Lod, Mac an Aoirein
Scotland
- Archival Reference
- SSSA/TA/AT300/009
- Date
- 1889
- Item category
- Book
- Aarne-Thompson index
- AT0300: The Dragon‑Slayer
- Languages
- Scottish Gaelic
- English
- Town
- Mull
- Parish
- Kilfinichen and Kilvickeon
- Collector
- Lord Archibald Campbell
- Narrator
- Archibald MacTavish
- Narrator source
- Unknown
Archival Reference
SSSA/TA/AT300/009
School of Scottish Studies W & S II
Transcript
AIVIII.LOD, MAC AN AOIREIN.BHA Lod 'n a ghille comasach, làidir, 's chaghabhadh e urram o dhuin' air bith. 'S e singu'n robh feadhainn aig 'athair a gearradhmoine. Chuir athair measair mhor de chàbh-ruich leis a dh'ionnsuidh muinntir na moine.Thuit a mheasair 'air air an rathad is dhoirt e'chàbhruich. Dh'fhalbh e 'n sin is thog e i aira h-ais do'n mheasair le 'chrògan, 's bha i aira salachadh. Ràinig e 'n t-àite moine, agusthug e dhoibh a' chàbhruich; ach 'n uair achunnaic iad cho salach 's a bha i cha ghabhadhiad deur dh'i. 'N uair a chaidh na daoinedhachaidh feasgar dh'innis iad d' a athair marthachair. Thòisich athair an sin air trod 'sair cur iomhchoir air, agus dh'iarr e air a bhi'falbh roimhe, agus e ghabhail ceithir rathaidefichead, nach gleidheadh esan na b' fhaid' e."Ma's ann mar sin a tha faighibh dhomh-salorg iaruinn a chumas na coin uam.""Gheibh thu sin," ars' 'athair.Chaidh athair do'n cheàrdaich, agus rinn elorg a bha clach iaruinn air chuthdrom. Shìn280Lod, Mac an Aoirein.e sid dha. "So," ars' esan; "sin agad deaghlorg."Rug Lod air an lorg, agus a' cheud chrathadha thug e orra bhris e i. "Feumaidh sibh falbh,agus lorg cheart fhaotuinn dhomh-sa a chumasrium."Dh'fhalbh 'athair do'n cheardaich, agus rinne lorg, 's chuir e dà chloich air chuthdrom ìnnte.'N uair a thàinig e air 'ais shìn e 'n lorg dha,'s thubhairt e, "Cha'n fhaod e 'bhi nach cuman té sin riut."Thug Lod crathadh orra, agus bhris e i."Falbhaibh," ars' esan, "agus deanaibh lorgcheart dhomh-sa 'chumas na coin uam."Dh'fhalbh 'athair an là so, agus rinn e lorg,agus chuir e trì chlachan gu leth ìnnte. Thàinige dhachaidh s thug e 'n lorg dha. Thug Lodcrathadh orra, 's chuir e lùb mhath orra. "Thami 'n déigh ur sàrachadh," ars' esan, "'s ni mileis an té so fhéin." Chuir e ri ghlùin i, 's rinne dìreach i. Dh'fhàg e beannachd aig 'athair,'s dh'fhalbh e, 's chuir e 'n lorg fo 'achlais.Ràinig e pailis rìgh mu'n do stad e, 's thòisiche air sràid-imeachd mu choinneamh a' phailis.Chuir an rìgh gille 'mach a dh'fheòruich dhethgu 'dé 'n duin' esan a bha sràid-imeachd muchoinneamh pailis an rìgh. "Dh'iarr an rìghorm," ars' an gille, "'fheòruich dhiot co dhiubh is282Lod, Mac an Aoirein.òlach thu 'tha 'g iarraidh gleachd no còmhraigno òlach a tha 'g iarraidh maighstir."Thubhairt Lod ris, "Cha'n òlach mi 'tha 'giarraidh gleachd no còmhraig; ach is òlach mi'tha 'g iarraidh maighstir math ma gheibh mi e."Chaidh an gille stigh, agus dh'innis e do'nrìgh mar thubhairt Lod ris. Chaidh an rìgh a-mach an sin, agus dh'fheòriuch e dheth gu 'dé 'n obair air an robh e math.Thubhairt Lod, "Tha mi 'm bhuachaillemath; 's e buachailleachd a bha mi 'cleachdadhdaonan.""Mata," ars' an rìgh, "is mise 'tha feumachair buachaille math. Cha d' fhuair mi buach-aille math riamh, 's bha mo chuid cruidh a'falbh, 's cha robh fhios agam c'àit am robh iada' dol no 'dé 'bha 'tighinn riù. Ma ni thumuinntearas agam-sa tha mi coma ged a dh'fheuchas mi greis dhiot."Thubhairt Lod ris, "Mata ni mise muinnt-earas bliadhna ruibh no muinntearas leth-bhliadhna.""'Dé 'n tuarasdal a bhios tu 'g iarraidh 's anleth-bhliadhna?" ars' an rìgh."Bithidh mi 'g iarraidh," arsa Lod, "deichgininean 's an leth-bhliadhna, agus leth-bhollamine as t-seachduin, agus na dh'fheumas mi debhaine leis airson brochain. Cha'n 'eil mi a'284Lod, Mac an Aoirein.gabhail ach dà bhiadh 's an là, mo bhraiceas agusmo shuipeir. Feumaidh mi tigh fhaotuinn annsam fuirich mi gun duine leam ach mi-fhéin, aguscnap math de bhoilear is leaba."Thubhairt an rìgh an sin ris, "Tha 'n tuarasdalsin pailte mòr dhomh-sa ri 'thoirt seachad, agustha 'n leth-bholla mine glé mhòr leam cuideachdri 'bhi 'ga thoirt dhuit as t-seachduin.""Mata," arsa Lod, "mur toir sibhse dhomhe, a rìgh, bheir fear eile dhomh e."Smuainich an rìgh gu'm feuchadh e leth-bhliadhna dheth aig na cumhnantan a bha e'g iarraidh; agus thubhairt an rìgh ris, "Feuch-aidh sinn leth-bhliadhna dhiot aig sin fhéin o'n'tha thu 'g ràdh gu bheil thu 'ad bhuachaillecho math."An sin rinn Lod muinntearas ris an rìgh,agus fhuair e 'n tigh a chur an òrdugh, agus anleaba 's a' mhin. Chaidh an crodh a liubhairtdha'n sin airson am buachailleachd. Chuir eair teine, 's rinn e 'bhrochan. Bha so mufheasgar. 'N uair a ghabh e 'shuipeir chaidh e'luidhe. Moch an là 'r na mhaireach dh'éiriche, 's rinn e 'm brochan, 's ghabh e e mu'n d'fhalbh e leis a' chrodh. Dh'fhalbh e 'n sinleis a' chrodh, 's an lorg 'na achlais aige. Bhafeadag aige 'ga séideadh as déigh a' chruidh,agus shaodaich e mach ri sliabh monaidh iad.286Lod, Mac an Aoirein.Bha badan coille an sin, agus chaidh e stighann a bhuain shlat. Cha robh e fada stigh 'sa' choille 'n uair a chunnaic e famhair mòr, mòra' tighinn far an robh e; 's thubhairt e ris, "Gu'd é 'tha thu 'deanamh an so, 'ille bhig?""Ah! 'ille mhath," ars' esan, "na bi 'cureagail orm; 's beag an rud a chuireas eagalorm. Cha'n 'eil mise 'n so ach a ghearradhshlatan a dheanamh crò mheann do mhnaoibhochd a's màthair dhomh. Ma 's e 'ncrodh 'tha dhìth ort nach toir thu leat gu leòirdhiubh."Dh'fhalbh am famhair mòr an sin, agus ruge air a' mhart a bu truime 's a bu reamhra, aguscheangail e a ceithir chasan, agus thubhairt eri Lod, "Thig a-nall dh'fheuch an cuidich thu'm mart a chur air mo mhuin.""Ah! tha eagal orm-sa dol ad chòir," arsaLod."U! cha bhean mi dhuit," ars' am famhair.Chaidh e 'n sin a-null far an robh e, agusthubhairt e ris, "'S fhearra dhuit do cheann achur a-stigh eadar a casan, agus théid mis' airdo chùlaobh, agus togaidh mi suas ort i," ars'esan.Cho luath 's a chuir am famhair a cheann a-stigh eadar a casan bha Lod air a chùlaobhagus tharruing e 'n lorg, agus spad e e. An288Lod, Mac an Aoirein.sin leig e 'm mart mu 'r sgaoil, agus gheàrr e'n ceann bhàrr an fhamhair, agus chroch e annam meur craoibh e, agus leag e brùchd de sheannghàradh phloc air muin a' chuirp. Cha d'thàinig nì g'a chòir an là sin tuilleadh. Feasgarchaidh e dhachaidh, agus an crodh sàbhailte,glan aige, a h-uile gin diubh. Choinnich anrìgh e 'n uair a chaidh e dhachaidh, 's thubhairtan rìgh ris, "Fhuair thu 'n crodh gu sàbhailtedhachaidh.""Fhuair," ars esan; "carson nach fhaigh-eadh. Cha do ghabh e air ris an righ gu 'dé'chunnaic e no 'thachair 'air. Chuir e stigh ancrodh is bhiadh e iad, 's chuir e air am brochan.'N uair a ghabh e 'shuipeir chaidh e 'luidhe.'N uair a dh'éirich e 's a' mhaduinn rinn e'bhrochan, 's ghabh e e. Leig e 'mach an crodhan sin is shaodaich e 'mach ri badan coille 's risliabh monaidh iad, agus thug e 'choill' air, 'sthòisich e ri buain shlatagan. Cha robh e fad'an sin nuair thàinig famhair mòr a bu mhòna 'm fear a bh' ann an dé. "'Dé 'tha thu'deanamh an so, ’ille bhig?" ars' am famhair."Tha mi 'buain shlat a dheanamh crò mheanndo mhnaoi bhochd a's màthair dhomh," arsaLod; "na bi cur eagail orm; is beag an ruda chuireas eagal orm.""Am fac thu fear an so an dé?" ars' amfamhair.290Lod, Mac an Aoirein."Cha'n fhac," arsa Lod; "cha robh mis' anso an dé idir; ach ma tha mart a dhìth ort thoirleat an té as mò 's a's fheàrr a gheibh thu."Ghabh am famhair an caraibh a' mhairt a b'fheàrr a bha 'n sin, is leag e i, is cheangail eceithir chasan. An sin thubhairt e ri Lod,"Thig a-nall is cuidich am mart air mo mhuin.""Ah! cha téid," arsa Lod; "tha thu 'cureagail orm.""Cha bhean mise dhuit," ars' am famhair.Chaidh Lod an sin a nun, agus thubhairt eris an fhamhair, "Cuir do cheann eadar a casan,'s théid mise air do chùlaobh, agus cuidichidhmi suas air do mhuin i." An sin tharruing e'n lorg mhòr, agus spad e 'm famhair. Thug edheth an ceann, agus chroch e ris a' chraoibh eair an robh am famhair eile, agus leag e brùchdde'n ghàradh air a chorp, air chor is nachfhaiceadh duine sam bith e. 'N uair a thàinigam feasgar dh'fhalbh e-fhéin 's an crodhdhachaidh; is thachair an rìgh air, is thubhairte ris, "Am bheil naigheachd agad an diughdhomh?""Cha'n eil: 'dé 'bheireadh dhomh naigh-eachd mur tugadh an crodh ud an sin, is fraoch,is coille, is mòine," ars am buachaille."Mata," ars' an rìgh, "is math an naigheachddhomh-sa gu'n d'thàinig thu-fhéin 's an crodh292Lod, Mac an Aoirein.dhachaidh sàbhailte. Is tu 'm buachaille math,'s is tu 'm buachaille sona," ars' esan. "Chad' fhuair mise buachaille riamh a thug dhach-aidh an crodh sàbhailte ach thu-fhéin."Chuir e 'n sin a-stigh an crodh, agus bhiadhe iad: rinn e 'bhrochan, ghabh e 'shuipeir, 'schaidh e 'luidhe. 'N uair a dh'éirich e 's a'mhaduinn rinn e 'bhrochan, ghabh e 'bhraiceas,is dh'fhalbh e leis a' chrodh, is feadag aig' asan déigh. Thog e 'mach ri badan coille 's risliabh monaidh iad, agus thug e choill' air 'sthòisich e ri buain shlat. Cha robh e fad' ansin 'n uair a thàinig famhair mòr a bu mhò nacàch. Thubhairt am famhair ri Lod, "Gu 'dé 'tha thu 'deanamh an so, 'ille bhig?""Tha mi 'buain shlat a dheanamh crò mheanndo mhnaoi bhochd a's màthair dhomh," arsaLod. "Ma 's e crodh a tha dhìth ort thoirleat uiread 's is urrainn thu.""Bheir mi leam té mhath co dhiubh," ars'am famhair. Ghabh e 'n taic' a' mhairt, rug eorra, is leag e i, is cheangail e 'ceithir chasan,agus thubhairt e ri Lod, "Thig a-nall, 'fhir bhig,agus cuidich am mart air mo mhuin.""Cuir do cheann eadar a casan, 's théid miseair do chùlaobh, is cuidichidh mi suas i," arsaLod.An sin tharruing e 'n lorg mhòr air, agus294Lod, Mac an Aoirein.spad e e. Gheàrr e cheann, is chroch e ris a'chraoibh e air an robh càch; leag e brùchd de'nghàradh air a' mhuin, is dh'fholluich e e. Chad'thàinig nì g'a chòir an là sin tuilleadh a chureagail no oillt 'air. 'N uair a thàinig am feasgarchaidh e dhachaidh leis a' chrodh. Chuir estigh iad, is bhiadh e iad. Thàinig an rìgh faran robh e, 's thubhairt e ris, "Am bheil naigh-eachd agad dhomh an diugh?""Cha'n 'eil; 'dé 'bheireadh naigheachddhomh-sa mur tugadh an crodh, fraoch, coille,'s mòinteach?""'S math an naigheachd leam-sa gu'n d'thàinig thu-fhéin 's an crodh sàbhailte dhachaidh;is tu am buachaille math, 's is tu am buachaillesona," ars' an rìgh. An sin rinn e 'bhrochan, 'schaidh e 'luidhe.'N uair a dh'éirich e 's a' mhaduinn rinn e'bhrochan, 's ghabh e 'bhraiceas 's leig e 'machan crodh, 's dh'fhalbh e leò. Thog e 'mach ribadan coille 's ri sliabh monaidh iad, 's thug echoill' 'air, 's thòisich e air buain shlat. Chab' fhada 'bha e 'n sin 'n uair a thàinig cailleachmhòr, ghairbhridh, ghlas, 's thubhairt i ris,"Am bheil thu 'n so, a dhearg shlaightear, 'fhirbhig?" ars' ise. "Mharbh thu mo thriùirmhac, 's bheir mis' ort nach téid thu 'dh'innseadh sgeòil."296Lod, Mac an Aoirein.A-null ghabh i far an robh e, 's rug i 'air, 'schuir e 'dha làimh bhog gheal mu dhà thaoibhchairtidh, chruaidh na caillich, 's chuir a' chaill-each a dà làimh chruaidh, chairtidh mu dhàthaoibh bhuig, ghil Lod mhic an aoirein.Dheanadh iad a bhogain a bhogain, a chreagaina chreagain, tobar fala fìor-uisge am fìor aodanngach creagain, far am bu bhuige gu'n sùilean,'s far am bu chruaidhe gu'n glùinean, 's faram bu mheadhonaiche gu ceann reamhar nasléiste. Smuainich Lod gu'n robh e dlùth g'a nàmhaid agus fad' o chàirdean, 's thug e 'ntogail bheag, mhòr air a' chaillich, 's bhris e'casan foipe 's a gaoirdean os a cionn, 's chuir eair stéigh a droma i."Trom os do chionn, a chailleach," arsa Lod;"gu 'dé t-éirig?""'S mòr sin 's cha bheag e; trunk òir istrunk airgid fo stàirsnich na h-uamha ud thall,"ars' ise."'S leam fhéin sin," ars' esan. "Am bheiltuilleadh eirig agad?""Cha'n 'eil," ars' ise."Mur h-eil," ars' esan, "cha bhi sinn 'gadchumail na's fhaide ann am péin"; 's thilg e 'nceann d' i, 's chroch e ris a' chraoibh e far anrobh càch, is leag e brùchd de'n ghàradh airmuin a' chuirp aice. 'N uair a thàinig am298Lod, Mac an Aoirein.feasgar chaidh e dhachaidh leis a' chrodh. Chuire stigh an crodh, is bhiadh e iad. Thàinig anrìgh far an robh e, agus thubhairt e ris, "An d'thàinig thu?""Thàinig," ars' esan."Am bheil naigheachd agad an diugh?""Cha'n 'eil," ars' esan: "'dé 'bheireadhnaigheachd dhomh-sa mur tugadh an crodh udan sud, fraoch, coille, is mòinteach."Feasgar rinn e 'bhrochan, ghabh e 'shuipeir,'s chaidh e 'luidhe. An là'r na mhàireach 'nuair a dh'éirich e rinn e 'bhrochan, ghabh ebhraiceas, leig e mach an crodh, is dh'fhalbhe leò. Shaodaich e mach iad ri badan coille 'sri sliabh monaidh, 's thug e choille air mar b'àbhaist da. Cha d'thàinig dad g'a chòir fadan là so. Feasgar dh'fhalbh e dhachaidh leisa' chrodh: chuir e stigh iad, agus bhiadh e iad.Rinn e 'bhrochan, ghabh e 'shuipeir, 's chaidhe 'luidhe. Cha d'thàinig rìgh no ridir g'achòir, 's bha iongantas uamhraidh air. Dh'fheòruich e 'dh'fheadhainn a bha 'n sin gu 'dé bu chiall nach do thachair an rìgh 'air an raoir.Thubhairt iad ris gu'n robh am bail' ann ambròn 's an duilichinn mhòir airson nighean anrìgh, gu'n d'thàinig famhair mòr g'a h-iarraidh,'s mur faigheadh e i gu'n robh e ris a h-uileduine 's a' bhaile a mharbhadh. Ghabh an300Lod, Mac an Aoirein.còcaire claon, ruadh os làimh gu'm marbhadhesan am famhair, is dh'fhalbh e le nighean anrìgh g'a liubhairt do'n fhamhair mar g'umb' fheadh; oir bha 'm famhair a' fuireach annan eilean làmh ris an àite far an robh an còcaire'dol leatha. Na'm marbhadh an còcaire amfamhair gheibheadh e nighean an rìgh ri 'pòsadh;ach mur marbhadh gheibheadh fear sam bitheil' i a mharbhadh e. 'N uair a ràinig iad ant-àite far an robh am famhair ri 'n coinneachadhchaidh an còcaire claon, ruadh am falach air cùlcloiche; agus chuir e feamain air a mhuin fhéinlos nach faichteadh e.Dh'fhalbh Lod, 's leig e 'mach an crodh, 'sshaodaich e 'mach iad far am b' àbhaist da. 'Nuair a chunnaic e nach robh nì sam bith a'tighinn a chur dragh' air dh'fhalbh e 'shealltuinnnighean an rìgh dh'fheuch cia-mar bha 'doldhi. 'N uair a ràinig e bha nighean an rìgh a'caoineadh 's a' bròn, 's an còcaire claon, ruadham falach cùl na cloiche."Ah!" arsa nighean an rìgh, "gu 'dé thugan so thu? 'S leòir mi-fhéin a bhi aig anfhamhair gun thusa 'bhi air do mharbhadh leis.""Cha dean e dheth sin," arsa Lod, "ach nadh'fhaodas e. Tòisich thusa air fasgaidh mochinn, 's ma thig an cadal orm dìusg mi."Thubhairt ise ris, "'Dé 's ciall-dùsgaidhdhuit?"302Lod, Mac an Aoirein."Tha," ars' esan, "gu'n toir thu bàrr lùdaigna làimhe d eise dhiom, agus cuiridh tu 'adphòca i."Chaidil esan, 's a cheann air a ghlùin. 'Nuair a chunnaic i 'm famhair a' tighinn thug i'mach sgian-pheann as a pòca, 's gheàrr i dhethbàrr na lùdaige. Air a bhonn bha Lod, agussìos ghabh e do chlachan a' chladaich a choinn-eachadh an fhamhair. Tharruing e 'n lorgmhòr, agus thilg e na trì cinn deth. Thug eleis na cinn, agus thilg e air a' chòcaire chlaon,ruadh iad. An sin thug e 'n crodh 'air, 's dh'fhalbh an còcaire claon, ruadh dhachaidh lenighean an rìgh is trì cinn an fhamhair aige.Bha nighean an rìgh aige an so ri 'faotainn.Chaidh là bainnse 'chur a-mach air an son, aguscuireadh a thoirt do mhòran; ach cha d' fhuairLod bochd cuireadh idir.Là na bainnse 'n uair a bha iad uile cruinnthubhairt nighean an rìgh, "An d' fhuair a h-uile duine cuireadh?"Thubhairt an rìgh gu'n robh e 'smuaineachadhgu'n d' fhuair.Thubhairt ise, "Cha'n fhaic mi 'm buach-aille 'n so.""Oh! cha'n fhaod am buachaille gun a bhi'n so," ars' an rìgh; "faighear e gu h-ealamh."Fhuair ise deise chiatach ùr dha, 's chaidh a304Lod, Mac an Aoirein.chur ann an uidheam mhath. Cha'n aithneadhiad a-nis gu'm b' e m buachaille 'bh' aca idir.Thubhairt an nighean ris an rìgh, "So am feara shàbhail mise o'n fhamhair, 's cha b' e 'ncòcaire claon ruadh.""'Dé 'n dearbhadh a bheir thu dhomh-s' air asin?" ars' an rìgh.Chuir i 'làmh 'n a pòca 's thug i 'mach bàrrna lùdaige, agus thubhairt i ri Lod, "Sin an sodo làmh dheas."Chunnaic an rìgh an so gu'n robh mar thubh-airt i fìor. Chaidh Lod, mac an aoirein, isnighean an rìgh an sin a phòsadh. Rinn iadbanais mhòr, aidhearach, aobhaidh, iongantach;agus mur b' e 'n là mu dheireadh a b' fheàrrcha b' e òirleach a bu mhiosa. Rinn iad teinemòr de ghlas-darach, agus loisg iad an còcaireclaon, ruadh. An sin thug Lod leis a bheanagus an rìgh, agus ràinig iad far an robh e ris a'bhuachailleachd, agus leig e fhaicinn cinn namfamhair 's na caillich 's an cuirp. Chaidh iadan sin, agus thug iad leo an t-òr s an t-airgiod abha 's an uaimh. Thàinig mac Lod a-stigh gubhi 'n a rìgh air an rìgheachd.