Archival Reference

SSSA/TA/AT300/017

School of Scottish Studies SA1955.131.B4

Tobar an Dualchais/Kist O Riches

Transcript

AI
Informant:
Alexander Stewart
SA 1955/131/B4
Collector: C. MacLean
Dithis Mhac a' Righ (Sgeulachd a' Chòcaire)
A.T.300 + 303
Co bha ' seo, ma-tha, ach gu'm b' è - mar a bh' a's a' stoiridh -
rìgh bh' ann cuideach agus ... 's a' rìgh ' bha seo bha dithic mhic aig',
ach 's ann a bha mac aige le ... leis a' bhan-altruim agus ... cha robh fhios
aig a' bhan-righ gur ann leis a bha e ... gur ann leis a' bhan-altruim a bha e.
Bha e (sic) 'n duil gur ann le ... gur ann leath' fhéi bha na ... gur ann le ...
gur e fear a thog e bh'ann.
Agus a' latha seo - latha mór acu 's thanaig ... Cailleach nan Cearc mar a
chanas sinn rithe 'n comhnaidh :
Thuirt ise - bha i ' bruidhinn ris a' bhan-righ: "Tha thu smaoineachadh
gu'n ann agad-sa," thuirt is, "Gu'n ann aig do mhac-sa tha 'n oighreachd gu
bhi, ach chan ann," us is, "Bios an oighreachd aig mac na banaltruim."
"Co aig 'tha 'mac sin?" thuirt is.
"Aig mac na banaltruim," thuirt is.
'S bha 'ad cho colach ri chéile 's cha ghabhadh 'ad deanamh ' mach, agus:
"Well," thuirt is', "Ciamar a ni mi ' mach 'ad?"
"Well, innsidh mise sin," thuirt es' ... thuirt is', "ciamar a ni thu mach
ad. Tog thus'," thuirt is, "thoir an eigh orra 'stigh airson lunch agus
tog d' aodach suas seachad do ghlùn 's thig do mhac fhéi' 'staigh 's cromas
e 'cheann 's thig mac na ban-altruim 'staigh 's beireas e air a lunch as do
laimh 's cha chrom e 'cheann idir."
O, rinn i seo, thug i 'n éigh orra staigh airson lunch agus da' thanaig
'ad a' staigh, thanaig a mac fhéi' staigh ... thanaig a mac fhéi' 'staigh
's chrom e cheann 's thanaig mac na banaltruim a' staigh quite forward
agus rug e ... rug e air a lunch.
"O!" thuirt ise, "'s math bha fhiosam gu'n tu bh'ann!"
Thug i slaic ... sleog dha as a' leath-cheann.
"A well," thuirt es', "ma's e sin a tha," thuirt es', "cha bhi mise na's
fhaid' ann."
Bha e 'n uair seo 'dol a dh'fholbh 's, O, lean a bhràthair e 's bha e
feuchainn ri chumail air ais.
Ach, na co-dhiubh, eadar a h-uile sian a bh' ann, thug e air ais a'
latha sin e.
Ach, latha dhe na lathachan bha 'ad an uair-seo 's 'ad ann a' sin, 'stigh
's a ghreen mór aig a ... aig a' rìgh 's 'ad a' cluich - le 'g iomain.
Bha cnag ... Bha cnag airgid acaibh 's caman ... caman òir 's ad a' cluich
a' chnag: 's bha bodach a' dol seachad oraibh ann a' sin - seann bhodach.
"U/
2.
"U, ged is measail an dà bhràthair si'," thuirt es', "marbhas an dala
fear a' fear eile fhathast-aidh."
"O, guma h-olc a dh'éireas dhut-sa 'bhodaich," thuirt 'ad-as.
Thog es' air an uair seo:
"Well," thuirt es', "cha bhi mise na's fhaid ann, ma-tha," thuirt es'.
"Tha mise 'falbh."
Dh'fholbh e 's bha bhràthair 'ga chumail.
"O, cha thill mi idir," thuirt es'.
Thanaig e gus a' gheat' 's bhuail e bhuis air a gheat' - geat' iarunn
a bh' ann 's dh'fhag e 'n geat' dearg.
"Fhad's 'bhios an geat' dearg," thuirt es' "bi mise beò 's dar a dh'fhàsas
e dubh bi mi marbh."
Chum e air 's thanaig e 'nuas gus a' chladach 's thug e slat bheag a' mach
a bhroilleach. Rinn e long mhor (? sheidi sheili), 'h-aghaidh ri muir 's a
cùlaibh ri tìr. Choimh-.. Chomharr e na (?sgiop orr) 's na (?comharra)
go'n do ruig e 'staigh air ... rioghachd na Fraing.
Dar 'char e staigh gu rioghachd na Fraing bha ... rànaig e cailleach ...
taigh beag dubh ann a' sin 's seann chailleach ann, 's ors ise:
"O 'n d-tànai' tu, mo ghille bochd?" urs ise; "Co as a thànai' tu?"
Thuirt ise, "Tha righ_an còcaire," thuirt ise, "dol a phosadh. Chan e
'n còcaire 's coir dhomh 'chantainn ris ach a' righ," thuirt ise, "tha e
dol a mharbhadh na' fuamhairean móra a's a' mhonadh."
"Glé mhath," os es'.
Dh'éirich es' a's a' mhaduinn 's fhuair e tuagh 's char e suas go'n a'
choill.
Dar 'char e suas go'n a' choill chunnaig e ledi mhór 'na suidhe ri
taobh a' chraobh agus i 'còineadh.
"Dé tha 'cur riut mo nighean donn?" thuirt es', "Ledi mhór mar tha
thus', carson tha thu còineadh?"
"A, 's ioma' rud [
] nach fhaodar a bhi inns',"
thuirt is'.
"De rud mor tha 'nad (?adhraibh)s'?"
"Tha, fuamhairean a' tighinn 'ga mo mharbhadh," thuirt is'.
"'S nach eil fear dha do shàbhaladh?"
"O tha fear a bha 'ga mo shàbhaladh tha e shuas a's a' chraobh tha seo,"
thuirt i, "leis an eagal.
"A/
3.
"A well," thuirt es', "gabhaidh mise do leath-trom an diugh 's gabhadh
a rogha fear a màireach e."
"Ceart gu leòr," os is', "ma ... na faighinn-s' an diugh fhéi' seachad bu
math dhomh e, agus tha fuamhair ann agus dà cheann air - ceann 'na theine 's
ceann as agus tha ochd agus ochd (?cailleachan) deug ceanghailte ri iallan a
bhrògan."
"Well," as is' ... thuirt es', "Tòisich air (?smeurachadh) mo cheann
ma-tha."
"Well," thuirt i, "ma chaidileas tu, dé 's dùsgadh dhut?"
"Aon bheum siosar as a' chluais dheas agam."
"Glé mhath," ors is'.
Cha robh 'ad fada 'sin dar 'chaidil es'; 'n déigh dha-sa' chadal thanaig
a' fuamhair mór 's ceann a' dol 'a thein agus ceann as air agus ochd agus ochd
(?cailleachan) deug ceanghailte ri iallan a bhrògan.
Ach, na co dhiùbh, thug is' beum-siosar as a' chluais dheas aig' 's
dh'eirich e 's chunnaig e 'fuamhair agus leum 'ad air a chéile ann an carachd
's ann a sin bha na caran cruaidh; smaointich e gu'm be sud a' cheuf treun
'an deach e riamh 's gu' robh nàir' mhór gu'n cailleach e; chuir e air slaitich
a dhrom' e 's thug e dheth na cinn. 'S thug e na teangaidhean 's na sùilean as
... 's thanaig an còcair' - thanaig e 'nuas as a' chraobh.
"Seo, seo!," thuirt es' "Tog na cinn seo air mo mhuin."
Thug e dachaigh na cinn 's dar thug e dachaidh na cinn char e 'staigh gus
a' righ leis.
"O, 's e bean dhaor dhomhs' tha seo," thuirt es'.
"O, gu dearbha," thuirt a' righ, " 's e bean gu math daor dhut a th' ann."
Thanaig es' dachaigh 's, ò, bha chluais aig' geairrt' far an do ghearr a'
siosar e 's dh'fhaighnich a' chailleach gu dé rinn seo air.
Agus, ò, bha i 'cur rud air a chluais, agus thuirt ise:
"Choisinn an còcair' ... chan e 'n cocair as còir dhomh chantainn ..."
"O'n d'fhuair an còcair ... ?" os e.
"Uist!" thuirt is', "chan fhaod thu bhi cantainn a' chòcair 's feumas thu
chantainn a' righ ris."
Ach, na co-dhiùbh eadar a h-uile sian a bh' ann char a' latha bha sin
seachad.
'Deanamh stòiridh fhad dhe'n a' ... 'deanamh stòiridh ghoirid dhe'n a'
stòiridh fhad char e suas oidhch' a' la'rna mhaireach ... a là'rna mhaireach
's dar char e suas bha i a's an aon àit'.
"Bheil/
4.
"Bheil thu ' seo an diugh romham?"
"O, tha," os is', "tha mi ann a' seo an diugh cuideachd.
Agus: "Ciamar tha thu 'n diugh?" thuirt ise (sic).
"Tha fear le trì chinn ri thighinn an diugh," thuirt is', "agus ...
a' dol 'ga mo mharbhadh."
"'S cà bheil an còcair' an diugh?"
Bha e pios na b' àird' a's a' ch-... a's a' ... a's a' chraobh a'
latha sin.
"A well," thuirt es', "gabhaidh mise do leath-trom an diugh ach gabhadh
a rogha fear a maireach e."
"A well, na faighinn-as an diugh seachad cha bhi guth againn ri chantainn."
Ach, na co-dhiùbh, fhuair e ... bha e direach na laighe ... na chadal air a ...
a cheann air a glùin 's dh'fhaighnich i dé bu dhùsgadh dha.
"Aon bheum-siosar," thuirt es', "'thoir as a' lùdag dheas agam."
Ach, co-dhiùbh cha robh sin fad' dar a thanaig a' fuamhair a bha seo -
trì chinn air ceann ... dà cheann a dol 's thein' agus ceann as agus ochd agus
ochd (?cailleachan) deug ceanghailte ri iallan a' bhrògan.
Ach, co-dhiùbh bhuail ... char 'ad na chéil' ann an carachd 's abair gun
do dh'fhiach 'ad air a chéil' ann a' sin 's ann a' sin a bha a bha na caran cruaidh,
ach smaointich e gu'm b' e sud an darna treun 'an deach e riamh 's gu robh nàire
mhór gu'n cailleadh e 's thug e 'n togail mhór eibhinn aighearrach dha 's chuir
e air slaitich a dhrom' e 's thug e dheth na cinn sa h-uile sian 's thug e
na teangan 's na sùilean asda. Char e dachaigh.
Och, bha 'chailleach a (bha aig an ?) taigh air a dòigh 's bha i 'cur
clùd air a laimh:
"Hó, 'n cual' thu gun do choisinn an còcair ... a' rìgh?"
"O, 'n do choisinn an cocair?"
"Uisd, a bhradain!" thuirt is', "no gabhaidh mi 'n clodha dhut. Chan
eil math dhut a bhi 'cantainn a chòcair."
"O", thuirt es', "chan urra dhomhs' a leasachadh. 'S e 'n còcair a
chanas mise ris."
Cha robh guth air seo. Maduinn a' mhaireach a bh'ann - char e suas
agus dar 'char e suas:
"A bheil thu 'seo an diugh a rithist?" os es'.
"Tha /
5.
"Tha mi ann a' seo," ors is'.
"A well," thuirt is' (sic) "chan eil fhios agams' dé ni mi riut,"
thuirt es', "ach feuchaidh mise do leath-trom an diugh ... a ghabhail an
diugh;" thuirt es', "gabhadh a rogha fear a' maireach e."
"O well," thuirt ise, "na faighinn-as an diugh seachad cha bhiodh
an corr ann, ach," thuirt i, "tha fear a th' ann an diugh," thuirt is',
"tha e gu math fiadhaich; tha ceithir chinn air."
"A, well, chan eil cothrom air," thuirt es'.
"De 's dùsgadh an diugh ma chaidileas thu?"
"Liad bonn leth-chrun," thuirt es', "a thoir a mullach mo chinn le
beum-siosar."
Ach, co-dhiùbh, bha 'ad ann a' sin 's dh'fhuirich e gus 'n do ...
chaidil e 's thanaig a' fuamhair mór 's tri chinn a' dol 'n thein 's
ceann as agus ochd agus ochd (cailleachan?) deug ceanghailte ri iallan a
bhrògan.
Ach co-dhiùbh, thug ise aon bheum siosar a mullach a chinn 's dh'éirich
e suas. Well ghabh e nadur eagal bhuaith' agus thuirt e ris:
"Ni mi fèidhrachd riut," os es'.
"Ma thuiteas mis' an toiseachd," thuirt es', "ligidh tu 'n àird' mi
's ma thuiteas tus' ligidh mis' an àird thus'."
"Ceart gu leòr," thuirt es'.
Ach, co-dhiùbh, char 'as 'na chéile: O, bha 'ad sios agus suas ann a'
sin - ach thuit an gill' òg gu dhà ghlùin.
"Cuimhnich gu lig thu 'n àirde mi."
"O," thuirt e, "ligidh mi 'n àird' thu."
Lig e 'n àird' e. Char 'ad 'na chéile 'rithist-ich agus thuit a'
fuamhair.
"Lig an àirde mi," thuirt a' fuamhair.
"Cha lig," os es', "tha thus' done."
Ach, na co-dhiùbh, chuir e 'n uair-seo ri ralamh e 's thug e dachaigh
na teangaidhean 's na sùilean 's a h-uile sian - seo an oidhche mu dheireadh.
O bha 'n còcair an oidhche seo 'dol a phòsadh; 's e choisinn a' bhean,
mar b' fhior.
Ach/
6.
Ach, co-dhiùbh, char es' dachaidh 's oidhch' a' la'rna mhaireach, 's e
oidhche na ... a' rèitich a bh'ann 's bha bàl mór 'sa chaisteal.
"Well," thuirt e, "tha mi fhéi 'dol sios feuch a' faic mi 'm bàl."
Char e sios.
Och, bha ' rìgh ... an còcair' ... bha e ann a' seidhear a' righ na
shuidhe 's e air a dhoigh glan agus bha crowd mór a' staigh 's a chaisteal
's bha es' ag inns' na' sgialachdan 's a h-uile sian a bh'ann. Bha 'n g--.
Thanaig es' a' staigh - an gill' òg. Sheas e gu math neutral a' mach
bho chàch ... 'n a shuidh' ri ... a' seasamh pios air folbh; cha robh e ach
na shreinnseir.
Ach, dh'ith 'ad biadh 's bha féosd mhór ac' ann a' sin - deoch gu leòr
agus thuirt a' bhean òg:
"Well," thuirt is', "tha mis' toir a' mach beagan cluich ann a seo,"
thuirt is' - agus a' chluich 'thug i mach, thug i 'mach lurgainn damh agus
chuir i air a' bhòrd e.
"Nis," thuirt i, "cò tha 'dol a bhristeadh sin?" thuirt is'.
Dh'éirich an còcair' 's ma's a fior dha fhéin 's e es' a' cheud fear a
bha 'dol a bhualadh e, 's a' cheud buille 'thug an còcair' dha chrath e
'laimh 's bha e 'cur a laimh na bheul.
"Bu tu fhéi' thug a' staigh a' chluicheag neònach," thuirt es'.
"A, gu dearbh," thuirt e (? tha ... 's i)"
Ach cha robh guth air 'seo. Ruith e air a h-uile duine bha 'staigh;
cha robh duin' ann a bhristeadh a' lurgainn damh.
"Tha mi 'faicinn gill' òg thall 'na sheasamh a' sud," thuirt i.
"Nach fhaodadh es' fheuchainn?"
"Ach," urs e, "dé 's fheairrd' mis' fheuchainn dar a dh'fheuch a h-uile
duin' e?"
Ach thanaig e 'nall 's dh'fhiach e e, 's air a' chiad gleadhar 'thug es'
dha bhrist e na ceithir chasan fo'n a' bhòrd 's bhrist e 'lurgainn damh
's bhuail pios an còcair a's an t-sùil dheth 's theab e 'bhi dall.
Agus sheall e 'n uairsin ... sheall is' an uair sin:
"Ach saoileadh sibhs' a' nis," thuirt is' ri h-athair, "có choisinneadh ...
co mharbhadh na fuamhairean - 'fear a bhristeadh a' lurgainn damh," thuirt i,
"na 'fear nach bristeadh?"
"A well," thuirt a' righ, "chanainn gu'r e 'fear a bhrist a' lurgainn damh
a choisinneadh ... a mharbhadh na fuamhairean."
"'Faca sibhse riamh," thuirt ise, "cinn gun shùilean na gun theangaidhean?"
"Chan /
7.
"Chan fhac'" os es'.
"Well, seallai' air na cinn tha sin," thuirt is. "Chan eil sùil na
teangaidh annt'."
Dh'fholbh e 's dh'fhosgail e - 'n gill' òg - dh'fhosgail e na sùilean
's na teangaidhean.
Chaidh beirsinn air a' chòcair 's a chur 'mach 's a bhreabadh 's a
chiceadh a' mach as an àit 's phòs an gill' òg 'bha seo 's a' ledi.
Agus char 'ad ... tha e colach gu' robh banais mhór ann 's char 'ad
a laigh' an oidhche bha seo 's dh'fhairich es' - an gill' òg - seo tighinn
a' staigh.
"De tha sud?" os es'.
"Ach!" thuirt is', "na toir feairt air; tha sionnach a' deaghaidh
a ruagadh."
"Well, ma fhuair e 'ruagadh a riamh gheobh e 'nochd e," os es!.
Mach an deaghaidh an t-sionnach a thug e.
Far am b' adhart air-as, b' adhart air an ... far am b' adhart ais-as'
b' is air an t-sionnach sios agus suas gus 'n do land 'ad taigh caol fada
dubh 'staigh 'sin.
Dar char e 'staigh a' sin cha robh sealladh air an t-sionnach. Bha
teine mór ann a' sin air 's bha es' 'ga gharadh fhéi' aig an teine mhór a
bha seo 's dar char e staigh cha robh e fad' ann a' sin dar a dh'fhairich e
gnog-gnog aig an dorust.
"Co tha sin?" os es'.
"Thà cearc (bhruchd) na h-aon oidhch'," thuirt is'. "Bios i oidhch' air
beinn 's bios i oidhch' a' seo."
"Ma (? tha thu h-uile) oidhch' ann, a chaillich," thuirt es', "cha bhi
thu 'n oidhche nochd ann." agus:
"Uid!" thuirt is', "lig a' staigh mi," urs i; "cumaidh mi sgeulachd 'is
duan dhut gu latha."
"Well, thig a' staigh, ma-tha," thuirt es'.
"Tha eagal orm a thighinn a' staigh leis na beothaichean agad,"
thuirt es' (sic).
"A, cha bhean na beothaichean dhut."
"Ach, ha-la," thuirt is', "shin agad ròineag dhe'n te agam," thuirt is',
"'S cheanghaileadh i River George ged bhiodh e fo làn shiùil."
Rinn es' seo: cheanghail e na beothaichean 's thanaig a' chailleach
staigh agus bha 'chailleach ann a' sin.
"Huit/
8.
"Huit! Huit! Huit!" theireadh a' chailleach.
"Tha thu 'fàs mór, a chaillich."
"M' iteagan is m' oiteagan a' breacadh ris na h-eibhlean," us is'...
"Tha thu fàs mór, a chaillich."
"M' iteagan is m' oiteagan a' breacadh ris na h-éibhlean."
Ach, 's ann a chuir e fhéi' 's a' chailleach a' mach air a chéile.
"O", thuirt i, "cha dean thus' idir orm-as mar a rinn thu air mo thriùir
mhic."
Char e fhéi' 's a' chailleach far a chéile 's dh'fheuch 'as air a chéile
's thuit an gill' òg agus tha e colach gu'n do bhrist i dhruim 's chuireadh
air a (?charradh) aig (?luaidh) clach e ... cùl an tein' e.
Bha es' ag éigheachd air a chù 's air a sheobhag agus 'each a rugadh
an aon oidhche ris fhéin:
"Gur son nach biodh 'as a' seo ach an toireadh 'ad dhomhs' cobhair?"
"Teannaich a riob," thuirt is', 'na lig a fad."
Cha robh guth air seo .. sheall ...
Thanaig a bhràthair 's sheall e air a' gheat'; chunnaig e 'n geat' dubh
"A well, well!" thuirt es'. "Tha mo bhràthair marbh."
Thog e air 's bhuail e air adhart 's thug e slat 'mach a bhroilleach: rinn
a long mhor (?sheidi sheili), a h-aghaidh ri muir 's a culaibh ri tir;
chomharr e na (?ciop) orr 's na (?comharra) gu's 'n do ruig e 'staigh rioghachd
na Fraing.
Dar a thanaig e 'staigh a' sin 's ann an taigh a bhrathar-céile ... an
taigh a bhrathar ... an taigh bean a bhràthar a thanaig e 's dar thanaig:
"O, beannaich mis ... " - bha 'ad cho colach ri chéile - "gu dé,"
thuirt is', "'chùm air folbh thu fad na h-oidhch?"
"O, seadh," thuirt es'.
"Thig a laighe."
Char es' a' staigh a laighe 's dar 'char e laighe tharruing e 'n
claidhe' 'staigh eatorra.
Agus: "Dé tha sud?" thuirt es'.
"A nach eil fhios agad de mar a tha," thuirt is'; "Sionnach a' déidh
a ruagadh."
"Well/
9.
"Well," thuirt e, "ma fhuair e riamh e gheobh e 'nochd e."
Agus an deaghaidh an t-sionnach ghabh es - an t-aon rathad 's a char
a brathair 's ... gu's an do ruighinnig e 'n taigh 's chunnaig e bhràthair
air cùl leac-an-tein' 'sa dhruim 'na dhà leth, ach, co-dhiùbh, rinn e 'n uair
seo suidhe. Bha e sealltainn air a bhràthair 's nach ..., bha 'bhràthair
marbh.
"Well," thuirt e, "tha seo garbh."
Ach dh'fhairich e 'gnog-gnog' 'tighinn aig an dorust:
"Co tha 'seo?" thuirt es'.
"Cearc bhruchd na h-aon oidhch'," thuirt i. "Bios i oidhch' a' seo."
"Ma (?fhuair thu riamh) oidhch' ann, a chaillich, cha bhi thu 'n
oidhche nochd ann."
"Lig a staigh mi," thuirt is, "'s cumaidh mi sgialachd is duan dhut
go latha."
"Thig a' staigh, ma-tha," thuirt es.'
"Tha eagal orm a dhol a' staigh leis na beothaichean a th' agad."
"Cha 'n eagal dut; cha bhean na beothaichean dhut."
"Ach, ha-la," urs i, "shin agad ròineag dhe'n te agam-as," urs is',
"'s chumadh i River George ged bhiodh e fo làn shiùil.
Rug es' air a' roineag 's chuir e air a' mhaide-ceanghailt' e 's
cheanghail e na beothaichean aige ri rud air choireigin eile. 'S thanaig
e (sic) 'staigh ann a sin 's bha 'ad na' suidhe.
Och, thòisich an aon rud:
"Tha thu 'fas mór, a chaillich," thuirt es'.
"M' itean is m' oitean," urs is', "a' breacadh ris na g-eibhlean."
"'N e seo mo sgialachd, a chaillich?"
"Hah! m' itean is m' oitean a' breacadh ris na h-eibhlean."
'S ann a bhuail e fhéi' 's a' chailleach air a chéile. Bha 'ad sios
agus suas ann a' sin; ach ciamar 's bith a leag es' a' chailleach:
"Mo chù 's mo sheobhag is m' each," thuirt es', "a rugadh an aon oidhch'
rium fhéi' gus an toireadh 'ad dhomh-s' cobhair."
"O/
10.
"O, lig an àirde mi," os is, "'s beir mi beo ... bheir mi dhut, urs i ...
bheir mi dhut (...) beò do bhràthair."
"Cà bheil e?" thuirt is' (sic)
"Gheobh thu 'Slachdan-Dreum," os is, "'s an Claidhe' Gach-Solust
's an Cuman-Uachdair 's an Cuman-Iochdair," thuirt is'. "Tha e air cùl
a leithid seo a dh'ait'."
"Well," urs e, "bi sin agam as do dheaghaidh, a chaillich," thuirt es.
'S mharbh es' a' chailleach 's thug e beò a bhràthair 's bha e fhéi' 's
a bhràthair a' tighinn dachaidh 's 'ad cuideachd.
'S sheall es' air a bhràthair cho simple:
"Bha mis' a' laighe comhla ris a' bhean agad," urs es', "a' raoir."
'S ann a char 'ad fhéi' thar a chéile 's 's ann a mharbh an dala fear
a' fear eile dhiubh ann a' sin - a' fear a bha pòsd', mharbh e 'fear a
thànaig.
Well, cha robh guth air sin; char es' dachaigh 's dh'innis ...
"O, beannaich mis!" thuirt a bhean, "Bheil thu 'dol a dh'fhuireachd
idir aig an taigh?" thuirt i. "Thanaig thu raoir ann a' seo," thuirt i,
"'s thug thu 'n claidhe' ruisgt' eadarainn."
"O, well," thuirt es', "ma tha mi 'h-uile h-oidhch' air folbh, bi mi
'n oidhche nochd air folbh."
Thill e air ais an uair-sin 's thug e ... fhuair e 'n Claidhe' Gach-Solust
's a Slachdan-Dreum 's thug e beò a' bhrathair fhéi' 's thanaig 'ad dachaigh
's dar thanaig e air ais gu's a' bhean chan aithnicheadh a' bhean 'ad.
"A well," urs i, "tha dà chuin' agam a nis an àit' an aonan, ach, cuiri'
a' mach na lamhan," thuirt is'.
Chuir es' a mach a laimh 's bha 'ludag dheth 's:
"O, seo a' fear agam-s', "urs i.
Well, phòs es' agus a piuthar eile 's bha 'ad ann a sin cho math 's a
bha latha cho fad' dheth.
'S chan eil fhios a'm-asa de dh'éirich dhaibh 'o'n uair sin.
From his grandmother and father. His grandmother died in 1914 aged 82
Transcribed using automated handwriting recognition technology as part of the Decoding Hidden Heritages project.