Iain Mac an Iasgair
Scotland
- Archival Reference
- SSSA/TA/AT302/001
- Date
- 1969–1975
- Item category
- Transcription
- Aarne-Thompson index
- AT0302: The Ogre's (Devil's) Heart in the Egg
- Language
- Scottish Gaelic
- Town
- Ardmhor
- Parish
- Barra
- Collectors
- D.A. MacDonald
- Angus John MacDonald
- Alberto Azzolini
- Narrator
- Donald A. Johnson
- Narrator source
- Unknown
- Link
- View entry on tobarandualchais.co.uk
Archival Reference
SSSA/TA/AT302/001
School of Scottish Studies SA1969.113.A
Transcript
AI17Informant : D.A. Johnson, Aird Mhór, South Uist.A.J.Collector : D.A. MacDonald SA 1969/113 AIain Mac an Iasgair.Well, mar a chuala mise an stòiridh tha seo-ach bhaseann duine còir ann agus bha e pòsda 's cha robhann ach e fhéin 's a bhean agus cha do thachair duineteaghlach a bhith aca. Agus 's e an cosnadh a bh'aig ... bh' aig an duine, a' bheò-shlain' a bha e 'dèanamh's ann ag iasgach a bhiodh e agus bhiodh e 'creican éisg agus seo mar a bha e 'cumail e fhéin 's abhean a' dol. Agus bha e 'tighinn suas ... bha iad a'tighinn suas gu aois le chéile.Ach a' bhliadhna bh' ann a sheo-ach co-dhiubh charobh ... cha robh an t-iasg|ach uamhasach fhéin gann agusbha ... an latha bha seo-ach co-dhiubh shiubhail e nischuile a b' àbhaist dha bhith faighinn iasgachann agus cha d'fhuair e sìon. Agus bha e nis airfannadhtoirt fairis fad an latha 'g obair air falbh a siod's a seo feuch am faigheadh e sìon agus cha dothachair sìon ris agus ... Ann am beul na h-oidhcheair ...'s e ᚳ 'dol a thaomadh nan ràmh 's e 'falbh dhachaidhdh'fhairich e plumb aig deireadh na s ... a' bhàtaa bh' aige agus thug e sùil agus bha maighdean-mharaair tighinn am bàrr aig deireadh na ... a' bhàta.Agus thuirt i ris. "Chan eil thu," ors ise, "a' faighinnan éisg idir." "O chan eil," ors esan. "Tha," ors esan,"an t-iasg air a dhol air chall seach mar a bha e,"ors esan agus ..."'N dà," ors ise, "ma bheir thu dhomhsa," ors ise,"an rud a dh'iarras mi ort," ors ise, "gheibh thu'n t-iasg," ors ise, "cho pailt 's a bha e riamh," ors ise."Dé 'n rud tha sin?" ors esan."A' cheud mhac," ors ise, "nuair bhios e mach asDoan sgoil."'N dà," ors esan, "faodaidh mise sin a dhèanamh,"ors esan, "ach chan eil mac no nighean agam-s," ors esan."Dèan thusa," ors ise, "mar a dh'iarras mise ort."ors ise, "agus bidh mac agad fhathast," ors ise. "Achgeall thusa dhomhsa," ors ise, "gu fai... gu toirors ise "athu seachad e," ors ise, "nuair bhios e," ᚳ nach as ansgoil."ma tha,"O glé cheart," ors am bodach, "ᚳ ach tha micinnteach gu faod mi sin," ors esan, "nach bimac no nighean agam-s," ors esan."Well," ors ise, "cuir ... cuir a mach na duirgh,"ors ise ... "an dorgh," ors ise, "agus a' cheudbheothach a mharbhas tu," ors ise , "cumaidh tuair leth e," ors ise, "agus," ors ise, "nì thu," ors ise,"trì earrannan air," ors ise, "agus trì earrannanair an grùthan aige agus," ors ise, "bruichidh tu,"ors ise, "earrann dhiubh sin agus earrann dhenghrùthan," ors ise, "dhan bhean," ors ise, "trìcha toir ...triobaichean," ors ise, "agus," ors ise, "ᚳ na toirgearradh a dhuine na dhut fhéin dheth cuideachddheth," ors ise, "ach dhan bhean," ors ise.Well, 's ann mar seo-ach a bha co-dhiubh.Chaidh a' mhaighdean-mhara fodha. Agus chuir an b...am bodach a mach an dorgh agus cha do thàr echur sìos nuair a laigh beothach air. Thòisiche ri dorghadh. Bha e 'dorghadh ann a shintaosggus na dhorchnaich i. Agus bha tomhas a' bhàtaaige de ... agus a' cheud bheothach a fhuair echaith e suas a thoiseach na ... a' bhàta abh' ann, no co-dhiubh ... co-dhiubh bh' ann geòla nosgoth cha chuala mise e ach chaith e suasdhan toiseach aige, clìoras a chuile sìon agus ...Dh'fhalbh e sin-each ann am beul na h-oidhche's bha am bàta ... taosg aige a's a bhàta de dh'iasg. Agus ... Bha na daoine a' gabhail fadachdadheth, gu b... Bha eagal orra gun do dh'éirich rud-nacheigin dha leis cho anmoch 's a bha e 's chab' àbhaist dha bhith cho an moch siod. Agus chunnacasseo-ach am bàta 'tighinn agus cha do rinn iadaig ...dìreach ach ... Choinnich iad an sgoth ᚳ shìosaig a' chladach agus cha do rinneadh ach atarruing air tìr, i fhéin 's an t-iasg 's achuile sìon a bh' innte. 'S cha do thàr ambodach ach an aon bheothach a chaitheamh edhan toiseach ... Rinn iad air a chéile agusdh'iarr ithug e seo-ach leis dhachaidh. Agus rinn emar a dh'iarr a' mhaighdean-mhara air, co-dhiubh,gheàrr e 'na thrì pìosan agus an grùthan abh' ann gheàrr iad 'na thrì pìosan e fhéin aguschuir e earrann còmhla ris a chuile pìos dhenbhodach e. Agus chaidh seo a bhruich dhanbhean aige trì turuis co-dhiubh còmhla asdeoghaidh a chéile.Agus thòisich am bodach air iasgach. Bhiodh e'g iasgach a chuile latha 's bha e 'faighinnde dh'iasg mar a thàirgneadh e. Cha robh cionéisg an uair sin air.Agus gu dé ach chuir e uibhreachd a seo-achair a' bhoirionnach gu robh i 'fàs trom agusa chuile h-uibhreachd a bh' ann 's a chuile truimeada bh' ann co-dhiubh ... gun a rugadhpàisde gille dhaibh. Agus dh'innis am bodach,... dhandh'innis e dhan ᚳ a bhean mu dhéidhinn a'mmu'nhgᚳnothaich a bh' ann, mar a thachair dha 's marmhaighdean ... m' mhaighdean-mhara 's a' chuile sìon.Well, rugadh an gille co-dhiubh 's thòisich 's thogadh ...a' toirt an aire dhan ghille 's bhathar a' cumail a'ghille cho math 's a ghabhadh e 's dh'fhàs e seo suas.Agus ... Thòisich e seo air dhol dhan sgoil. Agusnuair a bha e 'teannadh suas ri àm tighinn ás ans... bho ... gu aois na sgoile faighinn clìorcha robh feasgar a thigeadh e dhachaidh nachrobh 'mhàthair is 'athair a' caoineadh. Sguiram bodach a dh'iasgach ... an latha ud.Agus corra uair bhiodh e 'dol a mach. AgusBha e 'cur uamhasach air a ghille gu dé bha'toirt orra bhith caoineadh. Agus an oidhche abh' ann a sheo-ach co-dhiubh thuirt e riutha:"Dé," ors esan, "tha 'toirt oirbh," a bhith ors esan,"caoineadh a chuile oidhche thig mise dhachaidh?An e," ors esan, "g' eil mise dachaidh," ors esan,"tha 'toirt oirbh bhith caoineadh?" ors esan."O chan e," ors a mhàthair, ors ise. "O chan e,'ghràidhein," ors 'athair, ors esan. "Na bi eagalsam bith air sin-each," ors esan."'S dé nis tha 'toirt oirbh bhith 'caoineadh?"Well, dh'innis an gille seo ... dh'innis ambodach a seo-ach dha mar a bha, mar a thachair's a chuile sìon 's gun a dh'iarradh air nuairbhiodh e mach ás an sgoil, a' teannadh a suasgus a bhith clìoras an sgoil 's gu robh an t-àma' teannadh."O well, ma tha," ors esan, "ma 's ann mar sin atha," ors esan, "bidh mise falbh ás a seo," orsesan, "agus chan fhaigh i mise co-dhiubh,"ors esan.Agus ... O cha robh air seo-ach ach seo fhéin.Lean e co-dhiubh treis. Agus rinn iad risAn oidhche a bh' ann a sheo thuirt e riutha iada dèanamh deiseil dha agus gum biodh e 'falbh.Agus ... Chaidh am bodach ... bhiodh iad corra latha'dol a dh'iasgach. 'S chaidh e mach an lathabha seo-ach nuair a bha an t-àm aig a' ghille... a bhith a leigeil a' ghille seachad, agusrànaig e mach 's cha robh e fad 'sam bithair ... air ruighinn nuair a thànaig a mhaighdean-mhara am bàrr aig deireadh na s... sgotha.Agus ... "Seadh," ors ise, "an tug thu thugaman gealltanas?" ors ise. "Tha ... tha an lathasuas an diugh," ors ise."O cha tug," ors am bodach."O mur a tug," ors ise, "fhalbh thusa," ors ise,"dhachaidh," ors ise, "agus chan fhaigh thu iasgach siod," ors ise. "'S ma dh'fhaoidte," ors ise,"gun tachair ... gu faigh sinn fhathast e,"ors ise, "gun iasg idir," ors ise.Agus cha robh aig a' bhodach ach ... Thill ambodach dhachaidh agus ... Cha d'fhuair e dearganco-dhiubh agus ... Dh'fhalbh a nis an gille.Agus bha e 'gabhail air falbh 's cha robh fhiosaige cà' rachadh e. Ach chum e co-dhiubhair an rathad a bha seo-ach agus eadar sinagus suas gu m... meadhon-latha chuala e bhith'g éigheach as a dheoghaidh, "Iain mhic an Iasgairtill 's dèan ceart." Agus thug e sùil air ...agus bha leòghann ann a shin, agus rodanagus calman. Agus chaidh e null far an robh iadagus dh'fhoighneachd e dé bha ceàrr a seo-ach.Agus bha iad air a dhol far a chéile mu dhéidhinnsìleanan sìl a bh' air an talamh."Siuthad," ors an calman," ors esan, "dèan ceartdhuinn," ors esan, "có aige tha còir seo-ach abhith," ors esan, "no có gheibh seo," ors esan."Well," ors Iain," ors esan – 'S e Iain a thug iad aira' ghille – "Well," ors Iain, ors esan, "tha mise'smaointinn," ors esan, "'s chuala mi," ors esan,"bruidhinn air," ors esan, "gu robh sìlean... sìl daonnan air a chur roimh 'n chalmange brith cà laigheadh e. Agus tha mismaointinn," ors esan, "gun agad-sa bu chòir seoa bhith," ors esan. "Agus tusa," ors esan, "amhórleòghann ᚳ robach," ors esan, "nach iomadh," ors esan,"creutair a th' agad air feadh a' mhonaidh a sin,"ors esan, "a dh'fhaodas tu," ors esan, "breith airagus itheadh," ors esan, "as aonais a bhith 'toirt... dé rud a bha 'dol ... na sìleanan a sin 'dol adhèanamh dhut? Agus thusa cuideachd, arodain mhóir robaich ghlais," ors esan, "'s iomadhcruach mhór arbhair," ors esan, "a th' aig tuathanaicha staigh a sin," ors esan, "a dh'fhaodadh tu dobheò-shlaint a dhèanamh ann," ors esan, "'s chaneil thusa 'toirt sin bho'n chalman," ors esan.ors esan,ors esan.Agus," ᚳ "'s ann aig a' chalman," ᚳ "a dh'fhàgas mise ansìol," ors esan."'N dà, beannachd dhut-sa," ors an calman," ors esan,ors e san,"agus chan eil uair," ᚳ "a smaoinicheas tusa," ors esan,"a dhol 'nam riochd-sa," ors esan, "nach téidthu ann," ors esan.ise"'N dà," ors an leòghann, ors esan, "ged tha miseiseiserobach glas," ors esan, "mar a tha mi, ," ors esan,"chan eil fhios 'am nach fhaodainn feum adhèanadh dha cuideachd," ors ise, "agus gednach d'fhuair mi sìol," ors ise, "chan eil uair,"a smaoinicheas e airors ise, "a dh'fhaod... a dh'iarras ... ᚳ a dhol 'namriochd," ors ise, "nach téid e ann," ors ise."'N dà," ors an rodan, "o'n a rinn sibh cho mathors esanris uileag," ᚳ "c'arson nach dèanainn-sa?" ors esan."Chan eil uair," ors esan, "a smaoinicheas e aira dhol 'na rodan," ors esan, "'s dh'fhaodainndeagh fheum a dhèanamh dha fhathast," ors esan.... nach"nach ᚳ téid e ann." Agus dh'fhàg Iain macan lasgair, dh'fhàg e slàn aca. Agus chum e air.Ach cha robh e fad sam bith air a dhol airaghaidh 's e 'dol seachad air taobh lochanuair a chuala e bhith 'g éigheach, "Iain mhican lagair till 's dèan ceart." Agus thug e sùilagus bha breac ann a shin agus seobhagagus biast-dhubh agus iad air a dhol far a chéilebhamu dhéidhinn boiteig a bh' air tuiteam airtaobh an locha. Agus thill Iain far an robh iadagus ... "Siuthad," ors i ... ors a' bhiast-dhubh, orsise, "dèan ceart," ors ise, "có aige a bhios i seo.""'N dà, shaoilinn fhìn," ors Iain, ors esan, "nachbiodh do leithid-sa," ors esan, "agus gun e h-aoniasg agus easgann mhór a th' agad," ors esan,"air feadh an àite," ors esan, "a's an loch," orsesan, "a dh'fhaodadh tu itheadh," ors esan,"ach as aonais," ors esan, "na boileig tha seo," orsesan, "'s chan eil aig a' bhreac bhochd," orsesan, "sìon aige gheibh e," ors esan, "mur ataigh cuileag air an uisge," ors esan, "neo mur aors esantuit boiteag," ᚳ "a bruaich an locha. Agus tusacuideachd," ors esan, "a sheobhaig," ors esan,"'s iomadh eun a th' agad air feadh nah-ealtainn," ors esan, "a bheir thu do leòir ás,"ors esan, "as aonais a bhith toirt seo," ors esan,"bho'n bhreac.""'N dà," ors ... ors ... "Beannachd dhut-sa," orsam breac," ors esan. "Agus chan eil uair," ors esan,"a smaoinicheas tusa," ors esan, "a bhith 'namriochd-sa," ors esan, "nach bi thu ann," ors esan."'N dà," ors a' bhiast-dhubh, ors ise. "Ge nach d'fhuair sinne,"ors ise, "a' bhoiteag," ors ise, "chan eil uair," ors ise, "asmaoinicheas e bhith 'na bhiast-dhuibh," ors ise, "faodaidhsinndhèanamhᚳ deagh fheum ᚳ dha fhathast," ors ise, "nach bi e ann.""'N dà," ors an seobhag, ors esan, "o'n a rinn sibhuileag gu math dha," ors esan, "carson nachdeanainn-sa?" ors esan. "Cha do rinn e sìon ceàrrorm-sa," ors esan, "agus faodaidh mi," ors esan, "deaghors esan,fheum a dhèanamh dha," ors esan. "Chan eil turus" ᚳ "asmaoinicheas e a bhith 'na sheobhag nach bi e ann."Well, 's ann mar seo-ach a bha. Dh'fhalbh Iainagus dhealaich e. Dh'fhàg e slàc aca, 's dh'fhalbh ...Ghabh e roimhe. Smaoinich e seo aige fhéin gufeuchadh e na ... na rudan a bha e 'dol a dh'fhaighinn agus smaoinich e gu rachadh e 'na chalman.'S ò bha e siod a's a' mhionaid. Bha e 'san iarmailt.Agus thòisich e seo-ach agus cho fad 's gu robhbailteanàiàite ... an t-adhar ... an t-àite ... tighinn bhuaithecha b' fhada 'ga ruighinn e, eadar a chuile iteag's a chuile ruith air a bh' ann.Agus ... rànaig e baile bh' ann a sheo-ach agus ...Bha taigh beag iomallach geal a mach asin-each ann an iomall a bhaile agus chaidhe chon a' doruis agus bhuail e 'n dorus agusthànaig fear a nuas ann a shin-each agusdh'fhosgail e 'n dorus agus dh'iarr e air tighinna staigh."Tha mi 'g aithneachadh," ors am bodach," ors esan,"gur a h-e strainnsear a th' unnad.""O 's e," ors Iain," ors esan. "Strainnsear a th' unnam,"ors esan. "Cha robh mi riamh," ors esan, "a seoreimhid," ors esan. Agus ..."'N dà gu dearbh," ors esan, "bhithinn fhìn," ors esan,"glé thoilichte," ors esan, "nam fanadh tu còmhla riumann a sheo," ors esan. "Tha mi," ors esan, "'nam ... 'nammhucair," ors esan, "aig an rìgh tha seo," ors esan,dha"agus 'biadhadh nam muc ᚳ" ors esan, "agus 'gancumail air dòigh," ors esan, "agus tha mi nis a' fàsslac," ors esan, "agus nam faighinn," ars esan, "doleithid a ghille," ors esan, "bhithinn uamhasachfhéin toilichte.""O," ors Iain," ors esan, "faodaidh mise fuireachtreis còmhla riut," ors esan, "ceart gu leòr," ors esan."Tha ... Chan eil mi," ors esan, "ach a' coimheadfanairson obair agus 's dòcha gu faigh mi," ors esan,"gus an dèan mi mo shùil air feadh an àite,"ors esan, "feuch am faigh mi na's fheàrr."O bha so glé mhath leis a' mhucair. Agus ... Ge brithIaingu dé na bh' aig ... co-dhiubh de dh'aodach leischuir e aig ann am baga e agus chuir e thall ann,an àite e agus fhuair e biadh aig a' mhucair aseo-ach agus bha iad a' bruidhinn 's a' seanchasmar sin-each gus an deach iad a chadal.Agus chaidh iad a chadal.nusAgus bha am mucair a-nis ag innseadh dha ᚳ gur ah-e-san am mucair a bh' aig ... a' coimheadas deoghaidh mucan an rìgh agus gu robh e eòlachgu leòr mu phàileis an rìgh 's a chuile sìon 's nadhaoine a bh' ann. 'S bha aon nighean aig an rìghagus cha robh gillean idir ann.Agus bha Iain a nis còmhla ris na lathaicheantimchioll 's bha ... Chaidh e còmhla ris làirne-mhàireach agus sheall am mucair dha gu débh' aige ri dhèanamh 's cà robh na mucan a' dol's a chuile sìon dhen t-seòrsa sin. Agus tuilleadhas a dheoghaidh seo-ach cha rugeadh a leas ammucair car a dhèanamh, ach dhèanadh Iain fhéin e.Bha e fhéin 'dèanamh a chuile rud 's bha e 'géirigh 's a' mhaduinn 's bhiodh am braiceisdeiseil aige nuair a dh'éireadh am mucair 'so bha .. bha am mucair uamhasach fhéin toilichte asa leithid tighinn 'na rathad.Ach chunnaic e seo ... Bha e timchioll pàileis an rìgh's chunnaic e an nighean òg a bha seo-ach, annighean a bh' aig an rìgh. Chunnaic e muigh i.Agus ... Fhuair e mach aig a' mhucair càite arobh i 'cadal 's a' phàileis. Agus an oidhche bh' anna sheo-ach co-dhiubh nuair a chaidh iad a chadal,dh'fhalbh Iain, agus dh'fhalbh e 'na sheobhagagus laigh e air mullach a' chan a bha 's an rùma's a robh ise agus siod sìos 'na rodan an t-simileir a chaidh e. Agus nuair a thànaig emach bha ise 'san leabaidh 'na c... Co-dhiubhbha i 'na cadal gus nach robh, ach leum esan'na fhirionnach agus chaidh e null agus chuir e'làmh oirre agus leig ise sgiamh aisde. Agussiod Iain dhan t-simileir 'na rodan air ais.'S dh'fhairich an fheadhainn a bha shuas i –faisg oirre a h-athair 's a màthair a sin, dh'fhairich iad an sgiamhail i sgiamh aice.Nuas a bha iad agus dh'fhoighneachd iad dé anrud bha ceàrr. O bha cuid-eigin 'san rùm.Chuir cuid-eigin a làmh oirre Agus thòisichsiubhal air an rùm 's thòisich chuile àitebha ... shaoilteadh a bhiodh duine ann ...Shiubhladh an rum 's cha robh duine ann."Och," ors a h-athair, ors esan, "cha robh ann," ors esan,"ach rud a bha thu 'toirt a chreidsinn."ors ise."O chan e, chan e," ᚳ "Dh'fhairich mi dìreach làmhan duine orm."Ach co-dhiubh seo-ach ... Dh'fhalbh ... "Caidil," orsa h-athair, ors esan, "agus na cluinneam diogagad," ors esan, "ach siod," ors esan.Ach dh'fhalbh iad co-dhiubh agus nuair a dh'fhalbh iad co-dhiubh thànaig Iain a mach as ant-simileir agus leum e 'na dhuine rithist aguschuir e 'làmh oirre air ais nuair a shaoil leisa bha i 'na cadal. Agus leig ise an ath sgiamhaisde agus b' e seo an sgiamh bu mhotha naan té 'ile. Agus a nuas a bha càch a rithist.Agus thòisich siubhal 's ò bha an duine ann ceartgu leòr 's bha an duine ann 's feumaidh gu robh ...gu robh 's bha i cinnteach gun do chuir e 'làmhoirre. Agus ... O thòisich a h-athair air siubhal's thuirt e rithe, "Leabharra," ors esan, "ma bheirthu ormsa éirigh a rithist," ors esan, "'s e cuip,"ors esan "nan con a ghabhas mi dhuit," ors esan.ors esan"Agus," ors esan, "chan eil ... chan eil thu," ᚳ "gus bhith'g obair dhen t-seòrsa sin idir, 'toirt a chreidsinnors esan "rudort fhéin," a' fhéin ᚳ nach eil ann idir," ors esan,Agus co-dhiubh seo-ach dh'fhalbh e ... an rìgh 'sa' bhàn-righinn chaidh iad ... chaidh iad suas. Aguscha robh iad fad sam bith nuair a shaoil esan abha i air tuiteam seachad a rithist thànaig e rithista nall. Leum e 'na dhuine agus thànaig e nall aguschuir e 'làmh oirre."Well," ors ise, "chan eil reusan dhomhsa bhith riut,"ors ise, "Feumaidh," ors ise, "gur e duine saoghalta ath' unnad ge brith dé 'n dòigh as a bheil thu'gad fhalach fhéin a seo," ors ise. "Agus chan eilsìon a reusan dhomh bhith riut," ors ise. Agusgur ethuirt Iain rithe gur a h-e," ᚳ duine saoghalta abh' ann. 'S dh|'innis e có e, gur a h-e angille a bh' aig a' mhucair aig a h-athair a bh' ann.Ach co-dhiubh seo-ach bha e fad na h-oidhche gusa robh an latha gus a bhith ann còmhla rinighean an rìgh. Agus nuair a bha i ... Nuaira bha e 'falbh chaidh i gu drathair a bh' annagus thug i mach briogais ás agus i geal,briogais bhàn. Agus thug i dha e airson falbh.Agus dh'fhalbh Iain. Tharruing e 's tharruing eairᚳ taigh a' mhucair air 's bha e staigh mun do dh'éirich am mucair. Rinn e 'bhraiceis co-dhiubh's ghabh am mucair a bhraiceis 's bha e 'faighinndeiseil 's chaidh e null chun a' bhaga 's chuire 'bhriogais dhan a's a' bhaga. Chaidh e nullchun a' bhaga air leisgeul a chor-eigin 's thòisichrie air siubhal 's thug e mach a' bhriogais ás."A Dhia m' anam," ors am mucair, ors esan,"m' eudail cà 'n d'fhuair thu 'bhriogais?" ors esan."Dé 'bhriogais?" ors Iain."A' bhriogais bhàn a th' agad a sin," ors esan."Hod! a Dhia," ors Iain, "tha gu leòr againnedhiubh seo," ors esan."A Dhia, bhiadh 's aodach," ors esan, "nachtoireadh tusa dhomhs' i!""'N dearbh fhéin bheir," ars esan, "gheibh thudìreach dhuit a's a' mhionaid i," 's shìneadha' bhriogais dhan mhucair..Agus chaidh Iain chun nam mucan co-dhiubh nuaira fhuair iad am braiceis seachad 's a chuile sìon's ... Agus ò bha am mucair, chuir e air a'bhriogais 's thòisich e ri walk-adh a mach's a staigh timchioll.Ach co-dhiubh an oidhche sin nuair a chaidh Iaina choimhead oirre-se, "O nach bu tu an t-ifrinneach," ors ise, "a bhriogais thug mi dhuit anraoir," ors ise, "nach fhaca mi," ors ise, "air a' mhucairan diugh i.""Chan fhaca," ors Iain. "A' bhriogais thug thu dhomhsaa raoir," ors esan, "chan i bh' air a' mhucair idir,"ors esan."O Dhia, 's i," ors ise. "Tha mi 'ga h-aithneachadh,"ors ise."O chan i," ors Iain.iseAgus ... "O," ors esan, "chan eil feum a bhithbruidhinn riut," ors ise.Ach co-dhiubh seo-ach tha e còmhla ... bha ecòmhla rithe an oidhche gus an latha, agus fhuairseacaide an t-seachdaid an oidhche sin. Agus làirne-mhàireach nuair a bha e a' siubhal a' cheas fhuair ...seacaidfhuair am mucair an t-seachchaid mar a fhuair ea' bhriogais. Agus an oidhche sin co-dhiubh chaidhIain, chaidh e as deoghaidh 'nam mucan. 'S e bhatuilleadhfalbh as deoghaidh nam mucan ᚳ 's 'gam faicinn airdòigh 's 'gam biadhadh 's a chuile sìon dhent-seòrsa sin, agus cha robh am mucair a' dèanamhcar. Cha robh e ach 'na dhuin-uasal a' falbh 'sa' spaidhigeadh leis a' bhriogais bhàn 's an t-seachdaid aig... aig Iain, a fhuair e o nighean an rìgh.nuairAn oidhche ᚳ a rànaig e, nuair a fhuair e an athaghaidh airson na deise, "A," thuirt e, "chanors isechan eil sìon a dh'fheum dhomh," ᚳ "a bhith bruidhinnriut," ors ise, "an sìon," ors ise. "'S iad a bh' ann."ors esan."O chan iad," ors Iain, "a bh' ann idir," ᚳ "Tha gu leòrdhiubh siod an taobh againne," ors esan. "Gu leòragainne dhen t-seòrsa ud," ors esan. Agus ..."O," ors ise, "cha toir mi feairt ort," ors ise.Ach co-dhiubh seo... tha ... chaidh e ... dh'fhalbh edhachaidh 's a' mhaduinn. Agus chaidh e a bhiadhadhnam mucan. Cha d'fhuair e sìon an oidhchesin, ach chaidh e a bhiadhadh nam mucanco-dhiubh agus ... Nuair a thill e dhachaidh feasgar,"A ghràidhein," ors ... ors am mucair," ors esan,"Bha droch naidheachd air tighinn dhan àite,"ors esan."Dé an naidheachd tha sin?" ors Iain," ors esan."Tha," ors esan, "cogadh gus am màireach," ors esan,"eadar an rìgh tha seo," ors esan, "agus fear eile," orsesan, "tha ... tha 's an àit-eigin," ors esan, "agusmur a cum e," ors esan, "cogadh latha ris," ors esan,tha leithid"bidh ᚳ seo-ach a shuim airgid aige ri phàidheadhdha.""'S bheil iad," ors Iain, "bheil e 'dol g'a dhèanamh?""O tha," ors esan. "Agus feumaidh mise mi-fhìn a dholors esan.ann," ors esan, "ge nach faighinn," ᚳ "ach buille an dràsda's a rithist a thoirt do chuid-eigin aca," ors esan."Feumaidh mi-fhìn a dhol ann."Agus ... "O nach eil sibh glé cheart," ors Iain,ors esan. "Ach chan eil rathad agam air a dhol annFeumaidh mise," ors esan, "a bhith aig na mucan.""O," ors am mucair, "chan eil turus agad-s ann. Chabhuin thu dhan rìoghachd seo ann," ors esan. "Ach,"ors esan, "feumaidh mise dhol ann." Agus thug elàmh air claidheamh beag meirgeach a bh' air antobhtaidh a sin-each agus thòisich e air a thrumaigeadhagus a chur air dòigh.Ach co-dhiubh dh'éirich Iain tràth 's a' mhaduinnagus ... Bha e 'coimhead air nighean an rìgh anoidhche sin agus dh'innis i dha an naidheachd a bh' airtighinn dhan àite. Agus ... tha ... thànaig e sin-eachdhachaidh eadar sin agus beul-an-latha agus fhuair e'bhraiceis air dòigh agus dh'éirich am mucair agusdhressig e e fhèin agus ... "Leabharra," ors am mucair,ors esan, "chan eil dùil 'am," ors esan, "nach ... nach cuirmi orm a' bhriogais bhàn."'Dhia,"O gu d' eile," ᚳ nì thu," ors Iain, "ach a cur ort," ors esan."Nach ann airson a cur ort a fhuair thu i?"Agus 's ann mar seo-ach a bha co-dhiubh.Dh'fhalbh ... dh'fhalbh am mucair. Fhuair e deiseil. 'Sdh'fhalbh iad 's an t-armachd uile 's an rìgh 's achuile sìon ... duine bh' ann.Dh'fhalbh Iain chun nam muc agus nuair a fhuair eair ... air dòigh dhe na mucan dh'fhalbh e agus leumfoghairair falbh 'na sheobhag. Agus bha e 'gabhail faghair.Bha e 'gan leantail mar a bha iad a' dol air aghaidhagus chunnaic e seo a' bhuidheann eile a tighinn 'nancoinneamh. Agus nuair a bha iad dìreach gu bualadhthànaig Iain a nuas gu tàlamh agus leum a 'naleòghann 's a mach a ghabh e as deoghaidh a 'nab buidheann a bha 'tighinn thuca agus thugadhtomgantoll an tulaich orra. An fheadhainn nach robhara' gearradh bhathar a' marbhadh 's an fheadhainnnach robh air am marbhadh bhathar 'gan crathadha thall 's a bhos. Agus ghabh iad an ratreut agusthill iad, ach dh'eubh iad gum biodh ... biodh ...an fheuchainn am màireach fhathast.Agus dh'fhalbh ... an uair a chunnaic am mucairan leòghann a mach a ghabh e. Thug e aghaidhair an taigh. Agus nuair a thill an leòghannchunnaic e ... chunnaic Iain am mucair leis a'bhriogais bhàin agus a mach as a dheoghaidh a ghabh e.Agus rugadh air a' mhucair agus chuireadh ann andìg ann a shin-each e agus thòisich lointeadh air,'ga tharruing air ais 's air aghaidh agus achuile turus a leigeadh am mucair sgiamh ásbhualadh Iain a spòg air. Agus dh'fhàgadh anna shin am mucair leth-marbh, 's e air toirt fairis.air falbhAgus dh'fhalbh Iain 's leum e ᚳ 'na sheobhag 's cha robhan ath sgeul air ... air an leòghann. Agus chaidh edhachaidh, agus chuir e air dòigh na mucan 'sfhuair e air dògh iad 's bha e dìreach air tighinndh'fhairichdachaidh nuair a chual e "Och is och" a' tighinn.Agus thànaig am mucair dhachaidh.ors esan."O dé tha ceàrr oirbh?" ors Iain, ᚳ "'N ann air urleòn a tha sibh?""O chan ann a ghràidhein," ors esan, "ach ge nachors esanann fhéin" ᚳ "fhuair mi riasladh gu leòr," ors esan."Ach a ghalad bhochd," ors esan, "rinn thu deagh fheumidhuinn," ors esan. "Na dheoghaidh sin," ors esan, "thugi toll ..."tom"Dé 'n rud a bh' ann?" ors Iain."Bha, leabharra," ors esan, "leòghann chaothaich athànaig," ors esan, "dìreach," ors esan, "nuair a bhasinn gu bualadh," ors esan. "Agus thug i ... rinn imarbhadh sgràthail" ors esan, "air an tobh eile 'narcoinneamh-ne agus cha deachaidh i an comhair duine,"ors esan, "air an taobh againne ach mise," ors esan."Ach tha mi cinnteach," ors esan, "gur ann airson a'bhriogais bhàn a bhith ormsa," ors esan, "a ... a chuiri mach a measg chàich uileag mi," ors esan."Saoil a nis do gheàrr i sibh?" ors Iain, ors esan."O cha do gheàrr, a ghalad," ors esan. "Cha do gheàrri idir mi," ors esan. "Cha robh i ach a' bualadha spòig orm 's 'gam chumail 'nam shìneadh,"ors ean."Hod!" ors Iain, ors esan. "Mur do rinn tha sibhceart gu leòr.""Leabharra O tha," ors esan, "ach tha mi air mo chlaoidhaice.""'S a bheil sibh," ors esan ... "Do rinn sibh ri... réidhte?"ors Iain."O cha do rinn," ors esan. "Tha againn ri dhol annam màireach fhathast.""O tha mi cinnteach," ors ... ors Iain, "nach beantraicsibh-se ann."Agus ... tha ... "O ᚳ ors esan, "'s mise nì sin. ChanDhia,"eil fhios 'am dé mar a bhios mi 'sa' mhaduinn.Faodaidh mi bhith glé mhath 's a' mhaduinn."Ach dh'fhalbh Iain co-dhiubh agus dh'innis ...Chaidh e choimhead air nighean an rìgh anoidhche sin. Agus bha an eachdraidh ann ...aice-se mar a ... mar a thànaig an leòghann's a chuile sìon 's nach robh fhios aca o Dhiacó ás a thànaig i. Agus ... well, dh'innisIain dhi an uair sin mu dhéidhinn an rud agusna gibhtean a bh' aige.Agus dh'fhalbh ... A nis an làirne-mhàireach dh'fhalbhiad air ais. Agus an uair a fhuair Iain na mucanair dòigh dh'fhalbh e mar a dh'fhalbh e 'n dé'na sheobhag as an deoghaidh agus bha e'gabhail alladh riutha 's bha e 'falbh a' fly-eadha's an iarmailt os an cionn. Agus chunnaic eseo a' bhuidheann eile 'tighinn. Agus nuair a bha iaddìreach gu bualadh mar a bha iad an dé thànaigIain a nuas gu talamh 's leum e 'na leòghann.'S a mach a ghabh e as deoghaidh an fheadhainneile, ach ma dh'fhalbh Iain an deoghaidh an fheadhainneile dh'fhalbh am mucair nuair a chunnaic e an leòghanntomtom,Agus thug Iain toll ... an leòghann thug i toll ...tomfar an fheadhainn ... thug e toll gan tulaich far anfheadhainn eile. Agus nuair a bha e sgìth 'ga sg...'gan reubadh 's gam marbhadh 's gum pronnadh,fhalbh, tharruing e nuair sin. Agus thug e'n aire dhan mhucair agus e 'toirt bhuaithe nabh' aige. Agus dh'fhalbh Iain as a dheoghaidh.Agus chunnaic am mucair an leòghann a' tighinn.Agus rànaig i 's rug i air a' mhucair 's chrathadh's bhualadh ris an talamh agus thòisich i air athòisich ishlaodadh thall 's ᚳ air a shlaodadh bhos. Agus mudheireadh bha 'bhriogais bhàn a bh' air chadèante mach co-dhiubh bha i bàn no dubh leis mar abha e poll 's leis a chuile seòrsa bha far a robhe 'ga shlaodadh. Agus nuair a bha e seachdsgìth 'g obair air dh'fhalbh e nuair sin 's leume air falbh 'na sheobhag agus cha robh an ath... airshealladh air ᚳ an leòghann có 'n taobh a ghabhi no 's tànaig i. Ach rànaig Iain an taigh 'schaidh e cho na mucan 's chuir e air dòighiad 's chuir e staigh iad. Agus tharruing enuair sin dhachaidh agus bha e treis a staighmu'n tànaig am mucair agus "Och is och" aige... e air'tighinn 's e air ᚳ a chlaoidh 's air toirt fairis."Cha do dh'éirich ... 'Ne ... 'ne an leòghannors Iain, "a rinn seo oirbh an diugh?"ors esan"O 's i, ghalad," ᚳ "'s i, ach cha do gheàrr i idirmi," ors esan. "Ach," ors esan, "tha ... rinn iglé mhath rinne," ors esan. "Tha càch," ors esan,agus ... "Ach na dheoghaidh sin," ors ise ... ars esan,"cha do rinn iad sìth. Tha againn ri bhith annam màireach fhathast.""O dhuine, dhuine," ors Iain nach eil e neònach?Feumaidh," ors esan, "nach dèan i ... dèan i sìonorra," ors esan."O tha, tha, 's ise a th' ann a sin," ors esan. "Thai 'marbhadh móran a dhaoine orra," ors ise, "achchan eil i 'marbhadh duine air an taobh againne,"ors esan, "ge brith gu dé an leòghann a th' ann,"ors esan."O nach coma dhuibh," ors Iain, "gu dé an leòghanna th' ann nuair a tha i," ors esan, "feum dhuibhors esan, "mar sin," ors esan. "Nach eil e neònach," orsars esanesan, "nach eil i 'g... 'gabhail thugaibh-se," ᚳ "mar thaga ... gabhail gu càch," ors esan.duine ..."O chan eil," ors am mucair. "Cha do rinn i ᚳ sìonair duine againne," ors esan, "ach mise an aon'S eduine am aonar, ach air sàilleabh a' bhriogais bhànors esan.tha seo-ach a bhith ormsa," ᚳ Agus ..."Hod! chan ann," ors esan Iain. Chan eil ann ach ...Ma dh'fhaoidte," ors esan, "gur e an té ... nòisein achor-eigin a ghabh i dhibh-se i bhith as urdeoghaidh," ors esan.Ach co-dhiubh 's ann mar seo-ach a bha. Nuair afhuair iad an suipeir co-dhiubh 's a chaidh iad achadal dh'fhalbh Iain. Chaidh e choimheadair nighean an rìgh. Agus ... Nuair a rànaige seo-ach bha an eachdraidh aice sin-each mar arinn e 's an dìol a rinneadh air a' mhucair's a chuile sìon. Agus bha Iain a sin-each gusgus bhitha robh 'mhaduinn ᚳ ann. Agus dh'fhalbh e dhachaidh.Agus fhuair e ... Rinn e 'bhraiceis 's bha'bhraiceis aige deiseil nuair a ... nuair a dh'éirich am mucair."Bheil sibh a' beantraigeadh air falbh an diugh?"ors Iain."O tha, ghràidhein," ors esan. "Tha mi 'smaointinn,"ors esan, "gur e 'n diugh," ors esan, "an latha munachdheireadh bhios againn," ors esan, "Cha dèan iadan còrr co-dhiubh," ors esan. Agus ...ma tha."O glé cheart," ors Iain, "ᚳ Agus feumaidh mise," ors esan,falbh chon nam muc, ma tha, 's ma tha sibhse 'falbha sin."Dh'fhalbh am mucair co-dhiubh 's dh'fhalbh Iain nuaira dh'fhalbh esan, dh'fhalbh e chon nam mu .. chon nammucan 's chuir e air dòigh iad 's dh'fhàg e anna shiod iad gus an tilleadh e rithist. Agusdh'fhalbh Iain 'na sheobhag mar a b' àbhaist dha.Ach air a rathad 'dol air aghaidh as andeoghaidh thug e 'n aire dha feadhainn dhe nadaoine a' ruith air ais. Agus có bha 'na ruithair ais ach am mucair. Agus thànaig ... thànaig enuas .... thànaig ... thànaig e nuas agus dh'fhoighneachd e dhan mhucair dé bha ceàrr.Thachair e ris. Thànaig e nuas 'na sheobhag agusleum e 'na dhuine 's a' mhionaid 's dh'fhoighneachde dé bha ceàrr. 'S thuirt e gun a dh'fhàg an rìghan clogad a staigh agus gun tug e ... gu robhan nighean aige ri fhaighinn aig an fhear abheireadh thuige an clogad. Agus nuair achuala Iain seo cha d'rinn e ach leum air falbh'na sheobhag mar a bha e riamh.Agus tharruing e air taigh an rìgh, air pàileis an rìgh.Agus bhuail e aig an dorus. Thànaig ise a dh'fhosgladh an doruis. "Dé tha ceàrr?" ors ise.ors esan"Tha," ors ise (sic)," clogad d' athar," ᚳ "air fhàgail astaigh," ors esan, "'s tha a dhìth air," ors esan,Agus ... "Thig thusa staigh mar seo," ors ise."O Dhia," ors esan, "cha téid," ors esan, "Thoir dhomh anclogad." Agus ..."Thig a staigh mar seo," ors ise, "ge nach ... ged achuireadh iad an ceann dheth," ors ise.Agus chaidh i staigh agus bha i fhéin 's a màthairann an rùm ann a shin."Siuthad," ors ise, "dèan cleas dhuinne," ors ise, "anneacha shinᚳ," ors ise, "mu falbh thu," ors ise."O Dhia," ors esan, "chan eil math dhomh," ors esan,agus an clogad a dhìth air d' athar," ors esan."Chan eil e gu deifir," ors ise. "Dèan cleas," ors ise,"dhuinne mu falbh thu."Dh'fhalbh e 's leum e 'na bhreac air a' bhòrd.Sgaoil e na h-iuchraichean air a' bhòrd. Chruinniche seo agus leum e 'na dhuine."Siuthad," ors ise, "dèan fear eile," ors ise.Agus dh'fhalbh e agus leum e 'na chalman ...agus ... air a' bhòrd agus laigh e air agualann aice-se agus laigh e sin ... Leum e sinagus laigh e air gualann na bàn-rinn. Agusleum e sin-each agus th... chaidh e 'na dhuineair ais."Seo a nis," ors esan, "thoir dhomh an clogad," ors esan."O gheibh thu sin," ors ise.Dh'fhalbh i 's thug i nuas clogad a h-athar 's thugi dha e 's a mach a ghabh Iain leis. 'S chab' urra dha falbh leis agus cha b' urra dha dholann an riochd sam bith ach 'na dhuine.Chunnaic e feadhainn, thachair feadhainn ris 'siad a' tighinn. Agus có bha 'tighinn ach am mucair.Thug am mucair an aire dhan ... rud-eigin aig Iain."Dé th' agad a sin, Iain, a ghràidhein?" ors esan."Tha clogad an rìgh," ors Iain."O bhiadh 's aodach, nach toireadh tusa dhomh-s e.""'N dà, 's tusa, Dhia, gheibh sin," ors esan, agusshìn e dha an clogad dhan mhucair. Agus ...smìdeadhThòisich am mucair a' smèideadh leis a' chlogad airan fheadhainn a bh' air a dhol seachad gu robh anclogad aige-san. Agus dh'fhalbh am mucair leisagus rànaig e on rìgh agus an clogad aige."A Dhia, nach eil a Dhia mhór 'gam fhaicinn," ors anrìgh, ors esan. "Cha robh duine eile a's an rìoghachdagam," ors esan, "a bheireadh thugam an clogad naors esan,bu luaithe," ᚳ "na an seann mhucair a bh' agam," ors esan."Ach chan fhaod mise dhol as ... á cois m' fhacail," orsesan. "'S esan a dh'fheumas an nighean faighinn."O ghràidhein, bha am mucair cho toilichte 's nuair abhuail ... nuair a thànaig iad sin ... fhuair an rìghan clogad chaidh iad air aghaidh. 'S thachair andà bhlàr ri chéile 's ma thug Iain tulach air ...tomtoll orra an dé 's ann rinn e meas orraa'san diugh ors mu dheireadh gun a dh'eubhiad an t-sìth. Agus cha robh ... Bha ancogadh seachad tuilleadh. Cha robh an còrr ribhith ann.Ach co-dhiubh seo 's ann mar seo-ach a bha.Chaidh iad dhachaidh agus ... Rànaig, Iain, dh''na ...fhalbh e mar a b' àbhaist dha ᚳ 'na sheobhag agusrànaig e na mucan agus chuir e air dòigh iad.Agus nuair a fhuair e air dòigh iad co-dhiubh thill edhachaidh agus bha am biadh aige deiseil roimh 'nmhucair nuair a thànaig e. Agus cha do rinn e sìonair a' mhucair air an latha bha sin-each, ach thànaig edhachaidh."Seadh," ors ... ors Iain. "Fhuair sibh an latha an diughgu cuimir, gu math," ors esan."O fhuair, a ghràidhein," ors esan, "fhuair. Cha deachi 'nam chomhair an diugh," ors esan, "ach th...thug i ... rinn i toll ... thug i toll gun tulaich,"ors esan, "as an fheadhainn eile," ors esan, "'s dh'eubh iad an t-sìth an diugh.""O dhuine," ors esan Iain, "nach math sin," ors esan.Agus ... Ach feumaidh mise," ors ... ors am mucair,"fhaicinn mu dhéidhinn a' ghnothaich tha seo,"ors esan."Dé seo?" ors Iain."O nach eil nighean ... nach eil ... Feumaidh,"ors esan, "nighean an rìgh fhaighinn a chionn 'sgur mi thug an clogad chon an rìgh.""O ghràidhein," ors Iain, "nach sibh tha lucky!""O 's mi," ors esan, "ach 's ann air a shàilleabh-satha mi lucky.""O glé cheart," ors Iain. "Tha sin math gu leòr," ors esan.chuile"Agus nuair a choisinn sibh an rud tha sibh ceart gu leòr's bidh sibh glic," ors esan, "agus chì sibh mudheoghainn 's a' mhionaid.""O ghràidhein 's mise dh'fheumas sin a dhèanamh," ars esan.Cha robh air seo-ach ach seo fhéin co-dhiubh.Thòisich am mucair air faighinn deiseil a chuilelatha tuilleadh airson nighean an rìgh a phòsadh,'s banais a bhith ann. Agus ... O thòisich, 's bhathara' cruinneachadh 's a' faighinn deiseil airson na bainnse's thànaig a seo-ach latha na bainnse. Agus bha Iaingus a bhith oirre mar a bha chuile duine eile.Agus chruinnich an oidhche sin, oidhche na bainnseco-dhiubh, nuair a bha ... An t-àite a's a robh iad,chan eil fhios 'am cà robh iad ach, an t-àite a'sa robh iad cruinn co-dhiubh bha e làn 's bha chuileduine ann 's bha 'n rìgh ann 's bha 'bhàn-rinn ann's bha ... bha an nighean ann. Agus bha ammucair ann agus gur h-e ... gur h-e bha a' pòsadh.Ach co-dhiubh thuirt an nighean a seo, "Well,"ors ise, "tha facal no dhà agamsa ri ghràdh,"ors ise, "cuideachd," ors ise. "Thug m' atharseachad mise," ors ise, "gun m' fhoighneachd," ors ise,"co-dhiubh bha mi toilichte 's gus nach robh," ors ise."Ach," ors ise, "tha ... tha mise," ors ise, "an duine ...an cleasaiche as fheàrr a seo a nochd," ors ise, "'s ephòsas mise," ors ise, "agus," ors ise, "chan e gu dé thuirtm' athair idir," ors ise.O thòisich fear a sin-each ri c... dèanamh caran sgairbh 's thòisich seasamh claidheimh 's có bha'nam meadhon ach am mucair. Agus bha an nigheana leigeil leotha 's a' leigeil leotha. Agus bha iadseachd sgìth seo-ach agus thuirt ise ris, "gabhaibha nis air 'ur socair a nis, agus tha fear ann a sheo,"ors ise, "'s bheir sinn air," ors ise, "cleas a dheanamh."Agus thànaig i far a robh ... thuirt i ri Iain."Fhalbh a nis," ors ise, "dèan cleas a sin a nis," ors ise.Dh'fhalbh e agus leum e air bòrd a bh' ann 'schaidh e 'na bhreac agus sgaoil e na h-iuchraicheanair a' bhòrd 's chruinnich e rithist 's leum edheth 's chaidh e 'na fhirionnach."Bheil duine a gaibh," ors ise, "a nì siod?" ors ise.Agus ò cha robh duine."Siuthad," ors ise, "dèan fear eile.Leum e sin 'na clalman agus leum e gu guala... a' ghuala aice-se an toiseach 's chaidh e singu guala na bàn-rinn 's leum e sin gu guala an rìgh.Leum e ás 's leum e 'na dhuine air ais."Siuthad," ors ise, "dèan fear eile."Dh'fhalbh Iain ... dh'fhalbh Iain 's leum e 'na leòghann.Ach nuair a chunnaic am mucair an leòghann a macha bha e agus leagadh a's an dorus e agus stampadh fo nacasan e mu'n d' fhuair ... mu'n d' fhuair e clìor.Agus co-dhiubh no có aca chaidh a' bhanais air aghaidh.Agus phòs Iain agus nighean an rìgh.Well, cha robh air seo-ach ach seo fhéin. Cha robhgille aig an rìgh idir. Bha robh aige ach i fhéin dechloinn, an nighean. Agus bha e ... aca ri bhithcòmhla riutha fhéin agus nuair a bhiodh esan marbhgum biodh esan 'na rìgh ann a shiod.eBha iad ann a sheo-ach a nis. Bha iad ann ashin. Bha e nis ... Dh'fhàg e bhuaithe a' mhucaireachd's a chuile sìon a bh' ann. 'S cha chreid mi nachd'fhuair am mucair beagan na b' fheàrr an déisan stampadh a fhuair e. Bha e fhéin a' dèanamhseòrsa de ruith orra. Ach ... ach co-dhiubh bhaIain 's bha e-fhéin 's a'n bhean òg bhiodh iad amach daonnan. Agus bha iad am feasgar abha seo-ach bha iad shìos mu'n chladachagus ... feasgar brèagh a bh' ann, agus ant-oighr ann 's bha iad shìos aig a' chladach dìreachagus thànaig a' mhaighdean-mhara mu chuairt agussgiobadh air falbh Iain."Fhalbh," ors ise, "'s fhada o fhuair mi còir ort," ors ise,... am broinnmu 'n ..."ᚳ mu'n deach do ghin... ghineadh an taigh ᚳ do mhàthar,"ors ise. "Agus tha thu agam a nis," ors ise.leig iO leig an té ... a' bhean aige ᚳ na ràin 's nalasanan as.Dh'fhalbh i dhachaidh. Thòisich i air rànaich.Dh'fhoighneachd (iad) dé bha ceàrr 's dh'innis imar a dh'éirich dhaibh. Agus ... Thuirt a h-athairrithe. "Fhalbh thusa," ors esan, "gu seann duine thafhàsaich as's an àite ann a seo, ann an leithid seo a dh'àite,"ors esan, "agus foighneachd dha," ors esan, "gu dé nì thu.air.'S neònach leamsa," ors esan, "air neò tha fhios aige ᚳ"Dh'fhalbh i 's chaidh i sìos."Well," ors an seann duine sin rithe," ors esan.Dh'innis i dha mar a dh'éirich dhi, 's i-fhéin 'sseoa companach – "Well," ors an seann duine ᚳ rithe,thuirt e, "Faigh thusa," ors esan, tubhailte gheal,"ors esan, "agus theirig chon a' chladaich," ors esan,"far ... far do chaill thu ... far an tugadh air falbhors esan,ors esan.do chompanach," "Agus faigh ceòl," ᚳ "agus thoir leat ugh,agus," ors esan, "tòisich," ors esan, "ri seinn a' chiùilriagus a ruidhleadh an nighe," ors esan, "air ais 'sair adhart aghaidh air ... air an tubhailte, agustha e glé neònach leamsa," ors esan, "neò thig i,"ors esan. "Agus ma tha cleasan aig an duine agadsa,"ors esanᚳ "mar tha thu 'gràdh," ors esan, "tha e furasda guleòr a faighinn clìoras i. Nuair a thig i," ors ise, (sic)estad thusa," ors esan, "a sheinn a' chiùil agus aruidhleadh an uighe. Agus iarraidh i ort," ors esan,tu"leantail ort. Agus canaidh tusa rithe," ors esan, "guachlaislean ma chuireas i na bheil os cionn an dàdo chompanach a mach. "Agus," ors esan, "t... faodaidhtu nuair sin treis a thoirt air," ors esan, "agus sguir... nuair aa rithist," ors esan, "agus canaidh tu ... Nuair a ᚳsguireas tu rithist," ors esan, "nuair a dh'iarras i orttòiseachadh air ais," ors esan, "canaidh tu ma chuireas imi ....ᚳ mach na bheil os cionn na h-imleig dheth agas ma thacleasan aig an duine agadsa," ars esan, "tha e furasdagu leòr dha falbh."Well, 's ann mar seo a bha. Dh'fhalbh i 's fhuair itubhailte ... Thug i leatha ugh 's bha ceòl aice. Ge brithgu dé an ceòl a bh' ann cha chuala mise e. Achthòisich i air seinn a' chiùil agus ri ruidhleadhrian uighe. Agus bha i treis ag obair agus chunnaici ise 's smùid aice muigh pìos a mach bhuaipe. Agusi sinchaidh ise fodha agus an ceann greise seo thànaig i 'mbàrr bìdeag an taobh muigh dhith. Agus sguir isea sheinn a' chiùil agus a ruidhleadh an uighe."Siuthad," ors ise, ruidhil an t-ugh 's seinn an ceòl," ors ise."Nì mi sin," ors ise, "ma chuireas tu," ors ise, "na bheilthu os cionn an dà achlais dhe m' chompanach amach air mo bheulaibh," ors ise."Nì mi sin," ors ise.Agus dh'fhalbh i 's chuir i nuas e dìreach am comleis an dà achlais."Siuthad a nis," ars ise. Rinn i e agus sheinn i sin-eachan ceòl agus ... tha ... sguir i dheth a rithist. Agus"Siuthad," ors ise, "ruidhil an t-ugh 's seinn anceòl air ais.""Nì mi sin," ors ise, ma chuireas tu na bheil os cionndhethna h-imleig ᚳ a mach," ors ise."Nì mi sin," ors ise.Agus sgioblaich i suas e agus dh'fhalbh Iain 'nasheobhag a mach dhan iarmailt. Sgioblaich iseleatha an tubhailte 's an t-ugh 's a chuile sìona bh' ann 's tharruing i a mach o'n chladach.Agus laigh Iain air a' ghlas shuas agus thànaig enuas 'na fhirionnach 'na coinneamh.Well, chaidh iad dhachaidh a nist. Agus bha iad a' doltimchioll a sin-each. Cha robh iad a' dol an comhaira' chladaich. Cha robh iad 'dol a dh'àite. Agus bha iadùine nanᚳ ùineachan an uair sin mu'n deach iad chon a' chladaich,ach am feasgar a bh' ann a sheo, ge brith gu dé chuir anrathad iad, no cà robh iad a' dol, co-dhiubh chaidhiad rathad a' chladaich. Agus thànaig a' mhaighdean-mharaagus sgiobadh air falbh Iain air ais."Fhalbh," ors ise, "ma theich thu orm an triob ud cha teichi 'n t...thus orm an triob seo," ors ise.Well, dh'fhalbh ise dhachaidh 's fhuair ᚳ i an t-innealinneila bh' aice ... na h-innnealan a bh' aice reimhid, an t-ugh's an tubhailt agus an ceòl. Agus thòisich i air.'S bha i 'g obair ann a shin 's ag obair 's cha robhtuar air sìon. Ach nuair a bha i gu toirt fairis a seothug i sùil ... thug i 'n aire dhi-se ag éirigh a muighpìos ↙ a mach (math). Agus thuirt i ... Thànaig i ... Leigi leatha 's lean i oirre agus thànaig i sin-each am bàrrbìdeag a mach bhuaipe. Agus sguir ise a sheinn a' chiùilagus a ruidhleadh an uighe. Agus ..."Siuthad," ors ise, "ruidhil an t-ugh 's seinn an ceòl.""Nì mi sin," orsa nighean an rìgh," ors ise, "ma chuireastu," ors ise, "na bheil os cionn an dà achlais dhem' chompanach a mach.""Cuiridh, ach sin fhéin na gheibh thu dheth," ors ise.Agus dh'fhalbh i agus i 'ga sioblachadh suasagus chuir i nuas na b' fhaide e agus siod Iain'na bhreac a's a mhuir, agus sgaoil e na h-iuchraicheanair feadh an t-sàil agus thòisich ise air òl an uisge,an t-sàil, 's na h-iuchraichean agus fhuair sìlean de ...dhith air tìr. Leis an stuadh a bha i 'cur dhith fhuairsìlean air tìr agus leum Iain air falbh 'na sheobhag.Agus sgioblaich ise leatha a huile sìon a bh' ann anuair sin.Well, chaidh iad dhachaidh an uair sin agus ... Bhaiad an uair sin a rithist aig an taigh 's bha iad a'faireachdainn nach rachadh iad an comhair a' chladaich.Ach latha dhe na lathaichean co-dhiubh ann an ceann ùinemhóir as a dheoghaidh sin, bha iad aig a' chladach. Agusthànaig a' mhaighdean-mhara mu chuairt agus sgiob i airfalbh a' bhean aig Iain."Fhalbh," ors ise, "ma bha cleasan aige-san," ors ise, "chan eilgin agadsa," ors ise. "Agus mur a d'fhuair mi esan," ors ise,"gheibh mi thusa."Well, cha robh fhios aig Iain o Dhia gu dé rud adhèanadh e. B' fheàrr le Iain e fhéin a bhith ann;ge brith gu dé mar a gheibheadh e clìoras i chanfhaigheadh ise idir clìoras i.Agus chaidh e chon an t-seann duine bha seo-ach a'sa' bhaile agus thuirt an t-seann duine ris, "Well," ors esan,ann ... ann... ann an"'s ann," ors esan, "as ᚳ an ugh," ors esan, "ann am ᚳ broinnlachann ann am broinn caora dhubh," ors esan, "'s ann,"ors esanors esan, "ann an rìoghachd nam fear mór ᚳ 's ann tha 'bheathaa' mhaighd...aig ᚳ a' mhaighdean-mhara," ors esan. "Ach," ors esan, "gedors esanmaa tha e fad air falbh," ors esan, "mur tha h-uiread," ᚳ "aors esandh'innleachdan agadsa 's a th' agad," ᚳ "de chleasan," orsesan, "cha bhi thusa," ors esan, "fada 'ga ruighinn,"ors esan.Well, an làirne-mhàireach co-dhiubh fhuair ... rinn Iaindeiseil 's dh'fhalbh e 's cha robh e ach a fly-eadhrànaiga's an iarmailt a sin-each gos an d' tàinig e anrìoghachd a bha seo, ge brith cà robh i. Cha chualamise riamh cà robh i ach gu cuala mi rìoghachdnam fear mór oirre. Agus thòisich e ri siubhal nabeinne 's bha e 'faicinn caoraich 's bha e 'faicinnfeadhainn dhubha 's bha a' 'faicinn ... am paidhiraira seo a' cur ᚳ an druim 's a' leum 'na fhirionnach 's a'gearradh an sgòrnain aca. Cha robh lacha no lacha,no sìon. Ach am beul na h-oidhche 's e air dùildubhdubh thoirt fairis bha ... thug ... shaoil leis gufaca e beothach dubh shìos aig taobh an loch bha sin.Agus thànaig e nuas 'na sheobhag agus 's e caoradhubh a bh' ann agus laigh e air a druim asin-each agus leum e 'na dhuine agus rug e oirre.....marAgus bha a bha e air tòiseachadh air fàs chosgìth air a bhith 'marbhadh nan caorach cha do rinne ach an sgòrnan aice ghearradh agus dìreachmu'n deach e 'na fhaireachadh phlap an lacha mach agus bhuail i a's an locha.Well, leig e as i agus leum e 'na sheobhag 'sbha e 'fly-eadh os cionn an locha 's leum anlach a seo-ach, nuair a thànaig i am bàrr, dh'fhalbh i air an iteig 's bhuail e 'n lach a's ... a's andruim agus mharbh e i. Agus nuair a dh'fheuche i cha robh ugh no eun innte.Dh'fhalbh e seo-ach agus chaidh e dhan loch;sguidilearachdchaidh e 'na bhiast-duibh agus thòisich sguideireachdan locha agus a dh'olc no dh'éiginn. Chan d'fhuair ee, fhuair e an t-ugh a's an locha far do rug an lache nuair a bhuail i a's an locha. Agus nuair afhuair e an t-ugh thànaig e gu tìr an uair sin.Agus thòisich e ri falbh an uair sin. Fhuair echon a' chladaich agus bha e 'leantail a' chladaich.Agus thuirt ... dh'innis am bodach dha, mar adh'innis e chuile sìon dha, gun ann an uamha bha e 'fuireach air an oidhche. Nuair nachbiodh i air a' mhuir gun ann 's an uamh ... ann anuamhan a bha iad a' cadal, agus gun ann 'san rìoghachdud a bha móran r... dhiubh. Agus bha Iain a' falbhagus e a' siubhal a' chladaich agus bha e gu toirtfàiris co-dhiubh. Ach shaoil leis ... shaoil leis a seogu faca e ribheag chaol de smùid ann an taobh a'chladaich roimhe. Agus lean e air gu fàilidh sìosagus 's e sin a bh' ann. Bha smùid ann. Rinn emach gun e smùid a bh' ann agus thuirt e 'nainntinn fhéin, "Seo an t-àite aice."Agus dh'fheuch e gu fàilidh sìos gu beul na h-uamhaa bh' ann agus bha uamh ann a shin agus thug esùil a staigh. Chìc e staigh a's an uaimhagus s' e an cosnadh a bh' aig a' bhean aige fhéinceann na maighdinn-mara 'na h-uchd agus i 'gobair air ... air siubhal na gruaige aice. Aguschunnaic e 'mhaighdean-mhara. "A Dhia," orsa' mhaighdean-mhara, "Tha amharus agam g' eilrud-eigin thugam," ors ise. "Tha," ors ise, "mochridhe air fàs goirt," ors ise. "Feumaidhmi," ors ise, "an ceann a thoirt asad." Agusdh'fhalbh esan agus rug e air an ugh agusBhuail e an ceann aige ris ... ri cloich ri thaobh.Agus "O," ors ise, "tha mi 'dol a thoirt a' chinn'sasad, is dh'éirich e 'na seasamh dìreach, ᚳ a'stighinnan àm an tug i ᚳ m'a chuairt thug e dhi ant-ugh ann an clàr na bathais. Thuit e 'nasgleog 's leig an té bha staigh sgiamh aisde.Nochd Iain a staigh, seo nuair a chunnaic i cóbh' aice.Chuir e seachad an oidhche sin ann an uamhna maighdinn-mhara agus nam biodh iad ... nambiodh ise cho fileanta ri Iain cha bhiodh iadfada a' dol dhachaidh, ach cha robh rathadaicese, agus 's e bàta a fhuair iad a nallo rìoghachd nam fear mór, co-dhiubh, a thug ... thugdhachaidh chon an àite aca fhéin iad. Agusthànaig iad a sin dhachaidh agus bha a chuilesìon dòigheil an uair sin. Agus nuair a fhuairiad air dòigh cha do dh'fhairich mise gundeach Iain no 'bhean riamh tuilleadh ancomhair a' chladaich. Co-dhiubh fhuair eclìoras an té bha as a dheoghaidh 's gosnach d'fhuair mharbh e 'mhaighdean-mharaco-dhiubh. Agus sin mar a chuala mise ansgialachd a bha sin agus cha do ... cha dodh'fhairich mi gun do thill coimhead air 'athairno air a mhàthair riamh. Agus sin mar achuala mise i ma tha.AJM Well, tha sin math ga-rireadh. Agus có aige nis achuala sibh i seo?DAJ O chuala aig m' athair. 'S ann aige a chuala mi ...an roinna bha mi 'cluinntinn a' chuid bu mhotha.AJM 'S an robh i seo aig duine sam bith eile a bharrachdair ur n-athair?DAJ O cha chuala mise duine riamh 'ga gabhail ach e fhéin.AJM Uhuh. Agus 's ann dìreach mar a ghabh sibh asin-each i 's ann a ...DAJ 'S ann. Sin mar a chuala mise i.AJM Aye.DAJ 'S ann.AJM O sin agaibh . – gu dearbh.DAJ Sin mar a chuala mise, mar a ghabh esan dìreach,'s ann mar a thog mise i mar a bhi i aigesan.AJM Agus dé nis ... Robh sgeulachd sam bith ann abhiodh ur n' athair ag innseadh na's trice na té eile?AJ O cha robh. Cha robh. Fhuair e ... Bhiodhfeadhainn 'céilidh ... Cha toireadh e taingbhiomaid bhiodh iad singed a bhiodh sinne ᚳ ann a chuala sinn reimhid,ach nam biodh céilidhean as ùr a staigh bha fhiosaige nach cuala iad sgeulachd ghabhabh esgeulachd bha e ... bha e cinnteach nach cuala ereimhid.AJM Sheadh.DAJ Ach ma bha feadhainn ann a chuala an sgeulachdreimhid cha ghabhadh e gin dhe na ... dhe naghabh e reimhid dhaibh.AJM UhuhDAJ Bhiodh e 'feuchainn robh té aige nach cuala iad,AJM Sheadh. Sheadh. O well, tha sin math.DAJ Sin mar a bhitheadh. Ach air ar son-ne, ma bhasinn a staigh, an teaghlach, cha robh odds aige-sanco-dhiubh chuala sinn no nach cuala. Chan anndhuinne a bha e 'gan gabhail ach dhana céilichean a thigeadh an rathad an taighe.AJM Sheadh. O well, tha sin math.