Archival Reference

SSSA/TA/AT302/003

School of Scottish Studies SA1971.112A

Tobar an Dualchais/Kist O Riches

Transcript

AI
Informant : D.A. Johnson, Aird Mhór, South Uist.
SA 1971/112 A
Collector : D.A. MacDonald
+ B
Iain, Mac an Iasgair
Well, chuala mise mar a bha siod-ach ann iasgair.
Agus bha e pòsda. Agus 's e an cosnadh a bh' aige
's ann ag iasgach a bhiodh e daonnan. 'S e
'bheò-shlaint a bh' aige fhéin 's aig a bhean.
Agus cha robh duine theaghlach aca 's bha iad
a' tighinn suas go aois a nist.
Agus dé rinn an t-iasg ach tòiseachadh ri fàs
dha
gann air agus cha robh e 'faighinn mar a b' àbhaist ᚳ
idir. Cha robh fhios aig' o Dhia a chaidh ceàrr
air ... air a chuile sìon a bh' ann.
Ach co-dhiùbh am feasgar a bha seo-ach bha e
tarruing an duirgh agus bha e air a chuile
h-àite a b' fheàrr na chéile a shiubhal agus
cha d'fhuair e sìon. Bha e 'tarruing an
duirgh agus dh'fhalbh e dhachaidh agus
chuala e boom aig deireadh na geòladh.
Agus thug e sùil agus bha maighdean-mhara am
bàrr a shin-each aig dèireadh na geòladh.
"Chan eil thu," ors ise, "chan eil thu," ors ise, "a'
faighinn an éisg idir."
"Chan eil," ors esan.
"'N dà," ors ise, "ma bheir thu dhomhsa an rud
a dh'iarras mi ort," ors ise, "gheibh thu 'n t-iasg,"
ors ise, "mar a bha thu 'ga fhaighinn riamh," ors ise.
"'N dà, chan eil fhios 'am," ors an t-iasgair," ors esan,
"a bheil sin agamsa dhut," ors esan.
"O chan eil," ors ise e agad dhomh idir," ors ise,
bithidh
"ach gad nach eil," ors ise, "bidh e agad," ors ise,
"ma ghabhas tu mo chomhairle-sa."
Dé, ors ...
"Seadh," ᚳ ors esan, "a tha sin?" ors esan.
"Tha," ors ise, "do cheud mac."
"A," orsa, ors an t-iasgair, ors esan, "Tha mi
ors eean
cinndeach," ᚳ "gu faod mise sin a thoirt dhut,"
ors esan, "nuair a bhios e agam."
"O," ors ise, "geall thusa dhomh," ors ise, "agus
bidh
bhiodh e agad gun teagamh," ors ise. "Ach nì
thu," ors ise, "mar a dh'iarras mis' ort."
matha,"
Agus "O glé cheart ᚳ ors am bodach.
"Well," ors ise, "an uair a chuireas tu mach an
dorgh," ors ise, "a' cheud bheothach," ors ise, "a
mharbhas tu," ars ise, "gleidhidh tu e," ors ise,
"agus cumaidh tu e fhéin 's an grùthan," ors ise,
"dhan bhean agad. "Agus," ors ise, "tha e glé
ri'n
neònach leamsa," ors ise, "neo bithidh mac agad
fhathast."
Well, 's ann mar seo-ach a bha. Dh'fhalbh
a' mhaighdean-mhara. Agus chuir am bodach a
mach an dorgh 's mharbh e deagh chnapach
de bheothach a siod. Agus dh'fhalbh e 's
chaith e suas a thoiseach na geòladh e.
Thòisich e air dorghach 's thòisich e air
iasgach 's a' tarruing éisg 's bha ... ma dheireadh
bha taosg aige a's a' gheòla. Agus dh'fhalbh e
dhachaidh.
'S bha beul ha h-oidhcheadh ann 's bha na
daoine bha iad a' gabhail fadachd dheth 's i
air fàs cho anmoch. Agus cha d'rinn iad ach
a' gheòla 's a chuile sìon a bh' ann a tharruing
go tìr suas agus thòisich a' roinn an éisg innte
agus fhuair am bodach am beothach a bha 's an
toiseach aice sa shàbhaladh ma d'fhuair iad
greim air agus thug e leis dhachaidh e.
Well, chaidh e dhachaidh agus chum e nist
ris a bhean am beothach agus an grùthan a bha
seo-ach còmhladh. Agus cha do dh'iarr ise air
earrannan na earrannan a dhèanamh air ach
e bhith 'ga bhruich còmh' ris a' ghrùthan
agus a bhith ga chumail ris a' bhean
agus gun e-fhéin aon ghearradh dha ghabhail.
'S e seo an rud a rinn e co-dhiùbh 's chum
e ris gos ma dheireadh a theirig e.
Agus bha 'm bodach bhiodh e mach a chuile latha
'g iasgach 's bha e 'faighinn de ... de dh'iasg
mar a bha e riamh, mur a robh na bu phailte.
Agus co-dhiùbh seo-ach dh'fhàs a bhean trom,
'na seann chaillich. Agus rugadh a seo-ach
leanabh gille dhaibh.
Well, bha an gnothach ceart gu leòr 's bhathar
a' togail a' ghille 's bha e 'fàs 'na chnapach
gu robh
's oir s ma dheireadh bha e 'teannadh air aois
sgoil. Agus thòisich e sin air a dhol dhan sgoil.
Agus bha e a' dol dhan sgoil agus bha e glé
mhath 's an sgoil. Agus bhiodh e 'tighinn
dachaidh.
Ach co-dhiùbh seo-ach nuair a bha ... bha e
bhàrr mo
aig ... bha e 'aice ... chaidh ... ᚳ sgiùil, bha aige
ri thoirt dhi-se nuair a bhiodh e cóig
bliadhn' deug a dh'aois. Agus nuair a bha e
seo-ach a' teannadh suas air aois a bhith mach
as an sgoil bhiodh a' mhàthair is 'athair a' caoineadh
a chuile feasgar agus ... nuair a thigeadh e
dhachaidh. Bha e 'cur neònachas air gu
dé rud a bha ceàrr orra.
Agus thuirt e seo-ach co-dhiùbh nuair
a bha e ma ... mach 's a staigh, nuair a bha e
mach aisde, thuirt e riutha, "Dé," ors esan,
"tha e 'cur neònachas orm," ors esan, "dé," ors
esan, "'N ann," ors esan, "a chionn mise
a bhith 'tighinn dachaidh," ors esan, "tha sibh
a' caoineadh," ors esan, "a chuile feasgar
treiseadh
o chionn treise a nist?" ors esan. "Ma 's ann,"
ars esan, "cha ... nuair a gheibh mise clìoras
an sgoil," ors esan, "bidh mi 'falbh as a seo
buileach," ors esan.
"O chan ann," ors a mhàthair, ors ise.
Ach dh'innis iad dha co-dhiùbh o thùs go
éis mar a bha.
"O seadh," ors esan. "Feumaidh," ors esan, "g' eil
còir aig cuidh-eigin ormsa," ors esan.
Agus "O tha," ors, ors 'athair, ors esan,
'S e
"'S e maighdean
mhara a bh'
ᚳ ann," ors esan.
"O seadh," ors esan. "O well," ors esan, "bidh mise
'falbh," ors esan. "Cha téid mi an comhair
a' chladaich co-dhiùbh," ors esan. "Fanaidh mi
clìoras an cladach."
nach ...
Seo mar a bha co-dhiùbh. Nuair a na dh'fhàg
e an sgoil co-dhiùbh rinn e deiseil airson falbh,
e 'falbh
agus go robh ᚳ as a siod buileach. Agus rinn e
sin. Dh'fhalbh e an latha bh' ann a sheo.
Agus ... bha e 'falbh 's e 'cumail roimhe
's cha robh fhios aige cà robh e 'dol, na có
'n taobh a bheireadh e aghaidh. Ach co-dhiùbh
dhol
bha e air a bhith 'dol seachad pìos agus chual'
e a bhith 'g éigheach as a dheoghaidh,
'ic
till
Iain mhic an Iasgair tighinn 's dèan ceart."
Agus 's e Iain a bh' air a' ghille.
Agus thill e ma chuairt agus thug e sùil
agus as a dheoghaidh agus bha leòmhann
ann a shin-each agus rodan agus calman
thar
agus iad air a dhol agus a chéile ma
dhéighinn dhà na trì shìleanan sìl a bh' air
a' chnoc. Agus dh'iarr iad air a dhol
agus ceart a dhèanamh feuch có aige bha ...
có aige bha còir siod a bhith.
Agus thill Iain. Agus sheall e air an t-sìol.
"Well," ors esan, "Shaolainn fhìn," ors esan
's e 'tionnadh ris an leómhann, "a leómhainn
robach
mhór bhobac ghlas," ors esan, "dé leithid
fhéin," ors esan, "nach biodh tu," ors esan,
"a' toirt an t-sìlein a tha sin-each, na dhà
na trì shìleanan tha sin-each o'n chalman
bhochd," ors esan. "Agus thusa cuideachd
a rodain ruaidh," ors esan, "'s iomadh
cruach mhór," ors esan, "a th' aig
tuathanaich," ors esan, "a staigh as na
bailtean a sin," ors esan, "dh'fhaodadh
Transcribed using automated handwriting recognition technology as part of the Decoding Hidden Heritages project.