Na Losgannan ag iarraidh Righ
Scotland
- Archival Reference
- SSSA/TA/AT277/001
- Date
- 1913
- Item category
- Magazine
- Aarne-Thompson index
- AT0277: The King of the Frogs
- Language
- Scottish Gaelic
- Town
- Easdale
- Parish
- Kilbrandon and Kilchatton
- Narrator
- I.B.O. (John Whyte)
- Narrator source
- Unknown
Archival Reference
SSSA/TA/AT277/001
School of Scottish Studies CM 21
Transcript
AITHE CELTIC MONTHLYVOL. 21(1913)p. 65AT 277NA LOSGANNAN AG IARRAIDH RIGH.Ghairm na losgannan – agus iad a' caitheadham beatha ann an sìth agus saorsa air feadh namboghlach 's nan lochan – coinneamh chabhagach,aimhreiteach aon latha, agus chuir iad a suasath-chuinge a dh'ionnsaidh Iupiter air son gu'nd'thugadh e dhoibh rìgh a dh'amhairceadh asdéigh am beusan agus a bheireadh orra a bhibeagan na b' onaraiche 'n an cleachdainnibh.Thuit do Iupiter gu'n robh saod meadhonachmath air 's an àm; ghàir e gu cridheil airiarrtus cho neónach agus thuirt e, ’s e tilgeilcabar fiodha anns an uisge, "So dhuibh, sinagaibh Rìgh!" Chuir an cabar a leithid deluasgan 's an uisge 's gu'n do ghabh nalosgannan eagal cho mor gu'n robh geilt orratighinn g'a chòir. Ach an ceann beagan ùine,an uair a chunnaig iad e 'n a laidhe gun char,ghabh iad de mhisneach dlùth-achadh air a lionbeag as beag gus m'a dheireadh an do leumiad a suas air, agus a' faicinn nach robh cùramdoibh, ghnathaich iad an cabar le dì-meas mara thogair iad. Cha robh iad idir toilichte lerìgh cho mharbhanta, agus chuir iad air falbhan teachdairean a rithisd a dh'iarraidh airIupiter fear air chor eigin eile 'thoirt doibh; oiram fear so 'cha d'thug iad urram dà 's cha mho'b' urrainn doibh meas a chur air. An uair achuala Iupiter so, chuir e corra-ghriodhach g'anionnsaidh, a thòisich gu neo-iochdmhor air ammarbhadh 's air an itheadh aon an déigh aoncho bras 's a b'urrainn di. Chuir iad an sin anguidhe gu h-uaigneach gu Mercurius a’s fhuairiad gu'n deachaidh e a bhruithinn ri Iupiter asan leth, gu'm bitheadh e cho math a's rìgh eile'bhuileachadh orra, air neo an aiseag air an aisa dh'ionnsuidh na staid anns an robh iad othoiseach. "Ni-h-eadh," ars' esan, "oir is e anroghain féin a bh' ann; bitheadh na biastan neo-thoilichte a' fulang a' pheanais a tha an gòraicha toilltinn."