Iain Mac na Banntraich
Scotland
- Archival Reference
- SSSA/TA/AT300/016
- Date
- 1954
- Item category
- Transcription
- Aarne-Thompson index
- AT0300: The Dragon‑Slayer
- Language
- Scottish Gaelic
- Town
- Rue Arisaig
- Parish
- Arisaig and Moidart
- Collector
- C.I. Maclean
- Narrator
- William MacDonald
- Narrator source
- narrator's grand-uncle (MacLeod, Iain)
- Link
- View entry on tobarandualchais.co.uk
Archival Reference
SSSA/TA/AT300/016
School of Scottish Studies SA1954.052.B2
Transcript
AIInformant: William MacDonald, ArisaigSA 1954/52/B2Collector : C.I. MacleanIain Mac na BanntraichAT 300.Bha siod uair ann banntrach bhochd agus cha robh aic ach aon ghilleagus 'se Iain an t-ainm a bh'air. Bha 'ad uamhasach bochd. Thuirt elatha bha seo ri mhàthair gu feumadh e folbh 'ga chosnadh."Chan fholbh," thuirt a mhàthair, "fuirichidh tu còmhla rium fhìn.""Feumaidh mi folbh," ors esan, "chan eil e math 'sam bith a seo."Chuir e air is dh'fholbh e 's a' mhadainn Di-Luain - tha mi smaoineachadhgur h-ann air madainn Di-Luain a dh'fholbh e. Is bha e folbh 'sa folbh's a folbh, is bha e cumail air 's thainig e sin gu baile mór briagha anna sin is bha balla mór timchioll air a' bhaile is chan fhaigheadh e staigh.Bha gobhainn ag obair ann an ceardach goirid fo'n bhaile. Rinn edìreach air a' cheardaich is chaidh e sios is chaidh e staigh d'an cheardaichis bha e bruidhinn ris an ghobhainn. Dh'fhoighneachd e faigheadh e ...dhe'n ghobhainn a faigheadh e obair aige."Ó chiall," thuirt an gobhainn, tha mi glé thoilichte," ors esan, "gu'ndàna tu," ors esan, "tha dìreach ... tha gill' ùird a dhìth orm," ors esan,"airson bualadh an ùird," ors esan, "agus tha mi glé thoilichte gu'n dànatu.""Gasda," thuirt Iain, "bi sin ceart gu leòr.""Dé 'n tuarasdal a tha thu 'g iarraidh?" thuirt an gobhainn."À chan eil," ors esan, "ach clach luaidh an ceann na ... bheir mibliadhn agad ag obair," ors esan, "agus their thu dhomh clach luaidh.""Hud," ors an gobhainn, "gheibh thu còrr na tha sin.""Chan fhaigh. Siod na tha dhìth orm," thuirt e.Gasda. Thòisich e là-r-na-mhàireach 's a' cheardaich agus 's egill' ùird a b'fhearr a bh'aig a' ghobhainn riamh. A chuile buille atheireadh Iain air an innean bha e cho math ri ciad buille theireadh nagillean a bh'aige roimhe sin. Bha iad a' faighinn air adhart uamhasachmath is bha e fhein is bean a' ghobhain bha iad uamhasach còirdte is bhacloinn ... a' chloinn cho math sin dhà is bha iad a' faighinn air adhartuamhasach math.An ceann na bliadhna thuirt Iain ris a' ghobhainn: "Tha mis' a' falbha' màireach," ors esan, "is bheir thu dhomh mo thuarasdal.""Ó chan fhalbh thu idir, " thuirt Iain ... thuirt an gobhainn, chaneil sinn sgìth dhiot fhathast.""Ó tha mi folbh co dhiù," thuirt Iain.Thug an gobhainn dhà clach luaidh is chaidh Iain a mach. Chaidh2.Iain 'n a' cheardaich agus leagh e a' chlach luaidh agus dar a bha ileaghte chaidh e mach cùl na ceardaich is rinn e caman orra - caman air a'luaidh. Is dar a dh'fhuaraich a' luaidh chuir e 'n caman trì uaireanma chuairt air a cheann mar siod. "Ó, cha dean e math 'sam bith,"thuirt e. Thilg e siod e. Chaidh e staigh far robh gobhainn."Ó," ors esan, "tha mi dol a ghabhail agad airson bliadhn eilefhathast," thuirt e."Ó tha sin uamhasach math," thuirt an gobhainn, "dé an tuarasdal abhios a dhìth ort an trip seo?""Clach luaidh," thuirt e."Hod, cha dean e math 'sam bith," thuirt an gobhainn ris, "'sd'fhiach thu an còrr na sin.""Hod, siod na tha dhìth ormsa," ors esan, "clach luaidh.""Gasda," thuirt an gobhainn, "gheibh thu sin."Dh'obraich Iain fad na bliadhna aig a' ghobhainn ag obair anns a'cheardaich agus 's e fear ùird a b'fhearr a bh'aig a' ghobhainn riamh.A chuile buille theireadh e air an innein bha e dìreach a cheart cho mathri ciad buille theireadh na gillean a bh'aige roimhe sin. Agus bha beana' ghobhainn agus a' chloinn is iad uile gu léir timchioll air Iain 'sann a bha mios uamhasach ac' air. Ach co dhiù an ceann na bliadhnathuirt Iain:"Bliadhna màireach ... bliadhna an diugh," ors esan, "fon a thainigmise an seo," ors esan, "is tha mo thùrn criochnaicht is tha mi folbha' màireach.""Ó chan fholbh thu idir," thuirt an gobhainn."Falbhaidh," thuirt esan. "Thoir dhomh mo thuarasdal.""All right," thuirt an gobhainn, "gheibh thu sin."Fhuair Iain a' chlach luaidh is chaidh e mach a ... chaidh e staighdh’an cheardaich agus chaidh a' chlach luaidh a leaghadh agus an caman bhacùl na ceardaich a chur còmh ris agus rinn e caman mór air. Chuir e trìuairean ma chuairt air a cheann e agus: "Huh," ors esan, "cha dean emath 'sam bith," thuirt e.Chaidh e staigh do'n cheardaich. "O wel," thuirt esan ris a'ghobhainn, "tha mi dol a ghabhail agad airson bliadhn eile fhathast,"thuirt e. "Tha mi ... ""Glé mhath," thuirt an gobhainn, "tha mi fiadhaich toilicht airson sin."Dh'fholbh e ... dh'obraich e fad na bliadhn aig a' ghobhainn agus codhiù dar a bha ... thàinig a seo ceann na bliadhna thuirt e ris a'ghobhainn: "Tha mise folbh a màireach," thuirt e."A ghiall," thuirt an gobhainn, "nach bochd ... chan eil sinn sgìthdhiot fhathast," thuirt e."Thoir dhomh mo thuarasdal," thuirt e. "Thoir dhomh mo thuarasdal(bliadhn'?) is tha mi falbh."Chaidh e mach. Thug e leis a' chlach luaidh is chuir e ann am poitmhór dh'an teine i is rinn e ... leagh e air an teine aig a cheardaich i ischuir e seann chaman còmhla ris agus dar a bha e sin fuar chuir e trìuairean ma chuairt air a cheann mar siod e. "A wel, nì e 'n gnothacha nis," thuirt e.Dh'fhàg e beannachd aig a' ghobhainn 's dh'fhàg e beannachd aig abhean 's dh'fhàg e beannachd aig a' chlann is bha iad a' caoineadh 's a'gal dar a dh'fholbh Iain. Bha e cumail air a sin 's a' caman aig' aira ghualainn agus ràinig e baile mór ... ràinig e geataichean a' bhaile.Dh'fhoighneachd e a faigheadh e staigh a siod is thuirt iad gu faigheadhagus chùm e air is chaidh e staigh 'na' bhaile is thachair a' righ ...Bha rìgh 's a' bhaile sin 's thachair e air is thuirt Iain gu robh a 'giarraidh obair."Chan eil obair agamsa," thuirt a' rìgh, "a their mi dhut," orsesan, "ach ma ghabhas tu ad bhuachaill agam," ors esan, "airson coimheadan deaghaidh a' chruidh," thuirt e, "gheibh thu ... their mi dhut e.Bheir mi dhut obair.""Och wel," thuirt Iain, "tha sin ceart gu leòr. Gabhaidh mis' anobair sin ma ta," ors esan. Agus bha "Hó hó" aige, fhios agad, 's egabhail air gur e leith bhuaidh a bh'ann - "Hó hó" aige.Co dhiù chaidh e staigh ... fhuair e deanamh dheth aig a' rìgh 'sna bh'ann agus an ath ... an la-r-ne-mhàireach bha aige ri falbh leis a'chrodh a staigh do phàirce mhór a bha sin agus an cur a staigh ann isbha aige ri fuireach an sin fad an latha. Bha aige ris a' chrodh a thoirtdachaidh feasgar a rithist. Agus dar a bha e falbh thug a' rìgh dhàbiadh. Chan eil fhios agamsa dé uibhir de bhiadh 's a thug e dhà achthug e dhà de bhiadh na dheanadh an gnothach dhà fad an latha co dhiù agusbotal fian agus bha Iain toilichte gu leòr agus chùm e air is dh'fholbh eleis a' chrodh."Wel," thuirt a' Rìgh ris, "tha thu folbh leis a chrodh?""Tha.""Wel," ... is a ... tha thu folbh leis a' chrodh?""Tha."Wel, dh'fholbh Iain leis a' chrodh co dhiù is chum e air is chaidhe staigh don a' phàirce is thugar a staigh a' crodh is bha ... ò bha efad a' latha timchioll a' chruidh is bha e a seo a' folbh dhachaidhfeasgar. Thàinig foimhear mór a nuas a sin agus bha e dol air fheadh a'... bha e dol air fheadh a' chruidh mar siod agus rug e air an damh bumhotha bh'anns a' phàirce agus ... mar siod agus chaith e air a ghualainne agus dh'fholbh e leis."A mhèirlich, a mhèirlich," thuirt e ... Iain ris, "goid cuid momhanager a tha thu."4."A dhuine shuaraich," thuirt ... "gun diù," thuirt a' robair, orsesan, "òlaidh mi air an uisg fhuar thu," ors esan, "mar a dùin thu dobhial."Is thilg e dheth an damh a bh'air a ghualainn agus ... aig Iain abhith: "O dod damadaidh," ors Iain, ors esan, "dean air do shocair,"ors esan, "'s duin uasal thu," ors esan, "òlaidh tu drama bhuam antoiseach," ors esan, "ma ma'n tòisich thu air an obair sin." Agusthug e mach am botal fian agus thug e siod do'n fhoimhear. Rug anfhoimhear air ... rug an t-fhoimhear air a' bhotail agus chuir e siosna amhaich mar siod e agus bha e 'ga òl agus rug Iain air a chaman aguschàirich e air a' bhotul mar siod e is chuir e am botul sios 'na phìosanann an amhuich an fhoimhear agus thuit a' foimhear fuar marbh aig achasan. Dh'éirich e air agus rinn e cabhsair dheth anns a' chachlaidhmhór a bha dol a mach.Feasgar sin dh'fholbh Iain dhachaidh leis a' chrodh is bha ' rìgh's a chuile duine 'sa' bhaile feitheamh ris."À nach tusa 'n duine sona thainig dh'an ròighachd agams'. Thanatu dhachaidh leis a' chrodh saor sàbhailte mar a dh'fholbh thu leotha.Cha robh buachaill againne riamh a dh'fholbh le crodh na le caoraich as aseo a thainig dhachaidh beò mar a tàinig am fear sin." Agus cha duirtIain guth.'Sa' mhadainn la-r-ne-mhaireach bha Iain a' folbh leis a' chrodh arithist. Thàinig a' rìgh far a robh e."Tha uamh mhór shuas an siod," thuirt an rìgh, ors esan, "agus bhatrì foimhearan a' fuireach innte," thuirt esan, "agus am mathair," thuirte, "is chan eil air fhaicinn an diugh," ors esan, "ach a dhà. 'S eduine sona tha unnad," thuirt e ri Iain, "thigh'n dh'an rìoghachd agam-sa.""Glé cheart," thuirt Iain. "O ho!" aige, cha robh 'm bainne stad.Dh/fholbh e co dhiù leis a' chrodh. Thug a' rìgh dhà biadh is achuile rud a bha dhìth air agus botul fian. Co dhiù ràinig Iain leis a'chrodh is bha iad a' dol ma chuairt anns a' phàirc is bha chuile dadceart. Feasgar seo, dar a bha e folbh dhachaidh chunnaig e foimhearuamhasach a' tighinn - fear bu ... bu mhutha uile na chiad fhear - a'tighinn is chaidh e air fheadh a' chruidh chon an damh bu mhutha bh'annsan treud. Rug e air, chaith e air a ghualainn e agus dh'fholbh e leis.Dh'fhalbh Iain as a ... "A mhèirlich, a' mhèirlich," ors esan, "tha thugoid cuid mo mhaighistir," ors esan. "Dé tha thu minigeadh?""A rud gun diù," thuirt am foimhear is thilg e dheth an t-ultach,"òlaidh mi air an uisg fhuar thu," thuirt e."Nuair dh'òlas," thuirt Iain, ors esan, "bidh fhios againn air 'ncòrr ma dheaghainn," ors esan, "mas duin' uasal thu," ors esan, "òlaidhtu pàirt dheth siod an toiseach," is thug e mach am botul fian agus thuge siod dh'an fhoimhear. Chuir a' foimhear am botul fian 'na amhaich agusbha e 'ga òl agus dar a bha e 'ga òl chàraich Iain an caman luaidh air marsiod agus chuir e sios 'na sgòrnan e. Bha foimhear marbh. Dh'éiriche air leis a chaman an sin is rinn e cabhsair dheth aig a ... cabhsairdheth aig a' chachlaidh.5.Dh'fholbh Iain dachaidh leis a' chrodh is cha robh duine 'sa' bhailenach robh a' feitheamh Iain a' dol dhachaidh. An crodh gu saor sàbhailtis bha chuile dad ceart - bha chuile crodh gasda. La-r-na-mhàireachbha Iain a' folbh leis a' chrodh a rithist. Thàinig a' rìgh far a robhe."Is tù an duine sona tigh'n dh'an rioghachd agamsa," thuirt e"Bha trì foimhearan móra," ors esan, "'s an uamh shuas a siod," orsesan, "is chan eil ri fhaicinn an diugh," ors esan, "ach aon fhear agusa mhàthair," thuirt e. "Am mathair còmh riutha," thuirt e. "Chadeachaidh beathach air chall orm," ors esan, "fo'n thainig tu dh'anrìoghachd."Cha duirt Iain guth. Fhuair Iain a chuid biadh is a chuid a ...na bha dhìth air agus botul fian is chuir e siod 'na achlais is dh'fholbhe.Feasgar ud dar a bha e folbh dhachaidh leis a' chrodh thainig foimhear.Ó fear uamh.... bha fear seo na bu mhutha na càch uile 's e seo ... antreasa fear bu mhutha uile gu léir. Rug e air an damh bu mhutha bh'aigIain anns an treud agus thilg e siod air a ghualainn is dh'fholbh e leis.Dh'fholbh Iain as a dheaghaidh "A mhèirlich, a mhèirlich," ors esan, "thathu goid cuid mo mhaighistir," ors esan. "Fàg iad," thuirt esan."À rud shuaraich," thuirt a' foimhear tilleadh dha ionnsaidh, "mar ah-òl mi air an uisg fhuar thu," thuirt e, agus aig Iain a bhith."Och wel mas duine uasal thu," ors Iain, ors esan, "òlaidh tu drama'n toiseach," ors esan, "m'an teid sinn an greim."Agus rug am foimhear air a' bhotul fhian agus chuir e sios na amhaichmar siod e is bha e 'ga òl agus dar a bha e 'ga òl chàirich Iain an camanluaidh air agus chuir e sios 'na amhaich e dìreach rinn e ciad mile pìosdheth dìreach ann am broilleach an fhoimhear agus thuit a' foimhear isdh'éirich air leis a' chaman agus rinn e cabhsair dheth ann a sin.Dh'fholbh Iain dhachaidh leis a' chrodh. Dh'fholbh Iain dhachaidhleis a' chrodh 's ó 's ann a bha righ 's nighean a' rìgh - nigheanuamhasach briagha bh'aig a' rìgh - chuile gin dhiùbh bha iad a feitheamhri Iain is chaidh e dhachaidh. Bha 'n crodh aige mar a dh'fholbh e leothais cha do ghabh e air sian."'S tu 'n duine sona a tigh'n dh'an rìoghachd agamas," thuirt e."Cha robh buachaille riamh agam a dh'fholbh le crodh na le caoirich naseud a thàinig dhachaidh beò, 's man tigeadh iad beò cha bhiodh beathachaca nach biodh e air ithe is air a mharbhadh."Agus co dhiù bha sin ceart gu leòr. 'S a' mhadainn an la-r-ne-mhàireachbha Iain a' folbh leis a chrodh. Bha e 'g iarraidh a' chrodh. "Wel,"thuirt e, "chan eil duine ri fhaicinn 's an uaimh shuas an diugh," ors esan,"ach mnathan a' fuinne. Chan eil fhios cà 'n deachaidh na trì foimhearan,"ors esan. "Chan eil gin diubh, chan eil gin diubh ri faicinn," thuirt e."Chan eil ri faicinn ach a màthair," thuirt e.Tha e coltach liom gu robh a màthair uamhasach. Bha, bha fiacaill andorus a bial is bha i deanamh bata dheth - an fhiacaill a bha dorus a6.beòil. Is bha slatan draothachd aice is bha i 'ga chuir ma chuairt dhifhéin mar siod agus cha robh duine thàinig riamh a gheibheadh timchiollorra.Dh'fholbh Iain leis a chrodh agus ràinig e, ràinig e phàirc agus bhacrodh aige dol timchioll ann a sin 's bha e cho math dhiùbh is bha iad,bha iad, bha iad ceart gu leor 's bha rud aig' air. Is bha e folbh asin feasgar is chunnaig e chailleach a' tighinn. Chunnaig e bean nafoimhearan a' tighinn agus an fhiacaill 'na bial mar siod. Bha, bhai deanamh bata dhi is bha slatan draothachd air bhiodh, agus thòisich ifhéin ... "Mharbh thu mo thriùir mhac," ors ise, "agus tha mise dìreacha dol a thoirt an éirig mach ... a chreach a mach an diugh," thuirt achailleach. Agus dìreach bha i dol a mharbhadh Iain an sin is thoisichiad air a chéile fhios agad ... chéile is bha slatan draothachd aig a'chaillich is chan fhaigheadh Iain 'ice. Chan fhaigheadh Iain mar astardhi. Fo dheireadh fhuair e trup air choir-eigin: thàinig e is chàiriche 'n caman orra anns na fiaclan agus thuit a' chailleach agus dh'éirich eorra leis a' bhata agus mharbh e chailleach an sin agus bha na triùirfhoimhearan agus a' chaill... am mathair marbh ann, is rinn e cabhsairdhiubh ann ... anns a' chachla aig a' phàirc, agus chaidh e dhachaidhagus bha rìgh 's a chuile duine beó riamh a bha anns a' rìoghachd ann asin. Bha iad a' feitheamh ri Iain is chaidh e dhachaidh. Thog iadIain air an gualainnean agus dh'fholbh iad leis dhachaidh. Thuirt arìgh ris gu faigheadh e 'n nighean aige ri phòsadh.Chaidh iad dh'an uaimhidh is fhuair iad de dh'òr is de dh'airgiodanns an uamhaidh a bha sin agus dìreach tha mise creidsinn nach dotheirg an t-airgiod gos an latha 'n diugh.C.M. Agus a niste bha sibh ag radh gu'n cuala siu a' sgialachd sin aigbhur seanair an ann?D.McD. Bràthair mo sheanamhar.C.M. Bràthair bhur seanamhar, Iain Mac Leòid; 's ann aig a chuala sibha' sgialachd a bha sin. Iain Mac Leoid bràthair bhur seanamhar.