Sgeulachd air Nigheanan Righ Lochlainn
Scotland
- Archival Reference
- SSSA/TA/AT301/004
- Date
- 1859
- Item category
- Book
- Aarne-Thompson index
- AT0301B: The same, preceded by: The Strong Man and his Companions
- Languages
- Scottish Gaelic
- English
- Parish
- Inveraray
- Collector
- Hector Urquhart
- Narrator
- Neil Gillies
- Narrator source
- narrator's father
Archival Reference
SSSA/TA/AT301/004
School of Scottish Studies WHT I (PTWH I)
Transcript
AI252WEST HIGHLAND TALES.SGEULACHD AIR NIGHEANAN RIGH LOCHLAINN.BHA rìgh air Lochlainn aon uair aig an robh triuir nigheanan.Chaidh iad a mach latha ghabhail sràid, agus thàinig trì famh-airean, 's thug iad lèo nigheanan an rìgh, 's cha robh fios c'àitean deach iad. Chuir an rìgh fios an sin air an t-seanachaidhaige, 's dh'fheòraich e dheth, "An robh fios aige c'àite an deacha chuid nigheanan?" Thuirt an seanachaidh ris an rìgh gu'nd-thug trì famhairean leo iad, agus gun robh iad anns an talamhgu h-ìosal aca, 's nach robh dòigh air am faotuinn, ach le long adhèanamh a sheòladh air muir 's air tìr." Agus 's e bh' ann gundo chuir an rìgh òrdugh a mach, "Co air bith a thogadh long asheòladh air muir 's air tìr, gu' faigheadh e nighean mhòr an rìghri phòsadh." Bha bantrach an sin aig an robh triùir mhac, agusthubhairt am fear 'bu shine ri 'mhàthair latha bha 'n sin,"Bruich dhòmhsa bonnach 's ròist coileach; tha mi falbh aghearradh coille 's a thogail long, a théid a dh'iarraidh nigheananan rìgh." Thuirt a mhàthair ris, "Cò'ca 's feàrr leat ambonnach mòr le m' mhallachd na 'm bonnach beag le m' bheann-achd." "Thoir dhòmhsa 'm bonnach mòr; bithidh e beag naleòir mu'n tog mi long." Fhuair e 'm bonnach 's dh'fhalbh e.Ràinig e far an robh coille mhòr agus abhuinn. Shuidh e an sinri taobh na h-abhunn a ghabhail a' bhonnaich. Thàinig ùruisgmhòr a mach as an abhuinn, agus dh'iarr i pàirt do'n bhonnach.Thubhairt esan nach d'thugadh e mìr dhi, gun robh e beag naleòir dha féin. Thòisich e air gearradh na coille, 's na h-uilecraobh a ghearradh e, bhiodh i air a bonn a rithist; 's bha emur sin gus an d'thàinig an oidhche. Nuair a thàinig anoidhche chaidh e dhachaidh, dubhach, deurach, dalla-bhrònach.Dh'fhoighnichd a mhàthair dheth, "De mar a chaidh dhuit andiugh, a mhic." Thubhairt esan, nach deach ach gu dubh dona"Na h-uile craobh a ghearrainn, bhiodh i air a bonn a rithist."Latha na dhà an déigh so, thubhairt am bràthair meadhonach,"gu' falbhadh e fhéin, 's dh'iarr e air a mhàthair, bonnach abhruich 's coileach a rostadh; agus air a' cheart dòigh marthachair d' a bhràthair a bu shine, thachair dhàsan. Thubhairta mhàthair a' cheart ni ris an fhear òg, agus ghabh e 'm bonnachbeag. Thàinig an ùruisg, 's dh'iarr i pàirt do'n bhonnach 's do'n choileach. Thubhairt e rithe, "Gu'm faigheadh i sin.Nuair a dh'ith an ùruisg a cuid fhéin do'n bhonnach 's do'nSGEULACHD AIR NIGHEANAN RIGH LOCHLAINN. 253choileach, thubhairt i ris, "Gun robh fios aice-se dé thug an sude co maith ris fhéin, ach esan a dhol dachaidh, ach a bhi cinnteachise a choinneachainn an sud an ceann latha 's bliadhna, agus gu'm bitheadh an long deas air a cheann." 'S ann mar so a thachair.An ceann latha 's bliadhna dh'fhalbh mac òg na bantraich,agus fhuair e 'n long air snàmh air an abhuinn fuidh lànuidheam aig an ùruisg. Dh'fhalbh e an sin leis an luing, agustriùir dhaoine uaisle cho mòr 'sa bha 'san riòghachd, a bha gunigheanan an rìgh a phòsadh. Cha robh iad ach goirid aseòladh an uair a chunnaic iad fear ag òl suas abhuinn a bha 'sinDh'fheòraich iad dheth, "De 'tha thu deànamh an sin?" "Thaag òl suas na h-aibhne so." "'S feàrr dhuit falbh leam fhéin, 'sbheir mi dhuit biadh, 's tuarasdal, 's obair a's feàrr na sin.""Ni mi sin," ars' esan. Cha deachaidh iad fad air an aghaidhgus am fac iad fear eile ag itheadh dhamh ann am pàirc. "De'tha thu deanamh an sin?" Thubhairt esan, "Tha mi 'n so a'dol a dh'itheadh na tha dhaimh anns a' phàirc so." "'S feàrrdhuit falbh leam fhéin, 's gheibh thu obair 's tuarasdal a's feàrrna feòil amh." "Ni mi sin," thubhairt esan. Cha deach iadach goirid dar* a chunnaic iad fear eile 's a' chluas ris an talamh."De tha thu deànamh an sin?" Thubhairt esan, "Tha mi anso a' cluintinn an fheòir a' tighinn troi 'n talamh." "Falbhleam fhéin 's gheibh thu biadh 's tuarasdal a's feàrr na bhi 'n sin,'s do chluas ris an talamh." Bha iad mur so a' seòladh air anais 's air an aghaidh nuair a thubhairt am fear a bha 'g eisteachd,"Gu'm be sud an t-àite anns an robh nigheanan an rìgh agus nafamhairean." Chaidh mac na bantraich agus an triùir a thachairorra a leigeil sìos ann an cliabh, ann an toll mòr a bha 'n sin.Ràinig iad tigh an fhamhair mhòir. "Ha! ha!" thuirt esan,"tha fios agam gu maith de 'tha thu 'g iarraidh an so; tha thu'g iarraidh nighean an rìgh, ach cha'n 'fhaigh thu sin mar 'eilfear agad a dh'òlas uiread uisge riumsa." Chuir esan am fear abha ag òl na h-aibhne a chumail òl ris an fhamhair, 's mun robhesan leith bhuidheach, sgàin am famhair. Chaidh iad an sin faran robh an darna famhair. "Ho! Hoth! Ha! Hath!" thubhairtam famhair, "tha fios agamsa gu maith, de chuir an so thu; thathu 'g iarraidh nighean an rìgh, ach cha'n fhaigh thu i mar 'eilfear agad a dh'itheas uiread feòla riumsa." Chuir esan am fear*DAR, from an tràth, the time.254WEST HIGHLAND TALES.a bha 'g' itheadh nan damh a chumail itheadh feòla ris an fhamhairso: ach mun robh esan leith bhuidheach, sgàin am famhair.Chaidh iad an sin far an robh an treas famhair. "Haio!" ars'am famhair, "tha fios agamsa de chuir an so thu, ach cha'nfhaigh thu nighean an rìgh, idir mur fan thu agamsa latha, 'sbliadhna ann ad sgalaig." "Ni mi sin," thubhairt esan. Chuire suas ann an cliabh an toiseach na tri daoine, agus an sin nigh-eanan an righ. Bha 'n triùir dhaoine mòra aig beul an tuill a'feitheamh gus an d'thigeadh iad a nios, agus dh'fhalbh iad leofar an robh an rìgh, 's dh'innis iad do'n rìgh gu'm b' iad féin arinn gach uile thapachd a bha ann."Nuair a thàinig ceann latha 's bliadhna," thubhairt esan risan fhamhair, "gun robh e 'falbh. Thubhairt am famhair, "Gunrobh fiolaire aige-san a chuireadh suas e gu mullach an tuill."Chuir am famhair an iolaire air falbh leis, agus cùig daimh dheugairson lòn dhi; ach cha deach an iolaire leith suas troi 'n toll,nuair a dh'ith i na daimh, agus thill i air a h-ais a rithist.Thubhairt am famhair ris an sin, "Feumaidh tu fantainn agamsalatha 's bliadhna eile, agus cuiridh mi 'n sin air falbh thu." Nuaira thàinig ceann na bliadhna so, chuir e air falbh an iolaire leis,agus deich daimh fhichead. Chaidh iad air an am so gu maithni b' fhaide air an aghaidh, na chaidh iad roimh, ach dh'ith i nadaimh, 's thill i air a h-ais. "Feuma tu," ars' am famhair,"fantainn agamsa bliadhna eile, agus an sin cuiridh mi air falbhthu." Thàinig ceann na bliadhna so, agus chuir am famhair airfolbh iad, agus tri-fichead damh airson biadh do'n iolaire. Annair a bha iad aig beul àrd an tuill, theirig na daimh, 's bha i 'dola thilleadh; ach thug esan staoig as a leis fhéin, 's thug e so do'n iolaire, agus le aon leum bha i air uachdar talamh. An amdealachaidh thug an iolaire dha feadag agus thubhairt i ris,"cruaidh-chàs sam bith a thig ort, leig fead agus bithidh mise rid'thaobh."Cha do leig esan stad d' a chois na lodan as a bhròig gus an d'ràinig e bailie mòr an rìgh. Chaidh e far an robh gobhainn abha 's a' bhaile, 's dh'fheòraich e do'n ghobha, "An robh gillea dhith air, airson seideadh a' bhuilg?" Thubhairt an gobha"Gu'n robh." Cha robh e ach goirid aig a' ghobha, nuair a chuirnighean mhòr an rìgh fios air a' ghobha. "Tha mi 'cluintinn,ars' ise, "gur tusa gobhainn a's feàrr 's a' bhaile; ach mur dèanthu dhòmhsa crùn òir coltach ris a' chrùn òir a bh' agam nuair abha mi aig an fhamhair, théid an ceann a thoirt dhìot." ThàinigSGEULACHD AIR NIGHEANAN RIGH LOCHLAINN. 255an gobha dhachaidh gu dubhach, brònach, 's dh'fhoighneachd abhean deth, dé a naigheachd a tigh an righ? "Cha'n eil achnaigheachd bhochd," thuirt an gobha "Tha nighean ag iarraidhcrùn òir a dheànamh dhi coltach ris a chrùn a bha aice an uair abha i fo'n talamh aig an fhamhair; ach gu de 'fios a tha agamsade 'n coslas a bha air a' chrùn a bha aig an fhamhair. Thubhairtgille séididh a' bhuilg, "Na cuireadh sin smaointinn ort. Faighthusa dhòmhsa nis gu leòir do dh'òr, 's cha bhi mise fada a'deànamh a chrùin." Fhuair an gobha na dh'iarr e dh'òr leòrdugh an rìgh. Chaidh an gille stigh do'n cheàrdaich, 's dhùine 'n 'dorus, agus thòisich e air spealgadh an òir as a' chéile, 's athilgeadh a mach air an uinneig. Bha gach neach a thigeadh anrathad a' tional an òir a bha gille a' bhuilg a' smùideadh a mach.Shéid e 'n so an fheadag, agus ann am prioba na sùil, thàinig aniolaire. "Falbh," thubhairt esan ris an iolaire, "agus thoir anso an crùn òir a tha fos ceann an doruis aig an fhamhair mhòr."Dh'fhalbh an iolaire, 's cha b' fhada bha i air a turus, 'san crùnaice. Thug e 'n crùn do'n ghobhainn. Dh'fhalbh an gobhainngu subhach, sunndach leis a' chrùn far an robh nighean an rìgh."Mata," thubhairt ise, "mur b' e gum bheil fios agam nachgabhadh e deànamh, cha chreidinn nach e so an crùn a bha againan uair a bha mi leis an fhamhair mhòr." Thubhairt nigheanmheadhonach an rìgh ris a' ghobhainn, "Caillidh tu 'n ceann mardèan thu crùn airgid dhòmhsa coltach ris an fhear a bh' agam anuair a bha mi aig an fhamhair. Thug an gobha an tigh air fosprochd, ach chaidh a bhean 'na choinneamh an dùl ri naigheachdmòr 's brosguil; ach 's e bh' ann gun d'thubhairt an gille,"gun deànadh esan crùn airgid, na'm faighadh e na leòir do dh'airgiod." Fhuair an gobha ni's leòir do dh'airgiod le òrdugh anrìgh. Chaidh an gille 's rinn e mar a rinn e roimhe. Leig efead; thàinig an iolaire. "Falbh," thubhairt esan, "agus thoirthugam-sa an so an crùn airgid a bha aig nighean mheadhonachan rìgh an uair a bha i aig an fhamhair." D'fhalbh an iolaire,'s cha b' fhada bha i air a turus leis a' chrùn airgid. Dh' fhalbhan gobhainn gu subhach, sunndach leis a' chrùn airgid gu nigheanan rìgh. "Mata," thubhairt ise, "tha e anabarrach coltach risa' chrùn a bh' agam dar a bha mi aig an fhamhair." Thubhairtnighean òg an rìgh ris a ghobha, "E a dheànamh crùn copair dhise, coltach ris a chrùn chopair a bha aice, nuair a bha i aig anfhamhair. Bha 'n gobha an so a' gabhail misnich, 's chaidh edhachaidh mòran ni bu toilichte air an trò so. Thòisich an gille256WEST HIGHLAND TALES.air spealgadh a' chopair, ’s air a thilgeadh a mach air gach dorus's uinneag. Bha iad an so as gach ceann do ’n bhaile a' tional a'chopair mar a bha iad a' tional an oir ’s an airgid. Shéid e ’nfheadag, 's bha 'n iolaire ri ’thaobh. “Rach air t'ais, thubhairtesan, "agus thoir an so thugamsa an crûn copair a bha aignighean ög an righ an uair a bha i aig an fhamhair." Dhfhalbh an iolaire, ’s cha robh i fada 'dol ’sa' tighinn. Thuge 'n crun do 'n ghobhainn ; dh’ fhalbh an gobhainn gu subhach,sunndach, ’s thug e do nighean ög an righ e. “Mata,thubhairt ise, “cha chreidinn nach b’e so an dearbh chrün a bhaagam an uair a bha mi aig an fhamhair fo ’n talamh, na’m biodhdöigh air fhaotainn." Thubhairt an righ an so ris a' ghobhainn,Gu' feumadh e innseadh dhásan, cäite an d’ionnsaich e deanamhnan crun, “oir cha robh fios agam gun robh do leithid ’sanrioghachd." "Mata," thubhairt an gobha, “ le ’r cead, a righ,cha mhise a rinn na cruin, ach an gille ’tha agam a' séideadh a'bhuilg." “ Feumaidh mi do ghill' fhaicinn, thubhairt an righ,"gus an déan e crun dhomh fhéin." Dh’ ördaich an righ ceithireich ann an choidse, ’s iad a dhol a dh’ iarraidh gille a’ ghobha.An uair a thäinig an chöidse a dh’ionnsaidh na ceårdach, bhagille a' ghobha gu dubh, salach a’ séideadh a' bhuilg. Thàinig nagillean each, ’s dh’ fhebraich iad air son an duine a bha ’dol ashealltainn an righ. Thubhairt an gobha gu’m b’e sud e thall a'séideadh a' bhuilg. “ Übh ! Ubh !" thuirt iadsan, ’s iad abeireachd air, ’s ga thilgeadh an comhair a chinn a stigh donchoidse, mar gum bitheadh cù aca. Cha deach' iad fada air anturus dar a shéid esan an fheadag. Bha ’n iolaire ri ’thaobh.“Ma rinn thu feum riamh dhomh, thoir mise a mach as so, aguslion e làn chlach," thubhairt esan. Rinn an iolaire so. Bha ’nrigh a mach a feitheadh a chöidse, agus an uair a dh’ fhosgail anrigh dorus a' choidse, theab e bhi marbh leis na clachan a'dortadh air a mhnin. Chaidh beireachd air na gillean each, ’sancrochadh airson a leithid do thàmailt a thabhairt do ’n righ.Chuir an righ an so air falbh gillean le coidse, agus an uair aràinig iad a' cheàrdach, “ Übh ! Ubh ! " thuirt iadsan, “n'e soan rud dubh a chuir an righ sinn a dh’iarraidh. Rug iad air,'s thilg iad a stigh do ’n choids' e, mar gum bitheadh foid moineaca. Ach cha deach iad fada air an slighe, nuair a shéid esan anfheadag, ’s bha 'n iolaire ri ’thaobh, ’s thubhairt e rithe, “ Thoirmise as a' so, agus lion e do gach salachar a gheibh thu.Nuair a ràinig an coidse pàileis an righ, chaidh an righ a dh’THE KING OF LOCHLIN'S THREE DAUCHTERS. 257fhosgladh an doruis. Thuit gach salachar 's gach baggaist mucheann an righ. Bha fearg ro mhor air an rigt 's dh' ordaich ena gillean each a bhi air an crochadh air ball. Chuir an righ a'ghille cinnteach fhéin air falbh, agus an uair a räinig e a' cheardach,rug e air làimh air gille dubh séididh a' bhailg. “Chuir anrigh," thuirt esan, " mise gu d' iarraidh ’s feàrr dhuit beagan do'n ghual a ghlanadh dheth t' aodann. Rinn an gille so, ghlan ee féin gu maith ’s gu ro mhaith, ’s rug gille an righ air làimh air,'s chuir e stigh do ’n choids' e. Cha robh iad ach goirid airfalbh, dar a shéid e ’n fheadag. Thàinig an iolaire, ’s dh'iarresan oirre an deise oir ’s airgid a bha aig an fhamhair mhor athoirt an sud gun dàil; ’s cha robh an iolaire fada dol ’s a' tighinnleis an deise. Sgeadaich esan e féin le derse an fhamhair, ’s anuair a thainig iad gu paileas an righ, thäirig an righ, ’s dh'fhosgail e dorus a cboidse ’s bha ’n sin an aon duine bu bhrèaghaa chunnaic an righ riamh. Thug an righ stigh e, '’s dh’innis e do'n righ mar a dh' éirich dha fo thûs gu deireadh. Chaidh antriuir dhaoine mora bha ’dol a phösadh ; ’s rinn iad banais dhoibhfad fichead oidhche ’s fichead latha, ’s dh'fläg mise a' dannsaiad, ’s cha ’n’eil sios agamsa nach ’eil iad a' cur nan car air anurlar gus an latha 'n diugh.B 2