Archival Reference

SSSA/TA/AT300/018

School of Scottish Studies SA1957.041.A2

Tobar an Dualchais/Kist O Riches

Transcript

AI
AT 300 + 303
Sgeulachd a' Chòcaire
S.A. 1957/41/A2. + Informant: Alex Stewart.
B1
Bha rìgh ann a siod Rìgh na h-Eirinn agus bha
e sealg a's a' mhon' agus chaidh e air chall. Agus
dar chaidh e air chall thàinig e air ais. Agus bha e
pòsd a' Rìgh bha Bhann-righ aig agus bha leanu aig
ris a' bhan-altr bhanaltrum: is dar a bha leanu aige
is a' bhanaltrum bha e cheart cho measail aig. Tha
fhios gur e leanu aige fhéin a bh' ann co dhiù. Bha e
aig a bhean cho measail is gad a b' e leanu aice fhéin
a bhiodh ann.
Agus bha a nis na giullanan ann a sin is bha
iad 'nan cnapaich, agus latha dhe na lathachan agus
tìd dhe na tìdean cò thàinig ach bodach baigeir, a'
rathad, na tramp. Agus n' air thàinig an tramp thuirt
e ris na giullanan, "Tha si' glé mheasail air a chéile
a ghiullanan?"
"O tha," thuirt na giullanan, "cho measail agus
ghobhas sin bhith air a chéile cha ghobh bhith na's measail."
"À wel," thuirt es, "gad a tha si' cho measail
sin air a chéile," thuirt es, "marbhaidh an darna fear
S.A. 1957/41/A2 Continued
a' fear eile fhathast."
"O wel cha do ghobh iad guth orra. Ach thàinig
iad staigh is thug a' Bhann-righ thug i glaodh orra
airson ... airson lunch is bha iad cho coltach ri chéile
cha dèanadh a' Bhann-righ stem dhiubh có bu le... có
.... có an leann aice fhéin.
"Wel innsidh mise dhut," thuirt cailleach nan
cearc," a' rathad a nì thu mach e. Dar a bheir thu
staigh gus a' lunch iad," thuirt is, "tog t' aodach,"
thuirt is, seachad air do ghlùn agus am mac agad
fhéin," thuirt is', "cromas e cheann leis an nàir, is a'
fear eile seallas e air adhart 's cha ghobh e nàir
idir. Sin leis an dèan thu mach e."
Wel 's e seo mar a bh' ann. Thug i glaodh orra
airson lunch is n' air bha iad tighinn a staigh an
taca rithe thog i h-aodach seachad air a glùn.
Chuir a mac bhàn a ceann ... a cheann ach cha
do chuir mac a' bhanaltrum. Ach chan eil cuimhn
'am de thuirt i ris, thuirt i rud-eigin. "Droch oilean,"
ors is'. Chaidh e mach gus a' gheat.
"Wel thuirt am boireannach baigeir gu marbhadh
an darna fear againn a' fear eile," thuirt e. "Ach le sin,"
thuirt e, "tha mise folbh." Thog e laimh is chuir e
marc mar sin a's a h-aghaidh a's a' gheat. "Nis dar
chì thu sin," thuirt e ris a' bhalach ri bhràthair,
fàs dearg, tha mise marbh," thuirt e, agus ma
bhitheas e mar a tha e," thuirt e, "chan eagal domh."
"Wel a wel," thuirt e.
An uair sin dh'fholbh a mac a bha comh ris. Agus
bha cù aig' is bha each aig' agus seabhag a rugadh an
aon oidhche ris fhéin is dh'fholbh e.
6
S.A. 1957/41/A2 Continued
A Dhia nis bha 'm balach eile ann a sin mac, mac
a' Rìgh fhéin - wel 's ann leis a' Rìgh bha 'n dithis -
mac na Bann-righ. Bha e ann a sin a nis air ais 's
air adhart, 's bha e cianail brònach airson a
bhràthair gu'n do dh'fholbh e.
Agus dh'fholbh e is dar a dh'fholbh e bha e
dol ann a sin is dol agus thàinig e go ... go caisteil
is n' air thàinig e gus a' chaisteil bh' ann a sin
cha deach e faisg air a' chaisteil idir. Chaidh e
bhàn go cailleach nan cearc is bha e ann a sin
is cailleachan beag ann a sin. Agus bhiodh e 'n
comhnaidh a' toir leis bollagan bhioranan dhi-s',
bhiodh e dèanu rudan mar sin di. Agus gu dé bha
sin ach trì fuamhairean agus fear 'sam bith a
chuireadh ceann air an fhuamhair bha e dol a
phòsadh nighean a' rìgh is gheobhadh e 'n oighreachd.
Is có bha dol 'ga sàbhaladh?
Ach thachair dhan a' bhalach - bha mac na
banaltrum - gu robh e a's a' choill agus thàinig a'
leddy bhrèagha seo bhan is cha b' urra' dhut sealltainn
orra leis cho brèagha 'sa bha i. Agus có bha cuide rithe
ach an còcair - an còcair aig a h-athair aig a' rìgh.
Agus n' air thàinig an còcair bha e 'na ... ann a sin.
Bha ise 'na laighe aig taobh a' chraobh is n' air thàinig
an (dearbh?) uair aig a robh 'ad dol a thighinn
chaidh an còcair an àird don a' chraobh. "Ach,"
thuirt e ris a' leddy, "Itheadh iad na cacadh iad an
digh tha mise dol an àird don a' chraobh."
Thàinig Mac na Banaltrum agus dar thàinig e,
"Ò" thuirt e ris a' leddy mhór a bha seo ris a' mhaighdeann
S.A. 1957/41/A2 Continued
a bha seo, "gu dé th' ort?" thuirt es
"Ó chan eil dad," thuirt is' móran orm ach
tha mis' gu bhith aig an fhuamhair, aig an giant,
agus sheall," thuirt is, "a' fear a chaidh 'gu mo
shàbhaladh shin agad e."
Bha is a's a' chraobh.
"Wel," thuirt es, rinn e cadal." Thuirt es, "Dar a
thig am fuamhair," thuirt am balach Mac na Banaltrum,
"bidh mise na mo chadal."
"Is gu dé a's dùsgadh dhut?" thuirt is'.
"Wel innsidh mise sin," thuirt es. "Ciad bonn
leith-chruin a thoir air mullach mo chinn le aona
bheum siosar is dùisgidh sin thu."
h
Wel se seo mar a bha c˰aidil ... chaidil am
balach. Ach chual e Nì-rath No-rath a thiginn, agus
b' e sin far a robh na Nì-rath No-rath is thàinig iad. Is
leum e fhéin agus am balach air a chéile dar chunnaig
e e dol a bheirsinn air a' ... air a' leddy. Leum e fhéin
is Mac na Banaltrum air a chéile is ghobh iad dha chéile
ann a sin.
"Ach h-och!" thuirt is', "beilean na mo cheann
bochd bòidheach," thuirt is', "dol a leigeil leis an dà
cheann ghrànda bhith cho fad."
Is m' air a chunnaig es sin ghearr e 'n ceann deth
is mharbh e 'm fuamhair ann a sin. Dar a mharbh
e fuamhair ann a sin a' latha sin thàinig e 's dh'fhan
e 's a' chraobh. "Hele! Hele!" thuirt es, "'s iomadach
buille ghoirt a thug mi mus ... mus do choisinn mi
thu."
"À," thuirt ise "tha do ... tha agad ... tha agad
ri mo choisinneadh dà latha fhathastaich mas faigh
S.A. 1957/41/A2 Continued
thu mi"
"Tha mi cinnteach gu bheil," thuirt es.
Wel dh'fholbh am balach dhachaidh is
m' air chaidh e dhachaidh chaidh e go seann ... go
seana chailleachag nan cearc is thug e leis na
bioranan. Is n' air thug e leis na bioranan, "seo," thuirt
is'. Bha i 'n àird aig an taigh mhór, aig a' chaisteil is
thàinig i bhàn.
Ó nach bi thu samhach," thuirt is', "tha 'n
còcair tha e gu bhith pòsd. Choisinn e nighean
a' rìgh an diugh ach tha aice fhathast dà uair
fhathast ri chosnadh.
"An e 'n còcair?" thuirt am balach.
Ist! na bi 'g radha sin. Na can an còcair ris, 's e
Righ bu chòr dhuinn bhi 'ga radha ris."
Achan an uair seo, larna-mhàireach chaidh am
balach don a' choill is bha e tional nam bioran agus
... tha ... bha ... "Ó Dhia beannaich mis,'" thuirt am
balach a bheil thu seo an diugh e rithist aig bun
na craobh?"
"Ó tha," thuirt is', mi seo 'n diugh rithist."
Wel dar a bha is ann, "Wel," thuirt es, "cà bheil
a' fear bha dol 'ga do chosannadh?"
"Ó," thuirt is', "tha e 'n an àird 's a' chraobh."
Is bha e call a chrean (?) a's a' chraobh. Bha
chraobh buidhe leis a' chrean. Agus chaidil Mac na
Banaltrum.
"Dé," thuirt is', "is dùsgadh dhut an diugh?"
"Wel," thuirt es, "gobhaidh ... gobhaidh mise le
leth-trom an diugh, ach gobhadh a rogha fear a maireach e."
Agus a' fuamhair mór bha tighinn an diugh 's e
S.A. 1957/41/A2 Continued
bu mhotha, 's e bu mhotha na chiad fhear. Ach a
dheanu sgialachd ghorid dhan a' stòiridh fhad. "De as
dusgadh dhut an diugh?"
"Wel," thuirt es, "barr na cluais thoir dhiom," thuirt es,
"a' chluas dheas le aon bheum siosar is duisgidh sin mi."
Rinn i seo dar a chunnaig i ... chual i fuamhair
a' tighinn. Thug i seod dha 's thug i beum as is dh'éirich
am balach an àird. A chéile ghobh e fhéin 's am balachan
a' fuamhair, is bha 'ad dol ma chuairt air a chéile
ann a sin gus a robh faisg air' an oidhch ann. Ach
smaoinich am balach gur e siod a' chiad dreuchd
air an deach e riamh is thug e 'n togail bheag mhór
éibhinn aighearach dha is bhuail e fuamhair a bhàn
is ghearr e 'n ceann dheth - dà cheann dheth.
Gap in transcription?
S.A. 1957/41/A2
Dé is dusgadh dhut an diugh?"
Bàrr na corraige deas dha'n thoir dhiom
leis an t-siosar dusgaidh sin mi.
Wel 'se seo .. bh' ann. Chuala e Ni-rath No-rath a
fhuamhair
tighinn aig an
seachd agus seachd chainbe
diag ceangaillt le iarainn ri bhrògan agus dà cheann
e
is math dh'fhaodt air thàinig e. Dar a thainig ᚳ bha
mach an àird
cluich a' siod bha is dh'éirich am bodach
mac a' rìgh dh'éirich e 'n àird is n' air a dh'éirich
i 'n ùird rinn a' is a' fuamhair air a chéile. Dar
a leum 'ad air a cheile bha iad fad na madainn is
bho fad gus a robh e dubh dorch gobhail dha chéile
h
ach fo dheireadh thall c˰uir Mac na Banaltrum bhàn
e is ghearr i na cinn dheth is thug e na teangaidhean
as, is thug e na sùilean as is chuir e 'na phocaidean
neapaig iad agus dar a chuir ach och bha 'n
còcair air tighinn is thug e leis an ceann cha
chreid mi nach tug e oirr-as an ceann a thoir
leis treis ach, "Bheir uat siod," thuirt e, gos a faigh mise
fear eile. Thilg e seo aig an dorus. Och dh'éirich
a' rìgh a sin, "Trobhad trobhad," thuirt e, thuirt e
ris a' chòcair 's tus bu chòr bhith a's an t-seuthar
seo is than e mis."
Ach thàinig a' chailleachag an àird, cailleachag
nan cearc thainig i bhàn "Ó," thuirt i ris "Mac na
Banatruim - bha i 'na rìgh a nis, choisinn e.
Dhia beannaich mi an do choisinn an còcair
esan.
thuirt e. "Na bi 'g radh sin ris a' chòcair 's i thig ann
dh'fholbh
ach nach an rìgh an diugh 's e th' ann a' Rìgh."
Thuirt a' Righ is rinn iad bonn dha is fhuair
na
sud putanan is òr is airgead as a' Rìgh. Rinn an
còcair guidhe 's an t-seuthar b' es a' rìgh.
"Ach wel," thuirt is' oidhche Mhàrt, an oidhche sin
cha chreid mi," thuirt is nach cùm sinn bàl a
seo a nochd.
"Wel a wel gu d' eil dheanadh tu," thuirt es
ach bàl a chumail," thuirt an còcair an duin
uic," d' eile dheanadh tu." Is bheir sinn staigh ...
i sinn.
bheir sinn staigh cluichean," thuirt e "Ni sin an
gnothaich," thuirt es, "bheir sinn a staigh cluichean."
theann"
theann
thuirt e. Chaidh a nis na bha sheann shluagh,
lurg m'an cuairt air a' ... air an oighreachd chaidh
an teanal 's an cuir a staigh. Bha 'm balachan seo
Mac na Banaltruim ann. "Ó nach tig thusa 'n àird,"
thuirt cailleach nan cearc agus ...."
"Ach," thuirt es, "gu dé bha mise dol a dheanu
ann creutair bochd mar tha mis chan eil nithean
"Och bi thusa 'n àird," thuirt cailleach nan
cearc, chi thu, chi thu, chì thu 'n Rìgh - Rìgh òg
"Och chì," thuirt esan
An ath uair seo chaidh e 'n àird chaidh am
balach an àird is chaidh e cuide riutha Och
chruinnich iad uile nar a bha man cuairt orra. Bha
iad 'na suidhe aig a' bhàl.
"Wel," thuirt i leddy bha dol a phòsadh an
còcair seo," thuirt is bheir sibh a staigh cluichean."
"Gu d' eile dheanu'," thuirt es, "ach cluich a thoirt
dhuinn."
Is thug iad staigh cnaimh lurgainn gamhainn
is chuir iad air a' bhòrd e an déidh am biadh ith an
deidh an cuid feast ith 'n cuid òl chuir iad air a'
bhòrd e. "Trobhad," thuirt a' leddy, "fear dhe na gillean."
thuirt is, "agus fiach am brist si' an cnaimh tha seo
le buille."
Rinn iad uile gàire. Och cha chan sinne guth
ach dheanadh sinne. air Wel bha fear a seo a' toirt buille
air is bha fear a siod toirt buille air ach cha do bhrist
iad an cnaimh. "Hè-è! thàinig e fhéin a nuas, an còcair
"Nach toir si' fhéin buille idir air?" Thainig an cocair a nuas
SA. 1957/41/A2 Continued
is thug e siod e Chuir e laimh 'na bhial.
"B' e thu fhéin a bheireadh a staigh a' chluich. Có
bha dol a bhristeadh sin?"
"À wel," thuirt i .. is', "dar a rinn thu 'n gnothach
air na fuamhairean 's cinnteach gu'n dèanadh tu sin
"B e thu fhéin a bheireadh a staigh a' chluich. Tha
mise 'g innse sin dut."
"Wel," thuirt is' "dh'fhiach na h-uile gin ac', ach
tha aona bhalachan beag ann a seo fhathast," thuirt e,
is cha do bhuail e fhathast idir."
B' e seo Mac na Banaltrum.
agus
"Trobhad," thuirt ise, "is thoir buille air a' chnaimh.
Ach thuirt es, "Cha tobhair mis' buille air a'
chnaimh oir dé dhèanainn dheth sin," thuirt i (a?)
balachan mar tha mis'?"
"Trobhad," thuirt i ris, "is thoir buille air a'
chnaimh faic thu 'm brist thu e."
Chaidh Mac na Banaltrum thug e chiad stràchd
air is bhrist e 'n cnaimh. Chaidh na ceithir casan
fo'm bhòrd. Dhia cha robh fhios aig a' chòcair gu dé
dhèanadh e. Cha robh fhios aige bho'n t-saoghal
gu dé dhèanadh e. Sheall i air a h-athair, air a'
Rìgh.
"Có bu dàch?" thuirt is', "a' fear a bhrist an
cnaimh," thuirt is, "na fear a mharbhadh na
fuamhairean. Có bu dàch na fuamhairean a
mharbhadh ... a' fear a bhrist an cnaimh na
fear .. na na ...." thuirt is, "a' fear tha mise dol a
phòsadh?"
"Ach seachainn seo! Có bha dol 'ga dheanu?
Tha mi cinnteach gu'n dèanadh a' Rìgh òg e.
"Wel," thuirt is', "'s e fear a bhristeadh an cnaimh
's e bu dàch a mharbhadh na fuamhairean."
"Ó wel," thuirt a h-athair, "'s e gu dearbh ... gu
dearbh ..."
"Càit," thuirt is', "a bheil na cinn a choisinn e?"
"Tha iad ann a seo."
Thug e staigh na cinn. Cha robh teangaidh 's cha
robh sùil annta 's cha robh dad eile annta
ors
"Càit?" as is', a bheil na teangaidhean is na
sùilean bu chòr bhith ann a sin."
"Och càit am bitheadh iad tha mi cinnteach ..."
"Wel a wel," thuirt is', "bu chòr dha sin a bhith
annta."
Ach chuir am balach a laimh 'na phòcaid is thug
e mach an neapaig. Thilg e na sùilean is thilg e na ..
... thilg e na sùilean ann a sin agus a chuile
rud eile.
"Có," thuirt i ri h-athair, "bu dàch leat mharbhadh
na fuamhairean," thuirt i, a' fear aig am biodh na
sùilean agus na cluasan," thuirt is', "is na rudan sin
Fac si riamh
Fac sinn a gheobhadh ceann?,' thuirt is, "gun sùilean
na gun chluasan?"
"Ó chan fhac," thuirt e.
"Wel a wel," thuirt i, "sin agaidh-s a' fear a
choisinn mis', thuirt i.
Is a's an fhacal a bha sin thàinig e staigh is
thuirt i, A bheil thu 'g iarraidh deoch," thuirt i ris.
"Tha," thuirt Mac na Banaltrum.
Dh'òl e deoch is thug e fàinn deth chorrag is thilg
e a's an tumailear is dh'òl is sin is' a faoighleach. À
cha robh fhios ach bho'n t-saoghal gu dé .....
SA. 1957/41/A2 continued
"Wel innsidh," thuirt is', "sin agaidh a fear a
choisinn mis' agus sin agaidh an duin agamsa,"
thuirt i.
Bha bàrr na còrrag a deas dheth - a' lùdag dheas
Seallu air seo.
Dh'fholbh e nis phòs e nise nighean a' Rìgh
is char iad bhàn 's ann a mach a's an t-sobhal
a bha iad air a chiad oidhche chaidh iad a laighe -
mach a's an t-sobhal. Dhia cha robh iad fad ann
a sin dar a dh'fhairich e rud-eigin a tigh'n gus
an dorust a' ghalla mheal chù. Bhog i h-iorball
anns a' chac bhuail i air na fiaclan e. "Ù," thuirt
es, "tha siod?"
"Ach," thuirt is', "galla mhial chu bhog i h-
iorball a's a' chac is bhuail i ort 's na fiaclan e."
"Wel nighean na bias," thuirt es, "cha bhuail
i rithist mi."
Far am bidh deireadh allt bi iosal air-as is
far a bidh iosal air-as bidh deireadh allt gus do
ruig iad seann taigh - taigh ach cha robh creutair
a staigh. Chaidh e staigh 's bha teine mór air 's ...
agus bha 'ad a staigh. Aig an dorust ma dhà uair
dhiag chual e gnogadh aig an dorust. "Có tha sin?"
thuirt e.
"Ó tha mis'," thuirt es.
"Có thus'?"
h
"Och chan eil ach cearc fliuch b˰reac," thuirt is,
"na h-aon oidhch. Dar thig i nall air beinn bios i
oidhch a seo is theid i null air beinn bios i oidhch a
seo."
"Ach wel," thuirt es, "ma bha thu na h-uile
h-oidhch ann cha bhidh thu an oidhche oidhche nochd
ann."
Ach fo dheireadh thall leig e staigh i. Dar leig e
staigh i .... "Trobhad a staigh ma tha," thuirt is, "agus
dean suidhe."
Bha teine mór air a dhèanamh ann a sin agus
"À," thuirt e. sheall e air a' chailleach. "Tha thu fàs mór
a chaillich?"
"Tha," thuirt is, m' iteagan is m' oiteagan go
bruith le chéile is mas tig a' latha," thuirt is', bios
fios agad air sin."
Ach n' air leum e-fhéin 's a' chailleach air a chéil
agus bha chailleach chuir i bhàn e. Is dar chuir i
bhàn e "Càit a bheil m' fhear 's mo chù 's mo
fhìn
sheobhag?" thuirt e, "a rugadh an aon oidhche rium ˰
nach biodh iad ann a seo?"
Thug es glaodh oirr-s' thug is' glaodh ...
Chan e chaidh mi far mo stòiridh a nis. Mas
tàinig is', mas tàinig ise, "Thig a staigh ma tha,"
thuirt es.
"À," thuirt is', "cha leig a' feagal liom leis na ...
leis na beathaichean th' agad a sin. Cea'ail iad,"
thuirt i.
"Ó," thuirt es, "chan eil nì agam a chea'aileas
iad."
"Seo," thuirt i, sin agad ròineag dhe mo thé
mhosach is cea'ailidh i an Royal George ged a bhiodh
i fo làn shiùil."
Dh'fholbh e is fhuair e sin is cea'ail e na ...
cea'ail e air na ... air na beothaichean e. Thàinig i
a seo a staigh, is bha m' iteagan 's m' oiteagan beaga
ris na f-éi'lean.
"A chaillich," thuirt es, "tha thu fàs mór."
"Tha," thuirt is', "bi fios agad air sin mas tig
S.A. 1957/41/A2 Continued
a' latha."
Ach leum e fhéin 's a' chailleach air a chéile. Dar
leum e fhein 's a' chailleach air a chéil liag a' chailleach
e. "Càit a bheil m' fhear 's mo chù 's mo sheobhag," thuirt
es' ... thuirt es, a rugadh an aon oidhch rium
fhéin nach biodh iad ann a seo."
"Hel-e!" thuirt is', "chan eil sin agad, cheannaich
an ...... a bh' agad," thuirt a' chailleach, chan e
h-ann sin ach a bhrist 's a ghearradh."
Chaidh es a mharbhadh ann a sin mharbh a'
chailleach e is rinn i carraige cruaidh cloich dhe is
chuir i air cùl an tan teine e. Bha am balach eile
a bhràthair bha e sealltainn air a' gheat is chunnaig
e 'n geat a' fàs dearg. "Cha do mharbh ... tha mo
bhrathair marbh," thuirt es. "Seo seo!" thuirt e ri
mhàthair," leigibh mise air folbh a faic mise cà bheil
h
mo bhràthair."
Dh'fholbh e is thàinig e gus an dearbh c˰aisteil
a bha seo. Dar a thàinig e gus an dearbh chaisteil a
bha seo chunnaig e bhean aige. Bha ise 'n dùil gur e seo
an duin' aice bha iad cho choltach ri chéile.
"O d' shaoghal," thuirt is', "càit a robh thu a raoir?"
"H-ach," thuirt es, "chan eil fhios 'am far a robh
mi cha do ... bha mi as deaghaidh mial-chù a' ghalla
mhial-chù," thuirt e, agus dar a bha bhog i h-eaman
's a' chac 's bhuail i is cha b' urra mi fuireach bhuaipe,"
thuirt e.
Is bha e 'na laighe cuide ris a' bhean, cuide ri
bean a bhràthar. Agus dar a bha cha robh e fad 'na
laighe ann a sin dar a thàinig a' ghalla mhial-chà is
bhog i h-eaman 's a' chac, 's a' chac ..... [End of track]
SA. 1957/41/A2 continued from same
agus dar a bha bhog i h-eaman
's a chas 's bhuail i is cha
b' urra mi fuireach bhuaipe, thuirt
e. Is bha e 'na laighe cuide ris
a' bhean cuide ri bean a bhràthar
Agus dar a bha cha robh e fad 'na
laighe ann a sin dar a thàinig
a' ghalla mhial-chù is bhog i
h-eaman 's a' chac 's a' chac ....
[End of track]
S.A. 1957/41/B1.
Thàinig i gus a chaisteil agus
dar a thàinig e gus a chaisteil
thàinig e bhàn far a robh ... gus
a' bhean. Chunnaig e bhean.
cha robh fhios aic-s' ach bheir
e cur laimh air "o a' shaoghal," thuirt
is', càit an robh thu a raoir.
"Och bha mi as deaghaidh a'
ghalla mhial-chù," thuirt es.
"Ao h-as!"
"Agus dar a bha mi as a deaghaidh,'
a's na lòin
thuirt e, far am bithinn ah fonart rathai
rathad
as a' lan orm mas do ruig sinn
gus
orm-as mas do ruig sinn agus
"'B' 's e sin," thuirt is, "ach thàine
H-è
② "in raoir, thuirt is, thainic in raoir
agus nar thàine in raoir gu dé
bu choirich," thuirt is, gu dé
bu choirich," thuirt is gu'n do
chuir thu an claidheamh
eadarainn a's an leabaidh?"
"Ach," thuirt es, 's ann a bha
mi cuide ri a' phiuthar"
Ach gu luath aoibhneach
bha es na laighe cuide rithe
a's
an oidhch sin is ˰ a mhadainn
a's a' mhadainn agus air'son
oidhch bha e 'na ... dh'fhan e
a's a leabaidh. Agus thàinig
an taighgeire ghlas, chan e ach
a' ghalla mhial-chù bhog i
h-iorball a's a' chac is bhuail i
aire-sa a's na fiaclan e. N' air a
bhuail as a deaghaidh a mach
a chaidh e. Far am b' ìosal air
a' ghalla b' àird aire-sa is far
am b' àird air a' ghall b' ìosal
aire-san gus an do ruig iad an
ar
taigh bha seo. Chaidh e staigh agus
cha robh creutair staigh is n' air
nach robh creutair staigh rinn e
suidhe. Is chual e gnogadh aig
an dorust ma mhiadhan oidhch
"Có tha sin?" thuirt e.
"Ó tha mis," thuirt .. thuirt
an té bha seo.
"Có thus'?" thuirt es.
"Cearc bhruch bhrach," thuirt
is', "na h-aonn oidhch dar theid
i null air beinn bios i oidhch
a seo is thig i nall air beinn
bios i oidhch a seo."
"Ma bha thu na h-uile h-
oidhch ann," thuirt es, "cha
bhidh thu 'n oidhch nochd ann."
"À nach leig thu staigh mi," thuirt
is ... e ... staigh gus an teine mi."
Thainig e gus an tein is bha
i 'na suidhe aig an tein.
"Èibh a chaillich," thuirt is. "tha
thu fàs mór?"
"Tha," thuirt is', "m' iteagan 's
m' oiteagan beaga ris na h-éi'lean,"
thuirt is, "mas teid an oidhche seachad
tu fios agad air."
Ach chan e seo a bh' ann thàinig
...
"Ma tha," thuirt es, "thig a staigh."
SA. 1957/41/B1
"Ò," thuirt is', "cha leig a feagal
liom leis na beothaichean a th' agad
a sin."
"Ach," thuirt es, "chan eagal dut
airson nam beothaichean."
"seo," thuirt is
"Thig a staigh ma tha," thuirt
es.
"sin agad," thuirt is', "ròineag
dhe mo thé mhosach is mar
chuireas tu sinn orra cea'aileas
i an Royal George ged a bhiodh i
fo làn shiùil. "Dhia!" thuirt a'
chailleach, thuirt e ris na ...
thuirt e nach i shéid. Chan eil
thu fhéin dona, thuirt e thuirt
e dar a tha ròineag mar sin."
Ach thainig i a sin staigh is
rinn i suidhe. Is dar thàinig ... n' air
fhuair e is a thàinig e fhuair e
ròineag is chuir e a's an teine i
is cha mhór nach tug e leis an
t-simileir agus [sa lt's all right you
can turn it away] fhuair i ... buail
e 'n ròineag a's an teine is cha mhór
nach tug i leis a' similear. Cea'ail
è gaoisnean luachair ort air na
beothaichean air an each 's air a chù
's air a sheobhag
Mach le leum e fhéin 's a chailleach
air a chéile. Dhia chuir a chailleach
fo ghlùn e, a sheòid, "seo," thuirt is
bàs bhos do chinn."
"Ach chan ann mar sin a bhitheas,"
thuirt es. Thug e glaodh air an each
's air a sheobhag 's air a chù. Cà bheil
mo chù 's m' each is mo sheobhag
thuirt is' ... thuirt es, "rugadh an
aon oidhch rium fhéin nach biodh
iad a seo."
Thàinig an t-each is bhreab (e)
a thainig a' seobhag is thug e na
suilean aisd thainig an cù is
bha e toir nam pìosan beò aisd
ach rinn e an gnothach air a'
chailleach.
"Bàs bhos do chinn a nis a
chaillich," thuirt es.
"Ó chan ann mar sin a bhitheas,"
thuirt is', "ach leig m anam lium,"
thuirt is', "bi mi 'na mo ghille is
na mo dh'ionracan agad gu am
a chiad an dara aois diag
dheth do shaoghal
dara
aon
a' chiad ... aois chiad ... agus aois
diag
dheth do shaoghal."
"Och" thuirt es', "cum sin is air
is na bheil as a chaidh dheaghaidh
Bàs bhos do chinn a chaillich
a nis." Fiach dhomhs'..." thuirt es,
"A taobh thuath
Chan e. Cha do bhruich Fiach
an_cuman
dhomhs'a cuman iochdair is
slacan draoidheachd a th' agad
ann a sin a faic sinn."
Thug i seo dhà is mharbh e
chailleach is fhuair e an cuman
iochdair is slacan draoidheachd
is thug e beò a bhràthair. Is dar
a thug e beò a bhràthair bha e
tighinn cuide ris dhachaidh.
Agus dar a bha e tighinn air a'
rathad cuide ris ... dar a bha
e tighinn air a' rathad cuide ris
"Cà robh thu?" thuirt es, a' raoir."
[O I'm sorry I thought that was
the fire I was going to put you
in the fire. H.H.: That's all right
on you go]
"Bha mise cuide ris a bhean
agad a raoir," thuirt es.
"Cuide ris a' bhean agam-as!"
thuirt a' ... a' Rìgh.
"'s e," thuirt es, "cuide ris a
bhean agad-as"
"À mhic na té seo," thuirt es, an
canadh tu sin rium-sa."
Agus shìn iad air a cheile is
mharbh e a bhràthair is dh'fhàg
e ann le sin e. Dh'fhag es ann a
sin e is thàinig e dhachaidh an
duin ceart uic' ma tha. Agus dar
thàinig e dhachaidh chaidh iad
a laighe a seo e fhéin 's a bhean.
"Dhia beannaich mise," thuirt
a' bhean aig, a' leddy ris, "gu dé
rinn thu raoir? thuirt is'
"Dé rinn mi?" thuirt e.
"Dar a thainig thu laighe carson
a chuir thu 'n claidheamh
eadarainn a's an leabaidh?"
"An d' rinn mi sin," thuirt es.
"Rinn," thuirt i is shaoileam-as
nach robh thu glic."
"Rinn thu sin," thuirt e
"Rinn," thuirt is
Mach a ghobh e n chaidh e
air ais gu bhràthair is fhuair e
'n cuman iochdair is slachdan
draoidhlachd is thug e beò a
brathair a rithist. Thainig an
dithis dhachaidh is chunnaig ...
... sheall a bhean "O gu'n gleidheadh
Dia mi," thuirt a bhean, "tha dà
dhuin agam an diugh."
ach
"Chan eil an té bh' agad agam
leis an fhear eile."
"Ao tha e coltach gu bheil," thuirt
e.
Dh'innis iad nis facal air an
fhacal mar a bha.
"Cà bheil an duin agad fhéin?"
es, thuirt iad rithe. "Ma nì
thuirt iad
thu fhéin a mach tha e ann a
shin agad. Fiach an dèan thu
mach e.
"Ó!" thuirt is, "cuiri' a mach
na lamhan is bi fios agam"
Is dar chuir iad a mach na
lamhan bha barr na lùdag a deas
dheth an duin aice fhéin.
"Ó," thuirt is', "cha chreid mi
nach e seo e." Wel 's e," thuirt i
"Wel 's e," thuirt
"Wel 's e," thuirt e, "sin an duin
agad."
Dh'innis iad nis facal air
an fhacal ann a sin mar a bha 's
mar a thachair 's na h-uile dad
6
"'s a bheil cuimhn agad-as,?" thuirt
Mac a' Rìgh air a bhodach bhaigeir
a chaidh seachad?"
"Ó tha," thuirt es'.
"Bheil cuimhn agad," thuirt es,
"dar a thuirt e gu marbhadh an
dàrna fear a' fear eile is tha e
coltach gu'n do thachair sin," thuirt
e.
"O tha e coltach gu'n do thachair."
"Cha do bhriagaich sinn am baigeir."
"O cha do bhreagaich."
Is chaidh iad dhachaidh gus an
taigh fhéin an taigh aca fhéin agus
chan eil fhios agams' nach eil iad
mar sin fhathast.
HH.: Glé mhath Sandy. Có dh'innis
an stòiridh sin nuair a bha thu òg?
A.S.: Dh'innis Seoc, brathair mo
mhàthair
H.H.: Bràthair do mhàthair?
A.S.: Hu hu my uncle
H.H.: John Stewart
A.S.: Aye John Stewart
Transcribed using automated handwriting recognition technology as part of the Decoding Hidden Heritages project.