Archival Reference

SSSA/TA/AT300/011

School of Scottish Studies SA1970.039.A2

Tobar an Dualchais/Kist O Riches

Transcript

AI
Informant : D.A. Johnson, Aird Mhór, South Uist.
SA 1970/39 A2
Collector : D.A. MacDonald
cf AT300
Alasdair is Dòmhnall agus na trì fuamhairean.
Well, cha chuala mise mu thairis ach dithis ghillean
a bha siod-ach. Bhiodh iad a' falbh car 'nan companaich
aig a' chéile. Agus 's e Alasdair is Dòmhnall a bh' orra.
Agus 's e Albaich a bh' unnta agus chaidh iad
go muir. Agus bha iad ... 's ann aig muir a bha
iad ach bha triob bha seo-ach bha iad aig muir,
's e thànaig orra ach droch shìde. Agus chaidh an
ichean
soitheach a's a robh iad ... 'S e soitheachan seòl|a
bh' ann an uair sin. Chaidh an soitheach a chall
agus cha do shàbhail duin' ach an dithis aca-san.
coast ...
Agus 's ann thall rathad air ᚳ coast Africa na
na taobhanan sin a bha iad. 'S ann a's na
rìoghachdan thall a bha iad có-dhiù.
Well, fhuair iad air tìr a thoirt a mach an dithis
aca. Chùm iad an tacsa a chéile riamh. Bha
iad 'nan companaich dha chéile riamh 's chùm
iad riamh còmhla. Agus fhuair iad go tìr
agus bha gunna chaidh a's ... a reichdadh ...
Far a robh an reichd air a' chladach a sin fhuair
Dòmhnall, fhuair e gunn' ann agus ammunition
a bha 's a' bhàta. Agus far an deach iad air
tìr cha robh ann ach coille. Well, bha iad ...
sgiothal
Chuir iad suas seorsa de sgiath àite ann a
shineach agus eadar siùil is maidean a bha iad
a' faighinn a bha 'falbh as an t-soitheach
agus ... Chuir iad suas seòrsa de shed a sin
de sgiothal dhaib'-fhéin agus chuir iad seachad
an oidhch' ann. 'S thànaig biadh ... Bha biadh
's
a's an t-soitheach ᚳ nuair a chaidh i as a chéile
a sin-each ... chuireadh as a chéile ris a'
chladach i ... Bha iad a' faighinn am bìdh
air a' chladach. Agus bha iad ann a sheo.
Agus bha iad a nist lathaichean a's a seòrsa
tent a bha seo agus thuirt Dòmhnall, thuirt
e ri Alasdair, "Well," ors esan, "feumaidh
feuchainn
sinn ᚳ ri falbh as a seo," ors esan. "Chan eil
sìon a dh'fheum dhuinn fuireach a seo," ors esan.
"Gad a bhitheamaid a seo," ors esan, "ma dh'fhaoidte
nach téid bàta ... nach téid am bàta seachad a
seo gu bràch," ors esan, "a dhèanamaid
sign riutha airson ar togail," ors esan. Agus
"O, tha mi cinndeach," ors Alasdair, "g' eil e cheart
cho math dhuinn," ors esan. "Well, ma thà," orsa
Dòmhnall, ors esan. "Feuchaidh sinn ri falbh a'
màireach," ors esan.
'S ann mar seo-ach a bha. Làirne-mhàireach
rinn iad deiseil 's thug iad leotha probhisean
a bhiodh ac'a air an rathad. Dh'fhalbh iad có-
dhiù 's cha robh iad fad 's a' bith air falbh
nuair a chaidh iad a mach as a' choille.
Agus fhuair iad clìoras a' choill' a bh' ann agus
lean iad rompa agus eadar sin is feasgar
nochd iad ri baile. Agus chùm iad air agus
chunnaic iad taigh mór ann a shin-each agus
rinn iad dìreach air mach ... Bha e pìos
bho na taighean eile mach á iomall a' bhaile gu
math. ... ri Dòmhnall, "Feuchaidh sinn a
seo." Chaidh iad ... Rinn iad dìreach air
a' taigh agus nuair a bha iad gos a bhith aig a'
taigh thànaig an giullan a bha siod a mach air
a' dorus. "Air fi fa fuagaich," ors esan,
"barradh an o 's fhada a bha mo chorp
"Dà," ors a Dòmhnall, ors esan, "'s e 'freapairt,
"Da thrian dha d' eagal dhut fhéin," ors esan,
agus trian oirnne 's chain eil fhios am," ors esan,
"carson a bhiodh an trian sin fhéin oirnn," ors esan.
"'S
goirid
bhios am measan beag dubh sin a mach," ors esan,
cur
cur cuir
"cuir ... ᚳ deireadh ᚳ oirre," ors esan. "Seall sin, a Dhòmhnaill,"
air a ...
ors esan, "ᚳ air an t-soitheach ud air bàrr a' chaisteil."
Dh'fhalbh Dòmhnall 's dh'fheuch e suas air an
t-soitheach 's chuireadh a nuas 'na biorain i.
A gu beireadh a' bhuaidh agus a' bheannachd
ors a ors a' ...
or's se, "ᚳ ors am fuamhair', ors esan. "Chan eil fhios
nach e Dia fhéin a chuir thu rathad agam-sa
Thig thusa staigh," ors esan, "agus bi sinn.
ors esan
fhìn, bidh sinne," ᚳ "glé choibhneil fhathast," ors esan.
Well, chaidh iad a staigh. Fhuair iad biadh.
Thànaig a seo-ach an oidhche, seadh beul na
h-oidhcheadh agus thuirt a' fuamhaire ri Dòmhnall,
"Nist," ors esan, "tha sinne ann a sheo-ach," ors
esan, "a's a' bhail' tha seo," ors esan. "Tha sinn
ann triùir bhràithrean, triùir fhuamhairean," ors
esan, "triùir bhraithrean," ors esan, "agus
tha chuile fear againn," ors esan, "as deoghaidh
nighean an rìgh. Agus chan eil fhios agam-s," ors
ors esan
esan, "gu dé mar," ᚳ "tha 'dol a chàch," ors esan, "ach
chan eil ...
chan eil mise faighinn air aghaidh," ors esan.
"Nuair a bhios mi," ors esan, "gos a bhith aig
pailios a' rìgh," ors esan, "tha measan beag
balganach donn a' tighinn a mach," ors esan,
"de rud beag bìodach," ors esan, "'s tha e
a' dol a staigh air mo bheulaobh 's a 'tighinn
a mach air an taobh chùl dhiom," ors esan,
ors esan,
"agus tha mi gun fheum an uair sin," ᚳ "agus
feumaidh mi tilleadh dhachaidh. 'S chan eil fhios
agam-sa," ors esan, "gu dé mar tha 'g éirigh dha
m' bhràthairean eile," ors esan. "Ach tha fhios am," ors esan,
"g' eil iad as deoghaidh nighean a' rìgh.
Agus falbhaidh tusa còmhla rium-sa an nochd,"
ors esan. "Agus cuiridh tu crìoch air;"
"Dearbh fhéin," orsa Dòmhnall. "'S mise nì sin."
Falbhaidh mise."
'S ann mar seo-ach a bha có-dhiù. Dh'fhalbh
iad agus thuirt Alasdair ri Dòmhnall nuair a
e
dha'n
bha iad a' falbh, gun fhios-da dh'an fhuamhair,
"Ach 's Dia riut," ors esan. "Na loisg air,"
ors esan. "Fhalbh thus'," ors Alasdair ... orsa
Dòmhnall, "'s fanaibh sàmhach. Fan a staigh," ars e
ors esan, "gos a tig mise." Dh'fhalbh ... dh'fhalbh
iad có-dhiù. Bha iad a falbh, e-fhéin 's am
fuamhair 's iad ... Nochd iad ri
pàilios an rìgh. "Seo a nist. Siod a nist," ors
am fuamhair, "am pàilios aige." "Glé cheart,"
orsa Dòmhnall. Agus, agus lean iad rompa.
"O siod e! Siod e!" ors a' fuamhair "e 'tighinn,"
"Cà bheil e?" orsa Dòmhnall, ors esan. "Siod
e nall a sineach ... nall ann a shineach,"
ors esan. "O seadh," orsa Dòmhnall. "Fhalbh
thusa agus théid a ghabhail steapan beag
air thoiseach orm-sa," ors esan, "agus gheibh
mis' e," ors esan. Dh'fhalbh am fuamhair 's
ghabh e suas. Ruith e suas dhà na trì
steapan 's chaith Dòmhnall dìreach siod
ris a' chridh' aige dìreach 's thuit e 'na
'dol ann a shiod. Thill e dhachaidh go
pailios an fhuamhair. "Càil a' fuamhair?"
ors Alasdair. "Fhalbh. Ge brith càil a' fuamhair."
orsa Dòmhnall, "cha chuir e dragh or'-se nochd."
"A dhuine! dhuine!" ors esan, "cha stad tu,"
ors Alasdair, "'s e gos a ... gos th a cuir thu
dìreach ann an crois sinn." "Fhalbh thusa.
thu
Fanaibh sàmhach."
Chuir iad seachad an oidhche sin ann am
pàilios an fhuamhair 's ge brith gu dé
bh' ann a dh'ionmhas na dh'airgiod na dh'òr
thug iad leotha làirne-mhàireach e. Agus
ruig
"Faodaidh sinn," orsa Dòmhnall, "cha leig sinn
a leas ... ma bidh sinn ullamh 's iad seo-ach,"
ors esan, "ma faigh sinn a' triùir aca," ors esan,
"a chur gu talamh," ors esan, "cha leig sinn a leas
a dhol gu bàt' idir," ors esan. "Bidh sinn ...
bidh sinn beairteach gu leòir."
Lean iad rompa agus cha do st... cha ghabhadh
Dòmhnall comhairle na sìon dìreach gos a d' fhuair
e mach dìreach cà robh pàilios an ath fhuamhaire.
Agus chunnacas pàilios an fhuamhaire. Bha i mach ...
Bha i 'n iomall a' bhaile. Cha robh i staigh 's a'
bhaile còmh' ris na daoin' idir. Bha i mach air
iomall a' bhaile. Agus rinneadh dìreach oirre.
Agus nuair a bha iad a' dìreach a' cromadh sìos
thuice thànaig esan a mach.
"O fi fa fuagaich" ors esan
Air
"Dà thrian dhe d' eagal ort fhéin," orsa Dòmhnall,
"agus trian oirnne agus chan eil fhios carson a bhiodh
an trian sin fhéin orm," ors esan. "'S goirid,"
ors esan, "a bhios am maide beag dubh seo,"
ors esan, "'nam achlais," ors esan, "a' dèanamh
coileach dubh dhiot." "Feuch thus' air a'
choileach sin air bàrr a' chaisteil e," ors esan.
Dh'fhalbh Dòmhnall 's thog e suas an gunna
dìreach 's dh'fheuch e air a' choileach
's chuireadh a nuas 'na shileagan e.
"A gu beireadh a' bhuaidh agus a' bheannachd
ors esan
ort-sa," ors esan, "agus 's e Dia fhéin," ᚳ "a chuir
seachad air mo bhràthair thu," ors esan, "nach
fhac e thu," ors esan. "Nam bitheadh," ors esan,
orr
"tha mi cinndeach gu robh thu air a chùmail,"
ors esan. "Chan fhaca mis'," orsa Dòmhnall
"brathair na ... na piuthar dhut." "Ach
thig thusa staigh," ors esan ... am fuamhair ris,
ors esan, "agus bidh thu-fhéin 's mi-fhìn
glé cheart fhathast," ors esan.
Chaidh iad a staigh có-dhiù. Agus fhuair iad
biadh agus nuair a ghabh iad am biadh,
"Nis," ors am fuamhair," ors esan, "Tha sinne ann a
sheo agus 's e Dia fhéin a chuir seachad air
mo bhràthair eile thu," ors esan. "Tha e air ...
'S e tha ann an iomall a' bhaile a mach a seo,"
ors esan. "Agus tha brathair eil' agam," ors
esan, "na's fhaide sta air aghaidh a's a' bhaile
na seo," ors esan. "Agus tha an triùir againn," ors
esan, "'dol a choimhead air nighean an rìgh," ors
esan, "'agus," ors esan, "chan eil fhios agamsa,"
i esan, "gu dé mar a chaidh dhaibh-san,"
ors esan, "na gu dé mar tha 'dol dhaibh," ors
esan, "ach chan eil e ach a' dol meadhonach
dhòmh-sa." "Dé tha 'g éirigh dhut," ors
Dòmhnall. "Tha," ors esan, "dar bhios mi,"
ors esan, "gos a bhith aig a' phàilios," ors esan,
ors esan
"tha measan beag balganach donn," tha siod,
a' tighinn a mach," ors esan, "agus tha e 'dol
a staigh air mo bheulaobh 's a' tighinn a
mach air an taobh eile dhiom. Agus," ors esan,
"tha mi nuair sin cho slac," ors esan, "'s gu
agus
feum mi tilleadh dhachaidh." "O," orsa Dòmhnall
"gabhaidh sin ciùradh," ors esan. "Gabhaidh,"
ors esan. "Falbhaidh tusa còmh' riumsa nochd,"
ors esan, "leis a' mhaide bheag dhubh sin agad,"
ors esan, "agus nì thu an gnothach." "Glé cheart,"
orsa Dòmhnall. "Nì mise sin."
Dh'fhalbh Dòmhnall. Nuair a thànaig, beul na h-
oidhcheadh a seo fhuair iad air dòigh agus
thuirt Alasdair ris nuair a bha e 'falbh, thuirt
am
e, "A . dhut," ors esan, "tha fear
sin gu math na's treas' agad," ors esan, "na 'm fear
a mharbh thu raoir," ors esan. "Agus na ... na leig
leig leis," ors esan. "Fhalbh thusa," orsa ... arsa Dòmhnall.
Fan thasa staigh," ors esan, "agus gos a tig mise."
Dh'fhalbh e agus bha iad a' dol air aghaidh a
seo-ach agus nuair a bha iad dìreach ... Sheall e.
agus Bha pàilios an rìgh bha iad a' teannadh oirre.
Agus nuair a bha iad dìreach faisg a null ...
a' dol a null thuice thànaig am measan. "Siod e,
Siod e!" ors am fuamhair, "a nist," ors esan.
"Bidh aige," ors esan. "Fhalbh thus," orsa Dòmhnall.
ors esan.
"coisich gu math air aghaidh," ᚳ "bìdeag air thoiseach
orm-sa," ors esan, "gos a faic mise ceart e," ors
esan. Agus dh'fhalbh am fuamhair agus nuair
a fhuair Dòmhnall ann a' distance dha dìreach
i 'geadh air falbh a' bhatalla 's dh'fhàgadh air
fuamhair 'na shìneadh ann a shiod.
Cha robh air seo ach seo fhéin có-dhiù.
Thill Dòmhnall dhachaidh. "Càil am fuamhair?"
ors Alasdair. "Ge brith càil am fuamhair,"
orsa Dòmhnall, "cha chuir e dragh ort-sa an
dà latha-sa. Faodaidh tu cadal glé shound
a nochd as aonais," ors esan.
Well, 's e seo an rud a rinn iad 's chaidh
iad a chadal 's làirne-mhàireach rinn iad
deiseil agus rinn iad airson falbh. Agus thug
iad leoth' a chuile airgiod 's a chuile sìon
a b' fhiach an t-saothair a thoirt air falbh.
Thug iad air falbh leoth' e. Agus ghabh iad
air aghaidh. Agus cha do stad ... 's cha do
stad Dòmhnall 's cha rachadh e taobh 's a' bith
na dh'àite 's a' bith gos a d' fhuair e mach
cà robh pàilios an fhuamhair eile. Agus rànaig
iad ... Fhuair e mach cà robh e 's rinn e
dìreach oirre. Agus nuair a bha e gos bh'ith
aice thànaig an aon ... thànaig an t-fhuamhair
a mach. Bha 'n aon rann aige 's a bh' aig
càch:
"Dà thrian dhe d' eagal ort-fhéin," orsa Dòmhnall,
"agus trian oirrne agus chan eil fhios carson a
bhiodh an trian sin fhéin oirnn," ors esan.
tha
ors esan,
"'S goirid thios am maide beag dubh ᚳ seo," seoach
"a' cur gaiseadh thunnad," ors esan. "Seall sin,"
am
ors esan, "air an luing ud air bàrr mo chaisteil,"
ors esan. Dh'fhalbh Dòmhnall 's dh'fheuchadh
oirre 's chuireadh a nuas gach crann 's gach
seòl 'na splunder o mhullach a' chaisteil.
"O gu bitheadh a' bhuaidh agus a' bheannachd
ort-sa," ors esan, "agus 's e Dia fhéin a chuir
an rathad orm-s' thu," ors esan, "agus a chuir
seachad air mo bhràithrean eile thu,"! ors esan.
"Ach," ors esan, "thig thusa staigh," ors esan, "agus
ors esan
... glé mhath dheth
bidh thu mise 's tu-fhéin," ᚳ "math gu leòir
fhathast," ors esan.
Chaidh iad a staigh agus chuireadh air
dòigh biadh dhaibh. Fhuair iad biadh. Ghabh iad
am biadh. "Nist," ors am fuamhair, ors esan, "'S e
am
feum a th' agam ort," ors esan ... Agus bha 'fuamhair
a bha seo bha e sgràthail na bu ... na bu
mhotha na càch. Bha e cheart uiread 's gad a
bhiodh an dithis eile air am fuineadh 'na chéile.
Agus bha car de doubt aig Dòmhnall ann.
Ach 's e am feum a th' agam ort," ors a' fuamhair, ors
esan, "Tha triùir againn," ors esan, "a' triùir
bhràithrean," ors esan, "agus 's e Dia fhéin a chuir
seachad air an dithis eil' thu," ors esan, "chionn
's ann air a' track aca thàna' tu, agus a
chuir thugam-s thu," ors esan. "Tha sinn," ors
esan, "as deoghaidh nighean an rìgh. Agus
chan eil fhios agam-sa," ors esan, "gu dé mar a
tha 'dol dh'an fheadhainn eile," ors esan,
"ach chan eil e ach a' dol meadhonach
dhòmh-sa," ars esan. "Dé," orsa Dòmhnall,
"a tha 'tighinn ceàrr?" "O tha," ors esan,
"nuair bhios mi gos 'ith aig an taigh," ors esan, "a
chuile oidhche," ors esan, "mi 'dol a choimhead ...
tha measan beag balganach dubh tha siod," ors esan,
... "donn tha siod a' tighinn," ors esan, "agus tha
e 'dol a' staigh air mo bheutaobh 's a' tighinn a
mach air an taobh chùil dhiom." "O," orsa
ors esan,
Dòmhnall, ᚳ "gabhaidh sin ciùradh." Agus
"O gabhaidh," ors esan, "F... Falbhaidh tusa
còmh' rium-sa nochd," ors esan, "agus bheir thu
leat an maide beag dubh tha sin-each. "Falbhaidh,"
orsa Dòmhnall.
Well, thànaig a seo beul na h-oidhcheadh
's nuair a ... Dh'fhalbh iad a seo, e-fhéin
's am fuamhair. Agus rànaig iad a seo-ach
gos na sheall am fuamhair dha-san gu b' e seo
pailios a' rìgh. Agus bha iad ... "Leanadh sibh-s"
orsa Dòmhnall, "Leanadh sibh-se romhaibh,"
ors esan. Agus dh'fhalbh iad. Lean iad rompa
"O siod e, siod e!" ors a' fuamhair, "a' tighinn a nist."
Agus "Shift, shift," orsa Dòmhnall, "an darna taobh,"
ors esan, "gos a faigh mise t-seanas air," ors esan.
Well, shift am fuamhair a darna taobh 's dh'fheuch
Dòmhnall air a' mheasan dìreach 's rinneadh
coileach dubh dheth. "A gu ... buaidh gos
a làimh," ors a' ors a' fuamhair . "Tha mise
ceart gu leòir a nist," ors esan. "O tha gu
dearbh fhéin," orsa Dòmhnall. "Cha chuir am
fear ud dragh ort tuilleadh." "O cha chuir,"
ors esan, "Tha mise ... tha mise nist ceart gu leòir."
Lean iad rompe có-dhiù go pàilios an rìgh.
Agus nuair a rànaig iad pàilios a' rìgh bha
rampairean a bha sin-each a bha sgràthail agus
bha iad cho teann air a chéile. Well, cha robh
an
geat, chan fhaicte throimhe. Cha robh rathad
air faighinn a staigh ... ann ... an fhence; bha i
[sic]
àrd. "Well," ors a' rìgh," ors esan, "tha sinn cho
dona 's a bha sinn riamh," ors esan. "Tha deagh
sheans," orsa Dòmhnall, "gu bheil. "Ach a
T
Thìochdais," ors esan, "mur a feuch mi," ors esan,
feuch a faigh mi," ors esan, "a dhol eadar a
dhà dhiubh seo," ors esan. "Siuthad," orsa Dòmhnall
"Bu chòir dhut sin," ors esan. "Na faigheadh tu staigh
do cheann aon uair," ors esan, "rachadh an còrr
dhiot
a staigh a rithist." 'S e seo an rud a rinn a'
fuamhair có-dhiù. Chaidh e ann agus chuir e
'cheann a staigh. Fhuair e 'cheann có-dhiù eadar
an da rampair a bha seo agus nuair a fhuair e
'cheann a staigh cha rachadh a cholainn a staigh
as a deoghaidh. Dh'fheuch e seo a 'cheana
's siod rud nach gabhadh. Cha tigeadh e mach.
far Bha na cluasan 'ga chumail. "A Dhia,"
ors am fuamhair. "Cha robh sinn riamh cho dona 's
a tha sinn nist," ars esan. "Dearbh fhéine cha
robh," orsa Dòmhnall, tha deagh sheans," ors esan.
"Agus ... "Ach 's e 'rud a nì thu," ors am fuamhair,
"fhalbh thusa," ors esan, "agus till dh'an taigh agam-sa
fhathast agus gheibh thu tuagh bheag agus tuagh
bheir ...
mhór a sin agus ᚳ bheir leat an tuagh mhór," ors esan,
"agus gearraidh i seo. Gearraidh i fear dhe na
rampairean." Dh'fhalbh Dòmhnall agus tharruing e
air taigh an fhuamhair. Rànaig e. "Càil
am fuamhair?" ors Alasdair. "Ge brith càil
a' fuamhair," orsa Dòmhnall, ors e, "bidh e ann
an treis seo," ors esan, "ma dh'fhaoidte gu
bidh gu bràch," ors esan, "ma 's urrainn
dhòmh-sa." Agus thug e leis an tuagh.
Dh'fhalbh e leatha. Thànaig e agus, "Siuthad
a nis," ors am fuamhair, ors esan, "feuch a nist,"
ors esan, "am faigh thu na h-iaruinn sin," ors esan,
"a ghearradh." "Feuchaidh," orsa Dòmhnall.
A' cheud sgailc a fhuair an t-iarunn fhuair
aig
a' fuamhair e ann ᚳ an cliathaich a chinn leis
an tuaigh. Dh'éirich e air an fhuamhair ann a
shin-each gos na chuireadh an ceann dheth leis
a' tuaigh. Sheo. Bi thus' ann a shin.
Agus dh'fhalbh Dòmhnall an uair sin, e-fhéin
agus chaidh e staigh throimh'n fhence agus chaidh e
choimh... choimhead air nighean an rìgh.
Agus có-dhiù ge brith fhad a bh' ann thànaig
e dhachaidh. Dh'fhoighneachd Alasdair dha cà
am
robh fuamhair. "O," ors esan, "ge brith cà bheil
ors esan, "cà ...
e," ors esan, "cluinnidh tu fhathast," ᚳ cà faigh
iad e."
'S e seo rud a bh' ann. Nuair a dh'éireadh mu
phàilios a' rìgh an làirne-mhàireach fhuaradh
a's ...
a' fuamhair air a cholopachadh ᚳ a's an fhence
a's
a's a' gheat ... anns an fhence a bha m' an taigh.
Cha robh fhios o Dhia có rinn e. Cha robh
fhios aige dé bha fear eile còmhla rithe có
bh' ann. Well, bha iad a nist treis ann
an taigh an fhuamhair a sin. Thug iad
ùin' ann agus thuirt Alasdair a seo-ach ris, "Well,"
ors esan
ors esan, "tha mise," ᚳ "dol a dh'fheuchainn ri tilleadh
ors esan, "gu ruig Alba air ais," ors esan, "ge
brith gu dé tha thusa 'dol a dhèanamh."
"O chan eil mise 'falbh idir," orsa Dòmhnall, ors esan.
"Tha mise 'dol a dh'fhuireach a seo treis fhathast,"
ors esan. "O glé cheart," ors Alasdair. Agus ... "ach
ors esan
tha mis," ors esan, "'dol agus feuch a faigh mi" ᚳ "go
... bheil baile-phuirt a seo," ors esan, "a gheibh
mi thuige," ors esan, "'s gu faighinn bàta
null as a seo." "O faodaidh tu sin," orsa
Dòmhnall, "tuilleadh. Tha airgiod gu leòir agad
a nist. Cha ruig thu leas dhol gu bàt' eile.
Tha airgiod nam fuamhairean agad uileag ...
againn uileag a nist," ors esan, "'s faodaidh
sinn rud 's a' bith a dhèanamh."
'S e seo an rud a rinn iad có-dhiù. Làirne-
mhàireach a seo dh'fhalbh an dithis aca 's bha iad
am
a' forbhais feuch gu dé 'n ùine bha paile-puirt
bhuapa 's fhuair iad a seo-ach a mach gu robh a leithid
seo a dh'àite 's chuir iad an aghaidh air. Rànaig
iad am baile-puirt. Well, bha iad a' dol ma chuairt
a sin 's bha i a' foighneachd ... a' feòrach mis
dheighinn 's robh soithichean a' falbh as no
robh gin a' dol a null as gu ruige Breatunn.
'S fhuair iad a seo soitheach a bha dìreach
deiseil a bha 'dol a sheòladh a null gu ruige
Breatunn. Agus dh'fhalbh Alasdair agus
dh'fhàg Dòmhnall slàn aige agus thuirt e
gu biodh esan a null fhathast as a dheoghaidh.
Bha a nist Dòmhnall cha robh each a' dol
ma chuairt ann a shin. Cha robh cion airgid air.
Cha robh e ach a' dotseadh ann a shiod.
Ach gu dé rinn a seo-ach nighean an rìgh
ach fàs trom. Agus cha robh fhios o Dhia
... có
seo-ach idir, idir có bu leis e na có ᚳ dha bhuineadh
e. Ach có-dhiù cha robh ... Bha 'gnothach a' dol
ma chuairt mar sin 's bha Dòmhnall ... Chuala
Dòmhnall e mar a chuala gach duin' e. Cha
do leig e sìon air. Agus rugadh a seo-ach
gille do nighean a' rìgh. O bha iad
uamhasach dorranach mar a bha 'n gnothach.
Agus chaidh a h-athair far a robh fear-fiosachd
a bha 's an àite, feuch gu dé 'n aon dòigh idir
a ghabhadh dèanamh feuch a faighte mach có
bh' ann, na có bu leis a' gille.
an fhear
Well, 's e 'chomhairle thug am 'fear-fiosachd air
"Well," innsidh mise dhut gu dé rud a nì thu,"
ors esan. "Cuiridh tu suas taigh ... cuireadh i
suas taigh," ors esan. "Cuir suas taigh
dha d' nighinn," ors esan, "agus," ors esan,
ors esan
"bheil," ᚳ "tea is biadh," ors esan, "do dhuine 's
a' bith a théid a rathad an taighe," ors esan,
airson innse a chaitheamh-shaoghail, éisdeachd a
dhèanamh gu dé an saoghal a bh' aige na cà
robh e na gu dé chaidh e throimhe 's a chuile
sìon dhe'n t-seòrsa.
Agus 's ann mar seo-ach a bha. Chaidh an taigh
a chur suas. Agus ò bha an taigh a sin 's cha
robh duine ... cha robhar a' faighinn a mach
... Bha chuile duine bha 'gabhail biadh
ann bha e 'g innse dha mar a chaidh e
... dé 'chaitheamh-beatha a bh' aige 's gu dé
na shiubh... an t-àite a shiubhail e 's a chuile
sìon. Agus bha gille nist air fàs 'na chnapach.
Bha e air choiseachd gu math. Ach an triob
a bha seo có chaidh an rathad ann ach
Dòmhnall? Agus bha e 'na dhuine mór
an uair sin, le airgiod 's le òr
SA 1970/39 B1
Continuation of :
Alasdair is Dòmhnall agus na Trì Fuamhairean
Agus on latha bha seo có thànaig ma chuairt an taighe
ach ... ach Dòmhnall. Agus dh'fhoighneachd e dhi ...
Chaidh e staigh 's dh'fhoighneachd e dhi a robh
sign a bha crocht-e muigh a seo a robh e
ceart. 'S thuirt i gu robh, gu faigheadh e
biadh ann ach e éisdeachd a dhèanamh gu
dé a' chaitheamh-beatha a bh' aige, na gu dé
chuile h-àit' a's a robh e, agus gu dé mar a
chaidh e ... a chaidh e ...
a thànaig e throimh'n t-saoghal mar sin.
Agus dh'iarr i air tighinn a nuas agus chaidh
Dòmhnall 's shuidh e suas. 'S cha robh e sìon
a' t-saoghal ach air suidhe suas air àite nuair
a thànaig am fear beag 's e 'todleadh air
feadh an ùrlair, thànaig e nall us sheas e aig
a' ghlùn aig Dòmhnall agus thuirt e "Papaidh,
Papaidh," ors esan.
Agus, "Dà gu dearbh," orsa Dòmhnall, "b' fheàrr leam
fhìn gum bu mhì," ors esan. "Agus ghabh is'
amharus. Agus "well," ors ise, "Seadh," ors ise, "mathà,
cluinneam d' eachdraidh," ors ise, "dé mar a
chaidh dhut."
Well, cha do shaoil e. Well, thòisich e 's
dh'innis e nist a chuile sìon an t-saoghal,
mar a dh'fhalbh e 's mar a chaidh a reaiceadh,
e-fhéin 's a chompanach agus mar a thànaig e
rathad na' fuamhairean. Agus, "Seadh," ors ise,
"tha thu dìreach aca," ors ise. "'S tusa," ors ise, "an oidhche
chaidh am fuamhair," ors ise, "a mharbhadh," ors ise,
"ann am fence m' athar," ors ise, "'s tusa bh' ann"
ors ise. "O well," orsa Dòmhnall, "tha t-seansa
gur e mi. Cha ruig mi leas dhol as àicheadh.
'S dòch gu do dh'aithnich mo mhac fhìn mi,"
ors esan. "O glé cheart," ors ise.
Well, chaidh an uair sin brath chur an rathad
's fhuair a' rìgh mach 's a chuile sìon. 'S cha
robh sìon ann ach dh'fheumadh e an nighean
aige phòsadh agus fuireach còmhla riutha-san
ann a shiod, 's gu robh àit' aig' ann a
shiod. 'S nuair a bhàsaicheadh esan ᚳ na ...
gu b' e esan a bhiodh a ᚳ a staigh as a dheoghaidh,
neo a mhac, an darna duin' aca.
Agus 's e seo an rud a rinn Dòmhnall. Phòs e
nighean an rìgh agus dh'fhan e còmh riutha.
Agus tha fear eile cho math 's a rinn esan riums' idir,
ach Cha do chuir e fiathachadh thugam chon na
bainnse riamh. Ach có-dhiù dh'fhàg mis'
e-fhéin agus nighean an rìgh còmhla 's cha deach
Dòmhnall cha tànaig e nall a dh'Allba
tuilleadh.
14
Informant : D.A. Johnson, Aird Mhór, South Uist. cf. AT 300
SA 1972/34 B1
Collector : D.A. MacDonald
Dòmhnall agus Alasdair agus na Fuamhairean.
dithis aca,
Well, chuala mise mar a bh' ann a siod-ach ann, ᚳ
dithis fhir a bh' ann agus tha e coltach gur h-e
wreck-eadh a rinneadh thall ann an Africa, thall na
taobhanan sin. Agus bha iad 'nan companaich
aig a chéile. Agus latha 's Dòmhnall ... rinn ... co-
dhiubh thug e gunna leis ás a' bhàta, ge bith cà 'n
deachaidh e no cà 'n d' fhuair e i thug e leis e
Agus chaidh iad air tìr agus rinn iad seòrsa de
sgiotha dhaibh péin ann a shin-each gus ... air
son lathaichean, agus thuirt iad seo-ach ... Rinn
iad suas an inntinn nach ... nach robh reusan sam
bith dhaibh fuireach a siod ged ... nach dèanadh
iad ach starve-adh ann co-dhiubh agus gu feumadh
iad feuchainn air falbh feuch cà faiceadh iad robh
coltas àite air baile no taighean no sìon a's an àite
a's a robh iad.
Ach co-dhiubh dh'fhalbh iad, agus bha iad a nis
air falbh fad an latha, agus feasgar nochd iad ri
pàileis a bh' ann a sheo, pàileis mhór, agus
rinn iad dìreach air a' phàileis. Agus cha robh
iad fad sam bith bhuaipe co-dhiubh nuair a thànaig
am fear seo a mach "Air fith fath fuamhaich
air baile nan Albannaich," ors esan, "'s fhada bha mo
"'N dà," orsa Dòmhnall, ors esan, "dà thrian dhe d'
trian oirrne
eagal ort fhéin," ors esan, "agus trian mòir agus chan
eil fhios 'am," ors esan, "carson a bhiodh an trian
sin fhéin orm," ors esan. "'S goirid a bhios am maide beag dubh
coileach
seo agamsa," ors esan
ᚳ "a mach," ors esan, "a' dèanamh cnoc dubh dhiot," ors esan.
"Leig fhaicinn sin dhomh," ors esan, "air a' mhuing ud
air bàrr mo chaisteil," ors esan.
Dh'fhalbh Dòmhnall 's thog e 'n gunna 's dh'
fheuch ... leigeadh air falbh i 's chuireadh
a nuas 'na biorain i.
"A gu beireadh a' bhuaidh agus a' bheannachd
ort," ors esan, "agus 's e Dia fhéin chuir an
rathad thu," ors esan. "Thigibh sibhse staigh,"
ors esan, "agus nì mise biadh math dhuibhse."
Chaidh Alasdair is Dòmhnall a staigh. Fhuair
iad biadh a sin-each o'n fhuamhaire. Agus ...
"Nist," ors esan, "tha sinne ann a sheo," ors esan,
ors esan,
"triùir bhràithrean," ᚳ "Agus," ors esan, "tha chuile
a' dèan ...
fear againn," ors esan, " ᚳ as deoghaidh nighean an
a th' ann," ors esan.
rìgh ᚳ "Ach," ors esan, "chan eil fhios agamsa," ors esan,
"gu dé mar tha 'dol a chàch," ors esan, "ach chan eil
Nuair a bhios ...
ach a' dol meadhonach dhomhsa. Agus ᚳ tha ...
Chan eil oidhche théid mi," ors esan, "a choimhead
oirre," ors esan, "feuchainn ann," ors esan, "nach eil
balganach
am measan beag bolognach donn tha siod," ors esan,
a' tachairt rium," ors esan, "'s tha ... tha e 'dol
a staigh," ars esan, "air mo bheulaibh 's a' tighinn
a mach air an taobh eile dhiom," ors esan.
ors esan
"Agus tha mi nuair sin cho slack, ᚳ agus feumaidh mi
tilleadh dhachaidh," ors esan. "Ach," ors esan, "o'n a
chuir Dia thusa 'n rathad," ors esan, "agus a
leithid sin a dh'arm agad," ors esan, "falbhaidh
tusa còmhla riumsa an nochd."
"O falbhaidh gu dearbh fhéin," orsa Dòmhnall.
Agus 's e seo an rud a rinn iad. Le ... Rinn am
fuamhaire a seo-ach, rinn e airson falbh.
"Seadh a nis," ors am fuamhaire," ors esan, "Thugainn
ars esan,
thusa còmhla riumsa," ᚳ "agus cuiridh tusa crìoch
air," ors esan.
"O cuiridh," orsa Dòmhnall.
Agus 's ann mar seo-ach a bha. Dh'fhalbh iad,
agus bha iad a' cumail rompa, air aghaidh pàileis
an rìgh. Agus nuair a bha iad a' teannadh faisg
oirre seo-ach thuirt am fuamhaire, "O siod e!
Siod e!" ors am fuamhaire, ors esan. "Tha e
'tighinn," ors esan.
"Cà bheil e?" orsa Dòmhnall.
"Tha e 'tighinn a sin-each," ors esan.
Well, chunnaic e gu robh ... "Shift thusa ... Fhalbh
ors esan
thusa," orsa Dòmhnall, "suas bìdeag bheag romhamsa," ᚳ
Agus dh'fhalbh am fuamhaire agus chaidh e suas
bìdeag bheag roimhe agus chàirich Dòmhnall 'n urchair
ris .. ris a' chrìdhe aige. Dh'fhàgadh ann a shiod
'na bholla e. Agus thill e dhachaidh.
"Cà 'il am fuamhaire?" ors Alasdair.
"Ge brith cà 'il am fuamhaire," ors Ala... orsa
Dòmhnall, "cha chuir e dragh ortsa nochd," ors esan.
"O tha ... siod e," ors esan, "cha tig e ... cha
chuir e an còrr dragh air duine 'na bheatha as
a dheoghaidh siod tuilleadh.
Well, chuir iad seachad an oidhche sin am pàileis
an fhuamhaire, e fhéin is Alasdair.
Làirne-mhàireach a seo dh'fhalbh iad. Agus cha robh iad
fad sam bith air falbh nuair a thànaig iad air
pàileis eile a bha seo. Agus cha robh ach, "Air fith
fath
"'N dà," ors Dòmhnall, "dà thrian dhe d' eagal ort fhéin," ors
esan, "agus trian ormsa agus chan eil fhios
carson a bhiodh an trian sin fhéin orm," ors esan.
bhiodh
"'S goirid ... 's goirid," ors esan, "mu am maide
beag dubh seo a mach," ors esan, "dèanamh coileach
dubh dhiot," ors esan.
ors esan,
dhomh
ud
"Faic sin, dhomh, ors esan, "ᚳ air a' choileach ᚳ a th' air
bàrr a' chaisteil," ors esan.
Dh'fhalbh Dòmhnall 's dh'fheuch e air a' choileach
's chuireadh a nuas 'na smùid e air bàrr a'
chaisteil.
"A gu beireadh a' bhuaidh agus a' bheannachd
ortsa agus 's e Dia fhéin a chuir an rathad
thu, ach gu dé mar," ors esan, "a chaidh thu
thu seachad air mo bhràthair," ors esan, "nach e
Dia a sheachain thu," ors esan, "nach d' fhuair e greim ort?
Agus tha mise ceart gu leòr tuilleadh," ors esan, "o'n
fhuair mi do leithid-sa còmhla rium. Thigibh a staigh."
Chaidh iad a staigh agus co-dhiubh seo-ach fhuair
iad biadh 's ... Agus dh'innis a seo-ach
esan an eachdraidh mar a bh' aig a bhràthair,
deoghaidh
gu robh an triùir aca as deidh nighean an rìgh a
bh' ann a sheo-ach, agus gu robh am measan
beag dubh a bha seo-ach a' tachairt ris-san, ge brith
dé mar a bha 'g éirigh a chàch. "Ach," ors esan, "bha
... bha mise lucky," ors esan, "gun deach thu seachad
air mo bhràthair eile," ors esan, "nach d' fhuair e
ors esan.
gram ort," ors esan, "an toiseach," ᚳ "Agus ... "O,"
ors esan, "théid thusa còmhla riumsa an nochd."
"O falbhaidh," orsa Dòmhnall. "Théid mise còmhla
riut gun teagamh. Agus ... mi sin-each," ors esan,
"nach deach an còrr as a dheoghaidh."
Well, thànaig àm falbh 's dh'fhalbh e fhéin 's
am fuamhaire, agus bha iad a nis a falbh,
agus bha iad a seo a' teannadh ri taigh an rìgh,
agus thuirt am fuamhaire ris, "Seo, seo e nist," ors esan,
a' tighinn," ors esan. "Siod e nist," ors esan, "a' tighinn
"Cà bheil e?" orsa Dòmhnall
"Siod e," ors esan.
"Fhalbh," ors esan, "'s coisich beagan a suas air
thoiseach ormsa," ors esan.
Dh'fhalbh am fuamhaire 's choisich e suas steapanan
air thoiseach 's nuair a fhuair Dòmhnall a chùlaibh
ris chuireadh sisid 's a' chridhe aige 's thuit am
fuamhaire far a robh e.
Dh'fhalbh Dòmhnall 's thill e dhachaidh.
"Cà 'il am fuamhaire?" ors Alasdair.
"Ge brith cà 'il am fuamhaire, orsa Dòmhnall, "cha
chuir e dragh ortsa nochd no 'n ath-oidhch'
cuideachd."
Agus ... Well, chuir iad seachad an oidhche sin
an taigh nam fuamhairean ... an fhuamhaire,
agus làirne-mhàireach dh'fhalbh iad. Agus
rànaig iad a' phàileis aig an ath fhear. Agus
o bha 'm fear seo gu ... gu math, gu math na
bu shuaraiche na càch. Agus cha robh ach ...
Nuair a chunnaic am fuamhaire iad cha robh e ach
Air fith fath
ors esan,
"'N dà," ors Dòmhnall, ᚳ "dà thrian dhe d' eagal ort fhéin,"
ors esan, "agus trian ormsa," ors esan, "agus chan eil
fhios 'am carson," ors esan, "a bhiodh an trian seo
fhéin orm," ors esan. "'S goirid bhios am maide beag
dubh seo a mach," ors esan, "a dèanamh coileach
dubh dhiot," ors esan.
"Leig fhaicinn sin dhomh," ors esan, "air a' mhuing ud
air bàrr mo chaisteil."
Dh'fhalbh Dòmhnall 's dh'fheuch e oirre 's
a
chuireadh ᚳ nuas na siobagan as.
"A gu beireadh a' bhuaidh agus a' bheannachd
dheth
ortsa," ors esan. "Nach ... nach mise bha sona ᚳ"
as
ors esan, "nach tànaig tu ᚳ an rathad mo bhràithrean
eile," ors esan. "Thigibh a staigh," ors esan, "còmhla
riumsa," ors esan.
Chaidh iad a staigh agus chuireadh chuir am
fuamhaire biadh air dòigh 's fhuair iad biadh,
agus dh'innis am fuamhaire dhaibh nuair sin gu
robh dà bhràthair eile aige-san agus gu robh
an triùir aca as deoghaidh nighean an rìgh.
Agus ge brith dé mar a bha 'g éirigh a chàch nach
robh ach ag éirigh meadhonach dha-san, ach gu robh
esan lucky gun deach e seach ... gun deach
iad-san seachad air an fheadhainn eile, nach
d' fhuair iad greim orra, gu tànaig iad aire-san,
Agus ... "Tha am measan beag balganach dubh,"
ors esan, "a' tachairt rium-sa," ors esan, "a h-uile
oidhche," ors esan, "nuair a théid mi ann, a
dh'fheuchas mi ri dhol ann," ors esan. Agus than ...
tha e 'dol a staigh air mo bheul 's a'
tighinn a mach air a' cheann eile dhiom," ors
esan, "agus tha mi cho slack an uair sin agus
ars esan, "feumaidh mi tilleadh dhachaidh."
Agus ... "Falbhaidh tusa còmhla riumsa nochd," ors esan,
agus cuiridh tu crìoch air."
agus
"O gu dearbh falbhaidh," orsa Dòmhnall, "ᚳ théid crìoch
a chur air
air an fhear seo ᚳ cuideachd."
Co-dhiubh seo-ach bha iad a' tighinn gus a robh
àm falbh ann, agus nuair a thànaig àm falbh
a seo-ach a' choimhead air nighean an rìgh
dh'fhalbh e fhéin agus Dòmhnall. Bha iad a' cumail
rompa agus nochd iad a seo ri pàileis an rìgh
agus bha iad a' tighinn agus thuirt am fuamhaire
"Siod e! Siod e nist!" ors esan, ors ... ors am fuamhaire
ri Dòmhnall, "Siod e, siod e nist," ors esan, "a'
tighinn," ors esan.
"Shift thusa," ors ... orsa Dòmhnall, ors esan, "an darna
taobh," ors esan.
Agus shift am fuamhaire an darna taobh agus dh'
fheuch Dòmhnall air a' mhearan agus spadadh e
far a robh e.
"A gu beireadh a' bhuaidh agus a' bheannachd
ortsa," ors am fuamhaire. "Nach mise tha lucky!"
Agus chum iad rompa agus nuair a rànaig iad
a seo-ach bha fence a bha sin-each bha i
timchioll na pàileis aig an rìgh. Agus tha e
coltach gu robh i làidir. Agus cha robh ... chan
fhaigh ... Bha i àrd agus chan fhaigheadh iad
seachad oirre. Ach 's e 'n rud a thuirt am
fuamhaire, "Feuchaidh mi," ors esan, "ri brùthadh bho chéile,"
ors esan,
ors esan
ᚳ "feuch," ᚳ am faigh mi mo cheann throimpe," ors esan,
"agus nam faighinn," ors esan, "gheibhinn mo cholann
ceart gu leòr."
Well, 's e seo an rud a rinn e co-dhiubh. Dh'fheuch
e 's chuir e 'cheann a staigh ann. Ach dh'fheuch e
seo ri cheann thoirt air ais agus siod! cha
tigeadh e. Chan cha tigeadh e mach. Cha
leigeadh a chluasan a mach e.
"O dhuine, dhuine!" ors esan ri Dòmhnall, ors esan,
"B' fheàrr leam gu tilleadh tusa dhachaidh," ors esan,
"agus gu toireadh tu 'n tuagh ... an tuagh mhó... an
tuagh agamsa," ors esan, "a nuas," ors esan, "agus
gearraidh tu," ors esan, "pìos dhe'n iarunn tha
seo. Cha bhi thu fada 'gearradh pìos dhe'n iarunn
tha seo-ach agus gheibh thusa," ars esan, "throimhe."
O 's e seo an rud a rinn Dòmhnall. Dh'fhalbh e
's thill e. Rànaig e. Cà 'il am fuamhaire?"
ors Alasdair. "O tha ..." Dh'innis Alasdair
dha, agus thuirt Alasdair ris fhalbhadh e,
"Air na chunna tu riamh a nis," ors esan,
"na feuch ris an fhear sin a mharbhadh," ors
esan, "chionn 's cha ... cha de ... agus bidh
thu fhéin marbh còmhla ris agus bidh mise marbh
còmhla riut cuideachd."
Agus ... "O," orsa Dòmhnall, ors esan, "tha ... tha ..."
Dh'innis e dha mar a bha, gu robh e staigh ann
a shiod anns an fhence 's gu robh e 'g iarraidh
tuagh. Agus ... Fhuair e 'n tuagh 's dh'fhalbh
Dòmhnall leis an tuaigh 's rànaig e an tuagh.
'S bha am fuamhaire ann a shin a's an fhence.
A' cheud bhuille a fhuair am fuamhaire dhe ...
dhe'n tuagh 's ann a's an amhaich, agus
ghearradh an ceann dheth leis an tuaigh a's an
fhence agus dh'fhàgadh ann a shin e.
Agus chaidh e fhéin an uair sin, bhrùchd e e fhéin
agus chaidh e staigh throimh'n fhence, agus bha
e còmhla ri nighean an rìgh.
Agus
Ach co-dhiubh bha seo mar seo. ᚳ Bha iad a nis,
cha robh iad ach a' dander-eadh air ais 's air
aghaidh 's bha iad eadar pàileisean nam
fuamhairean 's a' toirt asda chuile ... gach òr
's gach airgiod a bh' ann, 's bha iad 'ga
chur air dòigh, Dòmhnall is Alasdair, agus
cha robh cion airgid.
Ach gu dé rinn nighean an rìgh ach fàs trom.
Agus cha robh fhios o Dhia có bu leis e, ach
cha robh 'chùnntais aic' air ach gur e 'n
oidhche chaidh am fuamhaire a mharbhadh a's
an fhence, gur e sin an oidhche a bha duine
còmhla rithe.
Ach co-dhiubh rugadh a seo-ach am pàisde, agus
's e pàisde gille a bh' ann. Agus cha robh fhios aig ...
cha robh fhios aca o Dhia gu dé dhèanadh iad.
Ach chaidh an rìgh seo-ach far a robh fear-
còmhraidh a bha 'san àite a sin, feuch
gu dé ghabhadh dèanamh. Agus co-dhiubh
seo-ach ... thuirt am fear sin ris na feuchaidh i
air taigh a chur suas aig ceann ... ann a ... gu
dhà
rathaid, ri taobh an rathaid mhóir agus i ...
i bhith toirt seachad biadh do dhuine airson
innseadh gu dé ... dìreach éisdeachd a dhèanamh
rithe, dé mar a chaidh an saoghal leis no
cà' robh e no gu dé dh'éirich dha 's a
chuile sìon a thachair dha.
Agus 's e seo an rud a rinneadh. Chuir an rìgh
mu dheoghainn an taigh a thogail. Thogadh an
taigh 's chuireadh stòr ann 's bha ise ann a
shin-each, 's bha am pàisde an uair sin bha e air
a dhol air choiseachd. Agus ...
bha notice a muigh ris an dorus carson a bha
'n taigh, duine sam bith a dh'innseadh ... a
dhèanadh ... a dh'innseadh a chaithe-beatha
gu faigheadh e refreshment ann, biadh 's rud
dhe'n t-seòrsa sin. Agus bha feadhainn a' dol
ann 's bha iad ag innseadh a chuile sìon.
Ach có bha 'tighinn a ... Dh'fhalbh nist
Dòmhnall ... Chaidh Dòmh... Chaidh Alasdair,
nuair a fhuair iad a chuile sìon seachad 's a
fhuaradh an t-airgiod 's a chuile sìon a bh' aig
na fuamhairean a chruinneachadh, chaidh Alasdair
thill e dhachaidh a nall gu ruige Breatunn –
'S ann á Breatann a dh'fhalbh e – agus
thuirt Dòmhnall gu fanadh esan, nach tigeadh
e 'n dràsda. Cha robh cion airgid air.
Agus có thànaig an la... ra... latha seo 'n rathad
ach Dòmhnall, rathad an taighe bha seo.
Agus chunnaic e 'n notice agus chaidh e 's
bha e 'leughadh an notice. Agus bhuail e sin
a's an dorus agus chaidh e staigh 's dh'fhoighneachd
e an robh an notice a bha seo fìor. Thuirt ise gu
robh, nan innseadh e o ... a' chaithe-beatha o
thùs gu éis, gu dé mar a thachair dha, a chuile
sìon a thachair dha, gu faigheadh e biadh
an asgaidh.
Agus ... "Well," thuirt Dòmhnall gu d... gu
dèanadh esan sin. Agus thòisich e sin-each
air innseadh, agus dh'innis e chuile sìon on
t-saoghal go ... mar a chaidh an wreck-eadh,
mar a dh'fhalbh iad á Breatunn a seo 's a
chaidh an wreck-adh 's ... agus a thachair na
fuamhairean a bha seo-ach riutha, agus ...
agus gun do mharbh e an dithis bh' ann a
sheo-ach agus ... agus gun a tharruing e fhéin
's a chompanach, gun a thill iad air falbh . bhuapa
clìor Agus ...
"O siuthad!" ors ise. Agus
Nuair a shuidh esan a staigh thànaig am pàisde
a nall, agus bha dìreach toiseach bruidhne
air tighinn air. "Dadaidh, dadaidh, dadaidh,"
ors esan. Agus sheall a mhàthair air. Agus ...
"Dia," ors ise, "tha siod a' cur neònachas orm," ors ise.
"Bheil?" orsa Dòmhnall.
"Tha," ors ise.
nist
Agus dh'innis e nist ... Thòisich e ᚳ air innseadh
a' chaithe-beatha 's a chuile sìon mar a thachair dha
's a chuile sìon agus ... gus an tànaig e air na
fuamhairean agus rinne ... Cha do ghabh e ris
ach gun do mharbh e ach dithis aca 's ...
"O siuthad!" ors ise. "Mharbh thu 'n treas fear," ors ise,
"agus sin," ors ise, "an oidhche a bha thu còmhla
riumsa," ors ise, "agus tha cheart cho math dhut," ors ise,
"gabhail ris," ors ise. "Agus," ors ise, "'s furasda
aithneachadh gu robh rud-eigin ann. Nach tuirt
am fear beag
"O well," orsa Dòmhnall, ors esan, "'s cinnteach g' eil
e cheart cho math," ors esan, "gabhail ris."
Agus dh'fhan Dòmhnall a nist agus phòs e fhéin
's i sin-each agus thànaig Alasdair a nall, agus
cha robh ... cha robh cion airgid air fear seach
fear aca tuilleadh. Bha airgiod gu leòr aig
Dòmhnall agus bha a share fhéin aig Alasdair
a' tighinn a nall. Agus sin mar a chuala mise
a thachair do Dhòmhnall 's do dh'Alasdair.
Informant : D.A. Johnson, Aird Mhór, South Uist.
SA 1971/53 B2
Collector : D.A. MacDonald
Alasdair agus Dòmhnall agus na Trì Fuamhairean.
Bha siod ann dithis, ma tha, dithis chompanach.
Chan eil mi cinnteach an e reaiceadh a
rinneadh orra, ach tha mi 'smaointinn gur
bha ...
a h-e. Agus ᚳ 's e Alasdair a bh' air fear aca
agus Dòmhnall air fear eile dhiubh. Agus bha
Dòmhnall seo bha gunna aige, ge brith an ann
a's a' bhàta a chaidh a reaiceadh a fhuair e
e e, no gu dé mar a fhuair e e, ach co-
dhiubh bha e aige.
Agus bha iad a' falbh còmhla agus bha iad
a seoach feuch a ruigeadh iad àite a chor-eigin,
baile, feuch gu dé an t-àite a bh' ann. Agus
nochd iad ri baile ann a sheo feasgar tràth,
agus chunnaic iad pàileis ann a shineach do
dh'àite mór, agus rinn iad dìreach air an àite.
Agus nuair a bha iad dìreach gus 'ith aig an
taigh a bh' ann, cha b' fhada gus an cuala iad,
tha
allmharaich.
? allabharraich
Fith fath fuaᚳgaich air barraibh an Allabannaich Albannaich
'S fhada bha mo chorp air feadh 'ga meirgeadh
's toll a' feitheamh air greim air fheòil agus balgam
dhen fhuil a chlann an Allbannaich Albannaich."
"'N dà," arsa Dòmhnall, 's e "Dà thrian
ars esan
dhe d' eagal ort fhéin" ᚳ "agus trian oirnne," ars esan,
ars esan,
"agus chan eil fhios 'am" ᚳ "carson a bhiodh an trian
bhiodh
seo fhéin orm," ars esan. "'S goirid ᚳ m' fhear beag
dubh seo fo m' achlais," ars esan, "dèanamh
coileach-duibh dhiot," ars esan.
"Feuch sin," ars esan, "air an luing ud am bàrr
mo chaisteil," ars esan.
Dh'fhalbh Dòmhnall 's thog e an gunna 's
a
dh'fheuch e air an luing 's chuireadh ᚳ nuas 'na
biorain i.
"A gu beireadh a' bhuaidh agus a' bheannachd
ortsa," ars esan. "'S e Dia fhéin a chuir an
rathad thu," ars esan. "Buail mise," ars esan,
gnìomh
"biodh na's fheàrr na sin dhut-sa," ars esan.
"Thig thusa ... thigeadh sibhse staigh," ars esan.
Well, chaidh iad a staigh a thaigh an fhuamhaire.
Chuireadh air dòigh biadh dhaibh 's fhuair
iad biadh. Agus an déis a' bhidhe a seoach,
thuirt am fuamhaire ris, "Nist," ars esan, "tha
mise ann a sheoach," ars esan, "agus tha dithis
bhràithrean eile dhomh ann," ars esan, "de
fuamhairean mar a tha mi 'fhìn," ars esan.
"Agus tha aon nighean rìgh," ars esan, "ann a
sheo," ars esan, "agus tha an dithis ... tha an
triùir againn," ars esan, "as a deoghaidh," ars esan.
"Agus," ars esan, "ge brith gu dé mar a dh'éirich
dhaibh-san," ars esan, "cha d' fhuair mise riamh
faisg oirre. Chan eil oidhche," ars esan, "a
dh'fhalbhas mise," ars esan, "nach eil ... tha ...
am balganach
ars esan
balaganach beag dubh," ᚳ "de chù a' tachairt rium," ars
esan, "agus tha e 'dol a staigh air mo bheulaibh
agus a' tighinn a mach air an taobh chùl dhiom,"
ars esan, "agus tha mi nuair son cho slac," ars esan,
"agus feumaidh mi tilleadh dhachaidh. Ach,"
ars esan, "o'n tha leithid sin a dh'arm agadsa
ars esan, "agus a tha thu cho math leis," ars esan,
falbhaidh tusa còmh riumsa a nochd agus cuiridh
air ...
tu crìoch," ars esan, "ᚳ air a' mheasan."
"O falbhaidh," arsa Dòmhnall.
Agus rinn iad a seoach deiseil co-dhiubh.
Nuair a thànaig treis a dh'oidhche co-dhiubh
rinn iad deiseil, agus dh'fhalbh Dòmhnall agus
am fuamhaire.
Agus thuirt Alasdair ris nuair bha e 'falbh –
fhuair e bruidhinn dheth – "O 's iochd
Dia dhut," ars esan, "na feuch ri sìon a
ars esan,
dhèanamh," ᚳ "neo," ars esan, "bidh sinn marbh
le chéile."
"Fhalbh thusa," arsa Dòmhnall. "Fan a staigh,"
ars esan, "gus an tig mise."
Well, dh'fhalbh iad. Bha iad a' gabhail air
aghaidh 's iad a' dol air aghaidh gu taigh an
tuathanaich ... taigh an rìgh. Agus a ...
"O siod e, siod e," ars am fuamhaire, ars esan,
"Tha e nist a' tighinn," ars esan.
"Ca bheil e?" arsa Dòmhnall.
"Siod e," ars esan, "nall. Fhalbh," ars esan,
"a null agus coisich dhà no trì cheumanan
air thoiseach ormsa."
Dh'fhalbh am fuamhaire 's choisich e ceumanan air ..
air thoiseach air 's dh'fhalbh Dòmhnall
's thionndaidh e an gunna sìos 's chàireadh
ris an fhuamhaire e. Dh'fhàgadh 'na –
ann a shiod e. An ceann ... thill e
dhachaidh co-dhiubh. Agus ...
"Cà 'il am fuamhaire?" ars Alasdair.
"O," arsa Dòmhnall," ars esan, "ge brith cà 'il am
fuamhaire cha chuir e dragh ortsa, no ormsa
cuideachd."
Well, chuir iad seachad an oidhche sin ann
an taigh an fhuamhaire. Agus làirne-mhàireach,
bha iad ann a shin, agus nuair a fhuair
iad air doigh, làirne-mhàireach a seo, dh'
fhalbh iad. Agus thuirt Dòmhnall ri Alasdair,
"Théid sinn," ars esan, "treis," ars esan, "feuch
a ruig sinn," ars esan, "am fear eile dhiubh," ars esan.
Rànaig iad a seoach a' phàileis a bha seo, agus
cha robh ach "Air fith fath fuathagaich air
Albannaich
barraibh an allmharaich, 's fhada bha mo
chorp air feadh 'ga meirgeadh is toll a'
feitheamh air greim dhe d' fheòil 's air balgam
dhen fhuil a chlann an Albannaich."
"'N dà," arsa Dòmhnall, ars esan, "Da thrian
a dh'eagal ort fhéin," ars esan, "agus trian
oirnne," ars esan, "agus chan eil fhios 'am,"
ars esan, "carson a bhiodh an trian sin fhéin
oirnn," ars esan. "'S goirid bhios am maide
beag dubh seo fo m' achlais," ars esan,
"a' dèanamh coileach-duibh dhiot," ars esan.
ud
"Feuch sin," ars esan, "air a' choileach ᚳ a tha
am bàrr a' chaisteil agam," ars esan.
Dh'fhalbh Dòmhnall 's thogadh an gunna 's
leigeadh air falbh a volley air a' choileach
's chuireadh a nuas 'na shiobhagan e.
A
"'N dà, gum beireadh a' bhuaidh agus a' bheannachd
ort," ars esan, "agus nach mise bha lucky," ars
esan, "nuair a thàna tu seachad air mo bhrathair
eile," ars esan, "ortsa," ars esan. "Thig thusa
staigh," ars esan, "agus nì mise gnìomh math
ribhse," ars esan, "agus nach mi bha lucky," ars
esan, "nach ... nach d' fhuair mo bhràthair eile
greim air."
Agus chaidh iad a staigh 's fhuair iad biadh aige,
agus ... "Nist," ars esan, "tha sinne ann a
sheo," ars esan, "an triùir bhràithrean," ars esan,
"agus," ars esan, "tha aon nighean," ars esan, "aig
an rìgh tha seo, agus tha an triùir againn,"
ars esan, "as a deoghaidh. Ach," ars esan, "ge brith
dé mar a tha 'dol a chàch," ars esan, "chan
eile e ach a' dol meadhonach dhomhsa," ars esan.
"Chan eil oidhche," ars esan, "a théid mise," ars esan,
"'dol a choimhead oirre nach eil am measan
beag balganach dubh a tha seo," ars esan, "a'
tachairt rium," ars esan, "agus tha e 'dol a staigh
air mo bheul," ars esan, "agus tha e 'tighinn a
mach air an taobh chùil dhiom," ars esan, "agus
tha mi cho slac an uair sin agus feumaidh mi
tilleadh dhachaidh, ars esan. "Agus," ars esan,
... nach
"nach ᚳ mi bha lucky," ars esan, "nach d' fhuair mi
bhràthair greim air." Agus ...
"O," arsa Dòmhnall, "cha bhithinn fada a'
deileadh ris an fhear sin idir," ars esan.
nuair ...
Agus nist ᚳ nuair a fhuair iad ... nuair a thànaig
treis de dh'oidhche co-dhiubh, "Nist," ars
am fuamhaire," ars esan, "'s fheàrr dhuinn
bhith falbh," ars esan, "agus thugainn thusa,"
ars esan, "còmhla riumsa."
"Théid," arsa Dòmhnall.
Agus dh'fhalbh iad agus dh'fhalbh ...
bha iad a' dol air aghaidh gu pàileis an rìgh,
agus nuair a bha iad pìos math bhuaipe
co-dhiubh, "O siod e, siod e," ars an
fuamhaire, "a' tighinn," ars esan. "Tha e nist
a' tighinn thugainn," ars esan, "agus bidh e
agamsa 's a' mhionaid."
"O," arsa Dòmhhall, coisich gu math air
thoiseach ormsa," ars esan.
Agus dh'fhalbh am fuamhaire agus chàirich
Dòmhnall an gunna ris an fhuamhaire agus
'na shìneadh
dh'fhàgadh ᚳ ann a shiod e. Agus thill am measan
dhachaidh. Agus thill Dòmhnall e fhéin dhachaidh.
Agus ... "Seadh," ars Alasdair, "cà 'il am fuamhaire?
"Tha," arsa Dòmhnall, "far a robh am fear eile. Cha
chuir e dragh ortsa."
Ach co-dhiubh seoach chuir iad seachad an oidhche
sin, agus làirne-mhàireach nuair a fhuair iad
air dòigh, "Well," arsa Dòmhnall," ars esan,
"'S fheàrr dhuinn cumail air aghaidh," ars esan,
"feuch," ars esan, "am faigh sinn am fear eile."
Ach co-dhiubh seoach rànaig iad a' phàileis
aig an fhear eile, 's cha robh ach
Albannaich
th
"Fith fath fuaᚳgaich air barraibh an allmharaich,
's fhada bha mo chorp air feadh 'ga
meirgeadh 's toll a' feitheamh air greim
air feòil 's balgam dhe fuil a chlann an
allmharaich. Albannaich."
"'N dà," ars Dòmhnall," ars esan, "dà thrian dhe
ars esan,
d' eagal ort fhéin," ᚳ "agus trian oirnne," ars esan
"Chan eil fhios am," ars esan, "carson a bhiodh
an trian sin fhéin oirnn. "'S goirid," ars esan,
"am maide beag dubh seo 'nam achlais,"
ars esan, "a' dèanamh coileach-dubh dhiot,"
ars esan.
"Leig s... leig ... leig fhaicinn sin dhomh," ars esan,
"air an luing ud am bàrr a' chaisteil," ars esan,
Dh'fhalbh Dòmhnall 's thogadh an gunna 's
dh'fheuchadh an deàrrsach oirre 's chuireadh
air falbh 'na siobhagan i.
"O gu beireadh a' bhuaidh agus a' bheannachd
ars esan,
ortsa," ᚳ "agus nach mise tha lucky," ars esan,
"nach do thachair mo bhràithrean eile riutsa,"
ars esan, "agus nach d'fhuair iad greim ort,"
ars esan, "seach mise," ars esan. "Nach mise
tha lucky," ars esan, "gu tàna tu orm," ars esan.
"Agus thigeadh sibhse staigh," ars esan, "'s
nì mise deagh ghnìomh ruibh," ars esan.
Chaidh iad a staigh co-dhiubh, agus bha
am fear seo bha e na bu sgoinneile na càch
ged bhiodh càch air am bualadh 'na chéile
Agus ... Co-dhiubh seoach, "Nist," ars esan,
"tha sinne ann a sheo," ars esan, "an triùir
bhràithrean," ars esan, "agus," ars esan, "chan
eil fhios 'am," ars esan, "gu dé mar a thachair
sibh," ars esan, "mo bhràithrean eile," ars
esan, "ach bha mise lucky," ars esan, "gun
a thach... gu tàna sibh an taobh agam
fhìn," ars esan. "Agus," ars esan, "tha an
triùir againn," ars esan, "as deoghaidh nighean
an rìgh," ars esan. "Agus chan eil fhios 'am,"
ars esan, "gu dé mar," ars esan, "tha 'g
éirigh dhaibhsan," ars esan, "ach tha am
brath ag éir... 'g éirigh glé mheadhonach
dhomhsa," ars esan. "Tha," ars esan, "nuair
bhios mi faisg air taigh an rìgh," ars esan,
"tha am measan beag, bolganach dubh tha
seo," ars esan, "a' tighinn nan luib," ars esan,
"agus tha e a' dol a staigh air mo bheul
's a' tighinn a mach air an taobh chùil dhiom,"
ars esan "agus tha mi cho slac an uair sin,
agus feumaidh mi tilleadh dhachaidh."
"O," arsa Dòmhnall, ars esan, "cha bhi sinn
fada deiligeadh ris an fhear sin."
Agus co-dhiubh seoach bha iad a sineach a staigh
gus an tànaig treis a dh'oidhche. Agus ...
"Well," ars am fuamhaire," ars esan, "'s fheàrr dhuinn
nist falbh," ars esan, "agus thugainn thusa
còmhla riumsa," ars esan, "agus bheir leat am
maide dubh sin agad," ars esan.
"Théid," arsa Dòmhnall.
Bha iad a' dol air aghaidh co-dhiubh, agus
theann iad a seoach faisg air pàileis an rìgh,
agus thuirt am fuamhaire ris, "Siod e nist, nist
a' tighinn," ars esan.
"Siobht thusa," arsa Dòmhnall, "a nall an
taobh dhiomsa," ars esan.
Agus dh'fhalbh Dòmhnall agus thog e an gunna
dìreach, agus nuair a bha am measan gus
'ith aige, dìreach, rinneadh coileach-dubh dheth.
"A gum beireadh a' bhuaidh agus a' bheannachd
ortsa," ars am fuamhaire, ars esan. "'S mise,"
ars esan, "nì an gnìomh riutsa," ars esan.
Agus ... "O glé cheart," arsa Dòmhnall.
Agus chaidheadh air aghaidh co-dhiubh.
Agus bha fence timchioll na pàileis a sin,
agus 's e fens iaruinn a bh' ann. Agus bha
iad a' dol timchioll oirre agus cha robh rathad
air faighinn a staigh innte. Ach dh'fheuch am
fuamhaire a seo, thuirt e ri Dòmhnall,
mi," ars esan,
"Feuchaidh sinn ᚳ "a staigh ann a sheo feuch
am press mi," ars esan, "na bàraichean tha seo
o chéile," ars esan, "agus gu faigh mi throimhe."
"Glé cheart," arsa Dòmhnall.
Agus 's ann mar seoach a bha co-dhiubh.
Dh'fhalbh am fuamhaire agus dh'fheuch e. Chuir
e 'cheann ... fhuair e cheann a chur a staigh,
ach nuair a chaidh an ceann a staigh cha
tigeadh e mach.
"A Dhia," ars am fuamhaire ri Dòmhnall, ars esan
"tha mi stug a seo," ars esan.
"Bheil?" arsa Dòmhnall.
"O tha," ars esan, "Chan fhaigh mi mo cheann
ás," ars esan. "Ach fhalbh thusa dhachaidh,"
ars esan, "chon an taighe agamsa," ars esan,
"agus bheir a nuas," ars esan, "tuagh a tha
sineach," ars esan, "agus cha bhi i fada
gearradh rathad a seo," ars esan.
Dh'fhalbh Dòmhnall dhachaidh, agus ...
"Càit a bheil am fuamhaire?" ars Alasdair.
"Fhalbh thusa," arsa Dòmhnall, "ge brith cà 'il
am fuamhaire," ars esan, "cha chuir e dragh
ortsa an dràsda co-dhiubh," ars esan. "Tha
mi 'g iarraidh tuagh," ars esan," air
staoigeadh ann a si... ann an àite a siod."
Agus dh'fhalbh Dòmhnall leis an tuaigh. Agus
nuair a rànaig e am fuamhaire, "Seadh, tha
thu sin," ars am fuamhaire.
"O tha," ars esan.
"Seadh a nist," ars esan, "geàrr am feans a sin,"
ars esan, "ors gu faigh mise ás mo cheann," ars
esan.
Dh'fhalbh Dòmhnall 's thòisich e leis an tuaigh,
agus 's ann air cea... 's ann air amhaich
an fhuamhaire a thòisich Dòmhnall leis an tuaigh,
ors mu dheireadh gun thuir gun a chuir e
dheth ... gun tug e dheth an ceann.
Agus nuair a thug e dheth an ceann thuit a
cholainn ann a shiod. Bha i ann a shiod.
Dh'fhalbh e fhéin agus chaidh e staigh an uair
sin. Fhuair e staigh agus chaidh e staigh.
Agus tha e colach leam gu deach e, gun
d' fhuair e greim air nighean an rìgh co-dhiubh,
agus dh'fhalbh e còmhla rithe treis mhath dhen
oidhche. Agus chaidh e seo dhachaidh làirne-
mhàireach. Seadh, chaidh e dhachaidh an
a thaigh ...
oidhche sin a thaigh an fhuamhaire, agus
bha Alasdair a staigh roimhe.
"Seadh," arsa Alasdair, ars esan, "cà 'il am
fuamhaire?" ars esan. "An d'fhuair thu ás e?"
"O fhuair," arsa Dòmhnall. "Cha deifir dhan
fhuamhaire," ars esan, "cha chuir e dragh oi...
ormsa no ortsa," ars esan, "far a bheil e."
Agus bha iad a nist ann a shineach, agus
dh'fhan iad a nist treis a's a' phàileis a bha
seo. Ach co-dhiubh rinn ... bha Alasdair air
son falbh, tilleadh ... dhol gu baile-puirt
feuch a faigheadh e nall a Bhreatunn air
ais. Agus o bha Dòmhnall
tràth gu leòr. Agus bha airgiod gu leòr
aca. Bha iad air ruith air pàilios nam nan
fhuamhairean 's a' toirt ás na bh' ann a
dh'airgiod, agus dh'fhaodadh iad sin;
bha gu leòr a dh'airgiod aca. Agus ...
Nach fhan thu," ars ... arsa Dòmhnall, "nach
fhaod thu fuireach a seo fhéin?" Agus ...
O chan fhanadh Alasdair. Cha robh e air son
fuireach idir.
"Well," arsa Dòmhnall, "tha mise 'dol a dh'fhuireach."
Agus 's e seo an rud a rinn Dòmhnall. Dh'
fhan Dòmhnall. Agus cha robh e 'g obair ann
ach a' dol mu chuairt. Cha ruigeadh e leas
ach a' dol mu chuairt a' bhaile 's a' coimhead
's a chuile sìon.
Ach gu dé rinn nighean an rìgh ach fàs trom.
Agus cha robh fhios o Dhia có bu leis e.
Agus chaidh i seoach, nuair a thà... bha an
t-àm aice co-dhiubh, chaidh i an darna taobh
le leanabh gille.
Well, bha Dòmhnall bha e 'g ob... a' dol air
feadh a' bhaile a sin, agus airgiod gu
leòr aige air son a chosg, airgiod an fhuamhaire
Agus bha an gille a' fàs. Bha e air fàs 'na
chnapach beag agus e air toiseach ... toiseach
de bhruidhinn aige air fhaighinn. Agus ch...
chaidh an rìgh, chaidh e far a robh fear-
fiosachd a bh' ann a sheo agus ... a
dh'innseadh mar a dh'éirich dhan nighinn,
agus nach robh fhios o Dhia có athair a' ghille
a bh' aice.
"'N dà," ars an rìgh ... ars am fear seo ris an rìgh,
ars esan, "innsidh mi dhut dé rud a nì
thu," ars esan. "Cuir ... tog taigh dhi," ars esan,
"agus," ars esan, "bitheadh i," ars esan, "a' cumail
tì 's rud dhen t-seòrsa biadh ri duine
sam bith a thig rathad an taighe, air son
a chaitheamh-beatha innseadh gu dè mar
a chaidh dhe o fad a shaoghail."
Well, 's e seo an rud a rinneadh. Chur
an rìgh mu dhéidhinn an taigh a bha seo
a thogail, 's thogadh an taigh. Agus
bha notice air a chur suas mach aig an taigh,
'g innseadh carson a bha an taigh, air
son gu faigheadh duine sam bith biadh sam
bith a dh'iarradh e ann, ach innseadh
dé 'chaitheamh-shaoghail a bh' aige, no gu dé
'chaitheamh-beatha a bh' aige fad an t-
siubhail, gu dé chaidh e throimhe.
Agus bha iad a nist, bha móran dhaoine a'
dol ann 's bha iad a' dèanamh ... 'g innseadh
mar a chaidh iad throimh'n t-saoghal 's mar
a thachair riutha 's a chuile sìon dhen t-seòrsa.
Ach có thànaig ann a seoach ach Dòmhnall?
Agus shuidh e thall air séathar aig bòrd.
Agus cha robh e sìon o'n t-saoghal ach air
suidhe nuair a dh'éirich an toddler beag a
bha seaoch a null far a robh e, agus chuir e
'làmh air a ghlùin. "A phapaidh, a phapaidh,"
ars esan. Agus chuala a mhàthair e, agus
ghabh i neònachas nach tuirt e gabadh
ri duine riamh ach ris an duine bha seo,
ge brith ↙ dé ... có ↗ an duine a bh' ann.
Bha Dòmhnall, bha e ann an deagh aodach
's ann a deagh chumadh. Dh'fhaodadh
e sin le chuid airgid.
Agus well, dh'innis ... Dh'fhoighneachd
Dòmhnall an robh am pàipeir a bha seoach a
muigh an robh e ... seadh, an e an
fhìrinn a bh' ann. Thuirt i gur a h-e,
sam bith
gu faigheadh duine sam bith biadh ᚳ a bha
a dhìth air, ach e innseadh gu dé mar
a chaidh e throimh'n t-saoghal, no gu dé na
cunnartan no gu ... an gàbhadh a's an deach
e, no gu dé rud.
Agus ... Thòisich Dòmhnall air innseadh, mar
a dh'fhalbh e fhéin 's a chompanach. Agus ...
dh'innis e chuile sìon o thùs gu éis mar a
thànaig iad air taigh a' cheud fhuamhaire 's mar
a mharbh e e, 's mar a ... mar a dh
air an darna fear. Agus cha robh chunntais
aice-se ... Cha robh chunntais aicese air ach gur e
'n oidhche a mharbhadh ... a dh'fhàgadh am
aig ...
fuamhaire marbh ᚳ aig a' ghàradh, gur e sin an
oidhche a rinneadh an cron oirrese.
e
Agus co-dhiubh seoach rànaig iad dìreach gus
na dh'innis e dìreach gu na rànaig an e,
marbh
gun a dh'fhàg e am fuamhaire ᚳ aig a'
ghàradh, agus gu ... gun a thill e air
falbh an uair sin, agus gu robh 'chompanach
a staigh roimhe.
"O seadh," ars ise. "Lean romhad," ars ...
"Innis an còrr," ars ise. "Chaidh thu," ars ise,
"a staigh còmh ri nighean an rìgh."
"A well," arsa Dòmhnall, "tha mi cinnteach
g' eil e cheart cho math," ars esan, "innseadh," ars ese
Well, dh'innis Dòmhnall.
"Well," ars ise, "'s tu athair," ars ise, "mo
phàisde."
"O tha deagh sheans," arsa Dòmhnall, "gur a
mi."
Agus cha robh ach an uair sin co-dhiubh, ach
dh'fhan Dòmhnall a sin, agus phòs e fhéin
agus nighean an rìgh. Agus chan eil fhios
agamsa có-dhiubh fhuair e 'na rìgh 's
gus nach d' fhuair nuair a bhàsaich a
h-athair. Ach co-dhiubh thill mise dhachaidh
's dh'fhàg mi iad ... iad còmhla, agus
an aon ghille aca.
DAM O well, tha i math, agus a rithist 's math a
dh'innis sibh i.
DAJ Agus sin agad mar a chuala mise mu
Alasdair 's Dòmhnall.
Informant : D.A. Johnson, Aird Mhór, South Uist
SA 1971/186 A5
Collector : A.J. MacDonald
(Extract) – Alasdair, Dòmhnall ⁊ na Fuamhairean (Geasa)
Bha ... Bha ... 'S dòch gu robh fàlairidh ... Bha aon
sgeulachd ann co-dhiubh, fear a sheas air an
fhuamhaire mhór a sineach, agus nuair a ... nuair
nach robh aige ri coimhead ... Cha robh aige ri
coimhead a's a' choire mhór ach losgadh foidhe
fad an latha. 'S bha esan gos 'ith ... Agus cha robh
aige ri dhol a dh'ìochdar an taighe 's cha robh aige
ri dhol a dh'uachdar an taighe, ach an aon bhà...
'n àite bh' ann a sheoach a bh' ann am meadhon
an taighe. Agus bha coire mór a sineach air
teine aig an fhuamhaire, agus cha robh sìon a'
tighinn ás uair sam bith, ach bha e 'sìor
losgadh foidhe. Agus cha robh aig a' g... cha
robh aig an duine bh' ann a sheo a dhèanamh
ach ... Cha robh aige ri coimhead a's a' choire
mhór idir 's cha robh aige ri dhol a dh'uachdar
an taighe 's cha robh aige ri dhol a dh'ìochdar
an taighe, ach losgadh fo'n choire mhór.
Well, bha am fuamhaire gos 'ith air falbh seachduin
an triob a bha seoach, agus smaointich e aige fhéin
co-dhiubh gu faiceadh e gu dé rud a bha 's a'
choire. Agus ch... dh'fhalbh e agus thog e
air
an lut ás a' choire 's sheall e ann. Thuit
an darna taobh bu ghiorra dhe'n choire dhe
dhe'n fheòil a
aodann; thuit an darna taobh ᚳ bh' air an ...
bh' air an aodann aige a ghearradh dha'n choire.
Agus chuala e guth ag éigheach shìos ann an
ceann an taighe, "Nuas a seo cho luath 's a
rinn thu riamh!"
Agus chaidh e suas agus bha fàlairidh ann a
shìneach air a ceangal ann an uachdar an taighe,
a's a' cheann dhe'n taigh. Agus co-dhiubh
seoach thug i dha ... "Seo," ars ise, "currachd
agad," ars ise, "agus," ars ise, "nuair bhios tu
'dol seachad air a' choire," ars ise, "bheir leat,"
ars ise, "an cuman chnàmh tha siod," ars esan,
"agus bheir chon na mucan e a's a' cheann eile
dhe'n taigh ud, agus bheir a nuas thugamsa an
cuman fhiodh ... a th' ann. Agus nuair bhios tu
'dol seachad air a' choire," ars ise, "coimhead
ann leis an taobh eile," ars ise, "agus faodaidh
tu nuair sin an currachd an uair sin a
chur mu d' cheann."
'S seo an rud a rinn e.
Well, fhuair e nist air teicheadh, e fhéin 's am
fàlairidh a bha sin, fhuair iad air teicheadh air
falbh. Agus thànaig iad gu ruige baile. Agus
tha e colach leam gum b' aithnte dhise am baile,
co-dhiubh a réir cholais, a réir deireadh na
gnothaich uile gu léir.
Agus bha rìgh ann a shin a's an àite seo, agus co...
co-dhiubh seoach bha nighean ... nighean aig an
rìgh, nighean òg aige. Agus bha aige-san a
nist a chuile feasgar ge brith cà rachadh e
g'a chosnadh, no gu dé an obair a gheibheadh
e, bha aige ri faighinn dheth a chuile
feasgar airson raoid a thoirt as an fhàlairidh
bha
Agus ᚳ an fhàlairidh, bhiodh deise ùr aice dha
an dràsda 's a rithist 'ga chur air, agus
ghabh a nist an nighean a bha seoᚳ, nighean
ach
an rìgh, ghabh i tlachd uamhasach dhe'n
duine seo, 's dh'fheumadh i fhaighinn airson
a phòsadh.
Agus thuirt an fhàlairidh seoach ris-san an
oidhche a bh' ann, thuirt i ris. "Nist," ars ise, "tha
nighean an rìgh," ars ise, "an geall riut a phòsadh
agus pòsaidh ... pòsaidh tu i ceart gu leòr,"
ars ise. "Ach," ars ise, "air na chunna tu riamh
aig do dhaoine," ars ise, "na fàg mise," ars ise,
"gun mo thoirt chon na bainnseadh."
Agus seo rud a rinn iad co-dhiubh. Phòs i fhéin
co-dhiubh agus nighean an rìgh. Agus eadar
a chuile sìon a bh' ann, mar a bha 'cheann-san
'na bhoil, agus a chuile duine 's e 'pòsadh,
co-dhiubh – bhiodh e a' dèanamh mistake
uaireannan – rinn e mistake agus dh'fhag
e ... Cha do dh'fhiathaich e an fhàlairidh
idir.
Agus 's ann an làirne-mhàireach an déidh na
bainnseadh 's ann a thàinig e thuige fhéin
agus a thuig e nach do dh'fhiathaich e an
fhàlairidh chon na bainnseadh mar a dh'iarr
i idir. Agus dh'fhalbh e, agus chaidh e
sìos, agus nuair a rànaig e 'phàirc cha
robh sgeul air an fhàlairidh.
air ...
Agus far am biodh i aige ᚳ air teadhair ann a shin
a's a' phàirc, bhuail e e fhéin ris a' chnoc agus
thòisich e air caoineadh, agus thòisich e ri
caoineadh. Agus bha e a' caoineadh ann a shin,
agus chuala e seo sgal gàire air a chùlaibh,
agus thug e sùil, agus bha am boirionnach a
bh' ann a shineach air a chùlaibh. Agus
dh'fhoighneachd i dheth, "Dé th' ort?" ars ise.
"O," ars esan, "faodaidh mi 'ith coma dé th' orm.
"Agus an gabh e idir," ars ise, "innseadh?"
"O gabhaidh," ars esan, "'s cha dèan e sìon
a chron innseadh," ars esan, "'s cha dèan e sìon
a mhath dhomh."
"Innis thusa e," ars ise.
Dh'innis e dhi o thùs gu éis mar a bha iad,
's mar a bha i airson a toirt chon na bainnseadh,
's mar a dh'fhalbh iad, gur a h-i shàbhail
a bheatha 's a thug air falbh a taigh an fhuamhaire
e, agus a chuile sìon mar a chaidh e throimhe,
agus gos na rànaig e dìreach gos a' bhanais,
agus gun a dh'fhàg e an dìochuimhn' air a'
bhanais i, agus g' ann an diugh fhéin a
chuimhnich e gu dé rud a rinn e, agus gu
robh e coma tuilleadh gu dé dh'éireadh dha.
"Eirich thusa," ars ise, "a làmh thapaidh," ars ise,
"agus thugainn thusa còmh riumsa," ars ise,
"agus mur a biodh tusa air siod a dhèanamh,"
ars ise, "cha bhithinn-sa mar seo an diugh," ars ise.
"Ach," ars ise, "tha mo gheasaibh-sa briste tuilleadh,"
ars ise.
Agus có bh' ann ach piuthar dhan ... dhe ...
piuthar athar dha'n nighinn a phòs e, piuthar
an rìgh.
AJM Agus nam biodh esan air a fiathachadh ...
DAJ Nam biodh esan nist ... Tha t-seans a nist
nam biodh esan air a fiathachadh nach robh
na geasaibh briste, gu robh siod gu tachairt,
gur e siod an dòigh a's am faigheadh i clìoras
na geasaibh.
Informant : D.A. Johnson, Aird Mhór, South Uist
SA 1971/186 A6
Collector : A.J. MacDonald.
Alasdair, Dòmhnall ⁊ na Fuamhairean
Well, 's e mar a chuala mise mu'n dithis a seoach,
Alasdair is Dòmhnall, tha e colach leam gur e
companaich a bh' annta aig a chéile, agus 's ann
aig muir a bha iad. Agus tha e colach leam gu
deach am bàta a bh' aca air an rathad, gun deach
reaiceadh thall mu chost Africa, agus cha chuala
mi gu tànaig duine aisde ach iad fhéin, an dithis aca.
Agus thàr Dòmhnall gunna a bha 's a' bhàta a
thoirt leis.
Bha iad a nist ann a shineach, agus cha robh fhios
aca cà robh iad, no gu dé ... 's cha robh colas b...
baile no sìon far an deach iad air tìr, far an d'
fhuair iad air tìr. Ach co-dhiubh seoach chuir iad
seachad an oidhche a sineach fhéin, agus làirne-
mhàireach thuirt iad riutha fhéin gu falbhadh iad
feuch a faiceadh iad ca robh ... robh colas baile
a's an àite no àite, no gu dé seòrsa àite a bh' ann.
Agus dh'fhalbh iad, agus bha coille sin 's thàinig
threimh'n choillidh 's thànaig iad am
baile. Agus bha pàileis mhór a mach a sin
pìos ás a' bhaile. Agus rinn iad dìreach air an
àite a bh' ann a sheo, agus nuair a bha iad
gos 'ith aig a' phàileis thànaig an duine bha seoach
a mach, agus:
"Air fith, fath, fuathagaich air barraibh an allmharaich
's fhada bha mo chorp air feadh 'ga meirgeadh is
toll a' feitheamh air greim dhe d' fheòil 's balgam
dhe d' fhuil a chlann an Albannaich."
'N dà," arsa Dòmhnall, 's e 'freagairt, "Dà thrian
dhe d' eagal ort fhéin," ars esan, "agus trian oirnne
ars esan,
agus chan eil fhios 'am," ᚳ "carson bhiodh an trian sin
fhéin oirnn," ars esan. "'S goirid," ars esan, "'s bhios
am maide beag dubh seo fo m' achlais," ars esan,
"a' dèanamh coileach-dubh dhiot," ars esan.
"Leig fhaicinn sin dhomh," ars esan, "air an luing ud
am bàrr mo chaisteil."
Dh'fhalbh Dòmhnall 's thug e an gunna 's dh'
fheuchadh air an long 's chuireadh a nuas 'na
biorain i.
"A gu beireadh a' bhuaidh agus a' bheannachd
ort," ars esan. "Chan eil fhios nach e Dia fhéin
a chuir an rathad thu," ars esan. "Thig a staigh,"
ars esan, "agus nì mi gnìomh na's fheàrr na sin
dhuibh," ars esan.
Thug e staigh iad, agus chaidh iad a staigh a
thaigh an fhuamhaire. Agus ... Chan eil fhios
Cha deach innseadh dhomhsa co-dhiubh
an d' fhuair iad biadh no deoch ann, ach
tha mi cinnteach gun d'fhuair. Ach co-dhiubh
nuair a fhuair iad a chuile sìon air dòigh
thòisich am fuamhaire air innseadh dhaibh na
h-eachdraidhean.
"Nist," ars esan, "tha sinne ann a sheo," ars esan,
"triùir bhràithrean," ars esan, "triùir fhuamhairean,"
ars esan, "agus tha chuile fear againn," ars esan,
"as deoghaidh nighean an rìgh," ars esan. "Agus
chan eil fhios 'am," ars esan, "gu dé mar tha
'dol a chàch," ars esan, "ach chan eil ach a' dol
amhasach meadhonach dhomhsa. Chan eil
mi 'faighinn," ars esan, "faisg an taighe idir,"
ars esan. "Agus ... "ach," ars esan, "o thàna
tusa 'nam rathad," ars esan, "falbhaidh
tusa còmhla riumsa a nochd," ars esan,
"Nuair bhios mi," ars esan, "'teannadh air
an tair... air a' phàileis," ars esan, "tha
gu measan beag, balganach, dubh tha siod
a' tigh... 'tighinn 'nam choinneamh," ars esan,
"agus tha e 'dol a staigh ... tha e 'dol 'nam
bheul," ars esan, "agus a' tighinn a mach
air a' cheann eile dhiom. Agus tha mi nuair
sin cho slac agus feumaidh mi tilleadh
dhachaidh. Ach falbhaidh tusa," ars esan, "còmhla
riumsa a nochd," ars esan, "leis a' mhaide dhubh
⁴ ₂ sineach," ars esan, "agus cuiridh tu as dha."
bhith
"O leabhara," ars Dòmhnall, "cuiridh. Cha ᚳ mise
fada 'cur as dha."
Well, 's ann mar seoach a bha co-dhiubh.
Dh'fhalbh e fhéin 's am fuamhaire. Agus ...
tha ... nuair a bha iad a' teannadh ris an àite
co-dhiubh, pàileis an rìgh a seo, thuirt
am fuamhaire, "Siod e, siod e nist," ars esan,
"a' tighinn," ars esan. "Seall e."
"O tha mi 'ga fhaicinn," arsa Dòmhnall.
thusa,
a agus
"Fhalbh ᚳ" arsa Dòmhnall, coisich dhà no trì
cheumanan air thoiseach ormsa," ars esan,
Agus dh'fhalbh Do... am fuamhaire agus
choisich e Dò agus thog Dòmhnall
an gunna agus chàireadh ris an fhuamhaire
e, agus dh'fhàgadh a sin fhéin e, agus
thill e dhachaidh.
"Càit 'eil am fuamhaire?" ars Alasdair.
"Ge brith cà 'il am fuamhaire," ars Dòmhnall,
"cha chuir e dragh ortsa a nochd," ars esan.
"'N e crìoch a chuir thu air?"
"'S e," ars esan, arsa Dòmhnall. "Tha e 'na
shìneadh a siod," ars esan.
Agus cha robh ach làirne-mhàireach – Chuir iad
seachad an oidhche sin ann am pàileis an fhir sin –
agus làirne-mhàireach a seoach dh'fhalbh iad,
air
's chum iad rompa, 's thànaig iad taigh an
fhear eile.
Agus mar a thuirt b' fhìor. Bha ... Thànaig
am fear seo a mach, agus:
"Air fith, fath, fuathagaich air barraibh an Allmharaich,
'S fhada bha mo chorp air feadh 'ga meirgeadh
feòil
is toll a' feitheamh air greim dhe d' fheòil
fuil
is balgam dhe d' fhuil a chlann an Albannaich."
"'N dà," ars Dòmhnall, dà thrian dhe d' eagal
ort ort," ars esan, "agus trian orms ... oirnne,"
ars esan, "'s chan eil fhios carson a bhiodh
an trian sin fhéin oirnn," ars esan. "Agus am
maide, beag, dubh seo fo m' achlais," ars esan,
"cha bhiodh e fada 'dèanamh coileach-dubh
dhiot," ars esan.
"Leig fhaicinn sin dhomh," ars esan, "air ... air
an t-soitheach ud," ars esan, "air bhàrr mo chaisteil."
Dh'fhalbh Dòmhnall 's thog e an gunna, 's
chuireadh a nuas 'na smodairinn i. Agus ...
"O," ars esan, "nach e Dia fhéin," ars esan, "a
ars esan
chuir seachad" ᚳ "air mo bhràthair eile thu," ars esan.
ars esan,
"'S e Dia fhéin," ᚳ "a chuir an rathad a seo thu.
Thig a staigh," ars esan, "Thigibh a staigh,"
ars esan, "agus nì mise," ars esan, "gnìomh
math ruibhse fhathast."
Chaidh iad a staigh co-dhiubh, agus nuair a
fhuair iad air dòigh an uair sin, thòisich am
fuamhaire ag innseadh dhaibh an eachdraidh
a bh' aig càch, gu robh e fhéin as deoghaidh
nighean an rìgh, agus gu robh càch as a deoghaidh
cuideachd, a dhithis bhràithrean eile, ach nach robh
?
fhios aige dé mar a bha 'dol dhaibh-san, ach
nach ach a' dol meadhonach dhasan, agus
gu robh am measan beag, balganach, dubh donn
a bha seoach ... dubh a bha seoach, a' tighinn 'na
choinneamh, agus gu robh e a' dol a staigh
air a bheul agus a' tighinn a mach air a' cheann
eile dheth. "Agus bha mi ... bhithinn an uair
sin cho slac," ars esan, "'s feumaidh mi
tilleadh dhachaidh. Ach falbhaidh tusa," ars esan,
"còmhla riumsa an nochd," ars esan, "agus
cuiridh tu as dha."
"O gu dearbh fhéin," arsa Dòmhnall, "nì mise
sin," ars esan.
Agus nist, nuair a fhuair iad air dòigh, seadh,
's a bha an t-àm aca falbh, dh'fhalbh e fhéin
agus am fuamhaire, agus dh'fhan Alasdair
staigh. Agus nuair a bha iad a' teannadh
air pàileis an rìgh a seoach, chunnacas
am measan a' tighinn.
"Siod e, siod e nist," ars am fuamhaire, ars
esan, "a' tighinn, agus faigh deiseil air
a shon."
"Fhalbh thusa ma tha," arsa Dòmhnall, "'s
coisich bìdeag air aghaidh ... air thoiseach
ormsa," ars esan, "ors gu faigh mise thuige
ceart," ars esan.
Agus dh'fhalbh am fuamhaire 's thug e stràid
suas air thoiseach, agus dh'fhalbh Dòmhnall
agus thionndaidh e an gunna agus chàireadh
ris an fhuamhaire e, agus dh'fhàgadh a
sin fhéin e, agus thill e dhachaidh.
"Cà 'il am fuamhaire," ars Alasdair.
"Ge brith cà 'il am fuamhaire," arsa Dòmhnall, ars
esan, "cha chuir e dragh ortsa nochd no 'n ath-
oidhch'," ars esan.
"Do chuir thu crìoch air?" ars Alasdair.
"O chuir," ars esan. "Tha e 'na shìneadh a
chan
siod," ars esan, "air eil e ach ... air a' ghlas-mhagh
a siod," ars esan.
Ach co-dhiubh chuir iad seachad an oidhche
sin. Agus an làirne-mhàireach dh'fhalbh iad
's rànaig iad an treas fear. Agus ma bha
iad seo sgoinneil 's ann a bha sgoinneil
am fear seo. Agus cha robh ach:
"Air fith, fath, fuagaich air barraibh an allmharaich,
's fhada bha mo chorp air feadh 'ga meirgeadh
's toll a' feitheamh air greim air feòil 's
balgam a fuil a chlann an Albannaich."
"'N dà, dà thrian ort fhéin ... dà thrian dhe d'
eagal ort fhéin," arsa Dòmhnall, ars esan,
"agus trian oirnne," ars esan, "is chan eil
fhios 'am carson a bhiodh an trian seo fhéin
orm," ars esan. "'S goirid," ars esan, "bhios am
maidse beag, dubh seo fo m' achlais," ars esan,
"'dèanamh coileach-dubh dhiot," ars esan.
"Leig fhaicinn sin dhomhsa," ars esan, "air a'
choileach ud air bàrr mo chaisteil."
Dh'fhalbh Dòmhnall 's dh'fheuch e air a'
choileach 's chuireadh a nuas dìreach 'na
spil a mullach a' chaisteil e.
"A Dhia," ars esan, "nach e Dia fhéin a chuir
an rathad sibh," ars esan, "agus a chuir
seachad air mo bhràithrean eile sibh," ars esan.
"Thigibh a staigh," ars esan, "agus nì mise
gnìomh na's fheàrr na sin dhiubh," ars esan,
Chaidh iad a staigh co-dhiubh; agus
tha ... fhuair iad bia... fhuair iad
gabhail aca sin co-dhiubh. Agus dh'innis
am fuamhaire an eachdraidh aige fhéin dhaibh
mar a bha e fhéin as deoghaidh nighean an rìgh,
agus gu robh e colach gu robh a bhràithrean
eile as a deoghaidh, ach nach robh fhios
aige dé mar a bha 'dol dhaibh sineach,
ach nach robh ach a 'dol meadhonach dha-san,
gu robh am measan beag, balganach donn a
bha seoach a' tighinn a mach a chuile
h-oidhcheadh a bhiodh e a 'teannadh
air a' chaisteil, agus a' dol a staigh air
a bheul agus a' tighinn a mach air a' cheann
eile dheth, agus bha e cho slac an uair
sin agus dh'fheumadh e tilleadh dhachaidh.
"Ach," ars esan, "falbhaidh tusa còmhla riumsa,"
ars esan, "a nochd," ars esan, "agus cuiridh tu
as dha," ars esan.
"Falbhaidh," arsa Dòmhnall.
Well, rinn iad deiseil a seo air sin falbh,
agus thuirt Alasdair ri Dòmhnall, fhuair
air,
e cothrom agus thuirt e ris, "A 's ioc
Dia dhut," ars esan, "na feuch ris am fear ud
a mharbhadh," ars esan, "chionn cha téid
agad air," ars esan. "Ach," ars esan, "bidh sinne
marbh," ars esan, "marbhaidh e sinne," ars esan,
"an dithis againn," ars esan. | "Agus fhalbh thusa," arsa
Dò... arsa Dòmhnall, ars esan, "fan thusa staigh,"
ars esan. "Chì sinn dé thachras."
Dh'fhalbh e. Dh'fhalbh iad 's bha iad a'
gabhail rompa. 'S nuair a bha iad a' teannadh
ris a' phàileis a seo, mar a thachair ... mar a
bha 'tachairt a chàch, thachair e dhaibh-san.
Chunnacas am measan beag, balganach dubh a
bha seoach a' tighinn.
"Siod e, siod e nist," ars an fuamhair, ars esan,
"a' tighinn."
"Teann thusa an darna taobh dhiomsa," arsa
Dòmhnall," ars esan.
Agus thànaig am measan, agus dh'fheuch Dòmhnall
?
air 's rinneadh bonnaidh dheth.
"A nach beireadh a' bhuaidh agus a' bheannachd
ort," ars am fuamhaire, ars esan, "tha mise
ceart gu leòr a nist," ars esan.
Well, lean iad rompa, 's rànaig iad pàileis
an rìgh. Agus nuair a rànaig iad a' phàileis
?
bha sineach air a chosadh le fense mhór, thiuigh,
agus chan fhaigheadh iad seachad oirre agus chan
fhaigheadh iad eadar ... ach bha i car
fosgailte, agus bha iad a' smaointinn ... bha
am fuamhaire a' smaointinn: "Leabhara," ars
esan, "ma gheibh mi mo cheann," ars esan,
throimhe seo," ars esan, "gheibh mi," ars esan,
mo cholann a thoirt a staigh gun teagamh," ars esan
Well, 's e seo an rud a rinn e co-dhiubh.
Thòisich e ri feuchainn, agus mu dheireadh
fhuair e a cheann throimhe. Agus thòisich e
seoach – chan fhaigheadh e a staigh a cholann
Thòisich e seo air breith air a cheann, agus
an dearbh siod rud nach gabadh dèanamh. Cha
toireadh e cheann a mach 's cha chuireadh
e a cholann a staigh.
"A bhia' 's aodach," ars esan ri Dòmhnall, ars
esan, "fhalbh thusa agus till ... till dhachaidh,"
ars esan, "dhan taigh agamsa," ars esan, "agus
tha ... gheibh thu tuagh bheag agus tuagh
mhór a sin," ars esan, "agus bheir leat an
tuagh mhór," ars esan, "agus thig a nuas agus
gearraidh i," ars esan; "an rampair tha seo
ars esan, "'s gheibh mise as."
Well, 's e seo an rud a rinn Dòmhnall. Dh'fhalbh
e. Dh'fhoighneachd Alasdair dha nuair a ...
"Càil am fuamhaire?" ars esan.
"Tha e ann a shiod."
Dh'innis Dòmhnall dha far a robh e. Agus thug ...
fhuair e an tuagh co-dhiubh 's dh'fhalbh e leatha.
Agus ... "Siuthad a nist," ars am fuamhaire,
"Feuch," ars esan, "an geàrr thu an rud."
Agus thòisich Dòmhnall air an ... air... Rug e air
an tuaigh, agus a' cheud shràc 's ann air
amhaich an fhuamhaire a chuir e i. Agus
thòisich e air toirt a chinn ... agus thug
e an ceann bhàrr an fhuamhaire leis an
tuaigh ann a shineach, agus dh'fhàgadh e far
a robh e, an ceann a muigh agus a' cholann ...
an ceann a staigh agus a' cholann a muigh.
Agus chaidh e fhéin an uair sin a staigh, agus
bha e còmh ri nighean an rìgh gu maduinn.
Agus thill e, agus thànaig e 's dh'fhoighneachd
Alasdair dheth mu'n fhuamhaire, 's dh'innis
e mu dheoghainn.
Agus cha robh air a seoach ach seo fhéin
co-dhiubh.
Bha nist a chuile ... a chuile sìon iongantas a
bha 's na pàileisean aig na fuamhairean bha
iad aca, agus thòisich iad ri cruinneachadh
an òir 's an airgid bha sin. 'S a neo-ar-thaing
nach robh iad ... airgiod is òr is gu leòr an
uair sin aca.
Well, rinn Alasdair, rinn Alasdair ... thuirt e
gu robh e 'dol a dh'fheuchainn ri faighinn a
null gu ruige Breatunn, agus thuirt Dòmhnall
nach robh esan a' falbh an dràsda. Agus co-
dhiubh seoach 's e ... sin an rud a rinn e.
Bha Dòmhnall bha e 'doidseadh timchioll.
Agus dh'fhalbh Alasdair co-dhiubh. Thànaig e
nall.
Agus cha robh Dòmhnall ach air ais 's air
co-dhiubh
aghaidh ᚳ a sineach. Ach gu dé rinn nighean
an rìgh ach fàs trom. Agus cha robh fhios o
Dhia có bu leis e. Agus dh'fhàs i seo
trom, agus mu dheireadh a seoach, thànaig
an t-àm aice, agus rugadh pàisde gille dhi.
'S cha robh fhios ... cha robh fhios có bu leis e.
Có am fear a bh' ann an oidhche ud 's ann air
a bha i 'cur a' bhléin.
Agus chaidh a h-athair far a robh fear-chomhairlichean
a bha siod sin, agus dh'innis e dha mar a bha.
"A," ars an duine," ars esan, "chan eil fhios agamsa,"
ars esan, "dé rud a ghabhas dèanamh," ars esan.
"Ach innsidh mi," ars esan, "aon rud. Cuireadh i,"
ars esan, "suas taigh," ars esan, "ri taobh ... ris an
rathad," ars esan, "faisg air an rathad," ars esan,
"airson tì a thoirt a dhuine sam bith bhios
a' gabhail an rothaid, ma dh'inneas e dha gu
dé mar a chaidh a shaoghal seachad. 'S cha
bhi an còrr aige ri phàidheadh air a shon ach
sin, ach gun dèan e éisdeachd dhise mu
dhéidhinn a chaithe-beatha, gu dé ... dé mar
a chaidh e seachad."
Well, 's ann mar seoach a bha. Thogadh an
taigh. Agus bha chuile seòrsa duine 'dol ann,
's bha chuile duine 'g innseadh dha, 's cha
robh tuar faighinn a mach. Ach co-dhiubh
seoach, thànaig Dòmhnall an rathad. Agus bha
an gille nuair sin bha e air fàs 'na chnapach.
Bha e air feadh an ... an taighe a bh' ann.
Agus shuidh Dòmhnall suas ann agus ... air
san tì, agus thànaig an gille a nall agus
chuir e a làmh air glùin Dhòmhnaill,
"A Phapaidh, a phapaidh, a phapaidh," ars esan.
Agus ... "'N dà, gu dearbh fhéin," arsa Dòmhnall,
nach
ᚳ 'b fheàrr leam fhìn gum bu mhì!" ars esan.
Agus Dia, bhuail rud-eigin 's an inntinn aicese,
aig a' mhàthair a' ghille.
Agus dh'fhoighneachd Dòmhnall an robh an notice
a bha seoach fìor. Bha, an notice fìor. Gheibheadh
e tì no rud sam bith a bha e 'g iarraidh air
sin innseadh dhi gu dé mar a chaidh a shaoghal
ais, dé mar a chuir e seachad a shaoghal, 's
dé thachair dha 's a chuile sìon.
Well, thòisich a nist Dòmhnall air innseadh
Rànaig e seo dìreach gos na rànaig e na
ann a shin.
fuamhairean. Agus stad e ᚳ "Siuthad," ars ise,
"lean romhad. Chuir thu crìoch orra," ars ise.
"O chuir," arsa Dòmhnall, "air a dhà dhiubh co-
dhiubh."
"Chuir," ars ise, "agus an treas fear," ars ise. "Agus
sin," ars ise, "an oidhche a thachair seo dhomhsa,"
ars ise, "an oidhche," ars ise, "an latha a fhuaireadh
am fuamhaire," ars ise, "marbh," ars ise, "aig ... aig
fens m' athar. Agus 's tusa ... 's tusa," ars ise,
ars ise,
"athair," ars ise, "mo mhic-sa," ᚳ "agus feumaidh tu
mise a phòsadh."
Well, cha robh air a seoach ach seo fhéin. Rinn
i fhéin 's Dòmhnall an uair sin, rinn iad air
son pòsadh, 's phòs i e, i fhéin is Dòmhnall.
'S dh'fhàg mise Dòmhnall ann a shineach
còmh ri nighean an rìgh, agus thàna mise
nall as deoghaidh Alasdair a rithist á Africa
'S chan eil fhios 'am dé mar a chaidh dhaibh
as a dheoghaidh sin.
Ach cha robh cion òir no airgid orra aig
pàileisean an rìgh, aig na fuamhairean.
AJM Agus có aige bhiodh i seo a nis?
DAJ 'S ann aig m' athair.
ars esan
"'N dà," arsa Dòmhnall, 's an gunna aige, "Dà
thrian dhe si... dà thrian dhe d' eagal ort fhéin,"
ars esan, "agus trian eile oirnne," ars esan. "Chan
eil fhios 'am," ars esan, "carson bhiodh an
trian sin fhéin orm," ars esan, "'S goirid bhios
am fear beag dubh seo fo m' achlais," ars esan,
"a' dèanamh coileach-duibh dhiot," ars esan.
"Leig fhaicinn sin dhomhsa," ars esan, "air a'
choileach ud am bàrr a' chaisteil agam."
Dh'fhalbh Dòmhnall 's thog e an gunna 's dh'
fheuch e air a' choileach e 's dh'fhalbh an coileach
'na smodal thall 's a bhos.
"A gum beireadh a bhuaidh agus a' bheannachd
ort," ars esan. "'S e Dia fhéin a chuir an rathad
thu," ars esan. "Nì mi," ars esan, "gnìomh na's
fheàrr na sin dhut," ars esan, "agus thigibh a staigh."
Chaidh iad a staigh. Well, tha mi cinnteach gun
d'fhuair iad biadh o'n fhuamhaire, ach co-dhiubh.
"Nist," ars am fuamhaire, ars esan, "tha nighean an
rìgh ann a sheo," ars esan, "agus tha sinne ann ann
a sheo," ars esan, "triùir bhràithrean," ars esan.
"Agus tha chuile fear againn as a deoghaidh," ars esan.
gu
"Ach chan eil fhios 'am," ars esan, "ᚳ dé mar tha 'dol
a chàch," ars esan, "ach chan eil e ach a' dol
meadhonach dhomhsa," ars esan. "Nuair a dh'
fhalbhas mise," ars esan, "feuch a faigh mi,"
ars esan, "faisg ... faisg air pàileis an rìgh," ars
esan, "mu faigh mi faisg air a faicinn," ars esan,
"tha am measan beag, balganach, dubh tha siod,"
?
ars esan, "a' coinneachadh rium," ars esan, "agus tha e
'dol a staigh," ars esan, "'dol a' staigh air mo
bheulaibh 's 'tighinn a mach as mo dheoghaidh,"
ars esan, "agus tha mi nuair sin cho slac," ars esan,
"agus feumaidh mi tilleadh dhachaidh. Ach
falbhaidh tusa còmhla riumsa nochd," ars esan.
"O falbhaidh gu dearbh fhéin," arsa Dòmhnall.
Agus 's ann mar seoach a bha co-dhiubh.
Fhuair e deiseil, agus thuirt Dòmhnall ri
ars esan,
Alasdair, "Fan thusa nist," ᚳ "a staigh."
"A Dhia," arsa Dò... ars Alasdair ris," ars esan,
"Na cuir dragh sam bith air," ars esan.
" bhuamsa," ars esan, "Fan thusa staigh,"
ars esan, "gus an tig mise."
Agus dh'fhalbh Dòmhnall agus am fuamhaire.
Agus ... bha iad a' falbh co-dhiubh, 's nochd iad a
seo ri pàileis an rìgh, agus bha iad a' cumail
air aghaidh thuice. Agus thuirt am fuamhaire
a seoach ri Dòmhnall, "Siod e, siod e, siod e!"
ars esan, "a' tighinn a nist," ars esan, "Faigh deiseil."
"Fhalbh thusa," ars Dòmhnall," ars esan, "'s
gabh dhà no trì cheumanan air thoiseach ormsa,"
ars esan.
Agus dh'fhalbh am fuamhaire 's chaidh e
suas air thoiseach air Dòmhnall, agus thànaig
Dòmhnall mu chuairt agus chuireadh an gunna
ris an fhuamhaire.
"Bidh thusa sin fhéin," ars esan.
Agus thill e dhachaidh. Agus thà... thànaig e.
"C' àil am fuamhaire?" ars Alasdair.
"Ge brith càl am fuamhaire," ars esan, "cha chuir
e dragh ortsa nochd," ars esan.
Agus ghabh iad gu tàmh, e fhéin 's Alasdair
ann an taigh an fhuamhaire a sin. 'S làirne-
mhàireach nuair a fhuair iad deiseil 's a
fhuair iad air dòigh 's biadh 's ... dh'fhalbh
iad. Agus feasgar, thànaig iad gu pàileis
an fhir eile. Agus thànaig e mach, agus
"Air fith, fath, fuathagaich," ars esan, "air barraibh
an Albannaich," ars esan, "'s fhada bha mo chorp
air feadh air meirgeadh is toll a' feitheamh
air greim dhe d' fheòil 's air balgam dhe
d' fhuil, a mhic an Albannaich," ars esan.
Agus ... "'N dà, ars Dòmhnall, ars esan,
"Dà thrian dhe d' eagal ort fhéin," ars esan,
"agus trian ormsa, 's chan eil fhios carson a
bhiodh an trian sin fhéin orm," ars esan.
"'S goirid bhios am fear beag dubh seo fo
m' achlais," ars esan, "a' dèanamh coileach-
duibh dhiot," ars esan.
"Leig si... leig fhaicinn sin dhomh," ars esan,
am bàrr
"air an t-soitheach ud air bharr a' chaisteil,"
ars esan.
Dh'fhalbh Dòmhnall 's thog e an gunna
's dh'fheuch e air an t-soitheach, 's chuireadh
a nuas 'na spidean i.
"A gu beireadh a' bhuaidh agus a' bheannachd
ortsa," ars esan. "'S e Dia fhéin chuir an rathad
thu," ars esan. "Ach nach e Dia fhéin a shàbhail,"
ars esan, "nach ... nach d'fhuair mo bhràthair,"
ars esan, "nach ... nach ...
"Cha d'fhuair," arsa Dòmhnall, "no duine eile," ars esan.
Agus ... "Thigibh a staigh," ars esan.
'S thug e staigh iad 's thug e biadh dhaibh
's ghabhadh aca gu math. 'S ...
"Nist," ars esan, "tha sinn ann a sheoach," ars esan,
"an triùir bhràithrean," ars esan, "agus chaidh
sibh seachad air fear aca," ars esan. "Agus tha
fear eile," ars esan, "'s fhaide ... na's fhaide
air aghaidh na seo," ars esan. "Agus, ars esan,
"tha an triùir againn," ars esan, "a's deoghaidh
nighean an rìgh tha seo," ars esan. "Agus ge brith,"
ars esan, "gu dé mar tha 'dol ... 'dol a chàch," ars
esan, "chan eil e ach a' dol meadhonach dhomhsa,"
ars esan. "Tha," ars esan, "nuair a bhios mi," ars esan,
"gus 'ith aig taigh an rìgh," ars esan, "tha am measan
beag, balganach, dubh tha seo," ars esan, "'tighinn,"
ars esan, "agus tha e 'dol a staigh air mo bheulaibh
's 'tighinn a mach air mo taobh-chùl," ars esan,
"agus tha mi," ars esan, "ullamh an uair sin 's
feumaidh mi tilleadh dhachaidh. Ach falbhaidh
tusa," ars esan, "còmhla riumsa a nochd."
"O falbhaidh," arsa Dòmhnall.
Agus co-dhiubh seoach dh'fhalbh iad, e fhéin
agus am fuamhaire a choimhead air nighean an
rìgh. Agus bha iad a' falbh, agus nochd iad a seo
ri pàileis an rìgh. Agus ...
"Sin a nist," ars am fuamhaire, "sin a' phàileis," ars esan.
Agus bha iad a' cumail air aghaidh 's a' cumail air
aghaidh.
"O seo, seo, seo, seo, seo!" ars am fuamhaire, "seo ...
tha am fear seo a' tighinn," ars esan. "Seo a nist."
"Fhalbh thusa, ma tha," arsa Dòmhnall, "'s tarruing
suas beagan romhamsa," ars esan, "agus gheibh
mise t-seans air," ars esan.
Dh'fhalbh am fuamhaire. Tharruing e suas.
Dh'fhalbh Dòmhnall 's thogadh an gunna 's
chàireadh siod ris a' chridhe aige 's rinneadh
bualadh-dubh ann a shin dheth.
Ach co-dhiubh seoach thill e dhachaidh, Dòmhnall.
"Càl am fuamhaire?" ars Alasdair, ars esan.
"Tha am fuamhaire," ars esan, "far nach cuir e
dragh ortsa," ars esan.
Ghabh iad an suipeir co-dhiubh 's chaidheadh
a chadal, 's làirne-mhàireach dh'éirich iad
's fhuair iad am braiceis. Agus dh'fhalbh iad.
Agus feasgar a sineach, thànaig iad gu pàileis a
bh' ann a sheoach, agus nuair a bha iad sìos
thuice thànaig an t-òganach a bha seo a mach
agus bha e uiread ris an dithis aca.
"Air fith, fath, fuathagaich," ars esan, "air barraibh
?
an Albannaich," ars esan, "'s fhada," ars esan,
"bha mo chorp air feadh 'ga meirgeadh is toll
a' feitheamh air greim dha d' fheòil 's balgam
dhe d' fhuil, a mhic an Albannaich," ars esan.
Agus ... "'N dà, dà thrian dhe d' eagal ort fhéin,"
ars esan, Dòmhnall "'s trian ormsa," ars esan,
"'s chan eil fhios carson bhiodh an trian sin
fhéin orm," ars esan. "'S goirid," ars esan, "bhiodh
am fear beag dubh seo fo m' achlais," ars esan,
"a' dèanamh coileach dubh dhiot," ars esan.
"Leig fhaicinn sin dhomh," ars esan, "air a' choileach
ud," ars esan, "am bàrr a' chaisteil."
Dh'fhalbh Dòmhnall 's thug e an gunna ris a'
choileach 's chuireadh a nuas 'na sm...
'na smoid e. Agus ...
"A gum beireadh a' bhuaidh agus a' bheannachd
ortsa," ars esan. "Nach e Dia fhéin," ars esan,
Nach
"a chuir ... nach do chuir ... nach deach thu
rathad," ars esan, "mo bhràithrean eile," ars esan.
"Tha sinne ann a sheoach," ars esan, "an triùir
bhraithrean," ars esan, "agus tha chuile fear againn,"
ars esan, "as d... as deoghaidh nighean an rìgh,"
ars esan. "Ach ge brith gu dé mar tha 'dol a chàch,"
ars esan, "chan eil ach a' dol glé mheadhonach
dhomhsa," ars esan. "Chan eil oidhche," ars esan,
"a théid mi feuch a faigh mi coimhead
oirre ... a choimhead oirre," ars esan, "nach eil am
measan beag, balganach, dubh tha seo," ars esan,
"a' tachairt rium," ars esan, "agus tha e a' dol a
staigh air mo bheulaibh," ars esan, "'s a' tighinn
a mach air an taobh chùil dhiom," ars esan,
"agus tha mi ullamh an uair sin," ars esan, "'s
feumaidh mi tilleadh dhachaidh. Ach falbhaidh
tusa," ars esan, "còmhla riumsa a nochd," agus
Agus bha nist, bha e foghainneach am fear seo
agus ... "O falbhaidh," arsa Dòmhnall.
Agus co-dhiubh seoach dh'fhalbh iad.
Agus bha iad a' falbh 's bha iad a' falbh, 's
nochd iad a seo ri pàileis an rìgh 's ...
Agus cha robh iad fad sam bith air a dhol
air aghaidh nuair thuirt am fuamhaire ris-san,
"O seo, seo, seo, seo e tighinn a nist," ars esan. "Seo e
'tighinn," ars esan.
"Fhalbh thusa," arsa Dòmhnall," ars esan, "steap an darna
taobh," ars esan. "Steap thusa an darna taobh," ars esan.
"Leig ... leig air aghaidh e."
Dh'fhalbh e agus steap e an darna taobh, agus nuair
a thànaig am measan, thug Dòmhnall an gunna 's
rinneadh bogha dhen mheasan
"A gum beireadh a' bhuaidh agus a' bheannachd
ortsa," ars esan.
Agus dh'fhalbh iad. Chum iad rompa.
Bha fens a sineach de dh'iarunn timchioll
pàileis an rìgh a sineach nach robh rathad air
faighinn throimpe, agus cha robh g... bha an
geata glaiste. Rànaig esan 's chuir e cuairt
agus thuirt am fuamhaire a seoach ris-san,
"An tiachd," ars esan, "mur a faigh mi fᚳeuch
h-h
mi staigh," ars esan, "air dà shràc dhith," ars
esan.
"Siuthad ma tha," arsa Dòmhnall.
Agus leum e ... thòisich e air a sineach, agus
staoic am fuamhaire ann, a cheann. Fhuair
e 'cheann a staigh, 's as a siod, cha tigeadh e.
Chan fhaigheadh e staigh 's cha rach ... cha
tigeadh e mach.
"A Dhia, ghràidhein," arsa ... ars esan ri Dòmhnall,
"nach rachadh tusa dhachaidh a dh'iarraidh na
tuagha a tha staigh," ars esan, "agus gearraidh
i," ars esan, "an stràc tha seo."
Dh'fhalbh Dòmhnall 's thill e, 's dh'fhoighneachd
Alasdair dha nuair a rànaig e, "Càit ... càl am
fuamhaire?"
"Fhalbh," ars esan, ge brith càl am fuamhaire," ars esan,
"chan eil fhios 'am nach biodh e ann a nochd
fhathast," ars esan.
Agus chaidh e air aghaidh co-dhiubh. Agus
rànaig e leis an tuaigh, agus thòisicheadh air
an fhens, ach a chuile buille a gheibheadh e
's e amhaich an t... an t... an fhuamhaire
a bha 'ga fhaighinn aig an tuaigh, ors
mu dheireadh gun do sgud e dheth an ceann.
'S dh'fhàg e an ceann a muigh agus a' cholann
... an ceann a staigh agus a' cholann a
muigh. Agus dh'fhalbh e fhéin agus chaidh
e staigh còmh ri nighean an rìgh.
Ach co-dhiubh seoach bha e ann a shin, gu
padhl
padhl mhór dhan oidhche. Agus thill e dhachaidh,
's dh'fhoighneachd Alasdair dha dé mar a bha an
gnothach, 's o dh'innis e chuile sìon, agus ...
gu robh e ann am pàileis an rìgh, agus gun a ...
mar a chuir e an ceann bhàrr an fhuamhaire leis
an tuaigh.
Well, bha nist de dh'airgiod 's de dh'òr aca
a's a ... a's na pàileisean aig na fuamhairean.
Cha robh an còrr tòrachd orra ach iad fhéin. 'S ann ...
'S ann leotha a bha e. Agus thòisich iad air
ruith air na pàileisean agus a' toirt air falbh
an òir 's an airgid a bh' ann.
Agus thug ... Rinn Alasdair, nuair a fhuair e
a thagan fhéin dheth, rinn e airson falbh, agus
thuirt Dòmhnall nach robh esan a' falbh an dràsda.
Agus co-dhiubh seoach tha ... dh'fhan Dòmhnall, 's
sha robh e ach a' doidseadh timchioll a' bhaile
a siod. Cha ruigeadh e leas car a dhèanamh
co-dhiubh. Bha òr 's airgiod gu leòr aige.
Agus dh'fhalbh Alasdair. Dh'fhag e agus thug
e aghaidh air ... air an taigh, dh'àit-eigin
a's Breatunn no dh'àit-eigin.
Agus bha Dòmhnall ann a shin. 'S gu dé rinn
nighean an rìgh ach fàs trom. Agus cha robh
fhios o Dhia có ... có bu leis e. 'S rugadh
a seoach e agus 's e gille a bh' ann. Agus
cha robh fhios o Dhia có bu leis e, có ... co bh' ann.
Cha robh ann ach an duine bha seoach an oidhche sin.
Agus ... cha robh Dòmhnall a' leigeil sìon air.
Agus co-dhiubh seoach dh'fhàs ... dh'fhàs an gille
'na chnapach, agus thòisich godail ri tighinn thuige
de bhruidhinn. Agus chaidh i far a robh
feadhainn a sin feuch ... fear-fiosachd a bha sin,
feuch gu dé dhèanadh i.
Well, "innsidh mise dhut," ars esan, "gu dé rud a
nì thu," ars esan. "Cuir suas," ars esan, "taigh a's
a faigh iad biadh," ars esan, "tì 's rudan dhen
t-seòrsa sin," ars esan, "agus," ars esan, "tha ... cha
bhi sìon aca ri phàidheadh dhut air a shon," ars esan,
"ach," ars esan, "éisdeachd a dhèanamh dhut," ars esan,
"'n dé an dol a bh' aca," ars esan, "o'n latha ... o'n
latha thug iad a mach chon an taighe."
Agus 's ann mar seoach a bha co-dhiubh. Agus ...
Bha iad a nist a' ruith air an taigh a bha seoach
bha iad ...
's ᚳ cha robh duine 'ga fhaighinn. Ach chaidh
Dòmhnall an latha bha seoach, bha e 'dol seachad,
's thuirt e 'na inntinn fhéin gu rachadh e staigh
ann. Agus chaidh e staigh, agus bha am fear beag,
bha e air an ùrlar, agus thànaig e nall agus
chuir e 'làmh air glùin Dhòmhnaill mar seo,
a phapaidh,
"A phapaidh, ᚳ a phapaidh," ars esan, "agus an
bha all an té bha staigh, agus ... air. Agus
Well, bha aige nist an uair sin éisdeachd a dhèanamh
dé ... dé chaidh e throimhe o's cuimhneach leis.
Well, thòisich e air innseadh 's a chuile sìon,
's thànaig e mu dheireadh chon na fuamhairean
bha seo. Agus ... co-dhiubh seoach thànaig e
chon an fhir mu dheireadh, agus cha robh ach ...
Dh'fhàg Dòmhnall, dh'fhaig e aige nuair a staoic e
a's an fhens.
"O siuthad," ars ise, "cuir crìoch air a' chòrr,"
ars ise. "'S tusa an t-òganach," ars ise, "a thànaig
a staigh," ars ise, "an déis am fuamhaire a
mharbhadh. Tha e cho math dhut," ars ise,
innseadh."
Well, dh'innis Dòmhnall gur a h-e bh' ann
ceart gu leòr. Agus phòs e fhéin an uair sin agus
nighean an rìgh. Agus cha robh dad a chion
orra a thaobh òr no airgid.
Agus cha chuala mise gu dé ... gu dé chaidh
dhaibh as a dheoghaidh sineach.
DAM Glé mhath, a Dhòmhnaill Alasdair. Glé mhath.
Nist tha iad agaibh ... tha iad agaibh gun teagamh,
a thoradh cha robh dad a dhùil agaibh gu robh
mi 'dol a dh'iarraidh na té bha siod oirbh,
agus ...
DAJ O cha robh, cha robh.
DAM Thànaig i thugaibh dìreach mar a bha sibh
a' dol air adhart
DAJ Bha i 'tighinn thugam. Bha.
DAM Tha i uileag ... tha i uileag ann
DAJ Tha.
DAM O glé mhath ga rìreabh. Math fhéin.
DAM Tha. Siod mar a rinn i mach gur h-e esan athair
a' ghille, am pàisde aice.
DAM 'S e dìreach. 'S e deagh stòiridh a bh' ann cuideachd.
DAJ 'S e. Chan eil i ach goirid.
DAM O ge nach biodh i ach goirid tha i math, ged tha.
DA. Tha.
DAM 'S e stòigh a th' ann a bha còrdadh riumsa riamh.
Tha mi 'smaoineach g' eil i uamhasach math.
DAJ Sin e ma tha, nist agus ...
DAM Sin agaibh ma tha, nist ...
DAJ Tha mi cinnteach gur iad an fheadhainn mu
dheireadh a chluinneas tu bhuamsa.
DAM A-ha, cha chreid mi gur a h-e.
DAJ O chan eil fhios 'am.
DAM Well, tha ... a Dhòmhnall Alasdair, tha mi
'smaoineachadh chan eil móran t-seansa gu
bi mi bhos a rithist gu samhradh.
DAJ O cha bhi
AM Ach bidh mi bhos a's t-samhradh, agus bidh
sibhse nist a' cuimhneachadh 's bidh sibh
a' practise, agus tha seo ... bidh sibh a'
smaoineachadh orra 'nar n-inntinn fhéin.
Tha seo a' cumail suas na h-inntinn cuideachd,
tha mi 'smaoineachadh.
DAJ O ma bhios mi meadhonach math, bithidh. Bidh mi
'cuimhneachadh.
DAM O tha fhios 'am air a seo. Tha fhios 'am air a seo.
DAJ Bithidh.
AM 'S tha mise an dòchas gum bi sibh meadhonach
math. O tha mi toilichte cho math 's a bha
sibh a nochd.
J O Dhia, tha mi math a nochd ... math a
nochd. Cha dèanainn siod ... cha dèanainn
siod o chionn seachduin idir.
AM O well, tha sibh gu math na's fheàrr a nochd
na bha sibh an oidhche mu dheireadh a bha mi seo.
AJ Mur eil inntinn idir agam air a shon cha chuir
mi mach idir.
AM Aye dìreach.
DAJ Cha robh.
DAM Ach nuair a thig an side 's a thòisicheas sibh
air gluasad a mach 's dòcha
eadh
DAJ O dh'fhaoidte nuair a thig ᚳ an t-sìde
's gu faighinn gluasad a mach. O gheibh
mi ... gheibhinn gluasad a nist, a réir
's mar a tha mi 'gam fhaireachduinn
fhìn.
D. Dìreach. Dìreach.
DAJ Ghluasainn air falbh gu dòigheil.
DAM A well.
DAJ Dearbha, rinn a' ghlaine a dh'òl mise dhen stuff ...
DAM O 's e rud mór tha sin fhéin.
Seadh, cuin a ghabh sibh port-a-beul mu
dheireadh?
A Dhia, 's ann aig a' Dhia tha bhrath.
DAM Well, siuthadaibh ma tha, agus feuchaibh
fear. Nì e feum dhuibh a ghabhail.
Transcribed using automated handwriting recognition technology as part of the Decoding Hidden Heritages project.