Archival Reference

SSSA/TA/AT2033/005

School of Scottish Studies DJM MSS 8

Transcript

AI
Donald John Mac Donald
Peninerine South Uist.
12th Dec. 1953
Duncan Mac Donald
70
Peninerine
crofter
Peninerine
His Father
50
Snishvale South Uist
70
Type 2033. + 20, C.
Z 41.4.
Motifs Z 21.3.1.:31.2.1.;+41.4.
Chaidh tuaradaire teallaich latha dha'n tràigh
's chuala e sporghail fo chreig 's shìn
e mach. Agus có a choinnich e ach
Cromach nighean a chromach. "Càite bheil
thu dol", arsa Cromach nighean a
Chromach. "A teichadh roimh n' bhrà".
"Có chunnaic sa chual' e."
"Mise chunnaic sa chual' e", arsa Tuaradaire
Teallaich, "'s ann ga m' bhonnaibh fhein
a bhà e". Shìn Tuaradaire Teallaich
a mach 's cromach nighean a chromach.
Agus có a thachair orra ach Tamhasg
nighean an Tamhasg. "Caite eil sibh a
dol", arsa Tamhasg nighean an Tamhasg.
"A teicheadh roimh n' bhrà". "Có chunnaic
sa chual' e". "Mise chunnaic sa chual'
e", arsa Tuaradaire Teallaich, 's ann gam
bhonnaibh fhein a bhà e".
Shìn Tuaradaire Teallaich a mach, 's Cromach
nighean a Chromach 's Tamhasg nighean an
Tamhasg agus cò thachair orra ach
Bòcan a bheul-àth. "Càite eil sibh a
dol", arsa Bòcan a bheul-àth.
"A teichadh roimh n' bhrà." Cò chunnaic
's chual' e". "Mise chunnaic sa
chual e", arsa Tuaradaire Teallaich, 's ann
g' am bhonnaibh fhein a bhà e."
Shìn Tuaradaire Teallaich a mach 's
Cromach nighean a chromach, 's Tamhasg
nighean an Tamhasg 's Bòcan a bheul
àth, agus có a thachair orra ach
Fàs a chùl an t-sionnaich. "Càite eil
sibh a dol", arsa Fàs a chùl an
t-sionnaich, "a teichadh roimh 'n bhrà".
Cò chunnaic 's a chual' e".
"Mise chunnaic 's a chual e", arsa'
Tuaradaire Teallaich, "'s ann gam bhonnaibh
fhein a bhà e." Shìn Tuaradaire
Teallaich a mach 's Cromach nighean a
Chromach 's Tamhasg nighean an Tamhasg,
Bòcan a bheul-àth 'S fàs a chùl
orra
an t-sionnaich, agus co thachair oirre
ach Ruaraidh Mór na Creige.
"Càite eil sibh a dol" arsa Ruaraidh
Mór na Creige. "A teichadh roimh 'n
bhrà". "Có chunnaic 's a chual' e".
"Mise chunnaic 's a chual' e" arsa
Tuaradaire Teallaich, "'s ann g'am
bhonnaibh fhein a bhà e".
Shìn Tuaradaire Teallaich a mach, 's
Cronach nighean a Chromach 's Tamhasg
nighean an Tamhasg 's Bòcan a
bheul-àth 's Fàs a chùl an t-
sionnaich 's Ruaraidh Mór na Creige,
orra
agus có thachair oirre ach am Fear
liath 's a mhac. "Càite bheil sibh
a dol", arsa Fear liath 's a mhac.
"A teichadh roimh n' bhrà".
"Có chunnaic 's a chual e". "Mise
chunnaic 's a chual e", arsa
Tuaradaire Teallaich, "'s ann gam bhonnaibh
fhein a bhà e." Shìn Tuaradaire
Teallaich a mach 's Cromach nighean
A chromach 's Tamhasg nighean an
Tamhasg 's - Bòcan a bheul-àth 's
Fàs a chùl an t-sionnaich Ruaraidh
Mór na Creige 's am Fear liath 's a
mhac, 's có thachair orra ach a chliamhain
's a chruit. "Càite eil sibh a dol"
arsa chliamhain 's a chruit. "A teichadh
roimh 'n bhrà". "Có chunnaic 's a chual'
e." "Mise chunnaic 's a chual e,
arsa Tuaradaire Teallaich, "'s ann g' am
bhonnaibh fhein a bhà e".
Shìn Tuaradaire Teallaich a mach, s'
Cromach nighean a chromach, Tamhasg
nighean an Tamhasg, Bòcan a bheul-
àth 's Fàs a Chùl an t-sionnaich
Ruaraidh Mór na Creige, am Fear liath
's a mhac, a chliamhain 's a chruit
agus có a thachair oirre ach Fiadh
eadar-a-chnoc. "Càite eil sibh a
dol", arsa Fiadh eadar-a-chnoc.
"A teicheadh roimh 'n bhrà". "Có chunnaic
's a chuala e". "Mise chunnaic 's a
chual' e", arsa Tuaradaire Teallaich, "'s
ann g'am bhonnaibh fhein a bhà e".
Shìn Tuaradaire Teallaich a mach 'S
Cromach nighean a Chromach. Tamhasg nighean
an Tamhasg, Bòcan a bheul-àth, Fàs
a chùl an t-sionnaich, Ruaraidh Mór na
Creige, Fear liath 's a mhac, a
Chliamhainn 's a chruit 's Fiadh eadar
-a-chnoc, agus co thachair oirre ach
Madadh ruadh an sloc. "Càite eil sibh
a dol", arsa Madadh ruadh an sloc.
"A teichadh roimh n' bhrà. "Có chunnaic
's a chual' e." Mise chunnaic sa
chual' e", arsa Tuaradaire Teallaich, "'s ann
g'am bhonnaibh fhein a bhà e."
Shìn Tuaradaire Teallaich a mach 's
Cromach nighean a chromach, Tamhasg
nighean an Tamhasg, Bòcan a bheul-àth,
Fàs a chùl an t-sionnaich, am Fear liath
's a mhac, Ruaraidh Mór na Creige,
a chliamhain 's a chruit. Fiadh eadar-
a-chnoc, Madadh ruadh an sloc, agus
orra
có thachair oirre ach Bloigh meiseadh.
"Càite eil sibh a dol", arsa Bloigh
Meiseadh. A teichadh roimh 'n bhrà".
"Cò chunnaic 's a chuala e".
"Mise chunnaic 's a chual' e" arsa
Tuaradaire Teallaich, 's ann g'am
bhonnaibh, fhein a bhà e. Shìn
Tuaradaire Teallaich a mach 's cromach
nighean a chromach 's Tamhasg nighean an
Tamhasg 's Bòcan a bheul-àth 's Fàs
a chùl an t-sionnaich. Fear liath 's a
mhac, a' chliamhain 's a chruit, Ruaraidh
mór na creige, Fiadh eadar-a-chnoc,
Madadh ruadh a sloc. Bloigh meisadh, agus
orra
có thachair oirre ach cùl càise, "Càite eil
sibh a dol", arsa Cùl Càise.
"A teicheadh roimh n' bhrà. Có chunnaic 's
a chual' e". "Mise chunnaic 's a chual'
e", arsa Tuaradaire Teallaich, "'s ann g'am
bhonnaibh fhein a bhà e." Shìn
Tuaradaire Teallaich a mach 's Cromach
nighean a Chromach 's Tamhasg nighean an
Tamhasg, Bòcan a bheul àth. Fàs a chùl
an t-sionnaich, Ruaraidh Mór na Creige. Fear
liath 's a mhac, a chliathuinn 's a chruit,
Fiadh eadar-a-chnoc, Madadh ruadh an sloc,
Bloigh Meiseadh, cùl càise, agus có a
thachair oirre ach Blàr buidhe air bois.
"Càite eil sibh a dol" arsa Blar buidhe air
bois. "A teichadh roimh 'n bhrà.
"Co chunnaic 's a chual' e". Mise chunnaic
's a chual' e arsa Tuaradaire Teallaich,
"'S ann g'am bhonnaibh fhein a bhà e.
Shìn Tuaradaire Teallaich a mach, 's Cromach
nighean a Chromach, Tamhasg nighean an
Tamhasg, Bòcan a bheul-àth, Fàs a
chùl an t-sionnaich. Fear liath 's a
mhac, a chliamhain 's a chruit, Ruaraidh
Mór a Creige, Fiadh eadar-a-chnoc,
Madadh ruadh an sloc, Bloigh Meiseadh,
Cùl Càise, Blàr buidhe air bois, agus
co thachair orra ach dithis bean a'
gleachd. "Càite bheil sibh a dol",
arsa dithis bean a gleachd.
"A teichadh roimh 'n bhrà" "Có chunnaic
sa chual' e." "Mise chunnaic 's a
chual' e", arsa Tuaradaire Teallaich, "'s an
ga'n bhonnaibh fhìn a bhà e."
Shìn Tuaradaire Teallaich a mach, 's
romach nighean a chromach, Tamhasg
nighean an Tamhasg, Bòcan a bheul-àth,
Fàs a chùl an t-sionnaich, Fear liath
's mac, a chliamhainn 's a chruit,
Fiadh eadar-a-chnoc, Madadh ruadh an
sloc Ruaraidh Mór na Creige, Bloigh
Meisadh, Cùl Càise. Blàr buidhe air
bois, dithis bean a gleachd, agus có
thachair oirre ach Bean a' buain suip.
orra
"Càite eil sibh a dol", arsa Bean
a buain suip. "A teichadh roimh 'n bhrà."
"Có chunnaic 's a chual' e".
"Mise chunnaic 's a chual' e", arsa
Tuaradaire Teallaich, "'s ann g'am bhonnaibh
fhìn a bhà e.
Shìn Tuaradaire Teallaich a mach, 's Cromach
nighean a Chromach, Tamhasg nighean an
Tamhasg, Bòcan a bheul-àth, Fàs a
chùl an t-sionnaich. Fear liath 's a
Mhac, A chliamhain 's a chruit, Fiadh
eadar-a-chnoc." Madadh ruadh an sloc,
Ruaraidh Mór na Creige, Bloigh Meisadh,
Cùl Càise, Blàr buidhe air bois. Dithis
bean a gleachd, Bean a buain suip,
agus có thachair orra ach Gearran
bacach bàn na mònadh. "Càite eil sibh
a dol", arsa Gearran bacach bàn na
monadh. "A teichadh roimh 'n bhrà."
"Có chunnaic 's a chual e."
"Mise chunnaic 's a chual e," arsa
Tuaradaire Teallaich "'s ann ga'm bhonnaibh
fhìn a bhà e."
"Trobhadaibh sibhse air mo mhuin-sa", arsa
Gearran bacach bàn na mònadh, "agus
sàbhailaidh mise sibh". Leum iad air
ged air muin Gearran bacach bàn na
mònadh, agus dh'fhalbh e leotha, agus
ghabh e mach air a mhuir leotha,
agus bhathadh a h-uile gin aca.
Not unlike version in "The Celtic Monthly"s
cf "More West Highland Tales", Vol I, No. 4: Mór Nighean Smùid
Also Bealoideas, Vol.
+ Vol.
Transcribed using automated handwriting recognition technology as part of the Decoding Hidden Heritages project.