na
leapadh aice, agus chuir e 'làmh oirre.
O leig ise an eubh bhàis aisde, sgiamh
aisde. Nuas a bha an rìgh 's a bhean 's
an fheadhainn eile bha 'frithealadh dhaibh.
"Gu dé," ars an rìgh, ars esan, "tha ... tha seo?"
"O tha duine 's an rùm," ars ise. "Tha duine 'san
rùm," ars ise. "Dh'fhairich mi," ars ise, "'cur
mo làimh ... 'cur a làmh," ars ise, "air
uachdar an aodaich orm," ars ise.
O lasadh soluis 's thòisich siubhal 's
thòisich siubhal 's thòisich feuchainn a's
gach cùil 's gach ? sgial 's gach preasa
's gach àite a bh' ann, 's cha d'fhuaradh
sìon.
"'S fheàrr dhut," ars an rìgh, ars esan, "cadal,"
ars esan. "Tha," ars esan, "cha robh duine
no duine ann," ars esan, "ach rud a tha
thu 'toirt a chreidsinn ort fhéin," ars esan.
"O chan e," ars ise.
ars esan,
"O 's e," ars an rìgh. "Agus," ᚳ "ma bheir thu
ormsa éirigh a rithist," ars esan.
co-dhiubh,
Well, dh'fhalbh iad ᚳ 's dh'fhàgadh ann a
shiod i, 's chuireadh ás na soluis.
Chaidh esan, còmh luath 's a leig ise sgiamh
aisde, chaidh esan 'na rodan dhan t-similear.
Agus nuair a dh'fhalbh iadsan – cha robh iad
fad sam bith air falbh – Cha robh iad air
?fhàlachadh ceart a's na leapanan nuair
a chaidh esan, thànaig e nuas throimh 'n
t-similear a rithist, agus chaidh e null
chon na leapa agus chuir e 'làmh air
uachdar an aodaich aice suas air a broilleach.
Leig ise an ath ràn, an eubh bhàis aisde.
Agus nuas a bha an rìgh a rithist.
"O," ars ise, "tha an duine ann ceart gu leòr," ars ise.
"Tha an duine annn a's an rùm," ars ise, "ge
nach ... ge nach fhaigheadh sibh idir e," ars ise.
Thòisich siubhal 's thòisich cnuasach air
feadh an àite, 's cha robh duine no duine
ar fhaighinn airson ... a's an rùm.
"Leabhara," ars an rìgh, ars esan, "ma bheir thu
ormsa tighinn a rithist," ars esan, "'s e dìreach
cuip nan con," ars esan, "a gheibh thu," ars esan.
"Sin an rud a gheibh thu. Tha mise 'ga ràdh
riut," ars esan. "Sin ach an rud a tha thu 'toirt
a chreidsinn ort fhéin," ars esan.
Well, dh'fhalbh iad co-dhiubh 's dh'fhàg iad
ise a sin. Agus ... Nuair a dh... dh'
? fhàilich iad gu math a's na leapanan co-dhiubh
's a fhuaras a chuile sìon socair mar a bha e
reimhid, thànaig e mach as an t-similear, agus
chaidh e null chon na leapa a rithist agus chuir
e 'làmh air an aodach.
"Well," ars ise, "chan eil reusan dhomhsa," ars ise,
"bhith ... Tha thu ann ceart gu leòr," ars ise,
"ge bith có thu," ars ise, "no gu dé an rathad
air an tàna tu ann no gu dé rathad tha thu
falbh ás," ars ise. "Tha thu ann," ars ise, "ceart
gu leòr," ars ise, "'s chan eil reusan dhomhsa
bhith riut," ars ise.
"O tha," ars esan.
Well, chuir Iain mac an lasgair, chuir e
an oidhche sin seachad còmh ri nighean an
rìgh. Mun tànaig an latha co-dhiubh chaidh e
suas 'na rodan throimh 'n t-similear, agus
's ann ... Chan ... chan
Nuair a bha e 'falbh co-dhiubh thuirt ise ... dh'fhalbh
i agus chaidh i null gu preasa a bh' ann agus
thug i mach brogais gheal agus ...
Seo a nist," ars ise, "sin préasant," ars ise,
"tha mi 'toirt dhut," ars ise, "agus feuch," ars ise,
"nach toir thu do dhuine beo i," ars ise. "Chan
eil a leithid eile ann ... 's an àite," ars ise,
ars ise
... ach
"ach ᚳ té eile" ᚳ "a th' aig m' athair dhiubh," ars ise.
Well, 's ann mar seoach a bha. Dh'fhalbh
Iain dhachaidh, agus rànaig e, 's bha am
mucair gun ghluasad gun sìon. 'S fhuair
e air dòigh a chuile sìon co-dhiubh, agus
dh'éirich am mucair. Agus nuair a ghabh
iad am biadh a seo co-dhiubh thòisich Iain,
thòisich e air sgaoileadh baga a bh' aige no
rud air chor-eigin a's a robh aodach, 's
bha 'bhriogais aige bha e air a cur ann,
Agus chunnaic am mucair i.
"A Dhia," ars esan, "a bhiadh 's aodach, Iain," ars esan.
"Có ás a fhuair thu 'bhriogais?" ars esan.
"Dé bhriogais?" ars Iain.
... a sin
"A' bhriogais sin tha sin ᚳ agad," ars esan.
"Hod!" ars Iain, "tha gu leòr againn dhen
t-seòrsa ud. An t-àit as an d'fhalbh mise,"
ars esan, "tha na dusain ann," ars esan.
"A bhiadh 's aodach, nach toireadh tusa
dhomhs i," ars esan.
"An dearbh fhéine, bheir," ars Iain. "Siod,
agad," ars esan. "Tog leat i."
Agus ... "Cha robh air seoach ach seo fhéin co-
dhiubh. Chaidh Iain an latha sin ...
am mucair, chaidh e chon nam mucan ...
chon na mucan. Agus as a dheoghaidh
seo tuilleadh co-dhiubh cha ruigeadh a
leas am mucair a dhol ann; dhèanadh
Iain fhéin an gnothach.
Ach cha robh ise seoach ... An ath oidhch'
a seoach, an oidhche sin fhéin, chaidh
Iain a choimhead air nighean an rìgh. Agus
nuair a bha e 'fàgail an oidhche sin –
Cha do leig i sgiamh no sgr... sgr...
sgreuch aisde an oidhche sin – Nuair a
bha e 'fàgail an oidhche sin co-dhiubh thug
i dha an t-seacaid aig a' bhriogais. Agus ...
Dh'fhalbh e 's a' mhaduinn. Chaidh e dhachaidh.
Agus chunnaic am mucair a co-dhiubh 's e
a' ruith air na h-aodaichean. Chunnaic e ... e
an t-seacaid. Agus ...
ars esan,
"Seo," ars Iain, ᚳ "seacaid na briogais," ars esan.
"a fhuair thu an dé," ars esan.
"A Dhia," ars esan, "saoil an toir thusa dhomhs i."
"O dearbh fhéine, bheir," ars Iain. "'S mise nì sin."
Thugadh an t-seacaid dhan mhucair, agus
dh'fhalbh Iain nuair a fhuair iad am braiceis,
dh'fhalbh e chon na mucan 's chuir e air
dòigh na mucan, 's bhiadh e iad 's ...
Agus ... Bha e 'dol mar sineach airson
treise, 's cha robh ... bhiodh e 'dol a
choimhead oirre. Ach an oidhche bha
siodach thuirt i ris co-dhiubh,
"A Dhia," ars ise, "cha chreid mi fhìn
nach e 'bhriogais thug mi dhut a chunna
mi air a' mhucair," ars ise, "an diugh," ars ise.
"An té thug thu dhomhsa?"
"Seadh," ars Iain ... ars ise.
"Dearbh fhéine, chan i," ars ise.
"O ma tha," ars ise, "cha robh té eile 's an àite,"
ars ise, "ach aon té bh' aig m' athair dhiubh,"
ars ise, "ach a fhéin," ars ise.
"O tha ... cha mhise thug dha i co-dhiubh,"
ars Iain. "Tha bhrìoghis thug thu dhomhsa tha
i agam a staigh," ars esan..
Agus ... O well, cha robh air seoach ach seo fhéin.
Ach bha iad an latha bha seoach, agus gu dé
fhuair an rìgh ach brath bho ... bho rìgh a chor-
eigin a bha an nàbachd ris, gu robh latha
co... cath is còmhradh aige ri chumail ris,
a neo gu robh a leithid seo a dhuais a dh'
airgiod aige ri thoir ... thoirt seachad.
Agus an oidhche bha seoach bha e fhéin 's
am mucair a staigh.
"A dhuine," ars am mucair, ars esan, "an cuala
thu," ars esan, "an naidheachd tha siod?" ars esan.
"Dé an naidheachd a th' ann?" ars Iain.
"O ... Tha," ars esan, "rìgh tha siodach," ars esan,
"'g iarradh latha is ca... latha cath is còmhrag,"
a chumail
ars esan, "ᚳ ris an rìgh tha seo," ars esan, "neo
gum bi a leithid seo a shuim airgid aige ri
phàidheadh."
ars esan,
"A dhuine," ars Iain, ᚳ "tha sin uamhasach.
"Bheil sibh a' dol ann?" ars esan.
"A Dhia, ghràidhein," ars esan, "nach eil
fhios gu bheil," ars esan. "Mur nach
ars esan
fhaighinn-sa," ᚳ "ach buille a thoirt seachad
an dràsd 's a rithist," ars esan, "nach eil
fhios agad gu feum mi dhol a chuideachadh
mo rìgh?" ars esan.
"O seadh," ars esan. "Cuin," ars Iain, "a tha
iad a' bualadh?"
O bha a leithid seoach a latha bha iad gu bualadh.
Agus ... Bha iad a nist 'dol air aghaidh agus
thànaig an latha seoach a bh' aca ri bualadh.
Agus dh'innis ise dhasan, do dh'Iain. Bha
fhios aig Iain reimhid. Dh'innis i dha an
gnothach.
Agus an latha bha seoach bha aca ri bualadh
rinn am mucair deiseil, agus chuir e air
a' bhriogais bhàn agus an deise uileag,
agus dh'fhalbh e còmh ri ... còmh ris an
fheadhainn a bha 'falbh còmh ris an rìgh,
na saighdearan eile.
Agus nuair a fhuair Iain am mucair air dòigh
dh'fhalbh e fhéin, agus dh'fhalbh e 'na
sheobhag. Agus bha e fly-eadh air ais 's
air aghaidh, 's chunnaic e seo a' bhuidheann
eile 'tighinn. Agus bha e 'ga watch-adh.
Transcribed using automated handwriting recognition technology as part of the Decoding Hidden Heritages project.